(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Children's Library | Biodiversity Heritage Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Leabhraichean an T-Seann Tiomnaidh, air an tarruing o'n cheud chanain chum Gaelic albannach. (Sailem Dhaibhidh.)"

Digitized by the Internet Archive 
in 2013 



http://archive.org/details/leabhraicheantse1842edin 



LEABHRAICHEAN 



AN 

T-SEANN TIOMNAIDH, 

AIR AN TARRUINGr 

O'N CHEUD CHANAIN 

CHUM GAELIC ALBANNAICH. 




EDINBURGH: 

PRINTED BY ANDERSON & BRYCE ; 
FOR THE EDINBURGH BIBLE SOCIETY; BY PERMISSION, FROM 
THE QUARTO EDITION OF THE SOCIETY IN SCOTLAND 
FOR PROPAGATING CHRISTIAN KNOWLEDGE, 



1842. 



372? 



ABBREVIATIONS AND MARKS. 



A' for "an" the article, as "a' bhean" the < 

woman, for " an bhean." 
A* for " ag,' sign of the pres. part. of , 

verbs beginning with a consonant, as 

" a' bualadh" striking, but " ag òl" 

drinking. 

A' for " ann" in, as " a' d' cheann" in thy 

head, for " ann do cheann." 

A for " as" out of, marked with an acute 

accent, as " à teine" out offire. 
"Ar for " thar" over, above, as, " deich 'ar 

fhichead" thirty. 
B' for " bu" was, as " b' e" he was. 
C' for " cia" who, what, as " c'àit" wherc 

or in what place ? " c'uin' " when or at 

what time ? 
D' for " do" thy, thine, as " d' athair" thy 

father. 

D' dh' for ">do" sign of the Preterite 

Tense of verbs, as " an d' aidich e" has 

he confessed? " dh' aidich mi" I have 

confessed. 
Eabh. for " Eabhra" Hebrew. 
Eir. for " Eirionnach" Irish. 
'G for " ag" sign of the pres. part. of 

verbs, as " 'ga dheanamh doing it. 
G' for " gu" io, as " g' a cheanri" to the 

end thereof. 
M' for " mo" my, as " m' anam" my soul. 
M' for " mu" about, as, " m' a cheann" 

abnut his head. 
'Na for " ann a' in his, as " 'na chridhe" 

in his heart. 
'Nan for " ann an" in their, as " 'nan 

tighibh" in ttieir houses. 
'Nar for " ann ar" in our, as " 'nar dùth- 

aich" in our country. 
'Nur for " ann bhur" in your, as " 'nur 

fearann" in your land. 
*Nuair for " an uair" in the time, ichen. 
'B for " ar" our, as " o 'r sinnsiribh"/rom 

mtr ancestors. 



'B for " bhur" your, as " le 'r cead" with 

your leave. 
B' for " ri" to, as " r' ar guth" to our voice. 
San, sa' for " anns an' in the, as " san 

àm" in the time, " sa' bhaile" in the 

city. 

Sasg. for " Sasgonach" or " Sasonach" 
English. 

Sna for " anns na" in the, as " sna coillt^ 
ibh" in the woods. 

T' fer " do" thy, as " t' anail" thy breath. 
Before a vowel, d, the initial consonant 
òf this pronoun, is changed into t : but U 
the initial consonantof the verbs " tèid, 
tig, toir," is retained in writing, though 
pronounced as d. 

y Grave Accent. Vowels marked with 
this accent are always sounded long ; 
and such as are not, are generally 
sounded short. 

' Acute Accent. When the vowel e is 
sounded like e in scene, or the Latin oe 
in Phaibus, as the Scotch pronounce it, 
it is commonly markedwith this accent. 

' Apostrophe. Whenthereisanelisionof 
one or more letters, it is usually marked 
with an apostrophe. Thus when the 
preceding word ends, or thefollowing 
woi-d begins with a vowel, there is an 
elision of the possessive pronoun " a," 
as " le 'shùil" with his eye, for " le a 
shùil;" " call 'anama" the loss of his 
soul, for " call a anama." A few Gaelic 
words admit of a final vowel, or not, as 
the euphony requires it, as " àit," or 
" àite," a place, " Tighearn" or " Tigh- 
earna," Lord, " naomh" or "naomha," 
holy, " fad" or " fada" long, " camp" 
or " campa" a catnp ; but as these final 
vowels are not essentiaf to the words, 
their absence is not marked with an 
apostrophe» 



LEABHRAICHEAN 

AN 

T-SEANN TIOMNAIDH. 



Caib. 

GENESIS ; anns am bheil, - - 50 

Ecsodus, 40 

Lebhiticus, ----- 2/ 

Aireamh, 36 

Deuteronomi, ----- 34 

Iosua, 24 

Breitheamhna, ... - 21 

Rut, 4 

T. Samuel, 31 

II. Samuel, 24 

I. Righ, 22 

II. Righ, ------ 25 

I. Eachdraidh, ... 29 

II. Eachdraidh, 36 

Esra, 10 

Nehemiah, 13 

Ester, 10 

lob 42 

Sailm, -150 

Gnàth-fhocal, ... 31 



Caib. 

Eclesiastes, - - - - - 

Dàn Sholaimh 9 

Isaiah, ®ì 

Ieremiah, ..... 52 

Tuireadh, ° 

Eseciel 4 ^ 

Daniel } 2 

Hosea, 14 

Ioel, 3 

Amos, J 

Obadiah \ 

Ionah, 4 

Micah, 7 

Nahum, ------ 3 

Habacuc, ----- <> 

Sephaniah, 3 

Hagai, * 

Sechariah, ** 

Malachi - 4 



LEABHRAICHEAN 

AJC 

TIOMNAIDH NUAIDH. 



Caib. 

SOISGEUL Mhata, anns am bheìl, 28 

Soisgeul Mharcuis, 16 

Soisgeul Lucais, 24 

Soisgeul Eoin, 21 

Gnìomhara nan Abstol, - - - 28 

Litir Phòil chum nan Romhanach, 16 

I. Corintianach, .... 16 

II. Corintianach, - -1| 

Galatianach, 6 

Ephesianach, ----- P 

Philipianach, 4 

Colosianach, ----- 4 
I. Litir Phòil chum nan Tesalonian- 

ach, 5 



Caib. 

II. Litir Phòil chum nan Tesalonian- 

ach, 3 

I. Thimoteuis, - - - - - 6 

H. Thimoteuis, 4 

Thituis, 3 

Philemoin, - - - - - } 

Eabhruidheach, _ . - - 1| 

Litir Sheumais, - - - - - 5 

Litir I. Pheadair, - - - \ 

Litir II. Pheadair » 

Litir 1. Eoin, » 

Litir II. Eoin, \ 

Litir III. Eoin, .... 1 

Litir Iudais, ----- 1 

Taisbean Eoin, - - ** 



CEUD LEABHAR MHAOIS, 
'an ainm 

GENESIS. 



CAIB. I. 

SAN toiscach chruthaich Dia na nèamh- 
an agus an talamh. 

2 Agus bha "n talamh gun dealbh agus 
falamh ; agus bha dorchadas air aghaidh 
ua doimhne : agasbha Spiorad Dèa' gluas- 
ad air aghaidh nan uisgeachan. 

3 Agus thubhairt Dia, Biodh solus ann : 
agus bha solus ann. 

4 Agus chunnaic Dia an solus, gu 'n 
robh e maith : agus chuir Dia dealachadh 
eadar an solus, agus an dorchadas. 

b Agus dh'ainmich Dia an solus Là, ag- 
us an dorchadas dh' ainmich e Oidhche : 
agus b'iad am feasgar agus a'mhaduinn an 
ceud là. 

6 Agus thubhairt Dia, Biodh athar am 
ineadhon nan uisgeachan, agus cuireadh e 
dealaehadh eadar uisgeachan agus uisg- 
eacha. 

7 Agus rinn Dia an t-athar, agus chuir e 
dealachadh eadar na h-uisgeachan a bha 
fuidh 'n atliar, agus na h-uisgeachan a 
bha os ceann an athair : agus bha e mar 
sin. 

8 Agus dh' ainmich Dia an t-athar 
Nèamh : agus b' iad am feasgar agus a' 
mhaduinu an dara là. 

9 Agus thubhairt Dia, Cruinnichear na 
h-uisgeachan a ta fuidh nèamh a dh' aon 
àite, agus leigear ris an tìr thioram : agus 
bha e mar siu. 

10 Agus dh' ainmich Dia an tìr thioram 
Talamh, agus cruinneachadh nan uisg- 
eacha dh' àinmieh e Fairgeachan : agus 
chunnaic Dia gu 'n robh e maith. 

11 Agus thubhairt Dia, Tliugadh an tal- 
amh a mach feur, luibh a ghineas siol, 
craobh-mheas a bheir a mach meas a rèir 
a gnè, aig am bheil a sìol innte fèin air an 
talamh : agus bha e mar sin. 

12 Agus thug an talamh a mach feur, 
luibh a ghiueas sìol a rèir a gnè, agus 
craobh a bheir a raach meas, aig am bheil 
a sìol innte fèin arèiragnè: agus chunn- 
aic Dia gu 'n robh e maith. 

13 Agus b' iad am feasgar agus a' mhad- 
uinn an treas là. 

14 Agus thubhairt Dia, Biodh soluis 
ann an speuraibh nèimh a chur dealach- 
aidh eadar an là agus an oidhche, agus 
bitheadh iad air son chomharan, agus air 
son aimsirean, agus air son laithean, agus 
bhliadhnachan. 

15 Agus biodh iad mar sholusaibh ann 
an speuraibh nèimh, a thoirt soluis air an 
talamh : agus bha e mar sin. 

16 Agus rinn Dia dà sholus mhòr, an 
solus a' s mò a riaghladh an latha, agus an 



solus a' s lugha a riaghladh na h-oidhche ; 
agus na reultan. 

17 Agus shuidhich Diaiadannan speur- 
aibh nèimh, a thoirt soluis air an talamh, 

18 Agus a riaghladh san là, agus san 
oidhche, agus a chur dealachaidh eadar an 
solus agus an dorchadas: agus chunnaic 
Dia gu 'n robh e maith. 

19 Agus b' iad am feasgar agtis a' mhad- 
uinn an ceathramh là. 

20 Agus thubhairt Dia, Thugadh na 
h-uisgeachan a mach gu pailt an creutair 
glausadach anns am bheil beatha, agus 
biodh eunlaith ag itealaich os ceann na 
talmhainn air aghaidh speuran nèimh. 

21 Agus chruthaich Dia muca-mara 
mòra, agus gach uile chreutair beò a 
ghluaiseas, a thug na h-uisgeachan a mach 
gu pailt a rèir an gnè, agus gacheun iteag- 
ach a rèir a ghnè : aguschunnaic Dia ga'n 
robh e maith. 

22 Agus bheannaich Dia iad, ag ràdh, 
Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus 
lìonaibh na h-uisgeachan anns na fairgìbh, 
agus fàsadh an eunlaith lìonmhor air ari 
talamh. 

23 Agus b' iad am feasgar agus a' mhad- 
uinn an cùigeadh là. 

24 Agus thubhairt Dia, Thugadh an 
talamh a mach an creutair beò a rèir a 
ghnè, sprèidh, agus gach ni a shnàigeas, 
agus beathaiche na talmhainn a rèir an 
gnè : agus bha e mar sin. 

25 Agus rinn Dia beathaiche na talmh- 
ainn a rèir an gnè, agus an sprèidh a rèir 
an gnè, agus gach ni a shnàigeas air an 
talamh a rèir a ghnè : agus chunnaic Dia 
gu 'n robh e maith. 

26 Agus thubhairt Dia, Deanamaid 
duine 'nar dealbh fèin, a rèir ar coslais 
fèin, agus biodh uachdaranachd aca os 
ceann èisg na mara, agus os ceann eunlaith 
nan speur, agus os ceann na sprèidhe, ag- 
us os ceann na talmhainn uile, agus os 
ceann gaeh ni a shnàigeas a ta snàigeadh 
air an talamh. 

27 Agus chruthaich Dia an duine 'na 
dhealbh fèin ; ann an dealbh Dhè chruth- 
aich se e: firionnach agus boirionnach 
chruthaich e iad. 

28 Agus bheannaich Dia iad, agusthu- 
bhairt Dia riu, Sìolaichibh, agus fàsaibh 
lìonmhor, agus lìonaibh an talamh, agus 
ceannsaichibh e; agus biodh uachdaran- 
achd agaibh os ceann èisg na mara, agus os 
ceatin eunlaith nan speur, agus os ceann 
gach ni beò a ghluaiseas air an talamh. 

29 Agus thubhairt Dia, Feuch, thug mi 
dhuibh gach luibh a ghineas sìol, a ta air 



2 



GENESIS. 



aghaidh na talmhaìnn uile, agus gach 
craobh anns am bheil meas craoibhe a 
ghineas sìol ; dhuibhse bithidh e mar 
bhiadh. 

30 Agus do uile bheathaichibh na tal- 
mhainn, agus do uile eunlaith nan speur, 
agus do gach ni a shnàigeas air an talamh, 
anns am bkcil lieatha, thug mi gach luibh 
ghorm mar hhiadh : a^us bha e mar 6in. 

31 Agus chunnaic Dia gach ni a rinn e, 
agus, feuch, bha e ro mhaith. Agus b' jad 
am feasgar agus a' mhaduinn au seathadli là. 

CAIB. II. 

AGUS chrìochnaicheadh na nèamhan 
agus an talamh, agus an sluagh uile. 

2 Agus chrìochnaich Dia air an t-seachd- 
amh là 'obair a rinn e ; agus ghabh e fois 
air an t-seachdamh là o 'obairuile a rinne. 

3 Agus blieannaich Dia an seachdamh 
là, agus naomhaich se e : do bhrìgh gur 
ann air a gliahh e fois o 'obair uile, a 
chruthaich Dia agus a rinn e. 

4 Is iad so ginealaich nan nèamh agus 
na talmhainn, 'nuair a cliruthaicheadh iad, 
san là an d' rinn an Tighearua Dia an tal- 
amh agusna nèamhan. 

5 Agus clia rohh uile phreasan na raach- 
arach fathast anns an talamh, agus cha 
d' fhàs fathast uile lusan namacharach ; do 
bhrìgh nach d'thugan Tighearna Dia air 
uisge frasadh air an talamh, agus cha robh 
duineann a shaoitlireachadh natalmhainn. 

6 Ach chaidli ceò suas o 'n talamh, agus 
dh' uisgich e aghaidh na taimhainn uile. 

7 Agus dhealbli an Tighearna Dia an 
duine do dliuslach na talrahainn : agus 
shèid e ann an cuineinibh a shròine anail 
na beatha; agus dh' ihàs an duine 'na 
anam beò. 

8 Agus shuidhich an Tighearna Dia 
gàradh ann an Eden san àird an ear, agus 
chuir e an sin an duine a dhealbh e. 

9 Agus thug anTighearua Dia air gach 
uile chraoibh fàs as an talamh a ta tait- 
neach do 'n t-sealladh, agus maith a chum 
bìdh : craobh na beatha raar an ceudna 
ann am meadhon a' ghàraidh, agus craobh 
eòlais a' mlmith agus an uilc. 

10 Agus chaidh amhainn a mach à h-E- 
den a dìY uisgeachadh a' ghàraidh ; agus as 
a sin roiimeadh i, agus dh' fhàs i 'na ceithir 
cheannaibh. 

11 Ise ainm na ceud aimhne Pison; so 
i.ata cnartaehadh tìre Chabhilah uile, far 
am bheil òr. 

12 Agus a ta òr na tìre sin maith : an 
sin a ta bdellium agus a' chlach onics. 

13 Agus is e ainm na dara aimhne Gi- 
hon : is i sin a ta cuartachadh tìre Cliuis 
uile. 

14 Agusweainm na treas aimhne Hide- 
cel : is i sin a tha dol do 'n taoibh an ear do 
Asiria. Agus wia' cheathramh amhainn 
Euphrates. 

15 Àgus ghabh an Tighearna Dia an 
duine,aguschuir seeann an gàradh Edein, 
g' ashaoitlireachadh agus g' a ghleidheadh. 

16 Agus dh'àithnan Tighearna Dia do' n 
duine, ag ràdli, Dogach uile chraoibh sa' 
ghàradli feudaidh tu itheadh gu saor: 

17 Ach do chraoibh eolais a' mhaith ag- 
an uiIo» cha 'n ith thu dh' i sm; oir anns 



an là a dh' itheas tu dh'i, gu cinnteach 
bàsaicbidh tu. 

18 Agus thubhairt an Tighearna Dia, 
Cha 'n eil e maith gu 'm hiodh an duine 
'na aonar : Ni mi dhà còmhnadh d' a rèir 
fèin. 

19 Agus dhealbh anTighearna Dia as an 
talamh uile bheathaiche na macharach, 
agus uile eunlaith nan speur, agus thug e 
iad a chum Adhaimh,a dh' fhaicinn cionn- 
us a dh' ainmicheadh e iad : agus ge b' e 
ainm a tliug Adhamh air gach creutair 
beò, b' e sin a b' ainm dha. 

20 Agus thug Adhamh ainmean do 'n 
sprèidh uile, agus do eunlaith nan speur, 
agus do uile bheathaichibh na macharach : 
ach do Adhamh cha d' fhuaradh còmhnadh 
d' a rèir fèin. 

21 Agus thug an Tighearna Dia air codal 
trom tuiteam air Adhamh, agus choidil e : 
agusghabh e h-aon d' a aisnibh, agusdhùin 
e an l'heoil suas 'na h-àit. 

22 Agus thog an Tighearna Dia an ais- 
ne a thug e o 'n duine suas 'na mnaoi, agus 
thug e i chura an duine. 

?3 Agus thubhairt Adhamh, So a nis 
cnàimh do m' chnàmhaibh, agus feoil do 
m' fheoil-sa: goirear bean d'i, do bhrìgh 
gur ann as an duine a thugadh i. 

24 Air an aobhar sin fàgaidh fear 'athair 
agus a mhàthair, agus dlùth-leanaidh se r' a 
mhnaoi ; agus bithidh iad 'nan aon fheoil. 

25 Agus bha iad le chèile lomnochd, an 
duine agus a bhean ; agus cha robh nàire 
orra. / 

CAIB. III. 

ANIS bha an nathair ni bu sheolta na 
h-aon do bheathaichibh na macharach 
arinnan Tighearna Dia ; agus thubhairt 
i ris a' mhnaoi, Seadh, an dubhairt Dia, 
Cha 'n ith sibh do gach craoibh sa' ghàradh ? 

2 Agus thubhairt a' bhean risannath- 
air, Do mheas craobhan a' ghàraidh feud- 
aidh sinn ilheadh : 

3 Ach do mheas na craoibhe a ta ann 
am meadhon a' ghàraidh, thubhairt Dia, 
Cha 'n ith sibh dheth, agus cha bhean sibh 
ris, a chum nach faigh sibh bas. 

4 Agus thubhairt an nathair ris a' 
mhnaoi, Gu cinnteach cha 'n fhaigh sibh 
bàs: 

5 Oir a ta fios aig Dia, san là a dh' itheas 
sibli dheth, gu 'in fosglar bhur suilean, ag- 
us gu 'm bi sibh mar dhèe,fiosrach air maith 
agus air olc. 

6 Agus chunnaic a' bhean gu 'n robh a 
chraobh maith a chum bldh, agus gu 'n 
robh itaitneach do'nt-suil,agus'nacraoibh 
r' a miannachadh a dheanamh neach glic ; 
agus ghabh i d' a meas agus dh' ith i, agus 
thug i mar an ceudna d' a fear maille rithe, 
agus dh' ith e. 

7 Agus dh' fhosgladh an sùilean le chèile, 
agus dh' aithnich iad gu 'n robh iad lom- 
nochd; agus dh' fhuaigh iad duilleach 
croinn-fhìge r' a chèile, agus rinn iad 
dhoibh fèin aprain. 

8 Aguschual'iad guth anTighearna Dè 
ag imeachd sa' ghàradh am fionnthuair 
eachd an là: agus dh' fholaich Adham 
agus a bhean iad fèin o ghnùis an Tigt 
earna Dèam measg chraobhan a' ghàraic 



CAIB. IV. 



3 



9 Agus dh' èig-h an Tighearna Dia air 
Adhamh, agus thubhairt e ris, C' àit am 
bheil. thu? 

10 Agus thuhhairt e, Chuala mi do 
ghuth sa' ghàradh, agus bha eagal orm a 
chionn gu 'n robh mi lomnochd, agus 
dh' fholaich mi mi fèin. 

11 Agus thubhairte, Cò dh' innis dhuit 
gti 'n robh thu lomnochd ? An d' ith thu 
do 'n chraoibh, a dh' aithn mise dhuit gun 
itheadh dh'i ? 

12 Agus thubhairt an duine, A' bhean a 
thug thu gu bhi maille rium, thug ise 
dhomh do n chraoibh, agus dh' ith mi. 

13 Agus thubhairt an Tighearna Dia ris 
a' mhnaoi, Ciod e so a rinn thu ? agus 
thubhairt a' bhean, Mheall an nathair mi, 
agus dh' ith mi. 

14 Agus thubhairt an Tighearna Dia ris 
an nathair, A chionn gu 'n d' rinn thu so, 
tìia thu mallaichte thar gach ainrahidh, 
agus thar uile bheathaiche na macharach : 
air do bhroinn imichidh tu, agus duslacli 
ithidh tu uile làithean do bheatha. 

15 Agus cuiridh mi naimhdeas eadar 
thusa agus a' bhean, agus eadar do shìol- 
saagus asìol-sa : bruthaidh esan docheann, 
agus bruthaidh tusa a shàil-san. 

16 Ris a' mhnaoi thubhairt e, Meudaich- 
idh mi gu mòr do dhoilgheas agus do 
thoirrcheas ; am pèin beiridh tu clann, 
agus ri t'fhear bitliidh do thogradh, agus 
bithidh uachdaranachd aige ort. 

17 Agus ri h-Adhamh thuhhairt e, Do 
bhrìgh gu 'n d' èisd thu ri guth do mhnà, 
agus gu'n d'ith thudo'n chraoibh adh'àithn 
mise dhuit, ag ràdh, Cha 'n ith thu dh'i, 
tha 'n talamh mallaichte air do shon ; ann 
an doilgheas ithidh tu dheth uile Iàithean 
do bheatha. 

18 Agus droighionn agus cluarain bheir 
e mach dhuit, agus ithidh tu luibh na 
macharach. 

19 Am fallus do ghnùise ithidh tu aran, 
gus ara pill thu dh' ionnsuidh na talmhainn ; 
oir aisde thugadh thu: oir is duslach thu, 
agus gu duslach pillidh tu. 

20 Agus thug Adhamh Eubha mar ainm 
air a mhnaoi, do bhrìgh gu 'm b' i màthair 
nan uile bheò. 

21 Agus rinn an Tighearna Dia do Adh- 
amh agus d' a mhnaoi, còtaichean croicinn, 
agus chòrahdaich e iad. 

22 Agus thubhairt an Tighearna Dia, 
Feuch, a ta 'n duine air fàs mar aon dhinn 
fèin, fiosrach air maith agus olc. Agus a 
nis air eagal gu 'n sìneadh e mach a Ìàmh, 
agus gu 'n gabhadh e mar an ceudna do 
chraoibh na beatha, agus gu 'n itheadh e, 
agus gu 'm biodh e beò gu siorruidh : 

23 Air an aobhar sin chuir an Tighearna 
Dia a mach e à gàradh Edein, a shaoith- 
reachadh na talmhainn, as an d' thugadh 
e. 

24 Agus dh' fhògair e mach an duine ; 
agus shuidhiche san taobh an ear do ghàr- 
adh Edein Cheruban, agus claidheamh 
lasarach, a bha tionndadh air gach làimh, 
a ghleidheadh slighe craoibhe na beatha. 

CAD3. IV. 

AGUS dh' aithnich Adhamh a bhean 
Eubha, agus dh' fhàs i torrach, agus 



rug i Cain, ngus thubhairt i, Fhuair mi 
duine o 'n Tighearna. 

2 Agus a rìs rug i a bhràthair Abel : ag- 
us bha Abel 'na bhuachaille chaorach, ach 
bha Caìn 'na threabhaiche fearainn. 

3 Agus tharladh an ceann làithean «r- 
aidh, gu 'n d' thug Cain do thoradh an 
fhearainn tabhartas do 'n Tighearna. 

4 Agus thug Abel mar an ceudna do 
cheud-ghinibh a thrèid, agus d' an saill : 
agus bha meas aig an Tighearn air Abel 
agus air a thabhartas : 

5 Ach air Cain, agus air a thabhartas, 
cha robh raeas aige. Agus bha Cain fuidh 
throra fheirg, agus thuit a ghnùis. 

6 Agus thubhairt an Tighearna ri Cain, 
C' ar son a tha fearg ort ? agus c' ar son a 
thuit do ghnùis ? 

7 Ma ni thu gu maith, nach gabhar riut ? 
agus mur dean thu gu maith, aig an dorus 
tha peacadh 'naluidhe. Agus riutsa bithidh 
a thogradh, agus bithidh uachdaranachd 
agad air. 

8 Agus labhair Cainrih-Abel a bhràth- 
air: agus 'nuair a bha iad sa' mhachair, 
dh' èirich Cain suas an aghaidh Abeil a 
bhràthar, agus mharbh se e. 

9 Agus thubhairt an Tighearna ri Cain, 
C' àit am bheil Abel do bbràthair ? Agus 
thubhairt esan, Cha 'n 'eil fhios agam. Am 
mise fear-gleìdhidh mo bhràthar? 

10 Agus thubhairt esan, Ciod arinn thu ? 
Tha guth fola do bhràthar ag èigheach 
riumsa o 'n talamh. 

11 Agus a nis tha thu mallaichre o 'n 
talamh, a dh' fhosgail a bheul a ghabhail 
fola do bhràthar o d' làimh. 

12 'Nuair a shaoithricheas tu an talamh, 
cha toir e dhuit à so suas a neart. A' 
t' fhògarach agusa' t' fhear-fuadain bithidh 
tu air an talamh. 

13 Agus thubhairt Cain ris an Tigh- 
earna, ls mò mo pheanas ua gur urramn 
mi ghiùlan. 

14 Feuch, dh' fhògair thu mi mach an 
diugh bhàrr aghaidh na talmhainn : agus 
o d' ghnùis-sa folaichear mi, agus bithidh 
mi a' m' fhògarach agus a' m' fhear-fuadaia 
air an talamh ; agus tarlaidh, gach neach a 
gheibh mi, gu marbh e mi. 

15 Agus thubliairt an Tighearna ris, 
Uime sin ge b' e air bith a mharbhas Cain, 
nìthear a sheachd uiread do dhìoghaltas 
air. Agus chuir an Tighearna comhara 
air Cain, a chum ge b' e' neach a gheibh- 
eadh e nach marbhadh se e. 

16 Agus chaidh Cain a mach à làthair 
an Tighearn, agus ghabh e còmhnuidh 
ann an tìr Nod an taohh an ear do Eden. 

17 Agus dh' aithnich Cain a bhean, agu* 
dh' fhàs i torraen, agus rug i Enoch : agus 
thog e baile, agus ghoir e ainm a' bhaile a 
rèir ainme a mhic, Enoch. 

18 Agus rugadh do Enoch Irad; agus 
ghm Irad Mehuiael ; a^us ghin Mehmael 
Metusael ; agus ghin Metusael Lamech. 

19 Agus ghabh Lamech dha fèin dà 
mhnaoi: b' e ainm a h-aon diubh Adah 
agus ainm na mnà eile Sillah. 

20 Agus ghin Adah Iabal : b* esan athair 
na dromge a ta gabhail còmhnuidh am 
bùthaibh, agus na droinge atg am èheil 
sprèidh. 



4 



GENESIS. 



21 Agus b' e ainm a bhràthar Iubal : b' e- 
san athair nan uile a làimhsicheas clàrsach 
agus organ. 

22 Agus Sillah, rug ise mar an ceudna 
Tubalcain, fear-teagaisg gach uile fhir- 
ceird ann an ùmha agus an iarunn : agus 
b' i piuthar Thubalcain, Naamah. 

23 Agus thubhairt Lamech r' a mhnàibh, 
Adah agus Sillah, Cluinnibh mo ghuth, a 
mhnài Lameich, èisdibh ri m' chainnt : oir 
mharbh mi duine a chum mo lotaidh, agus 
òganach a clium mo chinrraidh. 

24 Ma dhìolar Cain a sheachd uiread, gu 
deimbin dìolar Lamech a sheachd-deug 
^gus a thri fìchead uiread. 

25 Agus dh' aithnich Adhamh a rìs a 
bhean, agus rug i mac, agus thug i Set 
mar ainm air ; oir dh' òrduich Dia, thubh- 
airt i, dhomhsa sliochd eile an àit Abeil, 
a mharbh Cain. 

26 Agus do Shet fèin mar an ceudna 
rugadh mac, agus thug e Enos mar ainm 
air : an sin thòisich daoine ri gairm air 
ainm an Tighearna. 

CAIB. V. 

7S e soleabhar ghinealach Adhaimh : san 
là an do chruthaich Dia an duine, aun 
an coslas Dè rinn se e. 

2 Firionnach agus boirionnach chruth- 
aich e iad ; agus bheannaich e iad, agus 
thug e Adhamh mar ainm orra, san là an 
do chruthaicheadh iad. 

3 Agus bha Adhamh beò ceud agus deich 
bliadhna fichead, agus ghin e mac 'na chos- 
las fèin, a rèir 'ìomhaigh fèin : agus thug 
e Set mar ainm air. 

4 Agus b'iadlàithean Adhaimh an dèigh 
dha Set a ghintinn, ochd ceud bliadhna: 
agus ghin e mic agus nigheana. 

5 Agusb' iad uilelàithean Adhaimh abha 
e beò, naoi ceud agus deich bliadhna fich- 
ead ; agus fhuair e bàs. 

6 Agus bha Set beò ceud agus cùig 
hliadhna, agus ghin e Enos. 

7 Agus bha Set beò, an dèigh dha Enos 
a ghintinn, ochd ceud agus seachd bliadh- 
na, agus ghin e mic agus nigheana. 

8 Agus b' iad uile làithean Shet naoi ceud 
agus dà bhliadhna dheug; agus fhuair e 
bàs. 

9 Agus bha Enos beò ceithir fichead 
bliadhna agus a deich, agus ghin e Cainan. 

10 Agus blia Enos beò, an dèigh dha 
Cainan a ghintinn, ochd ceud agus cùig 
bliadhna deug, agus ghin e mic agus nigh- 
eana. 

11 Agus b' iad uile làithean Enois naoi 
ceud agus cùig bliadhna; agus fhuair e 
bàs. 

12 Agus bha Cainan beò deich bliadhna 
agus tri fichead, agus ghin e Mahalaleel. 

13 Agus bha Cainan beò, an dèigh dha 
Mahalaleel a ghintinn, ochd ceud agus dà 
fhichead bliadhna, agus ghin e mic agus 
nigheana. 

14 Agus b' iad uile làithean Chainain 
naoi ceud agus deich bliadhna ; agus fhuair 
e bàs. 

15 Agus bha Mahalaleel beò cùig bliadh- 
na agus tri fichead, agus ghin e Iared. 

16 Agus bha Mahalaleel beò, an dèigh 
dha lared a ghintinn, ochd ceud agus deich 



bliadhna fichead, agus ghin e mic agus 
nigheana. 

17 Agus b' iad uile làithean Mhahalaloeil 
ochd ceud, ceithir fichead, agus cùig bliadh- 
na deug ; agus fhuair e bàs. 

18 Agus bha Iared beò ceud agus tri 
fichead agus dà bhliadhna, agus gliin e 
Enoch. 

19 Agus bha Iared beò, an dèigh dha 
Enoch a ghintinn, ochd ceud bliadhna, ag- 
us ghin e mic agus nigheana. 

20 Agus b' iad uile làithean Iareid naoi 
ceud, tri fichead, agus dà bhliadhna ; agus 
fhuair e bàs. 

21 Agus bha Enoch beò tri fichead agus 
cùig bliadhna, agus ghin e Metuselah. 

22 Agus ghluais Enoch maille ri Dia, 
an dèigh dha Metuselah a ghintinn, tri 
cheud bliadhua, agus ghin e mic agus 
nigheana. 

23 Agus b' iad uile làithean Enoich tri 
cheud, agustri fichead, agus cùig bliadhna. 

24 Agus ghluais Enoch maifle ri Dia, 
agus cha robh e ann, oir thug Dia leis e. 

25 Agus bha Metuselah beò ceud, agus 
ceithir fichead, agus seachd bliadhna, agus 
ghin e Lamech. 

26 Agus bha Metuselah beò, an dèigh 
dha Lamech a ghintinn, seachd ceud, 
ceithir fichead, agus dà bhliadhna, agus 
ghin e mic agus nigheana. 

27 Agus b' iad uile làithean Mhetuselali 
naoi ceud agustri fichead agus naoi bliadh- 
na; agus f huair e bàs. 

28 Agus bha Lamech beò ceud agus cei- 
thir fichead agus dà bhliadhna, agus ghin 
e mac. 

29 Agus thug e Noah mar ainm air, ag 
ràdh, Bheir an tì so fèin sòlas dhuinne 
thaohh ar n-oibre agus saoithreach ar làmh, 
a thaobh na talmhainu a mhallaich an 
Tighearn. 

30 Agus bba Lamech beò, an dèigh dha 
Noah a ghintinn, cùig ceud, ceithir fich- 
ead, agus cùig bliadhna deug; agus ghin 
e mic agus nigheana. 

31 Agus b' iad uile làithean Lameich, 
seachd ceud agus tri fichead agus seachd 
bliadhna deug ; agus fhuair e bàs. 

32 Agus bha Noah cùig ceud bliadhna 
dh' aois : agus ghin Noah Sem, Ham, agus 
Iaphet. 

CAIB. VI. 
A GUS- 'nuair a thòisich daoine ri fàs 
J\. lìonmhor air aghaidh na talmhainn, 
agus a rugadh nigheana dhoibh, 

2 Agus a chunnaic mic Dhè nigheana 
dhaoine, gu 'n robh iad sgiamhach, ghabh 
iad dhoibh fèin mnài do gach uile a rògh- 
naich iad. 

3 Agus thubhairt an Tighearna, Cha bhi 
mo Spiorad a' strì ris an duine a gbnàth, 
do bhrìgh gur feoil a mhàin e : gidheadh 
bithidh a làithean ceud agus fichead bliadh- 
na. 

4 Bha famhairean air an talamh sna 
làithibh sin ; agus mar an ceudna na 
dhèigh sin, 'nuair a thàinig mic Dhè a 
steach a chum nigheana dhaoine, agus a 
rug iad clann dhoibh, dh'fhùs iad sin 'nan 
daoinibh treuna, a bha o shean nan daoin- 
ibh ainmeil. 



CAIB 

5 Agus chunnaic an Tighearna gu 'm bu 
mhòr aragidheaehd an duine air an tal- 
amh, agus gu'n robh uile bhreithneachadh 
smuaintean a chridhe a mhàia olc gach 
aon là. 

6 Aarus b' aithreach leis an Tighearna 
gu 'n d' rinn e an duine air an talamh, agus 
thog e doilgheas da 'na chridhe. 

7 Agus thubhairt an Tighearna, Sgrios- 
aidh mi an duine, a chruthaich mi, bhàrr 
aghaidh na talmhainn, araon duine agus 
ainmhidh, agus an creutair a shnàigeas, 
agus eunlaith nan speur ; oir is aithreach 
leam gu 'n d' rinn rai iad. 

8 Ach fhuair Noah deadh-ghean ann 
an sùilibh an Tighearna. 

9 Is iad so ginealaich Noah : Bha Noah 
'na dhuine cothromach, agus iomlan 'na 
linn ; agus ghluais Noah maille ri Dia, 

10 Agus ghin Noah triuir mhac, Sem, 
Hara, agus ìaphet. 

11 Agus bha 'n talamh truaillidh am 
fianuis Dè, agus lìonadh an talamh le foir- 
neart. 

12 Agus dh' amhairc Dia air an talamh, 
agus, feuch, bha e truaillidh ; oir thruaill 
gach uile fheoil a slighe air an talamh. 

13 Agus thubhairt Dia ri Noah, Thàinig 
crìoch gach uile fheòla a' ra' fhianuis ; oir 
tha 'n talamh air a lìonadh le foirneart d' an 
trìd-san : agus, feuch, sgriosaidh mise iad 
maille ris an talamh. 

14 Dean dhuit fèin àirc do fhiodh ghoph- 
er; seòmraichean ni thu san àirc, agus 
còmhdaichidh tu i a stigh agus a muigli le 
pic. 

15 Agus so a' chumachd air an dean thu 
i : Tri cheud làmh-clioille fad na h-àirce, 
leth-cheud làmh-choille a leud, agus deich 
'ar fhichead làmh-choille a h-àirde. 

16 Uinneag ni thu do n àirc, agus an 
làmh-choille crìochnaichidh tu i 'na mull- 
ach ; agus dorus na h-àirce cuiridh tu 'na 
taobh : le lobhtaibh ìochdarach, meadhon- 
ach, agus uachdarach ni thu i. 

17 Agus, feuch, bheir mise, eadhon 
mise, dìle ui^geachan air an talamh, a 
sgrios gach uile fheòla, anns am bheil anail 
na beatha fuidh nèamh : asus gheibh gach 
ni a ta air an talamh bàs. 

18 Ach daingnichidh mi mo choimh- 
cheangal riutsa : agus thèid thu a steach 
do 'n àirc, thu fèin, agus do mhic, agus do 
bhean, agus mnài do mhac maille riut. 

19 Agus do gach uile ni heò do 'n uile 
fheoil, dithis do gach seòrsa bheir thu 
steach do'n àirc, gan gleidheadh beò maille 
riut : firionn agus boirionn bithidh iad. 

20 Do n eunlaith a rèir an gnè, agus 
do 'n sprèidh a rèir an gnè, agus do gach 
ni a shnàigeas air an talamh a rèir a ghnè : 
thèid dithis do gach seòrsa steach a t' ionn- 
suidh, gu 'n gleidheadh beò. 

21 Agus gabh thusa dhuit do gach uile 
bhiadh a dh ithear, agus cruinnichidh tu a 
t' ionnsuidh e ; agus bithidh e dhuitse ag- 
us dhoibh-san air son beathachaidh. 

22 Mar so rinn Noah ; a rèir gach ni a 
dh' àithn Dia dha, mar sin rinn e. 

CAIB. VII. 

AGUS thubhairt an Tighearna ri Noah, 
Rach thusa, agus do thigh uile, a 



\. VII. 5 

steach do 'n àirc ; oir thusa chunnaic mi 
cothromach a' m' fhianuis sa' ghinealach 
so. 

2 Do gach uile ainmhidh glan gabhaidh 
tu dhuit 'nan seachdaibh, am firionn agus 
a bhoirionn, agus do ainmhidhibh nach 
'eil glan 'nan cùthisibh, am firionn agus a 
bhoirionn : 

3 Mar an ceudna do eunlaith nan speur 
'nan seachdaibh, firionn agus boirionn, a 
ghleidheadh sìl beò air aghaidh na tal- 
mhainn uile : 

4 Oir fathast seachd làithean, agus bheir 
mise air uisge teachd air an talarah dà 
f hichead là agus dà f hichead oidhche ; ag- 
us sgriosaidh mi gach dùil bheo a rinn mi, 
bhàrr aghaidh na talmhainn. 

5 Agus rinn Noah a rèir gach ni a 
dh' àithn an Tighearna dha. 

6 Agus bha Noah sè ceud bliadhna 
dh' aois, 'nuair a bha an dile uisgeachan^ 
air an talamh. 

7 Agus chaidh Noah steach, agus a 
mhic, agus a bhean, agus mnài a mhac 
maille ris, do 'n àirc, air son uisgeacha na 
dìle. 

8 Do ainmhidhibh glan, agus do ainmh- 
idhibh nach 'eil glan, agus do eunlaith, ag- 
us do gach ni a shnàigeas air an talamh, 

9 Chaidh dithis agus dithis a steach a 
dh' ionnsuidh Noah do 'n àirc, firionn agu? 
boirionn, a rèir mar a dh' àithn Dia do 
Noah. 

10 Agus an dèigh sheachd làithean bha 
uisgeacha na dìle air an talamh. 

11 Anns an t-seatliadh ceud bliadhna 
dh'aois Noah, san dara mlos, san t-seachd- 
amh latha deug do 'u mlùos, san là sin fèin 
bhriseadh suas uile thobraiche na doimhne 
mòire, agus bha tuil-dhorsa nan nèamh 
air ain fosgladh. 

12 Agus bha 'n t-uisge air an talamh dù 
fhichead là agus dà fhichead oidhche. 

13 Sa' cheart là sin fèin chaidh Noah, 
agus Sem, agus Ham, agus Iaphet, mic 
Noah, agus bean Noah, agus triuir bhan a 
mhac maille riu, a steach do 'n àirc ; 

14 Iad fèin, agus gach uile bheathach a 
rèir a ghnè, agus an sprèidh uile a rèir an 
gnè, agus gach creutair a shnàigeas a ta 
snàigeadh air an talamh a rèir a ghnè, ag- 
us an eunlaith uile a rèir an gnè, gach eun 
do gach seòrsa. 

15 Agus chaidh iad a steach a chum 
Noah do 'n àirc, a lìon dithis agus dithis, 
do gach uile fheoil, anns am bheil anail na 
beatha. 

16 Agus iadsan a chaidh a steach, fir- 
ionn agus boirionn chaidh iad a steach do 
gach uile f heoil, mar a dh' àithn Dia dha : 
agus dhruid an Tighearna stigh e. 

17 Agus bha 'n dìle dà fhichead là air 
an talamh, agus mheudaicheadh na h-uisg- 
eachan, agus ghiùlain iad an àirc, agus 
thogadh suas i os ceann na talrahainn. 

18 Agus bhuadhaich na h-uisgeachan, 
agus mheudaicheach iad gu h-anabarracli 
air an talamh ; agus shiubhail an àirc air 
aghaidh nan uisgeachan. 

19 Agus bhuadhaich na h-uisgeacha gu 
ro-anabarrach air an talamh ; agus chòm'h- 
daicheadh na beanntan àrda uile, a bha 
fuidh na nèamhaibh gu lèir. . 



6 



GENESIS. 



r 20 Cùig làmh-choille deug air àirde 
bhuadhaich nah-uisgeachan; agus chòmh- 
daicheadh na beanntan. 

21 Agus dh' eug gach uile fneoil a bha 
gluasad air an talamh, araon do eunlaith, 
agus do sprèidh, agus do bheattujchibh, 
agus do gach ni a shnàigeas a ta snàigeadh 
air an talamh, agus gach uile dhuine. 

22 Gach ni aig an robh anail na beatha 
ann an cuineinibh a shròine, do na h-uile 
a bha air an talamh thioram, dh' eug iad. 

23 Agus sgriosadh gach uile dhùil a bha 
air aghaidh na talmhainn, araon duine ag- 
us ainmhidh, agus an creutair a shnàigeas, 
agus eunlaitli nan speur; agus sgriosadh 
iad bhàrr na talinhainn, agus dh' fhàgadh 
a mhàin Noah, agus na bha maille ris san 
àirc. 

24 Agus bhuadhaich na h-uisgeachan os 
ceann na talmhainn ceud agusieth-cheud là. 

CAIB. VIII. 

AGUS chuimhnich Dia air Noah, agus 
gach ni beò, agus gach uile sprèidh a 
bha maille ris san àirc, agus thug Dia air 
gaoith dol thairis air an talamh, agus 
thraogh na h-uisgeachan. 

2 Agus dhruideadh suas tobraiche na 
doimhne, agus tuil-dhorsa nan nèamh ; 
agus choisgeadh an t-uisge o na nèamh- 
aibh. 

3 Agus phill na h-uisgeachan a ghnàth 
bhàrr na talmhainn : agus thraogh na 
h-uisgeachan an dèigh ceud agus leth- 
cheud là. 

4 Agus stad an àirc anns an t-seachdamh 
mìos, air an t-seachdamh Jà deug do 'n 
mhìos, air beanntaibh Ararait. 

5 Agusthraogh na h-uisgeachanaghnàth 
gus an deicheamh mlos : Anns an deich- 
eamh mios air a' cheud là do 'n mhìos, 
chunnacas mullaich nam beann. 

6 Agus an ceann dà fhichead là, 
dh' fhosgail Noah uinneag na h-àirce a 
rinn e. 

7 Agus chuir e mach fitheach, a chaidh 
a macn a' dol air 'ais agus air 'aghaidh, gus 
an do thiormaicheadh na h-uisgeacha bhàrr 
na talmhainn. 

8 Mar an ceudna chuir e mach columan 
uaith, a dh' fhaicinn an do thraogh na 
li-uisffeacha bhàrr aghaidh na talmhainn. 

9 Ach cha d' fhuair an eoluman fois do 
bhonn a choise, agus phill e d" a ionnsuidh 
do 'n àirc, do bhrìgh gu 'n robh na h-uisg- 
eachan air aghaidh na talmhainn uile. An 
sin chuir e mach a làmh, agus rug e air, 
agus thug e stigh e d' a ionnsuidh do'n àirc. 

10 Agus dh' fhan e fathast seachd làith- 
ean eile, agus a rìs chuir e mach an colu- 
man o 'n àirc. 

11 Agus thàinig an columan d' a ionn- 
suidh san fheasgar, agus, feuch, duilleag 
eraoibh-ola, a splonadh leis, aige 'na ghob : 
agus dh' aithnich Noah gu 'n do thraogh na 
h-uisgeacha bhàrr na talmhainn. 

12 Agus dh' fhan e fathast seachd làith- 
ean eile, agus chuir e mach an columan ; 
agus cha do phill e rìs d' a ionnsuidh ni 's 
mò. 

13 Agus auns an t-seathadh ceud bliadh- 
na agus a h-aon, anns a' cheud mhìos, anns 
a' cheud là do 'n mhìos, thiormaicneadli 



na h-uisgeacha suas bhàrr na talmhainn : 
agus bhuin Noah air falbh còmhdachadh 
nah-àirce, agus dh'amhairc e, agus, feuch, 
bha aghaidh na talmhainn tioram. 

14 Agus san dara mìos, san t-seachdamh 
là thar f hichead do 'n mhìos, bha an talamh 
air tiormachadh. 

15 Agus labhair Dia ri Noah, ag ràdh, 

16 Rach a mach as an àirc, thu fèin, ag- 
us do bhean, agus do mhic, agus mnài do 
mhac maille riut. 

17 Thoir a mach leat gach ni beò a ta 
maille riut, do gach uile fheoil, do eun- 
laith, agus do sprèidh, agus do gach uile ni 
a shnàigeas a ta snàigeadh air an talamh, 
chum as gu 'n sìolaich iad air an talamh, 
agus gu 'm bi iad torrach, agus gu 'm fàs 
iad lìonmhor air an talamh. 

18 Agus chaidh Noah a mach, agus a 
mhic, agus a bhean, agus mnài a mhac 
maille ris : 

19 Chaidh gach uile bheathach, gach ni 
a shnàigeas, agus gach eun, gach ni a 
ghluaiseas air an talamh, a rèir an gineil, 
a mach as an àirc. 

20 Agus thog Noah altair do 'n Tigh- 
earn, agus ghabh e do gach ainmhidh glan, 
agus do gach eun glan, agus thug e suas 
tabhartais-loisgte air an altair. 

21 Agus dh' fhairich an Tighearna fàile 
cùbhraidh ; agus thubhairt an Tighearna 
'na chridhe, Cha mhallaich mi ris an tal- 
amh ni 's mò air son an duine ; oir a ta 
smuainte cridhe an duine olc o 'òige ; ni 
mò a sgriosas mi tuille gach ni beò, mar a 
rinn mi. 

22 Am feadh a mhaireas an talamh, cha 
sguir àm an t-sìl-chur agus foghar, agus 
fuachd agus teas, agus samhradh agus 
geamhradh, agus là agus oidhche. 

CAIB. IX. 

AGUS bheannaich Dia Noah agus a 
mhic, agus thubhairt e riu, Sìolaich- 
ibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh 
an talamh. 

2 Agus bithidh bhur n-eagal agus bhur 
fiamh-sa air uile bheathaichibh na talmh- 
ainn, agus air uile eunlaith nan speur, air 
gach ni a ghluaiseas air an talamh, agus 
air uile iasgaibh na mara ; d' ur làimh-sa 
tha iad air an tabhairt. 

3 Bithidh gach ni gluasadach a ta beò, 
dhuibh mar bhiadh ; amhuil mar an luibh 
ghorm thug rai dhuibh na h-uile nithe. 

4 Ach feoil maille r' a beatha, eadhon a 
fuil, cha 'n ith sibh. 

5 Agus gu deimhin fuil bhur beatha-sa 
iarraidh mise ; air làimh gach beathaich 
iarraidh mi i, agus air làimh an duine ; air 
làimh bràthar gach duine iarraidh mi 
beatha an duine. 

6 Ge b' e dhòirteas fuil duine, le duine 
dòirtear 'fhuil-san ; oir ann an dealbh 
Dhè rinu e an duine. 

7 Agus bithibh-sa sìolmhor, agus fàsaibh 
lìonmhor, ginibh air an talamh, agus fàs- 
aibh lìonmhor ann. 

8 Agus labhair Dia ri Noah, agus r' a 
mhic maille ris, ag ràdh, 

9 Agus mise, feuch, daingnichidh m.i 
rao choimhcheangal ribhse, agus ri'r sliochd 
'nur dèigh. 



CAIB. X. 



10 Agus ris gach uile chreutair beò a tti 
teaille ribh, do eunlaith, do sprèidh, agus 
do uile bheathaichibh na talmhainn maille 
ribh, o gach uile a ta dol a mach as an 
àirc, gu uile bheathaichibh na talmh- 
ainn. 

11 Agus daingnichidh mi mo choimh- 
rheangal ribh, agus cha sgriosar gach uile 
fheoil tuille le h-uisgibh na dìle : agus cha 
bhi dìle ann ni'a mò a sgrios na talmh- 
ainn. 

12 Agus thubhairt Dia, So comhara a' 
•hoimhcheangail a tha mi toirt eadar mise 
agus sibhse, agus gach creutair beò a ta 
maille ribh, air feadh ghinealacha sìorr- 
uidh : 

13 Mo bhogha cuiridh mi anns an neul, 
agus bithidh e 'na chomhara coimhcheang- 
au eadar mise agus an talamh. 

14 Agus tarlaidh, 'nuair a bheir mi neul 
os ceann na talmhainn, gu'm faicear am 
bogha anns an neul. 

15 Agus cuimhnichidh mi mo choimh- 
cheangal, a ta eadar mise agus sibhse, ag- 
us gach creutair beò do 'n uile fheoil ; ag- 
us cha'n fhàs ni's mò na h-uisgeacha 'nan 
dìle a sgrios gach uile fheòla. 

16 Agus bithidh am bogha anns an neul, 
agus amhaircidh mi air, chum as gn'n 
cuimhnich mi 'n coimhcheangal sìorruidh 
eadar Dia agus gach creutair beò do'n 
uile fheoil, a ta air an talamh. 

17 Agus thubhairtDiari Noah, So comh- 
ara a' choimhcheangail, a dhaingnich mi 
eadar mi fèin agus gach uile fheoil a ta air 
an talamh. 

18 Agus b' iad mic Noah a chaidh mach 
as an àirc, Sem, agus Ham, agus Iaphet : 
agus b' e Ham athair Chanaain. 

19 Is iad sin triuir mhac Noah : agus 
leo sin lìonadh an talamh uile. 

20 Agus thòisich Noah air a bhi 'na 
fhear -saoithreach na talmhainn, agus 
shuidhich e fìon-ghàradh. 

21 Agus dh' òl e do'n f hìon, agus hha e 
air mhisg, agus bha e lomnochd a stigh 'na 
bhùth. 

22 Agus chunnaic Ham, athair Cha- 
naain, nochd 'athar, agus dh' innis e d'a 
dlià bhràthair a muigh. 

23 Agus ghahh Sem agus Iaphet brat, 
agus chuir iad le chèile air an gùailnibh e, 
agus chaidh iad an comhair an cùil, agus 
chòmhdaich iad nochd an athar ; agus bha 
'n aghaidhean air an ais, agus cha n fhac' 
ìad nochd an athar. 

24 Agus dhùisg Noah o 'fhìon, agus 
thuig e ciod a rinn a mhac a b' òige air. 

25 Agus thubhairt e, Mallaichte gu'n 
robh Canaan ; 'na sheirbhiseach nan seirbh 
iseach bithidh e d'a bhràithribh. 

26 Agus thubhairt e, Beannaichte gu 'n 
robh Tighearna Dia Sheim ; agus bithidh 
Canaan na sheirbhiseach dha. 

27 Ni Dia laphet farsuinn, agus còmh 
nuichidh e ann am bùthaibh Sheim, agus 
bithidh Canaan 'na sheirbhiseach dha. 

28 Agus bha Noah beò an dèigh na dìle 
tri cheud agus leth-cheud bliadhna. 

2© Agus b'iad uile làithean Noah naoi 
«eud agus leth-cheud bliadhna : agus 
fhuair « bàa. 



CAIB. X. 

ANIS is iad sin ginealaich mhae Noah ; 
Sera, Ham, agus laphet : agus rugadh 
dhoibh mic an dèigh na dìle. 

2 Mic Iapheit ; Gomer, agus Magog, ag- 
us Madai, agus Iabhan, agus Tubal, agus 
Mesech, agus Tiras. 

3 Agus mic Ghomeir; Ascenas, agus 
Riphat, agus Togarmah. 

Agus mic Iabhain ; Elisa, agus Tarsis, 
Citim, agus Dodanim. 

5 Leo sin roinneadh eileana nan cinn- 
each 'nan tìribh fèin, gach aon a rèir a 
theanga, a rèir an teaghlaichean, 'nan 
cinneachaibh. 

6 Agus mic Ham ; Cus, agus Misraim, 
agus Phut, agus Canaan. 

7 Agus mic Chuis ; Seba, agus Habhil- 
ì, agus Sabtah, agus Raamah, agus Sab- 

techa : agus mic Raamah ; Seba, agus De- 
dan. 

8 Agus ghin Cus, Nimrod : thòisich esan 
air a bhi cumhachdach san talarah. 

9 Bha e 'na shealgair cumhachdach an 
làthair an Tighearn : Uime sin theirear, 
Amhuilmar Nimrod an sealgair cumhachd- 
ach an làthair an Tighearna. 

10 Agus b' e toiseach a rìoghachd Babel, 
agus Erech, agus Acad, agus Calneh, ann 
an tìr Shinair. 

11 As an tìr sin chaidh a mach Asur, 
agus thog e Ninebheh, agus baile Rehobot, 
agus Calah, 

12 Agus Resen eadar Ninebheh agus 
Calah : is baile mòr sin. 

13 Agus ghin Misraìm Ludim, agus A- 
namim, agus Lehabim, agus Naphtuh- 
im, 

14 Agus Patrusim, agus Casluhim, (o'ra 
d' thàinig a mach Philistim,) agus Caph- 
torim. 

15 Agus ghin Canaan Sidon a cheud- 
ghin, agus Het, 

16 Agus an Iubusach, agus an t-Amo- 
rach, agus an Girgasach, 

17 Agus an t-lbheach, agus an t-Har- 
cach, agus an Sineach, 

18 Agus an t-Arbhadach, agus an Sera- 
arach, agus an t-Hamatach: agus 'na 
dhèigh sin sgaoileadh a mach teaghlaichean 
nan Canaanach. 

19 Agus bha crìoch nan Canaanach o 
Shidon, mar a thig thu gu Gerar gu ruig 
Gadsa, mar a theid thu gu Sodom agus 
Gomorrah, Agus Admah, agus Seboim, gu 
ruig Lasa. 

20 Is iad sin mic Ham, a rèir an teagh- 
laichean, a rèir an teanganna, 'nan tìribh, 
agus 'nan cinneachaibh. 

21 Agus do Shem fèin mar an ceudna, 
athair chloinn Ebeir uile, bràthair lapheit 
bu shine, rugadh clann. 

22 Clann Sheim ; Elam, agus Asur, agus 
Arphacsad, agus Lud, agus Aram. 

23 Agus clann Araim ; Uds, agu9 Hul, 
agus Geter, agus Mas. 

24 Agus ghin Arphacsad Salah, agus 
ghin Salah Eber. 

25 Agus do h-Eber rugadh dithis mhac : 
b'e ainm aoin diubh Peleg, oir 'nalàithibh- 
san roinneadh an talamh ; agus aintn % 
bhràthar, lottan. 



GENESIS. 



26 Agus ghin Ioctan Alraodad, agus Se- 
leph, agus Hadsarmabhet, agus Ierah, 

27 Agus Hadoram, agus Udsal, agus 
Diclah, 

28 Agus Obal, agus Abimael, agus Seba, 

29 Agus Ophir, agus Habhilah, agus 
Iobab : b'iad sin uile mic Ioctain. 

30 Agus bha 'n àite-còmhnuidh o Mhesa, 
mar a thèid thu gu Sephar, beinn san àird 
an ear. 

31 Is iad sin mic Sheim, a rèir an teagh- 
Jaichean, a rèir an teanganna, 'nan tìribh, 
a rèir an cinneaclia. 

32 Is iad sin teaghlaichean rahac Noah, 
a rèir an ginealaeha, 'nan cinneachaibh : 
agus leo sin roinneadli na cinnich anns an 
talainh an dèigh na dlle. 

CAIB. XI. 

AGUS bha 'n talamh uile dh' aon teang- 
aidh, agus na h-aon fhocail aig gach 

neach. 

2 Agus 'nuair a bha iad air an turus o'n 
àird an ear, fhuair iad còmhnard ann an 
talamh Shinair, agus ghabh iad còmhnuidh 
an sin. 

3 Agus thubhairt iad gach aon ri chèile, 
Thigibh, deanamaid clacha creadha, agus 
làn-loisgeamaid iad : Agus bha chlach 
«hreadha aca air son cloiche, agus bha làth- 
ach aca air son morteir. 

4 Agus thubhairt iad, Thigibh, togamaid 
dhuinn fèin baile, agus tùr, aig am bi a 
nihullach a' ruigheachd gu nèamh, agus 
deanamaid dhuinn fèin ainm, air eagal gu 'n 
tgaoilear o chèile sinn air aghaidh na tal- 
mhainn uile. 

5 Agus thàinig an Tighearn a nuas a 
dh* fhaicinn a' bhaile, agus an tùir, a thog 
elann nan daoine. 

6 Agus thubhairt an Tighearn, Feuch, 
is aon sluagh a f ann, agus aon teanga ac' 
uile ; agus thòisich iad air so a dheanamh : 
agus a nis cha bhacar dhiubh ni air bith, a 
smuainich iad a dheanamh. 

7 Thigibh, rachamaid sìos, agus cuiream- 
aid an cainnt an sin thar a cheile, chum as 
nach tuig iad cainnt a chèile. 

8 Mar sin sgaoil an Tighearn iad uaithe 
sin air aghaidh na talmhainn uile : agus 
sguir iad do thogail a' bhaile. 

9 Uime sin thugadh Babel marainm aìr, 
do bhrìgh ann an sin gu 'n do chuir an Tigh- 
■earna thar a chèile cainnt na talmhainn 
uile : agus uaithe sin sgaoil an Tighearn 
iad air aghaidh na talmhainn uile. 

10 Isiad sin ginealaich Sheim : Bha Sem 
ceud bliadhna dh' aois, agus ghin e Arphac- 
sad dà bhliadhna an dèigh na dìle. 

11 Agus bha Sem beò, an dèigh dha Ar- 
phacsad a ghintinn, cùig ceud bliadhna; 
agus ghin e mic agus nigheanan. 

12 Agus bha Arphacsad beò cùig bliadh- 
na deug 'ar fhichead, agus ghin e Salah. 

13 Agus bha Arphacsad beò, an dèigh 
dha Salah a ghintinn, ceithir cheud agus 
tri bliadhna ; agus ghin e mic agus nigh- 
eanan. 

14 Agus bha Salah beò dèich bliadhna 
ftchead, agus ghin e Eber. 

15 Agus bha Salah beò, an dèigh dha 
Eber a ghintinn, ceithir cheud agus tri 
Wiadhua ; agus ghin e mic agus nigheanan. 



16 Agus bha Eber beò ceithir bliadhna 
deug 'ar fhichead, agus ghin e Peleg. 

17 Agus bha Eber beò, an dèigh dha 
Peleg a ghintinn, ceithir cheud agus deich 
bliadhna fichead; agus ghin e mic agus 
nigheanan. 

18 Agus bha Peleg beò deich bliadhna 
fichead ; agus ghin e Keu. 

19 Agus bha Peleg beò, an dèigh dha 
Reu a ghintinn, dà clieud agus naoi bliadh- 
na ; agus ghin e mlc agus nigheanan. 

20 Agus bha Reu beò dà bliliadhna dheug 
'ar fhichead; agus ghin e Serug. 

21 Agus bha Keu beò, an dèigh dha Se- 
rug a ghintinn, dà cheud agus seachd 
bliadhna ; agus ghin e mic agus nigheanan. 

22 Agus bha Serug beò deich bliadhna 
fichead ; agus ghin e Nahor. 

23 Agus bha Serug beò, an dèigh dha 
Nahor a ghintinn, dà cheud bliadhna ; ag- 
us ghin e mic agus nigheanan. 

24 Agus bha Nahor beò naoi bliadhna 
fichead ; agus ghin e Terah. 

25 Agus bha Nahor beò an dèigh dha 
Terah a ghintinn, ceud agus naoi bliadhna 
deug, agus ghin e mic agus nigheanan. 

26 Agus bha Terah beò deich is tri fich- 
ead bliadhna; agus ghin e Abram, Nahor, 
agus Haran. 

27 A nis is iad sin ginealaich Therah : 
ghin Terah Abram, Nahor, agus Haran ; 
agus ghin Haran Lot. 

28 Agus f huair Haran bàs roimh Tberah 
'athair, san tìr anns an d' rugadh e, ann an 
Ur nan Caldeach. 

29 Agus ghabh Abram agus Nahor mnài 
dhoibh fèin : B'e ainm mnà Abraim, Sa- 
rai ; agus ainm mnà Nahoir, Milcah, nigh- 
ean Harain, athar Mhilcah, agus athar Is- 
cah. 

30 Ach bha Sarai neo-thorrach ; cha 
robh duine cloinne aice. 

31 Agus ghabh Terah Abram a mhac, 
agus Lot mac Harain mac a mhic, agus 
Sarai a bhan-chliamhuinn, bean Abraim a 
mhic ; agus chaidh iad a mach maille riu 
à h-Ur nan Caldeach, gu dol do thìr Cha- 
naain : agus thàinig iad gu Haran, agus 
ghabh iad còmhnuidh an sin. 

32 Agus b' iad làithean Therah dà cheud 
agus cùig bliadhna : agus fhuair Terah bàs 
ann an Haran. 

CAIB. XII. 

AGUS thubhairt an Tighearnari h-Ab- 
ram, Rach a mach à d' dhùthaich, 
agus o d' dhìslibh, agus à tigh t'athar, do 'n 
tìr a nochdas mise dhuit. 

2 Agus ni mi thu a' d' chinneach mòr, 
agus beannaichidh mi thu, agus ni mi 
t'ainm mòr : agus bitliidh tu a' d' bheann- 
achadh. 

3 Agus beannaichidh mi iadsan a bheann- 
aicheas thu, agus iadsan a mhallaicheas thu 
mallaichidh mi ; agus annadsa beannaich- 
ear uile theaghlaiche na talmhainn. 

4 Agus dh'imich Abram, mar a labhair 
an Tighearna ris, agus chaidh Lot maille 
ris : agus bha Abram cùig biiadhna deug 
is tri fichead a dh' aois 'nuair a chaidh e 
mach à Haran. 

5 Agus ghabh Abram Sarai a bhean, ag- 
us Lot mac a bhràthar, agus am maoiu 



CAIB. XIII. XIV. 



9 



uiìe a chruinuich iad, agus na h-anaman 
a fhuair iad aim an Haran, agus chaidh 
iad a inach gu dol do thìr Chanaain ; agus 
thàinig iad do thìr Chanaain. 

6 Agus chaidh Abram air 'aghaidh san 
fhearann gu àite Shicheim, gu eòmhnard 
Mhoreh. Agus bha 'n Canaanach an sin 
san tìr. 

7 Agus dli' fhoillsich an Tighearn e fèin 
do Abram, agus thubhairt e, Do d' shliochd- 
sa bheir mise am fearann so : agus thog e 
'n sin altair do'n Tighearn, a dh'fhoillsich- 
eadh dha. 

8 Agus chaidh e as a sin gu sliabh air an 
taobh an ear do Bhetel, agus shuidhich e a 
bhùth, agus Betel aige air an taobh an iar, 
agus Hai air an taobh an ear : agus tbog e 
'n sin altair do 'n Tighearn, agus ghairm e 
air ainm an Tighearna. 

9 Agus dh' imich Abram, a' sìr-dhol air 
'aghaidh mu dheas. 

10 Agus bha gorta san tìr : agus chaidh 
Abram sìos do 'n Eiphit, gu bhi air chuairt 
an sin, do bhrìgh gu 'n robh a' ghorta mòr 
san tìr. 

11 Agus 'nuair a bha e dlùth do dhol a 
stigh do 'n Eiphit, thubhairt a ri Sarai a 
bhean, Feuch a nis, tha fios agam gur bean 
mhaiseach thusa ri amharc ort : 

12 Uime sin, 'nuair a chi na h-Eiphitich 
thu, their iad, So a bhean ; agus marbhaidh 
iad tnise, acli gleidhidh iad thusa beò. 

13 Abair, guidheam ort, gur tu mo 
phiuthar, chum gu 'n èirich gu maith 
dhomh air do sgàth-sa; agus bithidh m' 
anam beò air do shonsa. 

14 Agus 'nuair a thàinig Abram do 'n 
Eiphit, chunnaic na h-Eiphitich a' bhean, 
gu 'n robh i ro-mhaiseach. 

15 Chunnaic mar an ceudna ceannardan 
Pharaoh i, agus mhol iad i do Pharaoh : 
agus thugadh a steach a' bhean do thigh 
Pharaoh. 

16 Agus bhuin e gu maith ri h-Abram 
air a sgath-sa : agus bha aige caoraich, ag- 
us daimh, agus asail fhirionn, agus òg- 
laich, agus banoglaich, agus asail bhoirionn, 
agus càmhail. 

17 Agus bhuail an Tighearna Pharaoh 
agus a thigh le plàighibh mòra, air son Sha- 
rai mnà Abraim. 

18 Agus ghairm Pharaoh air Abram, 
agus thubhairt e, Ciod so « rinn thu orm ? 
c' ar son nach d' innis thu dhomh gu 'm b'i 
sodobhean? 

19 C' ar son a thubhairt thu, ' Si mo phiu- 
thar i ? Mar sin dh' fheudainn a gabhail a 
m' ionnsuidh mar mhnaoi : a nis ma ta, 
feuch, do bhean ; gabh i, agus bi 'g im- 
eachd. 

20 Agus thug Pharaoh àithne d' a 
dhaoinibh m' a thimcbioll ; agus chuir iad 
air falbh e fèin, agus a bhean, agus gach ni 
a bh' aige. 

CAIB. XIII. 
A GUS chaidh Abram suas as an Eiphit, 
J\. e tèin, agus a bhean, agus gach ni a 
bh' aige, agus Lot maille ris, do 'n taobh 
mu dheas. 

2 Agus bha Abram ro-shaoibhir ann an 
sprèidh, ann an airgiod, agus ann an òr. 

3 Agus dh' imich e 'na thurusaibh o 'n 



taobh mu dheas eadhon gu Betel, gu ruig 
an t-àit anns an robh a bhùth an toiseach, 
eadar Betel agus Hai ; 

4 Gu àite na h-altarach a rinn e 'n sin 
air tùs : agus ghairm Abram an sin air 
ainm an Tighearna. 

5 Agus bha mar an ceudna aig Lot, a 
dh' imich maille ri h-Abram, caoraich, ag- 
us crodh, agus bùthan. 

6 Agus cha robh am fearann comasach 
air an giùlan gu còmhnuidh a ghabhail 
cuideachd ; oir bha am maoin mòr, agus 
cha b' urrainn iad còmhnuidh ghabhail 
cuideachd. 

7 Agus bha comh-stri eadar buachaillean 
sprèidhe Abraim, agus buachaillean 
sprèidhe Lot : agus bha 'n Canaanach ag- 
us am Peridseach san àm sin a chòmh- 
nuidh san tìr. v > 

8 Agus thubhairt Abram ri Lot, Na 
bitheadh, guidheam ort, comh-stri eadar 
mise agus thusa, agus eadar mo bhuach- 
aillean agus do bhuachaillean-sa; oir is 
bràithre sinn. 

9 Nach 'eil an tìr uile romhad ? Deal- 
aich, guidheam ort, riumsa: ma ghabhas 
tu dh' ionnsuidh na làimhe clìthe, an sm 
thèid mise dh* ionnsuidh na làimhe deise ; 
agus ma thèid thu dh' ionnsuidh na làimhe 
deise, an sin gabhaidh mise dh' ionnsuidh 
na làimlie clìthe. 

10 Agus thog Lot suas a shùilean, agus 
chunnaic e còmhnard lordain uile, gu 'n 
robh e gu leir air 'uisgeachadh gu maith, 
mun do sgrios an Tighearna Sodom agus 
Gomorrah, eadhon mar ghàradh an Tigh- 
earna, cosmhuil ri talamh na h-Eiphit, mar 
a thig thu gu Soar. 

11 Agus thagli Lot dha fèin comhnard 
Iordain uile ; agus ghabh Lot a thurus o 'n 
àird an ear, agus dhealaich na càirdean ri 
chèile. 

12 Ghabh Abram còmhnuidh ann antir 
Chanaain, agus ghabh Lot comhnuidh am 
bailtibh a' chòmhnaird, agus shuidhich e a 
bhùth aig Sodom. 

13 Ach bha daoine Shodoim aingidh, ag- 
us 'nam peacaich am fianuis an Tighearna 
gu ro-mhòr. 

14 Agus thubhairt an Tighearna ri h-A- 
bram, an dèigh do Lot dealachadh ris, Tog 
a nis suas do shùilean, agus amhairc o 'n 
àit anns am bheil thu, gu tuath, agus gu 
deas, agus gus an àird an ear, agus an iar : 

15 Oir am fearann uile a ta thu a' faicinn, 
dhuitse bheir mi e, agus do d' shliochd gu 
bràth. „ , , 

16 Agus ni mi do shliochd mar dhuslach 
na talmhainn ; ionnus ma bhios e 'n comas 
do dhuine duslach na tàlmhainn àireamh, 
an sin gu 'n àirmhear do shlìochd-sa mar 
an ceudna. 

17 Eirich, imich air feadh an fhearainn, 
'na fhad, agus'na leud, oir dhuitse bheir mi e. 

18 Agus dh' atharraich Abram a bhùth, 
agus tliàinig e, agus ghabh e còmhnuìdh 
ann an còmhnard Mhamre, a tha ann an 
Hebron ; agus thog e 'n sin altair do 'n 
Tighearna. 

CAIB. XIV. 

AGUS tharladh ann an làithibh Amra- 
pheil righ Shinair, Arioich righ Elas- 
B 



10 



GENESIS. 



air, Chedorlaomeir righ Elaim, agus Thid- 
ail righ nan cinneach ; 

2 Gu 'n d' rinn iad sin cogadh ri Bera 
righ Shodoim, agus ri Birsa righ Gho- 
morrah, Sinab righ Admah, agus Semeber 
righ Sheboim, agus righ Bhela, eadhon 
Shoair. 

3 Cliaidh iad sin uile ann an comh- 
blioinn ri chèile ann an gleann Shidim, a 
tha nis 'na fhairge shalainn. 

4 Dà bhliadhna dheug rinn iad seirbhis 
do Chedorlaomer, agus anns an treas bliadh- 
iia deug rinn iad ceannaric. 

5 Agus anns a' cheathramh bliadhna 
deug thàinig Cedorlaomer, agus na righ- 
rean a bha maille ris, agus bhuail iad na 
Rephaimich ann an Asterot Carnaim, ag- 
us na Susimich ann an Ham, agus na 
h-Emimich ann an Sabheh Ciriataim. 

6 Agus na Horich 'nan sliabh Seir, gu 
ruig El-paran, a tha làimh ris an fhàsach. 

7 Agus phill iad, agus thàinig iad gu Hen- 
mispat, eadhon Cades, agus bhuail iad dùth- 
aich nan Amaleceach uile, agus mar an 
ceudna na h-Amoraich, a bha chòmhnuidh 
ann an Haseson Tamar. 

8 Agus chaidh righ Shodoim a mach, 
agus righ Ghomorrah, agus righ Admah, 
agus righ Sheboim, agus righ Bhela, (eadh- 
on Shoair,) agus chuir iad cath riu ann an 
gleann Shidim ; 

9 Ri Cedorlaomer righ Elaim, agus ri 
Tidal righ nan cinneach, agus ri h-Amra- 
plvel rigli Shinair, agus ri h-Arioch righ 
Elasair ; ceithir righre ri cùig. 

10 Agus bha gleann Shidim làn do 
shlochdaibh làthaich ; agus theich righ 
Sliodoim, agus righ Ghomorrah, agus thuit 
iad an sin ; agus iadsan a mhair, theich iad 
do 'n t-sliabh. 

11 Agus thug iad leo uìle mhaoin Sho- 
doim agus Ghomorrah, agus am biadh uile, 
agus dh' imich iad. 

12 Agus thug iad leo Lot, mac bràthar 
Abraim, (a bha chòmhnuidh ann an So- 
dom,) agus a mhaoin, agus dh' imich iad. 

13 Agus thàinig a h-aon a chaidh as, ag- 
us dh' innis e do Abram an t-Eabhruidh- 
each, a bha chòmhnuidh ann an còmhnard 
Mhamre an Amoraich, bràthar Escoil, ag- 
us bràthar Aneir : agus bha iad sin ann an 
comh-bhoinn ri h-Abram. 

14 Agus 'nuair a chuala Abram gu 'n do 
ghìacadh a bhràthair 'na phrìosanach, dh'- 
àrmaich e a sheirbhisich iunnsaichte, a 
rugadh 'na thigh fèin, tri cheud agus ochd- 
deug ; agus lean e iad gu Dan. 

15 Agus roinn se e fèin 'nan aghaidh san 
oidhche, e fèin agus a sheirbhisich, agus 
bhuail e iad, agus lean e iad gu Hoba, a ta 
air an làimh chlì do Dhamascus. 

16 Agus thug e air ais a' mhaoin uile. 
agus mar an ceudna thug e air ais a bhràth- 
air Lot, agus a mhaoin ; agus mar an 
ceudna na mnài, agus an sluagh. 

17 Agus chaidh righ Shodoim a mach 
'na choinneamh, an dèigh dha pilltinn o 
mliarbhadh Chedorlaomeir, agus nan righ 
a bha maille ris, aig gleann Shabheh, eadh- 
<on gleann an righ. 

1» Agus thug Melchisedee righ Shaleim 
a mach aran agus fìon : agus b' esan sagart 
an Dè ,a 's ro-àirde. 



19 Agus bheannaich se e, agus thubh- 
airt e, Beannaichte gu 'n robh Abram o 'n 
Dia r's ro-àirde, sealbhadair nèimh agus na 
talmhainn. 

20 Agus beannaichte gu 'n robh an Dia 
a 's ro-àirde, a thug thairis do naimhde do 
d' làimh. Agus thug e dha deachamh do 
gach ni. 

21 Agus thubhairt righ Shodoim ri h-A- 
bram, Thoir dhomhsa na daoine, agus gabh 
a' mhaoin dhuit fèin. 

22 Agus thubhairt Abram ri righ Sho- 
doim, Thogmi mo làmh suas ris an Tigh- 
earn, an Dia a 's ro-àirde, Sealbhadair 
nèimh agus na talmhainn. 

23 Nach gabh mi o shnàthainn eadhon 
gu h-èill bròige, agus nach gabh mi bheag 
a dh' aon ni a '* leatsa, chum as nach abair 
thu, Rinn mi Abram beartach ? 

24 Saor a mhàin o na dh' ith na h-ògan- 
aich, agus o chuibhrionn nan daoine a 
chaidh maille rium, Aner, Escol, agus 
Mamre ; gabhadh iadsan an cuibhrionn. 

CAIB. XV. 

AN dèigh nan nithe sin thàinig focal an 
Tighearna gu h-Abram ann an tais- 
beanadh, ag ràdh, Na biodh eagal ort, w 
Abraim : Is mise do sgiath, agus do dhuais 
ro-mhòr. 

2 Agus thubhairt Abram, A Thighearna 
Dhè, cioda bheir thu dhomh, is mi 'g im- 
eachd gun chloinn, agus gur e Elieser so 
o Dhamascus fear-riaghlafdh mo thighe ? 

3 Agus thubhairt Abram, Feuch, 
dhomhsa cha d' thug thu sliochd air bith : 

\ àgus, feuch, is e neach a rugadh a'm' thigh 
a 's oighre orm. 

4 Agus, feuch, thàinìg focal an Tigh- 
earna d' a ionnsuidh, ag ràdli, Cha bhi e so 
'na oighre ort ; ach esan a thig a mach a 
t' innibh fèin, bithidh e 'na oighre ort. 

5 Agus thug e leis a mach e, agus thubh- 
airt e, Amhairc a nis suas gu nèamh, agus 
air na reulta, ma 's urrainn thu'n àireamh : 
Agus thubhairt e ris, Mar so bithidh do 
shliochd. 

6 Agus chreid e anns an Tighearna ; ag- 
us mheas e sin dha mar ionraca3. 

7 Agus thubhairt e ris, Is rnise an Tigh- 
earna a thug a mach thusa àh-Ur nan Cal- 
deach, a thoirt dhuit an fhearainn so, chum 
a shealbhacliadh mar oighre. 

8 Agus thubhairt esan, a Thighearna 
Dhè, cia leis a bhios fios agam gu'n sealbh- 
aich mi e ? 

9 Agus thubhairt e ris, Gabh dhomhsa 
agh thri bliadhna dh' aois, agus gabhar 
thri bJiadhna dh' aois, agus reithe thri 
bliadhna dh' aois, agus turfur, agus colum- 
an òg. 

10 Agus ghabh e dha fèin iad sin uile, 
agus roinn e iad sa' mheadhon, agus chuir 
e gach aon do na mìribh fa chomhair a 
leth-bhreac ; ach cha do roinn e na h-eoin. 

11 Agus 'nuair a thàinig an eunlaith a 
nuas air na cairbhean, dh' fheudaich Abram 
air falbh iad. 

12 Agus 'nuair a bha ghrian a' dol fuidh, 
thuit codal trom air Abram ; agus, feuch, 
thuit uamhann dorchadais mhòir air. 

13 Agus thubhairt e ri h-Abram, Biodh 
fios gu cinnteach agad, gu 'm bi do shlioch 



CAIB. XVI. XVII. 



11 



'nan eoigrich ann an dùthaich nach leo 
fèin ; agus ni iad seirbhis dhoibh, agus 
buiuidh iad gu cruaidh riu ceithir cheud 
bliadhna. 

14 Agus raar an ceudna air a* chinneach 
sin d' au dean iad seirbhis, bheir mise breth : 
agus 'na dheigli sin thig iad a mach le 
maoin mliòir. 

15 Agus thèid thusa dh'ionnsuidh t' aith- 
riclie an sìth; adhlaicear thu an deadh 
sheau aois. 

16 Ach anns a' cheathramh linn thig iad 
an so air an ais, oir cha 'n 'eil aingidheachd 
nan Amorach fathast ioralan. 

17 Agus 'nuair a bha ghrian air dol fuidh, 
bha dorchadas ann; agus, feuch, amhuinn 
dheataich agus leus teine, a chaidh eadar 
na mìribh siu. 

18 Air an là sin fèin rinn an Tighearna 
coimhcheangal ri h-Abram, ag ràdh, Do d' 
shliochdsa tliug mi am fearann so, o amh- 
ainn na h-Eiphit, gu ruig an amhainn 
mhòr, amhainn Euphrates: 

19 Na Cenich, agus na Cenidsich, agus 
na Cadmonaich, 

20 Agus na Hitich, agus na Peridsich, 
agus na Rephaimich, 

21 Agus na h-Amoraicli, agus na Ca- 
naanaich, agus na Girgasaich, agus na le- 
busaich. 

CAIB. XVI. 

ANIS cha d' rug Sarai, bean Abraim, 
clann da; agus bha banoglach Eiphit- 
each aice, d' am b\ ainm Hagar. 

2 Agus thubhairt Sarai ri h-Abram, 
Feuch a nis, chum an Tighearna mi o 
ehlann a bhreith : rach a steach, guidfaeam 
ort, adh'ionnsuidhmobhanoglaich ; theag- 
amh gu'm faigh mi clann leatha-sa. Agus 
dh' èisd Abram ri guth Sharai. 

3 Agus ghabh Sarai, bean Abraim, Ha- 
gar a' bhan-Eiphiteach, a banoglach fèin, 
an dèigh do Abrarà còmhnuidh ghabhail 
deich bliadhna aun an tir Chauaain, agus 
thug si i d' a fear Abram, gu bhi aige mar 
mhnaoi. 

4 Agus ehaidh esan a steach gu Hagar, 
agus dh' fhàs i torrach: agus 'nuair a 
chunnaic i gu 'n d' fhàs i torrach, bha a 
bana-mhaighstir tàireil 'na sùilibh. 

5 Agus thubhairt Sarai ri h-Abram, 
Biodh ra' eucoir ortsa: thug mi mo bhan- 
oglach do d' uchd ; agus 'nuair a chunnaic 
i gu 'n d' f hàs i torrach, bha mise tàireil 'na 
sùilibh : Gu 'n d' thugadh an Tighearna 
breth eadar mise agus thusa. 

6 Ach thubhairt Abram ri Sarai, Feuch, 
a ta do bhanoglach a' d' làimh fèin, dean 
rithe mar is àill leat. Agus an uair a 
bhuin Sarai gu cruaidh rithe, theich i o 
'gnùis. 

7 Agus fhuair aingeal an Tighearn i 
làimh ri tobar uisge sau fhàsach, làimh ris 
an tobar san t-slighe gu Sur. 

8 Agus thubhairt e, A Hagar, a bhan- 
oglach Sharai, cia as a thàinig thu, agus 
c' àit tha thu dol ? Agus thuhhairt ise, 
Tha rai a' teicheadh o ghnùis Sharai mo 
iràaua-mhaighstir. 

9 Agus thubhairt aingeal an Tighearna 
rithe, Pill a dh' ionnsuidh do bhana-inhaigh- 
stir, agus ùmhlaich thu fèin f ' a làimh. 



10 Agus thubhairt aingeal an Tighearna 
rithe, Meudaichidh mise gu mòr do 
shliochd, agus cha 'n àirrahear e thaobh 
lìonmhoireachd. 

11 Agus thubhairt aingeal an Tighearna 
rithe, Feuch, tha thu torrach, agus beiridh 
tu mac, aifus bheir thu Ismael mar ainm 
air, do bhrìgh gu 'n d' èisd an Tighearna ri 
t' anshocair. 

12 Agus bithidh e 'na dhuine fiadhaich ; 
hithidh a làmh an aghaidh gach duine, ag- 
us làmh gach duinc 'na aghaidh-san : agus 
am fianuis a bhràithrean uile gabhaidh e 
còmbnuidh. 

13 Agus ghoir i ainm an Tighearn a labh 
air rithe, Ihusa Dhè a ta 'g am fhaicinn ; 
oir thubhairti, An e gu 'nrobh agams' ànn 
an so mar an ceudna sùil ris an 'i'ì sin a ta 
'gara fhaicinn ? ^ 

14 Uime sin ghoir i do 'n tobaf, Beer-la- 
hairoi; feuch.a ta e eadar Cades agus Bered. 

15 Agus rug Hagar mac do Abrain: ag- 
us thug Abram Ismael mar ainm air a 
mhac, a rug Hagar. 

16 Agus bha Abram ceithir fichead agus 
sè bliadhna dh' aois, 'nuair a rug Hagar ls- 
mael do Abram. 

CAIB. XVII. 
A GUS 'nuair a bha Abram ceithir fichead 
jljl agus naoi bliadhna deug a dh' aois, 
dh' fhoillsich an Tighearn e fèin da, agus 
thubhairt e ris, Is mise 'n Dia uile-chumh- 
achdach ; gluais thusa a' m' fhianuis, agus 
bi iomlan. 

2 Agus ni mi mo choimhcheangal eadar 
raise agus thusa, agus meudaichidh mi thu 
gu 'n-anabarrach. 

3 Agus thuit Abram air 'eudan, agus 
labhair an Tighearna ris, ag ràdh, 

4 Do m' thaobhsa, feuch, a ta mo 
choimhcheangal riutsa, agus bithidh tu a' 
t' athair mhòrain chinneach : 

5 Agus ni 'n toirear à so a raach Abram 
mar ainm ort, ach bithidh Abraham agad 
mar ainm ; oir rinn mi fehu a' t' athair 
mhòrain chinneach. 

6 Agus ni mi thu ro-shìolmhor, agus ni 
mi dhìot cinnich, agus thig righrean a 
mach asad. 

7 Agus daingnichidh mi mo choimh. 
cheangal eadar mise agus thusa, agus do 
shliochd a' d' dhèigh, 'nan ginealathaibh, 
mar choimhcheangal si^rruidh, gu bhi 
m' Dhia dhuitse, agus do d' shliochd a' d' 
dhèigh. 

8 Agus bheir mi dhuitse, agus do d' 
shliochd a' d' dhèigh, am fearanu anns am 
bheil thu a' d' choigreach, tìr Chanaaiu 
uile, mar sheilbh shìorruidh ; agus bithidh 
mise a' m' Dhia dhoibh. 

9 Agus thubhairt Dia ri h-Abraham, 
Coimhididh tu uime sin mo choimh- 
cheangal, thu^em, agus do shliochd a' d' 
dhèigh, 'nan giuealachaibh. 

10 So mo choimhcheangal, a choimhid 
eas sibh, eadar mise agus sibhse, agus do 
sliliochd a' d' dhèigh ; Gu 'n timchioll- 
ghearrar gach leanabh mic 'nur measg. 

11 Agus timchioll-ghearraidh sibh feoil 
bhur roimh-chroicinn, agus bithidh e 'na 
chomhar' a' choiracheangail eadar mise 
agus sibhse. 



12 



GENESIS. 



12 Agus am mac 'nur measg a bhios ochd 
làithean a dh' aois, timchioll-ghearrar e, 
gach leanabh mic 'nur ginealacnaibh, esan 
a bheirear san tigh, no cheannachar le 
h-airgiod o choigreach air bith, nach 'eil 
do d' shliochd-sa. 

13 Timchioll-ghearrar gu cinnteach esan 
a bheirear a' d' thigh, agus esan a cheann- 
achar le t' airgiod : agusbithidh mo choimh- 
cheangal 'nur feoil-sa mar choimhcheangal 
sìorruidh. 

14 Agus an leanabh mic neo-thimchioll- 
ghearrta, aig nach timchioll-ghearrar feoil 
a roimh-chroicinn, gearrar an t-anam sin 
a mach o 'shluagh : bhris e mo choimh- 
cheangal. 

15 Agus thubhairt Dia ri h-Abraham, A 
thaobh Sharai do mhnà, cha toir thu Sarai 
mar ainin oirre, oir is e Sarah a h-ainm. 

16 Agus beannaichidh mis' i, agus bheir 
mi dhuit mar an ceudna mac uaithe : 
seadh, beannaichidh mi i, agus bithidh i 
'na màthair chinneach ; thig righrean 
phoibleach uaithe. 

17 An sin thuit Abrabam air 'aghaidh, 
agus rinn e gàire ; agus thubhairt e 'na 
chridhe, Am beirear rnac dhasan a ta ceud 
bliadhna dh' aois ? Agus am beir Sarah, a 
ta deich agus ceithir fichead bliadhna 
dh' aois, mac ? 

18 Agus thubhairt Abraham ri Dia, O gu 
maireadh Ismael beò a' t' fhianuis ! 

19 Agus thubhairt Dia, Gu cinnteaeh 
beiridh do bhean Sarah mac dhuit; agus 
bheir thu Isaae mar ainra air : agus daing- 
nichidh mise mo choimhcheangal ris mar 
choimhcheangal siorruidli, agus r'a shliochd 
'na dhèigh. 

20 Agus a thaobh Ismaeil, chuala mi 
thu : Feuch, bheannaich mi e, agus ni mi 
sìolmhor e, agus cuiridh mi 'n lìonmhoir- 
eachd e gu h-anabarrach. Dà cheannard 
deug ginidh e, agus ni mi e 'na chinneach 
mòr. 

21 Ach mo choimhcheangal daingnich- 
idh mi ri h-Isaac, a bheireas Sarah dhuit 
san àm so anns an ath bhliadhna. 

22 Agus sguir e bhi labhairt ris ; agus 
chaidh Dia suas o Abraham. 

23 Agus ghabh Abraham Ismael a mhac, 
agus iadsan uile a rugadh 'na thigh, agus 
iadsan uile a cheannachadh le 'airgiod-san, 
gach firionnach am measg dhaoine tighe 
Abrahaim ; agUs thimchioll-ghearr e feoil 
an roimh-chroicinn anns a* cheart là sin 
fèin, mar a thubhairt Dia ris. 

24 Agus bha Abraham ceithir fichead 
agus naoi bliadhna deug a dh' aois, 'nuair 
a thimchioll-ghearradh dha feoil a roimh- 
chroicinn. 

25 Agus bha Ismael a mhac tri bliadhna 
deug a dh' aois, 'nuair a thimchioll-ghearr- 
adh dha feoil a roimh-chroicinn. 

26 Anns a' cheart là sin fèin thimchioll- 
ghearradh Abraham, agus Ismael a mhac. 

27 Agus thimchioll-ghearradh maille ris 
uile dhaoine a thighe, a rugadh 'n a thigh, 
agus iadsan a cheannachadli le h-airgiod o 
mhac coigrich. 

CAIB. XVIII. 

AGUS dh' fhoillsich an Tighearn e fèin 
da ann an còmhnard Mhamre, agus e 



'na shuidhe an dorus a' bhutlia ann an teas 
an là. 

2 Agus thog e suas a shùilean, agu3 
dh' amhairc e, agus, feuch, blia triuir 
dhaoine a' seasamh làimh ris ; agus 'nuair 
a chunnaic e iad, ruith e 'nan coinneamh 
o dhorus a' bhùtha, agus chrom se e fèin 
gu làr, 

3 Agus thubhairt e, Mo thighearna, ma 
fhuair mi nis deadh-ghean a' d' shùilibh, 
guidheam ort, na rach seachad air do 
sheirbhiseach. 

4 Thugar an so, guidheam oirbh, beagan 
uisge, agus ionnlaidibh bhur cosan, agus 
leigibh bhur n-anail fo 'n chraoibh ; 

5 Agus bheir mise an so greim arain, 
agus neartaichibh bhur cridhe : an dèigh sin 
imichidh sibh roimhibh, oir is ann uime sin 
a thàinig sibh a dh' ionnsuidh bhur seirbh- 
isich. Agus thubhairt iadsau, Dean eadh- 
on mar a thubhairt thu. 

6 Agus ghreas Abraham do 'n bhùth a 
dh' ionnsuidh Sharah, agus thubhairt e, 
Dean cabhag, taoisinn tri miosairean do 
mhin phlùr, agus dean arain air lic an 
teintein. 

7 Agus ruith Abraham adh' ionnsuidh a* 
chruidh, agus ghabh e laogh maoth agus 
maith, agus thug e dh' òganach e, agus rmn 
e deifir g' a dheasachadh. 

8 Agus ghabh e im agus bainne, agus an 
laogh a dheasaich e, agus chuir e air am 
beulaobh iad ; agus sheas e làimh riu fo 'n 
chraoibh, agus dh' ith iad. 

9 Agus thubhairt iad ris, C' àit an bheil 
Sarah do bhean ? Agus thubhairt esan, 
Feuch, anns a' bhùth. 

10 Agus thubhairt e, Gu cinnteach pill- 
idh mi t' ionnsuidh a rèir àm na beatha ; 
agus, feuch, bithidh mac aig Sarah do 
bhean. Agus chuala Sarah sinn an dorus 
a' bhùtha, a bha air a chùl. 

11 A nis bha Abraham agus Sarah sean, 
agus air dol air an aghaidh gu maith ann 
an aois : agus sguir Sarah a bhi rèir dòigh 
nam ban. 

12 Uime sin rinn Sarah gàire innte fèin, 
ag ràdh, An dèigh dhomhsa fàs aosda, am 
bi subhachas agam, agus gu bheil mo thigh- 
earn aosda mar an ceudna ? 

13 Agus thubhairt an Tighearna ri h-A- 
braham, C' ar son a rinn Sarah gàire, ag 
ràdh, 'N e gu 'ra beir mise gu cinnteach 
leanabh, agus mi aosmhor ? 

14 Am bheil ni air bith do-dheanta do 
'n Tighearna ? San àra shuidhichte pillidh 
mi a t'ionnsuidh, a rèir àm na beatha, agus 
bithidh mac aig Sarah. 

15 An sin dh' àicheadh Sarah, ag ràdh, 
Cha d' rinn mi gàire : oir bha eagal oirre. 
Agus thubhairt esan, Ni h-eadh, oir rinn 
thu gàire. 

16 Agus dh' èirich na daoine as a sin, ag- 
us dh' amhairc iad rathad Shodoim : agus 
chaidh Abraham maille riu g' an cur air an 
t-slighe. 

17 Agus thubhairt an Tighearn, An ceil 
mi air Abraham an ni sin a ta mi gus a 
dheanamh ; 

18 Agus gu 'm fàs Abraham gu cinnteach 
'na chinneach mòr agus cumhai hdacli, ag- 
us gu 'm beannaichear annsan uile chinnich 
na talmhainn ? 



CAIB. 

19 Oir is aithne dhomh e, gu 'n toir e 
àithue d'a chloinn, agus d'atheaghlach 'na 
dhèigh, agus gleidhìdh iadsan slighe an 
Tighearn. a' deanarali ceartais agus breith- 
eanais; chum as gu 'n toir an Tighearn air 
Abraham au ni sin a labhair e m' a thim- 
chioll. 

20 Agus thubhairt an Tighearna, Do 
bhrìgh gu bheil glaodh Shodoim agus Gho- 
morrah mòr, agus do bhrìgh gu bheil am 
peacadh air 'antromachadh gu h-anabarr- 
ach ; 

21 Thèid mi sìos a nis, agus chi mi ma 
riun iad gu leir a rèir a' ghlaoidh, a thàinig 
a m' iounsuidh ; agus mar do rinn, bithidh 
lios agam. 

22 Agus thionndaidh na daoine an agh- 
aidh as a sin, agus ghabh iad an t-slighe gu 
Sodom : ach sheas Abraham fathast an 
làthair an Tighearn. 

23 Agus thàinig Abraham am fagus, ag- 
us thubhairt e, an sgrìos thusa mar an 
ceudna an t-ionracan maille ris an aing-- 
idh ? 

24 Ma 's e 's gu bheil leth-cheud ionracan 
an taobh a stigh do 'n bhaile, an sgrios thu 
mar an ceudna, agus nach caomhain thu 
'n t-àit air son an leth-cheud ionracan a ta 
ann. 

25 Gu ma fada robh e uaitse a dheanamh 
air an dòigh so,an t-ionracan a mharbhadh 
maille ris an aingidh, ionnus gu 'm bi an 
t-iouracan mar an t-aingidh : gu ma fada 
robh sin uaitse. Nach dean Breitheamh na 
talmhainn uile ceartas ? 

26 Agus thubhairt an Tighearna, Ma 
gheibh mi ann an Sodom leth-cheud ion- 
racan an taobh a stigh do 'n bhaile, an sin 
caomhnaidh mi an t' àit uile air an sgàth- 
san. 

27 Agus fhreagair Abraham, agus thubh- 
airt e, Feueh a nis, ghabh mi orm fèin labh- 
airt ri m' Thighearna, agus gun annam ach 
duslach agus luaithre. 

28 Ma 's e 's gu 'm bi cùigear a dh' uireas- 
bhuidh air an leth-c.heud ionracan, an 
sgrios thu 'm baile uile air son easbhuidh 
chùigir ? Agus thubhairt e, Cha sgrios mi 
e, ma gheibh mi 'n sin cùig agus dà f hich- 
ead. 

29 Agus labhair e ris a rìs, agus thubh- 
airt e, Ma 's e 's gu 'm faighear an sin dà 
f hichead ? Agus thubhairt e, Cha dean mi 
e air sgàth dhà fhichead. 

30 Agus thubhairt e ris, Och ! na biodh 
fearg air mo Thighearn, agus labhraidhmi : 
Ma s e 's gu 'm faighear an sin deich 'ar 
fhichead ? Agus thubhairt e, Cha dean mi 
e, ma gheibh mi 'n sin deich 'ar fhichead. 

31 Agus thubhairt e, Feuch a nis, ghabh 
mi orm fèin labhairt ri m' Thighearna : 
Ma 's e 's gu 'm faighear fìchead an sin ? 
Agus thubhairt e, Cha sgrios mi e air son 
fhichead. 

32 Agus thubhairt e, Och ! na biodh 
fearg air mo Thighearn, agus labhraidh mi 
mhàin an aon uair so : Ma's e's gu'm faigh- 
ear deichnear an sin ? Agus thubhairt e, 
Cha sgrios mi e air sgàth dheichnear. 

33 Agus dh' imich an Tighearna roimhe, 
'nuair a sguir e do labhairt ri h-Abraham : 
agus phill Abraham g' a àite fèin. 



XIX. 13 

CAIB. XIX. 

AGUS thàinig dà aingeal do Shodom san 
fheasgar, agus bha Lot 'na shuidhe 
ann an geata Shodoim : agus "nuair a 
chunnaic Lot iad, dh' èirich e suas 'nan 
coinneamh, agus chrom se e fèin air 'agh- 
aidh gu iàr. 

2 Agus thubhairt e, Feuch a nis, mo 
thighearnan, tionndaidhibh a steachr 
guidheam oirbh, do thigh bhur seirbhisich, 
agus fanaibh rè na h-oidhche, agus ionn- 
laidibh bhur cosan, agus èiridh sibh gu 
moch, agus thèid sibh air bhur turus. Ag- 
us thubhairt iad, Ni h-eadh, ach fanaidh 
sinn air an t-sràid rè na h-oidhche. 

3 Agus choimh-èignich e iad, agus 
thionndaidh iad d' a ionnsuidh, agus chaidh. 
iad a steach d' a thigh : agus rinn e cuirm 
dhoibh, agus dheasaich e aran neo-ghoirt- 
ichte, agus dh' ith iad. 

4 Acli mu 'n deachaidh iad a luidhe, 
chuairtich daoine a' bhaile an tigh, eadhon 
daoine Shodoim, araon seau agus òg, an 
sluagh uile o gach cearna. 

5 Agus ghairm iad air Lot, agus thubh- 
airt iad ris, C' àit am blieil na daoine a 
thàinig a t' ionnsuidh an nochd ? Thoir a 
mach iad d' ar n-ionnsuidh, chum as gu 'n 
aithnich sinn iad. 

6 Agus chaidh Lot a mach d' an ionn- 
suidh air an dorus, agus dhruid e 'n dorus 
'na dhèigh, 

7 Agus thubhairt e, Na deanaibh, guidh- 
eam oìrbh, mo bhràithre, gnìomh cho olc. 

8 Feuch a nis, tha agam dithis nighean 
do nach b' aithne fear ; leigibh leam, guidh- 
eam oirbh, an toirt a mach d' ur n-ionn- 
suidh, agus deanaibh riu mar is àill leibh : 
a mhàin air na daoinibh so na deauaibh 
a bheag, oir is ann a chum na crìche so 
a thàinig iad fuidh sgàile mo thighe-sa. 

9 Agus thubliairt iadsan, Seas air t' àis. 
Agus thubhairt iad a rìs, Thàinig am fear 
so 'na aonar air chuairt, agus is àillleis a 
bhi 'na bhreitheamh : a nìs buinidh sinne 
riutsa ni 's miosa na riu-san. Agus rinu 
iad èigin mhòr air an duine, eadhon air 
Lot, agus thàinig iad am fagus a bhriseadh 
an doruis. 

10 Ach chuir na daoine mach an làmh, 
agus thug iad Lot a steach d' an ionnsuidh 
do 'n tigh, agus dhùin iad an dorus. 

11 Agus bhuail iad na daoine, a bha aig 
dorus an tighe, le doille, eadar bheag agus 
mhòr; ionnus gu 'n do sgithich iad iad 
fèin ag iarraidh an doruis. 

12 Agus thubhairt na daoine ri Lot, Cò 
tuilleadh a tti agad an so ? Bo chliamhuin, 
agus do mhic, agus do nigheanan, agus ge 
b' e ni a ta agad sa' bhaile, thoir a mach iad 
as an àite so : 

13 Oir tha sinne gus an t-àite so a sgrios, 
do bhrìgh gu bheil an glaodh air fàs mòr an 
làthair an Tighearn ; agus chuir an Tigh- 
earna sinne g' a sgrios. 

14 Agus chaidh Lot a mach, agus labhair 
e r' a chleamhnaibh, a phòs a nigheaiian, 
agus thubhairt e, Eiribh, rachaibh a mach 
as an àite so, oir tha 'n Tighearna gus am 
baile so a sgrìos : Ach bha e raar neadi a 
bha ri fanoid ann an sùilibh a c.bleamhuan. 

15 Agus 'nuair a dh' èirich a' mhaduinn, 

ìi 2 



14 



GENESIS. 



an sin ghreas na h-aingll Lot, ag ràdh, Eir- 
ich, gabh do bhean, agus do dhithis nigh- 
ean a ta 'n so, air eagal gu 'n sgriosar thu 
ann an aingidheachd a' hhaile. 

16 Agus 'nuair a bha e a' deanamh 
moille, an sin rug na daoine air làimh air, 
agus air làirah air a mhnaoi, agus air làimh 
air a dhithis nighean ; air do 'n Tighearna 
bhi tròcaireach dha ; agus thug iad a mach 
e, agus chuir iad e 'n taobh a muigh do 'n 
bhaile. 

17 Agus 'nuair a thug iad a mach iad, 
thubhairt e, Teich air son t' anama ; na 
seall a' d' dhèigh, agus na stad sa' chòmh- 
nard uile : teich do 'n t-sliabh, air eagal gu 
millear thu. 

18 Agus thubhairt Lot riu, Och ! nih-ann 
mar sin, mo thighearna. 

19 Feuch a nis, fhuair do sheirbhiseach 
deadh-ghean a'd' shùilibh, agus mheudaich 
thu do thròcair, a nochd thu dhomh-sa le 
m' anam a theasairginn : agus cha 'n urr- 
ainn mise dol as do 'n t-sliabh, air eagal 
gu 'n tig olc èigin orm, agus gu 'm faigh mi 
bàs. 

20 Feuch a nis, tha 'm baile ud am fagus 
gu teicheadh d' a ionnsuidh, agus e beag ; 
ìeigear dhomh a nis teicheadh an sud, (nach 
beag e ?) agus bithidh m' anam beò. 

21 Agus thubhairt e ris, Feuch, ghabh 
mi ri t' athchuinge san ni so mar an eeud- 
na, nach sgrios zni 'm baile so, mu 'n do 
labhair thu. 

22 Greas ort, teich an sud, oir cha 'n 
urrainn mi ni air bith a dheanamh gus an 
tèid thu 'n sud : uime sin thugadh Soar mar 
ainm air a' bhaile. 

23 Bha ghrian air èirigh air an talamh, 
'nuair a chaidh Lot a steach do Shoar. 

24 An sin thug an Tighearn air pronn- 
usc agus teine frasadh air Sodom agus air 
Gomorrah, a nuas o 'n Tighearn as na 
nèamhan. 

25 Agus sgrios e na bailte sin, agus an 
còmhnàrd uile, agus uile luchd-àiteachaidh 
nan bailtean, agus na dh' fhàs air an tal- 
amh. 

26 Ach sheall a bhean 'na dèigh o 'chul- 
aobh, agus dh' fhàs i 'na carragh salainn. 

27 Agus chaidh Abraham suas moch sa' 
mhaduinn do 'n àit anns an do sheas e an 
làthair an Tighearna. 

28 Agus sheall e air Sodom agus Go- 
morrah, agus air fearann a' chòmhnaird 
uile, agus chunnaic e, agus, feuch, chaidh 
deatach na tìre suas mar dheatach àmh- 
uinn. 

29 Agus an uair a sgrios Dia bailtean a' 
chòmhnaird, an sin chuimhnich Dia air 
Abraham, agus chuir e mach Lot à meadh- 
on an lèir-sgrios, 'nuair a sgrios e na bailt- 
ean anns an robh Lot 'na chòmhnuidh. 

30 Agus chaidh Lot suas à Soar, agus 
ghabh e còmhnuidh san t-sliabh, agus a 
dhithis nighean ìnaille ris ; oir bha eagal air 
còmhnuidh ghabhail ann an Soar: agus 
ghabh e còmhnuidh ann an uaimh, e fèin 
agus a dhithis nighean. 

31 Agus thubhairt an tè bu shine ris an 
tè a b' òige, Tha ar n-àthair sean, agus cha 
"n 'eil fear air an talamh gu teachd a steach 
d' ar n-ionnsuidh a rèir gnàtha na talmh- 
vàoxi uile. 



32 Thig, thugamaid air ar n-athairfion 
òl, agus luidheamaid maille ris, chum as 
gu 'ri glèidh sinn silochd o ar n-athair. 

33 Agus thug iad air an athair fìon òl air 
an oidhche sin: agus chaidh an tè bu shine 
steach, agus luidn i maille r' a h-athair; 
agus cha do mhothaich e 'nuair a luidh i 
sìos, no 'nuair a dh' èirich i. 

34 Agus air an tà-màireach thubhairt an 
tè bu sinne ris an tè a b' òige, Feuch, luidh 
mise an raoir maille ri m' athair ; thug- 
amaid air fìon òl an nochd mar an ceudna, 
agus theirig a steach, agus luidh maille 
ris, chum as gu 'n glèidh sinn sliochd o ar 
n-athair. 

35 Agus thug iad air an athair fion òl air 
an oidhche sin mar an ceudna : agus dh'èir- 
ich an tè a b' òige, agus luidh i maille ris, 
agus cha do mhothaich e 'nuair a luidh i 
sìos, no 'nuair a dh' èirich i. 

36 Mar so bha dithis nighean Lot torrach 
aig an athair. 

37 Agus rug an tè bu shine mac, agus 
thug i Moàb mar ainm air : is esan athair 
nam Moabach gus an là 'n diugh. 

38 Agus an tè a b' òige, rug ise mar an 
ceudna mac, agus thug i Ben-ammi mar 
ainm air : is esan athair chloinn Ammoin 
gus an là 'n diugh. 

CAIB. XX. 

AGUS dh' imich Abraham as a sin do 'n 
tìr mu dheas, agus ghabh e còmh- 
nuidh eadar Cades agus Sur ; agus bha e 
air chuairt ann an Gerar. 

2 Agus thubhairt Abraham mu Sharah 
a bhean, ' Si mo phiuthar i : Agus chuir A- 
bimelech righ Gherair teachaaire uaith, 
agus ghabh e Sarah. 

3 Agus thàinig Dia gu Abimelech ann 
an aisling san oidhclie, agus thubhairt e ris, 
Feuch, is duine marbh thu air son na mnà 
a ghabh thu ; oir is bean duine eile i. 

4 Ach cha d' thàinig Abimelech am fagus 
d' i, agus thubhairt e, A Thighearna, am 
marbh thu mar an ceudna cinneach ion- 
ruic? 

5 Nach d' thubhairt esan riumsa, ' Si mo 
phiuthar i ? agus thubhairt ise, eadhon ise 
fèin, ' Se mo bhràthair e : ann an treibhdhir- 
eas mo chridhe, agus ann an neo-chionta 
mo làmh rinn mi so. 

6 Agus thubhairt Dia ris ann an aisling, 
Seadh, tha fios agam gur ann an treibhdhir- 
eas do chridhe a rinn thu so, agus chum 
mise mar an ceudna thu o pheacachadh 
a' m' aghaidh : uime sin cha do leig mi leat 
beantuinn rithe. 

7 A nis ma ta, thoir air a h-ais do 'n duine 
a bhean ; oir is fàidh e, agus ni e urnuigh 
air do shon, agus bithidh tu beò : ach mur 
toir thu air a h-ais i, biodh fios agad gu 'm 
faigh thu bàs gu cinnteach, thu fèin agus 
gach uile a 's leat. 

8 Uime sin dh' èirich Abimelech moch sa' 
mhaduinn, agus ghairm e a sheirbhisich 
uile, agus dh' aithris e na nithe sin uile 
'nan èisdeachd ; agus bha eagal mòr air na 
daoine. 

9 An sin ghairm Abimelech air Abraham, 
agus thubhairt e ris, ciod so a rinn thu 
oirnn ? agus ciod an eucoir a rinn mise ort, 
gu 'n d' thug thu ormsa, agus air mo rìogh- 



CAIB. 

achd peacadh mòr ? rinn thu gnìomharan 
ormsa nach bu chòir a dheanamh. 

10 Agus thubhairt Abimelech ri h- Abra- 
ham, Ciod a chunnaic thu, gu 'n d' rinn thu 
an ni so ? 

11 Agus thubhairt Abraham, A chionn 
gu 'n d' thubhairt mi annamfèm, Gu cinn- 
teach cha 'n 'eil eagal an Tighearna san ion- 
ad so ; agus marbhaidh iad mi air son mo 
mhnà. 

12 Agus gidheadh is i gu deimhin mo 
phiuthar, nighean m' athar i, ach cha 'n i 
nighean mo mhàthar : agus bha i agam mar 
mhnaoi. 

13 Agus 'nuair athug Dia orm dol air 
m' aineol o thigh m' athar, an sin thubhairt 
mi rithe, ' Se so do chaoimhneas a nochdas 
tu dhomhsa ; Anns gach àite d' an tig sinn, 
abair mu m' thimehioll, ' Se rao bhràtìiair e. 

14 Agus ghabh Abimelech caoraich, ag- 
us buar, agusòglaich, agus banoglaicli, ag- 
us thug e iad a dh' Abrahara, agus thug e 
air a h-ais dha Sarah a bhean. 

15 Agus thubhairt Abimelech, Feuch, 
tha m' fhearann fa d' chomhair; gabh 
còmhnuidh far an taitneach leat. 

16 Agus ri Sarah thubhairt e, Feuch, 
thug mi mìle bonn airgid do d' bhràthair : 
feuch, tha e dhuitse 'na chòmhdacliadh sùl 
do gach uile a ta maille riut, agus maille 
ris gach uile : mar so fhuair i achmhasan. 

17 Agus rinn Abraham urnuigh ri Dia; 
agus leighis Dia Abimelech, agus a bhean, 
agus a bhanoglaich, agus rug iad clann. 

18 Oir dhruid an Tighearna suas gach 
bolg ann au teaghlach Abimeleich, air son 
Sharah mnà Abrahaim. 

CAIB. XXI. 

AGUS dh' amhairc an Tighearn air Sa- 
rah mar a thubhairt e ; agus rinn an 
Tighearna do Sharah mar a labhair e : 

2 Oir dh' fhàs Sarah torrach, agus rug i 
mac do Abraham 'na shean aois, san àm 
simidhichte mu 'n do labhair Dia ris. 

3 Agus thug Abraham Isaac mar ainm 
air a mhac a rugadh dha, a rug Sarah dha. 

4 Agus thimchioll-ghearr Abraham Isaac 
a mhac, 'nuair a bha e ochd làithean a dh'- 
aois, mar a dh' àithn Dia dha. 

5 Agus bha Abraham ceud bliadhna dh'- 
aois, 'nuair a rugadh a mhac Isaac dha. 

6 Agus thubhairt Sarah, Thug Dia orm 
gàire dheanamh : agus gacli neach a 
chluinneas, ni e gàirelnaille rium. 

7 Agus thubhairt i, Cò a theireadh ri 
h- Abraham, gu 'u d' thugadh Sarah cìoch do 
chloinn ? oir rug mi mac dlia 'na shean 
aois. 

8 Agus dh' fhàs an leanabh, agus chuir- 
eadh bhàrr na cìche e : Agus rinn Abra- 
ham cuirm mhòr san là an do chuireadh Is- 
aac bhàrr na cìche. 

9 Agus chunnaic Sarah mac Hagair na 
ban-Eiphitich, arug i dh' Abraham, ri fan- 
oid. 

10 Uime sin thubhairt i ri h-Abraham, 
Tilg a mach a' bhan-tràill so, agus a mac ; 
oir cha bhi mac na ban-tràille so'na oighre 
maille ri m' mhac-sa, eadhon ri h-Isaac. 

11 Agus bha an ni ro-dhoilgheasach ann 
an sùilibh Abrahaim, air son a mhic. 

12 Agus thubhairt Dia ri h-Abraham, 



XXI. 15 

Na biodh e doilgheasach a' d' shùilibh air 
son an òganaich, agus air son do bhan- 
tràille : a thaobh gach ni a thubhairt Sarah 
riut, èisd r' a guth ; oir is ann an Isaac a 
dh' ainmichear dhuitse sliochd. 

13 Agus mar an ceudna do mhac na ban- 
tràille ni mise cinneach, do bhrìgh gur e do 
shliochd-sa e. 

14 Agus dh' èirich Abraham suas gu 
moch sa' mhaduinn, agus ghabh e aran, ag- 
us searrag uisge, agus thug e sin do Hagar, 
agus chuir e air a gualainn e, agus an lean- 
abh ; agus chuir e air falbh i : agus dh' im- 
ich i, agus chaidh i air seacharan am fàsach 
Bheer-seba. 

15 Agus chaitheadh an t-uisge o'n t-searr- 
aig ; agus thilg i an leanabh fuidh aon dp 
na preasaibh. 

16 Agus dh' fhalbh i, agus shuidh i sios 
f' a chomhair, tamull maith uaith, mu thim- 
chioll urchuir saighde : oir thubhairt i, Na 
faiceara bàs an leinibh. Agus shuidh i f a 
chomhair, agus thog i suas a guth, agus 
ghuil i. 

17 Agus chuala Dia guth an òganaich : 
agusghairm aiugeal Dè air Hagar o nèamh, 
agus thubhairt e rithe, Ciod a t/ia teachd 
riut, a Hagar? Na biodh eagal ort ; oir 
chuala Dia guth an òganaich far am bheìl 
e. 

18 Eirich, tog suas an t-òganach, agus 
gabh greim a' d' làimh dheth, oir ni mise 
'na chinneach mòr e. 

19 Agus dh' fhosgail Dia a sùilean, agus 
chunnaic i tobar uisge ; agus chaidh i, agus 
lìon i an t-searrag ìe h-uisge, agus thug i 
deoch do 'n òganach. 

20 Agus bha Dia leis an òganach, agus 
dh' fhàs e suas : agus ghabh e còmhnuidh 
san fhàsach, agus bha e 'na fhear-bogha. 

21 Agus ghabh e còmhnuidh am fàsach 
Pharain : agus ghabh a mhàthair bean da 
à tìr na h-Eiphit. 

22 Agus san àm sin fein labhair Abime- 
lech, agus Phichoì àrd cheannard a 
shluaigh, ri h-Abraham, ag ràrìh, Tha Dia 
leat anns gach ni a ta thu a' deanamh. 

23 A nis uime sin mionnaich dhomhsa 
air Dia, nach buinthu gu fealltach riumaa, 
no ri m' mhac, no ri mac mo mhic; ach a 
rèir a' chaoimhneis a rinn mi riut, ni thusa 
riumsa, agus ris an tìr anns an robh thu air 
chuairt. 

24 Agus thubhairt Abraham, Bheir mi 
mo mhionnan. 

25 Agus thug Abraham achmhasan do 
Abimelech air son tobair uisge, a thug seir- 
bhisich Abimeleich a mach le h-ainneart. 

26 Agus thubhairt Abimelech, Cha 
b' r'hiosraeh mise cò rinn angnìomh so : cha 
d' innis thu fèin domh, agus cha mhò a 
chuala mi bheag m' a thimchioll ach an 
diugh. 

27 Agus ghabh Abrabam caoraich agus 
crodh, agus thug e iad do Abimelech : ag- 
us rinn iad le chèile coimhcheangal. 

28 Agus chuir Abraham seachd uain 
bhoirionn do 'n treud air leth leo fèin. 

29 Agus thubhairt Abimelech ri h-Abra- 
ham, Ciod iad na seachd uain bhoirionn 
sin, a chuir thu air leth leo fèin ? 

30 Agus thubhairt e, Oir gabhairìh tu na 
seachd uain bhoirionn sin o m' làimh ; 



16 



GENESIS. 



chura gu 'm bi iad 'nam fianuis dhomhsa 
gu 'n do chladliaich mi an tobar so. 

31 Uime sin thug e Beer-seba mar ainm 
air an àite sin, do bhrìgh an sin gu 'n d' thug 
iad am mionnan le clièile. 

32 Mar so rinn iad coimhcheangal aig 
Beer-seba: an sin dh' èirich Abimelech 
suas, agus Phichol àrd cheannard a 
shluaigh, agus phill iad do thìr nam Philis- 
teach. 

33 Agus shuidhich Abraham doire 
chraobh aig Beer-seba, agus ghairm e 'n sin 
air ainm an Tighearn, an De shiorruidh. 

34 Agus bha Abraham air chuairt ann 
an tìr nam Philisteach mòran do làithibh. 

CAIB. XXII. 

AGUS an dèigh nan nithe sin dhearbh 
Dia Abraham, agus thubhairt e ris, 
Abrahaim. Agus thubhairt e, Feuch, tha 
mi 'n so. 

2 Agus thubhairt esan, Gabh a nis do 
mhac, t'aon mhac Isaac, a's ionmhuinn leat, 
agus rach do thìr Mhoriah, agus thoir suas 
au sin e mar thabhartas-loisgte air aon do 
ua beanntaibh a dh' innseas mise dhuit. 

3 Agus dh' èirich Abraham gu moch sa' 
mhaduinn, agus dh' uighimich e 'asal, agus 
ghabh e dithis d' a òganaich maille ris, agus 
a mhac Isaac ; agus sgoilt e fiodh air son an 
tabhartais-loisgte, agus dh' èirich e suas, 
agus chaidh e do 'n àit a dh' innis Dia dha. 

4 A nis air an treas là tliog Abraham 
suas a shùilean, agus chunnaic e an t-àite 
fada uaith. 

5 Agus thubhairt Abraliam r' a òganaicli, 
Fanaibhse an so maille ris an asal, agus 
thèid mise agus an gille gu ruige sud, agus 
ni sinn aoradh, agus thig sinn a rìs d' ur 
n-ionnsuidh. 

6 Agus ghabh Abraham fiodh an tabh- 
artais-loisgte, agus clmir se e air muin a 
mhic Isaaic ; agus ghabh e 'na làimh an 
teine, agus an sgian : agus dh' imieh iadle 
chèile cuideachd. 

7 Agus labhair Isaac r' a athair Abraham, 
agus tliubhairt e, Athair : agus thubhairt 
esan, Feuch, tha mi 'n so, a mhic. Agus 
thubhairt e, Feuch an teine agus am fiodh ; 
ach c' àit am bheil an t-uan air son tabhart- 
ais-loisgte ? 

8 Agus thubhairt Abraham, Gheibh Dia, 
a mhic, uan dha fèin air son tabhartais- 
loisgte : Mar sin dh' imich iad cuideachd le 
chèile. 

9 Agus thàinig iad do 'n àit a dh' innis 
Dia dha, agus thog Abraham altair an sin, 
agus chuir e 'm tìodh an ordugh ; agus 
cheangail e a mhac Isaac, agus chuir e air 
an altair e air uachdar an fhiodha. 

10 Agus shìn Abraham a mach a làmh, 
agus ghabh e an sgian a mharbhadh a mhic. 

11 Agus ghlaodh aingeal an Tighearna 
ris o nèamli, agus thubhairt e, Abrahaim, 
Abrahaim. Agus thubhairt esan, Feuch, 
tha mi 'n so. 

12 Agus thubhairt e, Na leag do làmh air 
a' ghille, agus na dean ni sam bith air : oir 
a nis tha mi fiosrach gu bheil eagal Dè ort, 
do bhrìgh nach do chum thu do rahac, 
eadhon t' aon mhac uamsa. 

13 Agus thog Abraham suas a shùilean, 
agus dh' amhairc e, agus, feuch, reithe air 



a chùlaobh an sàs ann am preas air adh- 
aircean : aguschaidh Abraham, agusghabh 
e an reithe, agus thug e suas e mar thabh- 
artas-loisgte an àit a mliic. 

14 Agus thug Abraham Iehobhah-Iireh 
mar ainm air an àite sin : mar a theirear 
gus an là 'n diugh, Ann an sliabh an Tigh- 
earna chithear e. 

15 Agus ghlaodh aingeal an Tighearna 
ri h-Abraham an dara uair o nèamh, 

16 Agus thubhairt e, Orm fèin mhionn- 
aich mi, ars' an Tighearn, a chionn gu n 
d' rinn thu an ni so, agus nach do chumthu 
uam do mhac, eadhon t' aon mhac ; 

17 Gu 'm beannaich mi thu gu mòr, ag- 
us gu 'n dean mi do shliochd ro-lìonmhor 
eadhon mar reulta nèimh, agus mar an 
gaineamh, a ta air tràigh na fairge : agus 
sealbhaichidh do shliochd geatadh an 
naimhdean ; 

18 Agus beannaichear ann ad shliochd- 
sa uile chinnich na talmhainn, a chionn 
gu 'n d' èisd thu ri m' ghuth. 

19 Mar sin phill Abraham a dh' ionnsuidh 
'òganacha ; agus dh' èirich iad suas, agus 
chaidh iad cuideachd gu Beer-seba : agus 
ghabh Abraham còmhnuidh aig Bear-seba. 

20 Agus an dèigh nan nithe sin dh' inn- 
seadh do Abraham, ag ràdh, Feuch, rug 
Milcah mar an ceudua mic do d' bhràthair 
Nahor ; 

21 Husacheud-ghin, agus Budsabhràth- 
air, agus Cernuel athair Araim, 

22 Agus Chesed, agus Hadso, agus Pil- 
das, agus Idlaph, agus Betuel. 

23 Agus ghin Betuel Rebecah : an ochd- 
nar sin rug Milcah do Nahor, bràthair A- 
brahaim. 

24 Agus a leannan, d' am b' ainm Reu- 
mah, rug ise mar an ceudna Tebah, agus 
Gaham, agus Tahas, agus Maachah. 

CAIB. XXIII. 

AGUS bha Sarah beò ceud agus seachd 
bliadhnafichead ; b'iadso bfiadhnaeha 
beatha Sharah. 

2 Agus fhuair Sarah bàs ann an Ciriat- 
arba ; 'se sin Hebron ann an tìr Chanaain : 
Agus thàinig Abraham a dheanamh tuir- 
idh air son Sharah, agus a chaoidh air a 
son. 

3 Agus dh' èirich Abraham suas o làthair 
a mhairbh, agus labhair e ri mic Het, ag 
ràdh, 

4 Is coigreach agus fear-cuairt mise 
maille ribh : thugaibh dhomh sealbh àit- 
adhlaic maille ribh, agns gu 'n adhlaic mi 
mo mharbh as mo shealladh. 

5 Agus fhreagair mic Het Abraham, ag 
ràdh ris, 

6 Eisd ruinne, mothighearna: wuachd- 
aran cumhachdach thusa 'nar measg-ne ; 
ann an roghainn ar n-àiteachan-adhlaic, 
adhlaic do mharbh : cha chum duine 'nar 
measg-ne 'àit-adhlaic uait, gu d' mharbh 
adhlac ann. 

7 Agus dh' èirich Abraham suas, agus 
chrom se e fèin do mhuinntir na tire, eaah- 
on do mhic Het. 

8 Agus labhair e riu, ag ràdh, Ma's àill 
leibh gu 'n adhlaicinn ìno mharbh as mo 
shealladh, èisdibh rium, agus labhraibh air 
mo shon ri h-Ephron mac Shohair - t 



CAIB. XXIY. 



17 



9 Chum as gu 'n toir e dliorah uaimh 
Mhachpelah a ta aige, a ta ann au crìch 
'achaidh ; air son uiread airgid 's is fìu i, 
thugadh e dhomh i mar sheilbh àit-adhlaic 
'nur measgsa. 

10 Agus bha Ephron 'na chòmhnuidh 
ara measg chloinne Het. Agus fhreagair 
Ephrou an t-Hiteach Abraham ann au 
èisdeachd cloinne Het, eadhon gach neach 
a chaidh steach air geatadh a bhaile-san, 
ag ràdh, 

11 Na biodh e mar sin, mo thigliearna, 
èisd rium : an t-achadh bheir mi dhuit, 
agus an uaimh a ta ann, bheir mi dhuit i ; 
ann an làthair mhac mo dhaoine bheir mi 
dliuit i : adhlaic do mharbh. 

12 Agus chrom Abraham e fèin sìos an 
làthair muinntir na tìre. 

13 Agus labhair e ri h-Ephron, ann an 
èisdeachd muinntir na tìre, ag ràdh, Ach 
ma bheir thu seachad i, guidheam ort, èisd 
rium : bheir mi dhuit airgiod air son an 
achaidh, gabh uam e, agus adhlaicidh mi 
mo raharbh an sin. 

14 Agus fhreagair Ephron Abraham, ag 
ràdli ris, 

15 Mo thighearna, èisd rium : is fiu an 
t-achadh ceithir cheud secel airgid; ciod 
sin eadar mise agus thusa? uime sin adh- 
laic do mharbh. 

16 Agus dh' èisd Abraham ri h-Ephron, 
agus thomhais Abraham do Ephron an 
t-airgiod, a dh' ainmich e ann an èisdeachd 
mhac Het, ceithir cheud secel airgid, a 
ghabhas an ceannaiche. 

17 Agus rinneadh achadh Ephron, a.bha 
ann am Machpelah, a bha fa chomhair 
Mhamre, an t-achadh, agus an uaimh a bh' 
ann, agus gach craobh a bha san achadh, a 
bha 'na chrìch uile mu 'n cuairt, 

18 Daingean do Abraham mar sheilbh, 
ann an làthair cloinne Het, am fianuis gach 
neach a chaidh steach air geatadh a bhaile- 
san. 

19 Agus an dèigh sin dh' adhlaic Abra- 
ham Sarah a bhean, ann an uairah achaidh 
Mhachpelah, fa chomhair Mhamre: is e 
sin Hebron ann an tìr Chanaain. 

20 Agus rinneadh an t-achadh, agus an 
uaimh a ta ann, daingean do Abraham, 
mar sheilbh àit-adhlaic, le mic Het. 

CAIB. XXIV. 

AGUS bha Abraham sean,agz<s air teach d 
gu h-aois mhòir, agus bheannaich an 
Tighearn Abraham anns na h-uile nithibh. 

2 Agus thubhairt Abraham r'a sheir- 
bhiseach bu shine 'na thigh, aig an robh 
riaghladh gach ni a bh' aige, Cuir, guidh- 
eam ort, do làmh fo m' shliasaid ; 

3 Agus bheir mi ort mionnachadh air an 
Tighearna, Dia nèimh, agus Dia na talrah- 
aiun, nach gabh thu bean do m' mhac do 
nigheanaibh nan Canaanach, am measg am 
bheil mise a'm' chòmhnuidh : 

4 Ach thèid thu do m' dhùthaich fèin, 
agus a chum mo luchd-dàimh, agus gabh- 
aidh tu bean do m' mhac Isaac. 

5 Agus thubhairt an seirbhiseach ris, 
Ma's e 's nach bi a' bhean toileach air mis' 
a leantuinn do'n tìr so, an èigin dhorah do 
mhac a thoirt air 'ais a rìs do 'n tìr as an 
d'thàinig thu ? 



6 Agus thubhairt Abraham ris, Thoir an 
ro-aire nach toir thu mo mhac an sin a 
rìs. 

7 An Tighearna, Dia nèimh, a thug mise 
o thigh m'athar, agus o thìr mo dhflsean, 
agus a labhair rium, agus a mhionnaich 
dhomh, ag ràdh, Do d' shliochd bheir mi 
am fearann so ; cuiridh esan 'aingeal fèin 
romhad, agus gabhaidh tu bean do m* 
mhac as a sin. 

8 Agus mur bi a' bhean toileach air thu- 
sa a leantuinn, an sin bithidh tu saor o m' 
mhionnaibh so : a mhàin na toir mo mhac 
an sin a rìs. 

9 Agus chuir an seirbhiseach a làmh f'o 
shliasaid Abrahaim a mhaighstir, agus 
mhionnaich e dha thaobh an ni sin. 

10 Agus ghabh an seirbhiseach deich 
càrahail do chàmhalan a mhaighstir, agus 
dh' fhalbh e ; oir bha maoin a mhaighstir 
uile aige f ' a làimh : Agus dh' eirich e, ag- 
us chaidh e gu Mesopotamia, gu baile Na- 
hoir. 

11 Agus thug e air na càmhail an glùn a 
lùbadh an taobh a muigh do'n bhaile, 
làimh ri tobar uisge, mu thràth feasgair, 
eadhon mu'n àm an tèid mnài a mach a 
tharruing uisge. 

12 Agus thubhairt e, O Thighearna, Dhè 
mo mhaighstir Abrahaim, deònaich gu'n 
soirbhich leamsa an diugh, agus nochd 
caoimhneas do m' mhaighstir Abraham. 

13 Feuch, tha mi m' sheasamh an so 
làimh ris an tobar uisge, agus thig nigh- 
eana muinntir a' bhaile mach a tharruing 
uisge. 

14 Agus tachaireadh e, a' mhaighdean 
ris an abair mise, Leig sìos, guidheam ort, 
do shoitheach, chum 's gu 'n òl mi ; agus 
their ise, Ol, agus bheir mise deoch do d' 
chàmhail mar an ceudna : gu ma h-i sin 
fèin a dh' òrduich thu do d' sheirbhiseach 
Isaac; agus le sin bithidh fios agam gu'n 
do nochd thu caoimhneas do m' mhaigh- 
stir. 

15 Agus mun do sguir e do labhairt,feuch, 
thàinig Rebecah a mach, a rugadh do Bhe- 
tuel, mac Mhilcah, mnà Nahoir, bràthar 
Abrahaim ; agus a soitheach air a gual- 
ainn. 

16 Agus bha a' chailin ro-mhaiseach ri 
amharc oirre, òigh ; agus cha b' aitlrae do 
fhear riamh i : agus chaidh i sìos do 'n 
tobar, agus lìon i a soitheach, agus thàinig 
i nìos. 

17 Agus ruith an seirbhiseach 'na coinn- 
eamh, agus thubhairt e, Leig dhomh, 
guidheara ort, beagan uisg' òl as do shoith- 
each. 

18 Agus thubhairt i, 01, mo thighearna : 
agus ghreas i oirre, agus leig i sìos a soith- 
each air a làimh, agus thug i dha deoch. 

19 Agus an dèigh dh' i deoch a thoirt da, 
thubhairt i, Tairngidh mi uisge air son do 
chàmhal mar an ceudna, gus an sguir iad a 
dh'òl. 

20 Agus ghreas i oirre, agus dh'fhal- 
mhuich i a soitheach san amar, agus ruith 
i rìs do'n tobar a tharruiug uisge ; agus 
tharruing i air son a chàmhal uile. 

21 Agus bha 'n duine ag amharc le h- 
iongantas oirre, agus a' fantuinn 'na thosd, 
a dh' fheuchainn an d' thug, no nach d' thug, 



18 



GENESIS. 



an Tighearn air a thurus soirbheachadh I 
leis. 

22 Agus 'nuair a sguir na càmhail a 
dh'òl, an sin ghabh an duine cluas-fhàinne 
òir, san robh leth seceil a chudthrom, agus 
dà làmh-fhail air son a làmh, san robh 
deich seceil òir a chudthrom. 

23 Agus thubhairt e, Cò d' an nighean 
tliu? innis dhomh, guidheam ort : am bheil 
tvnn an tigh t'athar àite dhuinn gu tàmh a 
ghabhail ann ? 

24 Agus thubhairt i ris, Is mise nighean 
Bhetueil, mhic Mhilcah, a rug i do Nahor. 

25 Thubhairt i ris mar an ceudna, Tha 
againne araon conlach, agus innlinn gu 
leòr, agus àite gu tàmh a ghabhail ann. 

26 Agus chrom an duine e fèin sìos, ag- 
us rinn e aoradh do 'n Tighearna. 

27 Agus thubhairt e, Beannaichte gu 
robh an Tighearna, Dia mo mhaighstir 
Abrahaim, nach do bhuin a thròcair agus 
'f hìrinn o m' mhaighstir : air dhomhsa bhi 
san t-slighe, stiuir an Tighearna mi gu 
tigh bhràithre mo mhaighstir. 

28 Agus ruith a' mhaighdean, agus 
dh' inni6 i na nithe-sa do mhuinntir tighe a 
màthar. 

29 Agus bha bràthair aig Rebecah, d' am 
b' ainm Laban : agus ruith Laban a dh' ionn- 
6uidh an duine a mach chum an tobair. 

30 Agus 'nuair a chunnaic e a' cliluas- 
fhàinne, agus na làmh-fliailean air làmhan 
a pheathar, agus 'nuair a chual' e briathra 
Rebecah a pheathar, ag ràdh, Mar so labh- 
air an duine rium ; an sin thàinig e dh' ioun- 
suidh an duine, agus, feuch, sheas e làimh 
ris na càmhail aig an tobar. 

31 Agus thuhhairt e, Thig a steach, thu- 
ea ta beannaichte o 'n Tighearna ; c' uime 
6heasas tu a muigh ? oir dh' ulluich mise 
an tigh, agus àite do na càmhail. 

32 Agus thàinig an duine do'n tigh, agus 
dh' fhuasgail e na càmhail, agus thug e 
seachad conlach agus innlinn air son nan 
càmhal, agus uisge e dh' ionnlad a chos, ag- 
us cosan nan daoine a bha maille ris. 

33 Agus chuireadh biadh air a bheul- 
aobh gu itheadh : ach thubhairt e, Cha 'n 
ith mi, gus an innis mi mo ghnothuch. 
Agus thubhairt esan, Labhair romhad. 

34 Agus thubhairt e, Is mise seirbhis- 
each Abrahaim ; 

35 Agus bheannaich an Tighearna mo 
mhaighstir gu mòr, agus tha e air fàs 
eumhachdach : agus thug e dha caoraich, 
agus crodh, agus airgiod, agus òr, agus òg- 
laich agus banoglaich, agus càmhail agus 
asail ; 

36 Agus rug Sarah, bean mo mhaighstir, 
inac do m' mhaighstir 'na sean aois ; agus 
thug e dhasan gach ni a bh' aige ; 

37 Agus thug mo mhaighstir ormsa mo 
mhionuan a thoirt, ag ràdh, Cha ghabh thu 
bean do m' mhac do nigheanaibh nan Ca- 
naanach, muinntir a tha mise a chòmh- 
nuidh 'nam fearann: 

38 Ach thèid thu dh' ionnsuidh tighe 
m' athar, agus a dh'ionnsuidh mo dhilsean, 
agus gabhatdh tu bean do m' mhac. 

39 Agus thubhairt mi ri m' mhaighstir, 
Theagamh nach leau a' hhean mi : 

40 Agus thubhairt esan rium, Cuiridh an 
Tighearn, an làthair an do ghluais mise, 



'aingeal fèin leat, agus soirbhichidh e do 
thurus ; agus gabhaidh tu bean do m' mhac 

m' dhilsibh, agus o tliigh m' athar. 

41 An sin bithidh tu saor o m' mhionn- 
aibh-sa, 'nuair a thig thu chum mo dhil- 
sean ; agus mur toir iad dhuit bean, an sin 
bithidh tu saor o m' mhionnaibh. 

42 Agus thàinig mi 'n diugh chum an 
tobair, agus tliubhairt mi, O Thighearna, 
Dhè mo mhaighstir Abrahaim, ma shoirbh- 
icheas tu nis mo thurus air am bheil mi g 
imeachd ; 

43 Feuch, tha mi m' sheasamh làimh ris 
an tobar uisge; agus 'nuair a thig a' 
mhaighdean a mach a tharruing uisge, ag- 
us a their mi rithe, Thoir dhomh, guidheam 
ort, beagan uisge ri òl as do shoitheach ; 

44 Agus a their Ì6e rium, 01 thu fèin, ag- 
us tairngidh mise mar an ceudua do 
d'chàmhail: gumah-i sin fèin a' bhean a 
dh' òrduich an Tighearna do mhac mo 
mhaighstir. 

45 Agus mun do sguir mi do labhairt 
a' m' chridhe, feuch, thàinig Rebecah a 
macb, agus a soitheach air a gualainn; ag- 
us chaidh i sìos do'n tobar, agus tharruing 

1 uisge : Agus thubhairt mi rithe, Thoir 
dhomh deoch, guidheam ort : 

46 Agus ghreas i oirre, agus leig i sìos a 
soitheach o 'gualainn, agus thubhairt i, 01, 
agus bheir mi deoch do d' chàmhail mar an 
ceudna : agus dh' òl mi, agus thug i air na 
càmhail òl mar an ceudna. 

47 Agus dh' fhiosraich mi dh' i, agus 
thubhairt mi, Cò d' an nighean thusa ? Ag- 
us thubhairt ise, Is mi nighean Bhetueil, 
mhic Nahoir, a rug Milcah dha : Agus chuir 
mi a' chluas-fhàinne air a h-aghaidh, agus 
na làmh-fhailean air a làmhan. 

48 Agus chrom mi sìos mo cheann, agus 
rinn mi aoradh do n Tighearna, agus 
bheannaich mi an Tighearna, Dia mo 
mhaighstir Abrahaim, a threòraich mi san 
t-slighe cheart, a ghabhail nighinn bràthar 
mo mhaighstir d' a mhac. 

49 Agus a nis, ma bhuineas sibh gu 
caoimhneil agus gu firinueach ri m' 
mhaighstlt,innsibh dhomh ; agus mur buin, 
innsibh dhomh ; chum as gu n tionndaidh 
mi dh' ionnsuidh na làimhe deise, no na 
làimhe clìthe. 

50 An sin fhreagair Laban agus Betuel, 
agus thubhairt iad, 'S ann o'n Tigliearna 
thàinig an ni so : cha 'n urrainn sinne olc 
no maith a ràdh riut. 

51 Feuch, tha Rebecah a' d' làthair, gabh 
i, agus imich ; agus biodh i 'na mnaoi aig 
mac do mhaighstir, mar a labhair an Tigh- 
earna. 

52 Agus 'nuair a chuala seirbhiseach A- 
brahaim am briathra, chrom se e fèin gu 
làr do 'n Tighearna. 

53 Agus thug an seirbhiseach a làthair 
seudan airgid agus seudanòir, agus eudach, 
agus thug e iad do Rebecah : thug e mar 
an ceudna nithe luachmlior d' a bràthair 
agus d'a màthair. 

54 Agus dh" ith iad, agus dh' òl iad, e fèin 
agus na daoine a bha maille ris, agus dh'- 
fhan iad rè na h-oidhche : agus dh' èirich 
iad sa mhaduinn ; agus thubhairt esan, 
Cuiribh air falbh mi dh' ionnsuidh mo 
mhaighstir. 



CAIB. xxr. 



55 Agus thubhairt a bràthair agus a 
màthair. Fanadh a' mhaighdean maille 
ruiune aira' chuida' slugha deich làithean ; 
'na dhèiffh sin falbhaidh i. 

56 A?us thubhairt e riu, Na cuiribh 
moille òrm, oir shoirbhich an Tighearna 
mo thurus : cuiribh air falbh mi, chura 
gu 'n tèid mi dh' ionnsuidh mo mhaighstir. 

57 Agus tbubhairt iad. Gairmidh sinn 
air a" mhaighdinn, agus fiosraichidh sinn 
d' a beul fèin. 

58 Agus gliairm iad air Rebecab, agus 
thubhafrt iad rithe, An tèid thu leis an 
duine so ? Agus thubhairt i, Thèid. 

59 Agus chuir iad air falbk Rebecah ara 
piuthar, agus a banaltrum, agus seirbhis- 
each Abrahaim, agus a dhaoine. 

60 Agus bheannaich iad Rebecah, agus 
thubhairt iad rithe, ' S tu ar piuthar, bi-sa 
a' d' mhàthair mhìlte do mhuillionaibh ; ag- 
us sealhhaicheadh do shliochd geata na 
muinntir sin le 'm fuathach iad. 

61 Agus dh' èirich Rebecah,agus a maigh- 
deanan, agus mharcaich iadair nacàmhail, 
airus lean iad an duine: agus ghabh an 
seirbhiseach Rebecah, agus dh' fhalbh e 
roiinhe. 

62 Agus bha Isaac a" teachd o shlighe an 
tobair Lahai-roi ; oir bha e chòmhnuidh 
san tìr mu dheas. 

63 Agus chaidh Isaac a mach a bheachd- 
smuaineachadh sau fhaiche air feasgar : 
agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic 
e, agus, feuch, bha na càrahail a' tighinn. 

64 Agus thoe Rebecah suas a sùilean, 
ngus 'nuair a chunnaic i Isaac, theirinn i 
bhàrr a' chàrahail, 

65 Agus thubhairt i ris an t-seirbhiseach, 
Cò e 'n duine so a ta sràid-imeachd sau 
fhaiche g' ar coinneachadh ? Agus thubh- 
airt an seirbhiseach, ' S e mo mhaighstir a 
th' ann : an sin ghabh i gnùis-bhràt, agus 
chòmhdaich si i fein. 

66 Agus dh' innis an seirbhiseach do Isaac 
na h-uile nithe a rinn e. 

67 Agus thug Isaac i do bhùth Sharah a 
mhàthar, agus ghabhe Rebecah, agus bhai 
aige 'na mnaoi ; agus ghràdhaich e i : agus 
fhuair Isaac sòlas an dèigh bàis a mhàth- 
ar. 

CAIB. XXV. 
\ N sin ghabh Abraham beana ris, d' am 
_2x_ b' ainm Ceturah. 

2 Agus rug i dha Simran, agus Iocsan, 
agus Medan, agus Midian, agus Isbac, agus 
Suah. 

3 Agus ghin Iocsan Seba, agus Dedan. 
Agus b' iad mic Dhedain Asurim, agus 
Lètusim. Leumim. 

4 Agus raic Mhidiain ; Ephah, agus Eph- 
er, agus Hanoch, agus Abidah,agus Eldaah : 
6' iad sin uile mic Cheturah. 

5 Agus thug Abraham gach ni a bh' aige 
do Isaac. 

6 Ach do mhic nan leannan a bh' aig A- 
brahara, thug Abraham tiodhlaca ; agus 
chuir e airfalbh iad o 'mhac Isaac, 'nuair 
a bha e fèin fathast beò, do 'n taobh anear, 
do thìr na h-àirde 'n ear. 

7 Agus is iad so làithean bhliadhnacha 
beatha Abrahaim a bha e beò ; ceud agus 
tri fichead, agus cùig bliadhna deug. 



8 An sin thug Abraham suas an deò, ag- 
us fhuair e bàs ann an deadh shean aois, 
'na sheann duine,agus làn do bhliadhnaibh ; 
agus chruinnicheadh e churu a mhuinntir. 

9 Agus dh' adhlaic a mhic Isaac agus Is- 
mael e ann an uaimh Mhachpelah, ann an 
achadh Ephroin, mhic Shoair an Hitich, 
a ta fa chomhair Mhamre ; 

10 An t-achadh a cheannaich Abraham 
o mhic Het : ann an sin dh' adhlaieeadh A- 
braham, agus Sarah a bhean. 

11 Agus an dèigh bàis Abrahaim, 
bheannaich Dia Isaac a mhac : agus ghabh 
Isaac còmhnuidh làimh ri tobar Lahai-roi. 

12 A nis is iad sin ginealaich Ismaeil, 
mhic Abrahaim, a rug Hagar a' bhan-Ei- 

Eràiteaeh, banoglach Sharah, do Abra- 
ìam. 

13 Agus is iad sin ainmeana mhac Ismaeil, 
I 'nan ainmeanaibh, a rèir an ginealacha : 

ceud-ghin Ismaeil Nebaiot ; agus Cedar, 
i agus Adbeel, agus Mibsam, 
| 14 Agus Misma, agus Dumah, agus 
| Masa, 

I 15 Hadar, agus Tema, Ietur, Naphis, ag- 
; us Cedemah. 

16 Ismd sin mic Ismaeil, agus wiad sin 
an ainmeana 'nam bailtibh, agus "nan 
daingneachaibh ; dà cheannard deuga rèir 

| am nneacha. 

17 Agus is iad sin bliadhnachabeatha Is- 
maeil, ceud agus seachd bliadlma deug 'ar 

. fhichead : agus thug e suas an deò, agus 
dh' eug e, agus chruinnicheadh e chum a 
mhuinntir. 

18 Agus ghabh iad còmhnuidh o Habhi- 
I lah gu ruig Sur, a ta fa chomhair na h-Ei- 

phit, mar a thèid thu gu h-Asiria. An 
j làthair a bhràithrean uile fhuair e bàs. 

19 Agus is iad sin ginealaich Isaaic, mhic 
Abrahaim : Ghin Abraham Isaac. 

20 Agus bha Isaac dà fhichead bliadhna 
j dh' aois 'nuair a ghabh e Rebecah, nighean 
! Bhetueil, an t-Siriaich o Phadan-aram, 
ì piuthar Labain au t-Siriaich, dha fèin 'na 
I mnaoi. 

21 Agus ghuidh Isaac an Tighearna air 
I son a mhnà, a chionn gu 'n robh i neo-thorr- 

j ach : agus dh' èisd an Tighearna ris, agus 
j dh' fhàs Rebecah a bhean torrach. 
j 22 Agus bha a' chlann a' coimh-ghleac- 
I adh antaobh a stigh dh' i : agus thubhairt 
| ise, Ma ta chùis mar sin, c' ar son a tha mi 

mar so ? Agus chaidh i a dh' fhiosrachadh 

do 'n Tighèarna. 

23 Agus thubhairt an Tighearna rithe, 
Tha dà chinneach a' d' bholg, agus bithidh 
dà shluagh air ansgaradh o t' innibh : agua 
bithidh aon sluagh dhiubh so ni 's treise na 
'n sluagh eile /agusni esan a' s sine seirbhis 
dhasan a 's òige. 

24 Agus 'nuair a choimhlionadh a làith- 
ean gu bhi air a h-aisead, feuch, bha leth- 
aona 'na bolg. 

25 Agus thàinig an ceud-ghin a mach 
dearg, is e uile mar fhalluinu mholaich : 
agus thug iad Esau mar ainm air. 

26 Agus 'na dhèigh sin thàinig a bhràth- 
air a mach, agus greim aiga làimh do shàil 
Esau; agus thugadh Iacob mar ainm air : 
agus bha Isaac tri fichead bliadlina dh' aois, 
'nuair a rugadh iad. 

27 Agus dh' fhàs na gillean ; agus tha 



20 



GENESIS. 



Esau 'na shealgair seòlta, 'na fliear mach- 
arach ; agus blia Iacob 'na dhuine coimh- 
lionta, a' gabhail còmhnuidh am bùth- 
aibh. 

28 Agus ghràdhaich Isaac Esau, a chionn 
gu 'n d' ith ed'a shithinn ; ach ghràdhaich 
Rebecah Iacob. 

29 Agus bhruich Iacob brochan : agus 
thàinig Esau o 'n mhachair, agus e fann. 

30 Agus thubhairt Esau ri Iacob, Leig 
dliomh itheadh, guidheam ort, do 'n bhroch- 
an dhearg sin fein ; oir tha mi fann : uime 
sin thugadh Edom mar ainm air. 

31 Agus thubhairt Iacob, Reic rium an 
diugh do chòir-bhreithe. 

32 Agus thubhairt Esau, Feuch, tlia mi 
dlùth do 'n bliàs ; agus ciod an tairbhe a 
tha sa' chòir-bhreithe so dhomhsa ? 

33 Agus tliubhairt Iacob, Mionnaich 
dhomhsa an diugh ; agus mhionnaich e 
dlia : agus reic e a chòir"-bhreithe ri Iacob. 

34 An sin thug Iacob do Esau aran, ag- 
us brochan do ghall-pheasair ; agus dh' ith e, 
agus dh' òl e, agus dh' èirich e, agus dh'- 
fhalbh e roimhe : mar so rinn Esau dìmeas 
air a chòir-bhreithe. 

CAIB. XXVI. 

AGUS bha gorta san tìr a bharrachd air 
a cheud ghorta abhaann anlàithibh 
Abrahaim : agus chaidh Isaac gu Abimel- 
ech righ nam Philisteach, do Gherar. 

2 Agus dh' fhoillsich an Tighearn e fèin 
dha, agus thubhairt e, Na rach sìos do 'n Ei- 
phit : gabh còmhnuidh anns an tìr a dh'- 
innseas mise dhuit. 

3 Bi air chuairt san tir so, agus bithidh 
mise inaille riut, agus beannaichidh mi thu : 
oir dhuitse, agus do d' shliochd, bheir mise 
na dùthchanna sin uile.agus coimhlionaidh 
mi na mionnan a mhionnaich mi do t' ath- 
air Abraham : 

4 Agus bheir mi air do shliochd fàs lion- 
mhor mar reulta neimh, agus bheir mi do 
d' shliochd na dùthchanna sin uile:agus 
beannaichear ann ad shliochd-sa uile chinn- 
ieh na talmhainn ; 

5 Do bhrìgh gu 'n d' èisd Abraham ri m' 
ghuth, agus gu 'n do ghlèidh e m'iarrtus, 
m' àitheanta, m' orduigliean, agus mo lagh- 
anna. 

6 Agus ghabh Isaac còmhnuidh ann an 
Gerar. 

7 Agus dh' fhiosraich daoine an àite 
àheth m' a mhnaoi; agus thubhairt e, 'Si 
mo phiuthar i : oir bha eagal air a ràdh, 
'Si mo bhean i ; air eagal, ars' esan, gu 'm 
marbhadh daoine an àite mi air son Re- 
becah, do bhrìgh gu 'n robh i maiseach ri 
amharc oirre. 

8 Agus 'nuair a bha e aimsir fhad an sin, 
sheall Abimelech righ nam Philisteach a 
mach air uinneig, agus chunnaic e, agus, 
feuch, bha Isaac a' sùgradh r' a mhnaoi Re- 
becah. 

9 Agus ghairm Abimelech air Isaac, ag- 
us thubhairt e, Feuch, gu cinnteach 's i do 
bhean i : agus cionnus a tliubhairt thu, Si 
mo phiuthar i? agus thubhairt Isaac ris, A 
chionn gu 'n d' thubhairt mi, Air eagal gu 'm 
bàsaich mi air a son. 

10 Agus thubhairt Abimelech, Ciod e so 
a rinn thu oirm ? dh' fheudadh a h-aon 



do *n t-sluagh luidhe le d' mhnaoi, agus 
bheireadh tu cionta oirnne. 

11 Agus thug Abimelech àithne d' a 
shluagh uile, ag ràdh, Esan a bheanas ris 
an duine so, nor'a mhuaoi, gu cinnteach 
cuirear gu bàs e. 

12 An sin shìol-chuir Isaac san tìr sin, 
agus fhuaire sa' bhliadhnasinfèin a' cheud 
uiread 's a chuir e, agus bheannaich an 
Tigliearn e. 

13 Agus dh' fhàs an duine mòr, agus 
chaidh e air aghaidh, agus dh' fhàs e, gus an 
robh e ro-mhor : 

14 Oir bha aige sealbh chaorach, agus 
sealhh cruidh, agus mòran sheirbhiseach. 
Agus ghabh na Philistich farmad ris. 

15 Agus dhùin na Philistich suas na to- 
bair uileachladhaich seirbhisich 'athar, ann 
an làithibh Abrahaim 'athar, agus lìon iad 
le h-ùir iad. 

1G Agus thubhairt Abimelechri h-Isaac, 
Imich uainne; oir is cumhachdaiche thu 
gu mòr na sinne. 

17 Agus dh' imich Isaac as a sin, agus 
shuidhich e a bhùthann an gleann Gherair, 
agus ghabh e còmhnuidh an sin. 

18 Agus chladhaich Isaac a ris na tobair 
uisge, a chladhaicheadh ann an làithibh A- 
brahaim 'athar ; oir dhùin na Philistich 
suas iad an dèigh bàis Abrahaim : agus 
thug e ainmean orra a rèir nan ainm a thug 
'athair orra. 

1!) Agus chladhaich seirbhisich Isaaic sa' 
ghleann, agus fhuair iad an sin tobar fior- 
uisge. 

20 Agus rinn buachaiUean Gherair con- 
sachadh ri buachaillean Isaaic, ag ràdh, Is 
leinne an t-uisge : agus thug e Esec mar 
ainm air an tobar, achionn gu 'n d' rinniad 
consachadh ris. 

21 Agus chladhaich iad tobar eile, agus 
rinn iad consachadh uime sin cuideachd : 
agus thug e Sitnah mar ainm air. 

22 Agus chaidh e imrich as a sin, agus 
chladhaich e tobar eile; agus cha d' rinn 
iad consachadh uime sin: agus thug e Re- 
hobot mar ainm air ; agus thubhairt e, Oir 
thug an Tighearn a nis farsuinneachd 
dhuinn ; agus fàsaidh sinn lìonmhor san 
tìr. 

23 Agus chaidh e suas as a sin gu Beer- 
seba. 

24 Agus dh' fhoillsich an Tighearn e fèin 
da san oidhche sin fèin, agus thubhairt e, 
Is mise Dia Abrahaim t'athar; na biodh 
eagal ort, oir a ta mise maille riut, agus 
beannaichidh mi thu, agus ni mi do shliochd 
lìonmhor air sgàth mo sheirbhisich Abra- 
haira. 

25 Agus thoo- e altair an sin. agus ghairm 
e air ainm an lighearn, agus shuidhich e 
an sin a bhùth : agus chladhaich seirbhis - 
ich Isaaic tobar an sin. 

26 An sin chaidh Abiraelech d' a ionn- 
suidh o Gherar, agus a charaid Ahudsat, 
agus Phichol àrd cheannard a shluaigh. 

27 Agus thubhairt Isaac riu, C' ar son a 
thàinig sibh a m' ionnsuidh, agus gu bheil 
fuath agaibh dhomh, agus gu 'n do chuir 
sibh uaibh mi ? 

28 Agus thubhairt iadsan, Chunnaic sinn 
gu cinnteach gu 'n robh an Tighearna leat ; 
agus thubhairt sinn, Biodh a nis mionnan 



CAIB. XXVII. 



21 



carìaruinn, eadhon eadar sinne agus thusa, 
agus rìeanamaid coiinheheangal riut ; 

29 Nacli dean thu oirnue cron sam bith, 
mar nach do bhean sinne riutsa, agus mar 
nach do rinn sinn ni sam bith ort ach raaith, 
agus a chuir sinn uainn thu an sìth : Tha 
tSusa nis air do bheannachadh leis an Tigh- 
earna. 

30 Agus rinn e dhoibh cuirm, agus dh' ith 
agus dii' òl iarì. 

31 Agus dh' èirich iad gu moch sa' mha- 
duinn, agus mhionnaich iad d' a chèile : ag- 
us chuir Isaac air falbh iad, agus dh' imich 
iad uaith an sìth. 

32 Agus air an là sin fèin thàinig seirbhis- 
icìi Isaaic, agus dh' innis iad dlia mu thim- 
chioll an tobair a chladhaieh iad, agus thu- 
bhairt iad ris, Fhuair sinn uisge. 

33 Agus thug e Seba mar ainm air : uime 
siu is e Beer-seba ainm a' bhaile sin gus an 
là 'n diugh. 

34 Agus bha Esau dà fhichead bliadhna 
dh' aois ; agus ghabh e mar mhnaoi Iudit, 
nighean Blieeri an Hitich, agus Basemat 
nigliean Eloin an Hitich : 

35 Agus bha iad sin 'nam briseadh-cridhe 
do Isaac agus do Kebecah. 

CAIB. XXVII. 

AGUS 'nuair a bha Isaac air fàs sean, ag- 
us a bha a shùilean dall, air chor as 
nach faiceadh e, ghairm e air Esau a rahac 
bu shine, agus thubhairt e ris, A mhic : ag- 
us thuhhairt esan ris, Feuch, tha mi 'n so. 

2 Agus thnbhairt esan, Feuch a nis, tha 
mise sean ; cha 'n 'eil nos agam air latha 
ino bhàis. 

3 Agus a nis, guidheam ort, gabh t' airm, 
do bholg-shaighead agus do hliogha, agus 
falbh a mach do 'n mhachair, agus sealg 
dhomh sitliionn ; 

4 Agus dean dhomh biadh blasda, maris 
ionmlminn leam, agus thoira m'ionnsuidh 
e, agus gu 'n ith mi ; ciuim as gu 'm heann- 
aich m' anam thu mum faigh mi bàs. 

5 Agus chuala Rebecah an uair a lahhair 
Isaac r'a mhac Esau : agus chaidh Esau 
do 'n mhachair ashealg sithinn, gutoirt d' a 
ionnsuidh. 

6 Agus lahhair Rebecah r' a mac Iacob, 
ag ràdh, Feuch, chuala mi t' athair a' labh- 
airt ri h-Esau do bhràthair, ag ràdli, 

7 Thoir a ra' ionnsuirìh sithionn, agus 
dean biadh blasda dhomh, agus gu 'n ith mi, 
agus gu 'm beannaich mi thu an làthair an 
Tighearna roimh mo bliàs. 

8 An nis uime sin, a mhic, èisd ri m' 
ghuth, a rèir an ni a ta mi ag àitlineadh 
uhuit. 

9 Falhh a nis a dh' ionnsuidh an treurìa, 
agus thoir a m' ionnsuidh o sin dà dlieadli 
mheann do na gabhraibh ; agus ni mise iad 
'nam biadh blasda air son t' athar, mar is 
ionmhuinn leis : 

10 Agus bheir t!iu dh' ionnsuidh t' athar 
e, agus gu 'n itb e, chum as gu 'm beannaich 
e thu roimh a bhàs. 

11 Agus thubhairt Iacob ri Rebe<ah a 
mhàthair, Feucli, tha Esau mo bhràthair 
'na dhuine molach, agus mise a' m' dhuiue 
lom. 

12 Ma's e^s gu 'n làimhsich m' athair mi, 
an sin measarmi leis mar neach leisam b'àill 



a mhealladh ; agus bheir mi mallachadh 
orm fèin, agus cha bheannacbadh. 

13 Agu- thubhairt a mhàthair ris, Orm- 
sa bitheadh do mhallachadh, a mhic ; a 
mhàin èisd ri m' ghuth, agus falbh, thoir a 
m' ionnsuidh iad. 

14 Agus dh' fhalbh e, agus ghlac e iad, 
agus tliug e iad a dh' ionnsuidh a mhàthar : 
agus rinn a mhàthair biadh blasda, mar a 
b' ionrahuinn le 'atbair. 

15 Agus ghabh Rebecah eudachtaitneach 
Esau a raic hu shine, a bh' aice san tigh ; 
agus chuir i e air Iacob a raac a b' òige. 

16 Agus chuir i croicne mlieann nan 
gabhar air a làrahan, agus air luime a 
rahuineil. 

17 Agus thug i am biadh blasda, agus 
an t-aran a dheasaich i, do làimh a mic la- 
coib. 

18 Agus thàinig e dh' ionnsuidh 'athar, 
ag-us tliubhairt e, Athair : agus thubhairt 
esan, Feuch, tha mi 'n so ; cò thusa, a 
mhic ? 

19 Agus thubhairt Iacob r' a athair, Is 
mise Esau do cheud-ghin ; rinn mi mar a 
dh' iarr thu orm : èirich, guidheam ort, 
suidh agus ith do m' shithinn, chum as 
gu 'm beannaich t' anam mi. 

20 Agus tbubhairt Isaac r'amhac, Cionn- 
us a fhuair thu i cho luath, a mhic? agus 
thubhairt esan, A chionn gu 'n do chuir an 
Tighearna do Dhia a' ra' rathad i. 

21 Agus tliubhairt Isaac ri Iacoh, Thig 
am fagus a nis, agus gu 'n làimhsich mi thu, 
a mhic, an tusa fèin mo mhac Esau, no 
nach tu. 

22 Agus chairìh Iacoh am fagus d' a athair 
Isaac, agus làimhsich se e ; agus thubhairt 
e, 'Se n guth guth Iacoib, ach is iad na 
làmhan làinhan Esau. 

23 Agus eha d' aithnich se e, a chionn 
gu'n robh a làmhan molach, mar làmhan 
Esau a bhràthar : mar sin bheannaich 
se e. 

24 Agus thuhhairt e, An tusa fèin mo 
mhac Esau ? agus thubhairt esan, Is mi. 

25 Agus thubhairt e, Thoir am fagus 
domh e, agus ithidli mi do shithinn mo 
mhic, chum as gu 'm beannaich m' anam 
thu. Agus thug e 'ra fagus da e, agus dh'- 
ith e ; agus thug e d' a ionnsuidh f ion, ag- 
us dh' òl e. 

26 Agus thubhairt 'athair Isaacris, Thig 
am fagus a nis, agus pòg mi, a mhic. 

27 Agus thàinig e 'in fagus, agus phòg se 
e : agus dh'fhairich e boladh 'eudaich ; ag- 
us bbeannaich se e, agus thubhairt e, Feucli, 
tha fàile mo mhic mar fhàile fearainn, a 
bheannaich an Tighearna. 

28 Uime sin gu 'n tugadh Dia dhuit do 
dhrùchd nèimh, agus do reamhrachd na 
talmhainn, agus pailteas arbhair agus 
lìona. 

29 Deanadh slòigh seirbhis dhuit, agus 
strìochdadh cinnich dhuit ; bi d' uachd- 
aran air do bhràithribh, agus cromadh mic 
do mhàthar sìos duit : mallaichte gu 'n robk 
gach neach a mhallaicheas thu, agus beann- 
aichte gu 'nrobh gach neach a bheannaich- 
eas thu. 

30 Agus cho luath agus a sguir Isaac do 
hheannachadh lacoib, 'nuair bu ghann a 
bha lacob air dol a mach f'athast a làthair 

c 



GENESIS. 



Isaaic 'atliar, thàinig e bhràthair Esau o 
'sheilg. 

31 Agus rinn esan mar an ceudna biadh 
blasda, agus thug e dh'ionnsuidh 'athar e ; 
agusthubhairte r' a athair, Eireadh m' ath- 
air, agus itheadh e do shithinn a mhic, 
chum gu 'm beannaich t' anam mi. 

32 Agus thubhairt Isaac 'athair ris, Cò 
thusa? agusthubhairtesan, Zs midomhac, 
do cheud-ghin, Esau. 

33 Agus chriothnaich Isaac le ball-chrith 
anaharraich, agus thubhairt e, Cò, c' àite 'm 
bheil esan a ghlac sithionn, agus a thug i 
m' ionnsuidh, agus db' itli mi do 'n iomlan 
mun d'thàinigthusa? agus bheannaich mi 
e, seadh, agus heannaichte bithidh e. 

34 'Nuair a chual' Esau briathran 'athar, 
ghlaodh e le glaodh mòr, azus ro-shearbh; 
agus thubhairt e r' a athair, Beannaicli mise, 
eadhon mise mar an ceudna, O athair. 

35 Agus thubhairt e, Thàinig do bhràth- 
air le ceilg, agus thug e leis do bheannach- 
adh. 

36 Agus thubhairt esan, Nach ceart a 
thugadh Iacob mar ainm air? oir thàinig e 
fodham an dà uair so : thug e leis mo chòir- 
bhreithe ; asrus, feuch, a nis thug e leis mo 
bheannachadh. Agus thubhairt e, Nach 
do ghlèidh thu dhomhsa beannachadh ? 

37 Agus flireagair Isaac, agus thubhairt 
e ri h-Esau, Feuch, rinn mi e 'na uachdar- 
aii ort, agus a bbràithrean uile tluigmi dha 
ìnar sheirbhisich ; agus le h-arbhar agus le 
fìon chum mi suas e : agus dhuitse ciod a 
nis a ni mi, a mhic ? 

38 Agus thubhairt Esau r'a athair, Nach 
'eil agad ach aon bheanuachadh, athair? 
beannaich mise, eadhon mise mar an eeud- 
na, O athair. Ag us thog Esau suas a ghuth, 
agus ghuil e. 

39 Agus fhreagair Isaac 'athair, agus 
thubhairt e ris, Feuch, ann an reamhrachd 
na talmhainn bithidh do chòmhnuidh, ag- 
us ann an drùchd nèimh o 'n àirde. 

40 Agus le d' chlaidheamh thig thu beò, 
agus do d' bhràthair ni thu seirbhis : agus 
'nuair a bhios an uachdaranachd agad, an 
sin brisidh tu a chuing o d' mhuineal. 

41 Agus dh' fhuathaich Esau lacob air 
son a'bheannachaidh leis an do bheannaich 
'athair e : agus thubhairt Esau 'na chridhe, 
Tha làithean a' bhròin air son m' athar am 
fagus, agus an sin marbhaidh mi mo bhràth- 
air Iacob. 

42 Agus dh' innseadh do Rebecah briath- 
ran Esau a mic bu shine, agus chuir i 
teachdaire uaithe, agus ghairm i air Iacob 
a mac a b' òige, agus thubhairt i ris, Feuch, 
tha do bhràthair Esau toirt comhfhurtachd 
dha fèin a' d' thaobhsa, a' cur roimhe do 
mharbhadh. 

43 A nis uime sin, a mhic, èisd ri m' 
ghuth ; agus èirich, teich a dh' ionnsuidh 
mo bhràthar Labain do Haran. 

44 Agus fanaidh tu maille ris beagan do 
làithibh, gus an tionndaidh fraoch feirge do 
bhràthar; 

45 Gus an tionndaidh corruich do bhràth- 
ar uait, agus gu 'n dì-chuimhnich e na rinn 
thu air : an sin cuiridh miseyìos, agus bheir 
mi as a sin thu. C' ar sou a chaillinn le 
chèile sibh ann an aon là ? 

46 Agus thubhairt Rebecah ri h-Isaac, 



Thami sgìth do m' bheatha air son nigh- 
eana Het : ma ghabbas Iacob bean do nigh- 
eanaibh Het, mar iadsan a ta do nighean- 
aibh na dùthcha, ciod am maith a ni mo 
bheatlia dhomhsa ? 

CAIB. XXVIII. 

AGUS ghairm Isaac air Iacob, agug 
bheannaich se e, agus dh' àithn e dha, 
agus thubhairt e ris, Clia ghahh thu bean 
d<> nigheanaibh Chanaain. 

2 Eiricli, imich do Phadan-aram, do thigh 
Bhetueil athar do mhàthar, agus gabh 
dhuit fòin as a sin bean do nigheanaibh La- 
bain, hràthar do mhàthar. 

3 Agus gu beannaicheadh Dia uile- 
chumhachdach thu, agus gu deanadh e 
sìolmhor thu, agus gu tugadh e ort fàs lìon- 
mhor, air chor as gu'm bi thu a' d' chomh- 
chruinneachadh chinneach : 

4 Agus gu tugadh e dliuit beannacbadh 
Abrahaim, dhuìtse, agus do d' shliochd 
maille riut ; chum gu 'n sealbhaich thu am 
fearann anns am bheil thu a' d' choigreach, 
a thug Dia do Abrabam. 

5 Agus chuir Isaac air falbh Iacob, agus 
chaidh e do Phadan-aram, gu Laban, mac 
Bhetueil an t-Siriaich, bràthair Rebecah, 
màthar Iacoib agus Esau. 

6 'Nuair a chunnaic Esau gu 'n do 
bheannaich Isaac Iacob, agus gu 'n do chuir 
e air falbh e do Phadan-aram, a ghabhail 
mnà dha fèin as a sin ; agus 'nuair a 
bheannaich se e, gu'n d'thuge àithne dha, 
ag ràdh, Cha ghabh thu bean do nighean- 
aibh Chanaain ; 

7 Agus gu 'n d' èisd lacob r' a athair, agus 
r' a mhàthair, agus gu 'n deachaidh e do 
Phadan-aram ; 

8 Agus an uair a chunnaic Esau nach do 
thaitinnnigheana Chanaainr'aathair tsaac, 

9 An sin chaidh Esau dh' ionnsuidh Is- 
maeil, agus ghabh e Mahalat nighean Is- 
maeil mhic Abrahaim, piuthar Nebaioit, 
dha fèin mar mhnaoi a thuilleadh air na 
mnàibh a bh' aige. 

10 Agus chaidh Iacob a mach o Bheer- 
seba. agus chaidh e gu Haran. 

11 Agus thachair e air àite òraidh, agus 
dh' fhan e 'n sin an oidhche sin, a chionn, 
gu 'n robh a' ghrian air luidhe : agus ghabh 
e h-aon do chlaohaibh an àite sin, agus 
chuir e fo a cheann i, agus luidh e sìos san 
àite sin a chodal. 

12 Agus bhruadair e ; agus, feuch, fàradh 
air a chur suas air an talamh, agus a bhàrr 
a' rnigheachd gu nèamh : agus, feuch, 
aingil Dè a' dol suas agus a' teachd a nuas 
air. 

13 Agus, feuch, sheas an Tighearna os a 
cheann, agus thubbairt e, Is mise an Tigh- 
earna Dia Abrahaim t' athar, agus Dia Is- 
aaic : am fearann air sm bheil thu do 
luidhe, bheir mise dhuit e, agus do d' 
shliochd. 

14 Agus bithidh do shliochd mar dhus- 
lach na talmhainn ; agus sgaoilidh tu mach 
a dh' ionnsuidh na h-àird an iar, agus na 
h-àird' an ear, agus a dh' ionhsuidh na 
h-àirde tuath agus na h-àirde deas : agus 
beannaichear annadsa uile theaghlaiclie 
na talmhainn, agus ann ad shliochd. 

15 Agus, feuch, tha mise maille riut, ag- 



CAIB. 

us gleidhidh rnì tliu anns gaoh àit d'an tèid 
thu, agus blieir mi rìs thu dh' ionnsuidh na 
tìre so ; oir clia trèig mi thu, gus an dean 
mi an ni sin a labhaìr rai riut. 

lò Agus dhùisg Iacob as a chodal, agus 
thubhafrt e, Gu cìnnteach tha 'n Tighearna 
san àite so, agus cha robh tìos agara air. 

17 Agus bha eagal air, agus tliubhairt e, 
Cia h-uamliasach an t-ionad so ! cha 'n àit 
air bitli so ach tigh Dhè, agus is e so geata 
nèimh. 

18 Agus dh' èirich Iacob gu moeh sa' 
mhaduinn, agus ghabh e a' chlach a chuir e 
fo a cheann, agus chuir e suas 'na carragh 
i, agus dliòìrt e oladh air a mullach. 

19 Agus thuge Bet-el mar ainm air an 
àite sin : ach b' e Luds ainm a' bhaile sin 
air tùs. 

20 Agns bhòidich Iacob bòid, ag radh, 
IVIa bhios Dia leam, agus ma ghleidheas e 
mi air an t-slighe sin air am bheil mi 'g im- 
eachd, agus ma bheir e dhomh aran r' a 
itheadh, agus eudach r' a ehur umam ; 

21 Agus gu'n tig mi rìs an sìth a dh'ionn- 
suidh tighe m' athar ; an sin bithidh an 
Tighearn agam 'na Dhia : 

22 Agus hithidh a' chlach so, a chuir 
mi suas 'na carragh, : na tigh aig Dia : agus 
do gach ni a bhejr thu dhomh, bheir mi gu 
cinuteach an deachamh dhuit. 

CAIB. XXIX. 

AN sin dh'imich Iacob air a thurus, agus 
chaidh e do dhùthaich dhaoine na 
h-àirde 'n ear. 

2 Agus dh' amhairc e, agus. feuch, tobar 
sa' mhachair, agus, feuch, bha 'n sin tri 
treuda chaorach 'nan luidhe làimh ris ; oir 
as an tobar sin thug iad uisge do na treud- 
aibh : agus bha clach mhòr air beul an tob- 
air. 

3 Agus chruinnicheadh a dh' ionnsuidh 
siu na treudan uile ; agus charuich iad a' 
chlach bhàrr beoil an tobair, agus thug 
iad uisge do na caoraich, agus chuir iad a' 
chlach a rìs air beul an tobair 'na h-àite 
fèin. 

4 Agus thubhairt Iocob riu, Mo bhràith- 
re, cia as a thàinig sibh ? Agus thubhaht 
iadsan, O Haran thàinig sinne. 

5 Agus thubhairt e riu, An aithne dhuibh 
Laban mac Nahoir? Agus thubhairt iad- 
san, Is aithne dhuinn. 

6 Agus thubhairt e riu, Am bheil e gu 
maith ? Agus thubhairt iadsan, Tha e gu 
maith : agus, feuch, a ta Rachel a nighean 
a' tighinn leis na caoraich. 

7 Agus thubhairt e, Feuch, 'se fathast 
àird' an latha a t' ann, agus cha d' thàìnig 
idir àm cruinneachadh na sprèidhe : thug- 
aibhs' uisge do na caoraich, agus rachaibh 
agics ionaltraibh iad. 

"8 Agus thubhairt iad, Cha'n urradh sinn, 
gus an cruinnichear na treudan uile 'n 
eeann a chèile, agus gus an caruichear a' 
chlach bhàrr beoil an tobair ; an sin bheir 
sinn uisge do na caoraich. 

9 Agus am feadh a bha e fathast a' labh- 
airtriu, thàinig Rachel le caoraich a h-ath- 
ar; oir b' i a bha 'gan gleidheadh. 

10 Agus an uair a chunnaic Iacob Rachel, 
nighean Labain bràthar a mhàthar, agus 
■caoraich Labain bràthar a mhàthar, an sin 



XXIX. 23 

chaidh Iacob am fagus, agus charuich e a' 
chlach bhàrr beoil an tobair, agus thug e 
uisge do chaoraich Labain bràtliar a 
mhàthar. 

11 Agus phòg Iacob Rachel, agus thog e 
suas a ghuth, agus ghuil e. 

12 Agus dh' nmis Iacob do Rachel gu 'm 
b' e bràthair a h-athar e, agus gu'm b' e mac 
Rebecah e : agus ruith i, agus dh' innis i 
d' a h-athair. 

13 Agus 'nuair a chuala Laban sgeula 
Iacoib mluc a pheathar, an sin ruith e 'na 
choinneamh, agus ghabh e 'na ghlacaibh e, 
agus pliòg se e, agus thug e d' a thigh e -. 
agus dh'innis e do Laban na nithe sin uile. 

14 Agus thubhairt Laban ris, Gu cinut- 
each is tu mo chnàimh agus m' fheoil : ag- 
us dh' fhan e maille ris rè mìos. 

15 Agus thubhairt Laban ri Iacob, A 
chionn gur tu mo bhràthair, am buin e 
dhuit seirbhis a dheanamh dhomh a n:«sg- 
aidh ? innis dhomh ciod e do thuarasdal. 

1G Agus bha aig Laban dithis nigheana : 
b' e ainm na tè bu shine Leah, agus ainm 
na tè a b' òige Rachel. 

17 Agus bha sùilean Leah anmhunn, ach 
bha Rachel maiseacJi 'na deaibh agu-s 
sgiamhach 'na gnùis. 

18 Agus bha gràdh aig Iacob air Rachel, 
agus thubhairt e, Ni mi seirbhis dhuit 
seachd bliadhnaair son Racheil do nighimi 
a' s òige. 

19 Agus thuhhairt Laban, Zjfearr dhomh 
a toirt duitse na gu 'n tugainn i do dhuine 
sam bith eile : fan maille rium. 

20 Agus rinn Iacob seirbhis air son Ra- 
cheil seachd bliadhna ; agus bha iad 'na 
shùilibli mar bheagan do làirhibh, a thaobh 
a' ghràidh a bh' aige oirre. 

21 Agus thubhairt Iacob ri Laban, Thoir 
dhomh mo bhean, (oir choimhlionadh uio 
làitheau,) a chum gu 'n tèid mi steach d a 
h-ionnsuidh. 

22 Agus chruinnich Laban cuideachd 
daoine an àit uile, agus rinn e cuirm. 

23 Agus san fheasgar ghabh e Leah a 
nighean, agus thug e d' a ionnsuidh i ; agus 
cliaidh e steach d' a h-ionnsuidh. 

24 Agus thug Laban d' a nighinn Leah 
Silpah a bhanoglach fèin, mar bhanogiaicii. 

25 Agus sa' mhaduinn, feuch, b' i Leah 
bh' ami : agus thubhairt e ri Laban, Ciod e 
so a rinn thu orm ? Nach ann air son Ra- 
cheil a rinn mi seirbhis dhuit? agus c' ar 
sou a mheall thu mi ? 

26 Agus thubhairt Laban, Cha 'n fheud 
e bhi fnar sin 'nar dùthaich-ne, an tè a 's 
òige thoirt seachad roimh an tè a 's sine. 

27 Coimhlion a seachduin-sa, agus bheir 
sinn dhuit ise mar an ceudna, air son na 
seirbhis a ni thu maille rium fathast rè 
sheachd bliadhn' eile. 

28 Agus rinn Iacob mar sin, agus clioimh- 
lion e a seachduiu; agusthuge dha Rachel 
a nighean mar an ceudna 'na mnaoi. 

29 Agus thug Laban do Rachel a nigh- 
ean Biìhah a bhanoglach fèin, dh' ise mar 
bhanoglaich. 

30 Agus chaidh e steach cuideachd a 
dh' ionusuidh Racheil, agus ghràdhaich e 
mar an ceudna Rachel ni's mò na Leah, ag- 
us rinn e seirbhis maille ris fathast seaclul 
bliadhn' eile. 



24 



GENESIS. 



31 Agus 'nuair a chunnaic an Tighearna 
gu 'n d' thugadh fuath do Leah, dh' f hosgail 
e a bolg : ach bha Rachel gun chlann. 

32 Agus dh'fhàs Leah torrach, agus rug i 
mac, a^us thug i Reuben mar ainm air : oir 
thubhairt i, Gu deimhin dh' amhairc an 
Tighearn air m' àmhghar, a nis uime sin 
gràdhaichidh m' fhear mi. 

33 Agus dh' fliàs i torrach a rìs, agus rug 
i mac, agus thubhairt i. A chionn gu 'n cuala 
'n Tighearna gu 'n robh mi air m' fhuath- 
achadh, uime sin thug e dhomh arn mac 
so cuideachd : agus thug i Sinieon mar 
ainm air. 

34 Agus dh'fhàs i torrach arìs, agus rug 
i mac ; agus thubhairt i, A nis anns an uair 
so dlùth-leanaidh m' fhear rium, do bhiìgh 
gu 'n d' rug rai dha triuir mhac : uime sin 
thug i Lebhi mar ainra air. 

35 Agus dh' fhàs i torrach a rìs, agus rug 
i mac ; agus thubhairt i, A nis molaidh mi 
'n Tighearna : uime sin thug i Iudah mar 
ainra air. Agus sguir i do bhreith cloinne. 

CATB. XXX. 

AGUS an uair a chunnaic Rachel nach 
d'rug i clann do Iacob, bha farmad aig 
Rachel r' a piuthair, agus thubhairt i ri Ia- 
cob, Thoir dliomh clann, no gheibh mi 
bàs. 

2 Agus las corruich Iacoib ri Rachel, ag- 
us thubhairt e, Ara bheil rais' an àite Dhè, 
a chum uait toradh na bronn ? 

3 Agus thubhairt i, Feuch, mo bhanog- 
lach Bilhah, theirig a steach d' a h-ionn- 
suidh, agus beiridh i air mo ghlùinibh, agus 
bithidh agam-sa mar an ceudna clann d' a 
trìd-san. 

4 Agus thug i dha Bilhah a banoglach 
mar mhnaoi ; agus chaidli Iacob a steach 
d' a h-ionnsuidh. 

5 Agus dh' f hàs Bilhah torrach, agus rug 
i mac do Iacob. 

6 Agus thubhairt Rachel, Thug Dia 
breth orm, agus dh' èisd e mar an ceudna ri 
m' ghuth, agus thug e dhomh mac : uime 
sin thug i Dan mar ainm air. 

7 Agus dh' fhàs Bilhah banoglach Rach- 
eil torrach a rìs, agus rug i do Iacob an 
dara mac. 

8 Agus thubhairt Rachel, Le mòr ghleac 
ghleac mi ri m' phiuthair, agus thug mi 
buaidh : agus thugi Naphtali marainm air. 

9 'Nuair a chunnaic Leah gu 'n do sguir i 
do bhreith cloinne, ghahh i Silpah a banog- 
lach, agus thug i do Iacob mar mhnaoi i. 

10 Agus rug Silpah, banoglaehLeàh, mac 
do Iacob. 

11 Agus thubhairt Leah, Tha sonas air 
teachd : agus thug i Gad mar ainm air. 

12 Agus rug Silpah, banoglach Leah, an 
dara mac do Iacob. 

13 Agus thubhairt Leah, Is sona mi, oir 
goiridli ùa nigheana mise beannaichte : ag- 
us thug i Aser mar ainm air. 

14 Agus chaidh Reuben a mach ann an 
làithihh fogharaidh a' chruithneachd, agus 
fhuair e mandraga sa' mhachair, agus thug 
e iad chuin a mhàthar Leah. An sin thu- 
bhairt Rachel ri Leah, Thoir dhomh, 
guidheam ort, cuid do mhandragaibh do 
mhic. 

15 Agus thubhairt i rithe, Am beag a' 



chùis gu 'n d' thug tha m' fhear uam, agus 
am b' àill leat mandraga mo mhic a thoirt 
leat mar an ceudna ? Agus thubhairt Racli- 
el, Uime sin luidhidh e leats' an nochd air 
son mandraga do mhic. 

16 Agus thàinig Iacob o'n rahachair san 
fheasgar, agus chaidh Leah raach 'na choin- 
neamh, agus thubhairt i, Thig thu steach a 
m' ionnsuidhs', oir gu deimhin cheannaich 
mi thu le mandragaibh mo mhic : Agus 
luidh e leatha air an oidhche sin. 

17 Agus dh'èisd Dia ri Leah, agus dh'f hàs 
i torrach, agus rug i do Iacob an cùigeadh 
mac. 

18 Agusthubhairt Leah, thug Dia dhomh 
mo dhuais, a chionn gu 'n d' thug mi mo 
bhanoglach do ra'fhear : agus thug i Isa- 
cliar mar ainra air. 

19 Agus dh' fhàs Leah torrach a rìs, agus 
rug i do lacob an sèathadh mac. 

20 Agus thubhairt Leah, Dheònaich Dia 
dhomh deadh chuibhrionn ; a nis gabhaidh 
m' fhear còmhnuidli maille rium, a chionn 
gu 'n d' rug mi dha sèathnar mhac; agus 
tlmg i Sebuluu mar ainm air. 

21 Agus 'na dhèigh sin rug i nighean, 
agus thug i Dinah mar ainm oirre. 

22 Agus chuimhnich Dia air Rachel, ag- 
us dh' èisd Dia rithe, agus dh' fhosgail e a 
bolg. 

23 Agus dh' fhàs i torrach, agus rug i 
mac ; agus thubhairt i, Thug Dia air falbh 
mo mhì-chliu. 

24 Agus thug i Ioseph mar ainm air, ag 
ràdh, Bheir an Tighearna dhomh fathast 
mac eile. 

25 Agus 'nuair a rug Rachel Ioseph, an 
sin thuhhairt Iacob ri Laban, Leig air falbh 
mi, chum gu 'n tèid mi do m' àite, agus do 
m' dhùthaich fèin. 

26 Thoir dhomh mo mhnài, agus mo 
chlann, air son an d' rinn mi seirbhis duit, 
agus gu'm falbh mi ; oir is aitline dhuit mo 
sheirbhis a rinn mi dhuit. 

27 Agus thubhairt Laban ris, Guidheam 
ort, ma fhuair mi deadh-ghean a' d' shùil- 
ibh, fuirich : oir dh' fhòghluim mi o m' 
fhiosrachadh fèin gu 'n do bheannaich an 
Tighearna mi air do sgàth-sa. 

28 Agus thubhairt e, Ainmich do thuar- 
asdal dhomh, agus bheir mi dhuit e. 

29 Agus thubhairt e ris, Tha fios agad 
cionnus a rinn mi seirbhis dhuit, agus cion- 
nus a blia do sprèidh agam : 

30 Oir is beag a bh' agad mun d' thàinig 
mi, agus a nis tha e air fàs 'na mhòran'; 
agus bheannaich Dia thu an lorg mo 
theachd-sa : agus a nis, c' uin' a ni mi mar 
an ceudna air son mo thighe fèin ? 

31 Agus thubhairt e, Ciod a bheir rai 
dhuit? Agus thubhairt Iacob, Chatoirthu 
ni sam bitli dhomh: ma ni thu an ni so 
rium, ionaltraidh mi rìs, agus gleidhidh mi 
do threud. 

32 Thèid mise troimh do threud uile an 
diugh, ag atharrachadh as a sin gach 
sprèidhe a ta breac agus ballach, agus gach 
sprèidhe a ta dubh-dhonn am measg nan 
caorach, agus ballach, agus breac am measg 
nan gabhar : agus is e so mo thuarasdal. 

33 Agas freagraidh air mo shonsa m' ion- 
racas san àm ri teachd, 'nuair a thig e mar 
mo thuarasdal a' d' làthair-sa : gach aon 



CAIB. 

nach li breac agus ballach am measg nan 
gahhar, agus dubh-dlioun atn measg nan 
caorach, measai e mar ni bradach agam- 
sa. 

34 Agus thubhairt Laban, Feuch, b' 
fhearr leam gu 'm bitheadh e rèir t' fhoc- 
9)1. 

35 Agus dh' atharraich e air an là sin fèin 
na gabhair fhirionn a bha stiallach agus 
ballach, agus na gabhair bhoirionn uile a 
bha breac agus balìach, agus gach aon air an 
robh gile, agusgach aon a bha dubh-dhonn 
am rneasg nan caorach, agus thug e iad do 
làmhan a mhac. 

3iJ Agus cliuir e astar thri làithean eadar 
e fèin agus Iacob : agus bheathaich Iacob 
a' chuid eile do threudaibh Labain. 

37 Agusghabb Iacob dha fèin slatanglasa 
do 'n chritheann, agus do 'n challdainn, agus 
do chraoibh nan geanm-chnò ; agus rùisg 
e annta stialla geaìa, agus leig e ris an geal 
a hìia sna slataibh. 

38 Agus chuir e na slatan a rùisg e anns 
na claisibh, anns na h-amair uisge, far an 
d" thàinig na treudan a dh' òl, fa chomhair 
nan treud, chum as gu 'm fàsadh iad torr- 
ach an uair a thigeadìi iad a dh' òl. 

39 Agus dh' fhàs na treudan torrach fa 
ohomhair nan slat, agus rug iad sprèidh 
stiallach, bhreac agus bhallach. 

40 Agus thearbaidh Iacob na h-uain, ag- 
us chuir e aghaidh nan treud riusan a bha 
stiallach, agus gach beatìiach a bha dubh- 
dhonn ann an treudaibh Labain ; agus chùir 
e a threudanfèin airleth, agus cha dochuir 
e iad làimh ri treudaibh Labain. 

41 Agus ge b' e uair a dh' fhàs au sprèidh 
bu treise torrach, chuir Iacob na slata fa 
chomhair sùl na sprèidhe anns na claisibh, 
chum gu 'm fàsadh iad torrach a rèir nan 
slat. 

42 Ach 'nuair abha'n sprèidh anmhunn, 
cha do chuir e ann iad : mar sin bu le La- 
han iadsan a b' anmhuinne, agus le Iacob 
iadsan bu treise. 

43 Agus dh' fhàs an duine ro-shaoibhir ; 
agus bha mòran sprèidhe aige, agus banog- 
laich, agus òglaich, agus càmhail, agus asail. 

CAIB. XXXI. 

AGUS chual' e briathramhac Labain, ag 
ràdh, Thug Iacob leis gach ni a bh' 
aig ar n-athair, agus o 'n ni sin bu le ar 
n-athair-ne fhuair e dha fèin a' mhòrachd 
so uile. 

2 Agus chunnaic Iacob gnùis Labaiu, 
agus, feuch, cha robh i leis mar a bha i 
roimhe sin. 

3 Agus thubhairt an Tighearna ri Iacob, 
Pill gu dùthaich t' aithriche, agus adh' ionn- 
suidh do dhilsean ; agus bithidh mise maille 
riut. 

4 Agus chuir Iacob teachdaire uaith, ag- 
us ghairm e Rachel agus Leah do 'n mhàch- 
air a dli' ionnsuidh a threuda. 

5 Agus thubhairt e riu, Tha mi faicinn 
gnùise bhur n-athar, nach 'eil i leam mar a 
bha i roimhe : ach bha Dia m' athar maille 
riumsa. 

6 Agus tha fios agaibh fèin, le m' uile 
dhìchiol), gu 'n d' rinn mi seirbhis do'r n-ath- 
air. 

7 Gidheadh mheall bhur n-athair mi, 



XXXI. 25 

agus mhùth e motì.uarasdal deich uairean : 
ach cha do leig Dia leis cron a dheanamh 
orm. 

8 Ma thubhairt e mar so, Bithidh an 
sprèidh bhreac 'nan tuarasdal agad, an sin 
rug an sprèidh uile àl breac : agus ma 
tliubhairt e mar so, Bithìdh an sprèidh 
stiallach 'nan tuarasdal agac^, an sin rug an 
sprèidh uile àl stiàllach. 

9 Mar so thug Dia air falbh sprèidh bhur 
n-athar, agus thug e dhomhsa iad. 

10 Agus 'nuair a dh' fhàs an sprèidh torr- 
ach, thog mi suas mo shùilean, agus 
chunnaic mi ann an aisling, agus, feuch, 
bha na reit'neachan, a blia reitheadh na 
sprèidhe, stiallach, l.rea.c, agus grìs-fhionit. 

11 Agus thubhairt aingeal anTighearna 
rium ann an aisling, A Iacoib : agus thubh- 
airfc mise, Tha rai 'n so. 

12 Agus thubhairt esan, Tog suas a nis 
do shùilean, agus faic na reitheachan uile, 
a tha reitheadh na sprèidhe, gu bheil iad 
stiallach, breac, agus grìs-fhionn : oir 
chunnaic mise gaoh ni a rinn Laban ort. 

13 Is mise Dia Bheteil, far an d' ung thu 
'n carragh, far ando bhòidichthu dhomhsa 
bòid : a nis èirich, imich a mach as an tìr 
so, agus pill gu tìr do dhilsean. 

14 Agus fbreagair Rachel agus Leah, 
agus thubhairt iad ris, Am bheil fathast 
cuibhrionn no oighreachd air bith againne 
ann an tigh ar n-athar? 

15 Nach 'eil sinn air ar meas leis mar 
choigrich ? oir reic e sinn, agus struidh e 
mar an ceudna gu tur ar n-airgiod : 

16 Oir an saoibhreas sin uile a thug Dia 
o 'r n-athair, is leinn fèin, agus le 'r cloinn e : 
a nis uime sin, gach ni a thubhairt Dia 
riutsa, dean e. 

17 An sin dh' èirich Iacob suas, agus chuir 
e a mhic agus a mhnài air càmhalaibh ; 

18 Agus thug e leis a sprèidh uile, agus a 
mhaoin uile a fhuair e, sprèidh a chos- 
naidh, a fhuaire am Padan-aram, gu dol a 
dh'ionnsuidh Isaaic 'athargutìr Chanaain. 

19 Agus chaidh Laban alomairt a chaor- 
ach ; agus ghoid Rachel na dealbhan bu le 
a h-athair. 

20 Agus ghoid lacob air falbh gun fhios 
do Laban an vSiriach, achionn nach d'innis 
e dha gu 'n robh e gu teicheadh. 

21 Agus theich e leis gach ni a bh' aige ; 
agus dh' èirich e suas, agus chaidh e thar an 
amhainn, agus cliuir e 'aghaidh ri sliabh 
Ghilead. 

22 Agus dh' innseadh do Laban, air an 
treas là, gu 'n do theich I icob. 

23 Agus thug e a b;.r;\ithre leis, agus 
lean see astar sheacbd l.'Jtliean, agus rug e 
air ann an sliabh Ghilead. 

24 AgusthàinigDiagu Laban an Siriach 
ann an aisling san oidhche, agus thubhairt e 
ris, Thoir an aire nacli labhair thu ri Iacob 
aon chuid maith no olc. 

25 An sin rug Laban air Iacob. A nis 
shuidhich Iacob a bbùth san t-sliabh, agus 
shuidhich Laban mailler' a bhràithribh ann 
an sliabh Ghilead. 

26 Agus thubhairt Laban ri lacob, Ciod 
so a rinn thu, gu 'n do ghoid thu air falbh 
gun fhios domb, agus gu 'n d' thugthu leat 
mo nigheana, mar bhraighdean « thugaàL 
a mach leis a' chlaidheamh ? 



20 



GENESIS. 



27 C' ar son a theich thn air falbh gu 
h-uaigneach, agus a ghoid thu uam, agus 
nach d innis thu dhomh, agus gu 'n cuirinn 
air falbh thu le subhachas, agus ]e h-òran- 
aibh, le tiompan, agus le clàrsaich? 

28 Agus nach do leig thu leam mo mhic 
agus mo nigheanan a phògadh ? a nis is 
amaideach a fhuara tu le so a dheanamh. 

29 Tha e 'n comas mo làimlie-sa cron a 
dheanamh ort: ach labhair Dia t' athar 
rium an raoir, agràdh, Thoir an aire, nach 
labhair thu ri lacob aon chuid maith no 
olc. 

30 Agus a nis, ged a b' èigin duit falbh, a 
chionn gu 'n robh thu gu ro-mhòr an geall 
air tigh t' athar, gidheadh c' ar son a ghoid 
thu mo dhèe? 

31 Agus fhreagair Iacob, agus thubhairt 
e ri Laban, A chionn gu'n robh eagal orm : 
oir thubhairt mi, Theagamh gu 'n tugadh 
tu uam do nigheana le h-ainneart. 

32 Ge b' e neach aig am faigh thu do 
dlièe, na màireadh e beò : an làthair ar 
bràithre faic ciod a th' agam a bhuineas 
duit, agus gabh thugad e: oir cha robh 
fhios aig Iacob gu 'n do ghoid Rachel iad. 

33 Agus chaidh Laban a steach do bhùth 
Iacoib, agus do bhùth Leah, agus do bhùth 
an dà bhanoglaich ; ach cha d' fhuair e 
iad. An sin chaidh e mach à bùth Leah, 
agus chaidh e steach do bhùth Racheil. 

34 A nis ghoid Rachel na dealbhan, ag- 
us chuir i iad ann an acfuinn a' chàmhail, 
agus shuidh i orra: agus rannsaich Laban 
am bùth uile, ach cha d' fhuair e iad. 

35 Agus thubhairt i r' a h-athair, Na cuir- 
eadh e corruich air mo thighearna nach 
urrainn mi èirigh suas a' t' f hianuis, oir tha 
orm a rèir gnàtha nam ban : agus rann- 
saich e, ach cha d' fhuair e na dealbhan. 

36 Agus bha fearg air Iacob, agus throid 
e ri Laban : agus fhreagair Iacob, agus 
thubbairt e ri Laban, Ciod i mo choire, ag- 
us ciod e mo pheaeadh, gu 'n robh thu cho 
dian air mo tnòir ? 

37 An dèigh dhuit m' airneis uile a rann- 
sachadh, ciod a fhuair thu dh' uile airneis 
do thighe? cuir an so e an làthair mo 
bhràithre-sa agus do bhràitbre fèin, agus 
gu 'n tabhair iad breth eadaruinn 'nar 
dithis. 

38 A nis fichead bliadhna bha mi maille 
riut ; cha do thilg do chaoraich an uain, no 
do ghabhair am minn, agus reitheachan do 
threuda cha d' ith mi. 

39 An ni sin a reubadh le fiadh-bheath- 
aichibh cha d' thug mi a t' ionnsuidh; 
ghiùlain mi fèin a ehall : o m' làimh-sa 
dh' iarr thu e, co ac' a ghoideadh e san la- 
tlia, no ghoideadh e san oidhche. 

40 Mar so bha mi ; san là chlaoidh an 
teas mi, agus an reotha san oidhche ; agus 
dhealaich mo chodal ri m' shùilibh. 

41 Mar so bha mi fìchead bliadhna a' d' 
thigh: ceithir bliadhna cìeug rinn mi 
seirbhis duit air son do dhithis nigheana, 
agus sè bliadhna air son do sprèidhe ; 
agus mhùth thu mo thuarasdal deieh uair- 
eati. 

42 Mur bhitheadh gu'n robh Dia m' ath- 
ar, Dia Abrahaim, agus Eagal Isaaic mailie 
rium, gu cinnteach chuireadh tu nis air 
falbh rni falamh : chunnaic Dia m' àmh- 



ghar agus saothair mo làmh, agus chron- 
aich e thu 'n raoir. 

43 Agus fhreagair Laban, agus thubhairt 
e ri Iacob, Na nigheana so is lad mo nigh- 
eana-sa iad, agus a' chlann so mo chlann-sa, 
agus an sprèidh so mo sprèidh-sa; agus 
gach ni a tha thu a' faicinn, is leamsa e : 
agus ciod a dh' fheudas mi dheanamh an 
diugh ri m' nigheanaibh so, no r' an cloinn 
a rug iad ? 

44 A nis uime sin thig-sa, deanamaid 
coimhcheangal, mise agus thusa ; agus 
bitheadh e mar fhianuis eadar mise agus 
thusa. 

45 Agus ghabh Iacob clach, agus chuir e 
suas i mar charragh. 

46 Agus thubhairt Iacob r' a bhràithribh, 
Cruinniehibh clachan : agus ghabh iad 
clachan, agus rinn iad carn, agus dh' ith iad 
an sin air a' charn. 

47 Agus thug Laban mar ainm air legar- 
sahaduta: ach thug Iacob mar ainm air 
Galeed. 

48 Agus thubhairt Laban, Tha 'n carn 
so 'na fhianuis eadar mise agus thusa an 
diugh. Uime sin thugadh Galeed mar 
ainm air ; 

49 Ag us Midspah ; oir thubhairt e, Dean- 
adh an Tighearna faire eadar mise agus 
thusa, 'nuair a bhitheas sinn à làthair a 
chèile. 

50 Ma bhuineas tu gu cruaidh ri ra' nigh- 
eanaibh, no ma ghabhas tu mnài eile thuill- 
eadh air monigheanaibh-sa, cha'n 'e?7duine 
sam bith maille ruinn ; feuch, tha Dia 'na 
fhianuis eadar mis' agus thusa. 

51 Agus thubhairt Laban ri Iacob, Faic 
an carn so, agus faic an carragh so, a shuidh- 
ich mi eadar mis' agus thusa. 

52 Bitheadh an carn so 'na fhianuis, ag- 
us bitheadh an carragh so 'na fhianuis, 
nach tèid mise a t' ionnsuidh-sa thar a' 
charn so, agus nach tig thus' a m' ionn- 
suidh-sa thar a' charn so, agus a' charragh 
so, gu cron. 

53 Gu 'n tugadh Dia Abrahaim, agus Dia 
Nahoir, Dia an athar, breth eadaruinn. 
Agus mhionnaich Iacob air Eagal 'athar 
Isaaic. 

54 An sin thug Iacob suas ìobairtean san 
t-sliabh, agus ghairm e air a bhràithribh a 
dh' itheadh arain : agus dh' ith iad aran, ag- 
us dh' fhan iad rè nah-oidhche sant-sliabh. 

55 Agus dh' èirich Laban suas moch sa' 
mhaduinn, agus phòg e a mhic agus a uigh- 
eanan, agus bheannaich e iad, agus dh'- 
fhalbh e : agus phill Laban g' a àite fèin. 

CAIB. XXXII. 

AGUS dh' imich Iacob air a shlighe, agus 
choinnich aingil Dhè e. 

2 Agus thubhairt Iacob, 'nuair a chunn- 
aic e iad, Is e so feachd Dhè : agus thug e 
Mahanaim mar ainm air an àite sin. 

3 Agus chuir Iacob teachdairean roimhe 
gu h-Esau a bhràthair, gu fearann Sheir, 
dùthaich Edoim. 

4 Agus dh* àithn e dhoibh, ag ràdh, Mar 
so their sibh ri m' thighearn Esau, Mar so 
tliubhairt do sheirbhiseach Iacob, Bha mi 
air chuairt maille ri Laban, agus dh' fhan 
mi maille ris gus a nis. 

5 Agus tha agam buar, agus asail, treud- 



CAIB. XXXIII. 



27 



an, agus òglaich, agu3 banoglaich; agus 
chuir mi dh' innseaah do m' thighearna, 
cham gu 'm faighinn deadh-ghean a' d' 
shùilibh. 

6 Agus phill na teachdairean gu Iacob, 
ag ràdh, Thàinig sinn a dh' ionnsuidh do 
bhràthar Esau, a?us mar an ceudna tha e 
teachd a' d' chòdhail, agus ceithir cheud 
fear maille ris. 

7 Agus bha Iacob fo eagal mòr, agus ann 
an airc ; agus roinn e 'n sluagh a bha maille 
ris, agus na treudan, agus an crodh, agus 
na càrahail 'nan dà bhuidhinn ; 

8 Agus thubhairt e, Ma thig Esau gu 
h-aon do na buidhnibh, agus gu 'm huail e 
i, an sin thèid a' bhuidheann a dh' fhanas 
as naith. 

9 Agus thubhairt Iacob, O Dhè m' athar 
Abrahaim, agus a Dliè m' athar Isaaic, a 
Thighearn a thubhairt rium, Pill gu d' 
dhùthaich, agus gu d' dhilsean, agus ni mi 
maith dhuit : 

10 Cha'n airidh mi air a' chuid a's lugha 
do na tròcairibh sin uile, no do 'n fhìrinn 
sin uile, a nochd thu do d' sheirbhiseach ; 
oir le m' luirg thàinig mi thar an Ior- 
dan so, agus tha mi nis a' m' dhà bhuidh- 
inn. ' 

11 Saor mi, guidheam ort, o làimh mo 
bhràthar, o làimh Esau : oir tha eagal orm 
roimhe, gu 'n tig e, agus gti 'm buail e mi, 
agus a' rahàthair maille ris a' chloinn. 

12 Agus thubhairt thu, Gu cinnteach ni 
mi maith dhuit, agus ni mi do shliochd 
mar ghaineamh na fairge, nach feudar àir- 
eamh a thaobh lìonmhoireachd. 

13 Agus dh' flian e an sin san oidliche sin 
fèin, agus ghabh e do na thàinig g' a làimh 
tiodhlac air son Esau a bhràthar ; 

14 Dà cheud gabhar agus fichead boc, dà 
cheud caora agus fichead reithe, 

15 Deich camhail thichead bhainne le 'n 
searraich, dà fhichead bò agus deicb tairbh, 
fichead asal bhoirionn agus deich searr- 
aich. 

16 Agus thug eiad do làimh a sheirbh- 
iseach, gach iomain leatha fèin ; agus 
thubhairt e r' a sheirbhisich, Imichibh 
romham, agus cuiribh dealachadh eadar 
iomain agus, iomain. 

17 Agus dh'àithn e dhasan a bh'air thois- 
each, ag ràdh, 'Nuair a choinnieheas mo 
bhràthair Esau thu, agus a dh' fheòraiche?.s 
e dhiot, ag ràdh, Co leis thu, agus c' àit a 
tha thu dol? agus co leis iad sin a tha 
romhad ? 

18 An sin their thusa, JBuinidh iad do 
d'sheirbhiseach Iacob; is tiodhlac a tlvann, 
a chuireadh a dh' ionnsuidh mo thighearn 
Esau : agus, feuch, mar an ceudna tìia e 
fèin 'nar dèigh. 

19 Agus dh' àithn e mar sin do 'n dara 
seirbhiseach, agus do 'n treas, agus dhoibh- 
san uile a bha leantuinn nan iomain, ag 
ràdh, Air an dòigh so labhraidh sibh ri 
h-Esau, 'nuair a gheibh sibh e. 

20 Agus their sibh cuideachd, Feuch, 
Tha do sheirbhiseach Iacob nar dèigh-ne : 
oir thubhairt e, Ni mi rèidh e leis an 
tiodhlac a thèid romham, agus an dèigh sin 
chi mi a ghnùis ; theagamh gu 'n gabh e 
rium. 

21 Mar sin chaidh an tiodhlac thairis 



roimhe : agus dh'fhan e fèin an oidhche sin 
sa' chuideachd. 

22 Agus dh' èirich e suas san oidhche sin, 
agus ghabh e a dhà mhnaoi, agus a dhà 
bhanoglaich, agus 'aon mhac deug, agus 
chaidh e thairis air àth Iaboic. 

23 Agus ghabh e iad, agus chuir e thairis 
air an t-sruth iad, agus chuir e thairis na 
bh' aige. 

24 Agus dh' fhan Iacob 'na aonar; agus 
ghleac duine ris, gu ruig briseadh na fàire. 

25 Agus 'nuair a chunnaic e nach do 
bbuadhaich e air, an sin bhean e ri lag a 
shlèisde ; agus chaidh lag slèisde Iacoib as 
an alt 'nuair a bha e a' gìeac ris. 

26 Agus thubhairt e, Leig air falbh mi, 
oir tha 'n fhàir a' briseadh : agus thubhairt 
esan, Cha leig mi air falbh thu, mur beann- 
aich thu mi. 

27 Agus thubhairt e ris, Ciod is ainm 
dhuit? agus thubhairt e, lacob. 

28 Agus thubliairt esan, Cha ghoirear 
Iacob ni 's mò riut mar,ainm, ach Israel : 
oir bha cumhachd agad "mar uachdaran ri 
Dia, agus ri daoinibh, agus thug thu buaidh. 

29 Agus dh' fhiosraic.h Iacob dheth, agus 
thubhairt e, innis dhomh, guidheam ort, 
t'ainm : agus thubhairt esan, C'ar son atha 
thu a' farraid m'ainme ? Agus bheannaicli 
e an sin e. 

30 Agus thug Iacob Peniel mar ainm air 
an àite : oir chunnaic mi Dia aghaidh ri 
h-aghaidh, agus tliearnadli m' anam. 

31 Agus dh' èirich a' ghrian air, 'nuair a 
chaidh e ?each Penuel, agus bha e bacach 
air a shliasaid. 

32 Uime sin cha 'n ith clann Israeil do 'n 
fhèith a chrup, a ta air lag na slèisde, gus 
an là 'n diugh ; a chionn gu 'n do bhean e ri 
lag slèisde Iacoib san fhèith a chrup. 

CAIB. XXXIII. 

AGUS thog Iacob suas a shùilean, agus 
dh' amhairc e, agus, feuch, bha Esau 
a teachd, agus maille ris ceithir cheud fear. 
Agus roinn e a' chlann do Leah, agus do 
Racbel, agus do 'n dà bhanoglaich. 

2 Agus chuir e na banoglaich agus au 
clann air thoiseach, agus Leali agus a claim 
'nan dèigh, agus Rachel agus Ioseph air 
dheireadn. 

3 Agus chaidh e fèin air aghaidh rompa, 
agus ehrom se e fèin gu làr seachd uaireau, 
gus an d' thàinig e dlùth d' a bhràthair. 

4 Agus ruith Esau 'na choinneamh, ag- 
us ghabh e 'na ghlacaibh e, agus thuit e air 
a mhuineal, agus phòg se e : agus ghuil iad. 

5 Agus thog e suas a shùilean, agus 
chunnaic e na mnài agus a' chlann ; agns 
thubhairt e, Cò iad sin a ta maille riut ? ag- 
us thubhairt esan, A' chlann a thug Dia gu 
gràsmhor do d' sheirbhiseach. 

6 An sin thàinig na banoglaich am fag- 
us, iad fèin agus an clann, agus chrom siad 
iad fèin. 

7 Agus thàinig Leah cuideachd am fng- 
us maille r' a cloinn, agus chrom siad iàd 
fèin; agus an dèigh sin thàinig Ioseph a:n 
fagus agusRachel, agus chrorn siad iad fèin. 

8 Agus thubhairt e, Ciod is ciall duit leis 
an iomain so uile, a choinnich mi ? Agus 
thubhairt esan, Gu deadli-ghean fhaghail 
ann an sùilibh mo tìiighearna. 



28 



GENESIS. 



9 Agus thubhairt Esau, Tha agamsa 

Eailteas, a bhràthair ; glèidh dhuit fèin na 
heil agad. 

10 Agus thubhairt Iacob, Ni h-eadh, 
guidheam ort, ma fhuair mi nis deadh- 
ghean a'd' shùilibh, an sin gabh mo thiodh- 
lac o m' làimh : oir uime sin chunnaic mi 
do ghnùis, mar gu'm faicinn gnùis Dè, ag- 
us thaitinn mi ri ut. 

11 Gabh, guidheam ort, mo bheannach- 
adh a thugadh a d' ionnsuidh, do bhrìgh 
gu 'n do bhuin Dia gu toirbheartach rium, 
agus gu bheil agam mòr phailteas : agus 
rinn e ro-earail air, agus ghabh se e. 

12 Agus thubhairt e, Gabhamaid ar 
turus, agus biomaid ag imeachd, agus thèid 
mise maille riut. 

13 Agus thubhairt e ris, Tha fios aig mo 
thighearna gu bheil a' chlann maoth, agus 
na treudan agus an fheudail, a ta maille 
rium, trom le h-àl ; agus ma dh' iomainear 
iad gu dian aon latha, gheibh an treud uile 
bàs. 

14 Rachadh, guidheam ort, mo thigh- 
earna seachad roimh a sheirbhiseach : ag- 
us gabhaidh mise an t-slighe gu socrach, a 
rèir mar a bhios an sprèidh a ta romham, 
agus a' chlann, comasach air fliulang, gus 
an tig mi dh' ionnsuidh mo thighearna gu 
Seir. 

15 Agus thubhairt Esau, Leig leam a 
nis cuid do 'n mhuinntir a ta maille rium 
fhàgail mar-riut : Agusthubhair tesan, C'ar 
son sin ? faigheam-sa deadh-ghean an sùil- 
ibh mo thighearna. 

16 Mar sin phill Esau san là sin fèin air 
a shlighe gu Seir. 

17 Agus dh' imich Iacob gu Sucot, agus 
thog e dha fèin tigh, agus rinn e bothain 
d' a sprèidh : air an aobhar sin thugadh 
Sucot mar ainm air an àite. 

18 Agus thàinig Iacob do Shalem, baile 
Shecheim a ta ann an tìr Chanaain, 'nuair 
athàinig e o Phadan-aram ; agus shuidhich 
e a bhùth fa chomhair a' bhaile. 

19 Agus clieannaich e mìr fearainn, far 
an do shuidhich e a bhùth, o làimìi cliloinne 
Hamoir athar Shecheim, air cheud bonn 
airgid. 

20 Agus chuir e suas altair an sin, agus 
thug e El-Elohe-Israel mar ainm oirre. 

CAIB. XXXIV. 

AGUS chaidh Dinah nighean Leah, a rug 
i do Iacob, a mach a dh'fhaicinn nigh- 
eana na tìre. 

2 Agus 'nuair a chunnaic Sechem mac 
Hamoir an Ibhich, uachdaran na tìre i, 
ghabh e i, agus luidh e leatha, agus thruaill 
e i. 

3 Agus dhluth-lean 'anam ri Dinah nigh- 
ean Iacoib, agus ghràdhaich e a' ghruag- 
ach, agus labhair e gu caomh ris a' ghruag- 
aich. 

4 Agus labhair Sechem ri Hamor 'ath- 
air, ag ràdh, Faigh dhomhsa a' ghruagach 
so mar mhnaoi. 

5 Agus chuala Iacob gu 'n do thruaill e 
Dinah a nighean ; (nis bha a mhic maille 
r' a sprèidh sa' mhachair ;) agus bha Iacob 
'na thosd gus an d' thàinig iad. 

6 Agus chaidh Hamor athair Shecheim 
a mach a dh'ionnsuidh Iacoib, a labhairt ris. 



7 Agus thàinig mic Iacoib o 'n mhachair 
'nuair a chual' iad e, agus bha na daoine 
doilich, agus bha fearg mhòr orra ; a chionn 
gu'n d'rinn e amaideachd ann an Israel, ann 
an luidhe le nighean Iacoib, ni nach bu 
chòir a dheanamh. 

8 Agus labhair Hamor riu, ag ràdh, Tha 
anam mo mhic Shecheim an ro-gheall air 
bhur nighinn : thugaibh dha i, guidheam 
oirbh, mar mhnaoi. 

9 Agus deanaibh ceanglaiche-pòsaidh 
ruinne ; bhur nigheana-sa thugaibh 
dhuinne, agus ar nigheana-ne gabhaidh 
sibh dhuibhse. 

10 Agus maille ruinne gabhaidh sibh 
còmhnuidh : agus bithidh an tìr roimhibh ; 
gabhaibh còmhnuidh, agus deanaibh reic 
agus ceannachd innte, agus faighibh sealbh 
innte. 

11 Agus thubhairt Sechem r' a h-athair, 
agus r'a bràithribh, Faigheam deadh-ghean 
'nur sùilibh ; agus ge b' e ni a their sibh 
rium, bheir mi dhuibh. 

12 Air a mheud 's gu 'n dean sibh an 
dubharaidh orm, agus an tiodhlac, bheir 
mi dhuibh eadhon mar a their sibh rium : 
a mhàin thugaibh dhomh a' ghruagach mar 
mhnaoi. 

13 Agus fhreagair mic lacoib Sechem 
agus Hamor 'athair le ceilg, agus labhair 
iad, (a chionn gu 'n do thruaill e Dinah 
am piuthar,) 

14 Agus thubhairt iad riu, Cha 'n fheud 
sinne an ni so dheanamh, ar piuthar a thoirt 
do dhuine neo-thimchioll-ghearta : oir 
bhiodh sin 'na mhasladh dhuinne. 

15 Ach an so aontaichidh sinn leibh ; ma 
bhios sibhse mar a ta sinne, gu'n timchioll- 
ghearrar gach fìrionnach 'nur measg ; 

16 An sin bheirsinnearnigheanadhuibh- 
se, agus hhur nigheana-sa gabhaidh sinn 
dhuinne, agus gabhaidh sinn còmhnuidh 
maille ribh, agus bithidh sinn 'nar n-aon 
sluagh. 

17 Ach mur èisd sibh ruinne, sibJi a bhi 
air bhur timchioll-ghearradh, an sin gabh- 
aidh sinne ar nighean, agus falbhaidh sinn. 

18 Agus thaitinn am briathra ri Hamor, 
agus ri Sechem mac Hamoir. 

19 Agus cha do chuir an t-òganach dàil 
anns an ni a dlieanamh, a chionn gu 'n robh 
tlachd aige ann an nighinn Iacoib : agus bha 
e ni b' urramaiche na tigh 'athar uile. 

20 Agus thàinig Hamor, agus Sechem a 
mhac gu geatadh am baile, agus labhair 
iad ri daoinibh am baile, ag ràdh, 

21 Tha nadaoinesosìochailmailleruinn, 
air an aobhar sin gabhadh iad còmhnuidh 
san tìr, agus deanadh iad reic agus ceann- 
achd innte ; thaobh an fhearainn, feuch, 
tfAaefarsuinn ni's leòr dhoibh : an nigheana- 
sa gabhaidh sinne dhuinne mar mhnài, ag- 
us ar nigheana-ne bheir sinne dhoibh-san. 

22 A mhàin anns an ni so aontaichidh na 
daoineleinn, gu còmhnuidh ghabhail maille 
ruinn, gu bhi 'nar n-aon sluagh, ma thim- 
chioll-ghearrar gach firionnach againne, 
mar a ta iadsan air an timchioll-ghearradh. 

23 Nach leinne an sprèidh, agus am 
maoin, agus an ainmhidhean uile ? a mhàin 
aontaicheamaid leo, agus gabhaidh iad 
còmhnuidh maille ruinn. 

24 Agus dh' èisd gach neach a chaidh 



CAIB. XXXV. XXXVI. 



29 



mach air geatadh a bhaile ri Haraor, agusri 
Sechema mhac : agus thimchioll-ghearradh 
gach firionnach, iadsan uile a chaidh mach 
air geatadh a bhaile. 

25 Agus air an treas là, 'nuair a bha iad 
air an cràdh, an sin ghabh dithis do mhic 
Iacoib, Simeon agus Lebhi, bràithre Dhin- 
ah, gach fear aca a chlaidheamh, agus thài- 
nigiad air a' bhaile gu dàna ; agus mharbh 
iaa gach firionnach. 

26 Agus mharbh iad Hamor agus Sechem 
a mliac le faobhar a' chlaidheimh, agus thug 
iad Dinah à tigh Shecheim, agus chaidh iad 
a mach. 

27 Thàinig mic Iacoib air na mairbh, ag- 
us chreach iad am baile, a chionn gu 'n do 
thruaill iad am piuthar. 

28 An caoraich, agus am buar, agus an 
asail, agus na bha sa' bhaile, agus na bha san 
fhearann, thog iad : 

29 Agus am maoin uile, agus an clann 
bheag uile, agus am mnài thug iad leo an 
daorsadh, agus thog iad sa' chreich eadhon 
gach ni a blia stigh. 

30 Agus thubliairt Iacob ri Simeon agus 
ri Lebhi, Chuir sibh trioblaid orm le m' 
dheanamh gràineil am measg luchd-àit- 
eachaidh na tìre, am measgnau Canaanach, 
agus uatn Peridseach: agus air dhomhsa 
bhi gann an àireamh, cruinnichidh siad iad 
fèin cuideachd a' m' aghaidh, agus raarbh- 
aidh iad mi ; agus cuirear as domh, agus do 
m' thigh. 

31 Agus thubhairt iad, Am bu chòir dha 
buntainn ri 'r piuthair-ne mar ri strìop- 
aich ? 

CAIB. XXXV. 

AGUS thubhairt Dia ri Iacob, Eirich, 
imich suas gu Betel, agus gabh còmh- 
nuidh an sin; agus dean an sin altair do 
Dhia, a dh'fhoillsich e fèin duit an uair a 
theich thu o ghnùis Esau do bhràthar. 

2 Agus thubhairt Iacob r' a theaghlach, 
agus riu-san uile a bha maille%is, Cuiribh 
uaibh na diathan coimheach a ta 'nur 
measg, agus bithibh glan, agus mùthaibh 
bhur n-eudach : 

3 Agus èireamaid, agus rachamaid suas 
gu Betel ; agus ni mise an sin altair do Dhia, 
a dh' èisdrium auu an là mo chruaidh-chais, 
agus a bha maille rium san t-slighe air an 
deachaidh mi. 

4 Agus thug iad do Iacob na diathan 
coimheach uile a bha 'nan làimh, agus an 
cluas-fhàinnean a bha 'nan cluasaibh ; ag- 
us dh'fholaich Iacob iad fuidh 'n daraig a 
bha làimh ri Sechem. 

5 Agus dh'imichiad: agusbhaeagalDhè 
air na bailtibh a bha mu 'n cuairt orra, agus 
cha d'rinn iad toireachd air mic Iacoib. 

6 Mar sin thàinig Iacob gu Luds, a ta an 
tìr Chanaain, eadhon Betel, e fèin agus an 
sluagh uile a bha maille ris. 

7 Agus thog e 'n sin altair, agus tlmg e 
Elbetel mar ainm air an àit ; do bhrìgh ann 
an sin gu 'n d' fhoillsich Dia e fèin dha, 
'nuair a theich e o ghnùis a bhràthar. 

8 Ach fhuair Deborah banaltrum Re- 
becah bàs, agus dh'adhlaiceadh i fuidh Bhe- 
tel.fuidh dharaig: agus thugadh Alon-bacut 
mar ainm air. 

9 Agus dh' fhoillsich Dia e fèin do lacob 



a rìs, an uair a thàinig e à Padan-aram ; ag- 
us bheannaich se e. 

10 Agus thubhairt Dia ris, 'Se Iacob a's 
ainm diiuit; cha'n ainmichear thu Iacob 
ni 's mò, ach 'se Israel a bhios 'na ainm ort : 
agus thug e Israel mar ainm air. 

11 Agus thubhairt Dia ris, 7* mise Dia 
uile-chumhachdach ; bi sìolmhor agus fàs 
lìonmhor: thig cinneach aguscoimhthional 
chinueach uait, agus thig rìghrean a mach 
à d' leasruidh. 

12 Agus am fearann a thug mi dh' Abra- 
bam agus a dh' Isaac, dhuitse bheir mi e ; 
agus do d' shliochd a'd' dhèigh bheir mi am 
fearann. 

13 Agus chaidh Dia suas uaith san àit an 
do labhair e ris. 

14 Agus chuir lacob suas carragh san 
àit an do labhair e ris, carragh cloiche, ag- 
us dhòirt e tabhartas-dibhe air, agus dhòirt 
e oladh air. 

15 Agus thug Iacob Betel mar ainm air 
an àite far an do labhair Dia ris. 

16 Agus dh'imich iad o Bhetel, agus cha 
robh ach astar beag aca ri teachd gu h-Eph- 
rat : agus thàinig tinneas cloinne air Rachel, 
agus bha saothair chruaidh oirre. 

17 Agus 'nuair a bha i an cruaidh shaoth- 
air, an sin thubhairta' bhean-ghlùinerithe, 
Na biodh eagal ort, oir bithidh atn mac so 
agad cuideachd. 

18 Agus 'nuair a bha h-anam a' dealach- 
adh rithe, (oir fhuair i bàs,) thug i Benoni 
mar ainm air : ach dh' ainmich 'athair e 
Beniamin. 

19 Agus fhuair Rachel bàs, agus dh' adh- 
laiceadh i san t-slighe gu h-Ephrat,eadhon 
Betlehem. 

20 Agus chuir Iacob suas carragh air a 
h-uaigh : is e so carragh uaighe Racheil gus 
anlà'ndiugh. 

21 Agus ghabh Israel a thurus, agus 
shuidhich e a bhùth an taobh thall do thùr 
Edeir. 

22 Agus 'nuair a bha Israel a chòmhnuidh 
san tìr sin, chaidh Reuben, agus luidh e le 
Bilhah leannan 'athar: agus chual' Israel 
sin. A nis bha dà mhac deug aig Iacob. 

23 Mic Leah ; Reuben ceud-ghiu lacoib, 
agus Simeon, agus Lebhi,agus ludah, agus 
Isachar, agus Sebulun. 

24 Mic Racheil ; Ioseph, agus Beniamin. 

25 Agus mic Bhilhah, banoglaich Ra- 
cheil ; Dan, agus Naphtali. 

26 Agus mic Shilpah, banoglaich Leah ; 
Gad agus Aser. Is iad sin mic Iacoib, a 
rugadh dha am Padan-aram. 

27 Agus thàinig lacob chum Isaaic 'athar 
do Mhamre, gu baile Arbah, eadhon He- 
bron, far an robh Abraham agus Isaac air 
chuairt. 

28 Agus b' iad làithean Isaaic ceud bliadh- 
na 's ceithir fichead. 

29 Agus thug Isaac suas an deò, agus 
dh'eug e, agus chruinnicheadh e chum a 
mhuinntir fèin, agus e 'na sheann duine, 
agus làn do làithibh. Agus dh'adhlaic a 
mhic Esau agus Iacob e. 

CAIB. XXXVI. 

AGUS is iad sin ginealaich Esau, eadhon 
Edoim. 

2 Ghabh Esau a mhnài do nigheanaibh 



30 



GENESIS. 



Chanaain ; Adah nighean Eloin an Hitich, 
agus Aholibamah nighean Anah, nighinn 
Shibeoin an Hibhich ; 

3 Agus Basetnat nighean Ismaeil.piuthar 
Nebaioit. 

4 Agus rug Adah do Esau Eliphas ; ag- 
us rug Basemat Reuel. 

5 Agus rug Aholibamah Ieus, agus Iaa- 
lam, agus Corah : Is iad sin mic Esau, a 
rusradh dha ann an tìr Chanaain. 

6 Agus ghabh Esau amhnài, agus a mhic, 
agus a nigheana, agus uile mhuinntir a 
thighe, agus a sprèidh, agus 'ainmhidhean 
uile, agus a mhaoin uile, a fhuair e ann an 
tìr Chanaain ; agus chaidh e do thìr eile o 
ghnùis a bhràthar Iacoib. 

7 Oir bha 'n saoibhreas ni bu mhò na 
gu 'tu feudadh iad còmhnuidh a ghabhail 
cuideachd ; agus cha b'urrainn an tìr anns 
an robh iad 'nan coigrich, an giùlan air son 
an sprèidhe. 

8 Mar so gliabh Esau eòmhnuidh ann an 
sliabh Sheir : is e Esau Edom. 

9 Agus is iad sin ginealaich Esau, athar 
nan Edomach, ann an sliabh Sheir : 

10 Is iad sin ainmeanna mhac Esau ; 
Eliphas mac Adah mnà Esau, Reuel mac 
Bhasemait mnà Esau. 

11 Agus b'iadmic Eliphais Teman, O- 
mar, Sepho, agus Gatam, agus Cenas. 

12 Agus bha Timna 'na leannan aig Eli- 
phas, mac Esau; agus rug i da Eliphas A- 
malec : 6'iad sin mic Adah, mnà Esau. 

13 Agus is iad sin mic Reueil ; Nahat, ag- 
us Serah, Samah, agus Midsah : b' iad sin 
rnic Bhasemait, mnà Esau. 

14 Agus b'ind sin mic Aholibamah, nigh- 
inn Anah, nighinn Shibeoin, mnà Esau: 
agus rug i do Esau Ieus, agus Iaalam, ag- 
us Corah. 

15 B' iad sin cinn-fheadhna mhac Esau : 
mie Eliphais, ceud-ghin Esau ; ceann-feadh- 
na Teman, ceann-feadhna Òmar, ceann- 
feadhna Sepho, ceann-feadhna Cenas, 

16 Ceann-feadhna Corah,ceann-feadhna 
Gatam, agus ceann-feadhna Amalec: is 
iad sin na cinn-fheadhna a thàinig o Eli- 
phas, ann an tìr Edoim : b' iad 6in mic Adah. 

17 Agus is iad sin mic Reueil, mhic Esau ; 
ceann-feadhna Nahat, ceann-feadhna Se- 
rah, ceann-feadhna Samah, ceann-feadhna 
Midsah. Is iad sin na cinn-flteadhna a 
thàinig o Reuel, ann an tìr Edoim : is iad 
sin mic Bhasemait, mnà Esau. 

18 Agus is iad sin mic Aholibamah, mnà 
Esau ; ceaun-feadhna leus, ceann-feadhna 
laalam, ceann-feadhna Corah : b' iad sin na 
cinn-fheadhna a thàinig o Aholibamali 
nighinn Anah, mnà Esau. 

19 Is iad sin mic Esau, eadhon Edoim ; 
agus is iad sin an cinn-flieadhna. 

20 Is iad sin raic Sheiran Horich, luchd- 
àiteachadh na tìre ; Lotan, agus Sobal, ag- 
us Sibeon, agus Anah, 

21 Agus Dison, agus Edser, agus Disan : 
ù iad sin cinn-fheadhna nan Horach, 
cloinne Sheir, ann an tìr Edoim. 

22 Agus b' iad clann Lotain Hori, agus 
Heman : agus b'i Timna piuthar Lotain. 

23 Agus b' iad sin clann Shobail ; Albhan, 
agus Manahat, agus Ebal, Sepho, agus 
Onam. 

24 Agus b' iad sin clann Shibeoin ; araon 



Aiah.agus Anah : &'esoant-Anah,afhuair 
a mach na muileidean san fhàsach, an uair 
a bha e 'g ionaltradh asal Shibeoin 'athar. 

25 Agus 6'iad sin clann Anah; Dison, 
agus Aholibamah nighean Anah. 

26 Agus b' iad sin clann Dhisoin ; Hpiu- 
dan, agus Esban, agus Itrau, agus Cheran. 

27 B' iad sin clunnEseir; Bilhau, agus 
Saabhan, agus Achan. 

28 B' iaa sin clann Dhisain ; Uds, agus 
Aran. 

29 2?'iad sin cinn-fheadhna nan Horach ; 
ceann-feadhna Lotan, ceann-feadhna So- 
bal, ceann-feadhna Sibeon, ceann-feadhna 
Anah, 

30 Ceann-feadhna Dison, ceann-feadhna 
Eser, ceann-feadhna Disan : is iad sin na 
cinn-fheadhna a thàìnig o Hnri, am measg 
an ceann-feadhna-san ann an tìr Sheir. 

31 Agus is iad sin na rìghrean a rìghich 
ann an tìr Edoim.mun do rìghich righ sam 
bith air cloinn Israeil. 

32 Agus rìghich ann an Edom Belah 
mac Bheoir; agus b' e ainm a bhaile Din- 
habah. 

33 Agus dh' eug Belah, agus rìghich Iob- 
ab mac Sherah o Bhosrah 'na àite. 

34 Agus dh' eug Iobab, agus rìghich Hus- 
atn o thìr Themani 'na àite. 

35 Agus dh'eug Husam, agus rìghich 
Hadad rnac Bhedaid, a bhuail Midian am 
fearann Mhoaib, 'ua àite : agus b' e ainm a 
bhaile Abhit. 

36 Agus dh' eug Hadad, agus rìghich 
Samlah o Mhasrecah 'na àite. 

37 Agus dh'eug Samlah, agus rìghich 
Saul o Rehobot, làimh ris an amhainn, 'na 
àite. 

38 Agus dh'eug Saul, agusrìghich Baal- 
hanan mac Achboir 'na àite. 

39 Agus dh'eug Baal-hanan mac Ach- 
boir, agus rìghich Hadar 'na àite : agus b' e 
ainm a bhaile Pau ; agus ainm a inhnà Me- 
hetabel, nighean Mhatreid, nighinn Mhed- 
sahaib. 

40 Agus is iad sin ainmeanna nan ceann- 
feadhna a thàinig o Esau, a rèir an teagh- 
laichean, a rèir an àiteacha, 'nan ainmibli ; 
ceann-feadhna Timnah, ceann-feadhna 
Albhah, ceann-feadhna Ietet, 

41 Ceann-feadhna Aholibamah, ceann- 
feadhna Elali, ceann-t'eadhna l'inon, 

42 Ceann-feadhna Cenas, ceann-feadhna 
Teman, ceann-feadhna Mibsar, 

43 Ceann-feadhna Magdiel, ceann-feadh- 
na Iram : is iad sin cinn-fheadhna Edoim, 
a rèir an àiteacha-còmhnuidh, ann an tìr 
an seilbh ; is esan Esau, athair nau Edom- 
ach. 

CAIB. XXXVII. 

AGUS ghabh Iacob comhnuidh san tìr 
anns an robh 'athair "na choigreach, 
ann an tìr Chanaain. 

2 Is iad so ginealaich Iacoib : 'Nuair a- 
bha Ioseph seachd bliadhnadeug a dh'aois, 
bha e a' buachailleachd an treud maille r' a 
bbràithribh, agus bha 'n t-òganach maille 
ri mic Bhilhah, agus maille ri mic Shilpah, 
mnài 'atliar ; agus thug loseph an droch 
thuairisgeul-san a dh'ionnsuidh "athar. 

3 Agus bu docha le h-Israel Ioseph na 
'mhic uile, a chionn gu m b' e mac a sliean 



CAIB. X 

aois e : agus rinn e dha còta dh' iomadh 
dath. 

4 Agus 'nuair a chunnaic a hhràithre 
gu 'm bu docha le 'athair e na' hhràitlirean 
uile, dh' fhuathaich iad e, agus cha b' urr- 
ainn iad labhairt ris gu sìochail. 

5 Agus chunnaic Ioseph aisling, agus 
dh' iniiis e d' a bhràithribh i, agus dh' thuath- 
aich iad e fathast ni 's mò. 

6 Agus thubhairt e riu, Eisdibh, guidh- 
eam oìrbh, ris an aisling so a chuunaic 
mi : 

7 Oir, feuch, bha sinn a' ceangal sguab 
san achadh, agus, feuch, dh' èirich mo 
sguab-sa suas, agus sheas i gu dìreach ; ag- 
us, feuch, sheas bhur sguaban-sa mu 'n 
cuairt oirre, agas rinn iad ùmhlachd do m' 
sguaib-sa. 

8 Agus thubhairt a hhràithre ris, Ani bi 
thusa gun amharus a' d' righ oirnne ? Am 
bi agad d' a rìreadh tighearnas oirnne ? 
Agus dh' fhufcthaich iad e fathast ni 's mò 
air son 'aislingean, agus air son a bhriath- 
ran. 

9 Agus chunnaic e fathast aisling eile, 
agus dli' innis e d' a bhràithribh i, aa~us thu- 
bhairt e, Feuch, chunnaic mi aislingeile; 
agus, feuch, rinn a' ghriau agus a' ghealach, 
agus an aon reul deug, ùmhlachd dhomh. 

10 Ag us dh' innis e d' a athair i, agus d' a 
hhràitlirihh : agus thug 'athair achmhasan 
da, agus thubhairt e ris, Ciod i an aisling so 
a chunnaic thu ? An e gu 'n tig d' a rìreadh 
mise, agus do mhàthair, agus do bhràithre, 
chura sinn fèin a chromadh sìos duitse gu 
làr? 

11 Agus bha farmad aig a bhràithribh 
ris; ach thng 'athair fa' near a' chainnt. 

12 Agus chaidh a bhràitlirean a dh' ion- 
altradh treud an athar do Shechem. 

13 Agus thubhairt Israelri Ioseph, Nach 
'eil do bhràithrean ag ionaltradli an treud 
ann an Sechem ? Thig, agus cuiridh mi 
thu d' an ionnsuidh. Agus thubhairt e ris, 
Tìia mise an so. 

14 Agus tliubhairt e ris, Imich, guidheam 
ort, faic am biieil do bhràithrean gu maith, 
a;>us am bheil an treud gu maith; agus 
thoir tìos a m' ionnsuidh a rìs. Mar sin 
chuir e mach e à gleann Hebroin, agus 
thàinig e gu Sechem. 

15 Agus fhuair duine ùraidh e, agus, 
feuch, bha e air seacharan sa' mhachair : 
agns dh' fheòraich an duine dheth, agràdh, 
Ciod a tha thu 'g iarraidh ? 

16 Agus thubhairt e, Tha mi 'g iarraidh 
mo bhràithrean : innis dhomli, guidheam 
ort, c' àit am bheil iad ag ionaltradh an 
treud ? 

17 Agus thubhairt an duine, Dh' fhalbh 
iad à so : oir chuala mi iad ag ràdh, Rach- 
amaid gu Dotan. Agus chaìdh Ioseph an 
dèigh a bhràithrean, agus fhuair e iad ann 
an Dotan. 

18 Agus 'nuair a chunnaic iad e fada 
uatha, eadhon mun d' thàinig e atn fagus 
doibh, chuir iad an comhairle ri chèile 'na 
aghaidh, gus a mharbhadh. 

19 Agus thubhairt iad r' a chèile, Feuch, 
tha an t-aislingiche so a' teachd. 

20 Thigibh a nis ma ta, agus marbham- 
aid e, agus tilgeamaid e ann an slochd 
èigin ;' agus their sinn, Chuir droch bhèist 



XXVIII. 31 

èigin as da : agus chi sinn ciod gus an tig 
'aislingean. 

21 Agus chuala Reuben so, agus shaor e 
as an làimh e, agus thubhairt e, Na cuir- 
eamaid gu bàs e. 

22 Agus thubhairt Reuben riu, Na dòirt- 
ibh fuil ; tilgibh e san t-slochd so, a ta san 
fhàsach, agus làmh na cuiribh air ; a chum 
as gu 'n saoradh e as an làimh e, agus gu 'a 
aisigeadh e a rìs d' a athair e. 

23 Agus 'nuair a thàinig Ioseph a dh' - 
ionnsuidh a bhràithrean, an sin bhuin iad 
do Ioseph a chòta, còta nan iomadh dath, 
a bha air. 

24 Agus ghabh iad e, agus thilg iad e ann 
an slochd ; agus bha 'n sìochd falamh, gun 
uisge ann. 

25 Agus shuidh iad sìos a dh' itheadh 
arain ; agus thog iad suas an sùilean agus 
dh'amhairc iad, agus, feuch, bha cuideachd 
do chloinn Ismaeil a' teachd o Ghilead, 
le 'n càmhalan a' giùlan spìosraidh, agus 
ioc-shiàint, agus mirr, a' dol gus an toirt 
sìos do 'n Eiphit. 

26 Agus thubhairt Iudah r' abhràithribh, 
Ciod an tairbhe a bhios ann dhuinne, ma 
mharbhas sinn ar bràthair, agus macheileas 
sinn 'fhuil? 

27 Thigibh, agus reiceamaid e ris na h-Is- 
maelich, ag-us na cuireamaid làmh air ; oir 
i* e ar dearhh-bhràthair e, agus ar feoil : 
agus dh' èisd a bhràitlire ris. 

28 An sin chaidh Midianaich seachad, 
ceannaichean ; agustharruingiadagusthog 
iad suas Ioseph as an t-slochd, agus reic iad 
Ioseph ris na h-Ismaelich air ficiiead bonn 
airgid. Agus thug iadsan Ioseph do 'n Ei- 
phit. 

29 Agus phill Reuben a dh' ionnsuidh an 
t-sluichd ; agus, feuch, cha robh Ioseph san 
t-s)ochd : agus reub e 'eudach. 

30 Agus phill e dh' ionnsuidh a bhràith- 
rean, agus thubhairt e, Cha 'n 'eil an lean- 
abh anh ; agus mise, c' àit an tèid mi ? 

31 Agus ghabh iad còta Ioseiph, agus 
mharbh iad meann do na gabhraibh, agus 
thum iad an còta san fhuil. 

32 Agus chuir iad uatha còta nan iomadh 
dath, agus thug iad e dh' ionnsuidh an ath- 
ar ; agus thubhairt iad, Fhuair sinne so : 
aithnich anis ane so còtadomhic,nonach e. 

33 Agus dh' aithnich se e, agus thubhairt 
e, Còta mo mhic ; chuir droch hhèisd as da : 
tha Ioseph gun teagamh air a reubadh as a 
chèile. 

34 Agus reub Iacob 'eudach, agus chuir 
e eudach-saic air a leasruidh, agus rinn e 
bròn air son a mhic rè mòrain làithean. 

35 Agus dh' èirich a mhic uile, agus a 
nigheanan uile suas, a thoirt sòlais da ; ach 
dhiùlt esan sòlas a ghabhail; agus thubh- 
airt e, Oir thèid mi sìos do 'n uaigh a chum 
mo mhic ri bròn. Mar so rinn 'athair 
caoidh air a shon. 

36 Agus reic na Midianaich e san Eiphit 
ri Potiphar, oifigeach le Pharaoh, ceanuard 
an fhreiceadain. 

CAIB. XXXVIIT. 

AGUS san àm sin fèin chaidh Iudah sìos 
o 'bhràithribh, agus thionndaidh e 
steach a dh' ionnsuidh Adulamaich àraidh, 
d' am b' ainm Hirah. 



32 



GENESIS. 



2 Agus chunnaic Iudah p.n sin nighean 
Canaanaich àraidli, d'am ò'ainm Suah : ag- 
us ghabh e i, agus. chaidh e steach d' a 
h-ionnsnidh. 

3 Agus dh'fhàs i torrach, agus rug i mac ; 
agus thug e Er mar ainm air. 

4 Agus dh' fhas i torrach a rìs, agus rug 
i mac ; agus thug i Onan raar ainm air. 

5 Agus dh' fhàs i torrach fathast, agus 
rug i mac ; agus tlmg i Selah mar ainm air : 
a^us bha esan ann an Chedsib, an uair a 
rug i e. 

6 Agus ghabh Iudah bean do Er a cheud- 
ghin, d' am b' ainm Tamar. 

7 Agus bha Er, ceud-ghin Iudah, aingidb 
ann an sealladh an Tighearua; agus 
mharbh an Tighearn e. 

8 Agus thubhairt Iudah ri h-Onan, Falbh 
a steach a dh' iounsuidh mnà do bhràthar, 
a?ns pòs i, agus tog suas sliochd do d' 
bhràthair. 

9 Agus bha fios aig Onan nach b' ann leis 
fèìn a bhiodli an sliochd ; agus 'nuair a 
chaidh e steach a dh' ionnsuidh mnà a 
hhràthar, dhòirt e air a' bhlàr e, chum nach 
tugadh e sliochd d" a bhràthair. 

10 Agus bha an ni a rinn e o!c ann an 
sealladh an Tighearna : uime sin mharbh e 
esan mar an ceudna. 

11 An sin thubhairt Iudah ri Tamar 
mnaoi a mhic, Fan a' d' bhantraich ann an 
tigh t' atbar, gus ara fàs mo mhac Selah 
snas ; oir thubhairt e, Air eagal gu'm faigh- 
eadh esan bàs mar an ceudna, mar nfhuair 
a bhràithrean. Agus dh' fhalhh Tamar, 
agus dh' fhan i 'n tigh a h-athar. 

12 Agus ùine fhada 'n dèigh sin fhuair 
nighean Shuah, bean ludah, bàs : agus 
thog Iudah a mhisneach, agus chaidii e 
suas a òh'ionnsuidh luchd-lomairt a chanr- 
ach, e fèin agus a charaid Hirah an t- Adu- 
lamach, gu Timnat. 

13 Agus dh' innseadh do Thamar, ag 
ràdh, Feuch, tha t' athair-cèile a' dol suas 
gu Timnat a lomairt a chaorach. 

14 Agus chuiria culaidh-bantraich dh' i, 
agus chòmhdaich si i fèin le gnùis-bhrat, 
agus phaisg si i fèin, agus shuidh i ann an 
ionad follaiseach, a ta làimh ris an t-slighe 
gu Timnat: oir chunnaie i gu 'n d' f hàs 
Selah suas, agus nach d' thugadh i dha 
mar mhnaoi. 

15 'Nuair a chunnaie Iudah i, shaoil e 
gu 'm bu strìopach i, a chionn gu 'n do 
ehòmhdaich i a h-eudan. 

16 Agus thionndaidh e d' a h-ionnsuidh 
air an t-slighe, agus thubhairt e, Leig leam, 
guidheam ort, teachd a steach a t' ionn- 
suidh ; oir cha robh fhios aige gu 'm b' i 
bean a rnhie i: agus thubhairt i, Ciod a 
bheir thu dhomh, a chum as gu 'n tig thu 
steach a m' ionnsuidh ? 

17 Agus tliubhairt esan, Cuiridh mi 
meann a t' ionnsuidh o 'n treud : agus 
thubhairt ise, An toir thu geall dhomh gus 
an cuir thu m' ionnsuidh e f 

18 Agus thubhairt e, Ciod an geall a 
bheir mi dhuit? Agus thubhairt ise, Do 
sheula, agus dolàmh-fhailean, agus do lorg 
a ta ann ad làimh : agus thug e dh'i iad, 
agus chaidh e steach d 'a h-ionnsuidh, agus 
rinneadh i torrach leis. 

19 Agus dh' èirich i, agus dh' fhalbh i 



roimpe, agus chuir i seachad a gnùis-bhrat 
uaithe, agus chuir i a culaidh-bantraich 
oirre. 

20 Agus chuir Iudah am meann le làimh 
a cliaraid an Adularaaich, chum as gu 'm 
faigheadh e 'n geall o làimh na mnà : ach 
cha d fliuair e i. 

21 An sin dh' fheòraich e do dhaoinibh 
an àite sin, ag ràdh, C' ait am bheil an 
strìopach a bha gu follaiseach ri taobh na 
slighe? Agus thubhairt iadsan, Cha robh 
strìopach sam bith an so. 

22 Agus phill e dh' ionnsuidh Iudah, ag- 
us thubhairt e, Cha d' fhuair mi i : agus 
mar an ceudna thubhairt daoine an àite, 
Cha rohh strìopach sam bith an so. 

23 Agus thubhairt Iudah, Gabhadh i 
db' i fèin e, air eagal gu maslaichear sinn : 
feuch, chuir mi am meann so d' a h-ionn- 
suidh, agus cha d' fhuair thu i. 

24 Agus beul ri tri mìosa an dèigh sin, 
dh'innseadh do Iudah, agràdh, RinnTamar 
bean do mhic strìopachas ; agus, feuch, 
cuideachd, tha i torrach le strìopachas. 
Agus thubhairt Iudah, Thugaibh a mach i, 
agus loisgear i. 

25 'Nuair a thugadh a mach i, chuir ifios 
a dh'iotinsuidli a h-athar-cèile, ag ràdh, Aig 
an fhear d' am buin iad sin tha mise leth- 
tromach : agus thubhairt i, Faic, guidheam 
ort, cia leis an seula, agus na làmh-fhailean, 
agus an lorg so. 

26 Agus ghabh Iudah riu, agusthubhairt 
e, Bha i ni bu cheirte na mise, a chionn 
nach d' thug mi i do Shelah mo mhac : ag- 
us < ha robh aithne aige oirre ni 's mò. 

27 Agus an uair a bha i ri saothair 
chloinne, feuch, bha leth-aona 'na bolg. 

28 Agus an uair a bha i ri saothair, chuir 
a h-aon diubh mach a làmh : agus rug a' 
bhean-ghluine air a làimh, agus cheangail 
i snàthainn scarlaid oirre, ag ràdh, Thàinig 
e so a mach an toiseach. 

29 Agus 'nuair a tharruing e a làmh air 
ais, feuch, tbàinig a bhràthair a mach ; 
a^us tliubhairt ise, Cionnus a bhris thu 
mach ? bitheadh am briseadh so ortsa : 
Uime sin thugadh Phares raar ainm air. 

30 Agus an dèigh sin thàinig a bhràthair 
a mach, aig an robh an snàthainn scarlaid 
air a làimh ; agus thugadh Sarah mar ainm 
air. 

CAIB. XXXIX. 

AGUS thugadh Ioseph sios do'n Eiphit ; 
agus cheannaich Potiphar, oifìgeach le 
Pharaoh, ceannard an fhreiceadain, Eiphit- 
eacb, e o làimh nan Ismaelach, a thug sìos 
an siu e. 

2 Agus bha 'n Tiifhearna maille ri Ioseph, 
agus hha e 'na dhuine leis an do shoirbhich 
gach ni ; agus bha e 'n tigh a mhaighstir an 
Eipliitich. 

3 Agus chunnaic a mhaighstir gu 'n robh 
an Tighearna maille ris, agus gu 'n d' thug 
an Tighearn air gach ni a rinn e soirbh- 
eachadh 'na làirah, 

4 Agus fhuair Ioseph deadh-ghean 'na 
shealladh, agus rinn e seirbhis da : agus riun 
se e 'na fhear-riaghlaidh air a thigh, agus 
gach ni a bh' aige chuir e fuidh 'làimh. 

5 Agus o'n àm sinfèin san d'rinn se e'na 
f hear-riaghlaidh air a thigh, agus air gach 



CAIB. XL. 



33 



ni a bh' aige, bheannaich an Tighearna tigh 
an Eiphitich air sgàth Ioseiph : agus bha 
beannachadh an Tighearn air gach ni a 
bh' aige, anns an tigh, agus anns a' mhach- 
air. 

6 Agus dh' f hàg e gach ni a bh' aige an 
làimh ìoseiph, agus cha b' fhios da aon ni a 
bh' aige, saor o n aran a bha e 'g itheadh : 
agiis bha loseph 'na dhuine maiseach, agus 
sgiamhach san aghaidh. 

7 Agus an dèigh nan nithe sin leag bean 
a mhaighstir a sùilean air Ioseph, agus 
thubhairt i, Luidh leamsa. 

8 Agus dliiùlt esan, agus thubhairt e ri 
mnaoi a mhaighstir, Feuch, cha 'n 'eil fios 
aig mo mhaighstir ciod a tha maille rium 
san tigh, agus gach ni a th' aige chuir e f uidh 
m' làimh-sa. 

9 Cha 'n 'eil neach san tigh so a 's mò na 
mise ; agus cha do chura e uam ni sam bith 
ach thusa, a chionn gur tu a bhean : cionnus 
uime sin a ni mise an t-olc mòr so, agus a 
pheacaicheas mi an aghaidh Dliè? 

10 Agus thachair e, 'nuair a labhair i ri 
Ioseph o là gu là, nach èisdeadh esan rithe, 
ga luidhe leatha, no bhi maille rithe. 

11 Agus thachair e, air latha àraidh, 

§u 'n deachaidh esan a steach do 'n tigh a 
heanamh 'oibre fèin, agus cha robh a h-aon 
do dhaoinibh an tighe an sin a stigh. 

12 Agus rug i air air 'eudach-uachdair, 
ag ràdh, Luidh leamsa : agus dh' fhàg e 
'eudach-uachdair 'na làimh, agus theich e, 
agus thàr e mach, 

13 Agus an uair a chunnaic ise gu 'n 
d' fhàg e 'eudach-uachdair 'na làimh, agus 
gu 'n do theich e mach, 

14 An sin ghairm i air daoinibh a tighe, 
agus labhair ì riu, ag ràdh, Faicibh, thug e 
steach d'ar n-ionnsuidh Eabhruidheach g'ar 
maslachadh : thàinig e steach a m' ionn- 
suidhs' a luidhe leam, agus ghlaodh mise le 
guth àrd : 

15 Agus 'nuair a chual' e gu 'n do thog 
mi suas mo ghuth, agus gu 'n do ghlaodh 
mi, an sin dh' fhàg e eudach-uachdair 
maille rium, agus theich e, agus chaidh e 
mach. 

16 Agus thaisg i eudach-uachdair làimh 
rithe, gus an d' thàinig a thighearna dhach- 
aidh. 

17 Agus labhair i ris a rèir nam briathra 
60, ag ràdh, Thàinig an seirbhiseach Eabh- 
ruidheach, a thug thu d' ar n-ionnsuidh, a 
steach a m' ionnsuidh-sa gu m' mhaslach- 
adh : 

18 Agus an uair a thog mise suas mo 
ghuth, agus a ghlaodli mi, an sin dh' fhàg e 
'eudach-uachdair maille rium, agus theich 
e mach. 

19 Agus 'nuair a chual' a mhaighstir 
briathran a mhnà, a labhair i ris, ag ràdh, 
Air an dòigh so rinn do sheirbhiseach orm ; 
an sin las 'fhearg suas. 

20 Agus ghabh maighstir Ioseiph e, agus 
chuir e sa' phriosan e, far an robh priosan- 
aich an righ ceangailte : agus bhae an sin sa' 
phriosan. 

21 Ach bha 'n Tighearn maille ri Ioseph, 
agus nochd e tròcair dha, agus thug e dha 
deadh-ghean ann an sùiiibh fhir-gleidhidh 
a' phriosain. 

22 Agus chuir fear-gleidhidh a' phriosain 



fuidh làimh Ioseiph na priosanaich uile a 
bha sa' phriosan ; agus gach ni a rinn iad 
an sin, b' esan a rinn e. 

23 Cha d'amhairc fear-gleidhidh a' phrios - 
ain air ni sara bith a bha fuidh 'làimh, a 
chionn gu 'n robh an Tighearna maille ris ; 
agus an ni sin a rinn e, thug an Tighearn 
aìr soirbheachadh leis. 

CAIB. XL. 

AGUS an dèigh nan nithe sin chuir buid . 
ealair righ nah-Eiphit, agus'fhuinead- 
air, fearg air an tighearna, righ na 
h-Eiphit. 

2 Agus bha corruich mhòr air Pharaoh 
ri dithis d' a sheirbhisich, ris an àrd bhuid- 
ealair, agus ris an àrd fhuineadair. 

3 Agus chuir e 'n làimh iad ann an tigh 
ceannaird an fhreiceadain sa' phriosan, far 
an robh Ioseph ceangailte. 

4 Agus chuir ceannard an f hreiceadain an 
cùram air Ioseph, agus fhritheil e dhoibh ; 
agus dh' fhan iad tamull ann an làimh. 

5 Agus chunnaiciad aislingle chèile, gach 
fear aca 'aisling fèin san aon oidhche, gach 
feararèireadar-mhìneachaidh'aislinge; am 
buidealair agusfuineadairrigh nah-Eiphit, 
a bha ceangailte sa' phriosan. 

6 Agus thàinig Ioseph a steach d' an 
ionnsuidh sa' mhaduinn, agus dh' amhairc e 
orra, agus, feuch, bha iad dubhach. 

7 Agus dh' fheòraich e do sheirbhisich 
Pharaoh, a bha 'n làimh maille ris ann an 
tigh a thighearna, ag ràdh, C' ar son a tha 
bhur gnùis co mhuladach an diugh ? 

8 Agus thubhairt iad ris, Chunnaic sinn 
aisling, agus cha 'n 'eil neach againn a 
dh'eadar-mhìnicheasi. Agus thubhairt Io- 
seph riu, Nach ann o Dhia tha gach eadar- 
mhìneachadh? innsibhdhomhs'iarf, guidh- 
eam oirbh. 

9 Agus dh' innis an t-àrd bhuidealair 
'aisling do Ioseph, agus thubhairt e ris, 
A' m' aisling-sa, feuch, bha fìonain fa m' 
chomhair. 

10 Agus air an fhìonain bha tri meang- 
lain ; agus bha i mar gu'm biodh i a' bris- 
eadh a mach, agus thàinig i fuidh a làn 
bhlàth, agus thug a bagaideau dearcan 
abuich uatha. 

1 1 Agus bha cupan Pharaoh a' m' làimh ; 
agus ghabh mi na fìon-dhearcan, agus 
dh' fhàisg mi iad an cupan Pharaoh, agus 
thug mi 'n cupan do làimh Pharaoh. 

12 Agus thubhairt loseph ris, 'Se so a 
h-eadar-mhìneachadh : Na tri meanglain, 
is tri làithean iad. 

13 Eadhon an ceann thri làithean, tog- 
aidh Pharaoh suas do cheann, agus bheir e 
ris gu t' àite fèin thu ; agus bheir thu cupan 
Pharaoh 'na làimh, mar a b' abhuist duit 
roimhe, 'nuair a bha tha a' d' bhuidealair 
aige. 

14 Ach cuimhnich thusa ormsa 'nuair a 
dh' èireas gu maith dhuit, agus dean, guidh- 
eam ort, caoimhneas domh ; agus dean iom- 
radh orm ri Pharaoh, agus thoir a mach mi 
as an tigh so : 

15 Oir gu deimhin ghoidheadh air falbh 
mi à tìr nan Eabhruidheach, agus mar an 
ceudna an so cha d' rinn mi ni sam bith gu 
'n cuirte san t-slochd mi. 

16 'Nuair a chunnaic an t-àrd fhuinead- 

D 



M 



GENESIS. 



air gu'n d'eadar-mhìnich e gu maith, thubh- 
airt e ri Ioseph, Bha mise mar an ceudna 
a' m' aisling, agus, feuch, bha tri bascaidean 
geala air mo cheann : 

17 Agus anns a' bhascaid a b' àirde bha do 
gach seòrsa bìdh air son Pharaoh do dheas- 
achadh an f huineadair ; agus dh' ith an eun- 
laith iad a raach as a' bhascaid air mo 
cheann. 

18 Agus fhreagair Ioseph, agus thubh- 
airt e, Is e so a h-eadar-mhìneachadh : Na 
tri hascaidean, is tri làithean iad. 

19 An ceann thri làithean togaidh Pha- 
raoh suas do cheann dhìot, agus crochaidh 
e thu air crann, agus ithidh an eunlaith 
t' fheoil dhìot. 

20 Agus air an treas là, comh ainm latha- 
breithe Pharaoh, rinn e cuirm d' a sheirbh- 
isich uile : agus thog e suas ceann an àrd 
bhuidealair, agus ceann an àrd f huineadair 
am measg a sheirbhiseach. 

21 Agus thug e an t-àrd bhuidealair a 
chum a hhuidealaireachd arìs; agus thug 
e 'n cupan do làimh Pharaoh : 

22 Ach chroch e 'n t-àrd fhuineadair, 
mar a dh' eadar-mhìnich Ioseph dhoibh. 

23 Gidheadh cha do chuimhnich an t-àrd 
bhuidealair air Ioseph, ach dhì-ehuimhnich 
se e. 

CAIB. XLI. 

AGUS an ceann dà bhliadhna iomlan 
chunnaic Pharaoh aisling ; agus, 
fetu-h, sheas e làimh ris an amhainn : 

2 Agus, feuch, thàinig a nìos as an arah- 
ninn seachd bà, sgiamhach r' am faicinn, ag- 
us reamhar am feoil ; agus bha iad,ag ion- 
altradh ann am mìn-fheur. 

3 Agus, feuch, thàinig seachd bà eile kjìos 
'nan dèigh as an amhainn, granda r' am 
faicinn, agus caol 'nam feoil ; agus sheas iad 
làimh ris na bà eile, air bruaich na h- 
aimhne. 

4 Agus dh' ith na bà a bha granda r' am 
faicinn agus caol 'nam feoil suas na seachd 
bà sgiamhach agus reamhra. Mar sin 
dliùisg Pharaoh. 

5 Agus choidil, agus chunnaic e aisling 
an dara uair : Agus, feuch, dh' èirich suas 
seachd diasan arbhair air aon choinlein, 
reachdmhor agus maith. 

6 Agus, feuch, dh' fhàs suas 'nan dèigh 
seachd diasa caola, agus air an seargadh 
leis a' ghaoith an ear. 

7 Agus shluig na seachd diasa caola suas 
na seachd diasa reachdmhor agus làn : ag- 
us dhùisg Pharaoh, agus, feuch, b' aisling 
a bh' ann. 

8 Agus sa' ;mhaduinn bha a spiorad air a 
bhuaireadh ; agus chuir e fios uaith, agus 
ghairm e uile dhruidhean na h-Eiphit, ag- 
us a daoine glic uile : agus dh'innis Pharaoh 
'aisling dhoibh ; ach cha robh neach ann a 
dh' eadar-mhìnicheadh iad do Pharaoh. 

9 An sin labhair au t-àrd bhuidealair ri 
Pharaoh, ag ràdh, An diugh tha mis' a' 
cuimhneachadh mo lochdan. 

10 Bha fearg air Pharaoh r' a sheirbhis- 
ich, agus chuir e mise an làimh ann an tigh 
ceannaird an fhreiceadain, araon mise, ag- 
*re a% t-ànàf huineadair. 

11 Agus chunnaic sinn aisling san aon 
oidhche, mis' agus esan : chunnaic gach 



fear againn aisling a rèir eadar-mhìneach- 
aidh 'aislinge. 

12 Agus òha 'n sin maille ruinn òganach 
Eabhruidheach, seirbhiseach do cheannard 
an fhreiceadain ; agus dh'innis sinn da, ag- 
us dh' eadar-mhìnich e dhuinn ar n-aisling- 
ean : do gach fear againn a rèir 'aislinge 
dh' eadar-mhìnich e. 

13 Agus mar a dh' eadar-mhìnich e 
dhuinn, mar sin bha e : mise chuir e rìs 
ann am àite, agus esan chroch e. 

14 Agus chuir Pharaoh teachdaire uaith, 
agusghairme Ioseph, agusthug iadle cabh- 
aig a mach as an t-slochd e : agus bhearr se 
efèin, agus mhùth e 'eudach, agus thàinig 
e steach a dh' ionnsuidh Pharaoh. 

15 Agus thubhairt Pharaoh ri Ioseph, 
Chunnaic mi aisling, agus cha 'n 'eil neach 
ann a dh' eadar-mhìnicheas i : agus chuala 
mi air a ràdh mu d' thimchioll-sa, 'nuair a 
chluinneas tu aisling, gur aithne dhuit a 
h-eadar-mhìneachadh. 

16 Agus fhreagair Ioseph Pharaoh, ag 
ràdh, Cha 'n'eil e annamsa: bheir Dia 
freagradh sìthe do Pharaoh. 

17 Agus thubhairt Pharaoh ri Ioseph, 
A' m' aisling, feueh, sheas mi air bruaich 
na h-aimhne : 

18 Agus, feuch, thàinig a nìos as an amh- 
ainn seachd bà, reamhar am feoil, agus 
sgiamhach ann an cruth ; agus bha iad ag 
ionaltradh ann am mìn-fheur; 

19 Agus, feuch, thàinig seachd bà eile 
nìos 'nan dèigh, bochd agus ro-ghranda, 
agus caol am feoil : cha 'n fhaca mi 'n 
samhuil riamh ann an uile thìr na h-Eiphit 
air olcas. 

20 Agus dh' ith na bà caola agus grauda 
suas na ceud seachd bà reamhra. 

21 Agus 'nuair a dh' ith iad suas iad, 
cha 'n aithnichte orra gu 'n d' ith siad iad ; 
ach bha iad granda r' am faicinn, mar an 
toiseach. An sin dhùisg mi. 

22 Agus chunnaic mf a' m' aisling ; agus, 
feuch, thàinig a nìos seachd diasan air aon 
choinlein, làn agus maith : 

23 Agus, feuch, dh' fhàs suas 'nan dèigh 
seachd diasan, air an crìonadh, caol, agus 
seargta leis a' ghaoith an ear ; 

24 Agus shluig na diasa caola suas na 
seachd diasa maithe : agus dh' innis mi so 
do na druidhibh ; ach cha robh neach ann 
ab' urrainn a' chùis fhoillseachadh dhomh. 

25 Agus thubhairt loseph ri Pharaoh, 
Aisling Pharaoh, is aon i : au ni sin a ta 
Dia gus a dheanamh, dh' fhoillsich e do 
Pharaqh. 

26 Na seachd bà maithe, is seachd bliadli- 
na iad ; agus na seachd diasa maithe, is 
seachd bliadhna iad : is aon an aisling. 

27 Agus na seachd bà caola agus granda 
a thàinig a nìos 'nan dèigh, is seachd 
bliadhna iad ; agus na seachd diasa fà#, 
seargta leis a' ghaoith an ear, bithidh iad 
'nan seachd bliadhna gorta. 

28 So an ni a thubhairt rai ri Pharaoli : 
An ni a ta Dia gus a dheanamh, nochd e 
do Pharaoh. 

29 Feifch,. tha seachd bliadhna mòr 
phailteis a' teachd air feadh thìre na h-Ei- 
phit uile : 

30 Agus èiridh seachd bliadhna gorta 
suas 'nan dèigh, agus dì-chuimhnichearam 



CAIB. XLII. 



35 



pailteas uile an tìr na h-Eiphit ; agus 
c.laoidhidh a' ghorta an tìr. 

31 Agus cha'n aithnichear am pailteas 
anns an tìr, air son na gorta a leanas : oir 
bithidh i ro-throm. 

32 Agus a tliaobh gu 'n do dhùblaicheadh 
an aisling do Pharaoh dà uair, tha sin a 
cliioun gu bheil an ni air a shuidheachadh 
le Dia ; agus bheir Dia ann an aithghearr- 
adli gu erìch e. 

33 A nis uime sin amhairceadh Pharaoh 
a mach air son duine a tha tuigseach agus 
glic, agus cuireadh e os ceann tìre na 
h-Eiphit e. 

34 Deanadh Pharaoh so, agus orduich- 
eadh e luchd-riaghlaidh os ceann na tìre, 
agus togadh iad an cùigeadh cuid do thor- 
udh tìre na h-Eiphit snaseachd bliadhnaibh 
pailteis. 

35 Agus cruinnicheadh iad uile bhiadh 
nam bliadhna maithe sin ri teachd, agus 
taisgeadh iad suas arbhar fuidh làimh Pha- 
raoh, agus gleidheadh iad biadh sna bailt- 
ibh. 

3G Agus bithidh am biadh sin 'na thaisg- 
each do 'n tìr, fa chomhair nan seachd 
bliadhna gorta a bhitheas ann an tìr na 
h-Eiphit ; chum as nach tèid as do'n tìr leis 
a' gliorta. 

37 Agus bha a' chomhairle maith ann 
an sùilibh Pharaoh, agus ann an sùilibh a 
sheirbhiseach uile. 

38 Agus thubhairt Pharaoh r'a sheirbh- 
isich, Am bheil e 'n comas duinn a leithid 
so do dhuine fhaotainn, anns am bheil 
spiorad Dhè ? 

39 Agus thubhairt Pharaoh ri Ioseph, A 
thaobh gu'n d'fhoillsich Dia so uile dhuit, 
cha 'n 'eil neach ann cho tuigseach agus 
cho glic riut fèin. 

40 Bithidh tu os ceann mo thighe-sa, ag- 
us a rèir t'fhocail bithidh mo shluagh uile 
air an riaghladh : a mhàin san righ-ciiaithir 
bithidh mise ni's mò na thu. 

41 Agus thubhairt Pharaoh ri Ioseph, 
Faic, chuir mi thu os ceann uiie tlnre na 
h-Eiphit. 

42 Agus thug Pharaoh 'fhàinne bhàrr a 
làimhe," agus chuir e air làimh Ioseiph e ; 
agus sgeadaich se e ann an trusgan do lìon- 
eudach griun, agus chuir e slabhruidh òir 
m'a mhuineal. 

43 Agus thug e air marcachd san dara 
carbad a bh' aige fèin ; agus ghlaodh iad 
roimhe, Lùbaibh an glùn ; agus rinn se e 
'na uachdaran air tìr na h-Eiphit uile. 

44 Agus thubhairt Pharaoh ri Ioseph, Is 
mise Pharaoh, agus as t' eugmhais-sa cha 
tog duine suas a làmh no a chos ann an tìr 
na h-Eiphit uile. 

45 Agus thug Pharaoh Saphnat-paaneah 
mar ainin air loseph ; agus thug e dha 
Asenat nighean Pliotipherah sagairt Oin 
mar mhnaoi : agus chaidh loseph a mach 
air feadh uile thìre na h-Eiphit. 

46 Agus bha Ioseph deich bliadhna fich- 
eada dh'aois an uair a sheas e 'm fianuis 
Pharaoh righ na h-Eiphit: agus chaidh 
Ioseph a mach o làthair Pharaoh, agus 
ehaidh e troimh thìr na h-Eiphit uile. 

47 Agus thug an talamh a mach anns na 
seachd bliadhnaibh pailteis 'na ghlacaidibh. 

48 Agus chruinnich e r'a chèile uile 



bhiadh nan seachd bliadhna, a bha an tìr na 
h-Eiphit; agus thaisg e suas biadh sna 
bailtibh : biadh fearainn gach baile, a bha 
mu 'n cuairt air, thaisg e suas ann. 

49 Agus chuir Ioseph r'a chèile sìol mar 
ghaineamh na fairge, ro-mhòran, gus an do 
sguir e d'a àireamh ; oir bha e gun àir- 
eamh. 

50 Agus do Ioseph rugadh dithis mliac 
mun d' thàinig bliadhnacha na gorta, a rug 
Asenat dha, nighean Photipherah, sagairt 
Oin. 

51 Agus thug Ioseph Manaseh mar ainm 
air a' cheud-ghin; oir thug Dia orm, ars' 
esan, mo shaothair uile dhi-chuimhneach- 
adh, agus tigh m' athar uile. 

52 Agus air an dara mac thug e Ephraim 
mar ainm ; oir thug Dia orm, ars' esan, a 
bhi sìolmhor ann an tìr m' àmhghair. 

53 Agus chrìochnaicheadh seachd bliadh- 
nan a' phailteis a bha ann an tìr na h- Kiph- 
it. 

54 Agus thòisich seachd bliadhna na 
gorta ri teachd, mar a thubhairt Ioseph ; 
agus bha a' ghorta anns na dùthchannaibh 
uile : ach ann an uile thìr na h-Eiphit bha 
aran. 

55 Agus an uair a bha tìr na h-Eiphit uile 
ann an uireasbhuidh, an sin ghlaodh au 
sluagh ri Pharaoh air son arain : agus 
thubhairt Pharaoh ris na h-Eiphitich uile, 
Ruigibh Ioseph ; an ni sin a their e ruibh, 
deanaibh. 

56 Agus bha a' ghorta air aghaidh na 
talmhainn uile : agus dh' fhosgail Ioseph 
na tighean-taisg uile, agus reic e ris na 
h-Eiphitich : agus bhuadhaich a' ghorta 
ann an tìr na h-Eiphit. 

57 Agus thàinig gach dùthaich do 'n 
Eiphit a dh' ionnsuidh Ioseiph acheannach 
bìdh ; oir bhuadhaich a' ghorta anns gach 
dùthaich. 

CAIB. XLII. 

ANIS an uair a chunnaic Iacob gu 'n 
robh sìol san Eiphit, thubhairt e r'a 
mhic, C' ar son a ta sibh ag amharc air a 
chèile ? 

2 Agus thubhairt e, Feuch, chuala mi 
gu bheil sìol san Eiphit ; rachaibh sìos an 
sin, agus ceannaichibh dhuinn as a sin, 
chum as gu 'm b' i sinn beò, agus nach faigh 
sinn bàs. 

3 Agus chaidh deichnear bhràithreau 
Ioseiph sìos a cheannach sìl san Eiphit. 

4 Ach cha do chuir Iacob Beniamin 
bràthair Ioseiph maille r' a bhràithribh : 
oir thubhairte, Air eagal gu'n èirich olc 
dha. 

5 Agus thàinig mic Israeil a cheannach 
sìl am measg na muinntir a thàinig: oir 
bha a' ghorta ann an tìr Chanaain. 

6 Agus bha Ioseph 'na uachdaran air an 
tìr : B' esan a bha a' reiceadh ri sluagh na 
tìre uile. Agus thàinig bràithrean Ioseiph, 
agus chrom siad iad fèin sìos da, le 'n agh- 
aidh gu làr. 

7 Agus chunnaic Ioseph a bhràithrean, 
agus dh' aithnich e iad, ach rinn se e fèin 
'na choigreach dhoibh, agus labhair e gu 
coimheach riu; agus thubhairt e riu, Cia 
as a thàinig sibhse ? Agus thubhairt iad- 
san ris, A tìr Chanaain a cheannach hìdh. 



36 



GENESIS. 



8 Agus dh' aithnieh Ioseph a bhràithrean, 
ach cha d'aithnich iadsan esan. 

9 Agus chuimhnich loseph air ua h-ais- 
lingibh a chunnaie e rau 'n timchioll, agus 
thubhairt e riu, Is luchd -bratha sibh ; a 
dh' f haicinn lomnochdaidh na tìre thàinig 
sibh. 

10 Agus thubhairt iad ris, Cha sinn, mo 
thighearna, ach is ann athàinig dosheirbh- 
isich a cheannach bìdh : 

11 Is mic aon duine sinne uile, is daoine 
fìrinneacb sinn ; cha luchd-bratha do 
sheirbhisich. 

12 Agus thubhairt esan riu, Ni h-eadh, 
ach is ann a dh' fhaicinn lomnochdaidh na 
tìre thàinig sibh. 

13 Agus thubhairt iad, Is dà bbràthair 
dheug do sheirbhisich, mic aon duine ann 
an tìr Chanaain ; agus, feuch, tha 'm fear 
a's òig' an diugh maille r' ar n-athair, agus 
tha h-aon nach maireann. 

14 Agus thubhairt Ioseph riu, So an ni 
a thubhairt mi ribh, ag ràdh, Is luchd- 
brathasibh. 

15 Mar so dearbhar sibh ; raar is beò 
Pharaoh, cha tèid sibh a macli à so, mur 
tig bhur bràthair a 's òige an so. 

16 Cuiribh uaibh fear agaibb, agusthug- 
adh e leis bhur bràthair, agus gleidhear 
sibhse am priosan, chum as gu'n dearbhar 
bhurbriathran, am bheil no nach 'eil fìrinn 
annaibh : no mar is beò Pbaraoh, gu cinnt- 
each is luchd-bratha sibh. 

17 Agus chuir e 'm priosan iad uile rè 
thri làithean. 

18 Agus thubhairt Ioseph riu air an treas 
là, Deanaibh so, agus bithibh beò : oir tha 
eagal Dè ormsa. 

19 Ma's daoine fìrinneach sibh, fàgar 
aon d' 'ur bràithribh ceangailte an tigh bhur 
priosain : agus imichibh-sa, thugaibh leibh 
sìol air son gorta bhur teaghlaichean. 

20 Ach thugaibh bhur bràthair a 's òige 
a m' ionnsuidh ; mar sin dearbhar bhur 
briathran, agus cha 'n fhaigh sibh bàs. 
Agus rinn iad mar sin. 

21 Agus thubhairt iad r' a chèile, Tha 
sìnn gu deimhin ciontach a thaobh ar 
bràthar, do bhrìgh gu 'm faca sinn cràdh 
'anama, 'nuair a ghuidh e oirnn, agus nach 
d' èisd sinn ris : uime sin thàinig an airc so 
oirnn. 

22 Agus fhreagair Reuben iad, ag ràdh, 
Nach do labhair mise ribh, ag ràdh, Na 
peacaichibh an aghaidh an leinibh ? agus 
cha d'èisd sibh : Uime sin, feuch, mar an 
ceudna tha 'fhuil air a h-iarraidh oirnn. 

23 Agus cha robh fhios aca-san gu'n 
robh Ioseph 'gan tuigsinn ; oirbha eadar- 
theangair eatorra. 

24 Agus thionndaidh se e fèin uatha, ag- 
us ghuil e ; agusphill e rìs d' au ionnsuidh, 
agus labhair e riu, agus thug e Simeon 
uatha, agus cheangail se e fa chomhair an 
sùl. 

25 An sin dh' àithn Ioseph an saic a lìon- 
adh le sìol, agus airgiod gach duine a chur 
air ais 'na shac, agus biadh a thoirt doibh 
air son na slighe : agus is ann mar so a rinn 
e riu. 

26 Agus thog iad an sìol air an asalaibh, 
agus dh' imich iad à sin. 

27 Agus an uair a dh' f hosgail fear dhiubh 



a shac, a thoirt hìdh d' a asal san tigh-òsda, 
chunnaic e 'airgiod ; oir, feuch, bha e 'ra 
beul a shaic. 

28 Agus thubhairt e r' a bhràithribh, 
Thugadh air ais m' airgiod-sa ; airus, feuch, 
thae eadhon a' m' shac. Agus dli' fhàilnh-h 
an cridhe, agus bha eagal orra, ag ràdh 
gach fear r'a chèile, Ciod e so arinn Dia 
oirnn ? 

29 Agus thàinig iad a chum Iacoib an 
atbar, do thìr Chanaain, agus dh'innis iad 
dha gach ni a thachair dhoibh, ag ràdh, 

30 Labhair an duine a ta 'na uachdaran 
air an tìr ruinn gu coimheach, agus ghabh 
e sinn mar luchd-bratha air an dùthaich. 

31 Agus thubhairt sinn ris, Js daoine 
fìrinneach sinne ; cha luchd-bratiia idir 
sinn : 

32 Is dà bhràthair dheug sinn, mic ar 
n-athar ; tha aon mhac nach maireann, ag- 
us tha 'm mac a's òige 'n diugh maille r' ar 
n-athair ann an tìr Chanaain. 

33 Agus thubhairt an duine, uachdaran 
na tìre ruinn, Mar so aithnichidh mi gur 
daoine fìrinneach sibh ; fàgaibh aon d' 'ur 
bràithribh maille riumsa, agus gabhaibh 
biadh air son gorta bhur teaghlaichean, ag- 
us bithibh ag imeachd : 

34 Agus thugaibh bhur bràthair a's òige 
a m'ionnsuidh; an sin bithidh fios agara 
nach luchd-bratha sibh, ach gur daoine 
fìrinneach sibh : mar sin bheir mise bhur 
bràthair dhuibh, agus ni sibh ceannachd 
san tìr. 

35 Agus an uair a thaomaich iad an saic, 
feuch, bha ceanglachan airgid gach duine 
'na shac fèin, agus an uair a chunnaic iad 
fèin agus an athair na ceanglachain airgid, 
bba eagal orra. 

36 Agus thubhairt lacob an athair riu, 
Thug sibh uamsa mo chlann : Ioseph cha 
mhaireann, agus Simeon cha mhaireann, 
agus Beniamin bheirsibh air falbh : m'agh- 
aidh-sa tha na nithe sin uile. 

37 Agus labhair Reuben r' a athair, ag 
ràdh, Cuir gu bàs mo dhithis mhac, mur 
toir mi a t'ionnsuidh e : thoir thairis do m' 
làirahs' e, agus bheir mise a t' ionnsuidh a 
rìs e. 

| 38 Agus thubhairt e, Cha tèid mo mhac 
sìos maille ribh ; oirthaabhràthairmharbb, 
agus dh'fhàgadhesan'naaonar : mathach- 
ras olc dha san t-slighe air an tèid sibh, an 
sin bheir sibh sìos m' fhalt liath le bròn 
do 'n uaigh. 

CAIB. XLIII. 

AGUS bha a' ghorta ro mhòr san tìr. 
2 Agus an uair a dh'ith iad suas an 
sìol a thug iad as an Eiphit, thubhairt an 
athair riu, Rachaibh a rìs, ceannaichibh 
dhuinn beagan bìdh. 

3 Agus labhair Iudah ris, ag ràdh, Thug 
an duine dearbh-chinnte dhuinn, ag ràdh, 
Cha 'n fhaic sibh rao ghnùis-sa, mur bi 
bhur bràthair maille ribh. 

4 Ma chuireas tu ar bràthair maille ruinn, 
tbèid sinn sìos, agus ceannaichidh sinn 
biadh dhuit ; 

5 Ach mur cuir thu leinn e, cha tèid sinn 
sìos : oir thubhairt an duine ruinn, Cha'n 
fhaic sibh mo ghnùis, mur bi bhur bràthair 
maille ribh. 



CAIB. XLIV. 



37 



6 Agus thubhairt Israel, C'ar snn a bhuin 
sibh cho olc rium, agus gu 'n d' innis sibh 
do 'n duine gu n robh bràthair tuilleadh 
agaibh ? 

7 Agus thubhairt iad, Dh' fhiosraieh an 
duine dhiun gu teann m' ar timchioll fèin, 
agus mu thimchioll ar càirdean, ag ràdh, 
Am bheil bhur n-athair fathast beò ? am 
bheil bràthair eile agaibh ? Agus dh' innis 

j sinne dha a rèir brìgh nam briathar sin : 
Am b' urrainn sinne fios a bhi againn gu 
cinnteach gu 'n abradh e, Thugaibh bhur 
bràthair a nuas ? 

8 Agus tliubhairt Iudah ri h-Israel 'ath- 
air, Cuir an t-òganach maille riumsa, agus 
èiridh siun, agus imichidh sinn, a chum as 
gu 'm bi sinn beò agus nacli faigh sinn bàs, 
araon sinue, agus thu fèin, agus mar au 
ceudna ar clann bheag. 

9 Bithidh mise a' m' urras air a shon ; o 
m' làimli-sa iarraidh tu e : mur toir mise a 

; t' ionnsuidh, agus mur cuir mi a' d' làthair 
', e, an sin biodh a' choire gu bràth orm. 

10 Oir mur bitheamaid air deanamh 
j moille, gu einnteach bha sinn a nis air pill- 
j tinn air ar n-ais an dara uair so. 

11 Agus thubhairt lsrael an athair riu, 
Ma dh' fheumas a' chùis a bhi mar sin a 
nis, deanaibh so ; gabhaibh do 'n toradh a's 
fearr san tìr 'nur soithichibh, agus thug- 
aibh sìos tiodhlac do 'n duine ; beagan ìoc- 
shlaint, agus beagan meala, spìosraidh, ag- 
us mirr, enothau, agus almoine : 

12 Agus thugaibh leibh airgiod dùbailte 
'nur làimh, agus an t-airgiod a thugadh air 
ais am beul bhur sac, tliugaibh air ais e 'uur 
làimh ; theagamh gur mearachd a bh' ann. 

13 ftabhaibh mar an ceudna bhur bràth- 
air ; agus èiribh, rachaibh a rìs a dh' ionn- 

1 suidh an duine. 

14 Agus gu 'n tugadh Dia uile-cbumh- 
achdach tròcair dbuibh an làthair an duine, 
chum as gu 'n leig e air falbh leibh bhur 

i bràthair eile, agus Beniamin : ach ma 
I chaill mise mo chlann, chaill mi iad. 

15 Agus ghabh na daoine an tiodhlac sin, 
»gus thug iad leo airgiod dùbailte 'nan 

| làimh, agus Beniamin ; agus dh' èirich iad, 
agus chaidh iad sìos do 'n Eiphit, agus 
j sheas iad an làthair Ioseiph. 

16 Agus an uair a chunnaic Ioseph Ben- 
iamin maille riu, thubhairt e ri fear-riagh- 
laidh a thighe, Thoir na daoine sin dach- 
aidh, agus marbh, agus deasaich ; oir maille 
riumsa ithidh na daoine sin air mheadhon- 
là. 

17 Agus rinn an duine mar a dh' iarr 
Ioseph ; agus thug e na daoine do thigh 
Ioseiph. 

18 Agus bha eagal air na daoine, chionn 
gu 'n d thugadh iad do thigh loseiph, agus 
thubhairt iad, 'S ann air son an airgid, a 
chuireadh air ais 'nar sacaibh a' cheud uair, 
a thugadh a stigh sinn ; chum gu faigh e 
cion-fàth 'nar n-aghaidh, agus gu 'n tuit e 
oirnn, agus gu 'n gabh e sinn mar thràill- 
eao, agus ar n-asail. 

19 Agus thàinig iad am fagus do fhear- 
riaghlaidh tighe Ioseiph, agus labhair iad 
ris aig dorus an tighe, 

20 Agus thubhairt iad, O mo thighearna, 
thàinig sinn dà rìreadh a nuas an toiseach 
a cheannach bìdh. 



21 Agus an uair athàinig sinn do 'n tigli- 
òsda, agus a dh' f hosgail sinn ar saic, feuch, 
bha airgiod gach fir am beul a shaic, ar 
n-airgiod 'na làn chothrom : agus thug 
sinn air ais leinn e 'nar làimh. 

22 Agus airgiod eile thug sinn a nuas 
leinn 'nar làiinh a cheannach bìdli : cha 
'n 'eil fhios againn cò chuir ar n-airgiod 
'nar sacaibh. 

23 Agus thubhairt e, Sìthgw robh dhuibh, 
na biodh eagal oirbh : thug bhur Dia fèin, 
agus Dia bhur n-athar ionmhas duibh 'nur 
sacaibh : fhuair mise bhur n-airgiod. Ag- 
us thug e Simeon a mach d' an ionnsuidh. 

24 Agus thug an duine na daoine steach 
do thigh Ioseiph, agus thug e uisge dhoiblt, 
agus uigh iad an cosan, agus thug e biadh 
d' an asalaibh. 

25 Agus dh' ulluich iad an tiodhlac an 
coinneamh do Ioseph teachd aig meadhon- 
là ; oir chual' iad gu 'n robh iad gu aran 
itheadh an sin. 

26 Agus an uair a thàinig Ioseph dhach- 
aidh, thug iad d' a ionnsuidh an tiodhlac, a 
bha 'nan laimh, do 'n tigh : agus chrom siad 
iad fèin dha gu làr. 

27 Agus dh' fheòraieh e 'n robh iad gu 
maith, agus thubhairt e, Am bheil bhur 
n-athair, an seann duine mu 'n do labh- 
air sibh, gu maith ? Am bheil e fathast 
beò? 

28 Agus thubhairt iadsan, Tha do sheir- 
bhiseach ar n-athair-ne gu maith ; tha e 
fathast beò : agus chrom siad iad fèin sìos, 
agus rinn iad ùmhlachd. 

29 Agus thog e suas a shùilean agus 
chunnaic e Beniamin a bhràtliair, mac a 
mhàthar, agus thubhairt e, An e so bhur 
bràthair a' s òige, mu 'n do labhair sibh 
rium ? Agus thubhairt e, Gu 'n robh Dia 
gràsmhor dhuit, a mhic. 

30 Agus rinn Ioseph cabhag, oir bha a 
chridhe a' tiomachadh r' a bhràthair ; agus 
dh' iarr e àit anns an guiieadh e ; agus 
chaidh e steach d' a sheòmar, agus ghuil e 
'n sin. 

31 Agus nigh e 'eudan, agus chaidh e 
mach, agus chum e air fèin, agus thubhairt 
e, Cuiribh sìos aran. 

32 Agus chuir iad sìos dhasan leis fèin, 
agus dhoibh-san leo fèin, agus do na h- 
Eiphitirh, a dh' ith maille ris, leo fèin ; a 
chionn nach feudadh na h-Eiphitich arau 
itheadh maille ris na h-Eabhruidhich ; oir 
is gràineileachd sin do na h-Eiphitich. 

33 Agus shuidh iad sìos 'na làthair, an 
ceud-ghin a rèir a chòir-bhreithe, agus am 
fear a b' òige a rèir 'òige : agus ghabh na 
daoine iongantas gach fear r' a chèile. 

34 Agus ghabh esan, a.gus chuir e cuibh- 
rionnan o 'làthair fèin d' an ionnsuidh : ach 
rinn e cuibhrionn Bheniamin cùig uairearx 
ni bu mhò na cuid a h-aoin aca-san. Agus 
dh' òl iad, agus bha iad subhach maille ris. 

CAIB. XLIV. 
A GUS dh' àithn e do fhear-riaghlaidh a 
J\. thighe, ag ràdh, Lìon saic nan daoine 
le sìol, a' mheud 's is urrainn iad a ghiùl- 
an, agus cuir airgiod gach duine am beul 
a shaic 

2 Agus cuir mo chupans', an cupan air- 
gid, ara beul saic an fhir a 's òige, agus air- 

D 2 



38 



GENESIS. 



giod a shìl : agus rinn e a rèir an fhocail a 
labhair Ioseph. 

3 Co luath 's a bha mhaduinn soilleir, 
chuireadh na daoine air falbh, iad fèin ag- 
us an asail. 

4 Agus an uair a chaidh iad a raach as a' 
bhaile, agus gun iad fathast fad o làimh, 
thubhairt Ioseph ri fear-riaghlaidh a thighe, 
Eirich, lean na daoine ; agus an uair a 
bheireas tu orra, abair riu, C' ar son a dhìol 
sibh olc an èiric maith ? 

5 Nach e so an cupan as am bheil rao 
thighearn ag òl ? agus leis am bheil e da 
rireadh a' deanamh liosachd ? is olc a f huar- 
adh sibh so a dheanamh. 

6 Agus rug e orra, agus labhair e riu na 
briathra ceudna. 

7 Agus thubhairt iad ris, C' ar son a labh- 
ras mo thighearna na briathra so ? nar leig- 
eadh Dia gu 'n deanadh do sheirbhisich a 
rèir an ni so. 

8 Feuch, an t-airgiod a fhuair sinn am 
beul ar sac, thug sinn a rìs a t' ionnsuidh à 
tìr Chanaain ; cionnus uime sin a ghoid- 
eamaid airgiod no òr à tigh do thighearna? 

9 Cia b' e air bith do d' sheirbhisich aig 
am faighear e, cuirear gu bàs esan, agus 
bithidh sinne mar an ceudna 'nar tràillean 
aig mo thighearn. 

10 Agus thubhairt e, A nis ma ta bith- 
eadh e rèir bhur briathar : bithidh esan aig 
am faighear e 'na sheirbhiseach agamsa; 
agus bithidh sibhse neò choireach. 

11 An sin thug iad a nuas gu grad gach 
duine a shac fèin gu làr, agus dh' fhosgail 
gach duine a shac. 

12 Agus rannsaich esan, agus thòisich e 
aig an fhear bu shine, agus sguir e aig an 
fhear a b' òige : agus fhuaradh an cupan 
ann an sac Bheniamin. 

13 An sin reub iad an eudach, agus chuir 
gach duine a shac air 'asail, agus phill iad 
do 'n bhaile. 

14 Agus thàinig Iudah, agus a bhràith- 
rean do thigh Ioseiph, (oir bna e fathast an 
sin,) agus thuit iad sìos 'na fhianuis air an 
làr. 

15 Agus thubhairt Ioseph riu, Ciod e an 
gnìomh so a rinn sibh ? nach robh fhios 
agaibh gur aithne do m' leithidse do dhuine 
da rìreadh fiosachd a dheanamh ? 

16 Agus thubhairt Iudah, Ciod a their 
sinn ri m' thighearna ? cionnus a labhras 
sinn? no.cionnus a ghlanas sinn sinn fèin ? 
f huair Dia a raach aingidheachd do sheirbh- 
iseach ; feuch, tha sinne 'nar seirbhisich do 
m' thighearn, araon sinne, agus esan mar 
an ceudna aig an d' fhuaradh an cupan. 

17 Agus thubhairt e, Nar leigeadh Dia 
u 'n deanainnse so : ach an duine aig an 
' fhuaradh an cupan, bithidh esan 'na 

sheirbhiseach agamsa ; agus d' 'ur taobhsa, 
rachaibh suas an sith a dh' ionnsuidh bhur 
n-athar. 

18 An sin thàinig Iudah ara fagus da, 
agus thubhairt e, Och mo thighearna, leig 
le d' sheirbhiseach, guidheam ort, focal a 
labhairt ann an cluasaibh mo thighearn, 
agus na lasadh t'f hearg an aghaidh do sheir- 
bnisich : oir is arahuil thusa agus Pharaoh. 

19 Dh'fheòraich mo thighearna d' a sheir- 
'bhisich, ag ràdh, Am bheil athair agaibh, 
no bràthair ? 



20 Agus thubhairt sinn ri m' thighearna, 
Tha athair againn, seann duine, agus lean- 
abh a shean aois, maothran : agus tha 
'bhràthair marbh, agus dh' f hàgadh esan 'na 
aonar do chloinn a mhàthar, agus tha gràdh 
aig 'athair air. 

21 Agus thubhairt thu ri d' sheirbhisich, 
Thugaibh a nuas e do m' ionnsuidhs', a 
chum as gu'n socruich mi mo shùilean air. 

22 Agus thubhairt sinne ri m' thighearna, 
Cha 'n fheud an leanabh 'athair fhàgail : 
oir nam fàgadh e 'athair, gheibheadh 'ath- 
air bàs. 

23 Agus thubhairt thusa ri d' sheirbhis- 
ich, Mur tig bhur bràthair a 's òige nuas 
maille ribh, cha 'n fhaic sibh m' aghaidh-sa 
ni 's mò. 

24 Agus ann uair a chaidh sinne suas a 
dh' ionnsuidh do sheirbhisich m' athar,dh'- 
innis sinn da focail mo thighearna. 

25 Agus thubhairt ar n-athair, Rachaibh 
a rì?, ceannaichibh dhuinn beagan bìdh. 

26 Agus thubhairt sinne, Cha 'n fheud 
sinn dol sios: ma bhios ar bràthair a's òige 
maille ruinn, an sin thèid sinn sìos ; oir 
cha'n fheud sinn aghaidh an duine f haicinn, 
mur bi ar bràthair a 's òige maille ruinn. 

27 Agus thubhairt do sheirbhiseach m' 
athair ruinn, Tha fhios agaibh gu 'n do rug 
mo bhean dithis mhac dhomh : 

28 Agus chaidh aon diubh a mach uam, 
agus thubhairt mi, Gu cinnteach reubadh 
'na bhloighdibh e ; agus cha 'n fhaca mi o 
sin e. 

29 Agus ma bheir sibh am mac so uam 
mar an ceudna, agus gu 'n tig tubaist air, 
bheir sibh sìos m' fhalt liath le bron do 'n 
uaigh. 

30 A nis uime sin, an uair a thig mise a 
dh' iounsuidh do sheirbhisich m' athar, gun 
an leanabh maille ruinn ; (do bhrìgh gu 
bheil 'auamsa ceangailte ann an anam an 
leinihh ;) 

31 Tarlaidh, 'nuair a chi e nach 'eil an 
leanabh maille ruinn, gu 'm faigh e bàs : 
agus bheir do sheirbhiseach sìos falt liath 
do sheirbhisich ar n-athar le bròn do 'n 
uaigh. 

32 Oir chaidh do sheirbhiseach an urras 
air son an leinibh do m' athair, ag ràdh, 
Mur toir mi a t' ionnsuidh e, an sin bithidh 
mi fo choire aig m' athair bu bràth. 

33 A nis uime sin, guidheam ort, leig le 
d' sheirbhiseach fantuinn an àit an leinibh, 
a' m' thràill do m' thighearn ; agus leigleis 
an leanabh dol suas maille r' a bhràithribh. 

34 Oir cionnus a thèid mise suas a dh'- 
ionnsuidh m' athar, agus gun an leanabh 
maille rium ? air eagal gu faic mi 'n t-olc a 
thig air m' athair. 

CAIB. XLV. 
A GUS cha b' urrainn Ioseph cumail air 
il. fèin 'nan làthair-san uile a sheas làimh 
ris ; agus ghlaodh e, Cuiribh gach duine 
mach uam : agus cha do sheas duine sam 
bith maille ris, an uair a rinn Ioseph e fèin 
aithnichte d* a bhràithribh. 

2 Agus ghuil e gu h-àrd : agus chuala na 
h-Eiphitich, agus tigh Pharaoh e. 

3 Agus thubhairt Ioseph r' a bhràithribh, 
Is mise Ioseph ; am bheil m' athair fathast 
beò ? agus cha b' urrainn a bhràithrean a 



ì 



CAIB. XLYI. 



39 



f hreagairt ; oir blia eagal orra roimh a làth- 
air-san. 

4 Agus thubhairt Ioseph r' a bhràithribh, 
Thigibh am fagus domh. guidheam oirbh ; 
agus thàinig iad am fagus 6 : Agus thubhairt 
esan, Is mise Ioseph bhur bràthair, a rèic 
sibhse do 'n Eiphit. 

5 Agus a nis na biodh doilgheas oirbh, no 
corruich agaibh ribh fèin, a chionn gu 'n do 
reic sibh mise an so ; oir chuir Dia roimh- 
ibh mi, gu sibhse a ghleidheadh beò : 

6 Oir rè an dà bhìiadhna-sa bha a' ghorta 
san tìr, agus tha fathast cùig bliadhna ri 
teachd, anns nach bi aon chuid treabhadh 
no foghar. 

7 Agus chuir Dia mise roimhibh, a 
ghleidheadh dhuibhse iarmaid airthalamh, 
agus a thèarnadh bhur beatha le fuasgladh 
mòr. 

8 A nis uime sin, cha sibhse a chuir mise 
an so, ach Dia ; agus rinn e mi a' m' athair 
do Pharaoh, agus a' m' thighearn os ceann 
a thighe uile, agus a' m' uachdaran ann an 
tìr na h-Eiphit uile. 

9 Deanaibh cabhag, agus rachaibh suas a 
chum m' athar, agus abraibh ris, Mar so 
thubhairt do mhac Ioseph, Rinn Dia mise 
a' m' uachdaran air an Eiphit uile ; thig a 
nuas a m' ionusuidh, na dean moille : 

10 Agus gabhaidh tu còmhnuidh am 
fearann Ghosein, agus bithidh tu 'm fagus 
dhomhsa, thu fèin, agus do chlann, agus 
clann do ehloinne, agus do threudan, agus 
do bhuar, agus gach ni a ta agad. 

11 Agus beathaichidh mise thu 'n sin, 
(oir fathast bithidh cùig bliadhna gorta 
ann,) air eagal gu 'n tig thu fèin, agus do 
theaghlach, agus gach ni a ta agad, gu 
bochdainn. 

12 Agus, feuch, tha bhur sùilean a' faic- 
inn, agus sùilean mo bhràthar Bheniamin, 
gur e mo bheul fèin a tha labhairt ribh. 

13 Agus innsidh sibh do m' athair mo 
ghlòir-sa uile san Eiphit, agus gach ni a 
ehunnaic sibh ; agus ni sibh cabhag, agus 
bheir sibh a nuas m' athair an so. 

14 Agusthuit e air muineal a bhràthar 
Beniamin, agus ghuil e ; agus ghuil Benia- 
min air a mhuineal-san. 

15 Phòg e mar an ceudna a bhràithrean 
uile, agus ghuil e os an ceann : agus 'na 
dhèigh sin rinn a bhràithrean cainnt ris. 

16 Agus chualas iomradh so ann an tigh 
Pharaoh, ag ràdh, Tlia bràithrean Ioseiph 
air teachd : agus thaitinn e gu maith ri 
Pharaoh, agus r'.a sheirbhisich. 

17 Agus thubhairt Pharaoh ri Ioseph, 
Abair ri d' bhràithribh, Deanaibh so ; sac- 
aichibh bhur n-ainmhidhean, agus imich- 
ibh, rachaibh do thìr Chanaain. 

18 Agus thugaibh leibh bhur n-athair, 
agus bhur teaghlaichean, agusthigibh am' 
ionnsuidhse, agus bheir mise dhuibh maith 
tìre na h-Eiphic; ithidh sibh reamhrachd 
na tìre. 

19 A nis thugadh àithne dhuit; dean- 
aibhsemarso : thugaibhleibh à tìr nah-Ei- 
phit carbadan air son bhur cloinne bige, 
agus bhur ban, agus thugaibh bhur n-athair 
leibh, agus thigibh. 

20 Agus na biodh suim agaibh d' 'ur n-air- 
neis-thighe ; oir is leibhse maith tìre na 
h-Eiphit uile. 



21 Agus rinn elann Israeil mar sin : agus 
thugloseph dhoibh carbadan arèir orduigh 
Pharaoh ; agus thug e dhoibh lòn air son 
na slighe. 

22 Thug e dhoibh uile, do gach aon diubh 
fa leth, culaidhean eudaich ; ach do Bhen- 
iamin thug e tri cheud bonn airgid, agus 
cùig culaidhean eudaicli. 

23 Agus chuir e dh' ionnsuidh 'athar mar 
so : deich asail a' giùlan do nithibh maithe 
na h-Eiphit, agus deich asail bhoirionn a' 
giùlan sil, agus arain, agus lòin d' an athair 
air son na slighe. 

24 Mar sin chuir e a bhràithrean air falbh, 
agus dh' imich iad : agus thubhairt e riu, 
Feuchaibh nach cuir sibh a mach air a 
chèile air an t-slighe. 

25 Agus chaidh iad suas as an Eiphit, 
agus thàinig iad gu tìr Chanaain a dh' ionn- 
suidh Iacoib an athar. 

26 Agus dh' innis iad da, ag ràdh, Tha 
Ioseph fathast beò, agus tha e 'na nachdaran 
air tìr na h-Eiphit uile. Agus dh' fhann- 
aich cridhe Iacoib, oir cha do chreid e iad. 

27 Agus dh' innis iad da uile bhriathran 
Ioseiph, a labhair e riu : Agus an uair a 
chunnaic e na carbadan a chuir Ioseph g' a 
ghiùlan, dh' ath-bheothaich spiorad Iacoib 
an athar. 

28 Agus thubhairt Israel, Is leòr e ; tha 
Ioseph mo mhac fathast beò : thèid mi ag- 
us chi mi e mum faigh mi bàs. 

CAIB. XLVI. 

AGUS dh'imich Israel maille ris gach ni 
a bh' aige, agus thàinig e gu Beer-seba, 
agus thug e suas ìobairtean do Dhia 'athar 
Isaaic. 

2 Agus labhair Dia ri h-Israel ann an 
taisbeanaibh na h-oidhche, agus thubhairt 
e, A Iacoib, a Iacoib : Agus thubhairt 
esan, Tha mi 'n so. 

3 Agus thubhairt e, Is mise Dia, Dia 
t' athar : na biodh eagal ort dol sìos do 'n 
Eiphit ; oir ni mise a' d' chinneach mor thu 
an sin. 

4 Thèid mise maille riut sìos do 'n Eiphit ; 
agus bheir mi mar an ceudna gu cinnteach 
a nìos thu rìs : agus cuiridh Ioseph a làmh 
air do shùilibh. 

5 Agus dh'èirich Iacob suas o Bheer-seba : 
agus thug mic Israeil leo Iacob an athair, 
agus an clann bheag, agus am mnài, anns 
na carbadaibh a chuir Pharaoh g'aghiùlan. 

6 Agus ghabh iad an sprèidh, agus am 
maoin, a fhuair iad ann an tìr Chanaain, 
agus thàinig iad do 'n Eiphit, Iacob, agus a 
shliochd uile maille ris ; 

7 A mhic, agus mic a mhac maille ris, a 
nigheanan, agus nigheanan a mhac, agus a 
shliochd uile thug e maille ris do 'n Eiphit. 

8 Agus is iad so ainmeanna chloinn Is- 
raeil, a thàinig do 'n Eiphit, Iacob agus a 
mhic : Reuben, ceud-ghin Iacoib. 

9 Agus mic Reubein; Hanoch, agus 
Phallu, agus Hesron, agus Carmi. 

10 Agus mic Shimeoin ; Iemuel, agus 
Iamin, agus Ohad, agus Iachin, agus Sohar, 
agus Saul mac Ban-chanaanaich. 

1 1 Agus mic Lebhi ; Gerson, Cohat, ag- 
us Merari. 

12 Agus mic Iudah ; Er, agus Onan, ag- 
us Selah, agus Phares, agus Serah: ach 



40 



GENESIS. 



fhuair Er agus Onan bàs ann an tìr Cha- 
naain. Agus b' iad mic Phareis, Hesron, 
agus Hamul. 

13 Agus mic Isachair ; Tola, agus Phu- 
bliah, agus Iob, agus Simron. 

14 Agus mic Shebuluin; Sered, agus 
Elon, agus lahleel. 

15 Is iad sin mic Leah, a rug i do Iacob 
am Padan-aram, maille.r' a nighina Dinah : 
b'iad uile anaman a mliac agus a nigheana 
tri-deug 'ar fhichead. 

16 Agus mic Ghaid ; Siphion, agus Ha- 
gai, Suni, agus Esbon, Heri, agus Arodi, 
agus Areli. 

17 Agus mic Aseir ; Imnah, agus Isuah, 
agus Isui, agus Beriah, agus Serah am 
piuthar. Agus mic Blieriah ; Heber, agus 
Malchiel. 

18 Is iad sin mic Shilpah, a thug Laban 
d' a nighinn Leah ; agus rug i iad sin do Ia- 
cob, cadhon sè anamanna deug. 

19 Mic Racheil mnà Iacoib ; Ioseph, ag- 
us Beniamin. 

20 Agus rugadh do Ioseph ann an tìr na 
h-Eiphit, Manaseh agus Ephraim, a rug 
Asenat nighean Photipherah sagairt Oin 
dha. 

21 Agus b' iad mic Bheniamin; Belah, 
agus Becher, agus Asbel, Gera, agus Naa- 
man, Ehi, agus Ros, Mupim, agus Hupim, 
agus Ard. 

22 Is iad sin mic Racheil, a rugadh do 
Iacob : na h-anaman uiJe, ceithir-deug. 

23 Agus mic Dhain ; Husim. 

24 Agus mic Naphtali ; Iahseel, agus 
Guni, agus Ieser, agus Sillem. 

25 Is iad sin mic Bhilhah, a thug Laban 
d' a nighinn Rachel, a rug i do lacob : na 
h-anaman uile, seachdnar. 

26 Na li-anaman uile a thàinig le Iacob 
do 'n Eiphit, a thàinig a mach as a leasruidh, 
a thuilleadh air mnaibh mhac Iacoib ; 
b' iad na h-anamanna so uile tri fichead 's 
a sè. 

27 Agus mic Ioseiph a rugadh dha san 
Eiphit, bu dhà anam iad : uile anamanna 
thighe Iacoib, a thàinig do 'n Eiphit, bu tri 
tìchead 's a deich iad. 

28 Aguschuire Iudahroimhe gu loseph, 
chum as gu 'n tugadh e fios dha teaclid na 
làthair ann an Gosen ; agus thàinig iad gu 
fearann Ghosein. 

29 Agus bheartaich Ioseph a charbad, 
agus chaidh e suas an coinneamh Israeil 
'athar gu Gosen ; agus nochd se e fèin da, 
agus thuit e air a mhuineal, agus ghuil e 
air a mhuineal rè tamuill. 

30 Agus thubhairt Israel ri Ioseph, Faigh- 
earas' a nis bàs, o chunnaic mi do ghnùis, 
do bhrìgh gu bheil thu fathast beò. 

31 Agus thubhairt Ioseph r' abhràithribh, 
agus ri teaghlach 'athar, Thèid mise suas, 
agus cuiridh mi 'n cèill do Pharaoh, agus 
their mi ris, Tha mo bhràithrean, agus 
teaghlach m' athar, a bha ann an tìr Cha- 
naain, air teachd a' m' ionnsuidh : 

32 Agus is buachaillean na daoine, oir 
bu luchd-sprèidhe iad ; agus thug iad leo 
an treudan, agus am feudail, agus gach ni 
a bh' aca. 

33 Agus tarlaidh 'nuair a ghairmeas Pha- 
raoh oìrbh, agus a their e, Ciod is ceird 
duibh ? 



34 Gu 'n abair sibhse, Bu luchd-sprèidhe 
do sheirbhisich o 'r n-6ige eadhon gus a nis, 
sinn fèin agus mar an ceudna ar n-aith- 
riche ; chum asgu'n gabh sibh còmhnuidh 
ann ara fearann Ghosein, oir is gràineil- 
eachd do na h-Eiphitich gach buachaille 
sprèidhe. 

CAIB. XLVII. 

AN sin thàinig Ioseph agus dh' innis e do 
Pharaoh, agus thubhairt e, Thàinig 
m' athair agus mo bhràithrean, agus an 
treudan, agus ara feudail, agus gach ni 
a bh' aca, a mach à tìr Chanaain ; agus, 
feuch, tha iad ann am fearann Ghosein. 

2 Agus ghabh e cùignear d' a bhràithribh, 
agus chuir e 'n làthair Pharaoh iad. 

3 Agus thubhairt Pharaoh r' a bhràith- 
ribh, Ciod is ceird duibh ? Agus thubhairt 
iadsan ri Pharaoh, Is buaohaillean do sheir- 
bhisich, siun fèin agus ar n-aithriche. 

4 Thubhairt iad mar an ceudna ri Pha- 
raoh, ' S ann gu bhi air chuairt anns an tìr 
a thàinig sinn, oir cha 'n 'eil feur aig do 
sheirbhisich d' an sprèidh, do bhrìgh gu bheil 
a' ghorta mòr ann an tìr Chanaain : a nis 
uime sin, guidheamaid ort, leig le d' sheir- 
bhisich còmhnuidh a ghabhail am fearann 
Ghosein. 

5 Agus labhair Pharaoh ri ìoseph, ag 
ràdh, thàinig t' athair agus do bhràithrean 
a t' ionnsuidh : 

6 Tha tìr na h-Eiphit romhad ; anns a' 
chuid a's fearr do'n f hearann thoir air t' ath- 
air agus do bhràithribh còmhnuidh a 
ghabhail ; gabhadh iad còmhnuidh am 
fearann Ghosein ; agus ma 's aithne dhuit 
gu bheil 'nam measg daoine comasach, ni 
thu iad 'nan àrd bhuachaillibh air mo 
sprèidh-sa. 

7 Agus thug Ioseph Iacob 'athair a stigh, 
agus chuir e 'n làthair Pharaoh e : agus 
bheannaich Iacob Pharaoh. 

8 Agus thubhairt Pharaoh ri Iacob, Ciod 
is aois dhuit ? 

9 Agus thubhairt Iacob ri Pharaoh, '.V 
iad làithean bhliadhnacha mo chuairte 
ceud agus deich bliadhna fichead : bu tearc 
agus olc làithean bhliadhnacha mo bheatba, 
agus cha d' ràinig iad làithean bhliadhnacha 
beatha m' aithriche ann an làithibh an 
cuairte-san. 

10 Agus bheannaich Iacob Pharaoh, agus 
chaidh e mach à làthair Pharaoh. 

11 Agus shuidhich loseph 'athair, agus a 
bhràithrean, agus thug e rihoibh sealbh ann 
an tìr na h-Eiphit, anns a' chuid a 's fearr 
do 'n fhearann, ann am fearann Rameseis, 
mar a dh' àithn Pharaoh. 

12 Agus bheathaich Ioseph 'athair, agus 
a bhràithrean, agus uile theaghlach 'athar 
le h-aran, a rèir an cloinne. 

13 Agus cha robh aran anns antìruile; 
oir bha a' ghorta ro-mhòr, air chor as gu 'n 
robh tìr na h-Eiphit, agus tìr Chanaain uile 
fann leis a' ghorta. 

14 Agus chruinnich Ioseph an t-airgiod 
uile a fhuaradh ann antìr na h-Eiphit, ag- 
us ann an tìr Chanaain, air son a' bhìdh a 
cheannaich iad : agus thug Ioseph an t-air- 
giod do thigh Pharaoh. 

15 Agus an uair a theirig airgiod ann an 
tìr na h-Eiphit, agus ann an tìr Chanaain, 



CAIB. XLVIII. 



41 



thàinig na h-Einhitich uile gu Ioseph, ag 
ràdh, Thoir dhuihn aran : c' ar son a gheibh- 
eainaid bàs a' d' làthair ? oir theirig ar n-air- 
giod. 

16 Agus thubhairt Ioseph, Thugaibh 
seachad bhur sprèidli, agus bheir mise 
dhuibli air son bhur sprèidhe, ma theirig 
airgiod dhuibh. 

. 17 Agus thug iad an sprèidh gu Ioseph : 
agus thug Ioseph dhoibh aran air son eaeh, 
agus air son nan caorach, agus air son a' 
ciiruidh, agus air son nan asal ; agus bheath- 
aich e iad le h-aran, air son an sprèidhe 
I uile, air a' bhliadhna sin. 

18 'Nuair a chrìochnaicheadh a' bhliadh- 
na sin, thàinig iad d' a ionnsuidh air an dara 

I bliadhna, agus thubhairt iad ris, Cha cheil 
i sinneair mo thighearnagu'ndochaitheadh 
i ar n-airgiod ; tha mar an ceudna ar treud- 
1 an sprèidh aig mo thighearna : cha d' fhàg- 
I adh ann an sealladh mo thighearna ach ar 
) cuirp, agus ar fearann. 

19 C'ar son a gheibh sinn bàs fa chomh- 
i air do shùl, araon sinne agus ar fearann ? 

Ceannaich sinne agus ar fearann air son 
arain, agus bithidh sinne agus ar fearann 
'nar seirbhisich do Pharaoli : agus thoir 
dhuinn sìol, chum as gu'm bi sinn beò, agus 
nach faigh sinn bàs, agus nach bi atn fear- 
ann 'na fhàsach. 

20 Agus cheannaich Ioseph fearann na 
h-Eiphit uile do Pliaraoh ; oir reic na 
h-Eiphitich gach duine 'fhearann fèin, a 
chionn gu'n do bhuadhaich a' ghorta orra : 
mar sin bu le Pharaoh an talamh. 

21 Agus a thaobh an t-sluaigh, ehuir e 
air imrich iad do bhailtibh o aon cheann 
chrìocha na h-Eiphit, eadhon gu ruig an 
ceann eile dh' i : 

22 A mhàin fearann nan sagart cha do 
I cheannaich e ; oir dh' orduicheadh cuibh- 

rionn do na sagartaibh le Pharaoh, agus 
i dh' ith iad an cuibhrionn a thug Pharaoh 
ì dhoibh : uime sin cha do reic iad am fear- 

ami. 

23 Agus thubhairt Ioseph ris an t-sluagh, 
Feuch, cheannaich mi sibh an diugh, agus 

I bhur fearann do Pharaoh ; feuch, so sìol 
i duibh, agus euiribh am fearann. 

24 Agus tarlaidh, do na chinneas gu 'n 
toir sibh an cùigeadh cuid do Pharaoh, agus 
bithidh agaibh fèin ceithir earrannan, air 
son sìl anfhearainn, agus air son bhur bìdh, 
agus air sonmuinntir bhur teaghlacha, agus 
air son bìdh d' 'ur cloinn bhig. 

25 Agus thubhairt iadsan, Ghlèidh thu 
beò sinn : faigheamaid deadh-ghean ann an 
sealladh mo thighearna, agus bithidh sinn 
'nar seirbhisich do Pharaoh. 

26 Agus rinn Ioseph sin 'na lagli gus an 
là'n diugh airfeadh fhearainn nah-Eiphit, 
gu 'm bitheadh aig Pharaoh an cùigeadh 
cuid ; saor a mhàin o f hearann nan sagart, 
nach bu le Pharaoh. 

27 Agus ghabh Israel còmhnuidh ann an 
tìr na h-Eiphit, ann an talamh Ghosein ; 
agus bha sealbh aca ann, agus shìolaich iad, 
agus dh' fhàs iad ro-lìonmhor. 

28 Agus bha Iacob beò ann an tìr na 
h-Eiphit seachd bliadhnadeug ; agus b' iad 
bìiadhnacha beatha Iacoib uile ceud agus 
dà fhichead agus seachd bliadhna. 

29 Agus dhlùthaieh an t-àin anns am 



b'èigin do Israel bàs fhaotainu : agus ghairm 
e air a mhac loseph, agus thubhairt e ris, 
Ma fhuair mi nis deadh-ghean a'd' sheall- 
adh, cuir, guidheam ort, do làmh fuidh 
m'leis, agus buin gu caoimhneil agus gu 
fìrinneach rium ; na h-adhlaic mi, guidìi- 
eam ort, san Eiphit. 

30 Ach luidhidh mi maille ri m'aithrich- 
ibh, agus giùlainidh tu mi mach as an Ei- 
phit, agus adhlaicidh tu mi 'nan àit adhlaic- 
san. Agus thubhairt esan, Ni mi mar a 
thubhairt thu. 

31 Agus thubhairt e, Mionnaich dhomh : 
agus mhionnaich e dha. Agus chrom Is- 
rael e fèin air ceann-adhairt na leapach. 

CAIB. XLVIII. 

AGUS an dèigh nan nithe sin, dh'innis 
neach do Iosepli, Feuch, tha t' athair 
tinn : agus thug e leis a dhà mhac, Man- 
aseh agus Ephraim. 

2 Agus dh'innis neach do Iacob, agus 
thubhairt e, Feuch, tha do mhac Ioseph a' 
teachd a t' ionnsuidh : agus neartaich Israel 
à fèin, agus shnidh e air an leabaidh. 

3 Agus thubhairt Iacob ri Ioseph, Dh'- 
fhoillsich Dia uile-chumhachdach e fèin 
dhomhsa aig Lude ann an tìr Ghanaain, ag- 
us bheannaich e mi. 

4 Agus thubhairt e rium, Feuch, ni mi9e 
sìolmhor agus lìonmhor thu, agus ni mi 
thu a'd' choimhthional chinneach, agus 
bheir mi am fearann so do d' shliochd a' d' 
dhèigh mar sheilbh shìorruidh. 

5 Agus a nis do dhithis mhac, Ephraim 
agus Manaseh, a rugadh dhuit anu an tìr na 
h-Eiphit, mun d' thàinig mis' a t' ionnsuidh 
do 'n Eiphit, is leamsa iad ; mar Reuben 
agus Shimeon, bithidh iad leamsa. 

6 Agus bithidh do shliochd, a ghineas tu 
'nan dèigh, leat fèin ; a rèir ainme am 
bràithre goirear iad 'nan seilbh fèin. 

7 Agus air mo shonsa dheth, 'nuair a 
thàinig mi o Phadan, fhuair Rachel bàs 
agam ann an tìr Chanaain, air an t-slighe, 
'nuair nach robh fathast ach astar goirid ri 
teachd gu h-Ephrat : agus dh' adhlaic mi 'n 
sin i air an t-slighe gu h-Ephrat; 's e sin 
Betlehem. 

8 Agus chunnaic Israel mic Ioseiph, ag- 
us thubhairt e, Cò iad sin ? 

9 Agus thubhairt Ioseph r' a athair, ' S iad 
mo mhic-sa iad, a thug Dia dhomh an so : 
agus thubhairt e, Thoir a m' ionnsuidh iad, 
guidheam ort, agus beannaichidh mi iad. 

10 Agus blia sùilean Israeil trom le h-aois, 
air chor nach bu lèir dha gu maith : agus 
thug e 'm fagus da iad, agus phòg e iad, ag- 
us ghabh e 'na ghlacaibh iad. 

11 Agus thubhairt Israel ri Ioseph, Cha 
do shaoil mi gu 'm faicinn do ghnùis, agus, 
feuch, nochd Dia dhomh mar an ceudna do 
shliochd. 

12 Agus thug Ioseph a mach iad o eadar 
a ghlùinean, agus chrom se e fèin le 'agh- 
aidh gu làr. 

13 Agus ghabh Ioseph iad le chèile, Eph- 
raim 'na làimh dheis o làimh chlì Israeil, 
agus Manaseh 'na làimh chlì o làimh dheis 
Israeil ; agus thug e 'm fagus da iad. 

14 Agus shìn Israel a mach aiàmh dheas, 
agus chuir e i air ceann Ephraim, am mac a 
b' òige, agus a làinh chlì air ceann Mhana- 



42 



GENESIS. 



aeh : stiùir e a làmha gu seòlta ; oir b' e 
Manaseh au ceud-ghin. 

15 Agus bhearmaich e Ioseph, agus 
thubhairt e, Gu 'n deanadh Dia, an làthair 
an do ghluais m'aithriche Abraham agus 
Isaac, an Dia a bheathaich mi rè mo 
bheatha uile gus an là'n diugh, 

16 An t-aingeal a shaor mi o gach olc,na 
leinibh a bheannachadh, agus ainmichear 
in'ainm-sa orra, agus ainm m'aithriclie, 
Abrahaim agus Isaaic : agus mar iasg na 
mara fàsadh iad lìonmhor am meadhon na 
talmhainn. 

• 17 Agus an uair a chunnaic Ioseph gu 'n 
do chuir 'athair a làmh dheas air ceann 
Ephraim, cha do thaitinn e ris : agus chum 
e suas làmh 'athar, a clium ah-atharrachadh 
o cheann Ephraira gu ceann Mhanaseh. 

18 Agus thubhairt Iosepli r' a athair, Ni 
h-ann mar siu, athair : oir is e so an ceud- 
ghiu ; cuir do làmli dlieas air a cheann. 

19 Agus dhiùlt 'athair, agus thubhairte, 
Tha fhios agam, a mhic, tlia fhios agarn ; 
bithidh esan cuideachd 'na shluagh, agus 
fàsaidh e mar an ceudna mòr: ach gu 
deimhin bithidh a bhràthair a 's òige ni 's mò 
na e, agus bithidh a shliochd 'nam mòran 
chinneach. 

20 Agus bheannaich e iad air an là sin, 
ag ràdh, Annadsa beannaicliidh Israel, ag 
ràdh, Gu deanadh Dia thu mar Ephraim, 
agus mar Mhanaseh : agus chuire Ephraim 
roimh Mhanaseh. 

21 Agus thubhairt Israel ri Ioseph, 
Feuch, a taims' a' faotainn a' bhàis ; ach 
bithidh Dia maille ribhse, agus bheir e rìs 
sibh gu dùthaich bhur u-aitliriche. 

22 Agus thug mise dhuit aon chuid- 
roinne thar do bhràitlirean, a bhuin mi 
mach à làimh an Amoraich le m' chlairìh- 
eamh agus le m' bhogha. 

CAIB. XLIX. 
A GUS ghairm Iacob air a mhic, agus 
J\_ thubhairt e, Cruinnichibh sibh fèin an 
eeann a chèile, clium as gu'n inuis mi 
dhuibh ciod a tharlas dhuibh sna làithibh 
deireannach. 

2 Cruinnichibh sibh fèin an ceann a 
chèile, agus cluinnibh, a mhaca Iacoib, ag- 
us èisdibh ri Israel bhur n-athair. 

3 A Reubein, is tu mo cheud-ghin, mo 
threise, agus toiseach mo neirt, òirdheirc- 
eas àrd-inbhe, agus òirdheirceas cuinhachd. 

4 Neo-sheasmhaeh mar uisge, cha toir 
thu barrachd, do bhrìgh gu 'n rìeachaidh tu 
suas do leahaidh t' athar : an sin thruaill 
thu i ; chaidh e suas do m' uirigh. 

5 Is bràithre Simeon agus Lebhi : tha 
innil aingidheachd 'nan àitibh-eòmhnuidh. 

6 'Nan dìomhaireaehd na tigeadh m' an- 
am-sa ; r'an coimhthional na bitlieadh m' 
onoir-sa air a h-aonadh : oir 'nan corruich 
mharbh iad duine, agus 'namfèin-tlioilleag 
iad sìos balla. 

7 Mallaiehte gu 'n robh an corruich, oir 
bha i ga.Tg ; agus am fearg, oir bha i an- 
ìochdinhor : roinnidh mi iad ann an Iacob, 
agus sgaoilidh mi iad ann an Israel. 

8 A Iudah, molaidh do bhràithrean thu- 
sa ; bithidh do làmh am muineal do 
uaimhde : cromaidh clann t' athar iad fèin 
eìos a' d' làthair. 



9 7* cuilean leòmhain Iudali ; o 'n chobh- 
artaich, a mhic, chaidh thu suas : chrom 
se e fèin sìos, chrùb e mar leòmhan, agus 
mar sheann leòmhan ; cò dhùisgeas suas e ? 

10 Cha dèalaich an t-slat-rìoghail ri lu- 
dah, no lagh-thabhartair o eadar a chosa, 
gus an tig Siloh, agus dhasan gèillidh na 
slòigh : 

11 A' ceangal a shearraich ris an fhìon- 
ain, agus loth 'asail ris an f hìonain thaghta ; 
nigh è 'eudach am fion, agus athrusgan am 
fuil nam fìon-dhearc. 

12 Bithidh a shùilean ni 's deirgena fìon, 
agus 'fhiacla ni 's gile na bainne. 

13 Gabhaidh Sebulun còmhnuidh aig cal- 
adh a' chuain, agu> bitliidh e air son calaidh 
long ; agus bithidh 'eirthir gu ruig Sidon. 

14 Is asal làidir Isacliar, a' crùbadh sìos 
eadar dhà ealìaich. 

15 Agus chunuaic e gu 'm bu mhaith an 
ni fois, agus ga'n robh am fearann taitneach ; 
agus chrom e a ghuala gu iomchar, agus 
rinneadli e 'na sheirbhiseach do chìs. 

16 Bheir Dan breth air a shluagh, mar 
aon do tlireubhaibh Israeil. 

17 Bithidh Dan 'na nathair air an ròd, 
'na nathair-nimhe air an t-slighe, a theum- 
as sàilteau an eich, air chor as gu 'a tuit a 
mharcach an coinneamh a chùil. 

18 Ri d' shlàinte dh'f heith mise, O Thigh- 
earna. 

19 Gad, bheir buidheann buaidhair: ach 
bheir esan buaidh ma dheireadh. 

20 A mach à h-Aser bithidh 'aran-san 
reamhar. agus bheir e uaith sògh rìoghail. 

21 Js eilid air a leigeadh fuasgailte Naph- 
tali ; bheir e focail thaitneach uaitb. 

22 Js geug thorrach loseph, geug thorr- 
ach làimh ri tobar, aig am bheil a meang- 
lain a' sgaoileadh thar a' bhalla. 

23 Chràidh na fir-bhogha gu geur e, ag- 
us thilg iad air, agus dh' t'huathaich iad e. 

24 Ach dh' fhan a bhogha 'n a neart, ag- 
us rinneadh gairdeana a làmh làidir le làmh- 
aibh Dè chumhachdaich Iacoib ; (uaith sin 
tha 'm buachaille, clach Israeil :) 

25 Eadhon le Dia t' athar, a ni còmhnadh 
leat, agus leis an Uile-chumhachdach, a 
blieannaicheas thule beannachdaibh nèimh 
o 'n àirde, beannachdaibh na doimhne 
shìos, beannachdaibh nan cìoch, agus na 
bronn. 

26 Thug beannachda t' athar barrachd air 
beannachdaibh mo sliinnseara, gu ruig foir- 
iomall nan sliabh sìorruidh ; bithidh iad 
airceann loseiph,agus air mullach achinn- 
san a sgaradh o 'bhràithribh. 

27 Ni Beniamin fiadhach mar mhadadh- 
alluidh : sa' mhaduinn ithidh e a' chobh- 
artach, agus san fheasgar roinnidh e a' 
chreach. 

28 Js iad sin uile dà threubh dheug Is- 
raeil : agus is e so an ni a labhair an athair 
riu, agus hheannaich e iad ; gach aon ac' a 
rèir a bheannachaidh, bheannaich e iad. 

29 Agus dh'àithn e dhoibh, agus thu- 
bhairt e riu, Cruinnichear mise chum mo 
dhaoine : adhlaicibh mi maille ri m' aith- 
richibh san uaimh a ta ann anachadh Eph- 
roin an Hitich ; 

30 San uaimh a ta ann an achadh Mhac- 
phelah, a ta fa chomhair Mhamre, ann an 
tìr Chanaain, a cheannaich Abraham maille 



CAIB. L. 



43 



ris an achadh o Ephron an t-Hiteach, mar 
sheilbh àit adhlaic. 

31 (An sin dh'adhlaic iad Abraham agus 
Sarah a bhean ; an sin dh' adhlaic iad Isaac 
agus Rebecah a bhean ; agus an sin dh'adh- 
laic mise Leah.) 

32 Cheannaicheadh an t-achadh, agus an 
uaimh a ta ann, o chloinn Het. 

33 Agus an uair a chrìochnaich Iacob 
àitheantan a thoirt d' a mhic, chruinnich e 
a chosan suas do" n leabaidh, agus chaochail 
e, agus chruinnicheadh e chum a dhaoine. 

CAIB. L. 

A GUS thnit Ioseph air aghaidh 'athar, 
iOL agus ghuil e air, agus phòg see. 

2 Agus dh'àithn loseph d'a sheirbhisich, 
nal èighean, spìosraidh a chur air corp 'ath- 
ar; agus chuir na lèighean spìosraidh air 
Israel. 

3 Agus choimhlionadh air a shon dà 
fhichead là, (oir mar so coimhlionar làith- 
ean ìia muinntir sin air an cuirear spìos- 
raidh;) agus rinn na h-Eiphitich bròn air 
a shon deich is tri fichead là. 

4 Agus an uair a chaidh làithean a bhròin 
thairis, labhair Ioseph ri teaghlach Pharaoh, 
ag ràdh, A nis ma Ihuair mi deadh-ghean 
'nur sùilibh, labhraibh, guidheam oirbh, 
ann an cluasaibh Pharaoh, ag ràdh, 

5 Ghabh m'athair mionnan diom, ag 
ràdh, Feuch, a ta mise a' faghail a' bhàis : 
a'm' uaigh a chladhaich mi dhomh fèin ann 
an tìr Chanaain, an sin adhlaicidh tu mi. 
A nis uime sin leig dhomh dol suas, guidh- 
eam ort, agus m' athair adhlac, agus thig 
mi rìs. 

6 Agus thuhhairt Pharaoh, Falbh suas, 
agus adhlaic t' athair, a rèir mar a ghabh e 
mìonnan dìot. 

7 Agus chaidh Ioseph suas a dh' adhlac 
| 'athar : agus maille ris chaidh seirbhisich 
Pharaohsuas uile, seannairean athighe,ag- 
us uile sheanairean thìre na h-Eiphit, 

8 Agus teaghlach Ioseiph uile, agus a 
hhràithrean, agus teaghlach 'athar : a mhàin 
dh' fhàg iad an clann bheag, agus an caor- 
aich, agus ara buar, ann an tìr Ghosein. . 

9 Agus chaidh suas maille ris, araon carb- 
i adan agus marc-shluagh : agus bhaa' chuid- 
ìeachd ro-mhòr. 

i 10 Agus thàinig iad gu h-urlar-bualaidh 
Ataid, a tha 'n taobh thall do Iordan ; agus 
rinn iad bròn an sin le caoidh mhòir agus 
ro-chràitich : agus rinn e bròn air son ath- 
ar seachd làithean. 

11 Agus an uair a chunnaic luchd-àit- 
eachaidh na tire, na Canaanaich, am bròn 
ann an urlar Ataid, thubhairt iad, Is doil- 
gheasach ara bròn so do na h-Eiphitich ; 
uime sin thugadh Abel-misraim mar ainm 
air, a tha 'n taobh thall do Iordan. 



12 Agus rinn a mhic dha mar a dh' àithn 
e dhoibh : 

13 Oir ghiùlain a mhic e do thìr Cha- 
naain, agus dh'adhlaic iad e ann an uaimh 
achaidh Mhachpelah, a cheannaich Abra- 
ham maille ris an achadh mar sheilbh àit- 
adhlaic, o Ephron an t-Hiteach, fa chomh- 
air Mhamre. 

14 Agus phill Ioseph do 'n Eiphit, e fèin 
agus a bhràithrean, agus iadsan uile a chaidh 
suas maille ris a dh' adhlac 'athar, an dèigh 
dha 'athair adhlac. 

15 Agus an uair a chunnaic bràithrean 
Ioseiph gu'n d' fhuair an athairhàs, thubh- 
airt iad, Theagamh gu'n toir Ioseph fuath 
dhuinn, agus gu' n dìol e gu cinnteach oirnn 
an t-olc sin uile a rinn sinn air. 

16 Agus chuir iadteachdairean gu Ioseph, 
ag ràdh, Dh' àithn t' athair mun d' fhuair e 
bàs, ag ràdh, 

17 Mar so their sihh ri Ioseph, Maith, 
guidheam ort a nis, eucoir do bluàithrean, 
agus am peacadh, do bhrìgh gu 'n d' rinn 
iad olc ort : agus a nis, guidheam ort, maith 
eucoir sheirbhiseach Dhè t' athar. Agus 
ghuil Ioseph an uair a labhair iad ris. 

18 Agus chaidh a bhràithre mar an ceud- 
na, agus thuit iad sìos 'na làthair, agus 
thuhhairt iad, Feuch, is seirbhisich dliuit 
sinne. 

19 Agus thubhairt Ioseph riu, Na biodh 
eagal oirbh ; oir am bheil mise an àite 
Dhè? 

20 Agus d' 'ur taobhsa, shònraich sibh 
olc a' m' aghaidh ; ach shònraich Dia sin a 
chum maith, a chum, mar air an là 'n diugh, 
gu'n tearnadh e mòr-shluagh beò. 

21 A nis uime sin na biodh eagal oirbh : 
altrumaidh mise sibh, agus bhur clann 
bheag. Agus thuge comhfhurtachd dhoibh, 
agus labhair e gu caoimhneil riu. 

22 Agus ghabh Ioseph còmhnuidh san 
Eiphit, e fèin agus teaghlach 'athar: agus 
bha Ioseph beò ceud agus deich bliadhna. 

23 Aguschunnaic loseph clann Ephraim, 
do'n treas ginealach : thogadh suas mar an 
ceudna clann Mhachir, mhic Mhanaseh, 
air glùinibh loseiph. 

24 Agusthubhairt Iosepk r'al)hràithribh, 
A ta mise a' faghail a' bliàis, ach amhaircidli 
Dia gu cinnteach oirbhse, agus bheir e 
mach sibh as an fhearann so, do' n fhearann 
amhionnaich e do Abraham, do Isaac, ag- 
us do Iacob. 

25 Agus ghabh Ioseph mionnan do 
chloinn Israeil, ag ràdh, Amhaircidh Dia 
gu cinnteach oirbhse, agus giùlainidh sibh 
mo chnàmhan-sa suas as a so. 

26 Agus fliuair Ioseph bàs, agus e ceud 
agus deich bliadhna dli' aois : agus chuir 
iad spìosraidh air, agus chuireadh ann aa 
ciste-mhairbh e san Eiphit. 



44 



DARA LEABHAR MHAOIS, 

D'AN AINM 

ECSODUS. 



CAIB. I. 

ANTS z'siad soainmeannachloinnlsraeil, 
a thàinig do' n Eiphit ; thàinig gach 
duine agus a tlieaghlach maille ri Iacob: 

2 Reuben, Simeon, Lebhi, agus ludah, 

3 Isachar, Sebulun, agus Beniamin, 

4 Dan, agus Naphtali, Gad, agus Aser. 

5 Agus na h-anaman uile a thàinig a 
mach à leasruidh Iacoib, bu deich agus tri 
fichead anam iad ; oir bha Ioseph san Eiph- 
it a cheana. 

6 Agus fhuair Ioseph bàs, agus abhràith- 
rean uile, agus an ginealach sin uile. 

7 Agus bha clann Israeil sìolmhor, agus 
dh' f hàs iad gu mòr, agus rinneadh lìonmhor 
iad, agus chinn iad ro-chumhachdach ; ag- 
us lìonadh an tìr leo. 

8 A nis dh' èirich righ ùr air an Eiphit, 
do nach b' aithne Ioseph. 

9 Agus thubhairt e r' a shluagh, Feuch, 
tha sluagh chloinn Israeil ni' s lìonmhoire 
agus ni's cumhachdaiche na sinne. 

10 Thigibh, buineamaid gu seòlta: air 
eagal gu' m fàs iad lìonmhor, agus gu' n 
tachair e, 'nuair a dh' èireas cogadh, gu' n 
gabh iadsan mar an ceudna le 'r naimhdibh- 
ne, agus gu'n cog iad 'nar n-aghaidh, agus 
gu' n tèid iad a mach as an tìr. 

11 Uime siu chuir iad maighstirean-oibre 
orra, chum an sàruchadh le 'n eallachaibh. 
Agus thog iad bailtean-ionmhais do Pha- 
raoh, Pitom agus Rameses. 

12 Ach mar is mò a shàruich siad iad, 's 
ann is mò a rinneadh iadsan lìonmhor ag- 
us a dh' f hàs iad. Agus bha iad fuidh dhoìl- 
gheas airson chloinn Israeil. 

13 Agus thug na h-Eiphitich air cloinn 
Israeil seirbhis a dheanamh le cruadhas. 

14 Agus rinn iad am beatha searbh dlioibh 
le daorsa chruaidh, ann am moirtear, agus 
ann an clachaibh-creadha, agus anns gach 
gnè oibre sa' mliachair : bha an obair uile, 
anns an d' thug iad orra obair a dheanamh, 
le cruadhas. 

15 Agus labhair righ na h-Eiphit ri 
mnaibh-glùine nan Eabhruidheach ; (b' e 
ainm aoin diubh Siphrah, agus ainm na tè 
eile Puah ;) 

16 Agus thubhairt e, 'Nuair a ni sibh 
gnìomh mnà-glùine do na mnaibh Eabh- 
ruidheach, agus a chi sibh iad air na stòl- 
aibh ; ma' s mac a bhios ann, an sin marbh- 
aidh sibh e, ach ma' s nighean a bhios ann, 
bithidh i beò. 

17 Ach bha eagal Dè air na mnaibh- 
glùine, agus cha d' rinn iad mar a dh'àithn 
righ na b-Eiphit dhoibh, ach ghlèidh iad a' 
chlann-mhac beò. 

18 Agus ghairm righ na h-Eiphit air na 
mnaibh-glùine, agus thubliairt e riu, C'ar 



I son a rinn sibh an ni so, agusaghlèidh sibh 
a' chlann-mhac beò ? 

19 Agus thubhairt namnathan-gluine ri 
Pharaoh, A cliionn nach'eiY nnmnai Eabh- 
ruidheachmarnamnài Eiphiteach : oir tha 
iad fèin beothail, agus air an aisead mu' n 
tig na mnathan-glùine a steach d' an ionn- 
suidh. 

20 Uime sinbhuin Dia gu maith ris na 
mnaibh-glùine : agus rinneadh an sluagh 
lìonmhor, agus dh' f hàs iad ro-chumhachd- 
ach. 

21 Agus a chionn gu' n robh eagal Dèair 
na mnaibh-glùine, rinn e tighean dhoibh. 

22 Agus thug Pharaoh àithne d' a shluagh 
uile, ag ràdh, Gach mac a bheirear, tilgidh 
sibh san amhainn ; agus gach nighean 
gleidhidh sibh beò. 

CAIB. II. 

AGUS chaidh duine do thigh Lebhi, ag- 
us ghabh e nighean do Lebhi 'na 

mnaoi. 

2 Agus dh' fhàs a' bhean torrach, agus rug 
i mac : agus an uair a chunnaic i gu' nrobh 
e 'na leanabh tlachdmhor, dh' fholaich i e 
rè thri mìosa. 

3 Agus an uair nach b' urrainn i'fholach 
ni b' fhaide, ghabh i dha cobhan cuilce, ag- 
us chuir i thairis e le làthaich agus le pic, 
agus chuir i an leanabh ann; agus chuir i 
e sa' chuilc aig bruaich na h-aimhne. 

4 Agus sheas a phiuthar am fad uaith, a 
dh' fhaicinn ciod a dheanta ris. 

• 5 Agus thàinig nighean Pharaoh a nuas 
g' a nigheadh fèin san amhainn, agus bha a 
maighdeanan ag imeachd ri taobh na h- 
aimhne ; agus an uair a chunnaic i 'n cobh- 
an am measg na cuilce, chuir i a bauoglach 
g' a thoirt d' a h-ionnsuidh. 

6 Agus an uair a dh' fhosgail i e, chunn- 
aic i 'n leanabh : agus, feuch, ghuil an 
naoidhean. Agus ghabh i truas ris, agus 
thubhairt i, Is aon so do chloinn nan Eabh- 
ruidheach. 

7 An sin thubhairt a phiuthar ri nighean 
Pharaoh, An tèid mise, agus an gairm mi 
dhuit banaltrum do na mnaibh Eabhruidh- 
each, a chum as gu' n altrum i 'n leanabh, 
dhuit ? 

8 Agus thubhairt nighean Pharaoh rithe, 
Falbh. Agus chaidh a' mhaighdean, agus 
gliairm i màthair an leinibh. 

9 Agus thubhairtnigheanPharaoh rithe, 
Thoir an leanabh so leat, agus altrum 
dhomhsa e, agus bheir mi dhuit do thuar- 
asdal. Agus ghabh a' bhean an leanabh 
agus dh' altrum i e. 

10 Agus dh' fhàs an leanabh, agus thng i 
e dh'ionnsuidh nighinn Pharaoh, agus bha 



CAIB. III. 



45 



e 'na nihac dh' i. Agus thug i Maois mar 
ainm air : agus thubhairt i, A chionn as an 
uisge gu 'n do tharruing mi mach e. 

11 Agus tharladh anns na laithibh sin, an 
uair a dh' fhàs Maois suas, gu 'n deachaidh 
e mach a dh' ionnsuidh a bhràithrean, agus 
gu 'n d' amhairc e air an eallachaibh : agus 
chunnaic e Eiphiteach a' bualadh Eabh- 
ruidhich, aoin d' a bhràithribh. 

12 Agus dh' amhairc e an taobh so agus 
an taobh ud, agus an uair a chunnaic e 
nach robh aon duine ann, mharbh e an 
t-Eiphiteach, agus dh' fholaich e sa' ghain- 

■1 eamh e. 

13 Agus an uair a chaidh e mach an dara 
n là, feuch, bha dithis do na h-Eabhruidhich 
I a' strì r' a chèile ; agus thubliairt e ris-san 
" a rinn an eucoir, C' ar son a bhuaileas tu 

I do choimhearsnach ? 

!• 14 Agus thubhairt e, Cò rinn thusa a' d' 
uachdaran agus a' d' bhreitheamh oirnne ? 
» | am miann leat mise a mharbhadh, mar a 
'li j mharbh thu 'n t-Eiphiteach ? agus ghabh 

I I Maois eagal, agus thubhairt e, Gu cinnteach 
tha an ni so aithnichte. 

if 15 A nis an uair a chuala Pharaoh an ni 
so, dh' iarr e Maois a mharbhadh, ach theich 

k Maois o aghaidh Pharaoh, agus ghabh e 

I còmhnuidh ann an tìr Mhidiain ; agus 

n shuidh e sìos làimh ri tobar. 

16 A nis bha aig sagart Mhidiain seachd- 
nar nighean : agus thàinig iad agus tharr- 
uing iad uisge, agus lìon iad na h-amair a 

I thoirt uisge do threud an athar. 

• 17 Agus thàinig na buachaillean agus 
dh' f huadaich iad air falbh iad : ach sheas 

I Maois suas agus chuidich e leo, agus thug 

• e uisge d' an treud. 

« 18 Agus an uair a thàinig iad gu Reuel 
an athair, thubhairt e, Ciounus a thàinig 

k sibh co luath an diugh ? 

19 Agus thubhairt iad, Shaor Eiphiteach 

I sinu à làimh nam buachaillean, agus mar 

i an ceudna tharruing e uisge gu leòr dhuinn, 
agus thug e uisge do 'n treud. 

» 20 Agus thubhairt esan r' a nigheanaibh, 
Agus c' àit am bheil e? C' ar son a dh' f hàg 

s sibh an duine ? Gairmibh air, a chum 's 

i gu 'n ith e aran. 

•] 21 Agus bha Maois toileach còmhnuidh 

• a ghabhail maille ris an duine ; agus thug e 
1 Siporah a nighean do Mhaois 'na mnaoi. 

22 Agus rug i mac dha, agus thug e Ger- 

• sora mar ainm air : oir thubhairt e, Bha mi 
i m' choigreach ann an tìr aineoil. 

i 23 Agus tharladh an ceann mòrain làith- 
ean, gu 'n d' fhuair righ na h-Eiphit bàs, 
agus bha clann Israeil ag osnaich air son 
| na daorsa, agus ghlaodh iad ; agus thàinig 
i an glaodh suas gu Dia, air son na daorsa. 

24 Agus chuala Dia an osnaich, agus 
chuimhnich Dia a choimhcheangal ri h-A- 
braham, ri Isaac, agus ri Iacob. 

25 Agus dh' amhairc Dia air cloinn Is- 
raeil, agus dh' fhiosraich e iad. 

CAIB. III. 

ANIS bha Maois a' gleidheadh treud 
Ietro 'athar-cèile, sagairt Mhidiain : 
agus thug e 'n treud gu taobh cùil an fhàs- 
aich, agus thàinig e gu sliabh Dhè, gu Ho- 
reb. 

2 Agus dh' f hoillsicheadh aingeal an Tigh- 



earna dha ann an lasair theine à meadhon 
pris : agus dh' amhairc e, agus, feuch, bha 
m preas a' lasadh le teine, ach cha robh 
am preas air a losgadh. 

3 Agus thubhairt Maois, Tionndaidh mi 
nis a leth-taobh, agus chi mi an sealladh 
mòr so, c' ar son nach 'eil am preas air a 
losgadh. 

4 Agus an uair a chunnaic an Tighearna 
gu 'n do thionndaidh e a leth-taobh a dh'- 
f haicinn sin, ghairm Dia air à meadhon a' 
phris, agus thubhairt e, A Mhaois, a Mhaois. 
Agus thubhairt esan, Tha mi 'n so. 

5 Agus thubhairt e, Na tig am fagus an 
so ; cuir dhìot do bhròga bhàrr do chos, 
oir an t-àit air am bheil thu a' d' sheasamh, 
is talamh naomh e. 

6 Thubhairt e mar an ceudna. Is mise 
Dia t' athar, Dia Abrahaim, Dia lsaaic, ag- 
us Dia Iacoib. Agus dh' fholaich Maois 
'aghaidh : oir bha eagal air amharc air Dia. 

7 Agus thubhairt an Tighearna, Chunn- 
aic mi gu cinnteach àmhghar mo shluaigh 
a ta san Eiphit, agus chuala mi 'n glaodh 
air son am maighstirean-oibre : oir is aithne 
dhomh an doilgheas. 

8 Agus thàinig mi nuas g' an saoradh à 
làimh nan Eiphiteach, agus g' an toirt suas 
a mach as an fhearann sin, gu fearann 
maith agus farsuinn, gu fearann ata sruth- 
adh le bainne agus le mil ; gu àite nan Ca- 
naanach, agus nan Hiteach, agus nan A- 
morach, agus nam Peridseach, agus nan 
Hibheacl), agus nan Iebusach. 

9 A nis uime sin, feuch, tha glaodh 
chloinn Israeil air teachd a m' ionnsuidh-sa : 
agus mar an ceudna chunnaic mi am fòir- 
eigin leis am bheil na h-Eiphìtich 'g am 
fòireigneadh. 

10 Agus a nis thig, agus cuiridh mi thu 
dh' ionnsuidh Pharaoh, a chum a 's gu' n 
toir thu mach mo shluagh clann Israeil as 
an Eiphit. 

11 Agus thubhairt Maois ri Dia, Cò 
mise, gu 'n rachainu a dh' ionnsuidh Pha- 
raoh, agus gu 'n tugainn a mach clann Is- 
raeil as an Eiphit ? 

12 Agus tliubhairt e, Bithidh mise gu 
cinnteach leat ; agus bithidh so 'na chomh- 
aradh dhuit, gu 'n do chuir mise uam thu : 
'nuair a bheir thu mach an sluagh as an 
Eiphit, ni sibh aoradh do Dhia air an t- 
sliabh so. 

13 Agus thubhairt Maois ri Dia, Feuch, 
an uair a thig mi dh' ionnsuidh cloinn Is- 
raeil, agus a their mi riu, Chuir Dia bhur 
n-aithriche mise d' 'ur n-ionnsuidh ; agus 
a their iad rjum, Ciod is ainm dha ? Ciod a 
their mi riu ? 

14 Agus thubhairt Dia ri Maois, IS MI 
AN TI A'S MI : agus thubhairt e, Mar so 
their thu ri cloinn Israeil, Chuir IS MI 
mise d' 'ur n-ionnsuidh. 

15 Agus thubhairt Dia thuilleadh air so 
ri Maois, Mar so their thu ri cloinn Israeil, 
Chuir an Tighearna Dia bhur n-aithriche, 
Dia Abrahaim, Dia Isaaic, agus Dia Iacoib, 
mise d' 'ur n-ionnsuidh : 'seso m' ainm a 
chaoidh' ; agus is e so mo chuimhneachan 
do gach uile ghinealach. 

16 Imich agus cruinnich r' a chèile sean- 
airean Israeil, agus abair riu, Dh' fhoillsich 
aa Tighearna Dia bhur u-aithrichean e fèin 



ECSODUS. 



dhomhsa, Dia Abrahaim, Isaaic, agus Ia- 
coib, agràdh, Gu cinnteach dh'amhairc mi 
oirbh, agus chunnaic mi an ni a rinneadh 
oirbh san Eiphit. 

17 Agus thubhairt mi, Bheirmi suas sibh 
a h-àmhghar na h-Eipbit, gu frarann nan 
Canaanach, agus nan Hiteach, agus nan A- 
morach, agus nam Peridseach, agus nan 
Ilihlieach, agus nan Iebusacb, gu fearann a 
ta sruthadh le bainne agus le mil. 

18 Agus èisdidh iadsan ri d' ghuth : agus 
thèid thu fèin, agus seanairean Israeil, gu 
rigli na h-Eiphit, agus their sibh ris, Choinn- 
ich an Tighearna Dia nan Eabliruidheach 
sinne : agus a nis leig dliuinn, guidheamaid 
ort, dol astar thri Ìàitliean do 'n fhàsach, 
chum as gu 'n ìobair sinn do 'n Tighearn 
ar Dia. 

19 Agus is deimhin leam nach leig righ 
na h-Eiphit leibh imeachd, cha leig eadhon 
le làimh làidir. 

20 Agus sìnidh mis' a mach mo làmh, 
agus buailidh mi 'n Eiphit le m' iongantas- 
an uile, a ni mi 'na meadhon : agus an dèigh 
sin leigidh e dhuibh imeachd. 

21 Agus bheir mise do 'n t-sluagh so 
deadh-ghean ann an sealladh nan Eiphit- 
each: a?us tarlaidh, 'nuair a dh' fhalbhas 
sibh, nach falbh sibh falamh; 

22 Ach iarraidh, gach bean o 'han- 
choimliearsnaich, agus o 'n mhnaoi a bhios 
air aoidlieachd 'na tigh, seudan airgid, ag- 
us sendan òir, agus eudach : agus cuiridh 
sibh iad air bhur mic, agus air bhur nigh- 
eanaibh ; agus creachaidh sibh na h-Ei- 
phitich. 

CAIB. IV. 

AGUS fhreagair Maois, agus thubhairt 
e, Ach, feuch, cha chreid iad mi, ni mò 
dh' èisdeas iad ri m' ghuth : oir their iad, 
Cha do thaisbean an Tighearn e fèin 
dliuit. 

2 Agus thubhairt an Tighearna ris, Ciod 
sin ann do làimh ? Agus thubhairt esan, 
Slat. 

3 Agns thubhairt e, Tilg air an làr i ; ag- 
us tliilg e air an làr i, agus rinneadh i 'na 
nathair : agus theich Maois roimpe. 

4 Agus thuhhairt an Tigliearnari Maois, 
Cuir a mach do làmh, agus glac air a h-earr 
i. Agus chuir e mach a làmh, agus rug e 
oirre. agus rinneadh slat dh' i 'na làimh. 

5 Chum as gu 'n creid iad gu 'n d' fhoill- 
sich an Tighearna Dia an aithriche, Dia 
Ahrahaim, Dia Isaaic, agus Dia Iacoib, e 
fèin dhuit. 

6 Agus thubhairt an Tighearn a thuill- 
eadh air so ris, Cuir a nis do làmh a' d' 
bhroilleach ; agus chuir e a làmh 'na b'iroill- 
each : agus an uair a thug e mach i, feuch, 
bha a làmh lobhrach mar shneachda. 

7 Agus thubhairt e, Cuir do làrah a rìs 
a' d' bhroilleach ; agus chuir e a làmh a rìs 
'na bhroilleach, agus thug e maeh à bhroill- 
each i, agus, feuch, dh' iompaicheadh i 
mar a' chuid eile d' a fheoil. 

S Agus tarlaidh, mur creid iad thu, agus 
mur èisd iad ri guth a'cheud chomharaidh, 
gu n creid iad guth a' chomharaidh dheir- 
eannaich. 

9 Agus tarlaidh, mur creid iad mar an 
ceudna an dà chomharadh sin, agus mur 



èisd iad ri d' ghuth, gu 'n gabh thu cuid 3 
dh' uisge na h-aimhne, agus gu 'n dòirt thu 
air an talamh thioram e : agus fàsaidh an 
t-uisge a bheir thu as an amhainn 'na fhuil 
air ari talamh thioram. 

10 Agus thuhhairt Maois ris an Tighearn, 
O mo 1 highearna, cha duine deas-chainnt- 
each mi aon chuid roimhe so, no o 'n àm 
san do labhair thusa ri d' sheirbhiseach : do 
bhrìgh gu bheil mi mall ann an cainnt, 
agus mall ann an teangaidh. 

11 Agus thubhairt an Tighearna ria, Cò 
a rinn beul an duine ? no cò a rinn am 
balbh, no 'm bodhar, no 'n tì a chi, no 'n 
dall ? Nach mise an Tighearna ? 

12 A nis uime sin imich, agus bithidh 
mise le d' bheul, agus teagaisgidh mi dhuit 
ciod a their thu. 

13 Agus thubhairt e, O mo Thighearna, 
cuir, guidheam ort, le Ìàimh an tì a chuir- 
eas tu. 

14 Aguslas corruich an Tighearn anagh- 
aidh Mhaois, agus thubhairt e, Nach e 
Aaron au Lebhitheach do bhràthair? tha 
fhios agam gu 'n labhair esan gu maith. 
Agus mar an ceudna, feuch, tha e teachd a 
mach a' d choinneamh : agus an uair a chi 
e thu, bithidh e subhach 'na chridhe. 

15 Agus labhraidh tusa ris, agus cuiridh 
tu focail 'na bheul : agus bithidh mise le d' 
bheul, agus le 'bheul-san, agus teagaisgidh 
mi dhuibh ciod a ni sibh. 

16 Agus labhraidh esan air do shonsa ris 
an t-sluagh : agus bithidh esan, bìtliidh 
eadhon esan dhuit an àite beoil, agus bith- 
idh tusa dhasan an àite Dhè. 

17 Agus gabhaidh tu an t-slat so ann do 
làimh, leis an dean thu comharan. 

18 Agus dh' imich Maois agus phill e gu 
Ietro 'athair-cèile, agus thubhairt e ris, 
Thèid mi nis, agus pillidh mi chum mo 
bhràithrean a ta san Eiphit, agus chi mi am 
bheil iad fathast beò. Agus thubhairt Iet- 
ro ri Maois, Imich an sìth. 

19 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois 
ann am Midian, Imich, piil do 'n Eiphit: 
oir tha na daoiue sin uile marbh a bha 'g 
iarraidh t' anama. 

20 Agus ghabh Maois a bhean, agus a 
mhic, agus chuir e iad air asail, agus phill e 
do thìr na h-Eiphit. Agus ghabh Maois 
slat Dhè 'na làimh. 

21 Agus thubliairt an Tighearna ri 
Maoìs, An uair a dh' imicheas tu chum 
pilltinn do 'n Eiphit, thoir an aire gu 'n 
dean thu na h-iongantais sin uile, a chuir 
mise ann ad làimh, am fianuis Fharaoh : 
ach cruaidhichidh mise a chridhe, agus 
cha leig e leis an t-sluagh imeachd. 

22 Agus their thu ri Pharaoh, Mar so 
tha' n Tighearn ag ràdli, ' S e Israel mo 
mhac, mo cheud-ghin. 

23 Agus tha mi ag ràdh riut, Leig le m' 
mhac imeachd, a chum as gu 'n dean e 
seirbhis dhomh ; agus ma dhiùltas tu leig- 
eadh leis imeachd: feuch, marbhaidh mise 
do mhac-sa, eadhon do cheud-ghin. 

24 Agus tharladh air an t-slighe san 
tigh-òsda, gu 'n do choinnich an Tighearu 
e, agus gu 'n d' iarr e a mharbhadh. 

25 An sin ghabh Siporah clach gheur, 
agus thimchioll-ghearr i roimh-chroicionn 
a mic, agus thilg i aig a chosaibh e, agus 



CAIB. V. VI. 



thubhairt t, Gu cinnteacli is fear-pòsda 
fuileachdach dhomhsa thu. 

26 Agus leig e uaith e : an sin thubhairt 
ì, Js fear-pòsda fuileachdach thu air son an 
timchioll-ghearraidli. 

27 Agus thubhairt an Tighearna ri 
h- Aaron, Imich an coinneamh Mhaois do 'n 
fhàsach. Agus dh' imich e, agus choinnich 
se e ann an sìiabh Dhè, agus phòg se e. 

28 Agus dh' innis Maois a dh' Aaron uile 
bhriathran an Tighearn, a chuir uaith e, 
agus na comharau uile a dh' àithn e dha. 

29 Agus chaidh Maois agus Aaron, agus 
chruinnich iad seanairean chloinn Israeil 
uile. 

30 Agus labhair Aaron na briathran uile 
! a labhair an Tighearna ri Maois, agus rinn 
j e na comharan ann an sealladh an t-sluaigh. 
I 31 Agus chreid an sluagh : agus an uair 
; a chual' iad gu 'n d' amhairc an Tighearn air 

cloinn Israeil, agus gu 'm fac e an àmhghar, 
! an sin chrom iad an cinn, agus rinn iad 
aoradh. 

CAIB. V. 

AGUS 'na dhèigh sin chaidh Maois agus 
Aaron a steach, agus thubhairt iad ri 
Pharaoh, Mar so tha 'n Tighearna Dia Is- 
raeil ag ràdh, Leig le m' shluagh imeachd, 
a chuin as gu 'n glèidh iad fèill dhomhsa 
san fhàsach. 

2 Agus thubhairt Pharaoh, Cò e an 
Tighearna, gu 'n èisdinn-sa r' a ghuth a leig- 
eadhle h-Israel imeachd? Cha 'n aithne 
dhomhs' an Tighearn, agus mar an ceudna 
cha leig mi le h-Israel imeachd. 

3 Agus thubhairt iad, Dh' fhoillsich Dia 
nan Eabhruidheach e fèin dhuinne : leig 
leinn, guidheamaid ort, dol astar thri làith- 
ean do 'n fhàsach, a chum as gu 'n ìobar sinn 
do 'n Tighearn ar Dia, air eagal gu'm buail 
e sinn le plàigh, no leis a' chlaidheamh. 

4 Agus thubhairt righ na h-Eiphit riu, 
C' ar son a ta sibhse, a Mhaois agus Aaroin, 
a' toirt air an t-sluagh sgur o 'n oibribh? 
Rachaihh a chum bhur n-eallacha. 

5 Agus thubhairt Pharaoh, Feuch, a ta 
sluagh na tìre a nis lìonmhor, agus tha 
sibhse a' toirt orra bhi 'nan tàmh o 'n eall- 
achaibh. 

6 Agus dh' àithn Pharaoh air an là sin 
fèin do mhaighstiribh-oibre an t-sluaigh, 
agus d' an luchd-riaghlaidh, ag ràdh, 

7 Cha toir sibh conlach tuilleadh do 'n 
t-sluagh a dheanamh chlacha-creadha mar 
roimhe so : rachadh iad agus cruiunicheadh 
iad conlach dhoibh fèin. 

8 Agus cuiridh sibh orra àireamh nan 
tlacha-creadha a rinn iad roimhe : cha leig 
sibh sìos a bheag dheth, oir tha iad dìomh- 
anach ; uime sin tha iad ag èigheach, ag 
ràdh, Racharnaid agus ìobramaid d' ar 
Dia. 

9 Cuirear an obair ni 's truime air na 
daoine, chum as gu 'n saoraich iad innte : 
agus nah-earbadhiadàbriathraibh dìomh- 
ain. 

10 Agus chaidh maighstirean-oibre an 
t-sluaigh a mach, agus an luchd-riaghlaidh, 
agus labhair iad ris an t-sluagh, ag ràdh, 
Mar so tha Pharaoh ag ràdh, Cha toir mi 
dhuibh conlach. 

11 Rachaibh, gabhaibh dhuibh fèin con- 



47 

lach far am feud sibh a faotainn : gidheadh 
cha leigear sìos a bheag do 'r n-obair. 

12 Uime sin sgaoileadh an sluagh air 
feadh tìre na h-Eiphit uile, a chruinneach- 
adh asbhuain an àite conlaich. 

13 Agus chuir na maighstirean-oibre 
thuige iad, ag ràdh, Coimhlionaibh bhur 
n-oibre cumta lathail, mar an uair a thug- 
adh conlach dhuibh. 

14 Agus bhuaileadh luchd-riaghlaidh 
chloinn Israeil a chuir maighstirean-oibre 
Pharaoh os an ceann, agus dh' fhiosraich- 
eadh dhiubh, C' ar son nach do choimhlion 
sibh bhur n-obair chumta ann an deanamh 
chlacha-creadha, araon an dè agusau diugh, 
mar a rinn sibh roimhe ? 

15 An sin thàinig luchd-riaghlaidh 
chloinn Israeil, agus ghlaodh iad ri Pha- 
raoh, ag ràdh, C' ar son a bhuineas tu air 
an dòigh so ri d' sheirbhisich ? 

16 Cha 'n 'eil conlach air a toirt do d' 
sheirbhisich, agus 's e their iad ruinn, Dean- 
aibh clacha-creadha : agus, feuch, a ta do 
sheirbhisich air am bualadh ; ach is ann aig 
do shluagh fèin a ta choire. 

17 Ach thubhairt esan, Tha sibh dìomh- 
anach, tha sibh dìomhanach : uime sin 
their sibh, Rachamaid agus iobramaid do'n 
Tighearna. 

18 Uime sin imichibh a nis, deanaibh 
obair ; oir cha toirear conlach dhuibh, agus 
blieir sibh uaibh làn àireamh nan clacha- 
creadha. 

19 Agus chunnaic luchd-riaghlakih 
chloinn lsraeil gu 'm bu chruaidh an càs 
anns an robh iad, agus e air a ràdh riu, 
Cha bheagaich sibh dad d' 'ur clachaibh- 
creadha, do 'n obair dhligheach lathail. 

20 Agus choinnich iad Maoisagus Aaron, 
a sheas air an t-slighe, 'nuair a thàinig iad 
a mach o Pharaoh. 

21 Agus thubhairt iad riu, Gu 'n amh- 
airceadh Dia oirbh, agus gu 'n tugadh e 
breth, do bhrìgh gu 'n d' rinn sibh ar fàile 
gràineil an làthair Pharaoh, agus an làthair 
a sheirbhisich, a' cur claidheimh 'nan 
làimh a chum sinne a mharbhadh. 

22 Agus phill Maois a dh' ionnsuidh an 
Tighearn, agus thubhairte, AThighearna, 
c' ar son a bhuin thu cho olc ris an t-sluagh 
so ? c' ar son a chuir thu uait mi ? 

23 Oir o 'n àm a thàinig mi gu Pharaoh a 
labhairt ann ad ainm, rinn e olc do 'n 
t-sluagh so ; agus cha do shaor thu idir do 
shluagh. 

CAIB. VI. 

AN sin thubhairt an Tighearna ri Maois, 
A nis chi thu ciod a ni mi ri Pharaoh : 
oir le làimh làidir leigidh e leo imeaehd, 
agus le làimh làidir fuadaichidh e mach as 
a dhùthaich iad. 

2 Agus IabhairDiariMaois,agusthubh- 
airt e ris, Is mise an Tighearn. 

3 Agus dh' fhoillsich mi mi fèin do A- 
braham, do Isaac, agus do Iacob, le ainm 
an Dè uile-chumhachdaich, ach le m' ainm 
Iehobhah cha robh mi aithnichte dhoibh. 

4 Agus mar an ceudna dhaingnich mi mo 
choimhcheangal riu, gu 'n tugainn dhoibh 
tìr Chanaain, tìr an cuairte, anns an robh 
iad 'nan coigrich. 

5 Agus mar an ceudna chuala mi osnaich 



48 



ECSODUS. 



chloinn Israeil, a ta na h-Eiphitich a' cum- 
ail ann an daorsa : agus chuimhnich mi mo 
choimhcheangal. 

6 Uime sin abair ri cloinn Israeil, Jsmise 
an Tighearn, agus bheir mi sibh a mach o 
bhi fo eallachaibh nan Eiphiteach, agus 
saoraidh mi sibh o 'n daorsa : agus fuasg- 
laidh mi sibh le gairdean sìut' a mach, ag- 
us le breitheanasaibh mòra. 

7 Agus gabhaidh mi sibh dhomh fèin 
mar shjuagh, agus bithidh mi dhuibh a' m' 
Dhia : agus bithidh fios agaibh gur mise an 
Tighearna bhur Dia, a ta '#ur toirt-sa 
mach o bhi fo eallachaibh nan Eiphiteach. 

8 Agus bheir mi steach sibh a dh' ionn- 
suidh an fhearainn a mhionnaich mi gu 'n 
tugainn e do Abraham, do Isaac, agus do 
Iacob ; agus bheir mi e dhuibhse mar oigh- 
reachd : ls mise an Tighearna. 

9 Agus labhair Maois mar sin ri cloinn 
Israeil : ach cha d' èisd iad ri Maois, trìd 
chràidh spioraid, agus trìd chruaidh 
dhaorsa. 

10 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

11 Iinich a steach, labhair ri Pharaoh 
righ na h-Eiphit, e a leigeadh do chloinn 
Israeil dol a mach as a dhùthaicli. 

12 Agus labhair Maois an làthair an 
Tighearn, agràdh, Feuch, chad'èisd clann 
Israeil rium ; cionnus ma ta dh' èisdeas 
Pharaoh riumsa, aig am bheil mo bhilean 
neo-thimchioll-ghearrta ? 

13 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
agus ri h- Aaron, agus thug e dhoibh àithne 
a chum cloinn Israeil, agus a chum Pha- 
raoh righ na h-Eiphit, clann Israeil a thoirt 
a mach à tìr na h-Eiphit. 

14 Is iad sin ceannardan thighean an 
aithriche : mic Reubeinceud-ghin Israeil; 
Hanoch, agus Pallu, Hesron, agus Carmi : 
is iad sin teaghlaichean Reubein. 

15 Agus mic Shimeoin; Gemuel, agus 
Iamin, agus Ohad, agus Iachin, agus Sohar, 
agus Saulmac Ban-chanaanaich : is iad sin 
teaghlaichean Shimeoin. 

16 Agus is iad sin ainmeannamhac Lebhi, 
a rèir an ginealacha ; Gerson, agus Cohat, 
agus Merari : agus b 1 ìad bliadhnachabeatha 
Lebhi ceud agus seachd bliadhna deug 'ar 
fhichead. 

17 Mic Ghersoin; Libni, agus Simi, a 
rèir an teaghlaichean. 

18 Agus mic Chohait; Amram, agus 
Jdshar, agus Hebron, agus Udsiel: agus 
b' iad bliadhnacha beatha Chohait ceud ag- 
us tri bliadhna deug 'ar fhichead. 

19 Agus mic Mherari ; Mahali agus Mu- 
si : is iad sin teaghlaichean Lebhi, a rèir 
an ginealacha. 

20 Agus ghabh Amram Iochebed piuth- 
ar-'athar dha fèin 'na mnaoi ; agus rug i 
dha Aaron agus Maois : agus b' iad bliadh- 
nacha beatha Amraim ceud agus seachd 
bliadhna deug 'ar fliichead. 

21 Agus mic Idshair; Corah, agus Ne- 
pheg, agus Sichri. 

22 Agus mic Udsieil ; Misael, agus Elsa- 
phan, agus Sitri. 

23 Agus ghabh Aaron Eliseba nighean 
Aminadaib, piuthar Naasoin, dha fèin 'na 
mnaoi ; agus rug i dha Nadab agus Abihu, , 
Eleasar agus Itamar. 



24 Agus mic Chorah ; Asir, agus Elca- 
nah, agus Abiasaph : is iad sin teaghlaich- 
ean nan Corhach. 

25 Agus ghabh Eleasar, mac Aaroin, aon 
do nigheanai bh Phutieil dha fèin 'na mnaoi ; 
agus rug i dha Phinehas : is iad sin ceann- 
ardan aithriche nan Lebhitheach, a rèir an 
teaghlaichean. 

26 Is iad so ant-Aaron agus am Maois 
ud, ris an d' thubhairt an Tighearna, Thugr- 
aibh a mach clann Israeil à tìr nah-Eiphit, 
a rèir an slògh. 

27 Is iad so iadsan a labhair ri Pharaoh, 
righ na h-Eiphit, a chum clann Israeil a 
thoirt a mach as an Eiphit : is iad so am 
Maois agus an t-Aaron ud. 

28 Agus tharladh san là air an do labhair 
an Tighearna ri Maois ann an tìr na h-Ei- 
phit, 

29 Gu 'n do labhair an Tighearna ri 
Maois, agràdh, Is mise an Tighearna : labh- 
air thusa ri Pharaoh righ na h-Eiphit gach 
ni a their mi riut. 

30 Agus thubhairt Maois an làthair an 
Tighearna, Feuch, a ta inise neo-thimchioll- 
ghearrta a' m' bhilibh, agus cionnus a dh'- 
èisdeas Pharaoh rium ? 

CAIB. VII. 

AGUS thubliairtan Tighearnari Maois, 
Feucli, rinn mi thu a' d' dhia do Pha- 
raoh : agus bithidh do bhràthair Aaron 'na 
fhàidh agad. 

2 Labhraidh tusa gach ni a dh' àithneas 
mise dhuit : agus labhraidh Aaron do 
bhràthair ri Pharaoh, esan a chur cloinn Is- 
raeil a mach as a thìr. 

3 Agus cruaidhichidh mise cridhe Pha- 
raoh, agus ni mi mo chomharan agus 
m' iongantasan lìonmhor ann an tìr na h-Ei- 
phit. 

4 Ach cha 'n èisd Pharaoh ribh, agus 
leagaidh mise mo làmh air an Eiphit, agus 
bheir mi mach m' armailtean, agus mo 
shluagh clann Israeil, à tìr na h-Eiphit, le 
breitheanasaibh mòra. 

5 Agus bithidh fios aig na h-Eiphitich 
gur mise an Tighearna, 'nuair a shìneas mi 
mach mo làmh air an Eiphit, agus a bheir 
mi mach clann Israeil o bhi 'nam measg. 

6 Agus rinn Maois agus Aaron mar a dh'- 
àithn an Tighearna dhoibh, mar sin rinn iad. 

7 Agus bha Maois ceithir fichead bliadh- 
na dh' aois, agus Aaron ceithir fichead agus 
tri bliadhna dh' aois, an uair a labhair iad ri 
Pharaoh. 

8 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
agus ri h-Aaron, ag ràdh, 

9 'Nuair a labhras Pharaoh ribh, ag ràdh, 
Nochdaibh iongantas air bhur son fèin; an 
sin their thu ri h-Aaron, Gabh do shlat, 
agus tilg sìos i an làthair Pharaoh, agus 
fàsaidh i 'na nathair. 

10 Agus chaidh Maois agus Aaron a 
steach a dh' ionnsuidh Pharaoh, agus rinn 
iad mar sin, mar a dh' àithn an Tighearn : 
agus thilg Aaron sìos a shlat an làthair Pha- 
raoh, agus an làthair a sheirbhiseach, agus 
rinneadh i 'na nathair. 

1 1 An sin ghairm Pharaoh mar an ceudna 
air na daoine glice, agus air an luchd-fios- 
achd : agus rinn mar an ceudna druidhean 
na h-Eiphit mar sin le 'n druidheachdaibh : 



CAIB. VIII. 



12 Oir thilg - iad sìos gach duine a shlat, 
agus rinneadli iad 'nan nathraichibh : ach 
snluig slat Aaroin suas an slatan-sa. 

13 Agus chruaidhicheadh cridhe Pha- 
raoh, airchoras nach d'èisderiu; mar a 
thubhairt an Tighearn. 

14 Affus thubhairt an Tighearna ri Maois, 
Chruaidhicheadh cridhe Pharaoh, tha e 
diùltadh leigeadh leis an t-sluagh falbh. 

15 Iraich-sa dh' ionnsuidh Pharaoh sa' 
mhaduinn, feuch, tha e dol a mach a dh'- 
ionnsuidh an uisge, agus seasaidh tu 'na 
choinnearah air bruaich na h-aimhne ; ag- 
us an t-slat a thionndaidlieadh 'na nathair, 
gabhaidh tu a' d' làirah. 

16 Agus their thu ris, Chuir an Tigh- 
earna Dia nan Eabhruidheach mise a 
t' ionnsuidh, ag ràdh, Leig le m' shluagh 
imeachd, a chum as gu' n dean iad seirbhis 
dhomhsa san fhàsach : agus, feuch, gus a 
so cha b' àill leat èisdeachd. 

17 Mar so tha' n Tighearn ag ràdh, Ann 
an so aithnichidh tu gur mise an Tigh- 
earna : feuch, buailidh mi leis an t-slait a 
ta m' làimh, na h-uisgeachan a ta san 
amhainn, agus tionndaidhear iad gu fuil. 

18 Agus gheibh an t-iasg a ta san amh- 
ainn bàs, agus lobhaidh an amhainn ; agus 
bithidh gràiu air na h-Eìphitich uisge òl as 
an amhainn. 

19 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
Abair ri h-Aaron, Gabh do shlat, agus sìn 
a mach do làmh air uisgibh na h-Eiphit, 
air an aimhnibh, air an sruthaibh, agus air 
an lochaibh, agus air uile chomh-chruinn- 
eachadh an uisgeacha, chum as gu'm fàs 
iad 'nam fuil : agus bithidh fuil air feadh 
tìre na h-Eiphit uile, araon ann an soithieh- 
ibh fiodha, agus ann an soithichibh cloiche. 

20 Agus rinn Maois agus Aaron mar sin, 
a rèir mar a dh' àithn an Tighearn, agus 
thog e suas an t-slat, agus bhuail e na 
h-uisgeachan a bha san amhainn, ann an 
sealladh Pharaoh, agus aun an sealladh a 
sheirbhiseach : agus thionndaidheadh na 
h-uisgeachan uile a bha san amhainn, gu 
fuil. 

21 Agus fhuair an t-iasg a bha san a- 
mhainn bàs : agus lobh an amhainn, agus 
cha b' urrainn na h-Eiphitich uisgeòlasan 
amhainn : agus bha 'n fhuil ann an tìr na 
h-Eiphit uile. 

22 Agus rinn druidbean na h-Eiphit mar 
sin le'n druidheachdaibh : agus chruaidh- 
icheadh cridhe Pharaoh, agus cha d'èisd e 
riu mar a thubhairt an Tighearn. 

23 Agus phill Pharaoh, agus chaidh e d'a 
thigh ; agus cha do shocraich e a chridhe 
air so cuideachd. 

24 Agus chladhaich na h-Eiphitich uile 
timchioll na h-airahne air son uisge r'a òl : 
oir cha b' urrainn iad òl a dh' uisge na 
h-aimhne. 

25 Agus choimhlionadh seachd làithean 
an dèigh do'n Tighearn an amliainn a 
bhualadh. 

CAIB. VIII. 

AGUS thubhairt an Tighearna ri Maois, 
Falbh a dh' ionnsuidh Pharaoh, agus 
abair ris, Mar so tha'n Tighearn ag ràdh, 
Leig lem' shluagh iraeachd, achum asgu'n 
dean iad seirbhis dhomh. 



49 

2 Agus ma dhiùltas tu 'n leigeadh air 
falbh, feuch, buailidh mi do chrìochan uile 
le losgannaibh : 

3 Agus brùchdaidh an amhainn a mach 
losgainn, agus thèid iad suas, agus thig iad 
a steach do d' thigh, agus do d' sheòraar- 
leapach, agus air uachdar do leapach, ag- 
us do thigh do sheirbhiseach, agus air do 
shluagh, agus do d'àmhuinnibh, agus do d' 
amaraibh-fuinidh. 

4 Agus thèid na losgainn suas ort fèin, 
agus air do shluagh, agus air do sheirbhisich 
uile. 

5 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, 
Abairri h-Aaron, Sìn a mach do làmh ie 
d' shlaitos ceann nan aimhnichean.os eeann 
nan allt, agus os ceann nan lochan ; agus 
thoir air na losgannaibh dol suas air talamh 
na h-Eiphit. 

6 Agus shìn Aaron a mach a làmh os 
ceann uisgeacha na h-Eiphit ; agus chaidh 
na losgainn suas, agus chòmhdaich iad tal- 
amh na h-Eiphit. 

7 Agus rinn na druidhean mar sin le'n 
druidheachdaibh, agus thug iad suas losg- 
ainn air talamh na h-Eiphit. 

8 An sin ghairm Pharaoh air Maois agus 
air Aaron, agus thubhairt e, Guidhibh air 
an Tighearna gu'n toir e air falbh na losg- 
ainn uam fèin, agus o m' shluagh ; agus 
leigidh mise leis an t-sluagh imeachd, a 
chum as gu'n ìobair iad do'n Tighearna. 

9 Ag-us thubhairt Maois ri Pharaoh, Dean 
uaill tharum : c' uin' a ghuidheas mi air do 
slion, agus air son do sheirbhiseach, agus air 
son do shluaigh, gu'n cuirear as do na losg- 
annaibh uait fèin, agus o d' thighibh ; air 
chor agus gu mair iad a mhàin' san amh- 
ainn ? 

10 Agus thubhairt esan, Am màireach. 
Agus tliubhairt e, Bitheadh e a rèir t' f hoc- 
ail ; a chum as gu'm bi fios agad nach 'eil 
neach ann cosmhuil ris an Tighearn ar Dia. 

11 Agus falbhaidh na losgainn uait fèin, 
agus o d' thighibh, agus o d' sheirbhisich, 
agus o d' shluagh ; a mhàin san amhaiim 
mairidh iad. 

12 Agus chaidh Maois agus Aaron a mach 
o Pharaoh ; agus dh' èigh Maois ris an 
Tighearn a thaobh nan losgann, a thug e'n 
aghaidh Pharaoh. 

13 Agus rinn an Tighearn a rèir focail 
Mhaois : agus bhàsaich na losgainn as na 
tighibh, as na bailtibh, agus as na mach- 
raichibh. 

14 Agus chruinnich iad r'a chèile 'nan 
dùnaibh iad ; agus lobh an tìr. 

15 Ach an uair a chunnaic Pharaoh gu'n 
robh fois ann, chruaidhich e a chridhe, ag- 
us cha d' èisd e riu, mar a thubhairt an 
Tighearn. 

16 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, 
Abair ri h- Aaron, Sìn a mach do shlat, agus 
buail duslach na talmhainn, a chum gu'm 
fàs e'na mhialaibh air feadh tìre na h-Eiphit 
uile. 

17 Agus rinn iad mar sin ; oir shìn Aaron 
a mach a làmh le 'shlait, agus bhuail e 
duslach na talmhainn, agus rinneadh « 
'na mhialaibh air duine agus air ainmh- 
idh : rinneadh uile dhuslach na talmhainu 
'na mhialaibh air feadh tìre na h-Eiphit 
uile. 

e 2 



ECSODUS. 



50 

18 Agus rinn na druidhean mar sin le'n 
druidheachdaibh a thoirt a mach mhial, ach 
cha b' urrainn iad : agus bha mialan air 
duine agus air ainmhidh. 

19 An sin thubhairt na druidhean ri 
Pharaoh, 'S e meur Dhè a th' ann : agus 
chruaidhicheadh cridhe Pharaoh, agus cha 
d'èisd e riu ; mar a thubhairt an Tighearn. 

20 Agus thubhairt an Tighearn ri Maois, 
Eirich suas gu moch sa' mhaduiun, agus 
seas an làthair Pharaoh, (feuch, tha e teachd 
a mach a dh' ionnsuidh an uisge) agus abair 
ris, Mar so tha'n Tighearn ag ràdh, Leig le 
m' shluagh imeachd, a chum se gu'n dean 
iad seirbhis dhomh. 

21 Ach mur leig thu le m' shluagh im- 
eachd, feuch, cuiridh mi sgaoth chuileag 
ort fèin, agus air do sheirbhisich, agus air 
do shluagh, agus ann ad thighibh : agus 
lìonar tighean nan Eiphiteach leis an sgaoth 
chuileag, agus mar an ceudna antalamh air 
am bheil iad. 

22 Agus cuiridh mi air leth air an là sin 
fèin fearann Ghosein, anns am bheil mo 
shluagh a chòmhnuidh, air chor as nach bi 
cuileagan sam bith an sin ; a chum as gu'm 
bi fios agad gur mise an Tighearn am 
meadhon na talmhainn. 

23 Agus cuiridh mi dealachadh eadar mo 
shluaghsa agus do shluaghsa : air an là 
màireach bithidh an comharadh so. 

24 Agus rinn an Tighearna mar sin : 
agus thàinig sgaoth anabarrach chuileag 
do thigh Pharaoh, agus do thighibh a sheir- 
bhiseach, agus do thìr na h-Eiphit uile : 
thruaiUeadh antalamh athaobh nan cuileag. 

25 Agus ghairm Pharaoh air Maoisagus 
air Aaron, agus thubhairt e, Rachaibh, ìob- 
raibh d' 'ur Dia san tìr. 

26 Agus thubhairt Maois, Cha 'n'eil e 
iomchuidh sinn a dheanamh mar sin ; oir 
ìobraidh sinn gràineileachd nan Eiphiteach 
do'n Tighearn ar Dia. Feueh, an ìobair 
sinne gràineileachd nan Eiphiteach fa 
chomhair an sùl, agus naeh clach iad sinn ? 

27 Thèid sinn astar thri làithean do'n 
fhàsach, agus ìobraidh sinn do'n Tighearn 
ar Dia, mar a dh' àithneas e dhuinn. 

28 Agus thubhairt Pharaoh, Leigidh mi 
dhuibh imeachd, a chum asgu'n ìobair sibh 
do'n Tighearna bhur Dia san fhàsach ; ach 
na rachaibh ro f had air astar : guidhibh air 
mo shonsa. 

29 Agus thubhairt Maois, Feuch, thèid 
mise mach uait, agus guidhidh mi air an 
Tighearna gu'm falbh na cuileagan o Pha- 
raoh, o 'sheirbhisich, agus o 'shluagh, am 
màireach: ach na buineadh Pharaoh gu 
cealgach tuilleadh, ann an diùltadh leigeadh 
do'n t^sluagh dol a dh' ìobradh do'n Tigh- 
earn. 

30 Agns chaidh Maois a mach o Pharaoh, 
agus ghuidh e air an Tighearn. 

31 Agus rinn an Tighearn a rèir foc- 
ail Mhaois ; agus chuir e air falbh na cuil- 
eagan o Pharaoh, o 'sheirbhisich, agus o 
'shluagh : cha d' fhan a h-aon. 

32 Agus chruaidhich Pharaoh a chridlie 
air an àm so mar an ceudna, agus cha do 
leig e leis an t-sluagh imeachd, 

CAIB. IX. 

AGUS thubhairt an Tighearn ri Maois, 
Falbh a steach a dh'ionnsuidh Pharaoh, 



agus innis da, Mar so tha'n Tighearn Dia 
nan Eabhruidheach ag ràdh, Leig le m' 
shluagh imeachd, a chura as gu'n dean iad 
sheirbhis dhomh : 

2 Oir ma dhiùltas tu leigeadh leo im- 
eachd, agus gu'n cum thu iad fathast, 

3 Feuch, bithidh làmh au Tighearn air do 
sprèidh a ta sa'mhachair, air na h-eich, airna 
h-asail, air na càmhail, air a' chrodh, agus air 
na caoraich : bithidh plàigh ro-mhor ann. 

4 Agus cuiridh an Tighearna dealachadli 
eadar sprèidh lsraeil,agus sprèidh nah-Ei- 
phit: agus cha'n fhaigh a bheag bàs a 
dh' aon ni a's le cloinn Israeil. 

5 Agus shuidhich an Tighearn àra, ag 
ràdh, Am màireach ni an Tighearn an ni so 
san tìr. 

6 Agus rinn an Tighearn an ni sin air an 
là màireach, agus fhuair sprèidh na h-Ei- 
phit uile bàs : ach do sprèidh chloinn Israeil 
cha d' fhuair a h-aon bàs. 

7 Agus chuir Pharaoh teacMaire uaith, 
agus, feuch, cha robh eadhon a h-aon do 
sprèidh nan Israeleach marbh. Agus 
chruaidhicheadh cridhe Pharaoh, agus cha 
do leig e an sluagh air falbh. 

8 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, 
agus ri h- Aaron, Gabhaibh dhuibh fèin làn 
bhur glac do luaith an teallaich, agus 
crathadh Maois i ri nèamh ann an sealladh 
Pharaoh. 

9 Agus bithidh i 'na duslach mìn air 
feadh tìre na h-Eiphit uile, agus bithidh i 
'na neasgaid a' briseadh a mach 'na bolgaibh 
air duine, agus air ainmhidh, air feadh tìre 
na h-Eiphit uile. 

10 Agus ghabh iad luath an teallaich, ag- 
us sheas iad an làthair Pharaoh, agus chrath 
Maois i ri nèamh : agus rinneadh i 'na 
neasgaid a' briseadh a mach 'na bolgaibh air 
duine, agus air ainmhidh. 

1 1 Agus cha b' urrainn na druidhean seas- 
amh an làthair Mhaois air son na neasgaid ; 
oir bha an neasgaid air na druidhibh, agus 
air na h-Eiphitich uile. 

12 Agus chruaidhich an Tighearn cridhe 
Pharaoh, agus cha d' èisd e riu ; mar a labh- 
air an Tighearna ri Maois. 

13 Agus thubhairt an Tighearna ri 
Maois, Eirich suas gu moch sa' mhaduinn, 
agus seas an làthair Pharaoh, agus abair ris, 
Mar sotha'n Tighearna Dianan Eabhruidh- 
each ag ràdh, Leig le m' shluagh imeachd, 
a chum as gu 'n dean iad seirbhis dhomh. 

14 Oir air an àm so cuiridh mise mo 
phlàighean uile air do chridhe-sa, agus air 
do sheirbhisich, agus air do shluagh ; a 
chum as gu'm bi fios agad nach 'eìl neach 
ann cosmhuil riumsa san talamh uile. 

15 Oir a nis sìnidh mi mach mo làmh, ag- 
us buailidh mi thu fèin agus do shluagh le 
plàigh ; agus gearrar as thu o 'n talamh. 

16 Agus gu deimhin air son so tliog mi 
suas thu, a chum as gu'n nochdainn annad 
mo chumhachd, agus gu'm biodh m'ainm 
iomraideach san domhan uile. 

17 Am bheil thu fathast 'g ad àrdachadh 
fèin an aghaidh mo shluaigh, air chor as 
nach leig thu leo imeachd ? 

18 Feuch, mu 'n àm so màireach, bheir 
mise air cloich-raheallain ro-mhòir frasadh a 
nuas, nach robh a samhuil san Eiphit, o'n là 
san do leagadh a bunachur eadhon gus a nis. 



CAIB. X. 



w 

51 



ì 19 Uime sin a nis euir fios uait, agus 
cruinnicli do sprèidh, agus gach ni a ta ag- 
ad sa' mhachair; oir air gaeh duine agus 
ainmhidh a gheibhear sa' mhachair, agus 
nach cruinnichear dhachaidh, thig a' chlach- 
mlieallaiu a nuas, agus gheibh iad bàs. 

20 Au tì a ghabh eagal roimh f hocal an 
m Tighearna measg sheirbhiseach Pharaoh, 
■ thug e air a sheirbhisich agus air a sprèidh 

teicheadh do na tìghibh. 

21 Agus esan nach do ghabh suim do 
f hocal an Tighearna, dlv fhàg e a sheirbhis- 

s ich agus a sprèidh sa' mhachair. 

22 Agusthubhairt an Tighearnari Maois, 
i Sìn a mach do làmh gu nèamh, chum as 

gu 'ra bi clach-mheallain ann an tìr na h-Ei- 

phit uile, air duine, agus air ainmhidh, ag- 
m us air uile luibh na macharach ann an tir 

na h-Eiphit. 
i 23 Agus shìn Maois a mach a shlat gu 

nèamh ; agus rinn an Tighearna tairnean- 

h, ach agus clach-mheallain, agus ruith tein- 
i» athairair uachdarnatalmhainn; agusfhras 
k an Tighearna clach-mheallain air tìr na 
i h-Eiphit. 

24 Mar so bha clach-mheallain ann, agus 
i teine measgta leis a' chloich-mheallain, ro- 
i mhòr, aig nach robh a samhuil ann an tìr 
ìs na h-Eiphit uile, o rinneadh dùthaich 
i dh' i. 

25 Agus bhuail a' chlach-mheallain air 
't feadh tìre na h-Eiphit uile gach ni a bha sa' 
i mhachair, araon duine agus ainmhidh : ag- 
ih us bhuail a' chlach-mheallaiu uile luibh na 
1 macharach, agus bhris i uile chraobha na 

macharach. 

[. 26 A mhàin ann an tìr Ghosein, far an 

i robh clann Israeil, cha robh clach-mheall- 
., ain. 

ir 27 Agus chuir Pharaoh teachdaire uaith, 
agus ghairm e air Maois agus air Aaron, 

i. agus thubhairt e riu, Pheacaich mi an uair 
; so : tha 'n Tighearna ceart, agus mise ag- 
is us mo shluagh aingidli. 

28 Guidhibhs' air an Tighearn (oir is 
I leòr e) nach bi tairneanach anabarrach ag- 
i. us clach-mheallainn ann ni 's mò ; agus 
leigidh mise leibh falbh, agus cha'n fhan 

ii sibh ni 's faide. 

£ 29 Agus thubhairt Maois ris, Co luath 's 
s, a thèid mise mach as a' bhaile, sìnidh mi 
i. mo làmhan a mach a clium an Tighearn : 
1, agus sguiridh an tairneanach, agus cha bhi 
a' chlach- mheallain annni'smò; chum as 
o gu'm bi fios agad gur leis an Tighearn an 
ir talamh. 

j 30 Ach air do shonsa, agus air son do 
li sheirbhiseach, tha fhios agam nach bi eagal 

oirbh fathast roimh an Tighearna Dia. 
31 Agus bhuaileadh an lìon agus an t- 
e eòrna ; oir bha 'n t-eòrna fo dhèis, agus an 

lìon fo fhrois. 
ii 32 Ach cha do bhuaileadh an cruith- 
d neachd agus an seagal ; oir cha robh iad air 
. fàs suas. 

33 Agus chaidh Maois a mach o Pharaoh 
h as a' bhaile, agus shìn e mach a làmha chum 
s an Tighearn ; agus sguir an tairneanach ag- 
l us a' chlach-mheallain, agus cha do dhòirt- 
r eadh an t-uisge air an talamh. 
A 34 Agus an uair a chunnaic Pharaoh 
à gu 'n do sguir an t-uisge, agus a' chlach- 
i, mheallain, agus an tairneanach, pheacaich 



e fathast mar an ceudna, agus chruaidhich 
e a chridhe, e fèin agus a sheirbhisich. 

35 Agus chruaidhicheadh cridhe Pha- 
raoh, agus cha do leig e clann Israeil air 
falbh, mar a labhair an Tighearna le Maois. 

CAIB. X. 

AGUS thubhairt an Tighearnari Maois, 
Imich a steach gu Pharaoh ; oir 
ehruaidhich mi a chridhe, agus eridhe a 
sheirbhiseach, a chum gu nochdainn iad sin 
mo chomharan 'na làthair : 

2 Agus gu 'n innseadh tu ann an cluas- 
aibh do mhic, agus mic do mhic, na nithean 
a dh' oibrich mi san Eiphit, agus mo chomh- 
aran a rinn mi 'nam measg ; agus gu 'm bi 
fios agaibh gur mise an Tighearn. 

3 Agus chaidh Maois agus Aaron a steach 
gu Pharaoh, agus thubhairt iad ris, Mar so 
tha'n Tighearna Dia nan Eabhruidheach 
ag ràdh, Cia fhada dhiùltas tu thu fèin ìs- 
leachadh a'm' làthair-sa ? Leig le m' shluagh 
imeachd, agus gu 'n dean iad seirbhis 
dhomh : 

4 Ach ma dhiùltas tu leigeadh le m' 
shluagh imeachd, feuch, bheir mise am 
màireach na locuist a steach do d' chrìoch- 
aibh. 

5 Agus còmhdaichidh iad aghaidh na 
talmhainn, air chor as nach urrainn neach 
an talamh fhaicinn : agus ithidh iadfuigh- 
eal an ni sin a thèid as, a dh'fhanas agaibh 
o'n chloich-mheallain. agusithidhiadgach 
craobh a ta fàs dhuibh as a' mhachair. 

6 Agus lìonaidh iad do thighean, agus 
tighean do sheirbhiseach uile, agus tigheau 
nan Eiphiteach uile ; ni nach facaaon chuid 
t' aithriche, no aithriche t' aithrichean, o 'n 
làabhaiad airan talamh gus an là'n diugh. 
Agus phill se e fèin, agus chaidh e mach o 
Pliaraoh. 

7 Agus thubhairt seirbhisich Pharaoh 
ris, Cia fhada bhios an duine so 'na ribe 
dhuinne ? Leig leis na daoine falbh, chum 
gu 'u dean iad seirbhis do 'n Tighearn an 
Dia : nach 'eil fhios agad fathast gu bheil 
an Eiphit air a milleadh ? 

8 Agus thugadh Maois agus Aaron a rìs 
gu Pharaoh : agus thubhairt e riu, Rach- 
aibh, deanaibh seirbhis do'n Tighearna 
bhur Dia : ach cò iad a thèid ? 

9 Agus thubhairt Maois, Le 'r n-òigridh 
agus le 'r daoinibh aosmhor thèid sinne ; 
le'r mic agus le 'r nigheanaibh, le'r treud- 
aibh agus* ie 'r buar thèid sinn ; oir is èigin 
duinn fèill a chumail do 'n Tighearn. 

10 Agus thubhairt e riu, Gu robh an 
Tighearna mar sin maille ribh, mar a leig- 
eas mise leibh fèin agus le'r cloinn bhig 
imeachd : amhaircibh, oir tha olc roimh- 
ibh. 

11 Ni h-ann mar sin : imichibh a nis, 
sibhse a ta 'nur daoinibh, agus deanaibh 
seirbhis do 'n Tighearn, oir is e so an ni a 
dh'iarr sibh : Agus dh'fhuadaicheadh a 
mach iad à làthair Pharaoli. 

12 Agus thubhairt an Tighearnari Maois, 
Sìn a mach do làmh thar tìr na h-Eiphit 
air son nan locust, a chum as gu 'n ti^ iad 
suas air tìr na h-Eiphit, agus gu 'n ith iad 
uile luibh na talmhainn, eadhon gach ni a 
dh' fhàg a' chlach-mheallain. 

13 Agus shìn Maois a mach a shlat thar 



52 ECSODUS. 



tìr na h-Eiphit, agus thug an Tighearna 
gaoth an ear air an tìr rè an là Bin uile, ag- 
us rè na h-oidhche uile : agus sa' mhaduinn 
thug a' ghaoth an ear a steach na locuist. 

14 Agus chaidh na locuist suas thar tìr 
na h-Eiphit uile, agus dh* fhan iad ann an 
crìochaibh na h-Eiphit uile, gu ro-dhiùbhal- 
ach ; rompa cha robh riamh an leithide do 
locuist, agus 'nan dèigh cha bhi an leithid- 
ean : 

15 Oir chòmhdaich iad aghaidh na tal- 
mhainn uile, air chor as gu'n do dorchaich- 
eadh an talamh ; agus dh' ith iad uile luibh 
na talmhainn, agus uile mheas nan craobh, 
a dh' fhàg a' chlach-mheallain : agus cha 
d' fhàgadh ni sam bith glas sna craobhaibh, 
no ann an luibhibh na macharach ann an 
tìr na h-Eiphit uile. 

16 An sin ghairm Pharaoh air Maois ag- 
us air Aaron le cabliaig, agus thubhairt e, 
Pheacaich mi an aghaidh an Tighearna 
bhur Dè, agus 'nur n-aghaidh-sa. 

17 A nis uime sin maith, guidheam ort, 
mo pheacadh a mhàin an uair so, agus 
guidhibh air an Tighearna bhur Dia gu 'n 
toir e air falbh uam a mhàin am bàs so. 

18 Agus chaidh e mach o Pharaoh, agus 
ghuidh e air an Tighearn. 

19 Agus thionndaidh an Tighearna gaoth 
an iar ro-làidir, a thug air falbh na locuist, 
agus a thilg iad sa' mhuir ruaidh : cha 
d fhan aon locust ann an crìochaibh na 
h-Eiphit uile. 

20 Ach chruaidhich an Tighearna cridhe 
Pharaoh, agus cha do leig e air falbh clann 
Israeil. 

21 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, 
Sìn a mach do làmh gu neamh, agus bith- 
idh dorchadas air feadh tìre na h-Eiphit, 
eadhon dorchadas a dh'fheudar a làimh- 
seachadh. 

22 Agus shìn Maois a mach a làmh gu 
nèamh : agus bha tiusrh dhorchadas ann an 
tìr na h-Eiphit uile re thri làithean. 

23 Cha 'n fhaca h-aon diubh a chèile, ni 
mò a dh'èirich neach o 'àite rèthrilàith- 
ean : ach bha aig cloinn lsraeil uile solus 
'nan àitibh còmhnuidh. 

24 Agus ghairm Pharaoh air Maois, ag- 
us thubhairt e, Rachaibhse, deanaibh seir- 
bhis do 'n Tighearn ; a mhàin fanadh bhur 
treudan agus bhur buar: rachadh bhur 
clann bheag mar an ceudna maille ribh. 

25 Agus thubhairt Maois, Feumaidh tu 
mar an'ceudna ìobairtean a thoirt duinn, 
agus tabhartais-loisgte, chum as gu'n ìobair 
sinn do 'n Tighearn ar Dia. 

26 Agus mar an ceudna thèid ar sprèidh 
maille ruinn ; cha 'n fhàgar ionga 'nar 
dèigh, oir is èigin duinn gabhail diubh gu 
seirbhis a dheanamh do 'n Tighearn ar Dia ; 
agus cha 'n 'eil fhios againn cia leis a ni 
sinn seirbhis do'n Tigliearna, gus an tig 
sinn an sin. 

27 Ach chruaidhichan Tighearna cridhe 
Pharaoh, agus cha leigeadh e leo imeachd. 

28 Agus thubhairt Pharaoh ris, Imich a 
mach uam ; thoir an aire dhuit fèin, na faic 
m' aghaidh ni 's mò ; oir san là sin anns am 
faic thu m' aghaidh, gheibh thu bàs. 

29 Agus thubhairt Maois, Labhair thu 
gu maith ; cha 'n f haic mi t' aghaidh ni 's 
mò. 



CAIB. XI. 

AGUS thubhairt an Tighearna ri Maois, 
Bheir mi aon phlàigh fathast air Pha- 
raoh, agus air an Eiphit ; an dèigli sin leig- 
idh e leibh imeachd as a so : an uair a leig- 
eas e leibh imeachd, gu cinnteach fuadaich- 
idh e mach as a so sibh gu h-ioralan. 

2 Labhair a nis ann an cluasaibh an 
t-sluaigh, agus iarradh gach duine o 
'choimhearsnach, agus gach bean o 'ban- 
choimhearsnach, seudan airgid, agus seud- 
an òir. 

3 Agus thug an Tighearna deadh-ghean 
do'n t-sluagh ann an sùilibh nan Eiphit- 
each : Mar an ceudna, bha 'n duine Maois 
ro-mhòr ann an tìr na h-Eiphit, ann an 
sùilibh sheirbhiseach Pharaoh, agus ann an 
8Ùilibh an t-sluaigh. 

4 Agus thubhairt Maois, Mar so tha'n 
Tighearn ag ràdh, Mu mheadhon-oidhche 
theid mi mach do mheadhon na h-Eiphit. 

5 Agus gheibh gach ceud-ghin ann an tìr 
na h-Èiphit bàs, o cheud-ghin Pharaoh, a 
ta'na shuidhe air a righ-chaithir, eadhon 
gu ceud-ghin na ban-tràille a ta air cùl a' 
mhuilinn, agus uile cheud-ghin nan ain- 
mhidhean. 

6 Agus bithidh èigheach mhòr ann an 
tìr na h-Eiphit uile, nach robh riamh a 
leithid ann, ni mò bhitheas a leithid ann 
tuilleadh. 

7 Ach an aghaidh aoin do chloinn Israeil 
cha charuich madadh a theanga, aon chuid 
an aghaidh duine no ainmhidh ; chum as 
gu'm bi lios agaibh cionnus a chuireas an 
Tighearna dealachadh eadar na h-Eiphit- 
ich agus Israel. 

8 Agus thig iad sin do sheirbhisich uile 
sìos a m' ionnsuidh-sa, agus cromaidh siad 
iad fèin domh, ag ràdh, fmich a mach, ag- 
us an sluagh uile a ta 'gad leautuinn ; ag- 
us an dèigh sin thèid mi mach : agus 
chaidh e mach o Pharaoh ann au corruich 
mhòir. 

9 Agus thubhairtan Tighearnari Maois, 
Cha 'n èisd Pharaoh ribh, a chum as gu 
meudaichear m'iongantais aun an tìr na 
h-Eiphit. 

10 Agus rinn Maois agus Aaron na h-ion- 
gantais sin uile am fianuis Pharaoh : agus 
chruaidhich an Tighearna cridhe Pharaoh, 
agus cha do leig e le cloinn Israeil imeachd 
as a dhùthaich. 

CAIB. XII. 

AGUSlabhairan TighearnariMaois ag- 
us ri h- Aaron annan tìr na h-Eiphit, 
ag ràdh, 

2 Bithidh am mìos so dhuibh 'na thois- 
each nam mìos : bithidh e dhuibh 'na cheud 
mhìos na bliadhna. 

3 Labhraibh-sa ri coimhthional Israeil 
uile, ag ràdh, Air an deicheamh là do 'n 
mhìos so gabhaidh iad dhoibh fèin gach 
duine uan, a rèir tighe an aithriche, uan 
air son tighe. 

4 Agus ma bhios an teaghlach ro-bheag 
air son uain, an sin gabhaidh esan agus a 
choimhearsnach a 's faigse d' a thigh e, rèir 
àireimh nan anamanua ; gach duine, a rèir 
'itheannaich, àirmhear leibh air son an 
uain. 

5 Btthidh bhur n-uan gun ghaoid, fir- 



CAIB. XII. 53 



ionn, bliadhna dh' aois : as na caoraich no 
as na gabhraibh gabhaidh sibh e. 

6 Agus gleidludh sibh a stigh e gu ruig 
an ceathrarah là deug do 'n mhìos so : agus 
marbhaidh comh-chruinneachadh iomlan 
chloinn Israeil e san fheasgar. 

7 Agus gabhaidh iad do'n fhuil, agus 
cuiridh iad i air an dà ursainn, agus air àrd- 
dorus nan tighean, anns an ith iad e. 

8 Agus ithidh iad an fheoil san oidhche 
sin fèin ròiste le teine, agus aran neo-ghoirt- 
ichte; mailleri ;w?MzMsear0naithidhiade. 

9 Na h-ithibh a bheag dheth amh, no idir 
air a bhruicheadh ann an uisge, ach ròiste 
le teine : a cheann maille r' a chosaibh, ag- 
us maille r' a ghrealaich. 

10 Agus cha 'n fhàg sibh a bheag dheth 
gu maduinn : agus na dh' fhàgar dheth gu 
maduinn, loisgidh sibh le teine. 

11 Agus mar so ithidh sibh e ; le'r leas- 
ruidh crioslaichte, bhur brògan air bhur 
cosaibh, agus bhur lorg 'nur làimh : agus 
ithidli sibh e le cabhaig ; is i càisg an Tigh- 
earn a th' ann. 

12 Oir thèid mise troimh thìr na h-Ei- 
phit air an oidhche so, agus buailidh mi 
gach ceud-ghin ann an tìr na h-Eiphit, ar- 
aon duine agus ainmhidh : agus an aghaidh 
dlièe nan Eiphiteach uile cuiridh mi breith- 
eanas an gmomh ; is mise an Tighearna. 

13 Agus bithidh an fhuil dhuibh mar 
chomharadh air na tighibh anns am bheil 
sibh; agus an uair a chi mise an fhuil, 
thèid mi thairis oirbh, agus cha bhi a' 
phlàigh oirbh a chum bhur milleadh 'nuair 
a bhuaileas mi tìr na h-Eiphit. 

14 Agus bithidh an là so dhuibh mar 
chuimhneachan ; agus gleidhidh sibh e 'na 
là-fèille do 'n Tighearn air feadh bhur gin- 
ealacha; le h-ordugh sìorruidh gleidhidh 
sibh e. 

15 Seachd làithean ithidh sibh aran neo- 
ghoirtichte ; air a' cheud là fèin cuiridh 
sibh taois ghoirt a mach as bhur tighibh ; 
oir gach neach a dh' itheas aran goirtichte, 
o'n cheud là gus an t-seachdamh là, gearrar 
an t-anam sin as o Israel. 

16 Agus air a' cheud là bithidh agaibh 
comh-ghairm naomha, agus air an t-seachd- 
amh là bithidh agaibh comh-ghairm 
naomha : obair sam bith cha deanar orra, 
saor o na dh'ithear leis gach neach ; sin a 
mhàin nìthear leibh. 

17 Agus cumaidh sibhfèill an arain neo- 
ghoirtichte ; oir air an là sin fèin thug 
mise mach bhur slòigh à tìr na h-Eiphit ; 
uime sin coimhididh sibh anlàso 'nur gin- 
ealachaibh, le h-ordugh sìorruidh. 

18 Sa' cheud mhìos, air a' cheathramh là 
deug do'n mhìos san fheasgar, ithidh sibh 
aran neo-ghoirtichte, gu ruig an ceudlà 'ar 
f hichead do 'n mhìos san fheasgar. 

19 Rè sheachd làithean cha'n fhaighear 
taois ghoirt 'nur tighibh ; oir ge b' e neach 
a dh'itheas aran goirtichte, gearrar an 
t-anam sin fèin as o choimhthional Israeil, 
co dhiubh is coigreach e, no neach a rugadh 
san tìr. 

20 Ni air bith goirtichte cha 'n ith sibh : 
'nur n-àitibh-còmhnuidh uile ithidh sibh 
aran neo-ghoirtichte. 

21 An sin ghairm Maois air seanairean 
Israeil uile, agus thubhairt e riu, Tairngibh 



a mach, agus gabhaibh dhuibh fèin uan, a 
rèir bliur teaghlaichean, agus marbhaibh a' 

chàisg. 

22 Agus gabhaidh sibh bad hìosoip, agus 
tumaidh sibh e san fhuil a ta san t-soith- 
each, agus beanaidh sibh do'n àrd-dorus, 
agus do 'n dà ursainn, leis an f huil a ta san 
t-soitheach : agus cha tèid a h-aon agaibh 
a mach air dorus a thighe gu ruig a' mhad- 
uinn. 

23 Agus thèid an Tighearna thairis'a 
bhualadh nan Eiphiteach ; agus an uair a 
chi e 'n fhuil air an àrd-dorus, agus air an 
dà ursainn, thèid an Tighearna thairis air 
an dorus, agus cha leig e leis a' mhillteir 
teachd a steach d' 'ur tighibh gu V bualadh. 

24 Agus gleidhidh sibh an ni so mar or- 
dugh dhuibh fèin, agusd' 'ur mic, gu sìorr- 
uidh. 

25 Agus tarlaidh, 'nuair a thèid sibh a 
steach do'n fhearann a bheir an Tighearna 
dhuibh, a rèir mar a gheall e, gu'n glèidh 
sibh an t-seirbhis so. 

26 Agus tarlaidh, 'nuair a their bhur 
clann ribh, Ciod is ciall duibh leis ant-seir- 
bhis so ? 

27 Gu 'n abair sibh, So ìobairt càisge an 
Tighearn, a chaidh thairis air tighibh 
chloinn Israeil san Eiphit, 'nuair a bhuail 
e na h-Eiphitich, agus a shaor e ar tighean- 
ne. Agus chrom an sluagh iad fèin, agus 
rinn iad aoradh. 

28 Agus dh'fhalbh clann Tsraeil, agus 
rinn iad mar so ; mar a dh' àithn an Tigh- 
earua do Mhaois agus do Aaron, mar sin 
rinn iad. 

29 Agus air meadhon na h-oidhche sin 
fèin bhuail an Tighearna gach ceud-ghin 
ann an tìr na h-Eiphit, o cheud-ghin Pha- 
raoh a shuidh air a righ-chaithir, gu ceud- 
ghin a' chiomaich a bha ann an slochd a' 
phrìosain ; agus gach ceud-ghin ainmhidh. 

30 Agus dh' èirich Pharaoh san oidhche, 
e fèin agus a sheirbhisich uile, agus na h-Ei- 
phitich uile ; agus bha èigheach mhòr san 
Eiphit ; oir cha robh tigh anns nach robh 
neach marbh. 

31 Agus ghairm e air Maois agus air 
Aaron san oidhche, agus thubhairt e, Eir- 
ibh, rachaibh a mach à meadhon mo 
shluaigh, araon sibhse agus clann Israeil : 
agus rachaibh, deanaibh seirbhis do'n Tigh- 
earna, mar a thubhairt sibh. 

32 Thugaibh leibh mar an ceudna bhur 
treudan, agus bhur buar, mar a thubhairt 
sibh, agus imichibh : agus beannaichibh 
mise mar an ceudna. 

33 Agus thug na h-Eiphitich dian-sparr- 
adh do'n t-sluagh, a chum gu'n cuireadh 
iad le cabhaig a mach as an tìr iad ; oir 
thubhairt iad, Is daoine marbha sinn gu 
lèir. 

34 Agus ghabh an sluagh an taois mun 
do ghoirticheadh i, an amaran-fuinidh 
ceangailte 'nan eudach air an guaillibh. 

35 Agus rinn ciann Israeil a rèir focail 
Mhaois : agus dh' iarr iad o na h-Eiphitich 
seudan airgid, agus seudan òir, agus eud- 
ach. 

36 Agus thug an Tighearna deadh-ghean 
do'nt-sluagh annan sùilibh nan Eiphiteach, 
agus thug iad an coingheall dhoibh : agus 
chreach iad na h-Eiphitich. 



54 



ECSODUS. 



37 Agus dh'imich clann Israeil o Rameses 

fu Sucot, mu thimchioll sè ceud mìle fear 
' an cois, a thuilleadh air cloinn. 

38 Agus mar an ceudna chaidh iomad- 
aidh do shluagh eile suas maille riu, agus 
treudan, agus buar, ro-mhòran sprèidhe. 

39 Agus dh' fhuin iad do'n taois a thug- 
adh a mach as an Eiphit breacaga neo- 

fhoirtichte, oir cha do ghoirticheadh i ; do 
hrìgh gu'n d' fhuadaicheadh iad a mach as 
an Eiphit, agus nach b' urrainn iad fuireach, 
agus mar an ceudna nach do dheasaieh iad 
biadh dhoibh fèin. 

40 A nis b'i aimsir cuairte chloinn Is- 
raeil, a bha iad a chòmhnuidh san Eiphit, 
ceithir cheud agus deich bliadhna fichead. 

41 Agus aig ceann nan ceithir cheud ag- 
us nan deich bliadhna thar fhichead, air an 
là sin fèin chaidh slòigh an Tighearn uile 
mach à tìr na h-Eiphit. 

42 Is oidhche so gu bhi air a coimhead 
gu h-àraidh do'n Tighearn, air son an toirt- 
san a mach à tìr na h-Eiphit : so an oidhche 
sin gu bhi air a coimhead do'n Tighearna 
le cloinn Israeil uile 'nan ginealachaibh. 

43 Agus thubhairtan Tighearnari Maois 
agus ri h-Aaron, So ordugh na càisge : 
cha'n ith coigreach sam bith dh' i. 

44 Agus gach seirbhiseach duine, a chean- 
naicheadh le h-argiod,an uair athimchioll- 
ghearras tu e, an sin ithidh e dh' i. 

45 Cha'n ith coigreach, no seirbhiseach 
tuarasdail dh' i. 

46 Ann au aon tigh ithear i : cha ghiùl- 
ain thu bheag do'n fheoil a mach as aii tigh ; 
ni mò bhriseas sibh cnàimh dh'i. 

47 Ni coimhthional Israeil uile sin. 

48 Agus an uair a bhios coigreach air 
chuairt maille riut, agus a chumas e a' 
chàisg do'n Tighearna, timchioll-ghearrar 
gach firionnach aige, agus an sin thigeadh 
e am fagus g' a cumail, agus bithidh e mar 
neach a rugadh san tìr: ach cha'n ith 
neach sam bith neo-thimchioll-ghearrta 
dh'i. 

49 Bithidh an t-aon lagh aige-san a rug- 
adh san tìr, agus aig a' choigreach a ta air 
chuairt 'nur measg. 

50 Mar so rinn clann Israeil uile ; mar a 
dh' àithn an Tighearna do Mhaois agus do 
Aaron, mar sin rinn iad. 

51 Agus air an là sin fèin thug an Tigh- 
earna mach clann Israeil à tìr na h-Eiphit, 
a rèir an slògh. 

CAIB. XIII. 

AGUS labhair an Tighearna ri Maois, ag 
ràdh, 

2 Naomhaich dhomhsa gach ceud-ghin, 
ge b'e air bith a dh' fhosglas a' bhrù am 
measg chloinn Israeil, eadar dhuine agus 
ainmliidh : is leamsa e. 

3 Agus thubhairt Maois ris an t-sluagh, 
Cuimhnichibh an là so, air an d' thàinig sibh 
a mach as an Eiphit, à tigh na daorsa ; oir 
le làimh thrèin thug an Tighearn a mach 
sibh as a sin : agus cha'n ithear aran goirt- 
ichte. 

4 Air an là 'n diugh thàinig sibh a mach, 
am mìos Abib. 

5 Agus an uair a bheir an Tighearna 
steach thu do thìr nan Canaanach, agus nan 
Hiteach, agus nan Amorach, agus nan 



Hibheach, agus nan Iebusach, a mhionn- 
aich e do d' aithrichibh gu'n tugadh e dhuit, 
fearann a' sruthadh le bainne agus le mil, 
an sin coimhididh tu an t-seirbliis so anns 
a' mhìos so. 

G Seachd làithean ithidh tu aran neo- 
ghoirtichte, agus air an t-seachdamh là 
bìthidh fèill do'n Tighearna. 

7 Ithear aran neo-ghoirtichte seachd 
làithean ; agus cha'n fhaicear aran goirt- 
ichte agad, af us ni mò a chithe.ir taois 
ghoirt agad ann ad chrìochaibh uile. 

8 Agus innsidh tu do d' mhac san là sin, 
ag ràdh, Nìthear so air sgàth an ni si n a rinn 
an Tighearna dhomhsa, 'nuair a thàinigmi 
mach as an Eiphit. 

9 Agus bithidh e dhuit mar chomharadh 
air do làimli, agus mnr chuimhneachan 
eadar do shùilibh, a chum gu'm bi lagh an 
Tighearn ann ad bheul ; oir le làimh thrèin 
thug an Tighearna mach thu as an Eipliit. 

10 Air an aobhar sin coimhididh tu an 
t-ordugh so 'na thràth fèin o bhliadhna gu 
bliadhna. 

11 Agus an uair a bheir an Tighearna 
steach thu do thìr nan Canaanach, mar a 
mhionnaich e dhuitse, agus do d' aithrich- 
ibh, agus a bheir e dliuit e, 

12 An sin cuiridh tu air leth do'n Tigh- 
earna gach ni a dh' fhosglas a' blirù, agus 
gach ceud-ghin a thig o ainmhidh a's leatsa ; 
buinidh iadsan a ta firionn 'narn measg 
do'n Tighearna. 

13 Agus gach ceud-ghin asail fuasgailidli 
tu Je h-uan ; agus mur fuasgai) thu e, an 
sin brisidh tu 'amhach : agus gach ceud- 
ghin duine am measg do chloinue fuasgail- 
ìdh tu. 

14 Agus an uair a dh' fheòraicheas do 
mhac dhìot san aimsir ri teachd, ag ràdh, 
Ciod e so? an sin their thu ris, Le làimh 
thrèin thug an Tighearna mach sinn as an 
Eiphit, à tigh na daorsa : 

15 Agus an uair achruaidhich Pharaoh e 
fèin, agus nacli b' àill leis ar leigeadh air 
falbh, an sin mharbh an Tighearna gach 
ceud-ghin ann an tir na h-Eiphit, araon 
ceud-ghin duine agusceud-ghin ainmhidh ; 
air an aohhar sin ìobraidh mi do'n Tigh- 
earna gach ni a dh' fhosglas a' bhrù, ma 's 
firionnaich iad, ach uile cheud-ghin mo 
chloinne fuasgailidh mi. 

16 Agus bithidh e mar chomharadh air 
do làimh, agus mareudananeadar do shùil- 
ibh ; oir le làimh thrèin thug an Tighearu 
a mach sinn as an Eiphit. 

17 Agus eadhon an uair a leig Pharaoh 
do'n t-sluagh imeachd, cha do threòraich 
Dia iad air slighe tìre nam Philisteach, ged 
a bha sin aithghearr : oir thubhairt Dia 
Air eagal gu'm bi aithreachas air an 
t-sluagh an uair a chi iad cogadh, agus gu'm 
pill iad do'n Eiphit. 

18 Ach threoraich Dia an sluagh mu'n 
cuairt, air slighe fà?aich na mara ruaidhe : 
agus chaidh clann Israeil suas an ordugh 
catha à tìr na h-Eiphit. 

19 Agus thug Maois cnàmhan loseiph 
leis ; oir ghabh e mionnan teann do chloinn 
Israeil, ag ràdh, Gu cinnteach amhaircidh 
Dia oirbhse, agus bheir sibh suas mo 
chnàmhan leibh as a so. 

20 Agus dh' imich iad o Shucot, agus 



CAIB. 

champaich iad ann an Etam, ann an iomall 
an fhasaich. 

21 Agus chaidh an Tighearna rompasan 
là ann am meall neoil, a chum an treòrach- 
adh air an t-slighe, agus san oidhche ann 
am meall teine, a thoirt soluis dhoibh ; gu 
imeachd a là agus a dh' oidhche. 

22 Cha d" thug e air falbh am meall neoil 
san là, no 'm meall teine sau oidhche, à 
làtliair an t-sluaigh. 

CAIB. XIV. 

AGUS labhair an Tighearnari Maois, ag 
ràdh, 

2 Labhair ri cloinn Israeil, gu 'm pill iad, 
agus gu 'n campaich iad fa chomhair 
Phihahiroit, eadar Migdol agus an f hairge, 
fa chomhair Bhaal-sephoin ; fa choinn- 
eamh-san campaichidh sibh làimh ris an 
fhairge. 

3 Oir their Pliaraoh mu chloinn Israeil, 
Tha iad air seachran san tìr, dh' iadh am 
fàsach mu 'n timchioll. 

4 Agus cruaidhichidh mise cridhe Pha- 
raoh, agus thèid e air an tòir, agus gheibh 
mise glòir a thaobh Pharaoh, agus a shlòigh 
uile; agus bithidh fios aig na h-Eiphitich 
gur mise an Tighearn. Agus rinn iad mar 
sin. 

5 Agus dh' innseadh do righ na h-Eiphit 
gu 'n do theich an sluagh : agus thionndaidh 
cridhe Piiaraoh, agus a sheirbhiseach an 
aghaidh an t-sluaigh, agus thubhairt iad, 
Ciod e so a rinn sinn, gu n do leig sinn le 
h-Israel imeachd as ar seirbhis ? 

6 Agus bheartaich e a charbad, agus thug 
e a shluagh maille ris ; 

7 Agus thug e leis sè ceud carbad taghta, 
agus uile charbada na h-Eiphit, agus ceann- 
ardan orra uile. 

8 Agus chruaidhich an Tighearna cridhe 
Pharaoh righ na h-Eiphit, agus lean e air 
tòir chloinn Israeil : agus chaidh clann Is- 
raeil a mach le làimh àird. 

9 Ach chaidh na h-Eiphitich air an tòir 
( ei ch agus car badan Pharaoh , ag us a m li ar c- 
shluagh, agus 'armailt uile) agus rug iad 
orra, agus iad a' campachadh làimh ris an 
fhairge, làimh ri Pihahirot, fa chomhair 
Bhaal-sephoin. 

10 Agus an uair a thàinig Pharaoh am 
fagus, thog clann Israeil suas an sùilean, ag- 
us, feuch, bha na h-Eiphitich air an tòir, 
agusbha eagal mòr orra: agus dh'èighclann 
lsraeil ris an Tighearn. 

11 Agus thubhairt iad ri Maois, An ann 
a chionn nach robh uaighean san Eiphit, a 
thug thu leat sinn gu bàs f haghail san f hàs- 
ach ? C' ar son arinn thu so oirnn, ar tabh- 
airt a mach as an Eiphit ? 

12 Nac.h e so am focal a labhair sinn riut 
san Eiphit, ag ràdh, Leig leinn seirbhis a 
dheanàmh do na h-Eiphitich ? Oir b' f hearr 
dhuinn seirbhis a dheanamh do na h-Eiphit- 
ich na bàs fhagliail san thàsach. 

13 Agus thubhairt Maois ris an t-sluagh, 
Na biodh eagal oirbh, seasaibh, agus faicibh 
slàinte anTighearn, a dh'oibricheas e dhuibh 
an diugh ; oir na h-Eiphitich a chunnaic 
sibh an diugh, cha 'n fhaic sibh iad a chaoidli, 
tuilleadh. 

14 Cogaidh an Tighearn air bhur son, 
agus fanaidh sibhse 'uur tosd. 



XIV. 55 

15 Agus thubhairt an Tighearn ri Maois, 
C' ar sonatathu'gèigheachriumsa? Abair 
ri cloinn Israeil dol air an aghaidh. 

16 Ach togsa suas do shlat, agus sìn a 
mach do làmh os ceann na fairge, agus 
sgoilt i ; agus thèid clann Israeil a steach 
am meadhon na fairge air talamh tioram. 

17 Agus cruaidhichidh mise, eadhon 
mise, cridhe nan Eiphiteach, agus thèid iad 
a steach 'nan dèigh : agus gheibh mise 
glòir a thaobh Pharaoh, agus a thaobh a 
shlòigh uile, a thaobh a charbadan, agus a 
thaofih a mharc-shluaigh. 

18 Agus bithidh fios aig na h-Eiphitich 
gur mise an Tighearna, 'nuair a gheibh mi 
glòir a thaobh Pharaoh, a thaobh a charbad- 
an, agus a thaobh a mharc-shluaigh. 

19 Agus dh'fbalbh aingeal an Tighearn a 
chaidh roimh champ Israeil, agusdh' imich 
e 'nan dèigh ; agus dh' fhalbh am meall 
neoil o 'm beulaobh, agus sheas e air an 
cùlaobh. 

20 Agus thàinig e eadar camp nan Eiphit- 
each agus camp Israeil, agus bha e 'na neul, 
agus 'na dhorchadas dhoibh sud, ach shoill- 
sich e 'n oidhche dhoibh so, air chor as nach 
d' thàinig a h-aondiubh am fagus d' achèile 
rè na h-oidhche. 

21 Agus shìn Maois a mach a làmh os 
ceann na fairge, agus thug an Tighearn air 
an fhairge dol air a h-ais le gaoith làidir o 
'n ear rè na h-oidhche sin, agus rinn e 'n 
fhairge 'na talamh tioram, agus roinneadh 
na h-uisgeachan. 

22 Agus chaidh clann Israeil asteacham 
meadhon na fairge air talamh tioram, agus 
bha na h-uisgeacha 'nam balla dhoibh air 
an làimh dheis, agus air an làimh chlì. 

23 Agus lean na h-Eiphitich, agus chaidh 
iad a steach 'nan dèigh gu meadhon na 
fairge, eadhon eich Pharaoh uile, acharb- 
adan, agus a mharc-shluagh. 

24 Agusannamfaire namaidnedh' amh- 
airc an Tighearn airsluagh nan Eiphiteach, 
troimh 'n mheall theiue agus neoil ; agus 
chlaoidh e armailt nan Eiphiteach. 

25 Agus thug e air falbh rothan an carb- 
ad, air chor as gu 'n do tharruingeadh iad 
gu trom. Agus thubhairt na h-Eiphitich, 
Teic.heamaid à làthair Israeil, oir tha 'n 
Tighearn a' cogadh leosan an aghaidh nan 
Eiphiteach. 

26 Agus thubhairtan Tighearnari Maois, 
Sìn a mach do làmh os ceann na fairge, 
chum gu 'n tignah-uisgeachanairan aisair 
na h-Eiphitich, air an carbadaibh, agus air 
am marc-shluagh. 

27 Agus shin Maois a mach a làmh os 
ceann na fairge, agus phill an fhairge g' a 
neart an uaira shoillsich a' mhaduinn ; ag- 
us theich na h-Eiphitich 'na h-aghaidh ; ag- 
us chuir an Tigliearnanah-Eiphitich fodha 
am meadhon na fairge. 

28 Agus phill na h-uisgeachan, agus 
dh' fholaich iad na carbaid, agus am marc- 
shluagh, agus armailt Pharaoh uile, a 
thàinig san f hairge 'nan dèigh : cha d' fhàg- 
adh uiread 's a h-aon diubh. 

29 Ach dh' imich clann Israeil air tal- 
amh tioram am meadhon na fairge, agus 
bka na h-uisgeacha 'nam balla dhoibh air 
an làimh dheis, agus air an làimh chlì. 

30 Mar so shaor an Tighearu Israel air 



5(5 



ECSODUS. 



an là sin à làimh nan Eiphiteach : agus 
channaic Israel na h-Eiphitich marbh air 
tràigh na fairge. 

31 Agus chunnaic Israel an ohair mhòr 
sin a rinn an Tighearn air na h-Eiphitich, 
agus bha eagal an Tighearn air an t-sluagh, 
agus chreid iad an Tighearn, agus Maois a 
sheirbhiseach. 

CAIB. XV. 

AN sin chan Maois agus clann Israeil an 
laoidh so do 'n Tighearn, agus labhair 
ìad, ag ràdh, Canaidh mise do 'n Tighearn 
oir thug e buaidh gu glòrmhor ; an t-each 
agus a mharcach thilg e san fhairge. 

2 'S e 'n Tighearn mo neart, agus mo 
dhàn, agus tha e 'na shlàinte dhomh 
esan mo Dhiasa, agus ni mi àite-còmhnuidh 
dha; Dia m' athar, agus àrdaichidh mi e. 

3 Is fear-cogaidh an Tighearna; 'se 'ì 
Tighearn a 's ainm dha. 

4 Carbadan Pharaoh, agus 'armailt thilg 
e san fhairge ; agus tha rogha a cheannard 
an air am bàthadh san fhairge ruaidh. 

5 Dh' fholaich na doimhneachdan iad 
chaidh iad sìos do 'n aigean mar chloich. 

6 Rinneadh do dheas làmh, O Thigh 
earna, glòrmhor ann an cumhachd; bhris 
do dheas làmh, O Thighearn, an nàmhaid 
'na bhloighdibh. 

7 Agus ann am meud t' òirdheirceis 
chlaoidh thu iadsan a dh' èirich suas a' d' 
aghaidh ; chuir thu t' fhearg a mach, loisg 
i suas iad mar asbhuain. 

8 Agus le anail do shròine chruinnich- 
eadh na h-uisgeacha; sheas na tuilte suas 
mar thòrr, chruaidhich na doimhneachdan 
am meadhon na fairge. 

9 Thubhairt an nàmhaid, Leanaidh mi, 
beiridh mi orra, roinnidh mi a' chreach : 
sàsuichear mo mhiann orra; rùisgidh mi 
mo chlaidheamh, sgriosaidh mo làmh iad. 

10 Shèid thu le d' ghaoith, chòmhdaich 
an fhairge iad, chaidh iad fodha mar luaidh 
anns na h-uisgeachaibh làidir. 

11 Cò 'scosmhuilriuts'ammeasgnan dèe, 
a Thighearna ? Cò tha cosmhuil riut, glòr- 
mhor ann an naomhachd, uamhasach ann 
am moladh, a' deanamh nithe iongantach ? 

12 Shìn thu mach do dheas làmh ; shluig 
an talamh suas iad. 

13 Threòraich thu ann ad thròcair an 
sluagh so a shaor thu ; thug thu iad ann ad 
neart a chum àite-còmhnuidh do naomh- 
achd. 

14 'Nuair a chluinneas na cinnich, bith- 
idh eagal orra ; thig doilgheas air luchd- 
àiteachaidh Phalestina. 

15 An sin bithidh uamhann air cinn- 
fheadhna Edoim, thig geilt-chrith air 
daoinetreuna Mhoaib ; leaghaidh air falbli 
luchd-àiteachaidh Chanaain uile. 

16 Tuitidh uamhann agus eagal orra, le 
meud do ghairdein bithidh iad tosdach mar 
chloich, gus an tèid do shluagh thairis, a 
Thighearna, gus an tèid an sluagh so thair- 
is, a cheannaich thu. 

17 Bheir thu steach iad, agus suidhich- 
idh tu iad ann an sliabh t' oighreachd-sa, 
anns an àit a rinn thu dhuit fèiu, a Thigh- 
earna, chum còmhnuidh a ghabhail ann, 
san ionad-naomha, a Thighearn, a dhaing- 
nich do làmha-sa. 



18 Rìghichidh an Tighearna gu saoghal 
nan saoghal. 

19 Oir chaidh eich Pharaoh a steach le 
charbadaibh, agus le 'mharc-shlungh, san 
fhairge, agus thug an Tighearn uisgeacha 
na fairge airan aisorra; ach dh'imichclann 
Israeil air tulumh tioram am meadhon na 
fairge. 

20 Agus ghlac Miriam a' bhan-fhàidh 
piuthar Aaroin, tiompan 'na làimh ; agus 
chaidh na mnathan uile mach 'na dèigh le 
tiompanaibh agus le dannsa. 

21 Agus fhreagair Miriam iad, Canaibh 
do 'n Tighearn, oir thug e buaidh gu glòr- 
mhor ; an t-each agus a mharcach thìlg e 
san fhairge. 

22 Mar sin thug Maois Israel o 'n mhuir 
ruaidh, agus chaidh iad a mach gu fàsach 
Shuir, agus dh' imich iad tri làithean san 
fhàsach, agus cha d' fhuair iad uisge. 

23 Agus an uair a thàinig iad gu Marah, 
cha b' urrainn iad uisgeacha Mharah òl, oir 
bha iad searbh ; uime sin thugadh Marah 
mar ainra air. 

24 Agus rinn an 6luagh gearan an agh- 
aidh Mhaois, ag ràdh, Ciod a dh' òlas sinn ? 

25 Agus dh* èigh esan ris an Tighearn, 
agus nochd an Tighearna fiodh dha, agus 
tbilg e sna h-uisgeachaibh e, agus rinneadh 
na h-uisgeacha milis: ann an sin rinn e 
lagh agus ordugh dhoibh, agus ann an sin 
dhearbh e iad ; 

26 Agus thubhairt e, Ma dh' èisdeas tu gu 
dùrachdach ri guth an Tighearna do Dhè, 
agus ma ni thu an ni sin a ta ceart 'na sheall- 
adh, agus ma bheir thu 'n aire d' a àitheant- 
aibh, agus ma ghleidheas tu a reachdan 
uile, aon do na h-eucailibh a chuir mi air 
na h-Eiphitich, cha chuir mi ortsa ; oir is 
mise an Tighearn a shlànuicheas thu. 

27 Agusthàinigiadguh-Elim far anrobh 
dà thobar dheug uisge, agus deich agus tri 
fichead crann pailme ; agus champaich iad 
an sin làimh ris na h-uisgeachaibh. 

CAIB. XVI. 

AGUS dh' fhalbh iad o Elim.agusthàinig 
coimhthional chloinn Israeil uile gu 
fàsach Sliin, a ta eadar Elim agus Sinai, air 
a' chùigeadh làdeug do 'n dara mìos an dèigh 
dhoibh teachd a mach à tìr na h-Eiphit. 

2 Agus rinn coimhthional chloinn Israeil 
uile gearan an aghaidh Mhaois agus Aaroin 
san fhàsach. 

Agus thubhairt clann Israeil riu, 
B' f hearr gu 'm faigheamaid bàs le làimh an 
Tighearn ann an tìr na h-Eiphit, an uair a 
bha sinn 'nar suidhe làimh ris na poitibh 
feòla, agus an uair a dh' ith sinn aran gu 'r 
sàth ; oir thug sibh a mach sinn do 'n fhàs- 
ach so, a mharbhadh a' choimhthionail so 
uile le h-ocras. 

4 An sin thubhairt an Tighearna ri 
Maois, Feuch, frasaidh mise dhuibh aran o 
nèamh, agus thèid an sluagh a mach, agus 
cruinnichidh iad cuibhrionn gach là air an 
là sin fèin, a chum as gu 'n dearbh mi iad, 

ac' a ghluaises iad ann am lagh, no 
nach gluais. 

5 Agus air ant-seathadh là ulluichidh iad 
an ni sin a bheir iad a steach, agus bithidh 
e dhà uibhir agus a chruinnicheas iad gach 
là eile. 



CAIB. 

S 6 Agus thubhairt Maois agus Aaron ri 
•loinn Israeil uile, Mu fheasgar, an sin bith- 
I dh fios agaibh gu 'n d' thug an Tighearn a 

• nachsibhàtìrnah-Eiphit: 

» 7 Agus sa' mhaduinn, an sin chi sibh glòir 
a in Tighearn ; do bhrìgh gu bheil e a' cluinn- 
a inn bhur gearain an aghaidh an Tighearn : 

\gus ciod sinne, gu bheil sibh a' deanamh 
»• jearain 'nar n-aghaidh ? 
j 8 Agus thubhairt Maois, Bithidh a' chùis 
I nar so 'nuair a bheir an Tighearna dhuibh 

>an fheasgar feoil r' a h-itheadh, agus aran 
> sa' mhaduinn gu 'r sàth ; do bhrìgh gu bheil 

• an Tighearn a' cluinntinn bhur gearain a ta 
f sibh a' deanamh 'na aghaidh : Agus ciod 

sinne ? cha 'n ann 'nar n-aghaidh-ne tha 
ahur gearan, ach an aghaidh an Tighearna. 

9 Agus thubhairt Maois ri h-Aaron, Ab- 
air ri coimhthional chloinn Israeil uile, 
Thigibh am fagus an làthair an Tighearn, 
inr chual' e bhur gearan. 

10 Agus an uair alabhair Aaron ri coimh- 
j thional chloinn Israeil uile, dh' amhairc iad 
i a dh' ionnsuidh an fhàsaich, agus, feuch, 

dh' fhoillsicheadli gloir an Tighearn ann 
an neul. 

11 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

12 Chuala mi gearan chloinn Israeil ; 
labhair riu, ag ràdh, Mu f heasgar ithidh 
sibh feoil, agus sa' mhaduinn sàsuichear 
sibh le h-aran : agus bithidh fios agaibh 
gur mise an Tighearna bhur Dia. 

13 Agus an uair a bha 'm feasgar ann, an 
sin thàinig na gearra-goirt a nìos, agus 
chòmhdaich iad an camp ; agus anns a' 
mhaduinn bha 'n drùchd 'na luidhe mu 
thimchioll a' chaimp. 

14 Agus an uair a dh' èirich an drùchd a 
bha 'na luidhe suas, feuch, bha air aghaidh 

I an fhàsaich ni beag cruinn, beag mar an 
liath-reodh air an talamh. 

15 Agus an uair a chunnaic clann Israeil 
e, thubhairt iad gach aon r' a chèile, Mana : 
oir cha robh fhios aca ciod e. Agus thubh- 
airt Maois riu, So an t-aran a thug an 
Tighearna dhuibh r' a itheadh. 

16 So an ni a dh' àithn an Tighearna, 
Cruinnichibh dheth gach duine a rèir 'ith- 
eannaich, omer do gach neach a rèir àireimh 
bhur n-anamanna, gabhadh gach duine ag- 
aibh air an son-san a ta 'na bhùth. 

17 Agus rinn clann Israeil mar sin, agus 
chruinnich iad, cuid ni bu mhò, agus cuid 
ni bu lugha. 

18 Agus an uair a thomhais iad e le 
h-omerrcha robh a bheag thairis aige-san 
a chruinnich ni bu mhò, agus air-san a 
chruinnich ni bu lugha, cha robh uireas- 
bhuidh : chruinnich gach duine a rèir 'ith- 
eannaich. 

19 Agus thubhairt Maois riu, Na fàgadh 
duine sam bith dheth gu maduinn. 

20 Gidheadh cha d' eisd iad ri Maois, ach 
dh' fhàg cuid diubh dheth gu maduinn, ag- 
us ghin e cnuimhean, agus lobh e : Agus 
bha corruich air Maois riu. 

21 Agus chruinnich iad e air gach mad- 
uinn, gach duine a rèir 'itheannaich : agus 
an uair a dh'f hàs a' ghrian teth, leaghadh e. 

22 Agus air an t-seathadh là chruinnich 
iad a dhà uiread arain, dà omer air son gach 
aoin : agus thàinig uachdarain a' choimh- 



XVII. 57 

thionail uile, agus dh' innis iad tin do 
Mhaois. 

23 Agus thubhairt e riu, So an ni alabh- 
air an Tighearn, Bithidh fois na sàbaid 
naomha do 'n Tighearn am màireach : a' 
mheud 's a tha sibh gu fhuineadh, fuinibh 
an diugh, agus a' mheud 's a tha sibh gu 
bhruicheadh, bruichibh ; agus gach ni a 
bhios thairis, taisgibh suas dhuibh fèin gu 
maduinn. 

24 Agus thaisg iad suas e gu maduinn, 
mar a dh' àithn Maois ; agus cha do lobh e, 
ni mò a bha cnuimh sam bith ann. 

25 Agus thubhairt Maois, lthibh sin an 
diugh, oir tha sàbaid ann an diugh do 'n 
Tighearn ; an diugh cha 'n fhaigh sibh e 

26 Sè Jàithean cruinnichidh sibh e, ach 
air an t-seachdamh là bitliidh an t-sàbaid ; 
cha bhi e ann air an là sin. 

27 Agus tharladh air an t-seachdamh là 
gu 'n deachaidh cuid do 'n t-sluagh a mach 
g' a chruinneachadh, agus cha d' f huair iad 
a bheag. 

28 Agus thubhairt an Tighearn ri Maois, 
Cia fhad a dhiùltas sibh m' àitheanta-san a 
choimhead, agus mo reachdan. 

29 Faicibh, do bhrìgh gu 'n d' thug an 
Tighearna dhuibh an t-sàbaid, air an aobh- 
ar sin tha e a' tabhairt dhuibh air an 
t-seathadh là aran dhà là : fanaibh, gach 
duine'na àite fèin ; na rachadh duine sam 
bith a mach as àit air an t-seachdamh là. 

30 Mar sin ghabh an sluagh fois air an 
t-seachdamh là. 

31 Agus thug tigh Israeil Mana mar 
ainm air : agus bha e mar fhrois coriandeir, 
geal, agus a bhlas mar abhlain air an dean- 
amh le mil. 

32 Agus thubhairt Maois, So an ni a 
dh' àithn an Tighearna, Lìon omer dheth gu 
bhi air a ghleidheadh air son bhur gineal- 
acha, chum gu faic iad an t-aran leis an do 
bheathaich mi sibh san fhàsach, an uair a 
thug mi mach sibh à tìr na h-Eiphit. 

33 Agus thubhairt Maois ri h-Aaron, 
Gabh soitheach, agus cuir ann làn omeir, 
do Mhana, agus taisg e anlàthair an Tigh- 
earna, gu bhi air a ghleidheadh air son bhur 
ginealàcha. 

34 Mar a dh'àithn an Tighearna do 
Mhaois, mar sin thaisg Aaron e an làthair 
na Fianuis, gu bhi air a ghleidheadh. 

35 Agus dh 'ith clann Israeil am Mana dà 
fhichead bliadhna, gus an d' thàinig iad gu 
tìr àitichte : dh' ith iad am Mana, gus an 
d' thàinig iad gu crìch tìre Chanaain. 

36 A nis is e omer an deicheamh cuid do 
ephah. 

CAIB. XVII. 

AGUSdh'imich coimhthional chloinn Is- 
raeil uile o f hàsach Shin, a rèir an 
turusan, mar adh' àithn an Tighearn, agus 
champaich iad ann an Rephidim ; agus cha 
robh uisge ann do'n t-sluagh ri òl. 

2 Uime sin rinn an sluagh consachadh 
ri Maois, agus thubhairt iad, Thoir dhuinn 
uisge chum as gu 'n òl sinn. Agus thubh- 
airt Maois riu, C' ar son a ta sibh a' con- 
sachadh riumsa ? C'ar son a bhrosnaicheas 
sibh an Tighearn ? 

3;Agusmhiannaich an sluagh uisge ann 
an sin ; agusrinn an sluagh gearan an agh- 
F 



58 



ECSODUS. 



aidh Mhaois, agus thubhairtiad, C'ar son so 
a thugthunìos sinn as an Eiphit, a chum 
sinn fein a mharbhadh, agus ar clann, agus 
ar sprèidh le tart ? 

4 Agus dh' èigh Maois ris an Tighearn, 
ag ràdh, Ciod a ni mi ris an t-sluagh so ? 
ìs beag nach 'eil iad 'g am chlachadh. 

5 Agus tliubhairt an Tighearna ri Maois, 
Imich roimh 'n t-sluagh,agus thoir leat cuid 
do sheanairibh Israeil ; agus doshlat leis an 
do bhuail thu an amhainn, gabh a'd' làimh, 
agus bi 'g imeachd : 

6 Feuch, seasaidhmise romhad an sinair 
a' charraig ann an Horeb, agus buailidh 
tusa a' charaig, agus thig uisge mach aisde, 
achumgu'nòlan sluagh. Agus rinn Maois 
mar sin ann an sealladh sheanairean Israeil. 

7 Agus thug emar ainm airanàite Masah 
agus Meribah, air son consachaidh chloinn 
Israel, agus do bhrìgh gu'n do bhrosnuich 
iad an Tighearn, ag ràdh, Am bheil an 
Tighearna 'nar measg, no nach 'eil ? 

8 An sin thàinig Amalec, agus chog e ri 
h-Israeil ann an Rephidim. 

9 Agus thubhairt Maois ri Iosua, Tagh a 
mach dhuinn daoine, agus falbh a mach, 
cog ri h-Amalec: am màireach seasaidh 
mise air mullach an t-slèibh, agus slat Dhè 
a'm' làimh. 

10 Agus rinn Iosua mar a thubhairt Maois 
ris, agus chog e ri h- Amalec. Agus chaidh 
Maois, Aaron, agus Hur, suas gu mullach 
an t-slèibh. 

11 Agus an uair a thog Maois suas a 
làmh, an sin bhuadhaich Israel, agus an 
uair a leag e sìos a làmh, bhuadhaich A- 
malec. 

12 Ach bha làmhan Mhaois trom, agus 
ghabh iad clach, aguschuir iadfuidhe i, ag- 
us shuidh e oirre : agus chum Aaron agus 
Hur suas a làmhan, fear dhiubh air aon 
taobli, agus fear air an taobh eile ; agus bha 
a làmhan seasrahach gu luidhe na grèine. 

13 Agus chlaoidh Iosua Amalec agus a 
dhaoine le faobhar a' chlaidheimh. 

14 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, 
Sgrìobh so mar chuimhneachan ann an 
leabhar, agus aithris e ann an cluasaibh Io- 
sua ; oir dubhaidh mise as gu tur cuirahne 
Amaleic o bhi fo nèamh. 

15 Agus thog Maois altair, agus thug e 
Iehobhah-Nisi mar ainm oirre : 

16 Oir thubhairt e, do bhrìgh gu 'n do 
mhionnaich an Tighearna, gu 'm bi cogadh 
aig an Tighearna ri h-Amalec o linn gu 
linn. 

CAIB. XVIII. 
5*VTUAIRachuala Ietro,sagart Mhidiain, 
J_M athair-cèile Mhaois, gach ni a rinn 
Dia air son Mhaois, agus air son Israeil a 
shluaigh, gu'n d' thug an Tighearn a mach 
Israel as an Eiphit ; 

2 An sin thug Ietro, athair-cèile Mhaois, 
leis Siporah bean Mhaois, an dèigh dha a 
cur air a h-ais, 

3 Agus a dithis mhac, d' am V ainm do 
h-aon diubh Gersom, (oir thubhairt e, A'm' 
choigreach bha mi ann an tìr choimhich ;) 

4 Agus 6'e ainm an fhireiìe Elieser, (oir 
rinn Dia m'athar, thubhairt e, còmhnadh 
rium, agus shaor e mi o chlaidheamh Pha- 
raoh.) " 



5 Agus thàinig Ietro, athair-cèile Mhacis, 
agus a mhic, agus a bhean, a dh' ionnsuidh 
Mhaois do 'n fhàsach, far an do champaich 
e aig sliabh Dhè. 

6 Agus thubhairt e ri Maois, Tha mise 
d'athair-cèile Ietro,air teachd a d'ionnsuidh, 
agus do bhean, agus a dithis mhac maille 
rithe. 

7 Agus chaidh Maois a mach an coinn- 
eamh 'atharcèile, agus rinn e ùmhlaehd 
dha, agus phòg se e, agus dh' altaich iad 
beatha a chèile : agus thàinig iad a steach 
do 'n bhùth. 

8 Agus dh'innis Maois d'a athair-cèile 
gach ni a rinn an Tighearn air Pharaoh, 
agus air na h-Eiphitii-h air sgàth Israeil, 
gach saothair a tliàinig orra air an t-slighe, 
agus cionnus a shaor an Tighearn iad. 

9 Agus rinn Ietro gairdeachas à leth a' 
mhaith sin uile a rinn an Tighearna do Is- 
rael, a shaor e à làimh nau Eiphiteach. 

10 Agus thubhairt Ietro, Beannaichte gu 
robh an Tighearn, a shaor sibh à làimh nan 
Eiphiteach, agus à làimh Pharaoh, a shaor 
an sluagh o bhi fo làimh nan Eiphiteach. 

11 A nis tha fios agara gur mò an Tigh- 
earna na na h-uile dhèe ; oir anns an ni sin 
anns an do rinn iad gu h-uaibhreach, bha 
esan os an ceann. 

12 Agus ghabh Ietro, athair-cèile Mhaois, 
tabhartas-ioisgte agus ìobairtean do Dhia : 
Agus thàinig Aaron, agus uile sheanairean 
lsraeil, a dh'itheadh arain maille ri athair- 
cèile Mhaois an làthair Dhè. 

13 A nis air an là màireach shuidh Maois 
gu breth a thoirt air £an t-sluagh ; agus 
sheas an sluagh làimh ri Maois o mhaduinn 
gu feasgar ? 

14 Agus an uair a chunnaic athair-cèile 
Mhaois gach ni a rinn e ris an t-sluagh, 
thubhairt e, Ciod e an ni so a tha thu dean- 
amh ris an t-sluagh ? C'ar son a ta thusa 
a'd' shuidhe a'd' aonar, agus a ta 'n sluagh 
uile a' seasamh làimh riut o mhaduinn gu 
feasgar ? 

15 Agus thubhairt Maois r'a athair-cèile, 
Do bhrìgh gu'n tig an sluagh a m' ionn- 
suidh a dh'fhiosrachadh o Dhia. 

16 'Nuair a bhios cùis aca, thig iad a m' 
ionnsuidh, agus bheir mi breth eadar duine 
agus duine, agus nochdaidh mi dhoibh or- 
duighean Dhè, agus a laglianna. 

17 Agus thubhairt athair-cèile Mhaois 
ris, Cha mhaith an ni a ta thu deanarah. 

18 Caithidh tu as gu tur, araon thu fèin, 
agus an sluagh so a ta maille riut, oir a ta 
an ni so ro-throm air do shon ; clia 'n 'eil e 
'n comas duit a dheanamh a'd' aonar. 

19 A nis ma ta èisd ri m' ghuth, bheir mi 
comhairl' ort, agus bithidh Dia maille riut : 
bi-sa air son an t-sluaigh an làthair Dhè, 
agus bheir thu na cùiseau a dh'ionnsuidh 
Dhè: 

20 Agus teagaisgidh tu dhoibh na h-or- 
duighean agus na laghanna, agus nochdaidh 
tu dhoibh an t-slighe air an coir dhoibh im- 
eachd, agus an obair a's còir dhoibh a 
dheanamh. 

21 Agus taghaidh tu mach asan t-sluagh 
uile, daoine foghainteach, air am bi eagal 
Dè, daoine fìrinneach, a dh'fhuathaicheas 
sannt ; agus cuiridh tu iad os an ceann 'nan 
uachdaranaibh mhìlte, 'nan uachdaranaibh 



CAIB. XIX. XX. 



59 



■ x eheuda, 'nan uachdaranaibh leth-cheuda, 
jt, agus 'nan uachdaranaibh dheichnear. 

22 Ayus hheir iad breth air an t-sluagh 
anns gach àtn; acli gach cùis mhòr bheir 
iad a d' ionnsuidh-sa, agus air gach cùis 
bhig bheir iad fèìn breth: mar sin bithidh 
e ni 's eutruime dhuitse, agus iomcharaidh 
iadsan an eallach maille riut. 

23 Ma ni thu an ni so, agus gu 'n àithn 
Dia,ym dliuit, an sin is urrainn thu seas- 

j amh ris, agus mar an ceudna thèid an sluagh 
so uile d' au àite fèin an sìth. 

24 A nis dh' èisd Maois ri guth 'athar- 
cèile, agus rinu e gach ni a thubhairt e. 

25 Agus tliagh Maois daoine foghainteach 
I a mach à h-Israel uile, agus rinn e iad 'nan 
! ceannardaibh air an t-sluagh ; 'nan uachd- 
laranaibh mhìlte, 'nan uachdaranaibh 
i cheuda, 'nan uachdaranaibh leth-cheuda, 
' agus 'nan uachdaranaibh dbeichnear. 

I 26 Agus thug iad breth air an t-sluagh 
anns gach àm : na cùisean cruaidh thug iad 
a dh' ionnsuidh Mhaois, ach air gach cùis 
bhig thug iad fèin breth. 

27 Agus leig Maois le 'athair-cèile im- 
eachd ; agus dh' fhalbh e roimhe d' a thìr 
fèin. 

CAIB. XIX. 

ANNS an treas mìos an dèigh do chloinn 
Israeil teachd a mach à tìr na h-Ei- 
phit, san là sin fèin thàinig iad gu fàsach 
Shinai. 

2 Oir dh' imich iad o Rephidim, agus 
thàinig iad gu fàsach Shinai, agus champ- 
aich iad san fhàsach ; agus champaich ls- 
rael ann an sin fa chomhair an t-slèibh. 

3 Agus chaidh Maois suas a dh' ionn- 
suidh Dhè, agus ghairm an Tighearn air as 
an t-sliabh, ag ràdh, Mar so their thu ri 
tigh Iacoib, agus innsidh tu do chloinn Is- 
raeil : 

4 Chunnaic sibh na rinn mi ris na h-Ei- 
phitich, agus cionnus a ghiùlain mi sibhse 
mar air sgiathaibh iolairean, agus a thug 
mi a m' ionnsuidh fèin sibh. 

5 A nis ma ta, ma dh' èisdeas sibh da 
rìreadh ri m' ghuth, agus ma ghleidheas 
sibh mo choimhcheangal, an sin bithidh 
sibh dhomhsa 'nur n-ionmhas sònraichte 
os ceann nan uile shluagh : oir is leamsa 
an talamh uile. 

6 Agus bithidh sibh dhomhsa 'nur rìogh- 
achd shagart, agus 'nur cinneach naomha. 
Is iad sin na briathran a labhras tu ri cloinn 

l Israeil. 

7 Agus thàinig Maois, agus ghairm e air 
seanairibh ant-sluaigh, agus chuir e rompa 
na briathra sin uile a dh' àithn an Tighearna 
dha. 

8 Agus fhreagair an sluagh uile le h-aon 
ghuth, agus thubhairt iad, Gach ni a labh- 
air an Tighearna, ni sinne. Agus thug 
Maois air ais briathran an t-sluaigh a dh'- 
ionnsuidh an Tighearna. 

9 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, 
Feuch, thig mise a d' ionnsuidh ann an neul 
tiugh, a chum gu 'n cluinn an sluagh an 

! uair a labhras mi riut, agus mar an ceudna 
gu 'n creid iad thu gu sìorruidh. Agus dh'- 
innis Maois briathran an t-sluaigh do 'n 
Tighearn. 

. 10 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, 



Iinich a dh' ionnsuidh an t-sluaigh, agus 
naomhaich iad an diugh, agus am màireach, 
agus nigheadh iad an eudach, 

11 Agus bitheadli iad deas air cheann an 
treas là ; oir air an treas là thig an Tigh- 
earn a nuas ann an sealladh an t-sluaigh 
uile air sliabh Sliinai. 

12 Agus suidhichidh tu crìochan do 'n 
t-sluagh mu 'n cuairt, ag ràdh, Thugaibh 
an aire dhuibh fèin, nach tèid sibh suas do'n 
t-sliabh, agus nach bean sibh r' a iomall : 
gach neach a bheanas ris an t-sliabh, gu 
cinnteach cuirear gu bàs e. 

13 Cha bhean làmh ris ; oir gu deimhin, 
clachar e, no sàthar sleagh troimhe ; ma 's 
ainmhidh no duine e, cha mhair e beò. 
'Nuair a shèideas an trompaid rè ùin' 
fhada, thig iadsan a nìos do 'n t-sliabh. 

14 Agus chaidh Maois sìos o 'n t-sliabh a 
dh' ionnsuidh an t-sluaigh, agus naomhaich 
e 'n sluagh, agus nigh iad an eudach. 

15 Agus thubhairt e ris an t-sluagh, Bith- 
ibh deas air cheann an treas là : na tigibh 
am fagus d' 'ur mnaibh. 

16 Agus an uair a thàinig an treas là, 
anns a' mhaduinn bha tairneanaich agus 
dealanaich ann, agus neul tiugh air an 
t-sliabh, agus fuaim na trompaid ro-àrd : 
agus chriothnaich an sluagh uile a bha sa' 
champ. 

17 Agus thug Maois an sluagh a mach as 
a' champ an coinneamh Dhè, agus sheas 
iad aig ìòchdar an t -slèibh. 

18 Agus bha sliabh Shinai uile fo dheat- 
aich, do bhrìgh gu 'n d' thàinig an Tighearn 
a nuas air ann an teine ; agus dh' èirich a 
dheatach suas mar dheataich àmhuinn, 
agus chriothnaich an sliabh uile gu mòr. 

19 Agus an uair a bha fuaim na trompaid 
a' dol a maeh, agus a' fàs ro-làidir, an sin 
labhair Maois, agus fhreagair Dia e le 
guth. 

20 Agus thàinig an Tighearn a nuas air 
sliabh Shinai, air mullachant-slèibh : agus 
ghairm an Tighearna Maois suas gu mull- 
ach an t-slèibh, agus chaidh Maois suas. 

21 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, 
Imich sìos, thoir àithne do 'n t-sluagh, air 
eagal gu 'm bris iad a steach a dh' ionnsuidh 
an Tighearn a dh' amharc, agus gu 'n tuit 
mòran diubh. 

22 Agus mar an ceudna na sagairt a thig 
am fagus do 'n Tighearna, naomhaicheadh. 
iad iad fèin, air eagal gu'm bris an Tighearn 
a mach orra. 

23 Agus thubhairt Maois ris an Tigh- 
earna, Cha 'n 'eil e 'n comas do 'n t-sluagh 
teachd a nìos do shliabh Shinai ; oir thug 
thu àithne dhuinn, agràdh, Cuir crìochan 
mu 'n t-sliabh, agus naomhaich e. 

24 Agus thubhairt an Tighearna ris, 
Imich romhad, falbh sìos, agus thig a nìos 
thu fèin, agus Aaron maille riut ; ach na 
briseadh na sagartan agus an sluagh a 
steach, gu teachd a nìos a dh' ionnsuidh an 
Tighearn, air eagal gu 'm bris e mach orra. 

25 Agus chaidh Maois sìos a dh' ionnsuidh 
an t-sluaigh, agus labhair e riu. 

CAIB. XX. 

AGUS labhair Dia na briathra so uile, ag 
ràdh, B 
2 Is mise an Tighearn do Dhia, a thug 



60 



ECSODUS. 



a mach thu à tìr na h-Eiphìt, à tigh na 
daorsa. 

3 Na biodh dèe sam bith eile agad a' m' 
làthair-sa. 

4 Na dean dhuit fèin dealbh snaidhte, no 
coslas sam bith a dh' aon ni, a ta sna 
nèamhaibh shuas, no air an talamh shìos, 
no sna h-uisgeachaibh fuidh 'n talamh. 

5 Na crom thu fèin sìos doibh, agus na 
dean seirbhis doibh : oir mise an Tighearna 
do Dhia, is Dia eudmhor mi, a' leantuinn 
aingidheachd nan aithrichean air a' chloinn, 
air an treas, agus air a' cheathramh gineal- 
ach dhiubhsan a dh' f huathaicheas mi ; 

6 Agus a' uochdadh tròcair do mhìltibh 
dhiubhsan a ghràdhaicheas mi, agus a 
choimhideas m' àitheantan. 

7 Na tabhair ainm an Tighearna do 
Dhè an dìomhanas ; oir cha mheas an Tigh- 
earna neò-chiontach esan a bheir 'ainm an 
dìomhanas. 

8 Cuimhnich là na sàbaid a naomhach- 
adh. 

9 Sè làithean saothraichidh tu, agus ni 
thu t' obair uile. 

10 Ach air an t-seachdamh là tha sàbaid 
an Tighearna do Dhè : air an là sin na 
dean obair sara bith, thu fèin, no do 
inhac no do nighean, d' òglach, no do 
bhanoglach, no d' ainmhidh, no do choig- 
reach a ta 'n taobh a stigh do d' gheat- 
aibh. 

11 Oir ann an sè làithibh rinn an Tigh- 
earna na nèamhan agus an talamh, an 
f hairge, agus gacli ni a ta annta ; agus ghabh 
e fois air an t-seachdamh là : air an aobhar 
sin bheannaich an Tighearna )à na sàbaid, 
agus naomhaich se e. 

12 Tabhair onoir do t' athair, agus do d' 
mhàthair ; a ehura gu 'm bi do làithean buan 
air an f hearann a tha 'n Tighearna do Dhia 
a' toirt dhuit. 

13 Na dean mortadh. 

w _, 14 Na dean adhaltrannas. 

15 Na dean gadachd. 

16 Na tabhair fianuis bhrèige an aghaidh 
do choimhearsnaich. 

17 Na sanntaich tigh do choimhearsnaich, 
na sanntaich bean do choimhearsnaich, no 
'òglach, no 'bhanoglaeh, no 'dhamh, no 
'asal, no aon ni a 's le do choimhearsnach. 

18 Agus mhothaich an sluagh uile na 
tairneanaich, agus na dealanaich, agus 
fuaim na trompaid, agus an sliabh fo 
dheataich : as^us an uair a chunnaic an 
sluaigh sin, ghluais iad, agus sheas iad fad 
o làimh. 

19 Agus thubhairt iad ri Maois, Labhair 
thusa ruinn, agus èisdidh sinn: ach na 
labhradh Dia ruinn, air eagal gu 'm faigh 
sinn bàs. 

20 Agus thubhairt Maois ris an t-sluagh, 
Na biodh eagal oirbh, oir is ann a chum 
bhur dearbhadh a thàinig Dia, agus a chum 
gu 'm bi 'eagal-san oirbh, air choir as nach 
peacaich sibh. 

21 Agus sheas an sluagh fad o làimh, 
agus thàinig Maois am fagus do'n dorchadas, 
far an robh Dia. 

22 Agus thubhairt an Tighearna ri 
Maois, Mar so their thu ri cloinn Israeil, 
Chunnaic sibh gu 'n do labhair mi ribh o 
nèamh. 



23 Cha dean sibh maille riumsa diathan 
airgid, agus diathan òir cha dean sibh 
dhuibh fèin. 

24 Altair do tlialamh ni thu dhomhsa, ag 
us ìobraidh tu oirre do thabhartais-loisgte, 
agus do thabhartais sìth, do chaoraich, agus 
do dhaimh : anns gach àite san toir mise 
fa 'near gu 'n cuimhnichear m' ainm, thig mi 
a d' ionnsuidh, agus beannaichidh mi 
thu. 

25 Agus ma ni thu altair chloiche dhomh, 
cha tog thu i le cloich shnaidhte ; oir ma 
thogas tu d' inneal-snaidhidh suas oirre, 
truaillidh tu i. 

26 Ni mò thèid thu suas air ceumaibh a 
dh' ionnsuidh m' altarach, a chum nach 
leigear ris do lomnochduidh oirre. 

CAIB. XXI. 

ANI S is iad so na breitheanais a chuireas 
tu rompa. 

2 Ma cheannaicheas tu òglach Eabh 
ruidheach, sè bliadhna ni e seirbhis ; agus 
san t-seachdamh thèid e mach saor a nasg 
uidh. 

3 Ma 's ann a mhàin leis fèin a thàinig e 
steach, leis fèin thèid e mach ; ma bha bean 
aige, thèid mar au ceudna a bhean a mach 
maille ris. 

4 Ma thug a mhaighstir bean dha, agus 
gu 'n d' rug i dha mic no nigheana ; bithidh 
a' bhean agus a clann aig a maighstir, ag- 
us thèid esan a mach leis fèin. 

5 Ach ma their an t-òglach gu cinnteach, 
Is toigh leam mo mhaighstir, mo bhean, 
agus mo chlann, cha tèid mi mach saor : 

6 An sin bheir a mbaighstir e chum nam 
breitheamh ; bheir e mar an ceudna chum 
an doruis e, no chum ursainn an doruis, ag- 
us tollaidh a mhaighstir a chluas le minidh, 
agus ni e seirbhis dha gu bràth. 

7 Agus ma reiceas duine a nighean gu 
bhi 'na banoglaich, cha tèid i mach mar a 
thèid na h-òglaich. 

8 Mur taitinn i r' a maighstir, a rinn 
ceangal- pòsaidh rithe, an sin bheir e fa 'near 
gu 'm fuasgailear i : ri cinneach coimheach 
cha bhi comas aige a reiceadh, do bhrìgh 
gu'n do bhuin e gu cealgach rithe. 

9 Agus ma cheangail e r' a mhac i, a rèir 
modh nan nighean ni e rithe. 

10 Ma ghabhas e bean eile dha fèin, a 
biadh, a h-eudach, agus a dlighe-pòsaidh, 
cha lughdaich e. 

1 1 Agus mur dean e na tri nithe sin rithe, 
an sin thèid i macli saor gun airgiod. 

12 Esan a bhuaileas duine, air chor as 
gu 'm bàsaich e, gu cinnteach cuirear gu bàs 
e. 

13 Agus mur do luidh duine am plaid, 
ach gu 'n d' thug Dia thairis g' a làimh <?, 
an sin sònruichidh mis' àite dhuit d' an 
teich e. 

14 Ach ma thig duine gu dàna air a 
choimhearsnach, gu 'mharbhadh le ceilg, o 
m' altair bheir thu e, a chum gu 'm bàsaich e. 

15 Agus esan a bhuaileas 'athair, no a 
mhàthair, gu cinnteach cuirear gu bàs e. 

16 Agus esan a ghoideas duine, agus a 
reiceas e, no ma gheibhear 'na làimh e, gu 
cinnteach cuirear gu bàs e. 

17 Agus esan amhallaicheas'athair noa 
mhàthair, gu cinnteach cuirear gu bàs e. 



CAIB. XXII. 



61 



18 Agns ma ni daoine comh-strì, agus 
gu'm Buail duine a choimhearsuach le 
ihrich, no le 'dhorn, agus nach faigh e bàs, 
ach gu'n gabh e a leaba : 

19 Ma dh' èireas e, agus gu'n siubhail e 
macli air a luirg, an sin saorar esan a bhuail 
e; a mhàin dìolaidh e air son call 'ùine, 
agus bheir e fa' near a leigheas gu h-iomlan. 

20 Agus ma bhuaileas duine 'òglach, no 
'bhanoglach le slait, agus gu'm bàsaich e fo 
làimh, dìolair air gu deimhin : 

21 Ach ma mhaireas e beò là no dà là, 
cha dìolair air ; oir is e 'airgiod e. 

22 Agus ma ni daoine comh-strì, agus 

fu'm buail iad bean thorrach, agus gu'n 
ealaich i r'a cloinu, ach nach faigh i bàs ; 
cuirear gu cinnteach ùbhla air, arèir mar a 
chuireas fear na ranà air, agus bheir e seach- 
ad mar a dh' orduicheas na breitheamhna. 

23 Ach ma gheibh i bàs, an sin bheir thu 
anara air son anama, 

24 Sùil air son sùla, fiacail air son fiacla, 
làmh air soii làimhe, cos air son coise, 

25 Losgadh air son losgaidh, lot air son 
lotaidh, buille air son buille. 

26 Agus ma bhuaileas duine sùiròglaich, 
no sùil a bhanoglaich, agus gumill e i, leig- 
idh e as saor e air son a shùla. 

27 Agus ma chuireas e fiacail à 'òglach 
no fiacail as a bhanoglaich, leigidh e as saor 
e air son 'fhiacla. 

28 Agus ma reubas damh duine no bean 
le 'adhairc, agus gu'm faigh e bàs, gu cinn- 
teach clachar an damh, agus cha 'n ithear 
'fheoil; ach bithidh sealbhadair an daimh 
neò-chiontach. 

29 Ach ma ghnàthaich an damh sàthadh 
le 'adhaircibh san aimsir roimhe sin, agus 
gu'n do dhearbhadh sin d'a shealbhadair, 
agus nach do ghlèidh e stigh e, agus gu'n 
do mharbh e duine no bean, clachar an 
damh, agus cuirear maran ceudnaasheal- 
bhadair gu bàs. 

30 Ma chuirear az'rgt'o^-rèitich air, an sin 
bheir e mar èiric 'anama ge b'e ni a chuir- 
ear air. 

31 Ma's mac a reub e le 'adhairc, no ma's 
nighean a reub e, a rèir a' bhreitheanais so 
nìthear ris. 

32 Ma reubas an damh òglach no banog- 
lach, bheir e deich secel 'ar fhichead airgid 
d' am maighstir, agus clachar an damh. 

33 Agus ma dh' fhosglas duine slochd, no 
ma chladhaicheas duine slochd, agus nach 
còmhdaich se e, agus gu'ntuit damh no asal 
ann ; 

34 Ni esan d' am buin an slochd suas an 
calldach, bheir e airgiod d' an sealbhadair, 
agus is leis fèin am beathach marbh. 

35 Agus ma reubas damh neach air bith 
damh neach eile, agus gu'm faigh e bàs, an 
sin reicidh iad an damh beò, agus roinnidh 
iad an t-airgiod afhuaradh air a shon, agus 
roiunidhiad mar an ceudna an damh marbh. 

36 No ma bha fhios gu'n do ghnàthaich 
an damb sàthadh le 'adhaircibh san airasir 
roimhe sin, agus nach do ghlèidh a shealbha- 
dair a stigh e, gu cinnteach ìocaidh e damh 
air son daimh, agus is leis fèin an marbh. 

CAIB. XXII. 

MA ghoideas duine damh no caora, agus 
gu marbh se e, no gu'n reic se e, dìol- 



aidh e cùig daimh air son an daimh, agus 
ceithir caoraich air sonna caorach. 

2 Ma gheibhear gaduiche a' briseadh a 
stigh, agus gu'm buailear e, agus gu'm faigh 
e bàs, cha doirtear fuil air a shon : 

3 Ma bhios a' ghrian air èirigh air, dòirt- 
ear f uil air a shon. Ni esan a ghoideas dìol- 
adh iomlan : mur bi ni sam bith aige, an 
sin reicear e air son a ghadachd. 

4 Ma gheibhear gu cinnteach a' mheirle 
'na làimh beò, ma s damh e, no asal, no 
caora ; dìolaidh e dùbailt' e. 

5 Ma bheir duine fa' near gu'n ithear suas 
fearann no fìon-lios, agus gu'n cuir e 'ain- 
mhidh ann, agus gu'm biadhar e ann am 
fearann duine eile ; do'n chuid a's fearr d'a 
fhearann fèin, agus dn'n chuid a's fearr d'a 
fhìon-lios fèin, ni e dìoladh. 

6 Ma bhriseas teine a mach, agus gu'n 
tachair e air droighinn, agus gu'n loisgear 
na cruachan arbhair, no'n t-arbhar 'ua 
sheasamh, no'n t-achadh ; ni esan a rinn 
an losgadh gu cinnteach dìoladh. 

7 Ma bheir duine d'a ehoimhearsnach 
airgiod, no airneis, g'a ghleidheadh, agus 
gu'n goidear à tigh an duine e ; ma gheibh- 
ear an gaduiche, dìolaidh e dùbailt' e. 

8 Mur faìghear an gaduiche, an sin thèid 
maighstir an tighe, a dh' ionnsuidh nam 
breitheamh a dh' fheuchainn co ac' a shìn 
e mach a làmh gu cuid a choimhears- 
naich. 

8 Air son gach gnè choire, air son daimh, 
air son asail, air son caorach, air son eud- 
aich, air son gach ni a chaidh a chall, a their 
neach eile gur leis fèin; an làthair nam 
breitheamh thig cùis gach aoin diuhh : 
esan a dhìteas na breitheamhna, dìolaidh e 
dubailte d'a choimhearsnach. 

10 Ma bbeir duine d'a choimhearsnach 
asal, no damh, no caora, no ainmhidh sam 
bith g'a ghleidheadh, agus gu'm faidh e bàs, 
no gu'n ciurrar e, no gu'n iomainear air 
falbh e, gun neach air bith g'a fhaicinn : 

11 An sin bithidh mionnan an Tighearn 
eatorra le chèile, nach do shìn e a làmh gu 
cuid a choimhearsnaich : agus gabhaidh a 
shealbhadair sin uaith, agus cha dean esan 
dìoladh. 

12 Agus ma ghoideadh uaith e, dìolaidh 
e d'a shealbhadair. 

13 Ma reubadh as a chèile e, thugadh e 
leis mar fhianuis e ; air son an ni sin a 
chaidh reubadh, cha dìol e. 

14 Agus ma dh' iarras duine ni an coin- 
gheall o 'choimhearsnach, agus gu'n ciurrar 
e, no gu'm faigh e bàs, gun a shealbhadair 
a bhi maille ris ; gu cinnteach dìolaidh e. 

15 Ach ma bhios a shealbhadair rhaille 
ris, cha dìol e : ma'j ni air son tuarasdail 
e, thàinig e air son a thuarasdail. 

16 Agus ma mheallas duine maighdean, 
nach 'eil fuidh cheangal-pòsaidh, agus gu'n 
luidh e leatha, gu cinnteach gabhaidh e i 
dha fèin 'na ranaoi. 

17 Ma dhiùltas a h-athair gu tur a tabh- 
airt da, dìolaidh_e airgiod a rèir tochraidh 
nara maighdean. 

18 Cha leig thu le ban-fhiosaiche bhi beò. 

19 Ge b'e neach aluidheas le h-ainmhidh, 
gu cinnteach cuirear gu bàs e. 

20 Esan a dh 'ìobras do dhèibh sam bith, 
ach do'n Tighearn a mhàin, gearrar as e, 

r 2 



62 



ECSODUS. 



21 Air coigreach cha chuir thu doilgheas, 
ni mo a ni thu foirneart 7 air ; oir bha sibh 
fèin 'nur coigrich ann an tìr na h-Eiphit. 

22 Ri bantraich sam bith, no dìlleachd- 
an. cha bhuin sibh gu cruaidh. 

23 Ma bhuineas tu air chor sam bith gu 
cruaidh riu, agus gu'n glaodh iad idir rium- 
sa, èisdidh mise gu cinnteach r' an glaodh. 

24 Agus lasaidh mo chorruich suas, agus 
marbhaidh mi sibh leis a' chlaidheamh ; ag- 
us bithidh bhur mnài 'nam bantraichibn, 
agus bhur clann 'nan dìlleachdain. 

25 Ma bheir thu airgiod an coingheall do 
neach air bith do m* shluagh-sa a ta bochd 
làimh riut, cha bhi 'thu dha mar neacli a 
chuireas airgiod air riadh ; cha chuir thu 
riadh air. 

26 Ma ghabhas tu idir eudach do choimh- 
earsnaich ann an geal, mu dhol fodha na 
grèine bheir thu air ais dha e : 

27 Oir is e sin a chòmhdach a mhàin, is 
e 'eudach d'a chroicionn e : ciod anns an 
coidil e ? agus an uair a dh'èigheas e rium, 
èisdidh mise ; oir a ta mi tròcaireach. 

28 Air breitheamhnaibh cha labhair 
thu olc, agus uachdaran do shluaigh cha 
chàin thu. 

29 Ceud thoradh d' fhearainn, agus 
d' fhìon-lios, gun dàil bheir thu seachad : 
ceud-ghin do mhac bheir thu dhomhsa. 

30 Mar sin ni thu ri d' chrodh, agus ri d' 
chaoraich : seachd làithean bithidh e maille 
r'a mhàthair, air an ochdamh là bheir thu 
dhomhsa e. 

31 Agus bithidh sibh 'nur daoine naomha 
dhomhsa, agus feoil sam bith a reubadh le 
fiadh-bheathaichibh sa' mhachair, cha'n ith 
sibh : chum nan con tilgidh sibh i. 

CAIB. XXIII. 

CHA tog thu tuairesgeul brèige: na 
cuir do làmh maille ris an aingidh 
gn bhi d' f hianuis air an eucoir. 

2 Cha lean thu a' mhòr chuideachd a 
dh' ionnsuidh an uilc, agus cha labhair 
thu ann an cùis, gu claonadh an dèigh a' 
mhòrain, chum breth fhiaradh. 

3 Agus ri duine bochd cha bhi thu bàigh- 
eil 'na chùis. 

4 Ma thachaireas tu air damh do nàmh- 
aid, no 'asal a' dol air seacharan, bheir thu 
gu cinnteach air ais e d'a ionnsuidhk 

5 Ma chi thu asal duine aig am bheil 
fuath dhuit a' luidhe fo h-eallaich, agus 
gu'n smuainich thu air fantuinn o chòmh- 
nadh a dheanamh rithe, ni thu gu cinnteach 
còmhnadh rithe. 

6 Cha chlaon thu breth do bhochd 'na 
chùis. 

7 O chùis bhrèige cum thu fèin am fad ; 
agus an neò-chiontach agus an t-ionraic na 
marbh : oir cha 'n fhìreanaich mise an t- 
aingidh. 

8 Agus tiodhlac cha ghabh thu ; oir 
dallaidh tiodhlac na daoine glice, agus 
claonaidh e briathra nan daoine ionraic. 

9 Agus air coigreach na dean foirneart : 
oir is aithne dhuibh inutinn coigrieh, do 
bhrìgh gu'n robh sibh fèin 'nur coigrich 
ann au tìr na h-Eiphit. 

10 Agus se bliadhna cuiridh tu t* fhear- 
ann, agus cruinnichidh tu stigh a thoradh. 
k 11 Ach air au t-seachdamh fàgaidh tu 



mach e, agus leigidh tu leis luidhe 'na 
thàmh, a chum gu'n ith bochdan do shl uaigh, 
agus na dh' fhàgas iadsan, gu'n ith beath- 
aiche na macharach e. Air a mhodh 
cheudna ni thu ri d' f hìon-lios, agus ri d'- 
lios-olaidh. 

12 Sè làithean ni thu t' obair, agus air an 
t-seachdamh là gabhaidh tu fois ; a chum 
gu faigh do dhamh agus d* asal fois, agus gu 
faigh mac do bhanogiaich agus an coigreach 
an anail. 

13 Agus athaobh nan uile nithe a labhair 
mi ribh, bithibh faicilleach ; agus air ainm 
dhiathan eile na luaidhibh : na cluinnear 
as bhur beul e. 

14 Tri uaire cumaidh tu fèill dhomhsa 
sa' bhliadhna. 

1 5 Fèill an arain neo- gh oi r ti chte c u m aidh 
tu : seachd làithean ithidh tu aran neo- 
ghoirtichte, mar a dh' àithn mi dhuit, san 
àm shuidhichte do'n mhìos Abib ; oir anns 
a' mhìos sin thàinig thu mach as an Eiphit : 
agus cha tig neach air bith a' m' làthair-sa 
falamh : 

16 Agus fèill an fhogharaidh, ceud-thor- 
aidh do shaoithreach, a chuir thu san fhear- 
ann : agus fèill a' chruinneachaidh aig 
deireadh na bliadhna, 'nuair a chruinn- 
icheas tu stigh toradh do shaoithreach as an 
fhearann. 

17 Tri uairean sa' bhliadhna nochdar 
gach firionn agad an làthair an Tighearna 

18 Cha toir thu seachad fuil m' ìobairt-sa 
le h-aran goirtichte, ni mò dh' fhanas saill 
m' ìobairt gu maduinn. 

19 Toiseach ceud-thoraidh d' fhearainn 
bheir thu do thigh an Tighearna do Dhè. 
Cha bhruich thu meann ànn am bainne a 
mhàthar. 

20 Feuch, cuiridh mise aingeal romhad, 
gu d' choimhead san t-slighe, agus gu d' 
thabhairt a steach do'n àit a dh' ulluicn mi. 

21 Bi faicilleach 'na làthair, agus èisd 
r'a ghuth ; na cuir 'na aghaidh : oir cha 
lagh e bhur cionta ; oir a ta m' ainm ann- 
san. 

22 Ach ma dh' èisdeas tu da rìreadh r'a 
ghuth, agus ma ni thu gach ni a labhras 
mise, an sin bithidh mi a' m' nàmhaid do d' 
nàmhaid-sa, agus claoidhidh mi iadsan a 
chlaoidheas thu : 

23 Oir thèid m* aingeal romhad, agus 
bheir e steach thu chum nan Amorach, ag- 
us nan Hiteach, agus nam Peridseach, agus 
nan Canaanach, nan Hibheach agus nan 
Iebusach ; agus gearraidh mi as iad. 

24 Cha chrom thu thu fèin sìos d* an 
dèibh, agus cha dean thu seirbhis doibh, ni 
mò a ni thu a rèir an oibre : ach sgriosaidh 
tu gu tur iad, agus brisidh tu an dealbhan 
'nam bloighdibh. 

25 Agus ni sibh seirbhis do'n Tighearna 
bhur Dia, agus beannaichidh esan t' aran, 
agus t' uisge, agus cuiridh mi euslaint air 
falbh o'r measg. 

26 Cha tilg ni sam bith 'àl, ni mò a bhios 
e seasg a'd'thìr : àireamh do làithean coimh- 
lionaidh mise. 

27 Cuiridh mi m' eagal romhad, agus 
sgriosaidh mi an sluagh uile dh' ionnsuidh 
an tèid thu, agus bheir mi air do naimhdibh 
gu lèir an cùl a thionndadh riut. 



CAIB. XXIV. XXV. 



63 



■ 2S Agus cuiridh mise cearnabhainromh- 
,i. ad, agùs fògraidh iad a mach an t-Hibh- 
tf each, an Caùaauach, agus au t-Hiteach, as 

4 do làthair. 

29 Cha tilg- rai mach iad as do làthair 
ann an aon bhliadhna, air eagal gu'm bi 'm 
a fearann air 'fhàsachdh, agus gu'in fàs 
•j fiadh-bheathaiche na macharach lìonmhor 
■ a'd' aghaidh. 

i| _ 30 A lìon beag is beag tilgidh mi mach 

iad as do làthair, gus an sìolaich thu, agus 
- gu'n sealbhaich thu am fearann. 
3 j 31 Agus suidhichidh mi do chrìochano'n 
g mhuir ruaidh eadhon gu ruig fairge nam 

Philisteach, agus o'n fliàsach gu ruig an 
a amhainn: oir bheir rai thairis 'nur làimh 

luchd-àiteachaidh na tìre ; agus tilgidh tu 
j mach iad as do làthair. 
J | 32 Cha dean thu riu-san, no r' an dèibh 
g coirahcheangal sam bith. 
g\ 33 Cha ghabh iad còmhnuidh a'd' thìr, 
■'. ; air eagal gu'n toir iad ort peacachadh a'm' 
a aghaidh-sa le seirbhis a dheanamh d' an 

dèibh ; agus gu'm bi sin 'na ribe dhuit. 

CAIB. XXIV. 
| A GUS thubhairt e ri Maois, Thig a nìos 
I Jljl a dh' ionnsuidh an Tighearna, thu fèin 
1 agus Aaron, Nadab agus Abihu, agus tri 

fichead 's a deich do sheanairibh Israeil : 
jj agus ni sibh aoradh fad o làimh. 
ia 2 Agus thig Maois 'na aonar am fagus 

do'n Tighearn ; ach cha tig iadsan am fag- 
a us, ni mò thèid an sluagh suas maille ris. 
il 3 Agus thainig Maois agus dh' innis e 

do'n t-sluagh briathran an Tighearn uile, 
a asfus na breitheanais uile : agus fhreagair 
j I an sluagh gu lèir le h-aon ghuth, agus 
j thubhairt iad, Gach ni a labhair an Tigh- 

: earna, ni sinne. 
| ; 4 Agus sgrìobh Maois briathran an Tigh- 
f earn uile, agus dh' èirich e gu moch sa' mha- 

duinn, agus thog e altair fuidh 'n t-sliabh, 
j agus dà charragh dheug a rèir dà thrèibh 

5 dheug Israeil. 

, i 5 Agus cliuir e uaith òganaich do chloinn 
j Israeil, agus thug iad suas tabhartais- 
i | loisgte, agus dh' ìobair iad ìobairte-sìth do 
| dhaimh do'n Tighearn. 

6 Agus ghabh Maois leth na fola, agus 
, I chuir e ann an cuachaibh i ; agus leth na 

fola chrath e air an altair. 

7 Agus ghabh e leabhar a' choimhcheang- 
ail, agus leugh e ann an èisdeachd an 
t-sluaigh ; agus thubhairt iadsan, Gach ni 
a labhair an Tighearua, ni sinne, agus bheir 
sinn gèill. 

8 Agus ghabh Maois an f huil, agus chrath 
e i air an t-sluagh, agus thubhairt e, Feuch, 
fuil a' choimhcheangail a rinn an Tigh- 
earna ribh a thaobh nam briathra sin uile. 

9 Agus chaidh Maois suas agus Aaron, 
i Nadab agus Abihu, agus tri fichead 's a 
i deich do sheanairibh Israeil. 

10 Agus chunnaic iad Dia Israeil : agus 
fuidh a chosaibh bha mar gu'm biodh obair 
do chloich shaphir, agus mar na nèamha 

| fèin ann an soillse. 

11 Agus air maithibh chloinn Israeil cha 
| do chuir e a làmh : agus chunnaic iad Dia, 

agus dh'ith iad agus dh'òl iad. 

12 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, 
Thig a nìos am'ionnsuidh-sa do'n t-sliabh, 



agus bi 'n sin : agus bheir mise dhuit clàir 
chloiche, agus lagh, agus nah-àitheantau a 
sgrìobh mi, chum iadsan a theagasg. 

13 Agus dh'èirich Maoissuas, agus Iosua 
'òglach : agus chaidh Maois suas, do shliabh 
Dhè. 

14 Agus thubhairt e ris na seanairibh, 
Fanaibh-sa ruinn an so, gus am pill sinn 
d' 'ur n-ionnsuidh : Agus, feuch, a ta Aaron 
agus Hur maille ribh : esan aig am bi cùis 
sam bith, thigeadh e d' an ionnsuidh-san. 

15 Agus chaidh Maois suas do'n t-sliabh, 
agus chòmhdaich neul an sliabh. 

16 Agus chòmhnuich glòir an Tighearn 
air sliabh Shinai, agus chòmhdaich an neul 
e sè làithean : Agus dh' èigh e ri Maois air 
an t-seachdamh Ià à meadhon an neoil. 

17 Agus bha foillseachadh glòire an 
Tighearna mar theine dian-loisgeach air 
mullach an t-slèibh ann an sùilibh chloinn 
Israeil. 

18 Agus chaidli Maois a steach am 
meadhon an neoil, agus chaidh e suas do'n 
t-sliabh : agus bha Maois san t-sliabh dà 
fhichead là agus dà f hichead oidhche. 

CAIB. XXV. 

AGUS labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

2 Labhair ri cloinn Israeil, gu'n toir iad 
a m' ionnsuidh tabhartas : o gach duine a 
bheir seachad gu toileach e le 'chridhe, 
gabhaidh sibh mo thabhartas. 

3 Agus is e so an tabhartas a ghabhas 
sibh uatha ; òr, agus airgiod, agus umha, 

4 Agus gorm, agus corcur, àgus scar- 
laid, agus anart gTÌnn, agusjionnaah ghabh- 
ar, 

5 Agus croicne reitheachan air an dath 
dearg, agus croicne bhroc, agus fiodh 
sitim, 

6 Oladh chum soluis, spìosraidh chum 
oladh-ungaidh, agus a chum tùise deadh- 
bholaidh, 

7 Clachan onics, agus clachan ri 'n cur 
anns an ephoid, agus san uchd-èididh. 

8 Agus ni iad dhomh ionad naomha, ag- 
us gabhaidh mise còmhnuidh 'nara measg. 

9 A rèir gach ni a leigeas mise dhuit 
fhaicinn, a rèir samhlaidh a' phàilliuin, 
agus samhlaidh 'airneis uile, eadhon mar 
sin ni sibh. 

10 Agus ni iad àirc do fhiodh sitim : 
dà làmh-choille gu leth a fad, agus làmh- 
choille gu leth a leud, agus làmh-choille gu 
leth a h-àirde. 

11 Agus còmhdaichidh tu thairis i le h-òr 
fìor-ghlan, a stigh agus a muigh còmh- 
daichidh tu thairis i; agus ni thu oirre 
coron òir mu'n cuairt. 

12 Agus ni thu air a son ceithir failbh- 
eagan òir, agus cuiridh tu iad air a ceithir 
oisinnibh ; agus bithidh dà fhailbheig air 
aon taobh dh' i, agus àt fhailbheig air an 
taobh eile dh' i. 

13 Agusnithubataicheando fhiodh sitim, 
agus comhdaichidh tu thairis iad le h-òr. 

14 Agus cuiridh tuna bataichean anns na 
failbheagaibh air taobhan na h-àirce, chum 
an àirc a ghiùlan leo. 

15 Ann am failbheagaibh na h-àirce, bith- 
idh na bataichean : cha ghluaisear uaithe 
iad. 



64 



ECSODUS. 



16 Agus cuiridh tu san àirc an Fhianuis 
a bheir mise dhuit. 

17 Agus ni thu caithir-thròcair a dh' òr 
fìor-ghlan ; dà làmh-choille gu leth a fad, 
agus làmh-choille gu leth a leud. 

18 Agus ni thu dà cherub òir : a dh' ob- 
air bhuailte ni thu iad, aig dà cheann na 
caithir-thròcair. 

19 Agus ni thu aon cherub air aon 
cheaun, agus cerub eile aig a' cheann eile 
do'n chaithir-thròcair : ni sibh na ceruban 
alg a dà cheann. 

20 Agus bithidh na ceruban a' sìneadh a 
mach an sgiathan gu h-àrd, a' còmhdachadh 
na caithir-thròcair le'n sgiathaibh, agus an 
aghaidhean r'a chèile : ris a' chaithir- 
thròcair bithidh aghaidhean nan cerub. 

21 Agus cuiridh tu a' chaithir-thròcair 
suas air an àirc, agus anns an àirc cuiridh 
tu an Fhianuis a bheir mise dhuit. 

22 Agus coinnichidh mise thu an sin, ag- 
us labhraidh mi riut o uachdar na caithir- 
thròcair, o eadar an dà cherub a ta air àirc 
na Fianuis, a thaobh gach ni a dh' àithneas 
mi dhuit do chloinn Israeil. 

23 Agus ni thu bòrd do fhiodh sitim ; dà 
làmh-choille 'fhad, agus làmh-choille a' 
leud, agus làmh-choille gu leth àirde. 

24 Agus còmhdaichidh tu thairis e le 
h-òr fìor-ghlan, agus ni thu dha coron òir 
mu'n cuairt. 

25 Agus ni thu dha iomall do leud boise 
mu'n cuairt, agus ni thu coron òir d'a iomall 
mu'n cuairt. 

26 Agu% ni thu dha ceithir failbheagan 
òir, agus cuiridh tu na failbheagan air na 
ceithir oisinnibh a ta aig a cheithir chos- 
aibh. 

27 Fa chomhair an iomaill bithidh na 
failbheagan, chum àitean do na bataichìbh, 
gus am bòrd a ghiùlan. 

28 Agus ni thu na bataichean do fhiodh 
sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le 
h-òr, agus giùlainear am bòrd leo. 

29 Agus ni thu a mhiasan, agus a thùis- 
eirean, agus a chuachan, agus a chopain, 
leis an toirear seachad ìobairt-dibhe ; a 
dh' òr fìor-ghlan ni thu iad. 

30 Agus cuiridh tu air a' bhòrd arantais- 
beanta romhams' an còmhnuidh. 

31 Agus ni thu coinnleir a dh' òr fìor- 
ghlan ; a dh' obair bhuailte nìthear an coinn- 
leir. Bithidh a chos, agus a mheoir, a 
chopain, a chnapan, agus a bhlàthan, do'n 
obair cheudna. 

32 Agus thig sè meoir a mach as a thaobh- 
an ; tri meoir a' choinnleir à h-aon taobh 
dheth, agus tri meoir a' choinnleir as an 
taobh eile dheth. 

33 Tri copain aìr an deanamh cosmhuil 
ri almonaibh ann an aon mheur, maille ri 
cnap agus blàth ; agus tri copain air an 
deanamh cosmhuil ri almonaibh anns a' 
mheur eile, maille ri cnap agus blàth ; mar 
sin anns na sè meoir a thig a mach as a' 
choinnleir. 

34 Agus anns a' choinnleir bitMdh ceithir 
ctiopain air an deanamh cosmhuil rialmon- 
aibh, maille ri 'n cnapaibh agus am blàth- 
aibh. 

35 Agus bithìdh cnap fo dhà mheur 
dheth, agus cnap fo dhà mheur dheth, 
agus cnap fo dhà mheur dheth ; mar sin 



do na sè meoir a thig a mach as a' choinn- 
leir. 

36 Bithidh an cnaip agus am meoir do'n 
obair cheudna : bithidh e uile 'na aon obair 
bhuailte do òr fìor-ghlan. 

37 Agus ni thu dha seachdlòchrain: ag- 
us cuirear suas a lòchrain, a chum gu n 
toir iad solus thall fa chomhair. 

38 Agus bithidh a chlobhachan, agus a 
smàl-shoithichean a dh' òr fior-ghlan. 

39 Do thalann a dh' òr fior-ghlan nlthear 
e, maille ris na soithichibh sin uile. 

40 Agus feuch gu'n dean thu iad a rèir 
an t-samhlaidh, a chaidh leigeadh dhuit 
fhaicinn san t-sliabh. 

CAIB. XXVI. 

AGUS ni thu am pàilliun le deich cùirt- 
einibh a dh' anart grinn toinnte, agus 
do ghorm, agus do chorcur, agus do scar- 
laid : maille ri cerubaibh a dh' obair ealanta 
ni thu iad. 

2 Fad aon chùirtein ochd làmha-coilte 
thar fhichead, agus leud aon chùirtein, 
ceithir làmha-coille : an t-aon tomhas do 
na cùirteinibh uile. 

3 Bithidh cùig cùirteinean airan ceangal 
gach aon r'a cheile ; agus na cùig cùirtein- 
ean eile air an ceangal gach aon r'a chèile. 

4 Agus ni thu lùban do ghorm air foir aon 
chùirtein, o'n iomall anns a' choimhcheang- 
al : agus air a mhodh cheudna ni thu am 
foir a' chùirtein a's fhaide mach, ann an 
coimhcheangal an dara aoin. 

5 Leth-cheud lùb ni thu ann an aon 
chùirtein, agus leth-cheud lùb ni thu am 
foir a' chùirtein a ta ann an coimhcheangal 
an dara aoin ; a chum's gu'n gabh na lùb- 
an greim d'a chèile. 

6 Agus ni thu leth-cheud cromag oir, 
agus ceanglaidh tu na cùirteinean r'a chèile 
leis na cromagaibh : agus bithidh e 'na aon 
phàilliun. 

7 Agus ni thu cùirteine do fhionnadh 
ghabhar gu bhi'nan còmhdach air a' phàill- 
ìun : aon chùirtein deug ni thu dhiubh. 

8 Fad aon chùirtein deich làmha-coille 
thar fhichead, agus leud aon chùirtein cei- 
thir làmha-coille : bithidh an t-aon chùirt- 
ein deug uile dh' aon tomhas. 

9 Agus ciliridh tu ri chèile cùig cùirteine 
leo fèin, agus sè cùirteine leo fèin, agus 
dùblaichidh tu an seathadh cùirtein air 
taobh beoil a' bhùtha. 

10 Agus ni thu leth-cheud lùb air foir an 
aon chùirtein a's fhaide mach sa' choimh- 
cheaftgal, agus leth-cheud lùb air foir a' 
chùirtein a tha coimhcheangal an dara 
aoin. 

11 Agus ni thu leth-cheud cromag a 
dh' umha, agus cuiridh tu na croma^an 
anns na lùbaibh, agus cuiridh tu am bùth 
r'a chèile, air chor as gu'm bi e 'na aon. 

12 Agus am fuigheall a dh' fhàgar do 
chùirtemibh a' bhùtha, leth a' chùirtein a 
dh' fhàgar, crochar e thar taobh cùil a* 
phàilliuin. 

13 Agus làmh-choille air an taobh so, 
agus làmh-choille air an taobh eile do na 
dh' fhàgadh air am fad do chùirteinibh a* 
bhùtha, crocharethar taobhan a' phailliuin, 
air an taobh so, agus air an taobh eile, g'a 
chòmhdachadh. 



CAIB. XXVII. 



65 



HiJ 14 Agus ni thu còmhdach air son a' 
bhùtha do chroicnibh reitheachan air an 
i dath dearg, agus còmhdach do chroicnibh 
| bhroc os a cheann. 

15 Agus ni thu buird air son a'phàilliuin 
» do fhioah sitim, 'nau seasamh : 
J6 16 Deich làmha-coille fad buird, agus 

làmh-choille gu leth leud aon bhuird. 
. . 17 Bithidh dà làimh aig aon bhòrd, air 
an cur an ordugh fa chomhair a chèile ; mar 
„ so ni thu do uile bhòrdaibh a' phàilliuin. 

18 Agus ni thu na buird air son a' phàill- 
A | iuin, fichead bòrd air an taobh deas, ris an 
>jj. àirde deas. 

j 19 Agus ni thu dà fhichead cos airgid, 
fuidh 'u fhichead bòrd : dà chois fuidh aon 
bhòrd a rèir a dhà làimh, agus dà chois 
. |fuidh bhòrd eile a rèir a dhà làimh. 
™" 20 Agus air son an dara taoibh do'n 
|f 1 phàilliun air an taobh tuath, fichead bòrd ; 
I 21 Agus an dà f hichead cos a dh' airgiod, 
dà chois fuidh aon bliòrd, agus dà chois 
u : fuidh bhòrd eile. 

3 22 Agus air son taobhan a' phàilliuin air 
£ an làimh an iar, ni thu sè buird. 

23 Agus ni thu dà bhòrd air son oisinn- 
~ a ean a' phàilliuin san dà thaobh. 
S 24 Agus bithidh iad air an coimhcheangal 

■ ! fuidhe, agus mar au ceudna bithidh iad air 

■ ! an coimhcheangal os a cheann ri aon fhail- 

I j bheig : mar so nìthear dhoibh le chèile ; 
^ bithidh iad air son an dà oisinn. 

„ 25 Agus bithidh ochd buird ann, agus an 
! cosan a d/z'airgiod, sè cosa deug ; dà chois 

I I fuidli aon bhòrd, agus dà chois fuidh bhòrd 
a eile * 

26 Agus ni thu croinn do fhiodh sitim ; 

I cùig air son nam bòrd air aon taobh do 'n 
phàilliun. 

1] 27 Agus cùigcroinn air son nam bòrdair 
| an taobh eile do'n phàilliun,agus cùig croinn 

■ air son bhòrd taoibh a' phàilliuin air son au 
dà thaobh an iar. 

[j I 28 Agus ruigidh an crann meadhonach 

I I ann am meadhon nam bòrd o cheann gu 
ceann. 

l e | 29 Agus còmhdaichidh tu thairis na 
\ I buird le h-òr, agus ni thu am failbheagan a 
I dh' òr mar àiteachan do na crannaibh : ag- 
us còmhdaichidh tu thairis na croinn le 
e h ' òr - 

. 30 Agus togaidh tu suas am pàilliun a 
! rèir a shamhlaidh, a nochdadh dhuit san 
1 t-sliabh. 

j 31 Agus ni thu brat do ghorm, agus do 
chorcur, agus do scarlaid, agus a tf/i'anart 

■ grinn toinnte : a dh'obair ealanta nìthear 
' e, le cerubaibh. 

32 Agus crochaidh tu e air ceithir puist 
dofhiodh sitim, air an còmhdachadh thairis 

i le h-òr : agus bithidh an cromagan a dh'òr, 
! air na ceithir bonnaibh airgid. 

33 Agus crochaidh tu suas am brat fuidh 
\ na cromagaibh, agus bheir thu steach ann 
j an sin àirc na Fianuis, an taobh a stigh do'n 

bhrat : agus roinnidh an brat dhuibh-san 
i eadar an t-ionad naomha agus an t-ionad 
ro-naomha. 

34 Agus cuiridh tu a* chaithir-thròcair 
j air àirc na Fianuis, san ionad ro-naomha. 

35 Agus cuiridh tu am bòrd an leth 
muigh do'ri bhrat, agus an coinnleir fa 
chomhair a' bhuird air taobh deas a' phàill- 



iuin : agus cuiridh tu am bòrdair an taobh 
tuath. 

36 Agus ni thu còmhdach air son doruis 
a' bhùtha, do ghorm, agus do chorcur, agus 
do scarlaid, agus do anart grinn toinnte, 
oibrichte le h-obair ghrèise. 

37 Agus ni thu air son a' chòmhdaich 
cùig puist do fhiodh sitim, agus còmh- 
daichidh tu thairis iad la h-òr, agus bithidh 
an cromagan a dh'òr, agustilgidh tu airan 
son cùig buinn umha. 

CAIB. XXVII. 

AGUS ni thu altair do fhiodh sitim ; cùig 
làmha-coille air fad, agus cùig làmha- 
coille air leud : bithidh an altair ceithir- 
chearnach, agus a h-àirde tri làmha-coille. 

2 Agus ni thu a h-adhaircean air a ceithir 
oisinnibh : bithidh a h-adhaircean do'n ni 
cheudna : agus còmhdaichidh tu thairis i le 
h-umha. 

3 Agus ni thu a h-aighnean a ghabhail a 
luatha, agus a sluasaidean, agus a cuachan, 
agus a greimichean, agus a h-aighnean- 
teine : a soithichean uile ni thu a rfA'umha. 

4 Agus ni thu dh'i cliath do lìon-obair 
umha : agus ni thu air an lìon ceithir fail- 
bheagan umha air a cheithir oisinnibh. 

5 Agus cuiridh tu e fuidh chuairt na 
h-altarach gu h-ìosal, agus bithidh an lion 
gu ruig meadhou na h-altarach. 

6 Agus ni thu bataichean do'n altair, 
bataichean do fhiodh sitim, agus còmh- 
daichidh tu thairis iad le h-umha. 

7 Agus cuirear na bataichean anns na 
failbheagaibli, agus bithidh na bataichean 
air dà thaobh na h-altarach g'a giùlan. 

8 Fàs le bòrdaibh ni thu i ; mar a nochd- 
adh dhuit san t-sliabh, mar sin nìthear i. 

9 Agus ni thu cùirt a' phàilliuin air an 
taobh deas, ri deas : bithidh cùirteinean air 
son na cùirte do anart grinn toinnte ; ceud 
làmh-choille am fad, air aon taobh. 

10 Agus bithidh a fichead post, agus am 
fichead bonn adh'umha : bithidh cromagan 
nam post, agus ancuairteagan, ac//i 'airgiod. 

11 Agus mar an ceudna air an taobh tuath 
air fad, bithidh cùirteine ceud làmh-choille 
air fad, agus afichead post, agus am fichead 
bonn a rf/t'umha : cromagan nam post, ag- 
us an cuairteagan, a d/i'airgiod. 

12 Agus air leud na cùirte air an taobh 
?mi9.r, bithidh cùirteine do leth-cheudlàmh- 
choille : am puist deich.agus am buinn deich. 

13 Agus bithidh leud na cùirte air an 
taobh an ear, ris an àird an ear, leth-cheud 
làmh-choille. 

14 Agus bithidh na cùirteinean air aon 
taobh cùig làmha-coille deug : ampuist tri, 
agus am buinn tri. 

15 Agus air an taobh eile bithidh a cùir- 
teine cùig làmha-coille deug : am puist tri, 
agus am huinn tri. 

16 Agus air son geata na cùirte bithidh 
brat a dh'fhichead làmh-choille, do ghorm, 
agus do chorcur, agus do scarlaid, agus a 
aVi'anart grinn toinnte, oibrichte le h-obair 
shnàthaide : am puist ceithir, agus am buinn 
ceithir. 

17 Bithidh na puist uile timchioll na 
cùirte air an ceangal mu'n cuairt le h-air- 
glod: bithidh an cromagan a dh'airgiod, 
agus am buinn a dA'umha. 



66 



ECSODUS. 



18 Fad na cùirte ceud làmh-choille, agus 
a leud leth-cheud làmh-choille sgach àite 
agus a /i-àirde cùig làmha-coille, a ^A'anart 
grinn toinnte ; agus am buinn a d/i'umha. 

19 Bithidh uile shoithichean a' jjhàill- 
iuin, 'na sheirbhis uile, agus a phinneachan 
uile, agus pinneacha na cùirte uile do 
umha. 

20 Agus àithnidh tu do chloinn Israeil, 
gu'n toir iad a t'ionnsuidh oladh fhìor-ghlan 
a' chroinn-olaidh.brùite air son an t-soluis, 
a thoirt air an lòchran lasadh an còmh- 
nuidh. 

21 Ann am bùth a' choimhthionail an 
taobh a muigh do'n bhrat, a ta fa chomhair 
na Fianuis, orduichidh Aaron e, agus a 
mhic, o f heasgar gu maduinn an làthair an 
Tighearna : bithidh e 'na reachd sìorruidh 
d'an ginealachaibh, à leth chloinn Israeil. 

CAIB. XXVIII. 

AGUS gabh a t'ionnsuidh Aaron do 
bhràthair, agus a mhic maille ris, o 
mheasg chloinn Israeil, a chum gu fritheil 
e dhomhsa ann an dreuchd an t-sagairt, 
eadhon Aaron, Nadab agus Abihu, Eleasar 
agus Itamar, mic Aaroin. 

2 Agus ni thu èididh naomha do d' 
bhràthair Aaron, air son glòire, agus air son 
maise. 

3 Agus labhraidh tu riu-san uile a ta glic 
an cridhe, a lìon mise le spiorad a' ghlioc- 
ais ; agus ni iad èididh Aaroin, g'a chois- 
reagadh, a chum gu fritheil e dhomhsa ann 
an dreuchd an t-sagairt. 

4 Agus so an èididh a ni iad ; uchd-èid- 
idh, agus ephod, agus falluinn, agus còta 
iomadh-dathach, crùn-sagairt, agus crios : 
agus ni iad èididh naomha air son Aaroin 
do bhràthar, agus air son a mhac, a chum 
gu fritheil e dhomhsa ann an dreuchd an 
t-sagairt. 

5 Agus gabhaidh iad òr,agus gorm, agus 
corcur, agus 6carlaid, agus anart grinn. 

6 Agus ni iad an ephod do òr, do ghorm, 
agus do chorcur, agus do scarlaid, agus do 
anart grinn toiante, le h-obair ealanta. 

7 Bithidh an dàmhìr guailne aice ceang- 
ailte r'a chèile aig a dà fhoir; agus mar 
sm cuirear ri chèile i. 

8 Agus bithidh crios rìomhach na h-eph- 
oid a ta air a h-uachdar, a rèir a h-oibre 
fèin, do'n ni cheudna, eadhon do òr, do 
gtiorm, agus do chorcur, agus do scarlaid, 
agus a dh' anart grinn toinnte. 

9 Agus gabhaidh tu dà chloich onics, ag- 
us gearraidh tu orra ainmeanna chloinn 
Israeil. 

10 Sè d'an ainmibh air aon chloich, agus 
sè ainmeanna chàich air a' chloich eile, a 
rèir an sinead. 

11 Le h-obair gearradair an cloich, ie 
gearradh seulaidh, gearraidh tu an dà 
chloich, le ainmibh chloinn Israeil : bheir 
thu fa 'near an ceangal ann am failibh òir. 

12 Agus cuiridh tu an dà chloich air 
guailnibh na h-ephoid, mar chlacha cuimh- 
neachain do chloinn Israeil. Agus giùlain- 
idh Aaron an ainmean ann an làthair an 
Tighearn air a dhà ghualainn, mar chuimh- 
neachan. 

13 Agus ni thu failean òir ; 

14 Agus dà shlabhruidh a dh'òr fìor- 



ghlan aig na cinn : ni thu iad a dh' obair f 
fhighte, agus ceanglaidh tu na slabhruidh- 
ean fighte ris na failean : 

15 Agus ni thu uchd-èididh a' bhreith- E 
eanais le h-obair ealanta ; a rèir oibre na I 
h-ephoid ni thu i : do òr, do ghorm, agus ^ 
do chorcur, agus do scarlaid, agus a dh'an- | 
art grinn toinnte ni thu i. 

16 Ceithir- chearnach bithidh i, agus dà- I 
fhillte ; rèis a fad, agus rèis a leud. 

17 Agus cuiridh tu innte suidheachadh * 
chlach, eadhon ceithir sreathan chlach; I 
a' cheud sreath, sardius,topas, agus carbun- I 
cul : so a' cheud sreath. 

18 Agus an dara sreath ; emerald, saphir I 
agus daoimein. 

19 Agus an treas sreath ; ligur, agat, ag- I 
us ametist. 

20 Agus an ceathramh sreath ; beril, a^- I 
us onics agus iasper : ceanglar iad le h-or I 
'nan suidheachadh. 

21 Agus bithidh na clachan le ainmibh I 
chloinn Israeil, a dhà-dheug, a rèir an ain- : . 
meanna ; le gearradh seulaidh, bithidh gach I 
aon aca le h-ainm fèin a rèir an dà thrèibh ' 
dheug. 

22 Agus ni thu air an uchd-èididh slabh- . r 
ruidhean aig na cinn a dh'obaìr fhighte, a I 
dh'òr fìor-ghlan. 

23 Agus ni thu air an uchd-èididh dà ' 
fhàinne òir, agus cuiridh tu 'n dà fhàinne I 
air dà cheann na h-uchd-èididh. j 

24 Agus cuiridh tu 'n dà shlabhruidh 1 
fhighte òir san dà fhàinne, a ta air cinn na 
h-uchd-èididh. 

25 Agus dà cheann eilena dà shlabhruidh 
fhighte daingnichidh tu anns an dà fhail, 
agus cuiridh tu iad air mìribh-guailne na 
h-ephoid air a beulaobh. 

26 Agus ni thu dà fhàinne òir, agus cuir- 
idh tu iad air dà cheann na h-uchd-èididh, 
san fhoir sin d' i, a ta aig taobh na h-eph- 
oid a stigh. 

27 Agus ni thu dà fhàinne eile do òr, ag- 
us cuiridh tu iad air dà thaobh na h-ephoid 
fuidhpe, làimh r'a cuid-thoisich, fa chomh- 
air a' choimhcheangail eile, os ceann crios 
rìomhach na h-ephoid. 

28 Agus ceanglaidh iad an uchd-èididh 
leis a fàinnibh, ri fàinnibh na h-ephoid le 
h-èill ghuirm, chum as gu'm bi i os ceann 
crios iìomhach na h-ephoid, agus nach 
fuasglar an uchd-èididh o'n ephoid. 

29 Agus giùlainidh Aaron ainmeanna 
chloinn Israeil ann an uchd-èididh a' 
bhreitheanais, air a chridhe, 'nuair a thèid 
e steach do'n ionad naomha, mar chuimh- 
neachan ann an làthair an Tighearn a 
ghnàth. 

30 Agus cuiridh tu ann an uchd-èididh 
a'bhreitheanais, an Urim agus an Tumim ; 
agus bithidh iad air cridhe Aaroin, an uair 
a thèid e steach an làthair an Tighearn : 
agus giùlainidh Aaron breitheanas chloinn 
Israeil air a chridhe, ann an làthair an Tigh- 
earn an còmhnuidh. 

31 Agus ni thu falluinn na h-ephoid uile 
do ghorm. 

32 Agus bithidh toll 'na mullach, 'na 
meadhon : bithidh foir aice timchioll atuill 
a dh'obair f highte, mar tholl lùirich-mhàill- 
ich, a chum as nach reubar i. 

33 Agus gu h-ìosal, air a h-iomall, ni thu 



CAIB. 

I wmgranata do ghorm, agus do chorcur, ag- 
ìs do scarlaid, air a li-iomall mu 'n cuairt ; 
m igus cluig òir eatorra mu'n cuairt. 
R 34 Clag òir agus pomgranat, clag òir ag- 
■I is pomgranat, air iomall na falluinn mu 'n 
B ;uairt. 

35 Agus bithidh i air Aaron gu fritheal- 
j.iidh: asrus cluinuear a fuaim, an uair a 

Lhèid e steach do 'n ionad naomh an làthair 
s t la Tighearn, agus an uair a thig e mach, a 
a . Jium nach bàsaich e. 
j.' ! 36 Agus ni thu leac a dh' òr fìor-ghlan, 

tigus eearraidh tu oirre, cosmhiiil ri gearr- 
Uidh "seulaidh, NAOMHACHD DO'N 

riGHEARNA. 
a 37 Agus cuiridh tu i air èill ghuirm, ag- 

* \ ìs bithidh i air a' chrùn-shagairt : air taobh 
„ jjeoil a' chrùin-shagairt bithidh i. 

\ 38 Agus bithidh i air clàreudain Aaroin, 
ugus giùlainidh Aaron cionta nan nithe 
I laomha, a choisrigeas clann Israeil 'nan 
1« làodhlacaibhnaomhauile : agusbithidhiair 
^ ilàr 'eudain an còmhnuidh, achum as gu'm 
| oi iad taitneach an làthair an Tighearn. 

39 Agus ni thu 'n còta le h-obair ghrèìse 
l i dh'anart grinn, agus ni thu 'n crùn-sag- 
| urt a dh' anart grinn, agus ni thu 'n crios a 
ih' obair shnàthaide. 

* 40 Agus do mhic Aaroin ni thu còtaich- 
san, agus ni thu dhoibh criosan, agus boin- 
aidean ni thu dhoibh, air son glòire agus 

I air son maise. 

41 Agus cuiridh tu iad air Aaron do 
bhràthair, agus air a mhic maille ris ; agus 

j, ungaidh tu iad, agus coisrigidh tu iad, agus 

1 jnaomhaichidh tu iad ; agus fritheilidh iad 

2 tdhomhsa ann an dreuchd an t-sagairt. 

42 Agus ni thu dhoibh briogais anairt a 
| jdh'fholach an nochd: o'» leasruidh eadh- 
I on gus an slèisdean ruigidh iad. 

) 43 Agus bithidh iad air Aaron, agus air 
ia mhicran uair a thig iad a stigh do phàill- 
' iun a' choimhthionail, no 'nuair a thig iad 
| am fagus do'n altair, a fhrithealadh san 
! | ionad naomha ; chum as nach giùlain iad 
; iaingidheachd, agus nach faigh iad bàs : 

* \bithidh e 'na reachd sìorruidh dha fèin, ag- 
U ! us d' a shliochd 'na dhèigh. 

CAIB. XXIX. 
I A GUS so an ni a ni thu riu chum an 

* J\. coisreagadh, gu frithealadh dhomhsa 
ann an dreuchd an t-sagairt : Gabh aon 

? jtarbh òg, agus dà reithe gun ghaoid, 
, 2 Agus aran neo-ghoirtichte, agus breac- 
_ I agan neo-ghoirtichte coimhmeasgtale h-ol- 
i adh, agusgearraganneo-ghoirtichte, ungta 
8 le h-oladh: do phlùr a' chruithneachd ni 
„ thu iad. 

, 3 Agus cuiridh tu iad ann an aon bhasc- 
S aid, agus bheir thu iad leat sa' bhascaid, 
1 maille ris an tarbh òg agus an dà reithe. 
H 4 Agus bheir thu Aaron agus a mhic gu 
a dorus pàilliuin a' choimhthionail, agus 
ionnlaididh tu iad le h-uisge. 

5 Agus gabhaidh tu an èididh, agus cuir- 
■ idh tu an còta air Aaron, agus falluinn na 

j h-ephoid, agus an ephod, agus an uchd-èid- 
' ! idh, agus crioslaifhidh tu e le crios riomh- 
i ! ach na h-ephoid. 

6 Agus cuiridh tu an crùn-sagairt air a 
j cheaun, agus an crùn naomh air a' chrùn- 

" \ shagairt. 



XXIX. 67 

7 Agus gabhaidh tu 'n oladh-ungaidh, ag- 
us dòirtidh tu air a cheann i, agus ungaidh 
tu e. 

8 Agus bheir thu leat a mhic, agus cuir- 
idh tu^òtaichean orra. 

9 Agus crioslaichidh tu iad le criosaibh, 
(Aaron agus a mhic,) agus cuiridh tu na 
boineidean orra : agus is leo-san dreuchd 
an t-sagairt le reachd bith-bhuan: agus 
coisrigidh tu Aaron agus a mhic. 

10 Agus bheir thu fa'near an tarbh a 
thoirt gu beulaobh pàilliuin a' choimhthion- 
ail : agus cuiridh Aaron agus a mhic an 
làmhan air ceann an tairbh. 

11 Agus marbhaidh tu an tarbh an làth- 
air an Tighearna, làimh ri dorus pàilliuin 
a' choimhthionail. 

12 Agus gabhaidh tu do fhuil an tairbh 3 
agus cuiridh tu i air adhaircibh na h-altar- 
acli le d' mheur, agus dòirtidh tu 'n fhuil 
uile aig bun na h-altarach. 

13 Agus gabhaidh tu 'n t-saill uile a ta 
còmhdachadh a' mhionaich, agus an scairt 
a ta os ceann nan àinean, agus an dà àra, 
agus an t-saill a ta orra, agus loisgidh tu 
iad air an altair. 

14 Ach feoil an tairbh agus a sheice, ag- 
us 'aolach loisgidh tu le teine an taobh a 
muigh do'n champ : is teòAartos-peacaidh e. 

15 Gabhaidh tu mar an ceudna aon 
reithe, agus cuiridh Aaron agus a mhic an 
làmhan air ceann an reithe. 

16 Agus marbhaidh tu an reithe, agus 
gabhaidh tu 'fhuil, agus crathaidh tu i 
mu'n cuairt air an altair. 

17 Agus gearraidh tu an reithe 'namhìr- 
ibh, agus nighidh tu a mhionach, agus a 
chosan, agus cuiridh tu iad air a mhìribh, 
agus air a cheann. 

18 Agus loisgidh tu an reithe uile air 
an altair : is tabhartas-loisgte e do 'n Tigh- 
earna ; fàile cùbhraidh, tabhartas air a 
thoirt suas le teine do'n Tighearn. 

19 Agus gabhaidh tu an reithe eile, agus 
cuiridh Aaron agus a mhic an làmhan air 
ceann an reithe. 

20 An sin marbhaidh tu an reithe, agus 
gabhaidh tu d' a f huil, agus cuiridh tu i air 
bàrr cluaise deis Aaroin, agus air bàrr 
cluaise deis a mhac, agus air ordaig an 
làimhe deise, agus air ordaig an coise deise ; 
agus crathaidh tu an fhuil air an altair 
mu'n cuairt. 

21 Agus gabhaidh tu do 'n fhuil a ta air 
an altair, agus do'n oladh-ungaidh, agus 
crathaidh tu iad air Aaron, agus air 'èididh, 
agus air a mhic, agus air èididh amhac maille 
ris : agus coisrigear e fèin, agus 'èididh, agus 
a mhic, agus èididh a mhac maille ris. 

22 Mar an ceudnagabhaidh tu do'n reithe 
an t-saill, agus bun an earbaill, agus an 
t-saill a ta còmhdachadh a' rnhionaich, 
agus scairt nan àinean, agus an dà àra, ag- 
us an t-saill a ta orra, agus an slinnean 
deas ; oir is reithe coisreagaidh e. 

23 Agus aon bhuilionn'arain, agus aon 
bhreacag arain le h-oladh, agus aon ghearr- 
ag à bascaid an arain neo-ghoirtichte a ta 
'ìi làthair an Tighearn. 

24 Agus cuiridh tu iad uile ann an làmh - 
an Aaroin, agus ann an làmhan a mhac ; 
agus luaisgidh tu iad mar thabhartas- 
luaisgte an làthair an Tighearn. 



68 



ECSODUS. 



25 Agua gabhaidh tu iad bhàtr an làmh, 
agus loisgidh tu iad air an altair mar thabh- 
artas-loisgte, chum fàile chùbhraidh an 
làthair an Tighearn : is tabhartas e air a 
thoirt suas le teine do 'n Tighearn.* 

26 Agus gabhaidh tu an t-uchd o reithe 
coisreagaidh Aaroin, agus luaisgidh tu e 
mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tigh- 
earn : agus bithidh sin agadsa mar chuibh- 
rionn. 

27 Agus naomhaichidh tu uchd an tabh- 
artais-luaisgte, agusslinnean an tabhartais- 
thogta, a chaidh luasgadh, agus a thogail 
suas do reithe a' choisreagaidh, eadìion do'n 
nisin a's le h-Aaron, agus do'n ni sin a 
bhvineas d' a mhic. 

28 Agus bithidh e le h-Aaron agus le 
'mhic le reachd bith-bhuan o chloinn Is- 
raeil ; oir is tabhartas-togta e : agusbithidh 
e 'na thabhartas-togta o chloinn Israeil do 
ìobairtibh an tabhartasan-sìth, eadhon an 
tabhartas-togta do 'n Tighearn. 

29 Agus is le mic Aaroin 'èididh naomha- 
ean 'na dhèigh, gu bhi air an ungadh 
innte, agus gu bhi air an coisreagadh 
innte. 

30 Seachd làithean cuiridh esan d' a mhic 
air i, a bhios 'na shagart 'na àit, a thèid a 
stigh do phàilliun a' choimhthionail, a 
fhrithealadh san ionad naomha. 

31 Agus gabhaidh tu reithe a' choisreag- 
aidh, agus bruichidh tu 'fheoil san ionad 
naoinha. 

32 Agus ithidh Aaron agus a mhic feoil 
an reithe, agus an t-aran a ta sa' bhascaid, 
aig dorus pàilliuin a' choimhthionail. 

33 Agus ithidh iad na nithe sin leis an 
d'rinneadh an rèite, chum an coisreagadh 
agus an naomhachadh : ach cha 'n ith coig- 
reach dhiubh, do bhrìgh gu bheil iad 
naoraha. 

34 Agus ma dh'fhàgar a bheag a dh'- 
fheoil a choisreagaidh, no bheag do 'n aran, 
gns a' mhaduinn, an sin loisgidh tu am 
f uigheall le teine : cha 'n ithear e, do bhrìgh 
gu bheil e naomha. 

35 Agus ni thu mar so ri h-Aaron, agus 
r' a mhic, a rèir nan uile nithe a dh' àithn 
mise dhuit : seachd làithean coisrigidh tu 
iad. 

36 Agus bheir thu seachad gach là tarbh 
òg mar thabhartas-peacaidh, chum rèite : 
agus glanaidh tu an altair, au uair a ni thu 
rèite air a son, agus ungaidh tu i chum a 
naomhachadh. 

37 Seachd làithean ni thu rèite air son na 
h-altarach, agus naomhaichidh tu i ; agus 
bithidh i 'na h-altair ro-naomha : gach ni a 
bheauas ris an altair, naomhaichear e. 

38 Asrus so an ni a bheir thu seachad air 
gu altair; dà uan a dh' aois bliadhna, o là 
gu là an còmhnuidh. 

39 Aon uan bheir thu seachad sa' mha- 
duiun, agus an t-uan eile bheir thu seachad 
mu fheasgar. 

40 Agus maille ris an aon uan an deich- 
eamh cuid do phlùr mìn measgta leis a' 
cheathramh cuid do hin a dh'oladh bhrùite ; 
agus au ceathramh cuid do hin a dh' fhìon, 
mar thabhartas-dibhe. 

41 Agus an t-uan eile bheir thu seachad 
mu fheasgar, agus ni thu ris a rèir tabhart- 
ais-bìdh na maidne, agus a rèir a tabhart- 



ais-dibhe, mar fhàile cùbhraidh, tabharta« 
air a thoirt suas le teine do n Tighearna. 

42 ifrY/a'cZAso 'nathabhartas-loisgtebith-j 
bhuan air feadh bhur ginealacha, aig do- 
rus pàilliuin a' choimhthionail an làthair 
an Tighearna, far an coinnich mise sibh, a 
labhairt riut-sa an sin. 

43 Agus an sin coinnichidh mise clann 
Israeil, agus naomhaichear ampàilliun le 
m' ghlòir. 

44 Agus naomhaichidh mi pàilliun a' 
choimhthionail, agus an altair: naomh- 
aichidh mi mar an ceudna Aaron agus a 
mhic, gu frithealadh dhomh ann an dreuchd 
an t-sagairt. 

45 Agus gabhaidh mi còmhnuidh am 
measg chloinn Israeil, agus bithidh mi a'm' 
Dhia aca. 

46 Agus bithidh fios aca gur mise an 
Tighearn an Dia, a thug a mach iad à tìr 
nah-Eiphit, a chum's gu'n gabh mi còmh- 
nuidh 'nam measg : Is mise an Tighearn 
an Dia. 

CAIB. XXX. 

AGUS ni thu altair alosgadh tùise oirre ; 
do fhiodh sitim ni thu i : 

2 Làmh-choille a fad, agus làmh-choille 
a leud (ceithir-chearnach bithidh i) agus 
dà iàmh-choille a h-àirde ; bithidh a 
h-adhaircean do'n ni cheudna. 

3 Agus còmhdaichidh tu thairis i le h-òr 
fìor-ghlan, a mullach, agus a taobhan mu 'n 
cuairt, agus a h-adhaircean : agus ni thu 
dh' i coron òir mu n cuairt. 

4 Agus dà fhailbheig òir ni thu dh'i 
fuidh a coron ; aig a dà oisinn ni thu iad, 
air a dà thaobh : agus bithidh iad air son 
àiteachan do na bataichibh chum a giùlan 
leo. 

5 Agus ni thu na bataichean do fhiodh 
sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le 
h-òr. 

6 Agus cuiridh tu i fa chomhair an 
roinn-bhrat, a ta làimh ri àirc na Fianuis ; 
air beulaobh na caithir-thròcair, a ta os 
ceann na Fianuis, far an coinnich mise 
thu. 

7 Agus loisgidh Aaron tùis chùbhraidh 
oirre gach maduinn : an uair a dheasaich- 
eas e na lòchrain, loisgidh e tùis oirre. 

8 Agus an uair a lasas Aaron na lòch- 
rain mu fheasgar, loisgidh e tùis oirre ; 
tùis bhith-bhuan an làthair an Tighearn, 
air feadh bhur ginealacha. 

9 Cha loisg sibh tùis choimheach sam 
bith oirre, no ìobairt-loisgte, no tabhartas- 
bìdh ; ni mò dhòirteas sibh tabhartas-dibhe 
oirre. 

10 Agus ni Aaron rèite air a h-adhaircibh 
aon uair sa blùiadhna, le fuilìobairt-pheac- 
aidh na rèite : aon uair sa' bhliadhna ni e 
rèite oirre, air feadh bhur ginealacha : tha 
i ro-naomha do 'n Tighearn. 

11 Agus labhair an Tighearn ri Maois, 
ag ràdh, 

12 'Nuair a ghabhas tu cunntas chloinn 
Israeil a rèir an àireimh, an sin bheir gach 
duine dhiubh èiric air son 'anama do 'n 
Tighearna, 'nuair a dh'àirmheas tu iad ; a 
chum nach bi plàigh 'nam measg, an uair 
a dh'àirmheas tu iad. 

13 So bheir iad uatha, gach aon a thèid 



CAIB. XXXI. 



69 



seachad 'nam measg-san a dh' àirmhear; 
leth seceil, a rèir seceil an ionaid nauimh 
('s e secel fichead gerah) leth seceil mar 
thahhartas do 'n Tigliearna. 

14 Bheir gach aon a thèid seachad 'nam 
measg-san a dh àirmhear, o f hichead bliadh- 
na dh' aois agus os a cheaun, tabhartas do 'n 
Tigliearna. 

15 Cha tuir an saoibhir tuilleadh, agus 
cha toir am bochd ni 's lugha na leth seceil, 
an uair a bheir iad tabliartas do 'u Tighearn, 
a dheanamh rèite air son bhur n-anamauua. 

16 Agus gabhaidh tu airgiod na rèite o 
chloinn lsraeil, agus cuiridh tu air leth e fa 
chomhair seirbhis pàilliuin a' choimhlhion- 
ail: agus bitbidh e 'na chuimhneachan do 
chloinn Israeil an làthair an Tighearn, a 
dheanamh rèite air son bhur n-anam- 
anna. 

17 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

18 Ni thu mar an ceudna soitheach-ionn- 
laid a dli' umha, agus a chos a dk' umha, 
chum ionnlaid : agus euiridh tu e eadar 
pàilliun a' choimhthionail agus an altair, 
agus cuiridh tu uisge ann. 

19 Agus ionnlaididh Aaron agus a mhic 
an làmhan, agus an cosan as. 

20 'Nuair a thèid iad a steach do phàill- 
iuu a' choimhthiouail, ionnlaididli siad iad 
fèin le h-uisge, chum as nach faigh iad bàs ; 
no 'nuair a thig iad am fagus do 'n altair a 
f hrithealadh, a losgadh tabhartais a bheir- 
ear suas le teine do 'n Tighearn. 

21 Agus ionnlaididh iad an làmhan agus 
an cosan, a chum as nach faigh iad bàs : 
agus bithidh e 'na ordugh bith-bhuan 
dhoibh, eadhon dha fèin agus d' a shliochd 
air feadh an ginealacha. 

22 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

23 Gabh-sa dhuit fèin mar an ceudna 
snìosraidh thaghta do mhirr fìor-ghlan, 
cuig ceud secel, agus do chanal cùbhraidh a 
leth uiread, eadhon dà cheud agus leth- 
eheud secel, agus do chalamus cùbhraidh da 
cheud agus leth-cheud secel, 

24 Agus do chasia cùig ceud secel, a rèir 
seceil an ionaid naoimh, agus hin do oladh 
a' chroinn-olaidh. 

25 Agus ni thu dheth oladh-ungaidh 
naomha, oladh-ungaidh coimhmeagsta rèir 
ealadhain an lèigh ; bithidh i 'na h-oladh- 
ungaidh naomha. 

26 Agus ungaidh tu pàilliun a' choimh- 
thionail leatha, agus àirc na Fianuis, 

27 Agus am bòrd agus a shoithichean 
uile, agus an coinnleir agus a shoithichean, 
agus altair na tùise, 

28 Agus altair na h-ìobairt-loisgte agus a 
soithicliean uile, agus an soitheach-ionn- 
laid agus a chos. 

29 Agus naomhaichidh tu iad, a chum as 
gu 'm bi iad ro-naomha : ge b' e ni a bheanas 
riu, bithidh e naomha. 

30 Agus ungaidh tu Aaron agus a mhic, 
agus coisrigidh tu iad, gu frithealadh 
dhomhsa ann an dreuchd au t-sagairt. 

31 Agus labhraidh tu ri cloinn Israeil, ag 
ràdh, Bithidh i so 'na h-oladh-ungaidn 
naomha dhomhsa, air feadh bhur gineal- 
acha. 

32 Air feoil duine cha dòirtear i, ni mò a 



ni sibh a leithid, a rèir a measgaidh : a ta i 
uaomha, agus naoinha bithidh i dhuibh. 

33 Ge b' e neach a mlieasgas ni cosmhuil 
rithe, agus ge b' e neach a chuireas</ bheag 
dh' i air coigreach, gu deimhin gearrar as 
o 'shluagh e. 

34 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, 
Gabh dhuit spiosraidh chùbhraidh, stacte, 
agus oniclia, agus galbanum ; spìosraidh 
cliùbhraidh maille ri tùis' fhìor-ghloin : do 
gach aon diubh bithidh an t-aon tomhas. 

35 Agus ni thu boltrachan detli, air a 
dheanamh suas a rèir ealadhain an lèigh, 
coimhmeasgta, fìor-ghlan, naomha. 

36 Agus brutliaidh tu cuid deth ro-mhìn, 
agus cuiridh tu cuid deth fa chomhair na 
Fianuis ann am pàilliun a' choimhthionail, 
far an coinnieh mise thu : ro-naomha bith- 
idh e dhuibh. 

37 Agus am boltrachan a ni thu, cha 
dean sibh a leithid duibh fèin, a rèir a 
mheasgaidh: bithidh e dhuitse naomha 
do 'n Tighearna. 

38 Ge b' e neach a ni a choslas, a ghabh- 
ail fàile uaith, gearrar as o 'shluagh e. 

CAIB. XXXI. 

AGUS labhair an Tighearnari Maois, ag 
ràdh, 

2 Feuch, ghairm mi air ainm Besaleel 
mac Uri, mìiic Hur, do thrèibh ludah ; 

3 Agus lìon mi e le spiorad Dhè, ann an 
gliocas, agus ann an tuigse, agus ann an 
eòlas, agus anns gach uile ghnè oibre, 

4 A dhealbhadli oibre ealanta, a dh' oib- 
reachadh ann an òr, agus ann an airgiod, 
agus ann an umha, 

5 Agus ann an gearradh chlach a chum 
an ceangal, agus ann an gearradh fiodha, a 
dh' oibreachadh anns gach uile ghnè oibre. 

6 Agus mise. feuch, thug mi seachad 
maille ris Aholiab mac Ahisamaich, do 
thrèibh Dhain ; agus ann an cridhe gach 
neach a ta gìic-chridheach chuir mi gliocas, 
agus ni iad gach ni a dh' àithn mi dhuit; 

7 Pàilliun a' choimhthionail, agus àirc 
na Fianuis, agus a' cliaithir-thròcair, a ta 
oirre, agus uile uidheam a' phàilliuin, 

8 Agus am bòrd agus 'uidheam, agus an 
coinnleir fìor-ghlan le 'uidheam uile, agus 
altair na tùise, 

9 Agus altair na h-ìobairt-loisgte le 
h-uidheam uile, agus an soitheach-ionnlaid 
agus a chos, 

10 Agus èididh na seirbhis, agus èididh 
naomlia air son Aaroin an t-sagairt, agus 
èididh a chuid mac, gu frithealadh ann an 
dreuchd an t-sagairt, 

11 Agus an oladh-ungaidh, agus tùis 
chùbhraidh air son an ionaid naoimh ; a 
rèir nan uile nithe a dh' àithn mi dhuit, ni 
iad. 

12 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

13 Labhair thusa mar an ceudna ri 
cloinn Israeil, ag ràdh, Gu deimhin coimh- 
ididh sibh mo shàbaidean : oir is comh- 
aradh sin eadar mise agus siblise, air feadh 
bhur ginealacha; chum as gu 'm bi fios 
agaibh gur mise an Tighearn, a naomh- 
aicheas sibh. 

14 Coimhididh sibh uime sin an t-sàbaid ; 
oir atai naomha dhuibh. Esan a thruaill- 

G 



70 



ECSODUS. 



eas i, cuirenr gu cinnteach gu bàs e; oir 
gach neach a ni obair oirre, gearrar an 
t-anam sin as o mheasg a shluaigh. 

15 Sè làithean feudar obair a dheanamh, 
ach san t-seachdamh tha sàbaid fhois, 
naomha do 'n Tighearna: gach neach a ni 
obair air là na sàbaid, cuirear gu cinnteach 
gu bàs e. 

16 Uime sin coimhididh clann Israeil an 
t-sàbaid, a ghleidheadh na sàbaid air feadh 
an ginealacha, mar choimhcheangal sìor- 
ruidh. 

17 Eadarmiseagusclann Israeil ùcomh- 
aradh i a chaoidh ; oir ann an sè làithibh 
rinn an Tighearna na nèamhan agus an 
talamh, agus air an t-seachdamh là sguir e, 
agus ghabh e fois. 

18 Agus thug e do Mhaois, an uair a 
sguir e do labhairt ris air sliabh Shinai, dà 
chlàr na Fianuis, clàir chloiche, sgrìobhta 
le meur Dhè. 

CAIB. XXXII. 

AGUS an uair a chunnaic an sluagh gu 'n 
d'rinn Maois moille ann anteachda 
nuas as an t-sliabh, chruinnich iad iad fèin 
gu h- Aaron, agus tliubhairt iad ris, Eirich 
snas, dean dhùinn dèe a thèid romhainn ; 
oir a thaobh a' Mhaois so, an duine a thug a 
nìos sinn à tìr na h-Eiphit, cha 'n 'eil fhios 
againn ciod a thàinig air. 

2 Agus thubhairt Aaron riu, Brisihh 
dhibh na cluas-fhailean òir a ta ann an 
cluasaibh bliur ban, bhur mac, agus bhur 
nigheana, agus thugaibh a m' ionnsuidlis' 
iad. 

3 Agus bhris an sluagh uile dhiubh na 
cluas-rhaileanòir a bha 'nan cluasaibh, ag- 
us tliug iad gu h-Aaron iad. 

4 Agus ghabh e iad as an làimh ; agus 
chum se e le inneal-gearraidh, an dèigh 
dha laogh leaghta dheanamh dheth, agus 
thubhairt iad, Sindodhèe, O Israeil, a thug 
a nìos thu à tìr na h-Eiphit. 

5 Agus an uair a chunnaic Aaron e, thog 
e altair fa 'chomhair, agus thug Aaron 
gairra, agus thubhairt e, Is là f'èille am 
màireach do 'n Tighearn. 

6 Agus dh' èiricli iad suas gu moch air an 
là màireach, agus thug iad suas tabhart- 
ais-loisgte, agus thug iad leo tabhartais- 
sìth : agus shuidh an sluagh sìos a dh' ith- 
eadh agus a dh' òl, agus dh' èirich iad suas 
gu sùgradh. 

7 Agus thubhairtan Tighearnari Maois, 
Imich, falbh sìos ; oirthruaill doshluagh.a 
thug thu mach à tìr na h-Eiphit, iadfèin. 

8 Chlaon iad gu grad o 'n t-slighe a 
dh' àithn mise dhoibh : rinn iad dhoibh fèin 
laogh leaghta ; agus rinn iad aoradh dha, 
agus thug iad suas ìobairtean dha, agus 
thubhairtiad, Sin do dhèe, O Israeil, a thug 
a nìos thu à tìr na h-Eiphit. 

9 Agus thubhairtau Tighearnari Maois, 
Chunnaic raise an sluagh so, agus, feuch, is 
sluagh rag-mhuinealach iad. 

10 A nis uime sin leig leam, agus lasaidh 
mo chorruich 'nan aghaidh, agus claoidh- 
idh mi iad: agus ni mi dhìotsa cinneach 
mòr. 

11 Agus ghuidh Maois air an Tighearn a 
Dhia, agus thubhain e, C' ar son, a Thigh- 
earn, a ta do chorruieh a' Jasadh an aghaidh 



do sliluaigh, a thug thu mach à tìr na 
h-Eiphitle cumhachd mòr, agus le làimh 
thrèin ? 

12 C'ar sonalabhradhnah-Eiphitich.ag 
ràdh, Le droch rùn thuge mach iad, a chum 
am marbhadh sna beanntaibh, agus an 
claoidh bhàrr aghaidh na talmhainn? Pill 

o d' chorruich giiairg, agus gabh aithreach- , 
as do 'n olc so an aghaidh do shluaigh. 

13 Cuimhnich air Abraham, Isaac, agus gj 
Israel, do sheirbhisich, d' an d' thug thu 
mionnan ort fèin, agus r' an d' thubhairt thu, 

Ni mi bhur sliochd lìonmhor mar reulta j 
nèimh, agus am fearann so uile mu 'n do 
labhair mi, bheir mi d' 'ur sliochd-sa, agus | 
sealbhaichidh iad e gu sìorruidh. 

14 Agus ghabh an Tighearn aithreachas 
do 'n olc a thubhairt e gu 'n deanadh e air a j 
shluagh. 

15 Agus thionndaidh Maois, agus chaidh j 
e sìos as an t-sliabh, agus dà chlàr na Fian- L 
uis 'na làimh : bha na clàir sgrìobhta air an { 
dà thaobh ; air an taobh so, agus air an 
taobh ud eile bha iad sgrìobhta. 

16 Agusò'iadnaclàirobairDhè, agusi'e 

'n sgrìobhadh sgrìobhadh Dhè, gearrta air t. 
na clàraibh. 

17 Agus chuala Iosuatoirm an t-sluaigh lr 
an uair a rinn iad gàir, agus tliubhairt e ri , 
Maois, Tha toirm chogaidh sa' champ. 

18 Agusthubhairte, CìrAneguthdh'aoine 

a' deanamh gàir air son na buadha, cha mhò L 
is e guth dhaoine ag èigheach a chionn gu 'n & 
d' thugadh buaidh orra, ach toirm luchd- ^ 
gabhail ciùil a ta mi a' cluinntinn. 

19 Agus co luath 'sa thàinig e 'm fagus a 
do 'n champ, chunnaic e 'n laogh, agus an ^ 
dannsa: aguslascorruich Mhaois, agusthilg ' 
e na clàir as a làimh, agus bhris e iad aig 
bun an t-slèibh. , 

20 Agus ghabh e 'n laogh a rinn iad, ag- \ 
us loisg e san teine e, agus mheil e gu smùr i 
e, agus chrath e air an uisge e, agus thug e L 
air cloinn lsraeil òl dheth. 

21 Agus thubhairt Maois ri h-Aaron, ( : 
Ciod a rinn an sluagh so ort, gu 'n d' thug 
thu peacadh co mhòr orra ? 

22 Agus thubhairt Aaron, Na lasadh fearg ! 
mo thighearna : is aithne dhuit an sluagli, ji 
gu 'm bheil iad so-aomaidh a dh' ionnsuidh u 
an uilc. 

23 Oir thubhairt iad rium, Dean dhuinn l, 
dèe, a thèid romhainn ; oir a thaobh a' s, 
Mhaois so, an duine a thug a mach sinn à ì 
tìr na h-Eiphit, cha 'n fhios duinn ciod a J; 
thàinig air. 

24 Agus thubhairt mi riu, Gach neach 
aig am bheil a bheag a dh' òr, briseadh e 2 
dheth e : agus thug jad dhomh e, agus , 
thilg mi san teine e, agus thàinig a mach an , 
laogh so. 

25 Agus an uair a chunnaic Maois gu 'n .' 
robh an sluagh rùisgte, (oir rùisg Aaron J 
iad a chum an nàire am measg an naimh- r~ 
dean,) 

26 An sin sheas Maois ann an geata a' ' 
chaimp, agus thubhairt e, Cò tha leis an 
Tighearn ? thigeadh e m'ionnsuidh-sa. Ag- 

us chruinnich 'mic Lebhi uile d' a ionu- 
suidh. 

27 Agus thubhairt e riu, Mar so tha 'n 
Tighearna Dia Israeil ag ràdh, cuireadh 
gach duine agaibh a ciilaidheamh air a leis, 



CAIB. XXXIII. 



71 



Offiis rachaibh a steach agus a raach o 
gneata gu geata air feadh a' chaimp, agus 
marbhadh gach duine agaibh a bhràthair, 
agus gach duine a chorapanach, agus gach 
duine a choiiuhearsnach. 

2S Agus rinn clann Lebhi a rèir focail 
Mhaois : agus thuit do'n t-sluagh sanlà sin 
mu thimchioll thri mile fear. 

29 Oir thubhairt Maois, Coisrigibh sibh 
fèiu an diugh don Tighearn, eadlion gaeh 
duine air a mhac, agus air a bhràthair ; a 
chum as gu 'm builich e oirbh beannaehadh 
air an là 'n diugh. 

30 Agus air an là màireach thubhairt 
Maois ris au t-sluagh, Pheacaich sibh peac- 
adh mòr : agus a uis thèid mise suas a 
dh' ionnsuidh an Tighearn, a dh' fheuch- 
ainn an dean mi rèite air son bhur peacaidh. 

31 Agus phill Maois a dh' ionusuidh an 
Tighearn,agusthubhairte, Och ! pheacaich 
an sluagh so peacadh mòr, agus rinn iad 
dhoibh tèin diathan òir : 

32 Gidheadh a nis, ma's toil leat, maith 
dhoibh am peacadh ; ach mur maith, dubh 
mise, guidheam ort, a mach as do leabhar a 
sgrìobh thu. 

33 Agus thubhairtanTighearnari Maois, 
Ge b'e a pheacaich a'm' aghaidh, esan dubh- 
aidh mi niach as mo leabhar. 

34 Uime sin a nis imich, treòraich an 
sluagli a chum an ionaid mu 'n do labhair 
mi riut ; feuch, thèid m' aingeal romhad : 
gidheadh, san là am fiosraich mi, leanaidh 
mi am peacadh orra. 

35 Agus chlaoidh an Tighearn an sluagh, 
a chionn gu 'n d' rinn iad an laogh, a rinn 
Aaron. 

CAIB. XXXITI. 

AGUS thubliairt an Tighearnari Maois, 
Imich, falbh suas as a so, thu fèin ag- 
us an sluagh a thug thu raach à tìr na h- 
Eiphit, a dh' ionnsuidh na tìre a mhionn- 
aich mi do Abraham, do Isaac, agus do Ia- 
cob, ag ràdh, Do d' shliochd-sa bheir mi i : 

2 Agus cuiridh mi aingeal romhad ; agus 
fuadaichidh mi mach an Canaanach, an 
t-Amorach, agus an t-Hiteach, agus am 
Peridseach, agus an t-Hibheach, agus an 
Iebusach ; 

3 A dh' ionnsuidh fearainn a ta sruthadh 
le bainne agus mil : oir cha tèid mi suas 
a' d' mheasg, oir is sluagh rag-mhuinealaeh 
thu ; air eagal gu 'n claoidh mi thu san 
t-slighe. 

4 Agus an uair a chual' an sluagh an 
droch sgeul so, rinn iad bròn ; agus clia do 
chuir duine sam bith air a bhrèaghachd. 

5 Oirthubhairt an Tighearna ri Maois, 
Abair ri cloinn Israeil, /ysluagh rag-mhuin- 
ealach sibh : ann atn platha thèid mi suas 
'nur measg, agus claoidhidh mi sibh : a nis 
uime sin cuiribh dhibli bhur brèaghachd, 
a chum as gu 'in bi tìos agam ciod a ni mi 
ribh. 

6 Agus rùisg clann Israeil am brèaghachd 
dhiubh làimh ri sliabh Horeb. 

7 Agus ghabh Maois am pàilliun, agus 
shuidhich e 'n taohh a mach do 'n champ e, 
fad o 'n champ, agus thug e pàilliun a' 
choimhthionaU mar ainra air. Agus 'na 
lorg sin, chaidh gach neach a bha 'g iarr- 
aidh an Tighearn a mach do phàilliun a' 



choimhthionail, a bha 'n taobh a muigh 
do 'n champ. 

8 Agus an uair a chaidh Maois a mach 
do 'n phàilliun, dh' èirich an sluagh gu lèir 
suas, agus sheas gach duine aig dorus a 
bhùtha, agus dh' amhairc iad an dèigh 
Mhaois, gus an deachaidh e stigh do'n 
phàilliun. 

9 Agus an uair a chaidh Maois a stigh 
do'n phàilliun, thàinig ara meall neoil a 
nuas, agus sheas e aig dorus a' phàilliuin, 
agus labhair an Tighearna ri Maois. 

10 Agus chunnaic an sluagh uile am meall 
neoil 'na shea.samh aig dorus a' phàilliuin : 
agus dh'èirich au sluagh uile suhs, agus 
rinn iad aoradh, gach duine ann an dorus a 
bhùtha. 

11 Agus labhair an Tighearna ri Maois 
aghaidh ri h-aghaidh, mar a labhras duine 
r' a charaid. Agus phill e rìs do 'n c.hamp ; 
ach cha deachaidh a sheirbhiseach losua, 
mac Nuin, duine òg, a mach as a' phàill- 
iun. 

12 Agus thubhairt Maois ris an Tigh- 
earna, Feuch, a ta thu 'g ràdh rium, Tlioir 
suas an sluagh so ; agus cha d' thug thu fios 
dhomh cò chuireas tu maille rium. Gidh- 
eadh thubhairt thu, Is aithne dhomh thu 
air t'ainm, agus mar an ceudua fhuair thu 
deadh-ghean a'm' shùilibh. 

13 A nis uime sin, guidheam ort, ma 
fhuairmi deadh-ghean a d' shùilibh, nochd 
dhomh do shlighe, a chum as gu 'm bi aithne 
agam ort, agus gu'm faigh mi dearlh-ghean 
a' d' shùilibh, agus meas gur e n cinneach 
so do shluagh-sa. 

14 Agus thubhairt e, Thèid mo làthair- 
eachd leat, agus bheir mi fois dhuit. 

15 Agus thubhairt e ris, Mur tèid do 
làthaireachd maille ruinn, na toir suas sinn 
à so : 

16 Oir ciod e leis an aithnichear ann an 
so, gu'n d'fhuair mise agus do shluagh 
deadh-ghean a' d' shùilibh ? Nach ann le d' 
dhol maille ruinn ? Mar so dealaichear sinn, 
mise agus do shluagh, o gach uile shluagh 
a ta air aghaidh na talmhainn. 

17 Agusthubhairtan Tighearnari Maois, 
An ni so mar an ceudna a thubhairt thu, 
ni mise ; oir fhuair thu deadh-ghean a'm' 
shùilibh, agus is aithne dhomh thu 'air 
t' ainm. 

18 Agus tiiubhairt esan, Foillsich dhomh, 
guidheam ort, do ghlòir. 

19 Agus thubhairt e, Bheir mi air mo 
mhaitheas uile dol seach a' d' làthair, agus 
gairmidh mi ainra an TIGHEAIiN a'd' 
fhianuis; agus bitliidh mi gràsmhor dha- 
san d' am bi mi gràsmhor, agus nochdaidh 
mi tròcair dlia-san d' an nochd mi tròcair. 

20 Agus thubhairt e, Cha'n fheud thu 
m' aghaidhs' f haicinn ; oir cha 'n fhaic duine 
air bith mise, agus e heò. 

21 Agus thubhairt an Tighearna, Feuch, 
tha àite làimh rium, agus seasaidh tusa air 
carraig : 

22 Agus an uair a bhios mo ghlòir a' doi 
seaehad, ati sin cuiridh mi thu ann an sgolt- 
adh do'n charraig, agus còmhdaichidh mi 
le m' làimh thu gus an tèid mi seachad. 

23 Agus bheir mi air falbh mo làmh, ag- 
us chi thu mo chùlaobh: ach cha'n fhaic- 
ear m' aghaidh. 



72 



ECSODUS. 



CAIB. XXXIV. 

AGUS thubhairt an Tighearna ri Maois, 
Snaidh dhuit fèin dà chlàr chloiche 
cosrahuil ris na ceud chlàir ; agus sgrìobh- 
aidh mis' air na clàir sin na focail abha air 
na ceud chlàir, a bhris tbu. 

2 Agus bi deas sa' mbaduinn, agus thig 
a nìos sa' mhaduinn do shliabh Shinai, ag- 
us nochd thu fèin an sin dhomhs' air mull- 
ach an t-slèibh. 

3 Agus na tigeadh duine sam bith a nìos 
mailleriut,agus oafaicearduinesant-sliabh 
uile, agus na h-ionaltradh na treudan no 'm 
buar fa chomhair an t-slèibh sin. 

4 Agus shuaidh e dà chlàr chloiche, cos- 
mhuil ris na ceud clilàir ; agus dh'èirich 
Maois suas gu moch sa' mhaduinn, agus 
chaidh e suas do shliabh Shinai, mar a 
dh'àithn an Tighearna dba, agus thug e leis 
'na làimh an dà chlàr chloiche. 

5 Agus thàinig an Tighearna nuas ann an 
neul, agus sheas e maille ris an sin ; agus 
ghairm e air ainm an Tighearn. 

6 Agus chaidh an Tighearna seachad 
fa' chomhair, agus ghairm e, an TIGH- 
EARN, AN TIGHtiARNA DIA, ioclid- 
mhor agus gràsmhor, fad-fhulangach, 
agus pailt' ann an caoimhneas agus am 
fìrinn. 

7 A' gleidheadh tròcair do mhìltibh, a' 
maitheadh aingidheachd agus eusaontais, 
agus peacaidh, agus nach saor air aon dòigh 
an ciontach ; a' leantuinn aingidhpachd nan 
aithrichean air a' chloinn, agus air cloinn na 
cloinne, air an treas agus air a' cheathramh 
ginealach. 

8 Agus rinn Maois deifir, agus chrom e 
a cheann ri làr, agus rinn e aoradh. 

9 Agus thubliairt e, Ma fhuair mi nis 
deadh-ghean a' d' shùilibh, O Thighearna, 
rachadh mo Thighearna, guidheam ort, 
'nar measg, (oirtV sluagh rag-mhuinealach 
iad,) agus maith dhuinn ar n-aingidheachd 
agus ar peacadh, agus gabh sinn mar t'oigh- 
reachd fèin. 

10 Agus thubhairt e, Feuch, ni mise 
coimhcheangal ; ann an làthair do shluaigh 
uile ni mi nithe iongantach, nithe nach 
d' rinneadh an leithid air an talamh uile, no 
ann an aon chinneach : agus chi an sluagh 
uile, am measg am bheil thu, obair an 
Tighearn: oir is ni uamhasach a ni mise 
riut. 

11 Coimhid thusa an ni a tha mi 'g àith- 
neadh dhuit an diugh : Feuch, fuadaichidh 
Mi mach romhad an t-Amorach, agus an 
Canaanach, agus an t-Hiteach, agus am 
Peridseach, agus an t-Hibheach, agus an 
Iebusach. 

12 Thoir an aire dhuit fèin, air eagal 
gu'n dean thu coimhcheangal ri luchd-àit- 
eachaidh na tìre d'am bheil thu dol, air 
eagal gu'm bi e 'na ribeadh a' d' mheadh- 
on : 

13 Ach sgriosaidh sibh an altairean, agus 
brisidh sibh an dealbhan, agus gearraidh 
sibh sìos an doireachan. 

14 Oir cha dean thu aoradh do dhia sam 
hith eile; oir an Tighearna, d'an ainm 
Eudmhor, is Dia eudmhor e : 

15 Air eagal gu 'n dean thu coimhcheang- 
al ri luchd-àiteachaidh na tìre, agus gu 'n 
tèid iad le strìopachas an dèigh an diathan, 



I agus gu 'n toir iad ìobairt d' an dèibh, agus 
gu 'n toir neach cuireadh dhuit, agus gu 'n 
ith thu d' a ìobairt ; 

16 Agus gu 'n gabh thu d' an nigheanaihh 
do d' mhic, agus gu'n tèid an nigheana le 
strìopachas an dèigh an diathan, agus gu'n 
toir iad air do mhic dol le strìopachas an 
dèigh an diathan. 

17 Cha dean thu dhuit fèin diathan leagh- 
ta. 

18 Fèill an arain neo-ghoirtichte cumaidh 
tu: seachd làithean ithidh tu aran neo- 
ghoirtichte, mar a dh'àithn mi dhuit, ann 
an àm a' mhìos Abib ; oir anns a' mhìos 
Abib thàinig thu mach as an Eiphit. 

19 Gach ni a dh' fhosglas a' bhrù is leams' 
e; agus gach ceud-ghin am measg do 
sprèidhe, ma's ann do'n bhuar no do ua 
caoraich e, a bhios firionn. 

20 Ach ceud-ghin asail fuasglaidh tu le 
h-uan ; agus mur fuasgail thu e, an sin bris- 
idh tu 'amhach. Uile cheud-^hin do mhac 
fuasglaidh tu ; agus cha nochdar a h-aon 
a' m' làthair-sa falarah. 

21 Sè làitliean ni thu obair, ach air an 
t-seachdamh là gabhaidh tu fois : ann an 
àm an treabhaidh agus anns an fhoghar 
gabhaidh tu fois. 

22 Agus cumaidh tu fèill nan seachduin, 
a' cheud toraidh do fho^rhar a chruith- 
neachd, agus fèill a' chròdhaidh aun an 
deireadh na bliadhna. 

23 Tri uairean sa' bhliadhna nochdar do 
mhic uile an làthair an Tighearna leho- 
bhah, Dè Israeil : 

24 Oir tilgidh mi mach na cinnich romh- 
ad, agus ni mi do chrìocha ni 's farsuinne ; 
agus cha mhiannaich duine sam bith fr'fhear- 
anu, an uair a thèid thu suas g' ad nochdadh 
fèiu am fianuis an Tighearna do Dhè, tri 
uairean sa' bhliadhna. 

25 Cha 'n ìobair thu fuil m'ìobairt-sa le 
taois ghoirt, cha mhò a dh' fhàgar gu ma 7 
duinn ìobairt fèill na càisge. 

26 Toiseach ceud thoraidh t'fhearainn 
bheir thu do thigh an Tighearna do Dhè. 
Cha bhruich thu meann am bainne a 
mhàthar. 

27 Agus thubhairtanTighearnari Maois, 
Sgrìobh thusa na focail so : oir a rèir brìgh 
nam focal so rinn mise coimhcheangal riut 
fèin agus ri h-Israeil. 

28 Agus bha e 'n sin maille ris an Tigh- 
earna dà fhichead là agus dà fhichead 
oidhche ; clia d' ith e aran, ni mò dh'òle 
uisge : agus sgrìobh e air na clàir focail a' 
choimhcheangail, na deich àitheantan. 

29 Agus an uair a thàinig Maois a nuas o 
shliabh Shinai, (le dà chlàr na Fianuis anu 
an làimh Mhaois, an uair a thàinig e nuas 
o'nt-sliabh) cha robh fios aig Maois gu'u 
do dhealraich croicionn aghaidh, am feadb. 
'sa bha e còmhradh ris. 

30 Agus dh' amhairc Aaron agus clann 
Tsraeil uile air Maois ; agus, feuch, dheal- 
raich croicionn 'aghaidh, agus bha eagal 
orra teachd am fagus da. 

31 Agus ghairm Maois orra ; agus phill 
Aaron agus uachdarain a' choimhthionail 
uile d' a ionnsuidh : agus rinn Maois còmli- 
radh riu. 

32 Agus 'na dhèigh sin thàinig clann Is- 
raeil uile ara fagus da; agus dhàithn e 



CAIB. XXXV. 



73 



dhoibh na h-uile nithe a labhaìr an Tigh- 
earna ris ann an sliabh Shinai. 

33 Agus sguir Maois alabhairt riu ; agus 
chuir e gnùis-bhrat air 'aghaidh. 

34 Acli an uair a ehaidh Maois a steach 
an làthair an Tighearn a labhairt ris, thug 
e 'n gnùis-bhrat deth, gus an d'thàinig e 
raacb. Agus tbàinig e mach, agus labhair 
e ri doinn Israeil an ni sin a dh'àithneadh 
dha. 

35 Agus chunnaic clann Israeil aghaidh 
Mhaois, gu 'n do dhealraich croicionn agh- 
aidh Mhaois : agus chuir Maois an gnùis- 
bhrat air 'aghaidh a rìs, gus an deachaidh 
e stigh a labhairt ris. 

CAIB. XXXV. 

AGUS chruinnich Maois coimhthional 
chloinn Israeil uiler'a chèile, agus 
thubhairt e riu, Sin na nithe a dh'àithn an 
Thighearna, gu'n deanadh sibh iad. 

2 Sè làithean nìthear obair, ach bithidh 
an seachdamh làdhuibh 'nalànaomha, 'na 
shàbaid tbàimh do'n Tighearna: ge b'e 
neaeh a ni obair air, cuirear gu bàs e. 

3 Cba'n fhadaidh sibh teine sam bith air 
feadh bhur n-àiteacha-còmhnuidh air là na 
sàbaid. 

4 Agus labhair Maois ri coimhthional 
chloinn Israeil uile, ag ràdh, So an ni a 
dh'àithn an Tighearn, ag ràdh. 

5 Togaibh 'nur measg tabhartas do'n 
Tighearna : gach neacli aig am bheil cridhe 
toileach, thugadh e leis e, tabhartas do 'n 
Tighearn ; òr, agus airgiod, agus umha, 

6 Agusgorm, agus corcur, agus scarlaid, 
agus anart grinn, agus fionnadh ghabhar, 

7 Agus croicne reitheachan air an dath 
dearg, agus croicne bhroc, agus fiodh 
sitim, 

8 Agus oladh air son soluis, agus spìos- 
raidh air son oladh-ungaidh, agus air son 
tùise cùbhraidh, 

9 Agus clachan onics, agus clachan a 
chum an ceangal, air son na h-ephoid, agus 
air son na h-uchd-èididh. 

10 Agus thigeadh gach duine glic-chridh- 
each 'nur measg, agus deanadh e gach ni a 
dh 'àithn an Tighearn ; 

11 Am pàilliun, a bhùth agus a chòmh- 
dach, a chromagan, agus a bhuird, a 
chroinn, a phuist, agus a bhuinn ; 

12 An àirc agus a bataichean, a' chaith- 
ir-thròcair agus roinn-bhrat a' ciiòmh- 
daich ; 

13 Am bòrd agus a bhataichean, agus a 
shoithichean uile, agus ant-aran taisbean- 
ta ; 

14 Agus an coinnlerra chum an t-soluis, 
agus uidheam, agus a lòchrain, maille ri 
oladh chutn an t-soluis ; 

15 Agus altair na tùise, agus a bataich- 
ean, agusan oladh-ungaidh, agus an tùis 
chùbhraidh, agus an cùirtein air son doruis 
a' phàilliuin ; 

16 Altairnah-ìobairt-loisgteagus acliath 
umha, a bataichean, agus a soithichean 
uile, an soitheach-ionnlaid agus a chos ; 

17 Cùirteinean na cùirte, a puist agus a 
bninn, agus cùirtein air son doruis na 
cùirte ; 

18 Pinneachan a' phàilliuin, agus pinn- 
eachan na cùirte, agus an cùird ; 



19 Eididh an fhrithealaidh, a fhritheal- 
adh san ionad naomh ; an èididh naomha 
air sou Aaroin an t-sagairt, agusèididh air 
son a chuid mac, a thrithealadh ann an 
dreuchd an t-sagairt. 

20 Agus dh'fhalbh coimhthional chloinn 
Israeil uile à làthair Mhaois. 

21 Agus tbàinig iad, gach duine a dhùisg 
a chridhe suas, agus gach duine a rinn a 
chridhe toileach, agus thug iad leo tabh- 
artas an Tigliearu air son oibre pàilliuin à* 
choimhthionail, agus air son a sheirbhis 
uile, agus air son na h-èididh naomha. 

22 Agus thàinig iad, araon fir agus mnài, 
a' mheud's aig an robh cridhe toileach, ag- 
us thug iad leo bràistean agus cluas-fhaii- 
ean, agus fàinneachan, agus criosa-muin- 
eil, gach uidheam òir : agus gach fear a 
thug seachad, thug e seachad tabhartas òir 
do 'n Tighearn. 

23 Agus gach fear aig an d'fhuaradh 
gorm.agus corcur, agus scarlaid, agus anart 
grinn, agusfionnadh ghabhar, agus croicne 
dearg reitheachan, agus croicne bhroc, 
thug iad leo iad. 

24 Gach duine a thug seachad tabhartas 
airgid agus umlia, thug e leis tabliartas an 
Tighearn : agus gach duine aig an d'fhuar- 
adh fiodh sitim chum oibre sam bith do'n 
t-seirbhis, thug e leis e. 

25 Agus shuìom'h na mnài uile a bha 
glic-chridheach le 'nlàmhan,agusthugiad 
leo an ni a shnìomh iad, an gorm, agus an 
corcur, an scarlaid, agus an t-anart grinn. 

26 Agus na mnài uile a dhùisg an cridhe 
suas ann an gliocas, shnìomh iadfionnadh 
ghabhar. 

27 Agus thug na h-uachdarain leo clach- 
an onics, agus clacha chum an ceangal, air 
son na h-ephoid, agus air son na h-uchd- 
eididh ; 

28 Agus spìosraidh, agus cladh air son an 
t-soluis, agus air son na h-oladh-ungaidh, 
agus air son na tùise cùbhraidh. 

29 Thug clann Israeil tabhartas toileach 
a dh'ionnsuidh an Tighearna, gach fear ag- 
us beau a rinn an cridhe toileach a thoirt a 
chum gach gnè oibre, a dh'àithn an Tigh- 
earna dheanamh le làimh Mhaois. 

30 Agus thubhairt Maois ricloinn Israeil, 
Faicibh, ghairm an Tighearn air ainm 
Besaleel mac Uri, mhic Hur, do thrèibh 
Iudah : 

31 Agus lìon se e le spiorad Dhè, ann an 
gliocas, ann an tuigse, agus ann an eòlas, 
agus anns gach gnè oibre ; 

32 Agus a dhealbhadh oibre ealanta, a 
dh' oibreachadh ann an òr, agus ann an 
airgiod, agus ann an umha, 

33 Agus ann an gearradh chlach chum 
an ceangal, agus annan snaidheadli fiodha, 
a dheauamh gnè sam bith a dh'obair eal- 
anta. 

34 Agus chuir e 'na chridhe gu 'n teag- 
aisgeadh e, e fèin agus Aholiab mac Ahi- 
samaich, do thrèibh Dhain. 

35 Lìon e iadsan le gliocas cridhe, a dh'- 
oibreachadh gach gnè oibre, oibre a' ghearr- 
adair,agusanoibriche ealanta, agus an oib- 
riche le snàthaid ann an gorm,agus aun an 
corcur, ann an scarlaid, agns ann an anart 
grinn, agus an fhigheadair, a ni obair sam 
bith, agus a dhealbhas obair ealanta. 

g 2 



ECSODUS. 



CAIB. xxxvi. 

AGUS dh'oibricli Besaleel agus Aholiab, 
agus gach duine glic-chridheach d' an 
d'thug an Tighearna gliocas agus tùr, a 
thuigsinn cionnus a dlieanadh iad gaeh gnè 
oibre air son seirbhis an ionaid naoimh, a 
rèir gach ni a dh'àithn an Tighearn. 

2 Agus ghairm Maois air Besaleel, agus 
air Aholiab, agus air gach duine glic- 
chridheach, d' an d' thug an Tighearna 
gliocas 'na chridhe, eadhon gach aon a 
dhùisg a chridhe suas, gu teachd a chum 
na h-oibre g' a deanamh. 

3 Agus ghabh iad o Mhaois na tabhart- 
asan uile a thugclann Israeil leo chum oibre 
seirbliis an ionaid naoimh, g'a deanamh. 
Agus thug iad fathast d'a ionnsuidh saor 
thabhartasan gach aon mhaduinn. 

4 Agus thàinig na daoine glic uile, a rinn 
uil' obair an ionaid naoimh, gach duine ac' 
o 'obair fèin a bha iad a' deanamh ; 

5 Agus labhair iad ri Maois, ag ràdh, 
Tha 'n sluagh a' toirt leo tuilleadh gu mòr 
na ni's leor, a chum seirbhis na h-oibre a 
dh'àithn an Tighearn a dheanamh. 

6 Agus dh' àithn Maois, agus thugadh 
gairm air feadh a' chaimp, ag ràdh, Na 
deauadh fear no bean sam bith tuilleadh 
oibre air son tabhartais an ionaid naoimh. 
Mar sin thoirmisgeadh do 'n t-sluagh ni 
sam bith a thoirt leo. 

7 Oir bu leòr an t-uidheam a bh'aca air 
son na h-oibre uile, g'a deanamh, agus bu 
tuilleadh 's ni bu leòr e. 

8 Agus rinn gach duine glic-chridheach 
'nam measg-san adh'oibrich obair a' phàill- 
iuin, deich cùirteine do auart grinn toinnte, 
agus do ghorm, agus do chorcur, agus do 
scarlaid ; le cerubaibh a dh' obair ealanta 
rinn e iad : 

9 Fad aon chùirtein ochd làmha-coille 
thar fhichead, agus leud aon chùirtein 
ceithir làmh-coille: na cùirteinean uile 
dh'aon tomhas. 

10 Agus cheangail e cùig cùirteine gach 
aon r'a chèile : agus na cùig cùirteinean 
eile cheangail e gach aon r'a chèile. 

11 Agus rinn e lùban do ghorm air foir 
aon chùirtein, o'n iomall sa' choimhcheang- 
al : air a' mhodh cheudna rinn e ann am 
foir a' chùirtein eile 's faide mach, ann an 
coimhcheangal an dara aoin. 

12 Leth-cheud lùb rinn e ann an aon 
chùirtein, agus leth-cheud lùb rinn e ann 
an iomaU a' chùirtein a bha ann an coimh- 
cheangal an dara aoin : cheangail na lùb- 
an aon chùirtein ri cùirtein eile. 

13 Agus rinn e leth-cheud cromag òir, 
agus choimhcheangail e nacùirteineanaon 
ri h-aon leis na cromagaibh. Mar sin rinn- 
eadh e 'na aon phàilliun. 

14 Agus rinn e cùirteine do fhionnadh 
ghabhar, air son a' bhùtha os ceann a' 
phàilliuin: aon chùirtein deug rinn e 
dhiubh : 

15 B'e fad aon chùirtein deich làmha- 
coille thar fhichead, agus ceithir làmha- 
coille leud aon chùirtein : bha'n t-aon 
chùirtein deug a dh'aon tomhas. 

16 Agus choimhcheangail e eùig cùir- 
teine leo fèin, agus sè cùirteine leo fèin. 

17 Agus rinn e leth-cheud lùb air an 
fhoir a b' fhaide mach do'n chùirtein sa' 



choimhcheangal, agus leth-cheud lùb rinn 
e air foir a' chùirtein a tha coimhcheang- 
al an dara aoin. 

18 Agus rinn eleth-cheud cromag a dh'- 
uinha, a cheangal a' bhùtha r'a chèile, 
chum as gu'm biodh e 'na aon. 

19 Agus rinn e còmhdach do'n bhùth, 
do chroicnibh reitheachan air an dath 
dearg, agus còmhdach do chroicnibh bhroc 
os a cheann. 

20 Agus rinn e buird do'n phàilliun do 
fliiodh sitim, 'nan seasamh : 

21 Deich làmha-coille fad buird, agus 
làmh-choille gu leth leudaon bhuird. 

22 Bha dà làimh aig aon bhòrd, air an 
cur an ordugh aon fa chomhair aoin : mar 
so rinn e ri buird a' phàilliuin uile. 

23 Agus rinn e buird do'n phàilliun : 
fìchead bòrd air son an taoibh dheas, ris an 
àirde deas. 

24 Agus dà fhichead cos airgid rinn e 
fuidh 'n fhichead bòrd : dà chois fuidh aon 
bhòrd a rèir a dhà làimh, agus dà chois 
fuidh bhòrd eile a rèir a dhà làimh. 

25 Agus air son taoibh eile a' phàilliuin 
a ta ris an àirde tuath, rinn e fichead 
bòrd, 

26 Agus an dà fhichead cos adh'airgiod : 
dà chois fuidh aon bhòrd, agus dà chois 
fuidh bhòrd eile. 

27 Agus air son taobhan a' phàilliuin ris 
an àird an iar, rinn e sè buird. 

28 Agus rinn e dà bhòrd air son oisinn- 
ean a' phàilliuin san dà thaobh. 

29 Agus bha iad air an ceangal ri chèile 
fuidhe, agus mar an ceudna bha iad air an 
coimhcheangal aig a cheann ri h-aon 
fhailbheig : mar so rinn e riu le chèile san 
dà oisinn. 

30 Agus bha ochd buird ann, agus an 
cosan a dh'airgiod, eadhon sè cosa deug ; 
dà chois fuidh gach bòrd. 

31 Agus rinn e croinn do fhiodh sitim, 
cùig air son bhòrd aon taoibh do 'n phàill- 
iun. 

32 Agus cùig croinn air son bhòrd an 
taoibh eile do'n phàilliun, agus cùig croinn 
air son bhòrd a' phàilliuin a chum nan 
taobh a ta ris an àird an iar. 

33 Agus thug e air a' chrann mheadh- 
onach dol troimh na bùird o cheann gu 
ceann. 

34 Agus chòmhdaich e thairis na buird 
le h-òr, agus rinn e'm failbheagan a dh'òr 
gu bhi 'nan àitibh do na croinn, agus 
chòmhdaich e thairis na croinn le h-òr. 

35 Agus rinn e roinn-bhrat do ghorm, 
agus do chorcur, agus do scarlaid, agus do 
anart grinntoinnte : a dh'obair ealantarinn 
se e, le cerubaibh. 

36 Agus rinn e dha ceithir puist do 
fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad 
le h-òr : bha 'n cromagan a dh'òr, agus 
thilg e dhoibh ceithir buinn airgid. 

37 Agus rinn e air son doruis a' bhùtha 
brat do ghorm, agus do chorcur, agus do 
scarlaid, agus do anart grinn toinnte, dh'- 
obair shnàthaide : 

38 Agus a chùig puist le 'n cromagaibh : 
agus chòmhdaich e thairisan cinn, agus an 
cuairteagan le h-òr : ach bha 'n cùig buinn 
a dh'umha. 



I A GUS rinn Besaleel an àirc do fhiodh 
X1l_ sitim ; dà làimh-choille gu leth a fad, 
agus làmh-choille gu leth a leud, agus 
làmh-choille gu leth a h-àirde : 

2 Agus chòmhdaich e thairis i le h-òr 
fìor-ghlan a stigh agus a rauigh ; agus 
rinn e coron òir dh' i mu 'n cuairt. 

3 Agus thilg e dh' i ceithir failbheagan 
òir, su bhi air a ceithir oisinnibh ; eadhon 
dà fhailbheig air uon taobh dh' i, agus dà 
fhailbheig air an taobh eile dh'i. 

4 Agus rinn e bataichean do fhiodh 
sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le 
h-òr. 

5 Agus chuir e na bataichean anns na 
failbheagaibh air taobhan na h-àirce, chum 
an àirc a ghiùlan. 

6 Agus rinn e caithir-thròcair a dh' òr 
Fior-ghlan : dà làimh-choille gu leth a fad, 
agus làmh-choille gu leth a leud. 

7 Agus rinn e dà cherub a dh' òr, buailte 
raach à h-aon rnhìr rinn e iad, aig dà 
eheann na caithir-thròcair ; 

8 Aon cherub aig a' cheann air an taobh 
so, agus cerub eile aig a' cheann air an 
taobh ud : a mach as a' chaithir-thròcair 
rinn e na ceruban aig a dà cheann. 

Agus bha na ceruban a' sgaoileadh an 
sgiathan gu h-àrd, a' còmhdachadh le 'n 
sgiathaibh os ceann na caithir-thròcair, ag- 
us an aghaidhean r' a chèile ; ris a' chaith- 
ir-thròcair bha aghaidhean nan cerub. 

10 Agus rinn e'm bòrd do fhiodh sitim : 
dà làimh-choille 'fhad, agus làmh-choille 

leud, agus làmh-choille guleth 'àirde. 

11 Agus chòmhdaich e thairis e le h-òr 
fìor-ghlan, agus rinn e dha coron òir mu 'n 
cuairt. 

12 Mar an ceudna rinn e dha iomall do 
leud boise mu 'n cuairt ; agus rinn e coron 
òir d' a iomall mu 'n cuairt. 

13 Agus thilg e dha ceithir failbheagan 
òir, agus chuir e na failbheagan air na 
ceithir oisinnibh a bha aig a cheithir chos- 
aibh. 

14 Thall fa chomhair an iomaill bha na 
failbheagan, na h-àiteachan do na bataich- 
ibh gus am bòrd a ghiùlan. 

15 Agus rinn e na bataichean do fhiodh 
sitim, agus cliòmhdaich e thairis iad le h- 
òr, gus am bòrd a ghiùlan. 

16 Agus rinn e na soithichean a bha air 
bhòrd, a mhiasan, agus a thùiseirean, 

agus a chopain, agus a chuachan leis an 
toirear seachad tabhartas-dibhe, a dh' òr 
fìor-ghlan. 

17 Agus rinn e 'n coinnleir a dh' òr fìor- 
ghlan ; a dh' obair bhuailte rinn e 'n coinn- 
leir : bha a chos, agus a mheur, a chopain, 
a chnapan, agus a bhlàthan, do'n ni cheud- 

i. f 

18 Agus sè meoir a' dol a mach as a 
thaobhan : tri meoir a' choinnleir à h-aon 
taobh dheth, agus tri meoir a' choinnleir 
as an taobh eile dheth. 

19 Tri copain air an deanamh cosmhuil 
ri almonaibh ann an aon mheur, maille ri 
cnap agus blàth ; agus tri copain air an 
deanamh cosmhuil ri almonaibh ann am 
meur eile, maille ri cnap agus blàth : mar 
sin anns na sè meoir a' dol a' mach as a' 
choinnleir. 



CAIB. XXXVII. XXXVIII. 



75 



20 Agus anns a' choinnleir bha ceithir 
copain air an deanamh cosmhuil ri almon- 
aibh, maille r' a chnaip agus a bhlàthan. 

21 Agus cnap fuidh dhà mheur dheth, 
agus cnap fuidh dhà mheur dheth, agus 
cnap fuidh dhà mheur dheth, a rèir nan sè 
raeur a' dol a mach as. 

22 Bha 'n cnaip agus am meoir do 'n ni 
cheudna : b' aon obair bhuailte a dh' òr 
fìor-ghlan an t-iomlan deth. 

23 Agus rinn e a sheachd lòchrain, asrus 
a smàladairean, agus a smàl-shoithichean, 
a dh' òr fìor-ghlan. 

24 Do thàlann òir fhìor-ghloin rinn se e, 
agus a shoithichean uile. 

25 Agus rinn e altair na tùise do fhiodh 
sitim : làmh-choille a fad, agus làmh-choille 
a leud, {bha i ceithir-chearnach,) agus dà 
làimh-choille a h-àirde ; bha a h-adhairc- 
ean do 'n ni cheudna. 

26 Agus chòmhdaich e thairis i le h-òr 
fìor-ghlan, a mullach, agus a taobhan mu'n 
cuairt, agus a h-adhaircean ; agus rinn e 
coron òir dh' i mu 'n cuairt. 

27 Agus rinn e dà fhailbheig òir dh' i 
fuidh a coron, aig a dà oisinn, air a dà 
thaobh, gu bhi 'nan àitibh do na bataichibh 
chum a giùlan leo. 

28 Agus rinn e na bataichean do fhiodh 
sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le 
h-òr. 

29 Agus rinn e an oladh-ungaidh naomh, 
agus an tùis fhìor-ghlan do spìosraidh 
chùbhraidh, a rèir oibhre an lèigh. 

CAIB. XXXVIII. 

AGUS rinn e altair na h-ìobairt-loisgte 
do fhiodh sitim : cùig làmha-coille a 
fad, agus cùig làmha-coille a leud, (bha i 
ceithir-chearnach,) agus tri làmha-coille a 
h-airde. 

2 Agusrinn e a h-adhaircean air aceith- 
ir oisiunibh : bha a h-adhaircean do 'n ni 
cheudna; agus chòmhdaich e thairis i le 
h-umha. 

3 Agus rinn e uile shoithichean na h-alt- 
arach, na h-aighnean, agus na sluasaidean, 
agus na cuachan, agus na greimicliean, 
agus na h-aighnean teine : a soithichean 
uile rinn e a dh' uraha. 

4 Agus rinn e do 'n altair cliath do lìon- 
obair umha, f a cuairt gu h-ìosal, gu ruig 
a meadhon. 

5 Agus thilg e ceithir failbheagan do 
cheithir oisinnibh na clèith umlia, gu bhi 
'nan àitibh do na bataichibh. 

6 Agus rinn e na bataichean do fhiodh 
sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le 
h-umha. 

7 Agus chuir e na bataichean anns na 
failbheagaibh air taobhan na h-altarach, 
chura a giùlan leo : fàs le bòrdaibh rinn 
e i. 

8 Agus rinn e an soitheach ionnlaid a 
dh' umha, agus a chos a dh' umha, do 
sgàthanaibh nam ban, a chruinnich 'nam 
buidhnibh aig dorus pàilliuin a' choimh- 
thionail. 

9 Agus rinn e a' chùirt air an taobh mu 
dheas, ris an àirde deas : bha cùirteinean 
na cùirte do anart grinn toinnte, ceud 
làmh-choille airfad; 

10 Am puist fichead, agus am buinn 



76 



ECSODUS. 



umha fichead ; bha cromagan nam post 
agus an cuairteagan a dh' airgiod. 

11 Agus air an taobh mu thuath, bha na 
cùirteine do cheud làmh-choille ; am puist 
ficliead, agus am buinn umha fichead : 
cromagan nam post, agus an cuirteagan a 
dh' airgiod. 

12 Agus air an taobh an iar bha cùirteine 
do leth-cheud làmh-choille ; am puist deich, 
agus am buinn deich : cromagan nam post 
agus an cuairteagan a dh' airgiod. 

13 Agus air an taobh an ear ris an àird 
an ear, leth-cheud làmh-choille. 

14 Bha cùirteinean aon taoibh do 'n 
gheata cùig làmha-coille deug ; am puist 
tri, agus am buinn tri. 

15 Agus air son an taoibh eile do gheata 
na cùirte, air an làimh so agus air an 
làimh ud, bha cùirteine do cliùig làmha- 
coille deug ; am puist tri, agus am buiun 
tri. 

16 Bha cùirteinean na cùirte uile mu 'n 
cuairt a dh' anart grinn toinnte. 

17 Agus bha buinn nam post a dh' umha ; 
cromagan nam post, agus an cuairteagan a 
dh' airgiod, agus còmhdach an eeann a 
dh' airgiod ; agus bha uile pliuist na 
cùirte air an ceangal mu 'n'cuairt le h-air- 
giod. 

18 Agus bha 'm brat air son geata na 
cùirte 'na obair shnàthaid do ghorm, agus 
do chorcur, agus do scarlaid, agus do anart 
grinn toinnte : agus b' e fichead làmh- 
choille 'fhad, agus b' e àirde san leud cùig 
làmha-coille, a' coimh-fhreagairt do chùirt- 
einibh na cùirte : 

19 Agus am puist ceithir, agus am buinn 
umha ceithir ; an cromagan a dh' airgiod, 
agus còmhdach an ceann, agus an cuairt- 
eagan a dh' airgiod. 

20 Agus bha uile phinneachan a' pliàill- 
iuin, agus na cùirte mu 'n cuairt, a dh'- 
umha. 

21 Is e sin àireamli nithe a' phàilliuin, 
pàilliuin na Fianuis, mar a dh' àirmheadh 
iad, a rèir àithne Mhaois, air son seirbhis 
nan Lebhitheach, le làimh ltamair, mhic 
Aaroin an t-sagairt. 

22 Agus rinn Besaleel mac Uri, mhic 
Shur, do thrèibh Iudah, gach ni a dh'àithn 
an Tighearna do Mhaois ; 

23 Agus maille ris Aholiab, mac Ahi- 
samaich, do thrèibh Dhain, gearradair, ag- 
us oibriche ealanta, agus fear oibre grèise 
ann an gorm, agus ann an corcur, agus 
ann an scarlaid, agus ann an anart grinn. 

24 B'e 'n t-òr uile a chuireadh am feum 
san obair, ann an uil' obair an ionaid 
naoimh, eadhon òr an tabhartais, naoi tàl- 
anna fichead, agus seachd ceud agus deich 
secel 'ar fhichead, a rèir seceil an ionaid 
naoimh. 

25 Agus b'e airgiod na muinntir a dh' àir- 
mheadh do 'n choimhthional, ceud tàlann, 
agus mìle agus seachd ceud agus cùig 
secel deug agus tri fichead, a rèir seceil an 
ionaid naoimh. 

26 Becah air son gach fir. 's e sin Jeth 
seceil, a rèir seceil an ionaid naoimh, air 
son gach aon a chaidh gu bhi air an àir- 
eamh, o fhichead bliadhn' a dh' aois agus 
os a cheann, air son shè ceud mìle agus thri 
inìle agus chùig ceud agus leth-cheud/ear. 



27 Agus do 'n cheud tàlann airgid thilg- 
eadh buinn an ionaid naoimh, agus buinn 
an roinn-blirait ; ceud boun do 'n cheud 
tàlann, tàlann do gach bonn. 

28 Agus do 'n mhìle agus sheachd ceud 
agus a' chùig secel deug agus tri fichead, 
rinn e cromagan do na puist, agus chòmh- 
daich e 'n cinri, agus chuir e cuairteagan 
mu 'n timchioll. 

29 Agus b' e umha an tabhartais deich 
agus tri fichead tàlann, agus dà mhìle agus 
ceithir cheud secel. 

30 Agus rinn e le sin na buinn do dhorus 
pàilliuin a choimhthionail, agus an altair 
umha, agus a' chliath umha aice, agus 
soithicheàn na h-altarach uile, 

31 Agus buinn na cùirte mu'n cuairt, ag- 
us buinn geata na cùirte, agua uile phinn- 
eaclian a' phàilliuin, agus uile phinneaclian 
na cùirte mu 'n cuairt. 

CAIB. XXXIX. 

AGUS do'n ghorm, agus do'n chorcur, 
agus do'n scarlaid, rinn iad èididh 
frithealaidh. gu frithealadh san ionad 
naomh, agus rinn iad èididh naomh do 
Aaron ; mar a dh' àithn an Tighearna do 
Mhaois. 

2 Agus rinn e 'n ephod do òr, do ghorm, 
agus do chorcur, agus do scarlaid, agus do 
anart grinn toinnte. 

3 Agus bhuail iad a mach an t-òr 'na 
leacaibh tana, agus ghearr iad e 'na shnàith- 
nibh, a chum oibreachadh am measg a* 
ghuirm, agus am measg a' chorcuir, agus 
am measg na scarlaid, agus am measg an 
anairt ghrinn le h-obair ealanta. 

4 Rinn iad mìrean-guailne dh'i, ceaner- 
ailte ri chèile air a dà fhoir : mar sin 
chuireadh ri chèile i. 

5 Agus bha crios rìomhach na h-ephoid a 
bha air a h-uachdar, do'n ni cheudna, a rèir 
a h-oibre fèin ; eadhon do òr, do ghorm, 
agus do chorcur, agus do scarlaid, agus do 
anart grinn toinnte ; mar a dh' àithn an 
Tighearna do Mhaois. 

6 Agus dh' oibrich iad clachan onics 
ceangailte ann am failibh òir, air an gearr- 
adh le gearradh seulaidh, le ainmibh 
chloinn Israeil orra. 

7 Agus chuir e iad air guailnibh na h- 
ephoid, gu bhi 'nan clacha cuimhneachain 
do chloinn Israeil ; mar a dh' àithn an 
Tighearna do Mhaois. 

8 Agus rinn e 'n uchd-èididh le h-obair 
ealanta, a rèir oibre na h-ephoid, do òr, do 
ghorm, agus do chorcur, agus do scarlaid, 
agus do anart grinn toinnte. 

9 Bha i ceithir-chearnach ; rinn iad an 
uchd-èididli dà-fhillte : rèis a fad, agus rèis 
a leud; bha i dà-fhillte. 

10 Agus chuir iad innte ceithir sreathan 
chlach : a' cheud sreath, sardius, topas, ag- 
us carbuncul : so a' cheud sreath. 

11 Agus an dara sreath, emerald, saphir, 
agus daoimein. 

12 Agus an treas sreath, ligur, agat, ag- 
us ametist. 

13 Agus an ceathramh sreath, beril, 
onics, agus iasper: bha iad air an ceangal 
ann am failibh òir nan suidheachadh. 

14 Agus bha na clachan arèir ainmeanna 
chloinn Israeil, a dhà-dheug a rèir an ainra- 



CAIB. XL. 



D >anua, Ie gearradh seulaidh, gach aon 
tca le h-ainm fèin, a rèir an dà thrèibh 
Iheug. 

15 Agus rinn iad air an uchd-èididh 
, ;labhruidhean aig na cinn, a dh' obair 
.., ìhnìomhta d/i'òr fior-ghlan. 

16 Agus rinn iad dà fhail òir, agus dà 
I "hàinne òir: agus chuir iad an dà fhàinne 

ur dà cheann na h-uchd-èididh. 
u 17 Agus chuir iad an dà shlabhruidh 
j ;hnìomtìta san dà fhàinne air cinn na 

i-uchd-èididh. 
J 18 Agus dhaingnich iad dà cheann na dà 
j •hlabhruidh shnìomhta san dà fhail, agus 
,j iiuir siad iad air mìribh-guailne na h-eph- 
: nd, air a beulaobh. 

j, 19 Agus rinn iad dà fhàinne òir, agus 
,] "huir siad iad air dà cheann na h-uchd-èid- 
( dh, air an iomall d'i, a bha air taobh na 

ì-ephoid a stigh. 
20 Agus rinn iad dù fhàinne òir eile, ag- 

as chuir siad iad air dà thaobh na h-ephoid 
, fà. h-ìosal, leth ris a' chuid bheoil d'i, fa 
■ 'homliair a' choimhcheangail eile, os ceann 
j brios rìomhach na h-ephoid. 
( 21 Agus cheangail iadan uchd-èididhleis 
3 i fainnibh ri fainnibh ua h-ephoid le h-èill 

jhuirm, a chum gu'm bitheadh i os ceann 

'rios rìomhach na h-ephoid, agus nach 
.3 ìiodh an uchd-èididh air a fuasgladh o'u 

mhoid ; mar a dh'àithn an Tigtìearna do 

Mhaois. 

22 Agus rinn e falluinn na h-ephoid a 
: 8 ' Ih' obair fhighte, uile do ghorm. 

23 Agus bha toll am meadhon na fall- 
l iiinn, mar tholl Iùirich-mhàillich, agus foir 

jmchioll a tuill, a chum nach reuhtadh i. 

24 Agus rinn iad air iomallaibh na fall- 
] linn pomgranata do ghorm, agus do chor- 

'ur, agus do scarlaid, agus do anart 
I ;oinnte. 

1 25 Agusrinniadcluiga<//i'òrfìor-ghlan, 
J agus chuir iad na cluig eadar napomgran- 
9 atan, air iomall na falluinn mu'n cuairt 

aadar na pomgranata : 
26 Clag agus pomgranat, clag agus pom- 
i granat, air iomall na falluinn mu 'n cuairt, 
3 i fhrithealadh innte ; mar a dh' àithn an 

Tigliearna do Mhaois. 
1 27 Agus rinn iad còtaichean arfA'anart 
, grinn, a dh' obair fhighte, air son Aaroin 
!• agus a chuid mac, 

l ' 28 Agus crùn-sagairt a dh' anart grinn, 
' agus boneidean sgiamhach « dh' anart 

grinn. agus briogais anairt a dh' anart grinu 

toinnte, 

29 Agus crios do anart grinn toinnte, ag- 
us do ghorm, agus do chorcur, agus do 
scarlaid, a rf/i'obair shnàthaide ; mar a 
dh'àithn an Tighearna do Mhaois. 

30 Agus rinn iad leac a' chrùin naoimh 
a r/A'òr fìor-ghlan, agus syrìobh iad oirre 
sgrìobhadh, cosmhuil ri gearradh seulaidh, 
NAOMHACHD DO'N TIGHEARNA. 

31 Agus cheangail iad rithe iall do 
horm, g' a daingnèachadh air a' chrùn gu 
-àrd; mar a dh'àithn an Tighearna do 

Mhaois. 

32 Mar so chrìochnaicheadh uil' ohair 
pàilliuin bùtha a' choimhthionail : agui 
rinn clann Israeil a rèir gach ni a dh'àithn 
an Tighearna do Mhaois ; mar sin rinn 
iad. 



33 Agus thug iad am pàilliun gu Maois, 
am bùth, agus 'airneis uile, a chromagan, 
a bhuird, a chroinn, agus a phuist, agus a 
bhuinn; 

34 Agus an còmhdach do chroicnibh 
reitheaclian air an dath dearg, agus an 
còmhdach do chroicnibh bhroc, agus brat 
a' chòmhdaich ; 

35 Airc na Fianuis, agus a bataichean, 
agus a' chaithir-thròcair ; 

36 Am bòrd agus a shoithichean uile, 
agus an t-aran taisbeanta ; 

37 An coinnleir fìor-ghlan agus a lòch- 
rain, eadhon a lòchrain gu bhi air an cur 
ann an ordugh, agus a shoithichean uile, 
agus an oladh a chum soluis ; 

38 Agus an altair òir, agus an oladh- 
ungaidh, agus an tùis chùbhraidh, agus ara 
brat air son doruis a' phàilliuin ; 

39 An altair umha, agus a cliath umha, 
a bataichean, agus a soithichean uile, an 
soitheach-ionnlaid agus a chos ; 

40 Cùirteinean na cùirte, a puist, agus a 
buinn, agus am brat air son geata na 
cùirte, a cuird, agus a pinneachan, agus 
uile shoithichean seirbhis a' phàilliuin, air 
son bùtha a' choimhthionail ; 

41 Eudach an fhrithealaidh gu fritheal- 
adh sau ionad naomh, an t-eudach naomh 
air son Aaroin an t-sagairt, agus eudach a 
chuid mac, a fhrithealadh ann au dreuchd 
an t-sagairt. 

42 A rèir gach ni a dh'àithn an Tigh- 
earna do Mhaois, mar sin rinn clann Israeil 
an obair uile. 

43 Agus dh'amhairc Maois air an obair 
uile, agus, feuch, rinn iad i mar a dh' àithn 
an Ti-hearn eadhon mar sin rinn iad i: 
agus bheanuaich Maois iad. 

CAIB. XL. 

AGUS labhair au Tighearnari Maois, ag 
ràdh, 

2 Air a' cheud là do'n cheud mhìos 
cuiridh tu suas pàilliun bùtha a' choimh- 
thionail. 

3 Agus cuiridh tu ann àirc na Fianuis, 
agus folaichidh tu 'n àirc leis an roinn- 
bhrat. 

4 Agus bheir thu stigh am bòrd, agus 
cuindh tu 'n ordugh na nithe a ta gu bhi 
air an cur an ordugh air ; agus bheir thu 
stigh an coinnleir, agus lasaidh tu a lòch- 
rain. 

5 Agus suidhichidh tu 'n altair òir a ta 
chumìiatùise fa chotnhair àirce na Fian- 
uis, agus cuiridh tu brat an doruis ris a' 
phàilliun. 

6 Agus suidhichidh tu altair na h-ìoh- 
airt : loisgte fa chomhair doruis pàilliuin 
bùtha a' choimhthionail. 

7 Agus suidhichidh tu 'n soitheach-ionn- 
laid eadar bùth a' choimhthionail agus an 
altair, agus cuiridh tu uisge ann. 

8 Agus cuiridh tu suas a' chùirt mu 'n 
cuairt, agus crochaidh tu suas am brat aig 
geata na cùirte. 

9 Agus gabliaidh tu an oladh-ungaidh, 
agus ungaidh tu am pàilliun, agus gach ni 
a ta ann, agus naoinhaichidh tu e, agus a 
shoithichean uile : agus bithidh e naomh. 

10 Agus uugaidh tu altair na h-ìobairt- 
loisgte, agus a soithichean uile, agus 



78 



ECSODUS. 



naomhaichidh tu an altair : agus bithidh 
an altair ro-naomha. 

11 Agus ungaidh tu an soitheach-ionn- 
laid agus a chos, agus naomhaichidh tu 
e. 

12 Agus bheir thu Aaron agus a mhic 
gu dorus bùtha a' choimlithionail, agus 
ionnlaididh tu iad le h-uisge. 

13 Agus cuiridh tu air Aaron an t-eudach- 
naomha, agus ungaidh tu e, agus naomh- 
aichidh tu e ; agus fritheilidh e dhomhsa 
ann an dreuchd an t-sagairt. 

14 Agus bheir thu leata mhic, agus cuir- 
idh tu còtaichean orra, 

15 Agus ungaidh tu iad, mar a dh'ung 
thu 'n athair, agus fritheilidh iad dhomhsa 
ann an dreuchd an t-sagairt ; oir bithidh gu 
deimhin an ungadh-san dhoibh a chum 
sagartachd sìorruidh air feadh an gineal- 
acha. 

16 Agus rinn Maois a rèir gach ni a 
dh'àithn an Tighearna dha : mar sin rinn 
e. 

17 Agus b' anns a' chetid mhìos, san dara 
bliadhna, air a' cheud là do 'n mhìos, a 
chuireadh suas am pàilliun. 

18 Agus chuir Maois suas am pàilliun 
agus dhaingnich e a bhuinn, agus chuir e 
suas a bhuird, agus chuir e stigh a chroinn, 
agus thog e suas a phuist. 

19 Agus sgaoil e mach am bùth os ceann 
a' phàilliuin, agus chuir e còmhdach a' 
bhùtha air os a cheann ; mar a dh' àithn an 
Tighearna do Mhaois. 

20 Agus ghabh e agus chuir e an Fhian- 
uis anns an àirc, agus chuir e na bataich- 
ean air an àirc, agus chuir e a' chaithir- 
thròcair air an àirc os a ceann. 

21 Agus thug e 'n àirc a stigh do'n phàill- 
iun, agus chuir e suas brat a' chòmhdaich, 
agus chòmhdaich e àirc na Fianuis ; mar a 
dh' àithn an Tighearna do Mhaois. 

22 Agus chuir e 'm bòrd ann am bùth a' 
choimhthionail, air taobh a' phàilliuin mu 
thuath, an taobh a muigh do 'n roinn- 
bhrat. 

23 Agus chuir e 'n t-aran ann an ordugh 
air, ann an làthair an Tighearna ; mar a 
dh' àithn an Tighearna do Mhaois. 

24 Agus chuir e 'n coinnleir ann am bùth 
a' choimhthionail, thall fa chomhair a' 



bhuird, air taobh a' phàilliuin ris an àirde 
deas. 

25 Agus las e na lòchrain ann an làthaflH 
an Tighearna ; mar a dh' àithii an Tigh- 
earna do Mhaois. 

26 Agus cliuir e'n altair òir ann am bùth 
a' choimhthionail, air beulaobh an roinn- 
bhrait. 

27 Agus loisg e tùis chùbhraidh oirre ; 
mar a dh'àithn an Tigliearna do Mhaois. 

28 Agus chuir e suas am brat aig dorus 
a' pliàilliuin. 

29 Aguschuirealtair na h-ìobairt-loisgte ; 
làimh ri dorus pàilliuin bùtha a' choinih- 
thionail, agus thug e suas oirre an iobairt- 
loisgte, agus an tabhaitas-hìdh ; mar a 
dh'àithn an Tii, r hearna do Mliaois. 

30 Agus chuir e 'n soitheach-ionnlaid 
eadar bùth a' choimhthionail agus an alt- 
air, agus chuir e uisge ann, a dh' ionnlad 
leis. 

31 Agus dh'ionnlaid Maois, agus Aaron, 
agus a nihic, an làmhan agus an cosan 
aige. 

32 An uair a bha iad gu dol a stigh dn 
bhùth a' choimhthionail, agus gu teachd 
ara fagus do'n altair, dh' ionnlaid siad iad 
fèin, mar a dh' àithn an Tighearna do 
Mhaois. 

33 Agus chuir e suas a' chùirt timchioll 
a' phàiiliuin agus na h-altarach, agns chuir 
e suas brat geata nacùirte : marsin chrìoch- 
naich Maois an obair. 

34 An sin chòmhdaich neul bùth a' 
choimhthionail, agus lìon glòir an Tigh- 
earn am pàilliun. 

35 Agus cha b' urrainn Maois dol a stigh 
do bhùth a' choimhthionail, a chionn gu 'n 
do ghabh an neul còmhnuidh air, agus 
gu 'n do lìon glòir an Tighearn am pàilliun. 

36 Agus an uair a dh'èirich an neul suas 
o mhullach a' phàilliuin, chaidh clann 
Israeil air an aghaidh 'nan uile thurus- 
aibh : 

37 Ach mur d'èirich an neul suas, an sin 
cha do thriall iad gus an là san d' èirich e 
suas : 

38 Oir bha neul an Tighearn air a' phàill- 
iun san là, agus bha teine air san oidhche, 
ann an sealladh thighe Israeil uile, air feadh 
an uile thurusan. 



LEBHITICUS. 



CAIB, I. 

AGUS ghairm an Tighearna air Maois, 
agus labhair erisàpàilliun a' choimh- 
thionail, ag ràdh, 

2 Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, 
Ma bheir duine sam bith agaibh tabhartas 
a dh'ionnsuidh an Tighearna, bheir sibh 
bhur tabhartas do 'n sprèidli, eadhon do 'n 
bhuar agus do 'n treud. 



3 Ma bhios a thabhartas do'n bhuar 'na 
ìobairt-loisgte,thugadh e seachad beathach 
firionn gun ghaoid : aig dorus pàilliuin a' 
choimhthionail bheir e seachad e d'a shaor 
thoil fèin, an làthair an Tighearn. 

4 Agus cuiridh e a làmh air ceann na 
h-ìobairt-loisgte : agus gabhar air a shou 
i, a dheanamb rèite air a shon. 

5 Agus marbhaidh e 'n tarbh òg an làth- 



CAIB. 

• Ar an Tighearn : agus bheir na sagairt, mic 
Varoin, leo an fhuil, agus crathaidh iad 
ji fhuil mu 'n cuairt air an altair, a ta aig 
llorus pàilliuin a' choimhthionail. 

6 Agus fionnaidh e an ìobairt-loisgte, 
igus gearraidh e i "na mìribh. 

7 Agus cuiridh mic Aaroin an t-sagairt 
eine air an altair, agus leagaidh iad tìodh 
.nn an ordugh air au teine. 

8 Agus leagaidh na sagairt, mic Aaroin, 
i ìa mìrean, an ceann, agus an t-saill, ann 

io ordugli air an fhiodh a ta air an teiue, 
ì i tha air au altair. 

■ 9 Ach a rahionach agus a chosan nighidh 
- * ann an uisge : agus loisgidh an sagart au 

-iomlan air an altair, mar ìobairt-loisgte, 
abhartas a blieirear suas le teine, a dh'f hàile 

: a 'ùbhraidh do n 1'ighearn. 

: & 10 Agus ma 's ann do na treudaibh a bliios 

■ i thabhartas, eadlion do na caoraich, no do 
la gabhraibh, chum ìobairt-loisgte ; 'na 

jj ihwtfiach firionn gun ghaoid bheir e 
ì eis e. 

11 Agus marbhaidh se e aig taobh na 
à ì-aitarach mu thuath ann an làtliair an 
à I'ighearn : agus crathaidh na sagairt, mic 

Aaroin, 'fhuil air an altair mu 'n cuairt. 
1 1 12 Agus gearraidh e 'na mhìribh e, 
naille r' a cheann agus r' a shaill ; agus 
| luiridh an sagart iad ann an ordugh air an 
a 'hiodh a ta air an teine, a tha air an altair. 
«_ 13 Ach nighidli e am mionach agus na 
josan le h-uisge ; agus bheir an sagart leis 
• i m t-iomlan, agus loisgidh e air an altair e, 
itj mar ìobairt-lòisgte, tabliartas a bheirear 
ìuas le teine, a dh' fhàile cùbhraidh do 'n 
d righearn. 

3 14 Agus ma's ann do eunaibh a bhios a 
à| thabhartas do 'n Tighearna churn ìobairt- 
_ loisgte, an sin bheir e a thabhartas do 
. ji thurturaibh, no do cholumanaibh òga. 

2 15 Agus bheir an sagart e chum na 

3 h-altarach, agus snìomhaidh e a cheann 
deth, agus loisgidh e air an altair e ; agus 

J fàisgear a mach 'fhuil air taobh na h-altar- 
H ach. 

16 Agus spìonaidh e a gheuhan as maiile 
j r' a chlòimh, agus tilgidh e iàimh ris an 
J aitair e, air an taobh an ear, a dh' àite na 
1 luatha. 

: 17 Agus sgoiltidh e maille r' a sgiathaibh 
e, ach cha roinn e o chèile e : agus loisgidh 
an sagart e air an altair, air an fhiodh a ta 
air an teine, mar ìobairt-loisgte, tabiiartas 
a bheirear suas le teine, a dh' fhàile cùbh- 
_ raidh do 'n Tighearn. 

CAIB. II. 

AGUS an uair a bheir neach air bith 
tabhartas-bìdh do 'n Tighearna, bith- 
idh a thabhartas do phiùr mìn : agus dòirt- 
idh e oladh air, agus cuiridh e tùis air : 

2 Agus bheir se e gu mic Aaroin, na sag- 
artan, agus gabhaidh e as làu a dhuiru d' a 
phlùr, agus d' a oladh, maille r' a thùis uile ; 
agus loisgidh an sagart a chuimhneachan 
air an aliair, gu bhi 'na thahhnrtas air a 
thoirt suas le teine, a dh' fliàile cùbhraidh 
do 'n Tighearn. 

3 Agus fuigheall an tabhartais-bhìdh, is 
le Aaron agus le 'mhic e : is ni ro-naomha 
e do thabhartasaibh an Tighearn air an toirt 
suas le teiue. 



II. III. 79 

4 Agus ma bheir thu seachad tabhartas- 
bìdh air a dheasachadh san àmhuinn, is 
breacagan neo-ghoirtichte do phlùr mìn 
measgta leh-oladli abhiosann, no dearnag- 
an neo-ghoirtichte ungta le h-oladh. 

5 Agus ma's tabhartas-bìdh air a dkeas- 
achadh ann an aghainn a bhios a' d'thabh- 
artas, bithidh e do phlùr mìn neo-glioirt- 
ichte, measgta le h-oladh. 

6 Roinnidh tu e 'na mhìribh, agus 
dòirtidh tu oladh air: is tabhartas-bìdh a 
t' ann. 

7 Agus ma bhios do thabhartas 'na thahh- 
artas-bìdh o n aghann-ròstaidh, nìthear e 
do phlùr mìn le h-oladh. 

8 Agus bheir thu 'n tabhartas-bìdh, a 
nìthear do na nithibh so, chum an Tigh- 
earu : agus an uair a thaisbeanar do 'n 
t-sagart e, bheir se e chum na h-altarach. 

9 Agus gabhaidh an sagart asan tabhart- 
as-bhìdh cuimhneachan dheth, agus loisg- 
idh se e air an altair : is tabhartas a th' ann 
air a thoirt suas le teine, a dh' fhàile cùbh- 
raidh do 'n Tighearn. 

10 Agus an ni a dh' f hàgar do 'n tabhartas- 
bhìdh, is le Aaron agus le 'mhic e : tha e 
'na ni ro-naomha do thabhartais an Tigh- 
earu air an toirt suas le teine. 

11 Cha deanar tabhartas-bìdh sam bith, 
a bheir sibh a dh' ionnsuidb an Tighearna, 
le taois ghoirt ; oir cha loisg sibh a bheag- 
do thaois ghoirt, no do mhil, ann an tabh- 
artais an Tigheain a bheirear suas le 
teiue. 

12 A thaobh tabhartais a' cheud toraidh, 
bheir sibh seachad e do 'n Tighearn : ach 
cha loisgear air an altair e chum fàile 
chùbhraidh. 

13 Agus gach tabhartas-bìdh a bheir thu 
leat, ni thu blasda le salann : cha mhò a 
leigeas tu le salaun coimhcheangail do Dhe 
bhi dh' easbhuidh air do thabhartas-bìdh : 
le d' thabhartais uile bheir thu seachad 
salaun. 

14 Agus ma bheir thu seachad tabhartas- 
bìdh do d' cheud thoradh do 'n Tighearna, 
bheir thu seachadmar antabhartas-bìdh do 
d' cheud thoradh, diasa glasa do arbhar 
cruaidhichte leis an teine, eadhon sìol 
buailte as na diasaibh ùra. 

15 Agus cuiridii tu oladh air, agus leag- 
aidh tu tùis air : is tabhartas-bìdh e. 

16 Agus loisgidh an sagart a chuimh- 
neachan, cuid d a arbhar buailte, agus cuid 
d' a oladh, maille r' a thùis uile : is tabhartas 
e a bheirear suas le teine do 'n Tighearn. 

CAIB. III. 

AGUS ma bhios a thabhartas a chum ìoi>- 
airt tabhartasan-sìth, ma 's ann do 'n 
bhuar a bheir e seachad e, ma 's tìrionn no 
boirionn e, bheir e s-eachad è gu 'n ghaoid 
an làthair au Tighearn. 

2 Agus cuiridh e a làmh air ceann a 
thabhai tais, agus marbhaìdh se e aig dorus 
pàilliuin a' choimhthionail : agus crathaidh 
mic Aaroin, na sagartan, an fhuil air an 
altair mu 'n cuairt. 

3 Agus bheir e seachad do ìobairt nan 
tabhartas-sìth, tabhartas a bheirear suas le 
teine do 'n Tighearn ; an t-saill a ta còmh- 
uachadh a' mbionaich, agus an t-saill uilc 
a th' air a' mhionach, 



80 



LEBHITICUS. 



4 Agus an dà àra, agus an t-saill a ta 
orra, nta airan loch-'lèin, agus an sgairt a 
ta os ceann nan àinean ; maille ris na 
h-airnibh, bheir e air falbh i. 

5 Agus loisgidh mic Aaroin e air an alt- 
air, air an ìobairt-loisgte, a ta air an f hiodh 
a th' air an teine : is tabhartas e a-bheirear 
suas le teine, a dh' fhàile cùbhraidli do 'n 
Tighearn. 

6 Agus ma's ann do 'n treud a bhios a 
thabhartas chum ìobairt tabhartasan-sìth 
do 'n Tighearn, firionn uo boirionn; bheir 
e seachad e gun ghaoid. 

7 Ma bheir e seachad uan mar a thabh- 
artas, bheir e seachad e an làthair an Tigh- 
earn. 

8 ftgus cuiridh e a làmh air ceann a 
thabhartais, agus marbhaidli se e fachomh- 
air pàilliuin a' choimhthionail : agus crath- 
aidh mic Aaroin 'fhuil air an altair mu 'n 
cuairt. 

9 Agus bheir e seachad cuid do ìobairt 
nan tabhartas-sìth, mar thabtiartasa bheir- 
ear suas le teine do'n Tighearn ; a shaill ag- 
us an t-earball uile, teann air a' chnàimh- 
dhroma bheir e air falbh e ; agus an t-saill 
a ta eòmhdachadh a' mhionaich, agus an 
t-saill uile a ta air a' mhionach, 

10 Agus an dà àra, agus an t-saill a ta 
orra, a ta làimh ris an loch-'lèin, agus an 
sgairt os ceann nan àinean ; maille ris na 
h-airnibh, bheir e air falbh i. 

11 Agus loisgidh an sagart e air an alt- 
air; is e hiadh an tabhartais a bheirear 
suas le teine do 'n Tighearn. 

12 Agus ma 's gabhar a bhios 'na thabh- 
artas, bheir e seachad i an làthair an Tigh- 
earn. 

13 Agus cuiridh e a làmh air a ceann, 
agus marbhaidh e i fa chomhair pàilliuin 
a' choimhthionail : agus crathaidh mic Aa- 
roin a fuil air an altair mu 'n cuairt. 

14 Agus bheir e seachad dh' i a thabh- 
artas, eadhon tabhartas a bheirear suas le 
teine do 'n Tighearn ; an t-saill a tha còmh- 
dachadh a' mhionaich, agus an t-saill uile 
a ta air a' mhionaeh, 

15 Agus an dà àra, agus an t-saill a ta 
orra, a tha làimh ris an loch-'lèin, agus an 
sgairtos ceann nan àinean; maille ris na 
h-airnibh, bheir e air falbh i. 

16 Agus loisgidh an sagartiad air an alt- 
air : is iad biadh an tabhartais a bheirear 
suas le teine, chum fàile chùbhraidh. An 
t-saill uile is leis an Tighearn. 

17 Bithidh e 'na reachd bith-bhuan do'r 
ginealachaibh air feadh bhur n-àiteacha- 
còmhnuidh uile, nach ith sibh saill no fuil 
sam bith. 

CAIB. IV. 

AGUS labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

2 Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Ma 
pheacaicheas anam trìd aineolais an agh- 
aidh aoin sam bith a dh' àitheantaibh an 
Tighearn, (a ihaobh nithe nach bu chòir a 
dheanamh,) agus gu 'n dean e ni an agh- 
aidh aoin diubh ; 

3 Ma pheacaicheas an sagart a chaidh 
ungadh, a rèir peacaidh an t-sluaigh ; an 
sin thugadh e air son a pheacaidh a pheac- 
aich e, tarbh òg gun ghaoid a dh' ionn- 



suidh an Tighearna chum ìobairt-pheac- 
aidh. 

4 Agus bheir e an tarbh gu dorus pàill- 
iuin a' clioimhthionail an làthair an Tigh- 
earn ; agus cuiridh e a làmli air ceann an 
tairbh, agus marbhaidh e 'n tarbh an iàth- 
air an Tighearn. 

5 Agus gabhaidh an sagarta chaidh ung- 
adh, cuid do fhuil an tairbh, agiia biieir e i 
gu pàilliun a' clioimlitiiionail. 

6 Agus tumaidh an sagart a mheur san 
fhuil, agus cratliaidh e ouid do 'n fliuil 
seaclid uairean an làthair an Tighearna, fa 
cliomhair roìnn-bhrait an ionaid naoimh. 

7 Agus cuiridh an sagart cuid do 'n fhuil 
air adhaircibh' altarach na tùise cùbhraidh 
am fianuis an Tighearn, a ta ann am pàill- 
iun a' clioimhthionail ; agus dòirtidh e fuil 
an tairbh uile aig bun altarach na h-ìob- 
airt-loisgte, a ta aig dorus pàilliuin a' 
choimhtliionail. 

8 Agus uile sliaill tairbh na h-ìobairt- 
pheacaidh bheir e air falbh uaith ; an t-saill 
a ta còmhdachadh a' mhionaich, agus an 
t-saill uile a ta air a' mhionach, 

9 Agus an dà àra, agus an t-sail\ a ta 
orra, a tha làimh ris an loch-'lèin, agus an 
sgairt os ceann nan àinean ; maille ris na 
h-airnibh, bheir e air falbh i, 

10 Mar a thugadh air falbh i o tharbh 
ìobairt nan tabhartas-sìth ; agus loisgidh 
an sagart iad air altair na h-ìobairt-loisgte. 

11 Agus seice an tairbh, agus 'fheoil 
uile, maille r' a cheann, agus maille r' a 
chosan, agus a mhionach, agus a ghaorr, 

12 Eadhon an tarbh gu h-iomlan giùlain- 
idh e mach an taobh a muigh do 'n champ 
gu h-ionad glan, far an doirtear a mach 
an luatli, agus loisgidh e air an fhiodh e le 
teine: far an dòirtear a mach an luath, 
loisgear e. 

13 Agus ma pheacaicheas coimhthional 
Israeil uile trìd aineolais, agus gu bheil an 
ni folaichte o shùilibh a' chomhchruinnich, 
agus gu 'n d' rinn iad ni-eigin an aghaidh 
aoin sam bith a dh' àitheantaibh an Tigh- 
earn. a thaobh nithc nach bu chòir a dhean- 
amh, agus gu bheil iad ciontach ; 

14 An uair a bhios am peacadh, a pheac- 
aich iad 'na aghaidh, aithnichte, an sin 
bheir an comhchruinneach seachad tarbh 
òg air son a' pheacaidh, agus bheir iad e fa 
chomhair pàilliuin a' choimhthionail. 

15 Agus cuiridh seanairean a' choimh- 
thionail an làmhan air ceann an tairbh an 
làthair an Tighearn ; agus marbhar an 
tarbh an làthair an Tighearn. 

16 Agus bheir an sagart a chaidh ungadh 
cuid do fhuil an tairbh gu pàilliun a' 
choimhthionail. 

17 Agus tumaidh ansagart amlieurann 
an cuid do 'n fhuil, agus crathaidh e i 
seachd uairean an làthair an Tighearna, fa 
chomhair an roinn-bhrait. 

18 Agus cuiridh e cuid do 'n fhuil air 
adhaircibh na h-altarach nta am fianuis an 
Tighearn, a ta ann am pàilliun a' choimh- 
thionail, a?us dòirtidh e mach an fhuil uile 
aig bun altarach na h-ìobairt-loisgte, a ta 
aig dorus pàilliuin a* choimhthionail. 

19 Agus bheir e air falbh a shaill uile 
uaith, agus loisgidh e i air an altair. 

20 Agus ni e ris an tarbh mar a rinn e ri 



CAIB. V. 



81 



iarbh na h-ìobairt-pheacaidh, mar sin ni e 
iis : agus ni an sagart rèite air an son, ag- 
jis bheirear maitheanas dhoibh. 
■ 21 Agus bheir e mach an tarbh an taobh 
muigìi do 'n champ, agus loisgidh se e 
3ar a loisg e 'n ceud tarbh : is ìobairt- 
iheacaidh e air son a' chomhchruinnich. 

22 'Nuair a pheacaieheas uachdaran, ag- 
is a ni e ni-eigin trìd aineolais an aghaidh 
oin sam bith a dh' àitheantaibh an Tigh- 
,arn a Dhè, a thaobh nithe nach bu chòir 
. dheanamh, agus gu bheil e ciontach : 

23 Ma thig a pheacadh, a pheacaich e, 
r' a fhios; bheir e leis mar a thabhartas 
|tieann do na gabhraibh, beathach firionn 
^un ghaoid. 

24 Agus cuiridh e a làmh air ceann a' 
jnhinn, agus marbhaidh se e san ionad anns 
im marbh iad an ìobairt-loisgte ann an 
làthair an Tighearn : is ìobairt-pheacaidh 

25 Agus gabhaidh an sagaxtcuid do fhuil 
jfia h-ìobairt-pheacaidh le 'mheur, agus 
■uiridh e i air adhaircibh altarach na h-ìob- 
liirt-loisgte, agus dòirtidh e mach a fuil aig 
pun altarach na h-ìobairt-loisgte. 
I 26 Agus loisgidh e a saill uile air an al- 
;air, mar a loisgear saill ìobairt nan tabh- 
,irtas-sìth : agus ni an sagart re.te air a 
shon a thaobh a pheacaidh, agus maithear 
dha e. 

27 Agus ma pheacaicheas aon neach do 
shluagh na dùthcha trìd aineolais, an uair 
a ta e 'deanarah ni-eigin an aghaidh aoin 
sam bith a dh' àitheantaibh an Tighearn, a 
t.haobh nithe nach bu chòir a dheanamh, 
agus gu bheil e ciontach : 

28 Ma thig a pheacadh, a pheacaich e, g' a 
f hios ; an sin bheir e leis mar a thabhartas 
meann do na srabhraibh, beathach boirionn 
!gun ghaoid, àir son a pheacaidh a pheac- 
aich e. 

29 Agus cuiridh e a làmh air ceann na 
h-ìobairt-pheacaidh, agus marbhaidh e an 
ìobairt-pheacaidh ann an ionad na h-ìob- 
; airt-loisgte. 

30 Agus gabhaidh an sagart cuid d' a fuil 
le 'mheur, agus cuiridh e i air adhaircibh 
altarach na h-ìobairt-loisgte, agus dòirtidh 
e mach a fuil uile aig bun na h-altarach. 
i 31 Agus bheir e aisde a saill uile, mar a 

bheirear an t-saill à h-ìobairt nan tabhartas- 
I sìth ; agus loisgidh an sagart i air an altair, 
a chum fàile chùbhraidh do 'n Tighearn : 
agus ni an sagart rèite air a shon, agus 
bheirear maitheanas dha. 

32 Agus ma bheir e leis uan mar a 
thabhartas air son peacaidh, bheir e leis 
uan boirionn gun ghaoid. 

33 Agus cuiridh e a làmh air ceann an 
tabhartais-pheacaidh, agus marbhaidh se e 
mar ìobairt-pheacaidh san ionad anns am 
marbh iad an ìobaìrt-loisgte. 

34 Agus gabhaidh an sagart cuid do fhuil 
nah-ìobairt-pheacaidhle'mheur, aguscuir- 
ìdh e i air adhaircibh altarach na h-ìobairt- 
Joisgte, agus dòirtidh e mach a fuil uile aig 
bun na h-altarach. 

35 Agus bheir e aisde a saill uile, mar a 
bheirear air falbh saill an uain o ìobairt nan 
tabhartas-sìth ; agus loisgidh an sagart iad 
air an altair, a rèir nan tabhartas a bheirear 

j suas le teine do 'n Tighearn : agus ni an 



sagart rèite air a shon athaobh aphea»aidh 
a rinn e, agus maithear dha e. 

CAIB. V. 

AGUS ma pheacaicheas anam, agus gu'n 
cluinn e guth mionnachaidh, agus 
gur fianuis e, a chunnaic no is fiosrach air 
a' chùis, mur cuir e 'n cèill i, an sin giùl- 
ainidh e a chionta : 

2 No ma bheanas anam ri ni sam bith 
neòghlan, ma 's cairbh fiadh-bheathaich 
neòghloin e, no cairbh sprèidhe neòghloin, 
no cairbh ni neòghloin a shnàigeas, agus 
e an-fhiosrach air ; bithidh esan mar an 
ceudna neòghlan, agus ciontach : 

3 No ma bheanas e ri neòghloine duine, 
ge b' e air bith an neòghloine leis an sal- 
aichear duine, agus gu bheil e an-fhiosrach 
air ; an uair is fios da e, au sin bithidh e 
ciontach : 

4 No ma mhionnaicheas anam, ag ràdh 
le 'bhilibh gu 'n dean e olc, no gu 'n dean e 
maith, ge b' e air bith e a labhras duine le 
mionnaibh, agus gu bheil e an-fhiosrach 
air ; an uair is fios da e, an sin bithidh e 
ciontach ann an aon diubh sin. 

5 Agus tachraidh, 'nuair a bhios e ciont- 
ach do aon do na nithibh sin, gu 'n aidich 
e gu 'n do pheacaich e san ni sin. 

6 Agus bheir e leis 'ìobairt-eusaontais a 
dh' ionnsuidh an Tighearn air son a pheac- 
aidh apheacaich e,oeathach boirionn o 'n 
treud, uan, no meann o na gabhraibh, mar 
ìobairt-pheacaidh : agus ni an sagart rèite 
air a shon a thaobh a pheacaidh. 

7 Agus mur urrainn e uan a thoirt leis, 
an sin bheir e leis air son a choire a rinn e, 
dà thurtur, no dà choluman òg, a dh' ionn- 
suidh an Tighearna ; fear a chum ìobairt- 
pheacaidh, agus am fear eile chum ìobairt- 
loisgte. 

8 Agus bheir e iad a dh' ionnsuidh an 
t-sagajrt, agus bheir esan seachad amfear 
a ta chum na h-ìobairt-pheacaidh air tùs, 
agus snìomhaidh e a cheaun o 'amhaich, 
ach cha sgar e o chèile iad. 

9 Agus crathaidh e cuid do fhuil na 
h-ìobairt-pheaeaidhairtaobh nah-altarach, 
agus fàisgear a' chuid eile do "n fhuil a 
mach aig bun na h-altarach : is ìobairt- 
pheacaidh i. 

10 Agus bheir e seachad an dara eunmar 
ìobairt-loisgte, a rèir a' ghnàtha : agus ni 
an sagart rèite air a shon a thaobh a pheac- 
aidh a pheacaich e, agus maithear dha e. 

11 Ach mur urrainn e dà thurtur, no dà 
choluman òg a thoirt leis ; an sin bheir esan 
a pheacaich leis mar a thabhartas an deich- 
eamh cuid do ephah do phlùr mìn, mar 
thabhartas-peacaidh : cha chuir e oladh air, 
ni mò a chuireas e tùis air, oir is tabhartas- 
peacaidh e. 

12 An sin bheir e chum an t-sagairt e, 
agus gabhaidh an sagart làn a dhuirn deth, 
eadhon cuimhneachan deth, agus loisgidh 
e air an altair e, a rèir nan tabhartas a 
bheirear suas le teine do 'n Tighearn : is 
tabhartas-peacaidh e. 

13 Agus ni an sagart rèite air a shon a 
thaobh a pheacaidh a pheacaich e ann an 
aon diubh sin, agus maithear dha e : agus 

Ìbithidh amfuigheall leis an t-sagart, mar 
thabhartas-bìdh. 
H 



32 



LEBHITICUS. 



14 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

15 Ma ni anam coire, agus gu 'm peac- 
aich e trìd aineolais ann an nithibh naomha 
an Tighearn ; an sin bheir e air son a 
ehoire dh' ionnsuidh an Tigheama, reithe 
gun ghaoid o natreudaibh, a rèir do mheas 
le secelibh airgid, a rèir seceil an ionaid 
naoimh, chum ìobairt-eusaontais. 

16 Agus air son an lochd a rinn e san ni 
naomha ni e coimhleasachadh, agus cuiridh 
e ris an cùigeadh cuid, agus blieir e do 'n 
t-sagart e : agus ni an sagart rèite air a 
shon le reithe na h-ìobairt-eusaontais, agus 
maithear dha e. 

17 Agus ma pheacaicheas anam, agus gu'n 
dean e aon do na nithibh sin a thoirmisg- 
eadh le àitheantaibh an Tighearna bhi air 
an deanamh ; ged nach b' fhios da e, gidh- 
eadh a ta e ciontach, agus giùlainidh e 'ain- 
gidheachd. 

18 Agusbheir eleisreithe gnnghaoido'n 
treud, a rèir do mheas, chum ìobairt- 
eusaontais, a dh' ionnsuidh an t-sagairt : 
agus ni an sagart rèite air a shon a thaobh 
'àìneolais, leis an deachaidh e air seach- 
aran agus gun fhios aig air; agus maith- 
ear dha e. 

19 Zs ìobairt-eusaontaisath'ann : chiont- 
aich e gu deimhin an aghaidh an Tigh- 
earna. 

CATB. VI. 
A GUS labhair an Tighearnari Maois, ag 
^TX ràdh, 

2 Ma pheacaicheas anam, agus gu 'n dean 
e eusaontas an aghaidh an Tighearn, agus 
gu 'n dean e breug d' a choimhearsnach a j 
thaobh an ni a thugadh dha r'a ghleidheadh, 
no ann an compauas, no thaobh an ni a j 
thugadh air fafbh le h-ainneart, no ma j 
mìieall e a choimhearsnach ; 

3 No ma fhuair e an ni sin a chailleadh, 
aifus gu 'n d' rinn e breug uime, agus gu 'n j 
d' thug e mionnan eithich ; ann an aon ni \ 
dhiubh sin uile a ni duine. a' peacachadh i 
annta : 

4 An sin tachraidh, a chionn gu 'n do j 
pheacaich e, agus gu bheil e ciontach, gu 'n j 
toir e air ais an ni sin a thug e air falbh le ! 
h-ainneart, no an ni sin a fhuair e gu j 
mealltach, no an ni sin a thugadh dha r a 
ghleidheadh, no a chailleadh agus a f huair J 
e, 

5 No ni sam bith m' an d' thug e mionnan j 
eithich; bheir e air ais e san iomlan, agus 
cuiridh e 'n cùigeadli cuid a thuilleadh ris, 
agus bheir e dha-san e d' am buin e, ann an 
là 'ìobairt- eusaontais. 

6 Agus bheir e leis 'ìobairt-eusaontais 
chum an Tighearna, reithe gu'n ghaoid 
o'n treud, a rèir do mheas, mar ìobairt- 
eusaontais, a dh' ionnsuidh an t-sagairt. 

7 Agus ni an sagart rèite air a shon an 
làthair an Tighearn : agus gheibh e maith- 
eanas a thaobh gach ni dhiubh sin uile a 
rinn e, a' ciontachadh annta. 

8 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

9 Thoir àithne do Aaron agus d' a mhic, 
ag ràdh, Is e so lagh na h-ìobairt-loisgte : 
( Is i 'n ìobairt-loisg-te i, air son an losgaidh 
air an altair air feadh na h-oidhche uile gu 



maduinn, agus bithidh teine na h-altarac! f,< 
a' losgadh innte.) 

10 Agus cuiridh an sagarttrusgan anairt | 
uime, agus cuiridh e briogais anairt aii ?[ 
'f heoil, agus togaidh e suas an luath a loisg 
an teine leis anlobairt-loisgte air analtair 
agus cuiridh e i làimh ris an altair. 

11 Agus cuiridh e a thrusgan dheth, acr- 
us cuindh e trusgan eile uime, agns giùl- 
ainidh e'n luatha mach an taobh a muigh 
do 'n champ, gu h-ionad glan. 

12 Agus bithidh an teine air an altair a 
losgadh innte ; cha chuirear as e: agus 
loisgidh an sagart fìodh oirre gach maduinn, 
agus cuiridh e an ìobairt-loisgte ann ;ui 
ofdugh oirre, agus loisgidh e oirre saill nau a 
ìobairte-sìth. 

13 Bithidh an teine a' lasadh air an alt- 
air an còmhnuidh : cha tèid e idir as. 

14 Agus is e so lagh an tabhartas-bhìdh : 
Bheir mic Aaroin e an làthair an Tigh- 
earna, fa chomhair na h-altarach. 

15 Agus gabhaidh e làil a dhuirn dheth, 
do phlùr an tabhartais-bhìdh, agus d' a ol- 
adh, agus an tùis uile a ta air an tabhartn = - 
bhìdh, agus loisgidh e air an altair e, chum 
fàile chùbhraidh, eadkon cuimhneachan 
dheth do 'n Tighearn. 

16 Agus ithidh Aaron agus a mhic am 
fuigheall: maille ri aran neo-ghoirtichte 
ithear e san ionad naomh ; ann an cùirt 
pàilliuin a' choimhthionail ithidh iad e. 

17 Cha 'n fhuinear e le taois ghoirt : 
thug mi dhoibÌL e ni'ir an cuibhrionn do m' 
thabhartasaibh air an toirt suas le teine : 
tha e ro-naomha, mar an ìobairt-pheacaidh, 
agus mar an ìobairt-eusaontais. 

18 Ithidh gach firionnach ara measg 
chloinn Aaroin dlieth : ùithidh e 'na reachd 
sìorruidh air feadh bhur ginealacha thaobh 
tabhartasan an Tighearn air an toirt suas le 
teine : bithidh gach neach a bheanas riti 
naoinh. 

19 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

20 Is e so tabhartas Aaroin, agus a chuid 
mac, a hbeir iad seachad do 'n Tighearna, 
san là a dh' ungar e ; an deicheamh cutd do 
ephah do phlùr mìn mar thabhartas-bìdh 
an còmlinuidh, a leth sa' mhaduinn, agu< 
a leth sau fheasgar. 

21 Ann an aghann nìthear e le h-oladh, 
agus an uair a bhios e fuiute, bheir thu 
stigh e : agus na mìrean fuinte do 'n tabh- 
artas-bìdh bheir thu seachad a chum fàile 
chùbhraidh do 'n Tighearn. 

22 Agus bheir an sagart d' a mhic, a 
dh' ungadh 'na àite, seachad e : ù reachd 
sìorruidh e do 'n Tighearn ; loisgear gn 
h-iomlan e. 

23 Oir loisgear gach tabhartas-lùdh air 
son an t-sagairt gu h-iomlan : cha 'n ithear 
e. 

24 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

25 Lahhair ri h-Aaron agus r' a mhic, ag 
ràdh, Is e so lagh na h-ìobairt-pheacaidh : 
san ionad anns am marbhar an ìobairt- 
loisgte, bithidh an ìobairt-pheacaidh air a 
marbhadh am fianuis an Tighearn : tha i 
ro-naomh. 

26 Ithidh an sagart i, a bheir seachad i 
air son peacaidh : anns an ionad naomh 



CAIB. VII. 



thear i, ann an cùirt pàilliuin a' choimh- 
teott ail. 

27 Ge b'e nì a bheanas r'a feoil, bithidh 
a naomh ; agus an uair a chrathar a bheag 
Ta fuil air eudach sam bith, nighidh tu an 
,ii air an do chrathadh i anns an ionad 
uaomh. 

28 Agus bithidh an soitheach creadha j 
anns an do hhruicheadh i air a bhriseadh ; 
ach ma bliruicheadh i ann an coireadh 
umlia, glanar agus nighear e anu an uisge. 

29 Ithidh na tìrionnaich uile am measg 
nau sagart dh'i : tha i ro-naomh. 

30 Àch cha'n ithear ìobairt-pheacaidh 
Bàin bith, d' an d'thugadh a bheag do'n fbttil j 
a steach do phàilliun a' choimhthionail, a I 
dheanamh rèite san ionad naomh : loisgear 
sau teine i. 

CAIB. VII. 

AGUS is e so lagh nah-ìobairt-eusaont- 
ais : tha i ro-naomh. 

2 Anns au ionad sam marbh iad an ìob- 
airt-loisgte, marbhaidh iad an ìobairt-eus- 
aontais : agus crathaidh e a fuil air an alt- 
air mu 'n cuìrt. 

3 Agus bheir e seachad dh' i a saill uile ; 
an t-earball, agus an t-saill atacòmhdach- 
adh a' rahionaich, 

4 Agus an dà àra, agus an t-saill a ta 
orra, a ta làimh ris an loch-'lèin, agus an 
scairt a ta os ceann nan àinean ; maille ris 
na h-airnibh, bheir e air falbh i. 

5 Agus loisgidh an sagart iad air an alt- 
air, mar tliabhartas a bheirear suas le teine 
do'n Tighearn : is ìobairt-eusaontais i. 

6 Ithidh gach firionnach am measg nan 
sagart dh' i : san ionad naomh ithear i ; 
tha i ro-naomh. 

7 Mar an ìobairt-pheacaidh, is amhuil 
sin an ìobairt-eusaontais : is aon lagh 
diioibh : leis an t-sagart a ni rèite leatha, 
bithidh i. 

8 Agus an sagart a bheir seachad ìobairt- 
loisgte duine sam bith, is leis ant-sagartso 
croicionn na h-ìobairt-loisgte a thug' e 
seachad. 

9 Agus buinidh an tabhartas-bìdh uile a 
dh'fhuinear ann an àmhuinn, agus gach 
nì a dheasaichear ann an aghann-ròstaidh, 
agus ann am mèis, do 'n t-sagart a bheir 
seachad e. 

10 Agus bithidh gach tabhartas-bìdh 
measgta le h-oladh agus tioram, le mic 
Aaroiu uile, leis gach aon uiread r'a chèile. 

11 Agus is e so lagh ìobairt nan tabh- 
artas-sìth, a bheir e seachad do'n Tigh- 
earna : 

12 Ma's ann mar bhreith-buidheachais a 
bheir e seachad i, an sin bheir e seachad 
maille ris an ìobairt-bhuidheachais breac- 
agan neo-ghoirtichte measgta le h-oladh, 
a^us dearnagan neo-ghoirtichte ungta le 
h-oladh, agus breacagan measgta le h-ol- 
adh, do phlùr mìn, air a ròstadh. 

13 A thuilleadh air na breacagaibh, bheir 
e seachad mar a thabhartas, aran goirt- 
ichte, maille ri ìobairt-buidheachais a thabh- 
artasan-sìth. 

14 Agus dh'i sin bheir e seaehad aon as 
an tabhartas iomlan, mar thabhartas-togta 
do 'n Tighearn, agus bithidh e leis an 
t-sagart a chrath as fuil uan tabhartas-sìth. 



15 Agus ithear feoil ìobairt a thabhart- 
asan-sìth air son breith-buidheachais, san 
là sin fèin anns an toirear seachad i ; cha 
'n fhàg e bheag dh' i gu maduinn. 

16 Ach ma 's bòid no tabhartas deònach 
ìobairt a thahhartais, san là sin fèin anns 

| an toir e seachad 'ìobairt, ithear i ; agus 
air an là màireach mar an ceudna ithear a 
fuigheall. 

17 Ach loisgear le teine fuigheall feòla 
na h-ìobairt air an treas là. 

18 Agus ma dh'ithear idir a bheag do 
fheoil ìobairt a thabhartasan-sìth air an 
treas là, cha ghabhar i, ni mò a mheasar i 
dha-san a bheir seachad i : bithidh i 'na 
gràineileachd, agus an t-anam a dh' ithear 
dh' i giùlainidh e aingidheachd. 

19 Agus an fheoil a bheanas ri ni sam 
bìth neòghlan, cha'n ithear i ; loisgear i )e 
teine : agus a thaobh na feòla, gach neach 
a bhios glan, ithidh e dh' i. 

20 Ach an t-anam a dh' itheas do fheoil 
ìobairt nan tabhartas-sìth, a bhuineas do 'n 
Tighearn, agus a neòghloine air, gearrar 
eadhon an t-anam sin as o 'shluagh. 

21 Agus an t-anam a bheanas ri ni sam 
bith neòghlan, ri neòghloine duine, no ri 
ainmhidh neòghlan, no ri gràineileachd 
neòghloin sam bith, agus a dh' itheas do 
fheoil ìobairt nan tabhartas-sìth a bhuineas 
do'n Tighearna, gearrar eadhon an t-anam 
sin as o 'shluagh. 

22 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

23 Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, 
Saill sam bith daimh, no caorach, no 
gaibhre, cha 'n ith sibh. 

24 Agus feudar saill ainmhidh a gheibh 
bàs leis fèin, àgus saill an ainmhidh sin a 
reubar le fiadh-bheathaichibh, a ghnàth- 
achadh gu feum sam bith eile ; ach chan 
ith sibh idir dh' i : 

25 Oir ge b'e dh'itheas saill o'n ainmhidh 
sin d' an toir daoine seachad ìobairt a loisg- 
ear le teine do 'n Tighearna, gearrar eadh- 
on an t-anam sin a dh' itheas dli i as o 
'shluagh. 

26 Agus cha'n ith sibh gnè sam bith fola, 
ma 's ann do eunaibh no do ainmhidh, ann 
an aon air bith d"ur n-àiteachaibh-còmh- 
nuidh. 

27 Gach anam a dh' itheas gnè sam bith 
fola, gearrar eadhon an t-anam sin as o 
'shluagh. 

28 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

29 Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, 
Esan a bheir seachad ìobairt a thabhart- 
asan-sìth do'n Tighearna, bheir e leis a 
thabharlas a dh'ionnsuidh an Tighearna, do 
ìobairt a thabhartasan-sìth. 

30 Bheir a làmhan fèin leo tabhartasan an 
Tighearn a bheirear suas le teine; an t- 
saill maille ris an uchd. so bheir e leis, a 
chum gu 'n luaisgear an t-uchdmar thabh- 
artas-luaisgte an làthair an Tighearn. 

31 Agus loisgidh an sagart an t-saill air 
an altair : ach bithidh an t-uchd le Aaron 
agus le 'mhic. 

32 Agus an slinnean deas bheir sibh do 'n 
t-sagart mar thabhartas-togta, do ìobairtibli 
bhur tabhartasan-sìth. 

33 Aige-san do mhic Aaroin a bheir suas 



84 



LEBHITICUS. 



fuil nan tabhartas-sith, agus an t-saill, 
bithidh an slinnean deas mar a chuibh- 
rionn. 

34 Oir ghabh mi an t-uchd luaisgte agus 
an slinnean togta o chloinn Israeil, do ìob- 
airtibh an tabhartasan-sìth, agus thug mi 
iad do Aaron an sagart, agus d' a mhic, le 
reachd sìorruidh o mheasg chloinn Israeil. 

35 Is e so cuibhrionn ungaidh Aaroin, ag- 
us ungaidh a chuid mac, do thabhartasaibh 
an Tighearu a bheirear suas le teine, san là 
anns an d' thug e a làthair iad a f hritheal- 
adh do'n Tighearn ann an dreuchdan t-sag- 
airt ; 

36 A dh'àithn an Tighearn a thoirt 
dhoibh o chloinn lsraeil, san là anns an 
d'unge irid, le reachd sìorruidh air feadh 
an ginealacha. 

37 Is e so lagh na h-ìobairt-loisgte, an 
tabhartais-bhìdh, agus na h-ìobairt-pheac- 
aidh, agus na h-ìobairt-eusaontais, agus 
nan coisreagadh, agus ìobairt nan tabhart- 
as-sìth, 

38 A dh' àithn an Tighearna do Mhaois 
ann an sliabh Shinai, san là anns an d'àithn 
e do chloinn Israeil an tabhartasan a thoirt 
seachad do 'n Tighearn, ann am f àsach Shi- 



CAIB. VIII. 

AGUS labhair an Tighearnari Maois, ag 
ràdh, 

2 Thoir leat Aaron agus a mhic maille 
ris, agus an trusgan naomh, agus an oladh- 
ungaidh, agus tarbh mar an ìobairt-pheac- 
aidh, agus dà reithe, agus bascaid do aran 
neo-ghoirtichte. 

3 Agus cruinnich an coimhthional uile 
an ceann a chèile gu dorus pàilliuin a' 
choimhthionail. 

4 Agus rinn Maois mar a dh'àithn an 
Tighearna dha; agus chruinnicheadh an 
coimhthional r' a chèile gu dorus pàilliuin 
a' choimhthionail. 

5 Agus thubhairt Maois ris a' choimh- 
thional, Is e so an ni a dh' àithn an Tigh- 
earn a dheanamh. 

6 Agus thug Maois Aaron agus a mhic 
leis, agus dh'ionnlaid e iad le h-uisge. 

7 Agus chuir e air an còta, agus chrios- 
laich se e leis a' chrios, agus dh'eudaich se 
e leis an fhalluinn, agus chuir e 'n ephod 
air, agus chrioslaich se e le crios rìomhach 
na h-ephoid, agus cheangail e ris i leis. 

8 Agus chuir e 'n uchd-èididh air ; agus 
chuir e anns an uchd-èididh an Urim agus 
an Tuinim. 

9 Agus chuir e 'n crùn-sagairt air a 
cheann ; mar an ceudna air a' chrùn- sag- 
airt, eadhon air a' chuid-beoil deth, chuir e 
'n leac òir, an crùn naomh, mar a dh' àithn 
an Tighearna do Mhaois. 

10 Agus ghabh Maois an oladh-ungaidh, 
agus dh' ung e 'm pàilliun, agus gach ni a 
bha ann, agus naomhaich e iad. 

11 Agus chrath e cuid dh' i air an altair 
seachd uairean, agus dh'ung e 'n altair, 
agus a soithichean uile, araon an soitheach- 
ionnlaid agus a chos, a chum an naomh- 
achadh. 

12 Agus dhòirt e do 'n oladh-ungaidh air 
ceann Aaroin, agus dh' ung se e, chum a 
oaaomhachadh. 



13 Agus thug Maois mic Aaroin leis, ag- 
us chuir e còtaichean orra, agus chrioslaich 
e iad le criosaibh, agus chuir e boineidean 
orra, mar a dh'àithn an Tighearna do 
Mhaois. 

14 Agus thug e leis an tarbh air son na 
li-ìobairt-pheacaidh, agus chuir Aaron ag- 
us a mhic an làmhan air ceann an tairbh 
air son na h-ìobairt-pheacaidh. 

15 Agus marbh se e ; agus ghabh Maois 
an fhuil, agus chuir e i air adhaircibh na 
h-altarach mu'n cuairt le 'mheur, agus 
ghlan e 'n altair ; agus dhòirt e 'n fhuil aig 
bun na h-altarach, agus naomhaich e i, a 
dheanamh rèite oirre. 

16 Agus ghabh e 'n ìgh uile a bha air a' 
mhionach, agus an scairt os ceann nan àin- 
ean, agus an dà àra, agus an ìgh ; agus 
loisg Maois iad air an altair. 

17 Ach an tarbh agus a sheice, agus 
'fheoil, agus 'aolach, loisg e le teine an 
taobh a muigh do'n champ, maradh'àithn 
an Tighearna do Mhaois. 

18 Agus thug e leis an reithe air son na 
h-ìobairt-loisgte : agus chuir Aaron agus a 
mhic an làmhan air ceann an reithe. 

19 Agus mliarbh se e ; agus chrath Maois 
an fhuil air an altair mu'n cuairt. 

20 Agus ghearr e n reithe 'na mhìribh ; 
agus loisg Maois an ceann, agus na mìrean 
agus an t-saill. 

21 Agus nigh e am mionach agusna cos- 
an ann an uisge ; agus loisg Maois an reithe 
uile air an altair : è'ìobairt-loisgte e, chum 
fàile chùbhraidh : tabhartas air a thoirt 
suas le teine do 'n Tighearn, mar a dh' àithn 
an Tighearna do Mhaois. 

22 Agus thug e leis an reithe eile, reithe 
a' choisreagaidh : agus chuir Aaron agus 
a mhic an làmhan air ceann an reithe. 

23 Agus mharbh se e ; agus ghabh Maois 
cuid d'a fhuil, agus chuir e i air bàrr 
cluaise deise Aaroin, agus air ordaig a 
làimhe deise, agus air ordaig a choise 
deise. 

24 Agus thug e leis mic Aaroin, agus 
chuir Maois cuid do'n fhuil air bàrr an 
cluaise deise, agus air ordaig an làimhe 
deise, agus air ordaig an coise deise : agus 
chrath Maois an fhuil air an altair mu'n 
cuairt. 

25 Agus ghabh e 'n t-saill, agus an t-ear- 
ball, agus an ìgh uile a bha air a' mhion- 
ach, agus an scairt os ceann nan àinean, 
agus an dà àra agus an ìgh, agus an slinn- 
ean deas. 

26 Agus à bascaid an arain neo-ghoirt- 
ichte, a bha an làthairan Tighearna, ghabh 
e aon bhreacag neo-ghoirtichte, agus aon 
bhreacag do aran le h-oladh, agus aon dear- 
nagan, agus chuir e iad air an t-saill, agus 
air an t-slinnean deas : 

27 Agus chuir e 'n t-iomlan air làmhan 
Aaroin, agus air làmhan a chuid mac, ag- 
us luaisg e iad mar thabhartas-luaisgte an 
làthair an Tighearn. 

28 Agus ghabh Maois iad bhàrr an làmh, 
agus loisg e iad air an altair os ceann na 
h-ìobairt-Ioisgte ; bu tabhartas-coisreagaidh 
iad a chum fàile chùbhraidh ; tabhartas air 
a thoirt suas le teine do 'n Tighearn. 

29 Agus ghabh Maois an t-uchd, agus 
luaisg se e mar thabhartas-luaisgte an làth- 



CAIB. IX. X. 



8.5 



air an Tighearna : b'e cuibhrionn Mhaois e 
do reithe a' choisreagairih ; mar a dh'àithn 
an Tighearna do Mliaois. 

30 Àgus ghabh Maois cuid do'n oladh- 
ungaidì), agus do'n thuil a bha air an altair, 
agus chrath e air Aaron i ; air 'eudacli, ag- 
us air a mhic, agus air eudach a mhac 
niaille ris : agus naomhaich e Aaron, agus 
"eudach, agus a mhic, agus eudach a mhac 
maille ris. 

31 Agus thubhairt Maois ri h-Aaron, 
agus r' a mhic, Bruichibh an fheoil aig 
dorus pàilliuiu a' choimhthionail, agus ann 
an sin ithibh i leis an aran a ta ann am 
bascaid a' choisreagaidh, mar a dh' àithn 
mise, ag ràdh, Ithidli Aaron agus a mhic i. 

j 32 Agus an ni sin a dh'fhàgar do'n fheoil 
agus do' n aran, loisgidh sibli le teine. 
i 33 Agus air dorus pàilliuin a' choimh- 
itliionail cha tèid sibh a mach rè sheachd 
làithean, gus am bi làithean bhur coisreag- 
aidh air an crìochnachadh : oir rè sheachd 
làithean coisrigidh e sibh. 

34 Mar a rinn e 'n diugh, mar sin dh'- 
àithn an Tighearna bhi deanta, a dheanamh 
rèite air bhur son. 

35 Uime sin aig dorus pàilliuin a' choimh- 
thionail fanaidh sibh a là agus a dh' oidh- 
ciie, rè sheachd làithean, agus coimhididh 
sibh freasdal an Tighearna, chum nach 
faigh sibh bàs : oir is ann mar sin a thug- 
adh àitbne dhomhsa. 

36 Agus rinn Aaron agus a mhic na h- 
uile nithe a dh'àithn au l'ighearnale làimh 
Mhaois. 

CAIB. IX. 

AGUS air an ochdamh là ghairm Maois 
air Aaron agus air a mhic, agus air 
seanairibh Israeil ; 

2 Agus thubhairt e ri h-Aaron, Gabh 
dhuit fèin laogh òg chum ìobairt-pheac- 
aidh, agus reithe churn ìobairt-loisgte, gun 
ghaoid, agus thoir seacJiad iad an làthair 
an Tighearn. 

3 Agus labhraidh tu ri cloinn Israeil, ag 
ràdh, Gabhaibhse meann do na gabhraibh 
chum ìobairt-pheacaidh ; agus laogh, agus 
uan, le chèile do'n cheud bhliadhna, gun 
ghaoid, a chum ìobairt-loisgte ; 

4 Mar an ceudna tarbh agus reithe, mar 
thabhartasan-sìth, a chum an ìobradh an 
làthair an Tighearn ; agus tabliartas-bìdh 
measgta le h-oladh : oir an diugh foillsich- 
idh an Tighearn e fèin dhuibh. 

5 Agus thug iad an ni sin a dh' àithn 
Maois gu beulaobh pàilliuin a' choimh- 
thionail: agus thàinig an coimhthional 
nile am fagus. agus sheas iad an làthair an 
Tighearn. 

6 Agus thubhairt Maois, Is e so an ni a 
dh' àithn an Tighearna gu'n deanadh sibh ; 
agus foillsichear glòir an Tighearna dhuibh. 

7 Agus thubhairt Maois ri h-Aaron, Im- 
ich a dh'ionnsuidh na h-altarach, agus ìob- 
air t' ìobairt-pheacaidh, agus t' ìobairt- 
loisgte, agus dean rèite air do shon fèin, 
agus air son an t-sluaigh : agus thoir suas 
tabhartas an t-sluaigh, agus dean rèite air 
an son, mar a dh' àithn an Tighearna. 

8 Chaidh Aaron uime sin a dh'ionnsuidh 
na h-altarach, agus mharbh e laogh na 
li-ìobairt-pheacaidh, a bha air a shon fèin. 



9 Agus thug mic Aaroin an fhuil d'aionn- 
suidh ; agus thum e a mheur san fhuil, ag- 
us chuir e air adhaircibli na h-altarach i, 
agus dhòirt e mach an fhuil aig bun na 
h-altarach. 

10 Ach an t-saill agus na h-airnean, ag- 
us an scairt os ceann àinean na h-ìobairt- 
pheacaidh, loisg e air an altair, mar a 
dh' àithn an Tighearna do Mhaois. 

1 1 Agus an fheoil agus an t-seice loisg e 
le teine, an taobh a muigh do'n champ. 

12 Agus mharbh e'n ìobairt-loisgte ; ag- 
us thug mic Aaroin an fhuil d' a ionu- 
suidh, agus chrath e i air an altair mu 'n 
cuairt. 

13 Agus thug iad an ìobairt-loisgte d' a 
ionnsuidh, maille r' a mìribh, agus an 
ceann ; agus loisg e iad air an altair. 

14 Agus nigh e am mionach agus na 
cosan, agus loisg e iad air an ìobairt-loisgte 
air an altair. 

15 Agus thuge leis tabhartas an t-sluaigh, 
agus ghabh e meann na h-ìobairt-pheacaidh 
a bha air son an t-sluaigh, agus mharbh se 
e, agus thug e suas e air son peacaidh, mar 
a' cheud ìobairt. 

16 Agus thug e leis an ìobairt-loisgte, 
agus dh' ìobair e i do rèir a' ghnàtha. 

17 Agus thug e leis an tabhartas-bìdh, 
agus Jìon e a dhorn as, agus loisg e air an 
altair e, a thuilleadh air ìobairt-loisgte na 
maidne. 

18 Mharbh e mar an ceudna an tarbh, 
agus an reithe, mar ìobairt nan tabhartas- 
an-sìth, a bha air son an t-sluaigh ; agus 
thug mic Aaroin d' a ionnsuidh an fhuil, 
agus chrath e i air an altair mu'n cuairt. 

19 Agus saill an tairbh, agus earball an 
reithe, agus an ni sin a ta còmhdachadli a* 
mhionaich, agus na h-airnean, agns an 
scairt os ceann nan àinean. 

20 Agus chuir iad an t-saill air na 
h-uchdaibh, agus loisg e : n t-saill air an 
altair. 

21 Agus na h-uchdan agus an slinnean 
deas luaisg Aaron mar tbabhartas-luaisgte 
an Jàthair an Tighearna, mar a dh' àithn 
Maois. 

22 Agus thog Aaron suas a làmha chum 
an t-slùaigh, agus bheannaich e iad ; agus 
thàinig e nuas o ìobradh na h-ìobairt- 
pheacaidh, agus na h-ìobairt-loisgte, agus 
nan ìobairtean-sìth. 

23 Agus chaidh Maois agus Aaron a 
steach do phàilliun a' choimhthionaiJ, ag- 
us thàinig ìad a mach, agus bheannaich iad 
an sluagh: agus dh' flioillsicheadh glòir 
an Tighearna do 'n t-sluagh uile. 

24 Agus thàinig teine a mach o làthair 
an Tighearn, agus loisg e air an altair an 
ìobairt-loisgte, agus au t-saill : agus chunn- 
aic an sluagh uile e, agus rinn iad gàir, ag- 
us thuit iad air an aghaidh. 

CAIB. X. 

AGUS ghabh Nadab agus Abihu, mie 
Aaroin, gach fear diubh a thùiseir, 
agus chuir iad teine ann, agus chuir iad 
tùis air, agus thug iad suas am fianuis an 
Tighearna teine coimheach, nach d'àithn 
e dhoibh. 

2 Agus chaidh teine macli o làthair 
an Tighearn, agus loisg e suas iad, 
H 2 



86 



LEBHITICUS. 



agus fhuair iad bàs an làthair an Tigh- 
earn. 

3 An sin thubhairt Maois ri h-Aaron, Is 
e so an ni a labhair an Tighearn, ag ràdh, 
Annta-san a thig am fagus dhorah naomh- 
aichear mise, agus an làthair an t-sluaigh 
uile glòraichear mi. Agus dh' fhan Aaron 
'na thosd. 

4 Agus ghairm Maois air Misael agus air 
Elsaphan, mic Udsieil, bràthar-athar Aa- 
roin, agus thubhairt e riu, Thigibh am fag- 
us, giùlainibh bhur bràithrean o fhianuis 
an ionaid naoimh a mach as a' champ. 

5 Agus chaidh iad am fagus, agus ghiùl- 
ain iad 'nan còtaichibh iad a mach as a' 
champ, mar a thubhairt Maoi6. 

6 Agus thubhairt Maois ri h- Aaron, agus 
ri h-Eleasar, agus ri h-Itamar, a mhic, Na 
rùisgibh bliur cinn, agus na reubaibh bhur 
n-eudach, air eagal gu'm faigh sibh bàs, ag- 
us air eagal gu'n tig fearg air an t-sluagh 
uile ; ach deanadh bhur bràithre, tigh ls- 
raeil uile, tuireadh air son an losgaidh a las 
an Tighearn. 

7 Agus cha tèid sibh a mach air dorus 
pàilliuin'a' choimhthionail, air eagal gu'm 
faigh sibh bàs : oir a ta oladh-ungaidh an 
Tighearn oirbh. Agus rinn iad a rèir focail 



8 Agus labhair an Tighearna ri h- Aaron, 
ag ràdh, 

9 Na h-òl fìon no deoch làidir, thu fèin, 
no do mhic maille riut, an uair a thèid 
sibh a steach do phàilliun a' choimhthion- 
ail, air eagal gu'm faigh sibh bàs : bithidh 
e 'na reachd bith-bhuan air feadh bhur 
ginealacha ; 

10 Agus a chum gu'n cuir sibh eadar- 
dhealachadh eadar naomha agus mi- 
naomha, agus eadar neòghlan agus glan ; 

11 Agus a chum gu'n teagaisg sibh do 
chloinn Israeil na h-orduighean uile a labh- 
air an Tighearna riu le làimh Mhaois. 

12 Agus labhair Maois ri h-Aaron, agus 
ri h-Eleasar, agus ri h-Itamar, a mhic a 
dh' f han beò, Gabhaibh an tabhartas-bìdh a 
dh'fhàgadh do thabhartasaibh an Tighearn 
air an toirt suas le teine, agus itbibh e gu'n 
ghoirteachadh làimh ris an altair ; oir a ta 
e ro-naomha. 

13 Agus ithidh sibh e san ionad naomh, 
a chionn gur e do dhlighe e, agus dlighe 
do mhac, do thabhartasaibh an Tighearn 
air an toirt suas le teine : oir is ann mar 
sin a dh' àithneadh dhomhsa. 

14 Agus an t-uchd luaisgte agus an slinn- 
ean togta ithidh sibh ann an ionad glan ; 
thu fèin, agus do mhic, agus do nigheana 
maille riut : oir is iad do dhlighe iad, agus 
dlighe do mhac, a thugadh dhoibh à ìob- 
airtibh tabhartasan-sìth chloinn Israeil. 

15 An slinnean togta, agus an t-uchd 
luaisgte, maille ris na tabhartasaibh air an 
toirt suas le teine do'n t-saill, bheir iad leo 
gus a luasgadh mar thabhartas-luaisgte an 
làthair an Tighearn ; agus is leats' e, agus 
le d' mhic maille riut, le reachd bith-bhuan, 
mar a dh' àithn an Tighearn. 

16 Agus dh' iarr Maois gu dìchiollach 
meann nah-ìobairt-pheacaidh,agus, feuch, 
loisgeadh e : agus bha fearg aige ri h-Elea- 
sar agus ri h-Itamar, mic Aaroin, a dh'- 
f hàgadh beò, ag ràdli, 



17 C'ar son nach dh'ith sibh an iobairt- 
pheacaidh san ionad naomh, do bhrìgh gu 
oheilì ro-naomh, agus thug Dia dliuibh ì a 
ghiùlan aingidheachd a' choimhthionail, a 
dheanamh rèite air an son am fianuis an 
Tighearn ? 

18 Feuch, cha d' tbugadh a fuil a steach 
an taobh a stigh do'n ionad naomh: bu 
chòir dhuibh gu deimhin a h-itheadh san 
ionad naomh, mar a dh' àithn mise. 

19 Agus thubhairt Aaron ri Maois, 
Feuch, an diugh thug iad suas an ìobairt- 
pheacaidh, agus an ìobairt-loisgte, an làth- 
air an Tighearn ; agus thachair an leith- 
idean sin do nithibh dhomhsa ; agus nam 
bithinn air itheadh na h-iobairt-pheacaidh 
an diugh, an gabhta rithe an làthair an 
Tighearn ? 

20 Agus an uair a chuala Maois sin, bha 
e toilichte. 

CAIB. XI. 
A GUS labhair an Tighearna ri Maois, 
J\. agus ri h- Aaron, ag ràdh riu, 

2 Labhraibh ri cloinn Israeil, ag ràdh, 
Is iad so na beathaichean a dh' ithèas sibh 
do na h-uile ainmhidhibh a ta air an tal- 
amh. 

3 Gach aon a roinneas an ionga, agus a 
sgoilteas an ladhar, agus a chnàmhas a' 
chìr, am measg nan ainmhidh, sin ithidh 
sibh. 

4 Ach iad so cha'n ith sibh, dhiubhsan 
a chnàmhas a' chìr, no dhiubhsan, a roinn- 
eas an ionga: mar an càmhal, a chionn 
ged a ehnàmh e a' chìr, nach roinn e an 
ìonga ; neòghlan tha e dhuibh. 

5 Agus an coinean, a chionn ged a 
chnàmh e a' chìr, nach roinn e an ionga ; 
neòghlan tha e dhuibh. 

6 Agus a' mhaigheach, a chionn ged a 
chnàmh i a' chìr, nach roinn i an ionga ; 
neòghlan tha i dhuibh. 

7 Agus a' mhuc, a chionn ged a roinn i 
an ionga, agus ged a sgoilt i an ladhar, 
gidheadh nach cnàmh i a' chìr ; neòghlan 
tha i dhuibh. 

8 D'am feoil cha'n ith sibh, agus r'an 
cairbh cba bhean sibh ; neòghlan tha iad 
dhuibh. 

9 Iad so ithidh sibh, dhiubhsan uiie a ta 
sna h-uisgeachaibh : gach ni air am bheil 
itean agus lannan anns na h-uisgeachaibh, 
anns na cuantaibh, agus anns na h-aimh- 
nichibh, iad sin ithidh sibh. 

10 Agus gach ni air nach 'eil itean no 
lannan anns na cuantaibh, agus anns na 
h-aimhnichibli, do gach ni a ghluaiseas sna 
h-uisgeachaibh, agus do gach ni beò, a ta 
sna h-uisgeachaibh ; 'nan gràineileachd 
bithidh iad dhuibh : 

11 Eadhon'nan gràineileachd bithidh iad 
dhuibh : d'am feoil cha'n ith sibh, agus 
d'an cairbh gabhaidh sibh gràin. 

12 Gach ni air nach 'eil itean no lannan 
anns na h-uisgeachaibh, 'na ghràineileachd 
bithidh sin dhuibh. 

13 Agus dhiubh so gabhaidh sibh gràin 
am measg nan eun ; cha 'n ithear iad, 'nan 
gràineileachd tha iad : an iolair, agus an 
cnàimh-bhristeach, agus an iolair-uisge, 

14 Agus am fang, agus an clamhan a 
rèir a ghnè ;. 



CAIB. XII. 



-3 15 Gach fitheach a rèir a glinè ; 

i 16 Agus a' chailleach-oidhche, agus an 
t-seabhag-oidhche, agus a' chuach, agus 

• in t-seabhag a rèir a gnè, 

• 17 Agus a' chailleach-oidhche bheag, 
i?us an scarbh, agus a' chailleach-oidhche 
ràhòr, 

' 18 Agus an eala, agus am pelican, agus 
$ in iolair-fhionn, 

19 Agus a' chorra-bhàn, agus a' chorra- 
m ghlas a rèir a gnè, agus an t-adharcan- 
" luachrach. agus an ialtag. 
& 20 Bithidk gach ni snàigeach a dh'iteal- 
I aicheas, agus a dh' imicheas air cheithir 
« chosan, 'na ghràineileachd dhuibh. 
4 21 Ach iad so feudaidh sibh itheadh, do 
a gaeh ni snàigeach a dh' itealaicheas, agus 

a dh' imicheas air cheithir chosan, aig am 
3i bheil luirgnean os ceann a throidhean, gu 

leura )eo air an talamh. 
22 Eadhoìi iad so dhiubh feudaidh sibh 

itheadh : an locust a rèir a ghnè, agus an 
I locust niaol a rèir a ghnè, agus an daol a 

rèir a ghnè, agus an leumnach-uaine a rèir 
<-l a ghnè. 

ii 23 Ach bithidh gach ni eile snàigeach a 
I dh' itealaicheas, aig am bheil ceithir chosan, 

'na ghràineileachd dhuibh. 
» 24 Agus air an son sin bithidh sibh neò- 
■ sjhlan : gach neach a bheanas r' an cairbh, 
1 bithidh e neòghlan gu feasgar. 

25 Agus ge b' e air bith a ghiùlaineas a 
-j) bheag d' an cairbh, nighidh e 'eudach, agus 
B' bithidh e neòghlan gu feasgar. 
a 26 Bithidh cairbh gach ainmhidh a roinn- 
Ji eas an ionga, agus nach sgoilt an ladhar, 

agus nach cnàmh a' chìr, neòghlau òhuibh : 
s gach neach a bheanas riu, bithidh e neò- 
r, ghlan. 

27 Agus ge b' e air bith a dh' imicheas air 
j a mhàgaibh, am measg nan uile bheath- 
,; aichean a dh' imicheas air cheithir chosan, 
bithidh e neòghlan dhuibh ; gach neach a 
i bheanas r' an cairbh, bithidh e neòghlan gu 
r. fèasgar. 

i 28 Agus esan a ghiùlaineas an cairbh, 
nighidh e 'eudach, agus bithidh e neòghlan 

i gufeasgar; neògblan tha iad dhuibh. 

d 29 Agus bithidk iad so neòghlan dhuibh 
am measg nan nithe snàigeach a shnàigeas 

i air an talamh : an neas, agus an luch, ag- 

il us an crocodeil a rèir a ghnè, 

i. 30 Agus am firead, agus an cameleon, 

j agus an dearc-luachrach, agus an t-seil- 
cheag, agus am famh. 

j 31 Tha iad sin neòghlan dhuibh 'nam 

i measg-san uile a shnàigeas : gach neach a 

\ bheanas riu, 'nuair a bhios iad marbh, bith- 

i idh e neòghlan gu feasgar. 

] 32 Agus gach ni air an tuit a h-aon 
diubh, 'nuair a bhios e marbh, bithidh e 

I ueòghlan ; co dhiubh is soitìieach fiodha 

, sam bith e, no eudach, no croicionn, no 
sac : feumaidh gach soitheach anns an 
deanar obair sam bith, a bhi air a chur 
ann an uisge, agus bithidh e neòghlan gu 
feasgar ; an sin bithidh e glan. 

33 Agus a tkaobh gach soithich creadh.a, 
anns an tuit a h-aon diubh, bithidh 
gach ni a ta ann neòghlan ; agus brisidh 
sibh e. 

34 Do gach uile bhiadh a dh' ithear, bith- 
klh am biadh sin air an tig uisge, neò- 



i ghlan ; agus bithidh gach deoch a dh' òlar 

ann an soitheach sam bith, neòghlan. 
I 35 Agus bithidh gach ni air an tuit a 
I bheag d' an cairbh, neòghlan ; ma 's àmh- 
! uinn e, no coireacha, brisear sìos iad : neò- 
ghlan tha iad, agus neòghlan bithidh iad 
dhuibh. 

36 Gidheadh bithidh fuaran no tobar 
anns am bi pailteas uisge, glan : ach bith- 
idh an ni sin a bheanas r' an cairbh, neò- 
ghlan. 

37 Agus ma thuiteas a bheag d' an cairbh 
air sìol-cuir sam bith, a bhios r' a chur, 
bitkidh e glan. 

38 Ach ma chuirear iiisge sam bith air 
an t-sìol, agus gu 'n tuit a bheag d'an cairbh 
air, neòghlan bithidh e dhuibh. 

39 Agus ma bhàsaicheas ainmhidh sam 
bith d' am feud sibh itheadh, bithidh esan 
a bheanas r' a chairbh neòghlan gu feasgar. 

40 Agus esan a dh' itheas d' a chairbh, 
nighidh e 'eudach, agus bithidh e neòghlan 
gu feasgar: esan mar an ceudna a ghiù- 
laineas a' chairbh, nighidh e 'eudach, agus 
bithidh e neòghlan gu feasgar. 

41 Agus bithidh gaeh ni snàigeach a 
shnàigeas air an talamh, 'naghràineileachd : 
cha 'n ithear e. 

42 Gach ni a dh' imicheas air a* bhroinn, 
agus gach ni a dh' imicheas air cheithir 
chosan, no ge b' e air bith aig am bheil 
tuilleadh chosan am measg nan uile nithe 
snàigeach a shnàigeas àir an talamh ; 
cha 'n ith sibh iad, oir is gràineileachd iad. 

43 Cha dean sibh sibh fèin gràineil le ni 
snàigeach sam bith a shnàigeas, cha mhò 
ni sibh sibh fèin neòghlan leo, air chor is 
gu 'n truaillear sibh leo. 

44 Oir is mise an Tighearna bhur Dia : 
naomhaichidh sibh air an aobhar sin sibh 
fèin, agus bithidh sibh naomha; oir a ta 
mise naomha : agus cha truaill sibh sibh 
fèin le ni snàigeach sam bith a shnàigeas 
air an talamli. 

45 Oir is mise an Tighearn a thug sibhse 
a mach à tìr na h-Eiphit, gu bhi am Dhia 
agaibh : bithidh sibhse uime sin naomha, 
oir a ta mise naomha. 

46 Is e so lagh nan ainmhidh, agus nan 
eunlaith, agus gach dùil bheò a ghluaiseas 
anns na h-uisgeachaibh, agus gach dùil a 
shnàigeas air an talamh :* 

47 A chur dealachaidh eadar an neòghlan 
agus an glan, agus eadar am beathach a 
dh'fheudar itheadh, agus am beathach nach 
feudar itheadh. 

CAIB. XII. 

AGUS labhair an Tighearna ri Maois, ag 
ràdh, 

2 Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Ma 
dh' fhàsas bean torrach, agus gu 'm beir i 
mac, an sin bithidh i neòghlan seachd làith- 
ean ; a rèir làithean a dealachaidh air son 
a h-anmhuinneachd bithìdh i neòghlan. 

3 Agus air an ochdamh là timchioll- 
ghearrar feoil a roimh-chroicinn. 

4 Agus fanaidh i an sin tri làithe deug- 
'ar fhichead ann am fuil a glanaidh : cha 
bhean i ri ni naomha sam bith, agus cha 
tig i steach do 'n ionad naomha, gus an 
coimhlionar làithean a glanaidh. 

5 Ach ma bheireas i leanabh nighinn, a» 



88 



LEBHITICUS. 



sin bithidh i neòghlan dà sheachduin, mar 
'na dealaehadh : agus fanaidh i ann am fuil 
a glanaidh tri fichead agus sè làithean. 

6 Agus an uair a choimlilionar làithean 
a gianaidh air son mic, no air son nighinn, 
bheir i uan do 'n cheud bhliadhna chum 
ìobairt-loisgte, agus columan òg, no eun 
turtuir chum ìobairt-pheacaidh, gu dorus 
pàilliuin a' choimhthionail, a dh'ionnsuidh 
an t-sagairt : 

7 Agus bheir e seachad e an làthair an 
Tighearn, agus ni e rèite air a son, agus 
glanar i o ruith a fola. Is e so an lagh air 
a son-sa a bheireas mac no nighean. 

8 Agus mur urrainn i uan a thoirt leatha, 
an sin bheir i leatha dà thurtur, no dà cho- 
luman òg; fear dhiubh chum ìobairt- 
loisgte, agus am fear eile chum ìobairt- 
pheacaidh ; agus ni an sagart rèite air a 
son, agus bithidh i glan. 

CAIB. XIII. 

AGUS labhair an Tighearna ri Maois, 
agus ri h-Aaron, ag ràdh, 

2 'Nuair a bhios aig duine ann an croic- 
ionn 'fheòla atadh, no guirein, no ball 
soilleir, agus gu 'm bi e ann an croicionn 
'fheòla cosmliuil ri plàigh luibhre ; an sin 
bheirear e gu h-Aaron an sagart, no gu 
h-aon d' a mhic, na sagartan. 

3 Agus amhaircidh an sagart air a' phlàigh 
ann an croicionn 'fheòla ; ajjus an uair a 
bhios am fionnadh sa' phlàigh air tionndadh 
gu bàn, agus a bhios a' phlàigh r' a faicinn 
ni 's doimhne na croicionn 'fheòla; is 
plàigh luibhre a th' ann : agus amhaircidh 
an sagart air, agus gairmidh e neòghlan e. 

4 Ach ma tha ara ball soilleir ann an 
croicionn 'fheòla bàn, agus gun e bhi r' a 
fhaicinn ni 's doimhne na 'n croicionn, ag- 
us gun 'fhionnadh bhi air tionndadh gu 
bàn ; an sin druididh ansagart a stigh esan 
air am bheil a' phlàigh seachd làithean. 

5 Agus amhaircidh an sagart air, air an 
t-seachdamh là : agus, feuch, ma tha phlàigh 
'na shealladh air stad, agus gun a' phlàigh 
bhi sgaoileadh sa' cliroicionn ; an sin 
druidìdh an sagart a stigh e seachd làith- 
ean eile. 

6 Agus amhaircidh an sagart air a rìs air 
an t-seachdamh là, agus, feuch, ma bhios 
a' phlàigh càil-eigin dorcha, agus nach 'eil 
a' phlàigh air sgaoileadh sa' chroicionn, 
gairmidh an sagart glan e : cha 'n 'eil ann 
ach guirein ; agus nighidh e 'eudach, agus 
bithidh e glan. 

7 Ach ma sgaoil an guirein gu mòr a 
mach sa' chroicionn, an dèigh dha bhi air 
'fhaicinn leis an t-sagart a chum a ghlan- 
aidh ; chithear e rìs leis an t-sagart. 

8 Agus amhaircidh an sagart air, agus, 
feuch, ma tha 'n guirein air sgaoileadh sa' 
chroicionn, an sin gairmidh aa sagart e 
neòghlan : is luibhre a th' ann. 

9 An uair a bhios plàigh luibhre air 
duine, an sin bheirear e cìium an t-sag- 
airt : 

10 Agus arahaircidh an sagart air : ag- 
us, feuch, ma tha atadh bàn sa' chroic- 
ionn, agus gu 'n do thionndaidh e am fionn- 
adh gu bàn, agus gu 'm bheil feoil bheò 
dhearg san atadh, 

11 Is seann luibhre a th' ann, ann an 



croicionn 'fheòla; agus gairmidh an sagart 
e neòghlan, agus cha druid e stigh e, oir 
tha e neòghlan. 

12 Agus ma bhriseas luibhre gu mòr a 
mach sa' chroicionn, agus gu 'n comhdaich 
an luiblire croicionn an neach air am bheil 
a' phlàigh uile o 'cheann gu 'throidh, ge b' e 
batl air an amhairc an sagart; 

13 An sin bheir an sagart fa 'near : agus, 
feuch, ma chòmhdaich an luibhre 'fheoil 
uile, gairmidh e esan glan air am bheil a' 
phlàigh: thionndaidheadh e uile gu bàn; 
tha e glan. 

14 Ach an uair a bhios feoil dhearg r' a 
faicinn air, bithidh e neòghlan. 

15 Agus amhaircidh an sagart air an 
fheoil dheirg, agus gairmidh e neòghlan e; 
oir tha 'n fheoil dhearg neòghlan : it 
luibhre a th' aun. 

16 Ach ma thig an fheoil dhearg air a 
h-ais a rìs, agus gu 'n tionndaidhear gu bàn 
i, thig e chum an t-sagairt, 

17 Agus amhaircidh an sagartair : agus, 
feuch, ma tha phlàigh air tionndadh gu 
bàn, an sin gairmidh an sagart esan glan 
air am bheil a' phlàigh : tha e glan. 

18 An fheoil mar an ceudna anns an robh, 
eadhon 'na croicionn, neascaid, agus a 
leighi?eadh, 

19 Agus aig am bheil ann an ùite na 
neascaid atadh bàn, no ball soilleir bàn, 
càil-èigin dearg, nochdar do 'n t-sagart e ; 

20 Agus ma 'se 'nuair a chi an sagart e, 
feuch, gu bheil e r' a fhaicinn ni 's doìmhne 
na 'n croicionn, agus 'fhionnadh air a 
thionndadh gu bàn ; gairmidh an sagart 
neòghlan e : is plàigh luibhre a th' ann air 
briseadh a mach anns an neascaid. 

21 Ach ma dh' amhairceas an sagart air, 
agus, feuch, nach 'eil fionnadh bàn air bith 
ann, agus gun e ni 's doimhne na 'n croic- 
ionn, ach càil-eigin dorcha ; an sin 
druididh an sagart a stigh e seachd làith- 
ean. 

22 Agus ma tha e air sgaoileadh a mach 
gu mòr sa' chroicionn, an sin gairmidh an 
sagart e neòghlan ; is plàigh a th' ann. 

23 Ach ma tha 'm ball soilleir air stad 'na 
àite, gun e air sgaoileadh, is neascaid loisg- 
each a th' ann ; agus gairmidh an sagart 
glan e. 

24 No ma bhios feoil air bith ann, aig am 
bheil 'iia croicionn losgadh teth, agus gu 'm 
bi anns nnfheoil blieò a ta losgadh ball bàn 
soilleir, càil-eigin dearg, no bàn ; 

25 An sin amhaircidh an sagart air; ag- 
us, feuch, ma tha 'm fionnadh anns a' bhall 
shoilleir air tionndadh gu bàn, agus e r' a 
fhaicinn ni 's doimhne na 'n croicionn ; is 
luibhre a th' ann air briseadh a mach anns 
an losgadh : uime sin gairmidh an sagart 
neòghlan e ; is plàigh luibhre a th' ann. 

26 Ach ma dh' amhairceas an sagart air, 
agus, feuch, nach 'eil fionnadh bàn air bith 
air a' bhall shoilleir, agus nach 'eil e ni 's 
doimhne na'n croicionn eile, ach gu bheil e 
càil-eigin dorcha ; an sin druididh an sag- 
art a stigh e seachd làithean. 

27 Agus amhaircidh an sagart air, air an 
t-seachdamh là, agus ma tha e air sgaoil- 
eadh a mach gu mòr sa' chroicionn, an sin 
gairmidh an sagart neòghlan e; is plàign. 
luibhre a th' ann. 



CAIB. XIII. 



89 



28 Agus ma tha 'ro ball soilleir air stad 
'na àite, gun e air sgaoileadh sa' ehroicionn, 
ach e càil-eigin dorcha ; is atadh o 'n losg- 
adh a th' anu, agus gairmidh an sagart glan 

-< *?; oirw leannachanh a th'ann o'n losgadh. 

29 Ma tha aig duine no ranaoi plàigh air 

- a' cheann, no air an fheusaig ; 

30 An sin amhaircidh an sagart air a' 
t phlàigh : agus, feuch, matha ir' afaicinn 
l ni 's doimhne na 'n croicionn, agus fìonnadh 
i tana buidhe innte ; an sin gairmidh an sag- 
j art neòghlan e : is càrr tiorara a th' ann, 

eadhon luibhre air a' cheann no air an 
fheusaig. 

31 Agus ma dh' amhairceas an sagart air 
i plàigh a' charra, agus, feuch, nach 'eil i r' a 
t faicinn ni 's doimhne na 'n croicionn, agus 
i nach 'eil fionnadh dubh sam bith innte ; an 

sin druididh an sagart a stigh esan air am 
• bheil plàigh a' charra, seachd làithean. 
.lij 32 Agus amhaircidh an sagart air a' 
phlàigh air an t-seachdamh là, agus, feuch, 
n mur 'eil an càrr air sgaoileadh, agus nach 
■ 'eil fionnadli buidhe sam bith ann, agus 
■ nach 'eil an càrr r' a fhaicinn ni's doimhne 

na'n croicionn ; 
ril 33 An sin bearrar e, ach an càrr cha 
; bhearr e ; agus druididh an sagart a stigh 
esan air am bheil an càrr, seachd iàithean 
a eile. 

i 34 Agus air an t-seachdamh là amhairc- 
ì idh an sagart air a' chàrr: agus, feuch, 
M mur 'eil au càrr air sgaoileadh sa' chroic- 
I ionn, no r' a fhaicinn ni 's doimhne na 'n 

- j croicionn ; an sin gairmidh an sagart glan 
m e : agus nighidh e 'eudach, agus bithidh e 
1 glan. 

35 Ach ma tha an càrr air sgaoileadh gu 
r mòr sa' ehroicionn an dèigh a ghlanaidh ; 
j 36 An sin amhaircidh an sagart air, agus, 
I feuch, ma tha au càrr air sgaoileadh sa' 
1 chroicionn, cha 'n iarr an sagart fionnadh 
i. buidhe : tha e neòghlan. 

37 Ach ma tha an càrr 'na shealladh air 
i stad, agus ma tha fionnadh dubh air fàs 

1 suas ann, leighiseadh au càrr, tha e glan : 
agus gairmidh an sagart glan e. 

5i 38 Ma bhios mar an ceudna aig duine no 

2 aig mnaoi ann an croicionn am feòla buill 
| shoilleir, eadhon buill bhàna shoilleir ; 

39 An sin amhaircidh an sagart : agus, 
J feuch, ma tha na buill shoilleir ann an 
„ croicionn am feòla odhar-bliàn, is leus teas 
| e air fàs sa' chroicionn : tha e glan. 

40 Agus an duine aig am bheil a cheann 
ì air faileadh, tha e maol : gidheadh tha e 

glan. 

41 Agus esan aig am bheil 'fholt airfail- 
eadh do 'n chuid sin d' a cheann tha leth r' a 
eudan, tha e maol-bhathaiseach ; gidh- 
eadh tha e glan. 

42 Agus ma tha 'na cheann maol, no 'na 
bhathais mhaoil creuchd bhàn càil-eigin 
dearg ; is luibhre a th' ann air fàs suas 'na 
cheaun maol, no 'na bhathais mhaoil. 

43 An sin amhaircidh an sagart air; 
agus, feuch, ma tha atadh no creuchda bàn- 
dhearg 'na mhaol cheann, no 'na mhaol 
bhathais, mar a nochdar an luibhre ann an 
croicionn na feòla ; 

44 Is duine lobhrach e, tha e neòghlan : 
gairmidh an sagart e neòghlan gu h-iom- 
lan ; tha a' phlàigh 'na cheann. 



145 Agus an lobhar air am bheil a' phlàigh, 
reubar 'eudach, agus bitliidh a cheann lom- 
nochd, agus cuiridh e folach air a bhil 
uachdaraich, agus glaodhaidh e, Neòghlan, 
neòghlan. 

46 Rè nan uile làithean a bhios a' phlàigh 
air, bithidh e salach ; tha e neòghlan : 
gabhaidh e còmhnuidh'naaonar; antaobh 
a muigh do 'n champ bithidh 'ionad tàimh. 

47 An t-eudach mar an ceudna anns ara 
bheil plàigh na luibhre, ma 's eudach olla e, 
no ma 's eudach lìn e, 

48 Ma's ann a tha i san dlùth, no san 
inneach, do lìon no dh' olainn, ma's ann an 
croicionn, no ann an ni sam bith deanta do 
chroicionn : 

49 Agus ma tha phlàigh uaine no dearg 
san eudach, no sa' chroicionn, aon chuid 
san dlùth no san inneach, no ann an ni sam 
bith deanta do chroicionn ; is plàigh 
luibhre a th' ann, agus feuchar i do 'n t-sag- 
art. 

50 Agus atnhaircidh an sagart air a' 
phlàigh, agus druididh e stigh an ni anns 
am bheil a' phlàigh seachd làithean. 

51 Agus amhaircidh e air a' phlàìgh air 
an t-seachdamh là : ma tha phlàigh air 
sgaoileadh san eudach,aon chuid san dlùth 
no san inneach, no ann an croicionn, no 
ann an obair sam bith deanta do chroicionn ; 
is luibhre chnàmhanach a' phlàigh : tha e 
neòghlan. 

52 Loisgidh e uime sin an t-eudach, ma 's 
dlùth no inneach, ann an olainn no ann an 
lion, no ni air bith deanta do chroicionn, 
anns a' bheil a' phlàigh : oir is luibhre 
chnàmhanach a th' ann ; loisgear e san 
teine. 

53 Agus ma dh' amhairceas an sagart, 
agus, feuch, nach 'eil a' phlàigh air sgaoil- 
eadh san eudach, aon chuid san dlùth, no 
san inneach, no ann an ni sam bith deanta 
do chroicionn ; 

54 An sin àithnidh an sagart dhoibh an 
ni anns a' bheil a' phlàigh a uigheadh, ag- 
us druididh e stigh e seachd làithean eile. 

55 Agus amhaircidh an sagart air a' 
plàigh an dèigh a nigheadh : agus, feuch, 
mur do mhùth a' phlàigh a dath, agus mur 
do sgaoil a' phlàigh, tha e neòghlan ; loisg- 
idh tu san teine e : is cnàmhan an leth stigh 
e, ma 's lom a stigh no muigh e. 

56 Agus ma dh'amhairceas an sagart, ag- 
us, feuch, gu bheil a' phlàigh càil-eigin 
dorcha an dèigh a nigheadh ; an sin reub- 
aidh e as an eudach i, no as a' chroicionn, 
no as an dlùth, no as an inneach. 

57 Agus ma tha i r' a faicinn fathast san 
eudach, aon chuid san dlùth, no san inn- 
each, no ann an ni air bith deanta do chroic- 
ionn ; is plàigh sgaoilteach a th' ann : 
loisgidh tu le teine an ni anns a' bheil a' 
phlàigh. 

58 Agus an t-eudach, raa 's dlùth, no 
inueaeh e, no ni air bith deanta do chroic- 
ionn, a nigheas tu, ma chaidh a' phlàigh 
asda, an sin nighear e an dara uair, agus 
bithidh e glan. 

59 Is e so lagh plàigh na luibhre ann an 
eudach olla no lin, anns an dlùth, no anns 
an inneach, no ann an ni sam bith deanta 
do chroicnibh, chum a ghairm glan, no 
'ghainn neòghlan. 



90 



LEBHITICUS. 



CAIB. XIV. 

AGUS labhair an Tighearna ri Maois, ag 
ràdh, 

2 Bithidh so 'na lagh do 'n lobhar, ann an 
là a ghlanaidh : Bheirear e chum an t-sag- 
airt ; 

3 Agus thèid an sagart a mach as a' 
champ; agus amhaircidh an sagart, agus, 
feuch, ma leighiseadh plàigh na luibhre 
anns an lohhar ; 

4 An sin àithnidh an sagart gu 'n gabhar 
air a shon-san a tha gu hhi air a ghlanadh, 
dà eun bheò ghlan, agus fiodh seudair, ag- 
us scarlaid, agus hiosop. 

5 Agus àithnidh an sagart gu marbhar 
aon do na h-eunaibh ann an soitheach 
creadha, os ceann uisge ruith. 

6 A tliaobh an eoin bheò, gabhaidh se e, 
agus am fiodh seudair, agus an scarlaid, 
agus an hiosop, agus tumaidh e iad agus an 
t-eun beò, ann am fuil an eoin a mharbh- 
adh os ceann an uisge ruith. 

7 Agus crathaidh e air-san ata gu bhi 
air a ghlanadh o 'n luibhre, seachd uairean, 
agus gairmidh e glan e, agus leigidli e as an 
t eun beò air aghaidh na macharach. 

8 Agus nighidh esan a ta gu bhi air a 
ghlanadh 'eudach, agus bearraidh e dheth 
'fhionnadh uile, agus nighidh se e fèin ann 
an uisge, chum gu'm bi e glan : agus 'na 
dhèigh sin thig e steach do'n ehamp, agus 
fanaidh e mach as a' bhùth seachd làithean. 

9 Ach air an t-seachdamh là, bearraidh e 
uile fholt a chinn, agus 'fheusag, agus 
mailghean a shùl, eadhon 'fhionnadh uile 
bearraidh e dheth : agus nighidh e 'eudach, 
nighidh e mar an eeudna 'fheoil ann an 
uisge, agus bithidh e glan. 

10 Agus air an ochdamh là gabhaidh e 
dà uan fhirionn gun ghaoid, agus aon uan 
boirionn do 'n cheud bhliadhnagun ghaoid, 
agus tri deich earrannan do phlùr mìn mar 
thabhartas-bìdh, ìneasgta le h-oladh, agus 
aon log olaidh. 

11 Agus nochdaidh an sagart a ni glan 
e, an duine a ta r" a ghlanadh, agus na nithe 
sin an làthair an Tighearn, aig doruspàill- 
iuin a' choimhthionail : 

12 Agus gabhaidh an sa<rart aon uan fir- 
ionn, agus bheir e seachad e mar ìobairt- 
eusaontais, agus an log olaidh, agus luai?g- 
idh e iad mar thabhartas-luaisgte am fian- 
uis au Tighearn. 

13 Agus marbhaidh e 'n t-uan anns an 
àite sam marbh e 'n ìobairt-pheacaidh ag- 
us an ìobairt-loisgte, anns an ionad naomh ; 
oir mar is leis an t-sagart an ìobairt-pheac- 
aidh, is amhuil sin an ìobairt-eusaontais : 
tka i ro-naomha. 

14 Agus gabhaidh an sagart cuid do 
fhuil na h-ìobairt-eusaontais, agus cuiridh 
an sagart i air bàrr cluaise deise an neach 
a ta r' a ghlanadh, agus air ordaig a làimhe 
deise, agus air ordaig a choise deise. 

15 Agus gabhaidh an sagart cuid do'n 
log olaidh, agus dòirtidh e i ann an glaic a 
làimhe clìthe fèin. 

16 Agus tumaidh an sagart a mheur deas 
&an oladh a ta 'na làimh chlì, agus crath- 
aidh e cuid do 'n oladh le 'mheur, seachd 
uairean an làthair an Tighearn. 

17 Agus do'n chuid eile do'n oladh a ta 
'na làimh, cuiridh an sagart air bàrr cluaise 



deise an neach a ta r'a ghlanadh, aj;us aii 
ordaig a làimhe deise, agus air ordaig a 
choise deise, air fuil na h-ìobairt-eusaont-j 
ais. 

18 Agus fuigheall na h-olaidh, a ta 'n 
làimh an t-sagairt, dòirtidh e air ceaim ai: 
neach a ta r' a ghlanadh : agus ni an sagarl 1 
rèite air a shon am tìanuis au Tighearn. 

19 Agus ìobraidh an sagart an iobairt- 
pheacaidh, agus ni e rèite air a shonsan a 
ta r' a ghlanadh o 'neòghloine, agus 'na 
dhèigh sin marbhaidh e 'n ìobairt-loisgte. 

20 Agus bheir an sagart seachad an 
ìobairt-loisgte, agus an tabhartas-bidh air 
an altair : agus ni an sagart rèite air a shon. 
agus bithidh e glan. 

21 Agus ma tha e bochd, agus nach 
urrainn e an uiread sin fhnghail ; an sin 
gabhaidh e aon uan clmm ìobairt-eusaont- 
ais gu bhi air a luasgadh, a dheanamh reite 
air a shon, agus aon deicheamh earrann dc 
phlùr mìn measgta le h-oladh, mar thabh- 
artas-bìdh, agus log olaidh ; 

22 Agus dà thurtur, no dà choluman òg, 
mar is urrainn e fhaghail ; agus bithidh 
fear dhiubh 'na ìobairt-pheacaidh, agusam 
fear eile 'na ìobairt-loisgte. 

23 Agus bheir e iad air an ochdamh là, 
air son a ghlanaidh, chum an t-sagairt, gu 
dorus pàilliuin a" choimhthionail, an làth- 
air an Tighearn. 

24 Agus gabliaidh an sagart uan na 
h-ìobairt-eusaontais, agus an log olaidh, 
agus luaisgidh an sagart iad mar thabhart- 
as-luaisgte an làthair an Tighearn. 

25 Agus marbhaidh e uan na h-ìobairt- 
eusaontais, agus gabhaidh an sagart cuid do 
fhuil na h-ìobairt-eusaontais, agus cuiridh 
e i air bàrr cluaise deise an fhir a ta r'a 
ghlanadh, agus air ordaig a làimhe deise, 
agus air ordaig a choise deise. 

26 Agus dòirtidh an sagart cuid do 'n 
oladh ann an glaic a làirahe clìthe fèin. 

27 Agus crathaidh an sagart le 'mheur 
deas cuid do'n oladh a ta 'na làimh chlì 
seachd uairean am fianuis an Tighearn. 

28 Agus cuiridh an sagartcuid do'n oladh 
&ta 'na làirah, air bàrr cluaise deise an fhir 
a ta r' a ghlanadh, agus air ordaig a làimhe 
deise, agus air ordaig a choise deise, air 
ionad fola na h-ìobairt-eusaontais. 

29 Agus a' chuid eile do 'n oladh a ta an 
làimh an t-sagairt, cuiridh e air ceann an 
fhir atar'a ghlanadh, a dheanamh rèite 
air a shon am fianuis an Tighearn. 

30 Agus ìobraidh e fear do na turtuir, 
no do ua columain òga, mar is urrainn e 
fha^hail ; 

31 Eadhon an ni is urrainn e fhaghail, 
fear mar ìobairt-pheacaidh, agus am fear 
eile mar ìobairt-loisgte, maille "ris an tabh- 
artas-bhìdh. Agus ni an sagart rèite air 
a shon-san a ta r' a glilanadh, am fianuis an 
Tighearu. 

32 So lagh an fhir anns a' bheil plàigh 
na luibhre, neach nach ruig a làmh air an 
ni sin a bhuineas d' a ghlanadh. 

33 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
agus ri h-Aaron, ag ràdh, 

34 An uair a thig sibh do thìr Chanaain, 
a bheir mise dhuibh mar sheilbh, agus a 
chuireas mi plàigh luibhre ann an tigh 
fearainn bhur seilbhe ; 



\ 



CAIB. XV, 



91 



33 Agus gu 'n tìg esan d' ara buin an tigh 
jus gu 'n innis e do 'n t' sagart, ag ràdh, A 
;ir mo bharail-sa tha mar gu 'm bu phlàigh 
•Jbhre san tigh : 

36 An sin àithnidh an sagart dhoibh an 
gh fhalmhachadh mun tèid an sagart a 
igh ann a dh' fhaicinn na plàigh ; chum 
ich deanar gach ni a tha san tigh neò- 
ìlan : agus 'na dhèigh sin thèid an sagart 
steach a dh' fhaicinn an tighe. 

37 Agus ambaircidh e air a' phlàigh, ag- 
s, feucb, ma bhios a' phlàigh ann am ball- 
bh an tighe, le stiallaibh dorahain, càil- 
giu uaine no dearga, a tha r' am faicinn 
i 's ìsle na 'm baila : 

An sin thèid an sagart a mach as an 
gh gu dorus an tighe, agus bheir e fa 'near 
j tigh a dhùnadh suas seachd làithean. 

39 Agus thig an sagart a rìs air an 
seachdamh là, agus amhaircidh e : agus, 
uch. ma bhios a' phlàigh air sgaoileadh 
im am ballaibh an tigbe ; 

40 An sin àithnidh an sagart iad a thoirt 
r falbh nan claeh, anns a' bheil a' phlàigh, 
^us tilgidh iad ann an àite neòghlau iad 
n taobh a mach do 'n bhaile. 

41 Agus bheir e fa 'near an tigh a sgrìob- 
dh air an taobh a stigh mu 'n cuairt, agus 
lgidh iad a macb an duslach a sgrìobas 
id deth, an taobh a muigh do 'n bhaile gu 
te neògblan. 

42 Agus gabbaidh iad clachan eile, agus 
uiridh iad ann an àite nan clach ud iad ; 
gus gabhaidh e criadh eile, agus còmh- 
aichidh e tbairis an tigh leatha. 

43 Agus ma thig a' phlàigh a rìs, agus 
ta bhriseas i raacli san tigh, an dèigh 
ha na clachan a thoirt air falbh, agus an 
èigh dha an tigh a sgrìobadh, agus an 
èigh dha a chòmhdachadh thairis le 
eidh ; 

44 An sin thig an sagart agus ambairc- 
ih e, agus, feuch, raa tha phlàigh air 
jaoileadh san tigh, is luibhre chnàmhain 
san tigh ; tha e neòghlan. 

45 Agus brisidh e sìos an tigh, a chlach- 
n, agus 'fhiodh, agus criadh an tighe uile : 
gus bheir e fa 'near an giùlan a mach as a' 
haile gu h-ionad neòghlan. 

46 Agus bithidh esan a thèid a stigh do 'n 
gh rè na h-ùine a dhruidear suas e, neò- 
hlan gu feasgar. 

47 Agus nighidh esan a luidheas anns an 
gh 'eudach : agus nighidh esan a dh' ith- 
as anns an tigh 'eudach. 

48 Agus ma thèid an sagart a stigh, agus 
u 'n amhairc e*air, agus, feuch, nach do 
gaoil a' phlàigh san tigh, au dèigh an tigh 

chòmhdachadh thairis ; an sin gairraidh 
n sagart an tigh glan, a chionn gu 'n do 
eighiseadh a' phlàigh. 

49 Agus gabhaidh e chum an tigh a 
hlanadh dà eun, agus fiodh seudair, agus 
carlaid, agus hiosop. 

50 Agus marbhaidh e fear do na h-eun- 
ibh ann an soitheach creadha, os ceann 
lisge ruith. 

51 Agus gabhaidh e am tìodh seudair, 
.gus an hiosop, agus an scarlaid, agus an 
-eun beò, agus tumaidh e iad ann am fuil 
n eoin a chaidh mharbhadh, agus anns an 
lisge ruith ; agus crathaidh e air an tigh 
eachd uairean. 



52 Agus glanaidh e an tigh le fuil an eoin, 
agus leis an uisge ruith, agus leis an eun 
bheò, agus leis an fhiodh sheudair, agus 
leis an hiosop, agus leis an scarlaid. 

53 Ach leigidh e as an t-eun beò an taobh 
a raach do 'n bhaile, air aghaidh na mach- 
arach, agus ni e rèite air son an tighe : ag- 
us bithidh e glan. 

54 So an lagh air son gach guè do phlàigh 
luibhre, agus do cbàrr, 

55 Agus air sonluibhreeudaich, agusair 
son tighe, 

56 Agus air son ataidh, agus air son 
guirein, agus air son buill shoilleir ; 

57 A theagasg c' uin' a bhios e neòghlan, 
agus c' uin' a bhios e glan : is e so lagli na 
luibhre. 

CAIB. XV. 

AGUS labhair an Tighearna ri Maois, 
agus ri h-Aarou, ag ràdh, 

2 Labhraibh ri cloinn Israeil, agus ab- 
raibh riu, 'Nuair abhios aigduine sam bith 
silteach o 'theoil, air son a shiltich bithidh 
e neòghlan. 

3 Agus is e so a neòghloine 'na shilteach : 
ma shileas 'fheoil a mach a sileadh, no ma 
dhùinear 'fheoil suas o shilteach, is e so a 
neòghloine. 

4 Gach leabadb air an luidh esan air am 
bheil silteach, bithidh i neòghlan : agus 
gach ni air an suidh e, bitbidh e neòghlan. 

5 Agus gach neach a bheanas r' a leab- 
aidh, nighidh e 'eudach, agus ionnlaididh se 
efèin ann an uisge, agus bithidh e neòghlan 
gu feasgar. 

6 Agus esan a sbuidheas air ni sam bith 
air an do shuidh neach air am bheil silteach, 
nighidh e 'eudach, agus ionnlaididh se e 
fèin ann an uisge, agus bithidh e neòghlan 
gu feasgar. 

7 Agus esan a bheanas ri feoil neach air 
am bheil silteach, nighidh e 'eudach, agus 
ionnlaididh se e fèin ann an uisge, agus 
bithidh e neòghlan gu feasgar. 

8 Agus ma thilgeas esan air ara bheil silt- 
each smugaid air-san a ta glan, an sin nigh- 
idh e 'eudach, agus ionnlaididh se e fèin 
ann an uisge, agus bithidh e neòghlan gu 
feasgar. 

9 Agus gach dìollaid air am marcaich 
esan air am bheil silteach, bithidh i neò- 
ghlan. 

10 Agus gach neacb a bheanas ri ni sam 
bith a bha fuidhe, bitbidh a neòghlan gu 
feasgar: agus esan a ghiùlaineas a h-aon 
air bith do na nithibh sin, nighidh e 'eud- 
ach, agus ionnlaididh se e fèin ann an 
uisge, agus bithidh e neòghlan gu feasgar. 

11 Agus gach neach ris am bean esan air 
am bheil silteaeh, agus nach d' ionnlaid a 
làmhan ann an uisge, nighidh e 'eudach, 
agus ionnlaididh se efèin ann an uisge, ag- 
us bithidb eneògblan gu feasgar. 

12 Agus an soìtheach creadha ris am bean 
esan air am bheil silteach, brisear e : agus 
gach soitheach fiodha, nighear ann an uisge 
e. 

13 Agus an uair a ghlanar esan air am 
bheil silteach o 'shilteach, an sin àirmhidh 
e dha fèin seachd làithean air son a ghlan- 
aidh, agus nighidh e 'eudach, a«us ionn- 
laididh e 'fheoil ann an uisge ruith, agus 
bithidh e glan. 



92 



LEBXIITICUS. 



14 Agus air an ochdamh là gabhaidh e 
dha fèin dà thurtur, no dà choluman òg, 
agus thig e an làthair an Tighearna, gu 
rìorus pàilliuin a' choimhthionail, agus 
hlieir e lad do 'n t-sagart. 

15 Agus ìobraidh an sagart iad, aon 
diubh mar ìobairt-pheacaidh, agusant-aon 
eile mar ìobairt-loisgte ; agus ni an sagart 
rèite air a shon an làthair an Tighearn a 
thaobh a shiltich. 

16 Agus ma dh' fhalbhas a shìol-gin o 
dhuine sam bith, an sin nighidh e 'fheoil 
uile ann an uisge, agus bithidh e neòghlan 
gu feasgar. 

17 Agusgach eudach.agusgachcroicionn 
fàr am bi an sìol-gin, nighear e ann an 
uisge, agus bithidh e neòghlan gu feasgar. 

18 Mar an ceudna a' bhean leis an luidh 
fear le sìol-gin, nighidh iad araon iadfèin 
ann an uisge, agus bithidh iad neòghlan gu 
feasgar. 

19 Agus an uair a bhios silteach air 
mnaoi, agus gur fuil a bhios 'na silteach 'na 
feoil, seachdlàithean cuirear air leth i ; ag- 
us gach neach a blieanas rithe, bithidh e 
neòghlan gu feasgar. 

20 Agus gach ni air an luidh i 'nuair a 
chuirear air leth i, bithidh e neòghlan : 
gach ni mar an ceudna air an suidh i, bith- 
idh e neòghlan. 

21 Agus gach neach a bheanas r' a leah- 
aidh, nighidh e 'eudach, agus ionnlaididh 
se efèin ann an uisge, agus bitliidh e neò- 
ghlan gu feasgar. 

22 Agus gach neaeh a bheanas ri ni sam 
bith air an do shuidh i, nighidh e 'eudach, 
agus ionnlaididh se e fèin ann an uisge, 
agus bithidh e neòghlan gu feasgar. 

23 Agus ma bhios e air a leabaidb, no air 
ni sam bith air an suidh i, 'nuair a blieanas 
e ris, bithidh e neòghlan gu feasgar. 

24 Agus maluidheasfear sam hith maille 
rithe, agus gu'm bi a fuil-mìos air, bithidh 
e neòghlan seachd làithean, agus bithidh 
gach leabadh air an luidh e neòghlan. 

25 Agus an uair a bhios a silteach fola air 
mnaoi mòran do làithibh, cha 'n ann an àm 
a dealachaidh, no ma shileas e an dèigh ùm 
a dealachaidh, bithidh uile làithean silidh 
a neòghloine mar làithean a dealachaidh : 
bithidh i neòghlan. 

26 Gach leabadh air an luidh i rè uile 
làithean a siltich, bithidh i dh' i mar leab- 
aidh a dealaehaidh : agus gach ni air an 
suidh i, bithidh e neòghlan, a rèir neò- 
ghloine a dealachaidh. 

27 Agus gach neach a bheanas ris na 
nithibh sin, bithidh e neòghlan ; agus nigh- 
idh e 'eudach, agus ionnlaididh se e fèin 
ann an uisge, agus bithidh e neòghlan gu 
feasgar. 

28 Ach ma ghlanar i o 'silteach, an sin 
àirmhidh i dh' i fèin seachd làithean, agus 
an dèigh sin bithidh i glan : 

29 Agus air an ochdamh là gabhaidh i 
dh' i fèin dàthurtur, no dàcholuman òg, ag- 
us bheir i iad a dh' ionnsuidh an t-sagairt, 
gu dorus pàilliuin a' choimhthionail : 

30 Agus ìobraidh an sagart aon diubh 
mar ìobairt-pheacaidh, agus an t-aon eile 
mar ìobairt-loisgte ; agus ni an sagartrèite 
air a son an làtliair an Tighearn, air son 
siltich a neòghloine. 



31 Mar so dealaichidh sibh ciarin Israèil I 
o 'n neòghloine, chum as nach bàsaich iad 11 
'nan rieòghloine, 'nuair a thruailleas iad ij 
mo phàilliun-sa a ta 'nam measg. 

32 Is e so lagh an fhir air am bheil silt- II 
each, agus an fhir sin aig an tèid a shìoi | 
uaith, agus a slialaichear leis ; 

33 Agus na mnà a bhios gu tinn ann an H 
àm a dealachaidii, agus an neach sin air I 
am bi silteach, an fhir, agus na mnà, agus I 
an duine sin a luidheas leatha-sa a ta neò- I 
ghlan. 

CAIB. XVI. 

AGUS labhair an Tighearna ri Maois an ; 
dèigh bàis dhithis mhac Aaroin, an 
uair athug iad seachad tabhartas an làthaii i 
an Tigliearn, agus a bhàsaich iad : 

2 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, : 
Labhair ri h-Aaron do bhràthair, a chum 
nach tèid e anns gach àm a steach do 'd 
ionad naomh an taebh a stigh do 'n roinn. i 
bhrat, an làthair na caithir-thròcair, a ta i 
air au àirc ; a chum nach bàsaich e : oii 
foillsichidh mise mi fèin ann an neul air a' ; 
chaithir-thròcair. 

3 Mar so thèid Aaron a steach do 'n i 
ionad naomh : le tarbh òg chum ìobairt i 
pheacaidh, agus reithe chum ìobairt- i 
loisgte. 

4 An còta anairt naomha cuiridh e air. 
agus bithidh na brigisean anairt aige aii 
Theoil, a«us leis a' chrios anairt crioslaich. 
idh se e fèin, agus cuiridh e an crùn-anairl 
air: is èididh naomha iad sin; air ac i 
aobhar sin ionnlaididh e 'fheoil ann ar 
uisge, agus cuiridh e air iad. 

5 Agus o choimhthional chloinn Israei; j 
gabhaidh e dà bhoc o na gabhraibh chum 
ìobairt-pheacaidli, agus aon reithe chum I 
ìobairt-loisgte. 

6 Agus bheir Aaron seachad tarbh nf i 
h-ìobairt-pheacaidli a bhios air a shon fèin i li 
agus ni e rèite air a shou fèin, agus air sor. 

a thighe. 

7 Agus gabhaidh e an dà bhoc-gaibhre 
agus nochdaidh e iad an làthair an Tigh- : 
earn, aig dorus pàilliuin a' choimhthionail i 

8 Agus tilgidh Aaron croinn air an di 
bhoc ; aon chrann air son an Tighearn, ag 
us crann eile air son a' bhuic a thèid as. l 

9 Agus bheir Aaron leis am boc air ar 
do thuit an crann air son an Tighearn, ag> 
us ìobraidh se e mar ìobairt-pheacaidh. 

10 Ach am boc air an do thuit an crani i 
gu 'n leigteadh as e, nochdar beò e an làth ì 
air an Tighearn, gu rèite'a dheanamh leis ; 
chum a leigeadh as saor do 'n f hàsach. I 

11 Agus bheir Aaron leis tarbh na h-ìob 
airt-pheacaidh, a bhios air a shon fèin, ag 
us ni e rèite air a shon fèin, agus air son i 
thighe; agus marbhaidh e tarbh na h-ìob 
airt-pheacaidh, a bhios air a shon fèin. e 

12 Agus gabhaidh e tùiseir làn adh' eibh 
libh teine o 'n altair an làthair an Tighearn 
agus làn a ghlac do thùis dheadh-bholaidl 
pronnta gu mìn, agus bheir e 'n taobh i fl 
stigh do 'n roinn-bhrat e. 

13 Agus cuiridh e an tùis air an teine ai 
làthairan Tighearn, chum gu'n còmhdaicl 
neul na tùise a' chaithir-thròcair a ta ai: ; 
an Fhianuis, agus nach faigh e bàs. 

14 Agus gabhaidh e do fhuil an tairbh 



CAIB. 

tagus crathaidh e i le 'mheur air a' chaithir- 
Ithròcair chum na h-àird an ear : agus fa 
irhomhair na caithir-thròcair crathaidh e 
[do 'n fhuil seachd uairean le 'mheur. 
I 15 An sin marbhaidh e boc-gaibhre na 
m-ìobairt-pheacaidh a bhios air son an 
t-sluaigh, agtis bheir e 'fhuil an taobh a 
fetigh do 'n roinn-bhrat, agus ni e r'a fhuil- 
san mar a rinn e ri fuil an tairbh, agus 
prathaidh e i air a chaithir-thròcair, agus 
ifa chomhair na caithir-thròcair. 

16 Agus ni e rèite air sou an ionaid 
naoimirthaobh neòghloine chloinn Israeil, 
agus a thaobh an seachrana 'nam peacann- 
pibh gu lèir : agus mar so ni e air son pàill- 
■ uin a' choimhthionail a ta chòmhnuidh 
(inaille riu, ann am meadhon an neòghloine. 

17 Agus duine sam bith cha bhi ann am 
bàilliun a' choimhthionail, an uair a thèid 
e dheanamh rèite san ionad naomh, gus an 
tig e macli, agus gu bheil e air deanamh 
rrèite air a shon fèiu, agus air son a thighe, 
»gus air son uile choimhthionail IsraeiT. 

I 18 Agus thèid e mach a dh' ionnsuidh na 
h-altarach a ta 'm fianuis an Tighearn, ag- 
kis ni e rèite air a son ; agus gabhaidh e do 
Ifhuil an tairbh, agus do fhuil a' bhuic, ag- 
kis euiridh e i air adhaircibh na h-altarach 
mu 'n cuairt. 

j 19 Agus crathaidh e oirre do'nfhuille 
imheur seachd uairean, agus glanaidh e i, 
lagus naomhaichidh ei oneòghloine chloinn 
Israeil. 

[ 20 Agus an uair a bhios e air deanamh 
jrèite air son an ionaid naoimh, agus air 
[son pàilliuin a' choimhthionail, agus air son 
Tia h-altarach, bheir e leis am boc-gaibhre 
beò : 

21 Agus cuiridh Aaron a dhà làimh air 
ceann a' bhuic bheò, agus aidichidh e os a 
cheann uile lochdan chloinn Israeil, agus 
an uile sheachrana 'nam peacannaibh gu 
lèir, agus cuiridh e iad air ceann a' bhuic, 
agus cuiridh e air falbh e le làimh duine 
iomchuidh do'n fhàsach. 

22 Agus giùlainidh am boc-gaibhre air 
fèin an lochdan gu lèir gu fearann air leth : 
agus leigidh e air falbh am boc san f hàsach. 

23 Agus tlièid Aaron a steach do phàill- 
iun a' choimhthionail, agus cuiridh edheth 
an èididh anairt, a chuir e air an uair a 
chaidh e steach do'n ionad naomh, agus 
fàgaidh e n sin i. 

24 Agus ionnlaididh e 'fheoil ann an uisge 
san ionad naomli, agus cuiridh e air 'èid- 
idh, agus thig e mach, agus ìobraidh e ìob- 
airt-loisgte fèin, agus ìobairt-loisgte an 
t-sluaigh ; agus ni e rèite air a shon fèin, 
agus air son an t-sluaigh. 

25 Agus saill na h-ìobairt-pheacaidh 
loisgidh e air an altair. 

26 Agus esan a leig as am boc-gaibhre 
mar bhoc saor, nighidh e 'eudach, agus 
ionnlaididh e 'fheoil ann an uisge ; agus 
'na dhèigh sin thèid e do 'n chainp. 

27 Agus an tarbh air son na h-ìobairt- 
pheacaidh, agus am boc-gaibhre air son na 
h-ìobairt-pheacaidh, d' an d' thugadli ara 
fuil a steach a chum rèite a dheanamh san 
ionad naomh, bheirear a mach iad an taobh 
a muigh do 'n champ ; agus loisgidh iad san 
teine an croicnean, agus am feoil, agus an 
aolach. . 



XVII. 93 

28 Agus esan a loisgeas iad, nighidh e 
'eudach, agus ionnlaididh e 'iheoil ann an 
uisge, agus 'na dhèigh sin thèid e do'n 
charap. 

29 Agus bithidh so dhuibh 'na ordugh gu 
sìorruidh : Anns an t-seachdamh mìos, air 
an deicheamh là do 'n mhìos, irioslaichidh 
sibh bhur n-anaraan, agus obair sam bith 
cha' dean sibh, aon chuid esan a tha do 
mhuinntir bhur dùthcha fèin, no 'n coig- 
reach a ta air chuairt 'nur measg ; 

30 Oir air an là sin ni an sagart rèite air 
bhur son, chum bhur glanaidh : o bhur 
peacannaibh gu lèir an làthair an Tigheam 
glanar sibh. 

31 Bithidh e 'na shàbaid tàimh dhuibh, 
agus irioslaichidh sibh bhur n-anaman, le 
ordugh sìorruidh. 

32 Agus ni an sagart a dh' ungas e, agus 
a choisrigeas e gu frithealadh ann an àit 
'athar, an rèite : agus cuiridh e air an èid- 
idh anairt, eadhon an trusgan naomh. 

33 Agus ni e rèite air son an ionaid ro- 
naoimh, agus air son pàilliuin a' choimh- 
thionail, agus air son na h-altarach ni e 
rèite ; mar an ceudna air son nan sagart, 
agus air son uile shluaigh a' choimhthion- 
ail ni e rèite. 

34 Agus bithidh so dhuibh 'na ordugh 
sìorruidh, chum rèite a dheanamh air son 
chloinn Israeil, as leth am peacanna gu lèir 
aon uair sa' bhliadhna. Agus rinn e mar 
a dh' àithn an Tighearna do Mhaois. 

CAIB. XVII. 

AGUS labhair an Tighearna ri Maois, ag 
ràdh, 

2 Labhair ri h- Aaron, agus r' a mhic, ag- 
us ri cloinn Israeil uile, agus abair riu, So 
an ni a dh' àithn an Tighearn, ag ràdh, 

3 Ge b' e duine air bith do thigh Israeil, 
a mharbhas tarbh, no uan, no gabhar anns 
a' champ, no mharbhas e mach as a' champ, 

4 Agus nach toir e gu dorus pàilliuin a' 
choimhthionail, gu tabhartas athoirt seach- 
ad do'n Tighearn air beulaobh pàilliuin an 
Tighearna, cuirear fuil as leth an duine sin, 
dhòirt e fuil ; agus gearrar as an duine sin 
o mbeasg a shluaigh : 

5 Chum as gu'n toir clann Israeil aniob- 
airtean, a dh' ìobras iad a muigh sa' mhach- 
air, eadhon gu 'n toir iad a chum an Tigh- 
earn iad, gu dorus pàilliuin a' ehoimh- 
thionail a dh' ionnsuidh an t-sagairt, agus 
gu 'n ìobair iad mar ìobairtean-sìth iad do'n 
Tighearn. 

6 Agus crathaidh an sagart an fhuil air 
altair an Tighearn, aig dorus pàilliuin a' 
choimhthionail, agus loisgidh e 'n t-saill a 
chum fàile chùbhraidh do'n Tighearn. 

7 Agus cha 'n ìobair iad ni 's mò an ìob- 
airtean do dhiabholaibh, an dèigh an deach- 
aidh iad le strìopachas : Bithidh so 'na 
reachd dhoibh gu sìorruidh air feadh an 
ginealacha. 

8 Agus their thu riu, Ge b'e duine air 
bith do thigh Israeil, no do na coigrich a 
bhios air chuairt 'nur measg, abheir seach- 
ad tabhartas-loisgte no ìobairt, 

9 Agus nach toir e gu dorus 'pàilliuin a' 
choimhthionail, a chum 'ìobradh do'n Tigh- 
earna ; gearrar eadhon an duine sin as o 
mheasg a shluaigh. 



94 



LEBHITICUS. 



10 Agns ge b' e duine do thigh Israeil, no 
do na coigrich a ta air chuairt 'nur measg, 
a dh'itheas gnè sara bith fola ; cuiridh 
mise mo ghnùis au aghaidh an anama sin 
a dh' itheas fuil, agus gearraidh mi as e o 
mheasg a shluaigh. 

1 1 Oir tha beatha na feòla san fhuil, ag- 
us thug mi dhuibh i air an altair, a dhean- 
ainh reite air son bhur n-anamanna : oir is 
i n fhuil a ni rèite air son an anama. 

12 Uime sin thubhairt mi ri cloinn Is- 
raeil, Cha 'n ith anam sam bith agaibh fuil, 
ni mò a dh'itheas an coigieach fuil,a bhios 
air chuairt 'nur measg. 

13 Agus ge b'e duine air bith do chloinn 
Israeil, no do nacoigrich abhios air chuairt 
'nur measg, an i sealg agus a ghlacas beath- 
ach no eun a dh' f heudar itheadh ; dòirtidh 
e mach 'fhuil, agus còmhdaichidh e le 
duslach i. 

14 Oir is i beatha gach uile fheòla a fuil ; 
tha i air son beatha dh' i : uime siu thubh- 
airt rai ri cloinn Israeil, Cha'n ith sibh fuil 
feòla sam bith ; oir is i beatha gach feòla a 
fuil : gach neach a dh'itheas i, gearrar as e. 

15 Agus gach anam a dh' itheas an ni a 
bhàsaicheas dheth fèin, no a reubadh le 
fiadh-bheathaidiibh, (ma's neach e a rug- 
adh 'nur tìr fèin, no coigreach) nighidh e 
'eudach, agus ionnlaididh se e fèin ann an 
uisge, agus bitl.idh e neòghlan gu feasg- 
ar; an sin bithidh e glan. 

16 Ach mur nigh se e, agus mur ionn- 
laid e 'fheoil ; an sin giùlainidh e'aingidh- 
eachd. 

CAIB. XVIII. 

AGUS labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

2 Labhair ri cloinn Israei), agus abair 
riu, Is mise an Tighearna bhur Dia. 

3 A rèir ghnìorahara tìre na h-Eiphit 
anns an robh sibh a chòmhnuidh, cha dean 
sibh ; agus a rèir ghnìomhara tìre Chanaain 
gus am bheil mise 'gur tabhairt, cha dean 
sibh ; ni mò a ghluaiseas sibh 'nan orduigh- 
ibh. 

4 Ni sibh mo bhreitheanais, agus gleidli- 
ìdh sibh m'orduighean, gu gluasad annta: 
Is mise an Tighearna bliur Dia. 

5 Uime sin gleidhidh sibh mo reachdan 
agus mo bhreitheanais ; nithe ma ni duine, 
bithidh e beò annta: Is mise an Tighearn. 

6 Cha tig a h-aon agaibh am fagus a 
dh' aon neach a ta dlùth dha ann an dàimh, 
a chum a nàire a leigeadh ris : Is mise an 
Tighearn. 

7 Nochd t' athar, no nochd do mhàthar, 
cha leig thu ris : is i do mhàthairi, chaleig 
thu ris a nochd. 

8 Nochd mnà t' athar cha leig thu ris : 
is e nochd t' athar e. 

9 Nochd do pheathar, nighinn t'athar,no 
nighinn do mliàthar, co dhiubh a rugadh i 
aig an tigh, no 'rugadh a mach i, eadhon an 
nochd-san cha leig thu ris. 

10 Nochd nighinn do mhic, no nighinn 
do nighinn, eadhon an nochd-san cha leig 
thu ris : oir is e an nochd-san do nochd 
fèin. 

11 Nochd nighinn mnà t'athar, a ghin- 
eadh le t' athair, (is i do phiuthar i) cha leig 
thu ris a nochd-sa. 



12 Cha leig thu ris nochd peathar-t' ath- 
ar : is i banacharaid ro-dhìleas t' athar i. 

13 Cha leig thu ris nochd peathar dc 
mliàthar : oir i» i banacharaid ro-dhileas 
do mhàthar i. 

14 Cha leig thu ris nochd bràthar-t'ath- 
ar, cha tig thu 'm fagus d' a mhnaoi : it i 
bean bhràthar-t' athar i. 

15 Cha leig thu ris nochd do bhana- 
chloamhna ; is i bean do mhic i, cha leig 
thu ris a nochd. 

16 Clia leig thu ris nochd mnà dc 
bhràthar : is e nochd do bhràthar e. 

17 Cha leig thu ris nochd mnà agus 8 
h-ighinn, ni mò a ghabhas tu nighean a mic. 
no nighean a h-ighinn, a chum a nochd a 
leigeadh ris; oir is iad a banachairdean 
dìleas iad : is aingidheachd e. 

18 Ni mò a ghabhas tu bean maille r'a 
piuthair, a chum a buaireadh, a leigeadh 
ris a nochd, a thuilleadh air an tè eile, ava 
feadh is beò i. 

19 Mar an ceudna cna tig thu 'm fagus dc 
mhnaoi a leigeadh ris a nochd, an uair a 
chuirear air leth i air son a neòghloine. 

20 Agus cha luidh thu gu collaidh le 
mnaoi do choimhearsnaich, a chum thu 
fèin a thruailleadh leatha. 

21 Agus cha leig thu le neach air bith do 
d' shliochd dol troimh 'n teine do Mholech. 
ni mò a mhi-naomhaicheas tu ainm do 
Dhè : Is mise an Tighearn. 

22 Cha luidh thu le firionnach mar le 
boirionnach : is gràineileachd e. 

23 Ni mò a luidheas tu le h-ainmhidh 
sam bith gu d' thruailleadh fèin leis ; ni 
mò a sheanas bean sara bith roirah ain- 
mhidh gu luidhe sìos da : is amhluadh e. 

24 Na truaillibh sibh fèin ann an aon 
sam bith do na nithibh sin : oir anns na 
nitliibh sin uiie thruaill na cinnich sin iad 
fèin, a thilgeas raise mach roimhibh. 

25 Agus shalaicheadh am fearann : uime 
sin leanaidh mi 'aingidheachd air, agus 
sgeithidh am fearann fèin a mach a luchd- 
àiteachaidh. 

26 Uime sin gleidhidh sibh mo reachdan 
agus mo bhreitlieanais, agus cha dean sibh 
aon air bith do na gràineileachdaibh sin ; 
aon chuid neach air bith d"ur cinneach 
fein, no coigreach a bhios air chuairt 'nur 
measg : 

27 (Oir na gràineileacnda sin uile rinn 
daoine na dùthcha, a bha roimhibh, agus 
tha 'm fearann air a thruailleadh.) 

28 Chum nach sgeith am fearann sibhse 
mach mar an ceudna, 'nuair a thruailleas 
sibh e, mar a sgeith e mach na cinnich a 
bha roimhibh. 

29 Oir ge b' e neach a ni h-aon air bith do 
na gràineileachdaibh ud, eadhon na h-an- 
aman a ni iad, gearrar as iad o mheasg an 
sluaiorh. 

30 Uime sin gleidhidh sibh m'orduigh- 
ean, a chum nach dean sibh aon air bith do 
na gnàthannaibh gràineil ud, a rinneadh 
roimhibh, agus nach truaill sibh sibh fèin 
annta : Is mise an Tighearna bhur Dia. 

CAIB. XIX. 

AGUS labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

2 Labhair ri coimhthicnal chloinn Israeil 



CAIB. 

1 ile, agus abair riu, Bithibh naomha : oir 
ta mise an Tighearna bhur Dia naomh. 
3 Bitheadh eagal hhur màthar agus bhur 

! -athar ar gach duine agaibh, agus gleidh- 
>h mo shàbaidean: Is mise an Tighearna 

I !iur Dia. 

' 4 Na rachaibh a thaobh gu h-ìodholaibh, 
gus na deanaibh diathan leashta dhuibh 
y fin : 1$ mise an Tighearna bhur Dia. 

II 5 Agus ma dh' ìobras sibh ìobairt thabh- 
rtasan-sìth do'n Tighearn, ìobraidh sibli i 
r 'ur toil fèin. 

6 Sau là sin fèin anns an ìobair sibh i 
J thear i, agus air an là màireach : agus ma 
J ihaireas a bheag dh' i gus an treas là, 
2 f>isgear san teine e. 

'* J 7 Agus ma dh'ithear e idir air an treas 

i, is gràineil e ; cha ghabhar e. 
] 8 Uime sin gach neach a dh'itheas e, 
1 iùlainidh e 'aingidheachd, a chionn gu'n 
| o mhi-naomhaich e ni coisrigte an Tigh- 

aru : agus gearrar an t-anam sin as o 
s ;bluagh. 

--' 9 Agus an uair a bhuaineas sibh foghar 
. hur fearainn, cha bhuain thu gu buileach 
isinnean t' achaidh, ni mò a chruinnich- 
1 as tu dioghluim t' fhogharaidh. 

10 Agus cha tur-lom thu t' fhìon-lios, ni 
* nò a chruinnicheas tu uile fhìon-dhearca 
■j 'fhìon-lios; do'n bhochd agus do'n choig- 
1 each fàgaidh tu iad : Js mise an Tighearna 
hur Dia. 

H 11 Cha ghoid sibh, ni mò a ni sibh 
)reug, no mheallas aon agaibh a chèile. 

m 12 Agus cha mhionaich sibh air m' 
n linm-sa gu breugach, ni mò a mhi-naomh- 
licheas tu ainm ao Dhè : Is mise an Tigh- 
;arn. 

M 13 Cha dean thu foirneart air do choimh- 
M ìarsnacb, ni mò a ni thu reubainn air : 
J ' ^ha'n flian duais an fhir-thuarasdail maille 

•ìut rè na h-oidhche gu maduinn. 
™ 14 Cha mhallaich thu 'm bodhar, agus 
■ -oimh 'n dall cha chuir thu ceap-tuislidh, 
i ich bithidh eagal do Dhè ort : Js mise an 

righearn. 

m 15 Cha dean sibh eucoir sam bith ann am 
^ jreitheanas ; cha bhi suim agad do ghnùis 
»1 m duine bhochd, ni mò a bheir tliu urram 

to ghnùis an duine chumhachdaich ; ann 
m in ceartas bheir thu breth air do choimh- 

?arsnach. 

m 16 Cha tèid thu mu'n cuairt mar fhear 
a > tuailis am measg do shluaigh ; ni mò a 

sheasas tu an aghaidh fola do choimhears- 
a naich : Js mise an Tighearn. 
« 17 Cha bhi fuath agad do d' bhràthair 
« ann ad chridhe : air gach aon chor cron- 

aichidh tn do choimhearsnach, agus cha'n 
ì» fhuiling thu peacadh air. 
»• 18 Cha dean thu dìoghaltas, ni mò bhios 
m falachd agad ri cloinn do shluaigh, acli 

gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar 
I thu fèin : Js mise an Tighearn. 
lo 19 Gleidhidh sibh mo reachda : Cha leig 
I thu le d' sprèidh sìolachadh le gnè eile ; 
• Cha chuir thu t' fhearann le sìol measgta: 

ni mò a chuirear umad eudach measgta do 

olainn agus do lion. 
20 Agus ge b'e neach a luidheas gu coll- 

aidh le mnaoi a ta 'na ban-tràill fuidh 

cheangal-pòsaidh aig fear, agus nach 

d' fhuasgladh idir, ni mò a thugadh saorsa 



. XX. 95 

dh'i, sgiùrsar i : cha chuirear gu bàsjad, a 
chionn nach robh i saor. 

21 Agus bheir e 'ìobairt-eusaontais do'n 
Tighearn, gu dorus pàilliuin a' choimh- 
thionail, eadhon reitlie mar ìobairt-eus- 
aontais. 

22 Agus ni an sagart rèite air a shon le 
reithe na h-ìobairt-eusaontais an làthair 
an Tighearn, air son a pheacaidh a rinn e : 
agus raaithear dha a pheacadh a rinn e. 

23 Agus an uair a thig sibh do'n fhear- 
ann, agus a shuidhicheas sibh gach gnè 
chraobìi air son bìdh, an sin measaidh sibli 
an toradh mar ni neo-thimchioll-ghearrta : 
tri bliadhna bithidh e dhuibh mar ni neo- 
thimchioll-ghearrta : cha'n ithear dhetli. 

24 Ach air a' cheathramh bliadhna bith- 
idh a thoradh uile naomha, chum cliu do'n 
Tighearn. 

25 Agus air a' chùigeadh hliadhna ithidh 
sibh d'a thoradh, chum as gu'n toir e a 
chinneas duibh : Is mise an Tighearna 
bhur Dia. 

26 Cha'n ith sibh ni sam bith leis an 
fhuil : ni mò a ghnàthaicheas sibh druidh- 
eachd, no sheallas sibh air amannaibh. 

27 Cha bhearr sibh mu'n cuairt oisinn- 
ean bhur ceann, ni mò a mhilleas tu oisinn- 
ean t' fheusaig. 

28 Cha dean sibh gearradh sam bith 'nur 
feoil air son nam marbh, ni mò a chuireas 
sibh comharadh sam bith oirbh : Js mise 
an Tighearn. 

29 Na truaill do nighean, a thoirt oirre 
bhi 'na strìopaich ; a chum as nach toirear 
am fearann gu strìopachas, agus nach lìon- 
ar an dùthaich le h-aingidheachd. 

30 Gleidhidh sibh mo shàbaidean, agus 
bheir sibh urram do m' ionad naomh : Js 
mise an Tighearn. 

31 Na biodh suim agaibh dhuibh-san aig 
am bheil leannain-shìth, agus na h-iarr- 
aibh a dh' ionnsuidh luchd-fiosachd, gu 
bhi air blmr truailleadh leo : Js mise an 
Tighearna bhur Dia. 

32 An làthair a' chinn lèith èiridh tu 
suas, agus bheir thu urram do ghnùis an 
duine aosda, agus bithidh eagal do Dhè 
ort : Is mise an Tighearn. 

33 Agus ma bhios coigreach air chuairt 
maille riut 'nur tìr, cha bhuin sibh gu 
crnaidh ris. 

34 Mar neach a rugadh 'nur measg bith- 
idh dhuibhse an coigreach a ta air chuairt 
maille ribh, agus gràdhaichidh tu e mar 
thu fèin ; oir bha sibh fèin 'nur coigrich 
ann an tìr na h-Eiphit : Is mise an Tigh- 
earna bhur Dia. 

35 Cha dean sibh eucoir sam bith ann 
am breitheanas, ann an slait-thomhais, 
ann an cudthrora, no ann an tomhas. 

36 Meidhean cearta, clacha-tomhais 
cearta, ephah cheart, agus hin cheart bith- 
idh agaibh : Is mise an Tighearna bhur 
Dia, a thug sibhse mach à tìr na h-Eiphit. 

37 Uime sin gleidhidh sibh mo reachdan 
uile, agus mo bhreitheanais uile, agus ni 
sibh iad : Is mise an Tighearn. 

CAIB. XX. 

AGUS labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

2 A rìs, their thu ri cloinn Israeil, Ge b> 



96 



LEBIIITICUS. 



air bith e do chloinn Israeil, no do na coig- 
rich a ta air chuairt ann an Israel, a bheir 
a bheag d'a shliochd do Mholech, cuirear 
gu cinnteach gu bàs e, clachaidh sluagh na 
dùthcha e le clachaibh. 

3 Agus cuiridh mise mo ghnùis an agh- 
aidh an duine sin, agus gearraidh mi as e o 
mheasg a shluaigh ; a chionn gu'n d'thug 
e d'a shliochd do Mholech, a shalachadh 
m' ionaid naoimh-sa, agus a thruailleadh 
m* ainme naoimh. 

4 Agus ma dh' fholaicheas sluagh na 
dùthcha air chor sam bith an sùilean o'n 
duine sin, an uair a bheir e d'a shliochd do 
Mholech, agus nach marbh iad e ; 

5 An sin cuiridh mise mo ghnùis an 
aghaidh an duine sin, agus an aghaidh a 
theaghlaich, agus gearraidh mi as e, agus 
iadsan uile a thèid le strìopachas 'na dhèigh, 
a dheanamh strìopachais le Molech, o 
mheasg an sluaigh. 

6 Agus an t-anam a thèid a thaobh a 
dh'ionnsuidh muinntir aig am bheil leann- 
ain-shìth, agus a dh' ionnsuidh luchd-fios- 
achd, gu dol le strìopachas 'nan dèigh, 
cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an an- 
ama sin, agus gearraidh mi as e o mheasg 
a shluaigh. 

7 Naomhaichibh sibh fèin uime sin, ag- 
us bithibh naomha : oir is mise an Tigh- 
earna bhur Dia. 

8 Agus gleidhidh sibh mo reachdan, ag- 
us ni sibh iad: Is mise an Tighearn a 
naomhaicheas sibh. 

9 Oir gach neach a mhallaicheas 'athair 
no 'mhàthair, cuirear gu cinnteach gu bàs 
e : mhallaich e 'athair no 'mhàthair; bith- 
idh 'fhuil air fèin. 

10 Agus an duine a ni adhaltrannas ri 
mnaoi fir eile, eadhon esan a ni adhaltrann- 
as ri mnaoi a choimhearsnaich, cuirear an 
t-adhaltranach agus a' bhan-adhaltranach 
gu cinnteach gu bàs. 

11 Agus an duine a luidheas le mnaoi 
'athar, leig e ris nochd 'athar : cuirear gu 
cinnteach le chèile gu bàs iad ; bithidh am 
f uil orra fèin. 

12 Agus ma luidheas duine le muaoi a 
mhic, cuirear gu deimhin le chèile gu bàs 
iad : dh' oibrich iad amhluadh : bithidh am 
fuil orra fèin. 

13 Mar an ceudna ma luidheas duine le 
fear, mar a luidheas e le mnaoi, rinn iad le 
chèile gràineileachd: cuirear gu cinnteach 
gu bàs iad ; bithidh am fuil orra fèin. 

14 Agus ma ghabhas duine d'a ionnsuidh 
bean agus a màthair, is aingidheachd e : 
loisgear le teine iad, eadhon esan agus iad- 
san; a chum nach bi aingidheachd 'nur 
measg. 

15 Agus ma luidheas duine le h-ain- 
mhidh, cuirear gu cinnteach gu bàs e : ag- 
us marbhaidh sibh an t-ainmhidh. 

16^Agus ma thigbean am fagus a dh'ain- 
mhidh sam bith, agus gu'n luidh i sìos da, 
marbhaidh tua' bheanagus ant-ainmhidh : 
cuirear gu cinnteach gu bàs iad ; bithidh 
am fuil orra fèin. 

17 Agus ma ghabhas duine a phiuthar, 
nighean 'athar, no nighean a mhàthar, ag- 
us gu'm faic e a nochd, agus gu'm faic ise 
a nochd-san ; is ni maslach e ; agus gearrar 
as iad ann an sealladh an sluaigh : leig e 



ris nochd a pheathar, giùlainidh e'aingidh-' 
eachd. 

18 Agus ma luidheas duine le mnaoi ag-j 
us a tinneas oirre, agus gu'n leig e ris at 
noclid, leig e ris a tobar, agus leig iserisj 
tobarafola; agus gearrar as le chèileiad. 
o mheasg an sluaigh. 

19 Agus cha leig thu ris nochd peathar ' 
do mhàthar, no peathar-t'athar ; oir tha e 
a' rùsgadh 'fheòla fèin : giùlainidh iad an) 
aingidheachd. 

20 Agus ma luidheas duine le mnaoij 
bhràthar-'athar, leig e ris nochd bhràthar- 1 
'athar : giùlainidh iad ampeacadh ; gheibh) 
iad bàs gun chloinn. 

21 Agus ma ghabhas duine bean a bhrà-j 
thar, is ni neòghlan e : leig e ris nochd a | 
bhràthar ; bithidh iad gun chloinn. 

22 Uime sin gleidhidh sibh mo reachdani 
uile, agus mo bhreitheanais uile, agus ni j 
sibh iad; a chum nach dean am fearann.j 
g'am bheil mi 'gur tabhairt gu còmhnuidhì 
a ghabhail ann, bhur sgeith a mach. 

23 Agus cha ghluais sibh ann an gnàth- 1 
annaibh nan cinneach a ta mise a' tilgeadh; 
a mach roimhibh : oir rinn iadsan na nithe , 
sin uile, agus uime sin ghabh mi gràin 
diubh. 

24 Ach thubhairt mi ribhse, Sealhhaich- 
idh sibh am fearann, agus bheir mi dhuibh 
a chum a shealbhachadh, fearann a ta 
sruthadh le bainne agus le mil : Is mise an 
Tighearna bhur Dia, a dhealaich sibhse o 
gach sluagh eile. 

25 Cuiridh sibh uimesin eadar-dhealach- 
adh eadar bheathaichibh glana agus neò- 
ghlana, agus eadar eunlaith neòghlan agus 
ghlan; aguscha dean sibh bhur n-anaman- 
na gràineil le beathach no le h-eun, no le 
gnè air bith do ni beò ashnàigeas air an tal- 
amh, a sgar mise uaibh mar neòghlan. 

26 Agus bithidh sibh naomha dhomhsa i 
oir a ta mise an Tighearna naomh, agus 
dhealaich mi sibhse o gach sluagh eile, 
chum as gu'm bu leam fèin sibh. 

27 Bean no duine mar an ceudna aig am 
bheil leannan-sìth, no 'bhios ri fiosachd, 
cuirear gu deimhin gu bàs iad : clachaidh 
iad le clachaibh iad ; bithidh ara fuil orra 
fèin. 

CAIB. XXI. 

AGUS thubhairtan Tighearnari Maois, 
Labhair ris nasagairt, mic Aaroin.ag- 
us abair riu, Air son nam marbh cha sal- 
aichear neach sam bith dhibh am measg a 
shluaigh. 

2 Ach air son a dhilsean, a ta 'm fagus 
da, eadhon air son a mhàthar, agus air son 
'athar, agus air son a mhic, agus air son a 
nighinn, agus air son a bhràthar, 

3 Agus air son a pheathar a ta 'na 
h-òigh, a ta 'm fagus da, aig nach rohh 
fear-pòsda ; air a sonsa feudaidh e bhi air 
a shalachadh. 

4 Ach cha salaich se e fèin, air bhi dha 
'na dhuine urramach am measga shluaigh, 
gu 'thruailleadh fèin. 

5 Cha dean iad maoile air au ceann, ag- 
us cha bhearr iad oisinn am feusaig, ni mò 
a ni iad gearradh 'nam feoil ; 

6 Bithidh iad naomha d'an Dia, agus cha 
truaill iad ainm an Dè : oir tha iad a' toirt 



ICAIB. 
seacliad tabliartais an Tighearn a bheirear 
suas le teine, agus arain an Dè ; uime sin 
bithidh iad naomha. 
7 Chaghabh iad bean a ta 'na strìopaich, 
| no mì-naomha ; ni mò a ghabhas iad bean 
' a chuireadh air falbh o 'fear : oir tha e 

naomha d' a Dhia. 
8 8 Uime sin naomliaichidh tu e, oir tha e 
| a' toirt seachad arain do Dhè; bithidh e 
i uaomha dhuit : oir tha mise an Tighearna 
( naomh, a ta 'gur naomhachadh. 
; 9 Agus ma thruailleas nighean sagairt 
ur bitli i fèìn le strìopachas a dheanamh, 
: :ha i a' truailleadli a h-athar : loisgear ie 
teine i. 

10 Agus esan a tha 'na àrd-shagart o 
1 nheasg a bhràithrean, neach a dhòirteadh 

ìn oladh naomli air a cheann, agus a chois- 
! ! -igeadh a chur na h-èididh uime, cha rùisg 
\ i a cheann, ni raò a reubas e 'eudach. 

11 Ni mò a thèid e steach a dh' ionnsuidh 
1 iuirp mhairbh sam bith : air son 'athar no 

lir son a mhàthar cha salaich se e fèin. 
' 12 Agus as an ionad naomh cha tèid e 
! nach, ni mò a thruailleas e ionad naomh a 

Dhè; oir ata crùn oladh-ungaidh a Dhè 

dr : 7* raise an Tighearn. 

13 Agus gabhaidh e bean 'na maighdean- 
is. 

14 Bantrach no bean a chuireadh air falbh 
> 'fear, no bean rahi-naomha, no strìopach ; 
ad sin cha ghabh e : ach òigh d' a shluagh 
ein gabhaidh e 'na ranaoi. 

15 Agus cha truaill e a shliochd am measg 
i shluaigh : oir a ta mise an Tighearna 'ga 
ìaomhachadh. 

! 16 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
j \g ràdh, 

17 Labhair ri h- Aaron, ag ràdh, Ge b' e 
lir bith e do d' shliochd 'nan ginealach- 

I ubh, anns am bi gaoid sam bitk, na tig- 
jadh e am fagus a thoirt seachad arain a 

jDhè: 

! 18 Oir ge b' e air bith duine anns am bi 
j jaoid, cha tig e 'm fagus : duine dall, no 
I )acach, no aig am bheil sròn leachdach, no 
l ù sam bith thuilleadh air a' chòir. 

19 No duine aig am bi cos bhriste no 
i àmh bhriste, 

I 20 No crotach, no 'na throich, no aig am 
! jheil leus air a shùil, no air am bheil càrr, 
| ao cloimh, no aig am bheil a chlochan 
srùite : 

21 Cha tig duine sam bith do shliochd 
Aaroin an t-sagairt, anns am bheil gaoid, 
un fagus a thoirt seachad tabhartasan an 
Tighearn a bheirear suas le teine : tha 
jaoid ann, cha tig e 'm fagus a thoirt 
seachad arain a Dhè. 

22 Ithidh e aran a Dhè, araon do 'n aran 
ro-naomh, agus naomh. 

23 Ach an taobh a steach do 'n roinn- 
[ bhrat cha tèid e, ni mò thig e 'm fagus do 'n 
I altair, a chionn gu bheil gaoid ann ; a 
I chum nach truaill e m' ionaid naoinha : 

oir a ta mise an Tighearna 'gan naomh- 
tchadh. 

24 Agus dh' innis Maois so do Aaron, ag- 
us d' a mhic, agus do chloinn Israeil uile. 

CAIB. XXII. 

AGUS labhair an Tighearna ri Maois* 
ag ràdh, 



XXII. 97 

2 Labhair ri h- Aaron, agus r' a mhic, iad 
'gan sgaradh fèin o nithibh naomha chloinn 
Israeil, agus gun iad a thoirt easonoir do 
ra' ainm naomha-sa, anns na nithibh sin a 
naomhaicheas iad dhomh : Is mise an Tigh- 
earn. 

3 Abair riu, Ge b' e air bith e d' 'ur sliochd 
uile am rneasg bliur ginealach, a thèid a 
dh' ionnsuidh nan nithe naomha, a naomh- 
aicheas clann Israeil do 'n Tighearn, agus a 
neòghloine air, gearrar as an t-anam sin as 
mo làthair : Is mise an Tighearn. 

4 Ge b' e air bith an duine do shliochd 
Aaroin a ta 'na lobhar, no air am bheil silt- 
each, cha 'n ith e do na nithibh naomha, 
gus am bi e glan. Agus ge b' e bheanas ri ni 
air bith a ta neòghlan leis a' mharbh, no 
duine aig am bheil a shìol a' dol uaith ; 

5 No ge b'e bheanas ri ni air bith a shnàig- 
eas, leis an deanar neòghlan e, no ri duine 
o 'ra faigh e neòghloine, ge b' e air bith neò- 
ghloine a bhios air ; 

6 An t-anam a bheanas ri h-aon air bith 
d' an leithidibh sin, bithidh e neòghlan gu 
feasgar, agus cha 'n ith e do na nithibh 
naomha, mur nigh e 'fheoil le h-uisge. 

7 Agus an uair a thèid a' ghrian sìos, 
bithidh e glan, agus an dèigh sin ithidh e 
do na nithibh naomha, a chionn gur e a 
bhiadh e. 

8 An ni sin a bhàsaicheas leis fèin, no a 
reubar le fiudh-bheathaichibh, cha 'n ith e 
'ga shalachadh fèin leis : Is mise an Tigh- 
earn. 

9 Gleidhidh iad uime sin m' ordugh, air 
eagal gu 'n giùlan iad peacadh air a shon, 
agus uime sin gu 'm faigh iad bàs, ma 
thruailleas iad e : Tha mise an Tighearna 
'gan naomhachadh. 

10 Cha 'n ith coigreach sam bith do 'n ni 
naomh : cha 'n ith fear-cuairt an t-sagairt, 
no seirbhiseach tuarasdail do 'n ni naomh. 

1 1 Ach ma cheannaicheas an sagart duine 
le 'airgiod, ithidh e dheth, agus esan a rug- 
adh 'na thigh ; ithidh iad d' a bhiadh. 

12 Agus ma bhios nighean an t-sagairt 
pòsda ri coigreach, cha 'n fheud i itheadh 
do thabhartas nan nithe naomha. 

13 Ach ma bhios nighean an t-sagairt 'na 
bantraicii, no dealaichte r' afear, agus gun 
sliochd aice, agus i air pilltinn gu tigh a 
h-athar, mar 'na h-òige, ithidh i do bhiadh 
a h-athar ; ach cha 'n ith coigreach sam bith 
dheth. 

14 Agus ma dh'itheas duine do'n ni naomh 
gun fhios da, an sin cuiridh e an cùigeadh 
cuid deth ris, agus bheir e do 'n t-sagart e, 
maille ris an ni naomh. 

15 Agus cha truaill iad nithe naomha 
chloinn Israeil, a bheir iad suas do'n Tigh- 
earn ; 

16 Ni mò a leigeas iad leo cionta an 
eusaontais a ghiùlan an uair a dh' itheas iad 
an nithe naomha : oir a ta mise an Tigh- 
earna 'gan naomhachadh. 

17 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

18 Labhair ri h-Aaron agus r' a mhic, 
agus ri cloinn Israeil uile, agus abair riu, 
Ge b' e air bith e do thigh Israeil, no do 
na coigrich ann an Israel, a bheir seaehad 
a thabhartas air son a bhòidean uile, no air 
son a shaor thabhartasan uile, a bheir iad 

I 2 



98 



LEBHITTCUS. 



seachad do 'n Tighearna chum ìobairt- 
loisgte ; 

19 Bheir sibh seachad d' 'ur toil fèin 
beathach firionn gun ghaoid do 'n bhuar, 
do na caoraich, no do na gabhraibh. 

20 Ach ge b e air bith ni anns am bi 
gaoid, sin cha toir sibh seachad: oir cha 
ghabhar air bhur son e. 

21 Agus ge b' e air bith e a bheir seachad 
ìobairt thabhartasan-sìth do 'n Tighearn, a 
choimhlionadh a bhòide, mar thabhartas 
saor-thoile, do'n bhuar, no do na caoraich, 
bithidh e iomlan, a chum as gu 'n gabhar 
ris : cha bhi gaoid sam bith ann. 

22 Dall, no briste, no ciurramach, no air 
am bi fiiodh, no càrr, no cloimh, cha toir 
sibh seachad iad sin do 'n Tighearn, ni mò 
a bheir sibh tabhartas dhiubh a bheirear 
suas le teine air an altair do 'n Tighearn. 

23 Aon chuid tarbh no uan aig am bi ni 
sam bith thar a' chòir, no dh' uireasbhuidh 
'na bhallaibh, sin feudaidh tu thoirt seachad 
ma.r shaor thabhartas; ach air son bòide 
cha ghabhar ris. 

24 Ni sam bith a ta brùite, no pronnta, 
no reubta, no gearrta, cha toir sibh seachad 
do 'n Tighearn ; agus cha 'n ìobair sibh e 
'nur tìr. 

25 Agus o làimh coigrich cha toir sibh 
seachad aran bhur Dè do h-aon diubh sin ; 
a chionn gu 'm bheil an truaillidheachd 
annta, agus gu 'm bheil gaoidean annta: 
cha ghabhar riu air bhur son. 

26 Aguslabhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

27 'Nuair a bheirear tarbh, no caora, no 
gabhar, an sin bithidh e seachd Jàithean 
tuidh 'mhàthair ; agus o'n ochdamh là ag- 
us à sin suas, gabhar ris mar thabhartas a 
bheirear suas le teine do'n Tighearn. 

28 Agus ma 's bò no caora a bhios ann, 
cha marbh sibh i fèin agus a h-àl san aon 
là. 

29 Agus an uair a dh' ìobras sibh ìobairt- 
bhuidheachais do 'n Tighearn, ìobraidh 
sibh i d' 'ur toil fèin. 

30 Air an là sin fèin ithear suas i, cha 'n 
fhàg sibh a bheag dh' i gu maduinn : Js 
mise an Tighearn. 

31 Air an aobhar sin gleidhidh sibh 
m' àitheantan, agus ni sibh iad : Is mise an 
Tighearn. 

32 Agus cha truaill sibh m' ainm 
naomha-sa, agus bithidh mi air mo naomh- 
achadh am measg chloinn Israeil : Is mise 
an Tighearn a ta 'gur naomhachadh, 

33 A thug a mach sibh à tìr na h-Eiphit 
gu bhi a' m' Dhia agaibh : Is mise an Tigh- 
earn. 

CAIB. XXIII. 

AGUS labhair an Tighearna ri Maois, ag 
ràdh, 

2 Labhair ri cloinn Israeil, agus abair 
riu, A thaobh fèillean an Tighearn, a 
ghairmeas sibh a bhi 'nan comhghairmibh 
naomha, is iad eadhon sin m' fhèillean-sa. 

3 Sè làithean nìthear obair, ach san 
t-seachdamh là bithidh sàbaid fhoise, 
comhghairm naomh: obair sam bith cha 
dean sibh air: is e sàbaid an Tighearn e 
'nur n-àiteachaibh-còmhnuidh uile. 

4 Is iad sin fèillean an Tighearn, eadhon 



comhghairmean naomha, a ghairmeas sibh 
'nan amannaibh fèin : 

5 Anns a' cheud mhios, air a' cheath- 
ramh là deugdo 'n mhìos air feasgar, bith- 
idh càisg an Tighearn. 

6 Agus air a' chùigeadh là deug do 'n 
mhìos sin fèin bithidh fèill an arain neo- 
ghoirtichte do 'n Tighearn : seachd làith- 
ean ithidh sibh aran neo-ghoirtichte. 

7 Air a' cheud là bithidh comlighairm 
naomh agaibh: obair thràilleil sam bith 
cha dean sibh air. 

8 Ach bheir sibh seachad tabhartas a 
bheirear suas le teine do'n Tighearna seachd 
làithean: air an t-seachdamh là bithidh 
comhghairm naomh ; obair thràilleil sam 
bith cha dean sibh air. 

9 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

10 Labhair ri cloinn Israeil, agus abair 
riu, 'Nuair a thig sibh a dh' ionnsuidh an 
fhearainn a bheir mise dhuibh, agus a 
bhuaineas sibh 'fhoghar, an sin bheir sibh 
sguab do cheud thoradh bhur fogharaidh 
dh' ionnsuidh an t-sagairt : 

11 Agus luaisgidh e 'n sguab an làthair 
an Tighearna, chum gu 'n gabhar rithe air 
bhur son : air an là màireach an dèigh na 
sàbaid luaisgidh an sagart i. 

12 Agus ìobraidh sibh air an là sin, an 
uair a luaisgeas sibh an sguab, uan firionn 
gun ghaoid, do 'n cheud bhliadhna, mar 
ìobairt-loisgte do 'n Tighearn. 

13 Agus is e a thabhartas-Wdh dà dheich- 
eamh earrann do phlùr mìn measgta le 
h-oladh, tabhartas a bheirear suas le teine 
do 'n Tighearn, chum fàile chùbhraidh : 
agus bithidh a thabhartas-dibhe do fhìon, 
an ceathramh cuid do hin. 

14 Agus cha 'n ith sibh aran, no gràn 
cruaidhichte, no diasa glasa, gus an là sin 
fèin anns an toir sibh tabhartas a chum 
bhur Dè : bithidh e 'na reachd bith-bhuan 
air feadh bhur ginealacha, 'nur n-àiteach- 
aibh-còmhnuidh uile. 

15 Agus àirmhidh sibh dhuibh fèin o 'n 
là màireach an dèigh na sàbaid, o 'n là san 
d' thug sibh leibh sguab an tabhartais- 
luaisgte : bithidh seachd sàbaidean iomlan 
ann : 

16 Eadhon gus an là màireach an dèigh 
na seachdamh sàbaid, àirmhidh sibh leth- 
cheud là, agus bheir sibh seachad nuadh 
thabhartas-bìdh do 'n Tighearn. 

17 Bheir sibh leibh as bhur n-àiteach- 
aibh-còmhnuidh dà bhuilionn luaisgte, 
do dhà dheicheamh earrann ; bithidh iad 
dophlùrmìn; fuinear iad le taois ghoirt; 
bithidh iad 'nan ceud thoradh do 'n Tigh- 
earn. 

18 Agus bheir sibh seachad maille ris an 
aran seachd uain gun ghaoid, do 'n cheud 
bhliadhna, agus aon tarbh òg, agus dà 
reithe : bithidh iad 'nan ìobairt-loisgte do 'n 
Tighearn, maille r' an tabhartas-bìdh, agus 
an tabhartas-dibhe, eadhon tabhartas a 
bheirear suas le teine, a dh' fhàile cùbh- 
raidh do 'n Tighearn. 

19 An sin ìobraidh sibh aon mheann do 
na gabhraibh mar ìobairt-pheacaidh, agus 
dà uan do 'n cheud bhliadhna mar ìobairt 
thabhartasan-sìth. 

20 Agus luaisgidh an sagart iad maille 



CAIB. XXIV. 



99 



ri aran a' cheud toraidh, mar thabhartas- 
luaisgte an làthair an Tighearna, maille ris 
an dà~ uan : bithidh iad naomha do n Tigh- 
earn cbum an t-sagairt. 

21 Agus gairmidh sibh air an là sin fèin, 
a chum gu'm bi e 'na chorahghairm naomh 
dhuibh f obair tbràilleil sam bith cha dean 
sibh air : Bithidh e'na reachd sìorruidh 
'nur n-àiteachaibh-eòmhnuidh uile air 
feadh bbur ginealacha. 

22 Agus àn uair a bhuaineas sibh fogh- 
ar bhur fearainn, cha ghearr thu gu buil- 
each oisinnean t-achaidh 'nuair a bhuain- 
eas tu, ni mò a thionaileas tu dioghluim 
t' fhogharaidh : fàgaidh tu iad do'n bhoclid 
agus no'n choigreach : Is mise anTighearna 
bhur Dia. 

23 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

24 Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, San 
t-seachdamh mìos, air a' cheud là do'n 
mhìos, bithidh sàbaid agaibh, cuimhneach- 
an shèideadh tlirompaidean, comhghairm 
naomh. 

25 Obair thràilleil sam bith cha dean sibh 
air ; ach bbeir sibh seacbad tabhartas a 
bheirear suas le teine do'n Tighearn. 

26 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
agràdh, 

27 Mar an ceudna air an deicheamh là 
do'n t-seachdamh mìos so bithidh là rèite ; 
bithidh e 'na chomhghairra naomh dhuibh, 
agus cràdhaidh sibh bhur n-anaman, agus 
bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas 
le teine do'n Tighearn. 

28 At*us obair sam bith cha dean sibh air 
an là cheudna ; oir is là rèite e, a dhean- 
amh rèite air bhur son an làthair an Tigh- 
earna bhur Dè. 

29 Oir ge b'e anam nach bi fo chràdh 
san la sin fèin, gearrar as e o mheasg a 
shluaigh. 

30 Agus gach anam a ni obair sam bith 
air an là cheudna, an t-anam sin fèin 
sgriosaidh mise o mheasg a shluaigh. 

31 Obair sam bith cha dean sibh : bithidh 
e 'na reachd sìorruidh air feadh bhur gin- 
ealacha, 'nur n-àiteachaibh-còmhnuidh 
uile. 

32 Bithidh e dhuibh 'na shàbaid fhoise, 
agus cràdhaidh sibh bhur n-anaman air an 
naothadh là do'n mhìos air feasgar: o 
fheasgar gu feasgar cumaidh sibh bhur sà- 
baid. 

33 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

34 Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Air 
a' chùigeadh là deug do'n t-seachdamh 
mìos so oithidh fèill nam pàilliunrè sheachd 
làithean do'n Tighearn. 

; 35 Air a' cheud là bithidh comhghairm 
naomh : obair thràilleil sam bith cha dean 
sibh air. 

36 Seachd làitheanbheir sibh seachad ta- 
bhartas a bheirear suas le teine do'n Tigh- 
earn : air an ochdarnh là bithidh comh- 
ghairm naomh agaibh, agus bheir sibh 
seachad tabhartas a bheirear suas le teine 
do'n Tighearn ; is àrd choimhthional e ; 
obair thràilleil sam bith cha dean sibh air. 

37 Is iad sin fèillean an Tighearn, a 
ghairmeas sibhgw bhì 'nan comhghairmibh 
naomha, a thoirt seachad tabhartais a bheir- 



ear suas le teine do'n Tigliearna, tabhartas- 
loisgte, agus tabhartas-bicìb, ìobairt, agus 
tabhartasan-dibhe, gach ni air a là fèin ; 

38 A thuilleadh air sàbaidibh an Tigh- 
earn, agus a tbuilleadh air bliur tiodhlac- 
aibh, agus a thuilleadh air bhur bòidibli 
uile, agus a thuilleadh air bhur saor-tha- 
bhartais uile, a bheir sibh do'n Tighearn. 

39 Mar an ceudna air a' chùigeadh là 
deug do'n t-seachdamh raios, an uair a 
chruinnicheas sibh a stigh toradh an fhear- 
ainn, cumaidh sibh fèill do'n Tighearna 
seachd làithean : air a' cheud là bithidh sà- 
baid, agus air an ochdamh là bithidh sàhaid. 

40 Agus gabhaidh sibh dhuibh/em air a' 
cbeud là rneas chraobh àluinn, geugan 
chrann-pailme, agus geugan chraobh 
tiugha, agus seileach an t-srutha ; agus ni 
sibh gairdeachas an làthair an Tighearna 
bhur Dè seachd làithean. 

41 Agus cumaidh sibh e 'na fhèill do'n 
Tighearna seachd làithean sa' bhliadhna : 
bithidh e 'na reachd sìorruidh air feadh 
bhur ginealacha; cumaidh sibh e san 
t-seachdamh mìos. 

42 Ann am pàilliunaibh gabhaidh sibh 
còmhnuidh seachd làithean ; gabhaidh gach 
aon a rugadh 'na Israelach còmhnuidh ann 
am pàilliunaibh ; 

43 Chum gu'm bi fios aig bhur gineal- 
aich gu'n d'thug mise air cloinn Israeil 
còmhnuidh ghabhail ann am pàilliunaibh, 
'nuair a thug mi mach iad à tìr na h-Ei- 
phit : Is mise an Tighearna bhur Dia. 

44 Agus chuir Maois an cèill do chloinn 
Israeil fèillean an Tighearna. 

CAIB. XXIV. 

AGUS labhair an Tighearna ri Maois, ag 
ràdh, 

2 Aithn do chloinn Israeil iad a thoirt a 
t'ionnsuidh oladli fìor-ghlan a' chroinn- 
olaidh, brùite air son an t-soluis, a thoirt 
air na lochrain lasadh an còmhnuidh. 

3 An taobh a muigh do hhrat na Fian- 
uis, ann am pàiìliun a' choimhthionail, 
orduichidh Aaron e o fheasgar gu mad- 
uinn, ann làthair an Tighearn an còmh- 
nuidh : bithidh e 'na reachd sìorruidh air 
feadh bhur ginealacha. 

4 Orduiehidh e na lòchrain air a' choinn- 
leir fhìor-ghlan an làthair an Tighearn an 
còmhnuidh. 

5 Agus gabhaidh tu plùr mìn, agus fuin- 
idh tu dà bhreacaig dheug dheth : dà 
dheicheamh earrann bithidh ann an aon 
bhreacaig. 

6 Agus suidhichidh tu iad ann an dà 
shreath, sè ann an sreath, air a' bhòrd 
fhìor-ghlan an làthair an Tighearn. 

7 Agus cuiridh tu tùis fhìor-ghlan air 
gach sreath, chum gu'm bi i air an aran mar 
chuimhneachan, eadhon tabhartas a bheir- 
ear suas le teine do'n Tjgbearn. 

8 Gach aon latha sàbaid cuiridh e "n 
ordugh e an làthair an Tighearn an còmh- 
nuidh, air a ghabhail o chloinn Israeil le 
coimhcheangal sìorruidh. 

9 Agus is le Aaron agus a mhic e, agus 
ithidh iad e san ionad naomh ; oir a ia e 
ro-naomh dha, do thabhartasaibh an Tigh- 
earn a bheirear suas ie teine, le reachd 
bith-bhuan. 



100 



LEBHITICUS. 



10 Agus chaidh mac Ban-Israelich, aig 
an robh Eiphiteach 'na athair, a mach am 
measg chloinn Israeil : agus hha mac na 
Ban-lsraelich agus duine do lsrael a' comh- 
stri sa' champ. 

1 1 Agus mhaslaich mac na Ban-Israelich 
ainm««, Tighearn, agus mhallaiche: agus 
thug iad gu Maois e (agus b'e. ainm a 
mhàthar Selomit, nighean Dhibri, do 
thrèibh Dhan ;) 

12 Agus chuir iad an làimh e, chum 
gu'n nochdtadh dhoibh inntinn an Tigh- 
earn. 

13 Agus labhair an Tighearn ri Maois, 
ag ràdli, 

14 Thoir a mach esan a mhallaich an 
taobh a muigh do'n champ, agus cuireadh 
iadsan uile a chual' e an làmhan air a 
cheann, agus clachadh an comhchruinn- 
each uile e. 

15 Agus labhraidhtu ricloinn Israeil, ag 
ràdh, Ge b'e neach a mhallaicheas a Dhia, 
giùlainidh e a pheacadh. 

16 Agus esan a mhaslaicheas ainm an 
Tighearna, cuirear gu cinnteach gu bàs e ; 
clachaidh gudeimhin an comhchruinneach 
uile e : an coi^reach co mhaith agus esan 
a rugadh san dùthaich, 'nuair a mhaslaich- 
eas e ainm an Tighearna, cuirear gu bàs e. 

17 Agus esan a mharbhas duine sam 
bith, cuirear gun teagainh gu bàs e. 

18 Agus esan a muarbhas aintnhidh, ni e 
dìoladh air a shon ; ainmhidh air son ainmh- 
ìdh. 

19 Agus ma bheir duine ciurram air a 
choimhearsnach, mar a rinn e, mar sin 
nìthear air : 

20 Briseadh air son brisidh, sùil air son 
sùla, fiacail air son fiacla ; mar a thug e 
ciurram air duine, mar sin nìthear air. 

21 Agus esan a mharbhas ainmhidh, 
dìolaidh se e : agus an neach a mharbhas 
duine, cuirear gu bàs e. 

22 Bithidh an t-aon ghnè lagh agaibh co 
mhaith air son a' choigrich, agus air son 
neach do mhuinntir bhur dùthcha fèin : 
oir is mise an Tighearna bhur Dia. 

23 Agus labhair Maois ri cloinn Israeil, 
iad a thoirt leo esan a mhallaich, an taobh 
a muigh do'n camp, agus a chlachadh le 
clachaibh : agus rinn elann Israeil mar a 
dh'àithn an Tighearna do Mhaois. 

CAIB. XXV. 

AGUS labhair an Tighearnari Maois ann 
an sliabh Shinai, ag ràdh, 

2 Labhair ri cloinn Israèil, agus abair riu, 
'Nuair a thig sibh chum ca tìre a bheir 
mise dhuibh, an sin gleidhidh an tìr sàbaid 
do'n Tighearn. 

3 Sè bliadhna cuiridh tu t'fhearann, ag- 
us sè bliadhna bearraidh tu t'fhìon-lìos, 
agus cruinnichidh tu stigh a thoradh. 

4 Ach anns an t-seachdamh bliadhna 
bithidh sàbaid fhoise do'n tìr, sàbaid do'n 
Tighearn : t'fhearann cha chuir thu, agus 
t'fliìon-lios cha bhearr thu. 

5 An ni sin a dh' fhàsas dheth fèin do 
t'fhoghar, clia bhuain thu, agus fion- 
dhearca t'fhìonain neo-dheasaichte cha 
chruinnich thu : 'na bliadhna fhoise bith- 
idh i do'n tìr. 

6 Agus bithidh sàbaid na tìre 'na biadh 



dhuibh : dhuit fèin, agus do d' òglach, ag- 
us do d' bhanoglaich, agus do d' fhear-tnar- 
asdail, agus do d' choigreach a ta air chuairt 
maille riut ; 

7 Agus do d' sprèidh, agus do'n fhaidh- 
bheathach a ta ann ad fhearann ; bithidh 
a cinneas uile chum bìdh. 

8 Agus àirmhidh tu dhuit fèin seachd 
sàbaidean do bhliadhnaibh, seachd uaireau 
seachd bliadhna ; agus bithidh ùine nan 
seachd sàbaidean dobhliadhnaibh dhuit'na 
naoi bliadhna 's dà fhichead. 

9 An sin bheir thu fa' near trompaid na 
Iubile a shèideadh san t-seachdamh mìos, 
air an deicheamh là do'n mhìos : ann an là 
na rèite bheir sibh fa'near an trompaid a 
shèideadh air feadh bhur tìre uile. 

10 Agus naomhaichidh sibh an deich- 
eamh bliadhna 's dà fhichead, agus gairm- 
idh sibh saorsa air feadh na dùthclia, d'a 
luchd-àiteachaidh uile : bithidh i'na Iubile 
dhuibh,agus pillidh sibh gach duine chum 
a sheilbhe fèin, agus pillidh gach duine 
agaibh g'a theaghlach fèin. 

11 Bithidh an deicheamh bliadhna sin 
agus dà fhichead 'na Iubile dhuibh ; cha 
chuir sibh sìol, ni mò a bhuaineas sibh au 
ni a d'fhàsas dheth fèin innte, ni mò a 
thionaileas sibh deurcan-fìona innte do d' 
fhìonain neo-dheasaichte : 

12 Oir is Iubile i, bithidh i naomh 
dhuibh ; ithidh sibh a cinneas as an fhear- 
ann. 

13 Ann am bliadhna na Iubile so pillidh 
gach duine agaibh a dh'ionsuidh asheilbhe 
fèin. 

14 Agus ma reiceas tu bheag ri d' 
choimliearsnach, no ma cheannaicheas tu 
bheag o làimh do choimhearsnaich ; cha 
dean sibh eucoir air a chèile. 

15 A rèir àireimh nam bliadhna an dèigh 
na Iubile ceannaichidh tuo d' choimhears- 
nach, agus a rèir àireimh bhliadhna nan 
toradh reicidh e riut. 

16 A rèir lìonmhoireaehd nam bliadhna 
meudaichidh tu a luach, agus a rèir teircid 
nam bliadhna beagaiehidh tu a luach : oir 
a rèir àireimh bhliadhna nan toradh tha e 
a' reieeadh riut. 

17 Agus cha dean sibh eucoir air a chèile : 
ach bithidh eagal do Dhè ort ; oir is mise 
an Tighearna bhur Dia. 

18 Uime sin ni sibh mo reachdan, agus 
gleidhidh sibh mo bhreitheanais, agus ni 
sibhiad; agus gabhaidh sibh còmhnuidh 
san tìr ann an tèaruinteachd. 

19 Agus bheir am fearann a mach a 
thoradh, agus ithidh sibh bhur sàth, agus 
gabhaidh sibh còmhnuidh ann gu tèar- 
uinte. 

20 Agus ma their sibh, Ciod a dh'itheas 
sinn air an t-seachdamh bliadhna ? feuch, 
cha chuir sinn sìol, ni mò a chruinnicheas 
sinn ar toradh : 

21 An sin àithnidh mise mo bheannach- 
adh oirbh san t-seathadh bliadhna, agus 
bheir i mach toradh air son thri bliadhna. 

22 Agus cuiridh sibh air an ochdamh 
bliadhna, agus ithidh sibh fathast do'n 
t-seann toradh gus an naothadh bliadhna ; 
gus an tig a toradh astigh, ithidh sibh do'n, 
t-seann toradh. 

23 Cha reicear am fearann gu bràth ; oir 



CAIB. 

is leamsa ara fearann : oir is coigrich agus 
luchd-cuairt sibhse roaille rium. 

24 Agus ann am fearann bhur seilbhe 
uile, bheir sibh saorsa do 'n fhearann. 

25 Ma dh'fhàs do bhràthair bochd, agus 
gu'n do reic e cuid d' a sheilbh, agus ma 
thig a h-aon air bith d' a dhillsibh g' a fhuas- 
gladh, an sin fuasglaidli e an ni a reic a 
bhràthair. 

26 Agus mur 'eil aig an duine neach g'a 
f huasgìadh, agus gur urrainu e fèin 'f huasg- 
ladh; 

27 An sin àirmheadh e bliadhnan a 
reicidh, agus thugadh e air ais an ni a ta 
thairis do 'n duine ris an do reic se e, a 
chum 's gu 'm pill e dh' ionnsuidh a sheilbhe 
fèin. 

28 Agus mur urrainn e sin athoirt air ais 
da, an sin fanaidh an ni sin a reiceadh ann 
an làimh an neach a cheannaich e, gu 
bliadhna na Iubile : agus anns an Iubile 
thèid e mach, agus pillidh e chum a 
sheilbhe. 

29 Agus ma reiceas duine tigh-còmh- 
nuidh ann am baile cuairtichte le balla, an 
siu feudaidh e 'fhuasgladh an taobh a stigh 
do bhliadhn' iomlain an dèigh a reiceadh : 
an taobh a stigh do bhliadhn' iomlain feud- 
aidh e 'fhuasgladh. 

39 Agus mur fuasglar e gus an coimh- 
lionar bliadhn' iomlan, an sin daingnichear 
an tigh, a tha 'n taobh a stigh do n bhaile 
cuairtichte le balla, gu brath dhasan a 
cheannaich e, air feadh a ghinealacha : cha 
teid e mach san Iubile. 

31 Ach measar tighean nam bailtean nach 
*eil cuairtichte le balla, mar fhearann na 
tìre : feudar am fuasgladh, agus thèid iad 
a mach sau Iubile. 

32 Gidheadh, bailtean nan Lebhitheach, 
agus tighean bhailtean an seilbhe, feudaidh 
na Lebhithich am fuasgladh uair sam bith. 

33 Agus ma cheannaicheas duine o na 
Lebhithich, an sin thèid an tigh a reiceadh, 
agus baile a sheilbhe, mach san Iubile : oir 
is iad tighean bhailtean nan Lebhitheach 
an sealbh am measg chloinn Israeil. 

34 Ach cha 'n fheudar am fearann a tha'n 
taobh a muigh d' am bailtibh a reiceadh, oir 
is e sin an sealbh mhaireannach. 

35 Agus ma dh'fhàsas do bhràthair 
bochd, agus gu'n tèid e dhèigh-làirah agad, 
an sin fuasglaidh tu air : seadh, ged is coig- 
reach no fear-cuairte e ; agus bithidh e beò 
maille riut. 

36 Na gabh riadh uaith, no tuille 's a 
thug thu dha : ach biodh eagal do Dhè ort, 
a chutn's gu'm feud do bhràthair a bhi beò 
maille riut. 

37 T' airgiod cha toir thu dha air riadh, 
agus air son buannachd cha toir thu dha 
do bhiadh. 

38 Is mise an Tighearna bhur Dia, athug 
a mach sibh à tìr na h-Eiphit, a thoirt 
dhuibh tìre Chanaain, agus a bhi a'm' 
Dhia agaibh. 

39 Agus ma dh'fhàs do bhràthair a ta 
làimh riut bochd, agus gu'n do reiceadh riut 
e; cha toir thu air seirbhis a dheanamh 
dhuit mar thràill : 

40 Mar sheirbhiseach tuarasdail, agus 
mar fhear-cuairte, bithidh e maille riut ; 
gu bliadhna na Iubile ni e seirbhis dhuit. 



XXYI. 101 

41 Agus an sin imichidh e uait, e fèin ag- 
us a chlann maille ris, agus pillidh e chum 
a theaghlaich fèin, agus a chum seilbhe 
'aithriche pillidh e: 

42 Oir is iadsan mo sheirbhisich, a thug 
mi mach à tìr na h-Eiphit : cha reicear iad 
mar thràillibh. 

43 Cha ghnàthaich thu uachdaranachd 
os a cheann le h-an-iochd, ach bithidh 
eagal do Dhè ort. 

44 Agus bithidh do thràillean, agus do 
bhan-tràillean, a bhios agad, do na cinnich 
a ta m' 'ur timchioll ; uatha-san ceannaich- 
idh sibh tràilleau agus ban-tràillean. 

45 Agus a thuilleadh air so, o chloinn 
nan coigreach a ta air chuairt 'nur measg, 
uatha-san ceannaichidh sibh, agus o'n 
teaghlaichibh a ta maille ribh, a ghin iad 
'nur fearann : agus bithidh iad 'nan seilbh 
dhuibh. 

46 Agus gabhaidh sibh iad mar oigh- 
reachd d' 'ur cloinn 'nur dèigh, a chum an 
sealbhachadh mar oighreachd; bithidh iad 
dhuibh 'nan tràillibh a chaoidh : ach os 
ceann bhur bràithre, cloinn Lraeil, eadhon 
os ceann a chèile cha ghnàthaich sibh 
uachdaranachd le h-an-iochd. 

47 Agus ma dh'fhàsas fear-cuairte no 
coigreach saoibliir làimh riut, agus ma 
dh'fhàsas do bhràthair làimh ris bochd, ag- 
us gu'n reic se e fèin ris a' choigreach, ris 
an fhear-chuairte a tha maille riut, no ri 
gineal teaghlaich a' choigrich : 

48 An dèigh a reiceadh, feudar 'fhuasg- 
ladh a rìs ; feudaidh aon d' a bhràithribh 
'fhuasgladh ; 

49 Feudaidh aon chuid bràthair-'athar, 
no mac bhràthar-'athar 'fhuasgladh, no 
feudaidh aon neach a tha dlùth an dàimh 
dha d'a theaghlach fèin 'fhuasgladh ; no 
ma 's urrainn e, feudaidh se e fèin 'fhuasg- 
ladh. 

50 Agus ni e cunntas ris-san a cheannaich 
e o 'n bhliadhna anns an do reiceadh ris e, 
gu bliadhna na Iubile : agus bithidh luach 
a reicidh a rèir àireimh nam bliadhna ; a 
rèir aimsir seirbhisich tuarasdail bithidh e 
dha. 

51 Ma bhios fathast mòran bhliadhnacha 
ri teachd, d' an rèir sin bheir e a rìs luach 
'fhuasglaidh, as an airgiod air son an do 
cheannaicheadh e. 

52 Agus mur 'eil ri teachd ach beagan 
bhliadhnacha gu bliadhna na Iubile, an sin 
ni e cunntas ris, agus a rèir a bhliadhnacha 
bheir e dha a rìs luach 'fhuasglaidh. 

53 Mar sheirbhiseach a ta air thuarasdal 
o bhliadhna gu bliadhna bithidh e maille 
ris : cha ghnàthaichear uachdaranachd os 
a cheann le h-an-iochd ann ad shealladh- 
sa. 

54 Agus mur fuasglar e anns na bliadh- 
naibh sin, an sin thèid e mach ann am 
bliadhna na Iubile, e fèin agus a chlana 
maille ris. 

55 Oir dhomhsa tha clann Israeil 'nan 
seirbhisich; is iadsan mo sheirbhisich, a 
thug mi mach à tìr na h-Eiphit : Is mise 
an Tighearna bhur Dia. 

CAIB. XXVI. 

CHA dean sibh dhuibh fèin ìodholan no 
coslas snaighte, agus cha chur sibh 



102 



LEBHITICUS. 



suas ìomhaigh dhuibh fèin, ni mò shuidh- 
icheas sibh dealbh-cloiche 'nur fearann, gu 
cromadh sìos da ; oir is mise an Tighearna 
bhur Dia. 

2 Gleidhidh sibh mo shàbaidean, agus 
bheir sibh urram do m'ionad naomh: Is 
mise an Tighearn. 

3 Ma ghluaiseas sibh a'm' reachdaibh, ag- 
us ma ghleidheas sibh m' àitheantan ; ag'us 
ma ni sibh iad; 

4 An sin bheir mise dhuibh uisge 'na 
àm fèin, agus bheir am fearann a mach a 
thoradh, agus bheir craobhan na machar- 
ach am meas uatha. 

5 Agus ruigidh bhur bualadh am fìon- 
fhoghar, agus ruigidh bhur fion-fhoghar 
àm an t*sìl-chur, agus ithidh sibh bhur 
n-aran gu V sàth, agus gabhaidh sibh 
còmhnuidh gu tèaruinte 'nur tìr. 

6 Agus bheir mise sìth san tìr, agus 
luidhidh sibh sìos, agus cha chuir neach 
sam bith eagal oirbh : agus sgriosaidh mi 
droch bheathaichean as an dùthaich, agus 
cha tèid an daidheamh trìd bhur fearainn. 

7 Agus ruaigidh sibh bhur naimhdean, 
agus tuitidh iad roimhibh leis a' chlaidh- 
eamh. 

8 Agus cuiridh cùigear dhibh an ruaig air 
ceud, agus cuiridh ceud dhibh an ruaig air 
deich mìle: agus tuitidh bhur naimhdean 
roimhibh leis a' cnlaidheamh. 

9 Oir amhaircidli mise oirbh, agus ni mi 
sìolmhor sibh, agus bheir mi oirl)h fàs lìon- 
ìnhor, agus daingnichidh mi mo choimh- 
eheangal ribh. 

10 Agus ithidh sibh an seann lòn, agus 
bheir sibh a mach an seann lòn air son an 
lòin nomha. 

11 Agus suidhichidh mi mo phàilliun 
'nur measg : agus cha bhi gràin aig m' anara 
dhibh. 

12 Agus imichidh mi 'nur measg, agus 
bithidh mi a' m' Dhia dhuibh, agus bithidh 
sibhse 'nur sluagh dhomhsa. 

13 Is mise an Tighearna bhur Dia, a thug 
sibhse a mach à tìr na h-Eiphit, a chum 
nach bitheadh sibh 'nur tràillibh aca ; agus 
bhris mi cuibhreacli bhur cuinge, agusthug 
mi oirbh imeachd dìreach. 

14 Ach mur èisd sibh rium, agus mur 
dean sibh na h-àitheanta sin uile ; 

15 Agus ma ni sibh tàir air mo reachd- 
aibh, no ma ghabhas bhur n-anam gràin 
do m' bhreitheanais, air chor as nach dean 
sibh m'àitheantan uile, ach gu 'm bris sibh 
mo choimhcheangal ; 

16 Ni raise mar an ceudna so ribhse; 
orduichidli rai oirbh uamhas, caitheamh, 
agus fiabhrus loisgeach, a chaitheas na sùil- 
ean, agus a bheir cràdh do'n chridhe : agus 
cuiridh sibh bhur sìol ann an dìomhanas, 
oir ithidh bhur naimhdean e. 

17 Agus cuiridh mise mo ghnùis 'nur 
n-aghaidh, agus marbhar sibh an làthair 
bhur uàimhdean : agus rìoghaichidh a' 
mhuinntir air am beag sibh oirhh, agus 
teichidh sibh an uair nach bi neach an tòir 
oirbh. 

18 Agus mur èisd sibh rium fathast air 
a shon so uile, an sin ni mi peanas oirbh 
seachd uairean ni's mò air son bhur peac- 
anna. 

19 Agus brisidh mi uabhar bhur cumh- 



achd ; agus ni mi bhur nèamha mar iar- 
unn, agus bhur talamh mar umha : 

20 Agus caithear bhur spionnadh ann an 
dìomhanas ; oir cha toir blmr fearann 'f hàs 
uaith, ni mò a bheir craobhan na tìre am 
meas uatha. 

21 Agus ma thèid sibh a' m' aghaidh, ag- 
us nach èisd sibh rium ; bheir rai seachd 
uairean tuille phlàighean oirbh, a rèir bhur 
peacanna. 

22 Cuiridh mi mar an ceudna fiadh- 
bheathaichean na macharach 'nur measg, 
a bheir uaibh hhur clann, agus a chuireas 
as d' 'ur sprèidh, agus a ni sibh tearc, ann an 
àireamh, agus bithidh bhur rathaide mòra 
fàs. 

23 Agus mur leasaichear leamsa sibh leia 
na nithibh sin, ach gu'n tèid sibh a'm' agh- 
aidh ; 

24 An sin thèid mise mar an ceudna 'nur 
n-aghaidh-sa, agus ni mi peanas oirbh 
seachd uairean fathast air son bhur peac- 
anna. 

25 Agus bheir mi claidheamh oirbh, a 
dhìolas cùis-ghearain tno choimhcheangail ; 
agus an uair a chruinnichear sibh an ceann 
a chèile an taobh a stigh d"ur bailtibh, 
cuiridh mi a' phlàigh 'nur measg ; agus 
bheirear thairis sibh do làimh naimhdeau. 

26 An uair a bhriseas mise lorg bhur 
n-arain, fuinidh deich mnài bhur n-aran 
ann an aon àrahuinn, agus bheir iad air 
ais dhuibh bhur n-aran air a thomhas, 
agus ithidh sibh agus cha bhi sibh sàth- 
ach. 

27 Agus mur èisd sibh air son so uile 
rium, ach gu 'n tèid sibh a' m' aghaidh ; 

28 An sin thèid mise 'nur n-aghaidh-sa 
mar an ceudna ann am fraoch feirge ; agus 
smachdaichidh mise, eadhon mise, seachd 
uairean sibh air son bhur peacanna. 

29 Agus ithidh sibh feoil bhur mac, agus 
feoil bhur nigheana ithidh sibh. 

30 Agus cniridh mise as d"ur n-ionadaibh 
àrda, agus gearraidh mi sìos bhur dealbh- 
an, agus tilgidh mi bhur colannan air col- 
annaibh bhur n-ìodholan, agus gabhaidh 
m' anam gràin dhibh. 

31 Agus cuiridh mi bhur bailtean fàs, ag- 
us bheir mi lom-sgrìob air bhur n-ionada 
naomha, agus cha ghabh mi fàile bhur 
boltraich chùbhraidh. 

32 Agus bheir mi lom-sgrìob air an 
fhearann ; agus bithidh ìoghnadh air bhur 
naimhdibh aghabhas còmhuuidh ann, mu'n 
ni sin. 

33 Agus sgapaidh mi sibh am measg nan 
cinneach, agus tairngidh mi claidheamh 
'nur deigh ; agus bithidh bhur fearann 
creachta, agus bhur bailtean fàs. 

34 An sin mealaidh am fearann a shàb- 
aidean, am fad 's a luidheas e fàs, agus a 
bhios sibhse ann am fearann bhur naimh- 
dean ; eadhon an sin gabhaidh am fearann 
fois, agus mealaidh e a shàbaidean. 

35 Am fad 's a luidheas amfearann fàs, 
bithidh fois aige ; do bhrìgh nach robh fois 
aige 'nur sàbaidibh-sa, 'nuair a ghabh sibh 
comhnuidh ann. 

36 Agus orra-san a dh' fhàgar beò dhibh, 
cuiridh mise laigse 'nan cridheachaibh ann 
an dùthchaibh an naimhdean ; agus cuir- 
idh fuaim duilleig air chritta iad air theich- 



CAIB. XXVII. 



103 



i eadh ; agus teichidh iad, mar gu 'm biodh 
ìad a' teicheadh o 'n chlaidheauih ; agus 
tuitidh iad an uair nach bi neach an toir 
orra. 

37 Agus tuitidh iad air muin a chèile, 
mar gu 'm b' aim roimh 'n chlaidheamh, 
'nuair nach bi neach an tòir orra; agus 

i cha bhi neart agaibh gu seasamh roimh 
bhur naimhdibh. 

38 Agus thèid as duibh am measg nan 
cinneach, agus ithidh talamh bhur naimh- 
dean suas sihh. 

! 39 Agus iadsan a dh' fhàgar dhibh, searg- 
aidh iad as 'nan aingidheachd ann an dùth- 
chaibh bhur naimhidean ; agus mar an 
ceudua ann an eu-ceartaibh an aithriche 
seargaidh iad as maille riu. 

40 Ma dh' aidicheas iad an aingidlieachd 
fèin, agus aingidheachd an aithriche, a 
rèir an eusaontais a rinn iad a* m' aghaidh, 
agus mar an ceudna gu 'n do ghluais iad 
a' m' aghaidh ; 

41 Agus gu 'n do ghluais mise mar an 
ceudna 'nan aghaidh-san, agus gu 'n d' thug 
mi iad do dhùthaich an naimhdean ; ma 
bhios an sin an cridhe neo-thimchioll- 
ghearrta air 'irioslachadh, aìr chor as gu 'n 
gabh iad ri peauas an aingidheachd ; 

42 An sin cuimhnichidh mise mo 
choimhcheangal ri Iacob, agus mar an 
ceudua mo choimhcheangal ri h-Isaac, 
agus mar au ceudna mo choimhcheangal 
ri h-Abraham cuimhnichidh mi ; agus 
cuimhnichidh mi am fearann. 

43 Trèigear mar an ceudna am fearann 
leo, agus mealaidh e a shàbaidean, am 
feadh 's a ta e 'na luidhe fàs as an eug- 
mhais ; agus gabhaidh iad ri peanas an aing- 
idheachd ; a chioDn, eadhon a chionn gu 'n 
d' rinn iad tàir air mo bhreitheanais, agus 
a chionn gu 'n do ghabh an anam gràin do 
m' reachdaibh. 

44 Agus gidheadh air a shon so uile, 
'nuair abhios iad ann an tìr an naimhdean, 
cha tilg mi uam iad, ni mò a ghabhas mi 
gràin diubh, g' an sgrios gu tur, agus a 
bhriseadh mo choimhcheangail riu : oir is 
mise an Tighearn an Dia. 

45 Ach air an sgàth-san cuimhnichidh 
mi coimhcheangal an sinnsirean, a thug mi 
mach à tìr na h-Eiphit, ann an sealiadh 
nau cìnneach, a chum gu 'm bithinn a' m' 
Dhia aca: Is mise an Tighearn. 

46 7* iad sin na h-orduighean, agus na 
breitheanais, agus na reachdan, a rinn an 
Tighearn eadar e fèin agus clann Israeil 
ann an sliabh Shinai, le làimh Mhaois. 

CATB. XXVII. 

AGUS labhair an Tighearna ri Maois, ag 
ràdli, 

2 Labhair ri cloinn Israeil, agus abair 
riu, 'Nuair abheir duine bòid àraidh, buin- 
idh na h-anamanna do 'n Tighearn, a rèir 
do mheas : 

3 Agus bithidh do mheas, air an fhir- 
ionnach o fhicheadbliadhna dh' aois, eadh- 
on gu tri fichead bliadhna dh' aois ; bithidh 
eadhon do mheas leth-cheud secel airgid, 
a rèir seceil an ionaid naoimh. 

4 Agus ma 's boirionnach a bhios ann, 
an sin bithidh do mheas deich seceil 'ar 
fhichead, 



5 Agus ma 's gille o chuig bliadhna dh'- 
aois, eadhon gu fichead bliadhna dh' aois, 
a bhios ann, an sin bithidh do mheas air 
son an fhirionnaich fìchead secel, agus air 
son a' bhoirionnaich deich seceil. 

6 Agus ma 'sannomhìos a dh'aois, eadh- 
on gu cùig bliadhna dh' aois, an sin bithidh 
do mheas air son an fhirionnaich cùig sec- 
eil airgid, agus air son a' bhoirionnaich bith 
idh do mheas tri seceil airgid. 

7 Agus ma 's ann a bhios e o thri fichead 
bliadhna dh' aois agus os a cheann, ma'j fir- 
ionnach e, an sin bithidh do mheas cùig 
seceil deug, agusair son boirionnaich deich 
seceil. 

8 Ach ma bhios e ni 's bochda na do 
mheas, an sin nochdaidh se e fèin an làth- 
air an t-sagairt, agus measaidh an sagart 
e : a rèir a chomais-san a thug a' bhòid, 
measaidh an sagart e. 

9 Agus ma 's ainmhidh e, d' an toir daoine 
tabhartas a dh' ionnsuidh an Tighearna, 
bithidh gach ni a bheir duine d' an leithid- 
ibh sin do 'n Tighearn, naomh. 

10 Cha mhùth se e, ni mò a mhalairt- 
icheas se e, maith air son uilc, no olc air 
son maith : ach ma mhalairticheas e air 
chor sam bith ainmhidh air son ainmhidh, 
an sin bithidh e fèin, agus an nia fhuar- 
adh 'na mhalairt, naomh. 

11 Agus ma 's ainmhidh neòghlan sam 
bith e, do nach toir iad seachad tabhartas 
do 'n Tighearn, an sin nochdaidh e 'n t-ain- 
mhidh an làthair an t-sagairt : 

12 Agus measaidh an sagart e, ma 's 
maith no olc e ; mar a mheasas tusa a bhios 
a' d' shagart e, mar sin bithidh e. 

13 Ach ma dh' fhuasglas e air chor sam 
bith e, an sin cuiridh e an cùigeadh cuid 
deth ri d' mheas-sa. 

14 Agus an uair a choisrigeas duine a 
thigh, gu bhi naomh do 'n Tighearn, an sin 
measaidli an sagart e, ma 's maith no olc 
e : mar a mheasas an sagart e, mar sin 
seasaidh e. 

15 Agus ma dh' fhuasglas esan a choisrig 
e, a thigh, an sin cuiridh e an eùigeadh 
cuid a dh' airgiod do mheas-saris, agus bith- 
idh e Jeis. 

16 Agus ma choisrigeas duine do 'n Tigh- 
earn cuid do fhearann a sheilbh, an sin 
bithidh do mheas a rèir a shìl : measar 
homer do shìol eòrna aig leth-cheud secel 
airgid. 

17 Ma choisrigeas e 'fhearann o bhliadh- 
na na Iubile, a rèir do mheas seasaidh e. 

18 Ach ma choisrigeas e 'fhearann an 
dèigh na Iubile, an sin àirmhidh an sagart 
an t-airgiod da a rèir nam bliadhn' a ta ri 
teachd, eadhon gu bliadhna na Iubile, agus 
leigear sin sìos do d' mheas. 

19 Agus ma dh' fhuasglas am fear a 
choisrig am fearann e air chor sam bith, an 
sin cuiridh e an cùigeadh cuid a dh' airgiod 
do mheas-sa ris, agus daingnichear dha e. 

20 Agus mur fuasgail e 'm fearann, no 
ma reic e 'm fearann ri duine eile, cha 'n 
fhuasglar ni 's mò e. 

21 Ach bithidh am fearann, an uair a 
thèid e mach san lubile, naomh do 'n Tigh- 
earn, mar fhearann coisrigte : buinidh a 
shealbh do 'n t-sagart. 

22 Ach ma choisrigeas duine do 'n Tigh- 



104 



AIREAMH. 



earn fearann a eheannaich e, nach ann do 
fhearann a sheilbh ; 

23 An sin àirmhidh an sagart dhaluach 
do mheas, eadhon gu bliadhna na Iubile, 
agus bheir e seachad do mheas fèin san là 
sin, mar ni naomh do 'n Tighearn. 

24 Ann am bliadhna na lubile pillidh am 
fearann d' a ionnsuidh-san o 'n do cheann- 
aicheadh e, eadhon d' a ionnsuidh-san d' am 
buineadh sealbh an fhearainn. 

25 Agus bithidh do mheas-sa uile a rèir 
seceil an ionaid naoimh ; bithidh fichead 
gerah san t-secel. 

i 26 Ach ceud-ghin nan ainmhidh, bu 
chòir a bhi 'na cheud-ghin do 'n Tighearn, 
oha choisrig duine air bith sin, co dhiubh 
is tarbh, no caora e : is leis an Tighearn e. 

27 Ach ma 's ann do bheathach neo- 
ghlan c, an sin fuasglaidh se e a rèir do 
mheas-sa, agus cuiridh e an cùigeadh cuid 
deth ris ; no mur fuasglar e, an sin reicear 
e a rèir do mheas. 

28 Gidheadh, cha reicear agus cha 'n 
fhuasglar ni sam bith coisrigte a choisrigeas 
duiue do 'n Tighearn, do gach ni a ta aige, 



araon do dhuine agus do ainmliidh, agns 
do fhearann a sheilbh : tha gach ni cois- 
rigte ro-naomh do 'n Tighearn. 

29 Cha 'n fhuasglar ni sam bith coisrigte, 
a choisrigear le daoinibh : ach cuirear gu 
cinnteach gu bàs e. 

30 Agus uile dheachamh an fhearainn, 
ma 's ann do shìol an fhearainn, no do 
mheas na craoibhe, is leis an Tighearn e ; 
tha e naomha do 'n Tighearn. 

31 Agus ma dh' fhuasglas duine idir a 
bheag d'a dlieachamh, cuiridh e an cùigeadh 
cuid deth ris. 

32 Agus a thaobh uile dheachaimh a' 
chruidh, no an treuda, eadhon gach ni air 
bith a dh'imicheas fo'nt-slait; bithidh an 
deachamh dhetli naomha do 'n Tighearn. 

33 Cha rannsaich e am bi e maith no olc, 
ni mò a mhalairticheas se e : agus ma mhal- 
airticheas e idir e, an sin bithidh an dà 
chuid e fèin agus a mhalairt naomh ; cha 'n 
fhuasglar e. 

34 Is iad sin na h-àitheantan a dh' àithn 
an Tighearna do Mhaois, air son chloinn 
Israeil ann an sliabh Sliinai. 



A I R E A M H. 



CAIB. I. 

AGUS labhair an Tighearna ri Maois ann 
am fàsach Shinai, ann am pàilliun a' 
choimhthionail, air a' cheud là do 'n dara 
mìos, san d?ra bliadhna an dèigh dhoibb 
teachd a mach à tìr na h-Eiphit, ag ràdh, 

2 Gabhaibh àireamh cheann comh- 
chruinnich chloinn Israeil uile, a rèir an 
teaghlaichean, a rèir tighe an aithriche, 
maille ri àireamh an ainmeanna, gach fir- 
ionnach a rèir an ceann : 

3 O fhicheadbliadhna dh' aois, agus os a 
cheann, gach aon a 's urrainn dol a mach 
gu cogadh ann an Israel ; àirmhidh tusa 
agus Aaron iad a rèir am buidhneau. 

4 Agus maille ribhse bithidh duine do 
gach uile thrèibh : gach aon diubh 'na 
cheann tighe 'aithriche. 

5 Agus is iad so ainmeanna nan daoine 
a sheasas maille ribh : Do thrèibh Reubein ; 
Elisur mac Shedeuir. 

6 Do Shimeon ; Selumiel mac Shuris- 
adai. 

7 Do Iudah ; Nahson mac Aminadaib. 

8 Do Isachar ; Nataneel mac Shuair. 

9 Do Shebulun ; Eliab mac Heloin. 

10 Do chloinn Ioseiph ; do Ephraim, 
Elisama mac Amihuid ; do Mhanaseh, Ga- 
maliel mac Phedahsuir. 

11 Do Bheniamin; Abidan mac Ghid- 
eoni. 

12 Do Dhan; Ahieser mac Amisadai. 

13 Do Aser ; Pagiel mac Ocrain. 

14 Do Ghad ; Eliasaph mac Dheueil. 

15 Do Naphtali ; Ahira mac Enain. 



16 B' iad sin daoin' ainmeil a' chomh- 
chruinnich, cinn-fheadhna threubhan an 
aithriche, ceannardan mhìltean ann an Is- 
rael. 

17 Agus ghabh Maois agus Aaron na 
daoine sin, a ghairmeadh air an ainm- 
ibh. 

18 Agus thionail iad an comhchruinn- 
each uile an ceann a chèile air a' cheud là 
do 'n dara mìos, agus chuir iad an cèill an 
ginealacha a rèir an teaghlaichean, a rèir 
tighe an aithriche, a rèir àireimh nam 
ainmean, o fhichead bliadhna dh' aois agus 
thairis, a rèir an ceann. 

19 Mar a dh' àithn an Tighearna do 
Mhaois, mar sin dh' àireamh e iad ann ara 
fàsach Shinai. 

20 Agus bha clann Reubein, a' mhic bu 
shine a bh' aig Israel, a rèir an ginealacha,i 
a rèir an teaghlaiohean, a rèir tighe an| 
aithriche, a reir àireamh nan ainmean, a' 
rèir an ceann, gach firionnach o fhichead, 
bliadhna dh' aois agus os a cheann, gach, 
aon a b' urrainn dol a mach gu cogadh ; 

21 Bha iadsan a dh' àirmheadh dliiubh, 
eadhon do thrèibh Reubein, 'nan dà fhich- 
ead agus sè mìle agus cùig ceud. 

22 Do chloinn Shimeoin, a rèir an gin-; 
ealacha, a rèir an teaghlaichean, a rèir! 
tighe an aithriche, iadsan a chaidh àireamh 
dhiubh, a rèir àireimh nan ainmean, a rèir, 
an ceann, gach firionnach o fhichead 
bliadhna dh' aois agus os a cheann, gach 
aon a b' urrainn dol a mach gu cogadh ; 

23 B' iadsan a chaidh àireamh dhiubh s 



CÀIB. II. 



105 



\ arihon do thrèibh Shimeoin, leth-cheud 
|.gus naoi mìle agus tri cheud. 
[ 24 Do chloinn Ghad, a rèir an gineal- 
[ cha, a rèir an teaghlaichean, a rèir tighe 
i n aithriche, a rèir àireimh nan ainmean, 
!• fhichead bliadhna dh'aois agus os a 
| heann, gach aon a b' urrainn dol a mach 
| u cogadh ; 

I 25 B' iadsan a chaidh àireamh dhiubh, 
adhon do thrèibh Ghad, dà fhichead agus 

| ùig mìle agus sè ceud agus leth-cheud. 

I 26 Do chloinn Iudah, a rèir an gineal- 
cha, a rèir an teaghlaichean, a rèir tighe 
n aithriche, a rèir àireimh nan ainmean, 

' fhichead bliadhna dlv aois agus os a 

| heann, gach aon a b' urrainn dol a mach 
u cogadh ; 

27 B' iadsan a chaidh àireamh dhiubh, 

I adhon do thrèibh Iurìah, tri fichead agus 
eithir mìle deug, agus sè ceud. 

[ 28 Do chloinn Isachair, a rèir an gineal- 
! icha, a rèir an teaghlaichean, a rèir tighe 
n aithriche, a rèir àireimh nan ainmean, 

I I fhichead bliadhna dh' aois agus os a 
heann, gach aon a b'urrainn dol a mach 
fU cogadh ; 

1 29 B' iadsan a chaidh àireamh dhiubh, 
adhon do thrèibh Isachair, leth-cheud ag- 
' is ceithir mìle agus ceithir cheud. 

30 Do chloinn Shebuluin, a rèir an gin- 
alacha, a rèir an teaghlaichean, a rèir 
ighe an aithriche, arèir àireimh nan ainm- 
! an, o fhichead bliadhna dh' aois agus os a 

heann, gach aon a b' urrainn dol a mach 
,-u cogadh ; 

31 B' iadsan a chaidh àireamh dhiubh, 
adhon do thrèibh Shebuluin, leth-cheud 
;gus seachd mìle agus ceithir cheud. 

32 Do chloinn Ioseiph, eadhon do chloinn 
Sphraim, a rèir an ginealacha, a rèir an 
eaghlaichean, a rèir tighe an aithriche, a 
èir àireimh nan ainmean, o fhichead 
iliadhna dh' aois agus os a cheann, gach 
lon a b' urrainn dol a mach gu cog- 
idh ; 

33 B' iadsan a chaidh àireatnh dhiubh, 
•adhon do thrèibh Ephraim, dà fhichead 
nìle agus cùig ceud. 

34 Do chloinn Mhanaseh, a rèir an gin- 
•alacha, a rèir an teaghlaichean, a rèir 
ighe an aithriche, a rèir àireimh nan ainm- 
an, o fhichead bliadhna dh'aois agus os a 
heann, gach aon a b' urrainn dol a mach 
>u cogadh ; 

35 B' iadsan a chaidh àireamh dhiubh, 
•adhon do thrèibli Mhanaseh, dà mhìle 
Iheug ar fhichead agus dà cheud. t 

36 Do chloinn Bheniamin, a rèir an gin- 
salacha, a rèir an teaghlaichean, a rèir 
ighe an aithriche, a rèir àireimh nan aintn- 
ian, o fhichead bliadhna dh' aois agus os a 
sheann, gach aon a b T urrainn dol a mach 
fu cogadh ; 

37 B' iadsan a chaidh àireamh dhiubh, 
'adhon do thrèibh Bheniamin, cùig mìle 
ieug 'ar fhichead agus ceithir cheud. 

38 Do chloinn Dhan, a rèir^an gineal- 
icha, a rèir an teaghlaichean, a rèir tighe 
in aithriche, a rèir àireimh nan ainmean, 
) fhichead bliadhna dh' aois agus os a 
:heann, gach aon a b' urrainn dol a mach 
ru cogadh ; 

39 B' iadsaa a chaidh àireamh dhiubh, 



eadhon do thrèibh Dhan, tri fichead agus 
dà mhìle agus seachd ceud. 

40 Do chloinn Aseir, a rèir an gineal- 
acha, a rèir an teaghlaichean, a rèir tighe 
an aithriche, a rèir àireimh nan ainmean, 
o fhichead bliadhna dh' aois agus os a 
cheann, gach aon a b' urrainn dol a mach 
gu cogadh ; 

41 B' iadsan a chaidh àireamh dhiubh, 
eadhon do thrèibh Aseir, aon mhìle agus 
dà fhichead agus cùig ceud. 

42 Do chloinn Naphtali, a rèir an gin- 
ealacha, a rèir an teaghlaichean, a rèir 
tighe an aithriche, a rèir àireimh nan ainm- 
ean, o fhichead bliadhna dh' aois agus os a 
cheann, gach aon a b' urrainn dol a mach 
gu cogadh ; 

43 B' iadsan a chaidh àireamh dhiubh, 
eadhon do thrèibh Naphtali, tri mìle deug 
agus dà fhichead agus ceithir cheud. 

44 Sin iadsan a chaidh àireamh, a dh'àir- 
eamh Maois agus Aaron, agus ceannardan 
Israeil, eadhon dà fhear dheug : bha gach 
fear dhiubh air son tighe 'aithriche. 

45 Mar sin bha iadsan uile a chaidh àir- 
eamh do chloinn Israeil, a rèir tighe an 
aithriche, o fhichead bliadhna dh' aois ag- 
us os a cheann, gach aon a b' urrainn dol a 
mach gu cogadh ann an lsrael ; 

46 Eadhon iadsan uile a chaidh àireamh, 
b' iad sè ceud mìle agus tri mìle agus cùig 
ceud agus leth-cheud. 

47 Ach cha deachaidh na Lebhithich, a 
rèir trèibh an aithriche, àireamh 'nam 
measg : 

48 Oir labhair an Tighearna ri Maois, ag 
ràdh, 

49 A mhàin cha'n àireamh thu treubh 
Lebhi, ni mò a ghabhas tu an cunntas 
cheann am measg chloinn Israeil : 

50 Ach orduichidh tu Ua Lebhithich os 
ceann pàilliuin na Fianuis, agus os ceann a 
shoithichean uile, agus os ceann nan uile 
nithe a bliuineas da: giùlainidh iad am 
pàilliun, agus a shoitliichean uile ; agus 
fritheilidh iad da, agus campaichidh ]ad 
mu'n cuairt air a' phàilliun. 

51 Agus an uair a bhios am pàilliun gu 
dol air 'aghaidh, leagaìdh na Lebhithich a 
nuas e : agus an uair a bhios am pàilliun 
r' a shuidheachadh, togaidh na Lebhithich 
suas e : agus cuirear an coigreach a thig 
am fagus gu bàs. 

52 Agus suidhichidh clann Israeil am 
bùthan, gach duine iàimh r'a chuideachd 
fèin, agus gach duine làimh r' a bhrataich 
fèin, air feadh an armailtean. 

53 Ach suidhichidh na Lebhithich am 
bùthan mu'n cuairt air pàilliun na Fian- 
uis ; a chum 's nach bi corruich air còmh- 
chruinneach chloinn Israeil.agus gleidhidh 
na Lebhithich cùram pàillium na Fian- 
uis. 

54 Agus rinn clann Israeil arèir nan uile 
nithe a dh' àithn an Tighearna do Mhaois ; 
mar sin rinn iad. 

CAIB. II. 

AGUS labhair an Tighearna ri Maois, 
agus ri h-Aaron, ag ràdh, 
2 Suidhichidh gach duine do chloinn Is- 
raeil làimh r'a bhrataich fèin, maille ri 
suaichiontas tighe an aithriche: fad as 
K 



106 



AIREAMH. 



mu 'n cuairt air pàilliun a' choimhthionail i 
suidhichidh iad. I 

3 Agus air taobh na h-àirde 'n ear, leth ri 
èirigh na grèine, suidhichidh luchd-brat- 
aich chaimp Iudah, a rèir an armailtean : 
agus bithidh Nahson mac Aminadaib 'na 
cheannard air cloinn Iudah. 

4 Agus 6'iad'armailt-san, eadhoniadsan 
a chaidh àireamh dhiubh, tri fichead agus 
ceithir mìle deug agus sè ceud. 

5 Agus am fagus da suidhichidh treubh 
Isachair : agus bithidh Nataneel mac 
Shuair 'na cheannard air cloinn Isachair. 

6 Agus 6'iad 'armailt-san, agus iadsan a 
chaidh àireamli dh'i, leth-cheud agus ceithir 
mìle agus ceithir cheud. 

7 An sin treubh Shebuluin : agus bith- 
idh Eliab mac Heloin 'na cheaunard air 
cloinn Shebuluin. 

8 Ag us ò'iad 'armailt-san, agus iadsan a 
chaidh àireamh dh'i, leth-cheud agus seacbd 
mìle agus ceithir cheud. 

9 Na h-uile a chaidh àireamh ann an 
camp Iudah, b' iad ceug mìle agus ceithir 
fichead mìle agus sè mìle agus ceithir 
cheud, a rèir an armailtean : thèid iad so 
a mach air thùs. 

10 Air taobh na h-àirde deas bithidh 
bratach chaimp Reubein, a rèir an armailt- 
ean : agus 'na cheannard air cloinn Reu- 
bein bithidh Elisur mac Shedeuir. 

11 Agus ò'iad 'armailt-san, agus iadsan 
a chaidh àireamh dh'i, dà fhichead agus sè 
mìle agus cùig ceud. 

12 Agus làimh ris suidhichidh treubh 
Shimeoin ; agus bithidh Selumiel mac 
Shurisadai 'na cheannard air cloinu Shi- 
meoin. 

13 Agus b' iad 'armailt-san, agus iadsan 
a chaidh àireamh dh'i, leth-cheud agus 
naoi mìle agus tri cheud. 

14-An sin treubh Ghad : agus 'na cheann- 
ard air mic Ghad, bithidh Eliasaph mac 
Rheueil. 

15 Agusò'iad 'armailt-san, agus iadsan 
a chaidh àireamh dhiubh, dà fhichead ag- 
us cùig mìle agus sè ceud agus ìeth-cheud. 

16 Na h-uile a chaidh àireamh ann an 
camp Reubein, 6'iad ceud mìle agus leth- 
cheud, agus aon mhìle, agus ceithir cheud 
agus leth-cheud, a rèir an armailtean : ag- 
us thèid iadsan a mach san dara ordugh. 

17 An sin thèid pàilliun a' choimh- 
thionail air 'aghaidh, maille ri camp nan 
Lebhitheach am meadhon a' chaimp : mar 
a champaicheas iad, mar sin thèid iad air 
an aghaidh, gach duine 'na àite fèin, làimh 
r' am brataichibh. 

18 Air taobh na h-àirde 'n iar bithidh 
bratach chaimp Ephraim, a rèir an armailt- 
ean; agus bithidh Elisama mac Amihuid 
'na cheannard air mic Ephraim. 

19 Agus ò'iad 'armailt-san, agus iadsan 
a chaidh àireamh dhiubh, dà fhichead mìle 
agus cùig ceud. 

20 Agus làimh ris-san bithidh treubh 
Mhanaseh : agus bithidh Gamaliel mac 
Phedahsuir 'na cheannard air cloinn Mha- 
naseh. 

21 Agus 6'iad 'armailt-san, agus iadsan 
a chaidh àireamh dhiubh, dà mhìle dheug 
7 ar fhichead agus dà cheud. 

22 An sin treubh Bheniamin : agus bith- 



idh Abidan mac Ghideoni 'na cheannard j 
air mic Bheniamin. 

23 Agus 6'iad 'armailt-san, agus iadsan | 
a chaidh àireamh dhiubh, cùig mìle deug 
'ar fhichead agus ceithir cheud. 

24 B' iadsan uile a dh' àirmheadh do ; 
champ Ephraim, ceud mìle, agus ochd I 
mìle agus ceud, a rèir an armailtean : agus 
thèid iadsan air an aghaidh san treas ord- 
ugh. 

25 Bithidh bratach chaimp Dhan air 
taobh na h-àirde tuath a rèir an armailt- 1 
ean : agus bithidh Ahieser mac Amisadai ! 
'na cheannard air cloinn Dhan. 

26 Agus è'iad 'armailt-san, agus iadsan 
a chaidh àireamh dhiubh, tri fichead agu9 1 
dà mhìle agus seachd ceud. 

27 Agus làimh ris campaichidh treubhi 
Aseir : agus bithidh Pagiel mac Ocrain 'na 
cheannard air cloinn Aseir. 

28 Agus b' iad 'armailt-san, agus iadsan 
a chaidh àireamh dhiubh, dà fhichead ag- 
us aon mhìle agus cùig ceud. 

29 An sin treubh Naphtali : agus bithidh 1 
Ahira mac Enain 'na cheannard air cloinn 
Naphtali. 

30 Agus i'iad 'armailt-san, agusiadsan 1 
a chaidh àireamh dhiubh, leth-cheud agus 
tri mìle agus ceithir cheud. 

31 B' iadsan uile a chaidh àireamh ann 
an camp Dhan, ceud mìle, agus leth- 
cheud agus seachd mìle agus sè ceud : Im- 
ichidh iadsan fa dheireadh le 'm brataich- 
ibh. 

32 Is iad sin iadsan a dh'àirmheadh do 
chloinn Israeil, a rèir tighe an aithrictìe : 
b' iadsan uile a chaidh àireamh do na caimp, 
a rèir an àrmailteau, sè ceud mìle, agus tri 
mìle agus cùig ceud agus leth-cheud. 

33 Ach cha d' àirmheadh na Lebhithich 
am measg chloinn Israeil, mar a dh'àithn 
an Tighearna do Mhaois. 

34 Agus rinn clann Israeil a rèir gach ni 
a dh' àithn an Tighearna do Mhaois : mar 
sin champaich iad làimh r' am brataichibh, 
agus mar sin chaidh iad air an aghaidh, 
gach aon a rèir an teaghlaichean, a rèir 
tighe an aithriche. 

CAIB. III. 

/S iad so mar an ceudna ginealaich Aa- 
roin agus Mhaois, san là anns an do 
labhair an Tighearna ri Mhaois ann an 
sliabh Shinai. 

2 Agus is iad so ainmean mhac Aaroin ; 
Nadab an ceud-ghin, agus Abihu, Eleasar, 
agus Itamar. 

3 Is iad sin ainmeanna mhac Aaroin, na 
sagairt a dh' ungadh, a choisrig e gu frith- 
ealadh ann an dreuchd an t-sagairt. 

4 Agus f huair Nadab agus Abihu bàs an 
làthair an Tighearna, 'nuair a thug iad 
suas teine coimheach an làthair an Tigh- 
earn, ann am fàsach Shinai, agus cha robh 
clann aca : agus f hritheil Eleasar agus 
Itamar ann an dreuchd an t-sagairt, ann an 
sealladh Aaroin an athar. 

5 Agus labhair an Tighearna ri Mhaois, 
ag ràdh, 

6 Thoir treubh Lebhi am fagus, agus 
taisbein iad an làthair Aaroin an t-sagairt, 
a chum gu 'm fritheil iad dha. 

7 Agus gleidhidh iad a chùram-san, agus 



CAIB. III. 



107 



cùram a' choimhthionail uile, air beulaobh 
pàilliuin a' choimhthionail, a dheanamh 
seirbhis a' phàilliuin. 

8 Agus gleidhidh iad uile shoithichean 
pàilliuin a choimhthionail, agus cùram 
chloinn Israeil, a dheanamh seirbhis a' 
phàilliuin. 

9 Agus bheir thu na Lebhithich do Aa- 
rou, agus d' a mhic : tha iad air an tabhairt 
da gu li-iomlan a mach à cloinu Israeil. 

10 Agus orduichidh tu Aaron agus a 
mhic, agus feithidh iadsan air dreuchd an 
t-sagairt : agus cuirear an coigreach a thig 
am fagus gu bàs. 

11 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

12 Agus mise, feuch, ghabh mi na Le- 
bhithich o mheasg chloinn Israeil, an àit a' 
cheud-ghin uile a dh' fhosglas a' bhrù am 
measg ehloinn Israeil: agus is leamsa na 
Lebhithich ; 

13 A chionn gur leamsa gach uile cheud- 
ghin; oir air an là auns an do bhuail mi 
gach ceud-ghin ann an tìr na h-Eiphit, 
naomhaich mi dhomh fèin gach ceud-ghin 
ann an Israel, eadar dhuine agus ainmh- 
idh; isleamsaiad: Is mise an righearn. 

14 Agus labhair an Tighearna ri Maois 
ann am fàsach Shinai, ag ràdh, 

15 Aireamh clann Lebhi a rèir tighe an 
aithriche, a rèir an teaghlaichean : gach 
firionnach o mhìos a dh' aois agus os a 
cheann àirmhidh tu iad. 

16 Agus dh' àireamh Maois iad a rèir 
focail an Tighearna, mar a thugadh àithne 
dha. 

17 Agus b' iad so mic Lebhi a rèir an 
ainmean ; Gerson, agus Cohat, agus Me- 
rarL 

18 Agus is iad so ainmean mhac Ghers- 
oin a rèir an teaghlaichean ; Libni agus 
Simei. 

19 Agus mic Chohait a rèir an teagh- 
laichean; Amram, agus Idsar, Hebron, 
agus Udsiel. 

20 Agus mic Mherari a rèir an teagh- 
laichean ; Mahli, agus Musi: is iad sin 
teaghlaichean nan Lebhitheach, a rèir 
tighe an aithriche. 

21 O Gherson bha teaghlach Libni, agus 
teaghlach Shimei : is iad sin teaghlaicheau 
nan Gersonach. 

22 Iadsan a chaidh àireamh dhiubh, a 
I rèir àireimh nam firionnaeh uile o mhìos a 
I dh' aois agus os a cheann, eadhon iadsan a 

Ichaidh àireamh dhiubh, b' iad seachd mìle 
agus cùig ceud. 
23 Suidhichidh teaghlaichean nan Gers- 
onach air cùlaobh a' phàiJliuin air taobh na 
h-àirde 'n iar. 
24 Agus bithidh Eliasaph mac Laeil, 'na 
cheann tighe athar nan Gersonach. 
25 Agus air cùram mhac Ghersoin, ann 
am pàilliun a' choimhthionail, bithidh am 
pàilliun, agus am bùth, a chòmhdach, ag- 
us am brat air son doruis pàilliuin a' 
choimhthionail, 
26 Agus cùirteinean na cùirte, agus am 
brat air son doruis na cùirte, a ta làimh ris 
| a' phàilliun, agus làimh ris an altair mu 'n 
I cuairt, agus a cùird, air son a seirbhis uile. 
| 27 Agus o Chohat bha teaghlach nan Am- 
£ ramach, agus teaghlach nan Idseharach, 



agus teaghlach nan Hebronach, agus teagh- 
lach nan Udsielach : is iad sin teaghlaich- 
ean nan Cohatach. 

28 Ann an àireamh nam firionnach uile 
o mhìos a dh' aois agus os a cheann, bha 
ochd mìle agus sè ceud, a bha gleidheadh 
cùraim an ionaid naoimh. 

29 Suidhichidh teaghlaichean mhae Cho- 
hait air taobh a' phàilliuin mu dheas. 

30 Agus bithidh Elisaphan mac Udsieil 
'na cheann tighe athar theaghlaichean nan 
Cohatach. 

31 Agus air an cùram-san bithidh an 
àirc, agus am bòrd, agus an coinnleir, ag- 
us na h-altairean, agus soithichean an ion- 
aid naoimh, leis am fritheil iad, agus am 
brat, agus a sheirbhis uile. 

32 Agus bithidh Eleasar, mac Aaroin an 
t-sagairt, na cheannard air ceannardaibh 
nanLebhitheaeh, agus bithidh sùil aig orra- 
san a bhios a' gleidheadh cùraim an ionaid 
naoimh. 

33 O Mherari bha teaghlach nam Mah- 
lach, agus teaghlach nam Musitheach : is 
iad sin teaghlaichean Mherari. 

34 Agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, 
a rèir àireimh nam firionnach uile o mhìos 
a dh' aois agus os a cheann, b' iad sè mìle 
agus dà cheud. 

35 Agus b' e Suriel mac Abihail ceann 
tigheathartheaghlaichean Mherari: suidh- 
ichidh iadsan air taobh a' phàilliuin mu 
thuath. 

36 Agus fa choimhead agus cùram mhac 
Mherari bithidh buird a' phàilliuin, agus a 
chroinn, agus a phuist, agus a bhuinn, ag- 
us a shoithichean uile, agus gach ni a 
fhritheileas da, 

37 Agus puist na cùirte mu 'n cuairt, ag- 
us am buinn, agus am pinneachan, agus an 
cuird. 

38 Ach iadsan a ehampaicheas air beul- 
aobh a' phàilliuin air taobh na h-àirde 'n, 
ear, eadhon air beulaobh pàilliuin a' 
choimhthionail leth ri èirigh na grèine, is 
iad Maois, agus Aaron, agus a mhic, a' 
gleidheadh cùraim an ionaid naoimh, air 
son cùraìm chloinn Israeil; agus cuirear 
an coigreach a thig am fagus gu bàs. 

39 Iadsan uile a chaidh àireamh do na 
Lebhithich, a dh' àireamh Maois [agus Aa- 
ron] a rèir àithne an Tighearn, a rèir an 
teaghlaichean, na firionnaich uile o mhìos 
a dh' aois agus os a cheann, b' iad dà mhìle 
thar fhichead. 

40 Agus thubhairt an Tighearna ri 
Maois, Aireamh gach ceud-ghin a ta 'na 
fhirionnach do chloinn Israeil o mhìos a 
dh' aois agus os a cheann, agus gabh àir- 
eamh an ainmean. 

41 Agus gabhaidh tu na Lebhithich 
dhomhsa ( Is mise an Tighearn) an àite nan 
ceud-ghin uile am measg chloinn Israeil ; 
agus sprèidh nan Lebhitheach an àite nan 
ceud-ghin uile am measg sprèidhe chloinn 
Israeil. 

42 Agus dh' àireamh Maois, mar a dh'- 
àithn an Tighearna dha, gach ceud-ghin 
am measg chloinn Israeil. 

43 Agus gach ceud-ghin a bha 'na fhir- 
ionnach, a rèir àireimh nan ainmean, o 
mhìos a dh' aois agus os a cheann, dhiubh- 
san a chaidh àireamh dhiubh, b' iad dà 



108 



AIREAMH. 



mhìle thar fliichead dà cheud agus tri fich- 
ead agus tri-deug. 

44 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

45 Gabh na Lebhithich an àite nan ceud- 
ghin uile am measg chloinn Israeil, agus 
sprèidhnan Lebhitheach an àit an sprèidhe- 
san, agus bithidh na Lebhithich leamsa: 
Is inise an Tighearn. 

46 Agus air an son-san a ta gu bhi air am 
f uasgladh do 'n dà cheud agus an tri fichead 
agus an tri-deug, do cheud-ghin chloinn Is- 
raeil, a tha ni 's lìonmhoire na na Lebhith- 
ich ; 

47 Gabhaidh tu eadlion c.ùig seceil am 
fear air an ceanu ; a rèir seceil an ionaid 
naoimh gabhaidh tu iad : is e 'n secel fich- 
ead gerah. 

48 Agus bheir thu 'n t-airgiod, leis am 
fuasglar an t-àireamh còrr dhiubh, do Aa- 
ron agus d' a mhic. 

49 Agus ghabh Maois an t-airgiod fuasg- 
laidh uatha-san a bha thuilleadh orra-san 
a dh' fhuasgladh leis na Lehhithich. 

50 O cheud-ghin chloinn Israeil ghabh e 
an t-airgiod: mìle tri cheud agus tri fich- 
ead agus cùig seceil, a rèir seceil an ionaid 
naoimh. 

51 Agus thug Maois airgiod na muinntir 
sin a dh' fhuasgladh, do Aaron, agus d' a 
mhic, a rèir focail an Tighearna, mar a 
dh' àithn an Tighearna do Mhaois. 

CAIB. IV. 

AGUSlabhairan Tighearnari Maois, ag- 
us ri h-Aaron, ag ràdh, 

2 Gabh àireamh mhac Cliohait o mheasg 
mhac Lebhi, a rèir an teaghlaichean, a rèir 
tighe an aithriche ; 

3 O dheich bliadhna fichead a dh' aois 
agus os a cheann, eadhon gu leth-cheud 
bliadhna dh' aois, gach neach a thèid a 
steach do 'n armailt, a dlieanamhnah-oibre 
ann am pàilliun a' choimhthionail. 

4 So an t-seirbhis a bhios aig mic Cho- 
hait, ann am pàilliun a' choimhthionail, 
mu thimchioll nan nithe ro-naomha. 

5 Agus an uair a bhios an camp gu dol 
air 'aghaidh, thig Aaron agus a mhic, ag- 
us bheir iad a nuas brat a' chòmhdaich, 
agus còmhdaichidh iad àirc na Fianuis 
leis ; 

6 Agus cuiridh iad oirre an còmhdach- 
adh do chroicnibh bhroc, agus sgaoilidh 
ìad os a ceann eudach uile do ghorm, agus 
cuiridh iad a bataichean innte. 

7 Agus air bòrd arain na Fianuis sgaoil- 
idh iad eudach do ghorm, agus cuiridh iad 
air na miasan, agus na tùiseirean, agus na 
copain, agus na cuachan leis an toirear 
seachad tabhartas-dibhe : agus bithidh an 
t-aran an còmhnuidh air. 

8 Agus sgaoilidh iad orra eudach scar- 
laid, agus còmhdaichidh iad sin le còmh- 
dachadh do chroicnibh bhroc, agus cuiridh 
iad a bhataichean ann. 

9 Agus gahhaidh iad eudach do ghorm, 
agus còmhdaichidh iadcoinnleir an t-soluis, 
agus a lòchrain, agus a chlobhachan, agus 
a smàl-shoithichean, agus a shoithichean- 
olaidh uile, leis am fritheil iad da. 

10 Agus cuiridh iad efèin, agus a shoith- 
iehean uile, ann an còmhdachadh do 



chroicnibh bhroc, agus cuiridh iad air 
lunn e. 

11 Agus air an altair òir sgaoilidh iad 
eudach do ghorm, agus eòmhdaichidh iad 
i le còmhdachadh do chroicnibh bhroc, ag- 
us cuiridh iad rithe a bataichean. 

12 Agus gabhaidh iad na h-innil fhrith- 
ealaidh uile, leis am fritheil iad san ionad 
naomh, agus cuiridh iad ann an eudach do 
ghorm iad, agus còmhdaichidh iadle còmh- 
dachadh do chroicnibh bhroc iad, agus 
cuiridh iad air lunn iad. 

13 Agus bheir iad air falbh an luath o 'n 
altair, agus sgaoilidh iad eudach corcuir 
oirre ; 

14 Agus cuiridh iad oirre a soithichean 
uile, leis am fritheil iad m' a timchioll, 
eadhon na tùiseirean, na greimichean- 
feòla, agus na sluasaidean, agus na cuach- 
an, soithichean na h-altarach uile; agus 
sgaoilidh iad oirre còmhdachadli do chroic- 
nibh bhroc, agus cuiridh iad rithe a bat- 
aichean. 

15 Agus crìochnaichidh Aaron agus a 
mhic còmhdachadh an ionaidnaoimh, agus 
uile shoithichean an ionaid naoimh, 'nuair 
a bhios an camp gu dol air 'aghaidh ; agus 
an dèigh sin thig mic Chohait g' an giùlan : 
ach cha bhean iad ri ni naomha sam bith, 
air eagal gu 'm bàsaich iad. Is iad na nithe 
sin eallach mhac Chohait ann am pàilliun 
a' clioimhthionail. 

16 Agus do dhreuchd Eleasair, mhic Aa- 
roin an t-sagairt, buinidh an oladh chum an 
t-soluis, agus an tùis chùbhraidh, agus an 
tabhartas-bìdh lathail, agus an oladh-ung- 
aidh, agus cùram a' phàilliuin uile, agus 
nan uile nithe a ta ann, san ionad naomh, 
agus 'na shoithichibh. 

17 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
agus ri h-Aaron, ag ràdh, 

18 Na gearraibh as treubh theaghlaich- 
eau nan Cohatach o mheasg nan Lebhith- 
each. 

19 Ach so ni sibh riu, chum gu 'm bi iad 
heò agus nach bàsaich iad, an uair a thig 
iad am fagus do na nithibh ro-naomha; 
thèid Aaron agus a mhic a steach, agus 
orduichidh siad iad gach aon d' a sheirbhis 
fèin, agus d' a eallaieh. 

20 Ach cha tèid iad a steach a dh' fhaic- 
inn an uair a chòmhdaichear na nithe 
naomha, air eagal gu 'm faigh iad bàs. 

21 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

22 Gabh mar an ceudna àireamh mhac 
Ghersoin, a rèir tighe an aithriche, a rèir 
an teaghlaichean : 

23 O dheich bliadhna fichead a dh' aois 
agus os a cheann, gu leth-cheud bliadhna 
dh' aois àirmhidh tu iad; gach neach a 
thèid a steach a dheanamh na seirbhis, a 
dheanamh na h-oibre ann am pàilliun a' 
choimhthionail. 

24 Is i so seirbhis theaghlaichean nan 
Gersonach, seirbhis a dheanamh, agus eall- 
ach a ghiùlan. 

25 Agus giùlainidh iad cùirteinean a' 
phàilliuin, aguspàilliun a' ehoimhthionail, 
a chòmhdach, agus an còmhdach do 
chroicnibh bhroc, a ta shuas thairis air, ag- 
us brat doruis pàilliuin a' clioimhthionail, 

26 Agus cùirteinean na cùirte, agus brat 



CAIB. V. 



109 



i doruis geata na cùirte, a ta làimh ris a' 
phàilliun, agus ris an altair mu'n cuairt, 
agus an cuird, agus innil am frithealaidh 

( uile, agus gach ni a rinneadh air an son : 

I mar so ni iad seirbhis. 

i 27 A rèir focail Aaroin agus a mhac bith- 
idh uile sheirbhis mhac nan Gersonach, 

< 'nan eallachaibh uile, agus 'nan seirbhis 
uile : agus orduichidh sibh dhoibh mar an 
cùram an eallachan uile. 

I 28 Is i so seirbhis theaghlaichean mhac 

I Ghersoin, ann am pàilliun a' choimhthion- 

' ail ; agus bithidh an cùram fuidh làimh 
Itamair mhic Aaroin an t-sagairt. 

29 A thaobh mhac Mherari, àirmhidh tu 
iad a rèir an teaghlaichean, a rèir tighe an 
aithriche : 

30 O dheich bliadhna fichead a dh' aois 
agus os a cheann, eadhon gu leth-cheud 
hliadhna dh' aois, àirmhidh tu iad, gach 
aon a thèid a steach do 'n t-seirbhis, a 
dheanamh oibre pàilliuin a' choimhthion- 
ail. 

31 Agus is e so cùram an eallaich, a rèir 
an seirbhis uile ann am pàilliun a' choimh- 
thionail ; buird a' phàilliuin, agus a 
chroinn, agus a phuist, agus a bhuinn, 

32 Agus puist na cùirte mu'n cuairt, ag- 
us am buinn, agus am pinneachan, agus an 
cuird, maille r'au innealaibh uile, agus 
maille r' an seirbhis uile : agus air an aium 
àirmhidh sibh innil cùraim an eallaich. 

33 Js i so seirbhis theaghlaichean mhac 
Mherari, a rèir an seirbhis uile ann am 
pàiIUun a' choimhthionail, fuidh làimh 
Itaraair mhic Aaroin an t-sagairt. 

34 Agus dh'àireamh Maois agus Aaron 
agus ceannardan a' chomhchruinnich mic 
nan Cohatach, a rèir an teaghlaichean, ag- 
us a rèir tighe an aithriche : 

35 O dheich bliadhna fichead a dh' aois 
agus os a cheanu, eadhon gu leth-cheud 
bhadhna dh' aois, gach aon a thèid a steach 
do'n t-seirbhis, chum oibre ann ampàill- 
iun a' choimhthionail. 

36 Agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, 
a rèir an teaghlaichean, b' iad dà mhìle 
seachd ceud agus leth-cheud. 

37 B' iad so iadsan a chaidh àireamh do 
theaghlaichibh nan Cohatach, gach neach a 
dh' fheudadh seirbhis a dheanamh ann am 
pàilliun a' choimhthionail, a dh'àireamh 
Maois agus Aaron, a rèir àithne an Tigh- 
earna le làiinh Mhaois. 

38 Agus iadsan a chaidh àireamh do 
mhic Ghersoin, a rèir an teaghlaichean, 
agus a rèir tighe an aithriche : 

39 O dheich biiadhna fichead a dh'aois 
agus os a cheann, eadhon gu leth-cheud 
bliadhna dh' aois, gach aon a thèid a steach 
do'n t-seirbhis, a chum oibre ann am pàill- 
iun a' choimhthionail ; 

40 Eadhon iadsan a chaidh àireamh 
dhiubh, a rèir an teaghlaichean, a rèir tighe 
an aithriche, b' iad dà mhìle agus sè ceud 
agus deich 'ar fhichead. 

41 So iadsan a chaidh àireamh do tbeagh- 
laichibh mhac Ghersoin, do gach neach a 
dh'fheudadh seirbhis a dheanamh ann am 
pàilliun a' choimhthionail, a dh'àireamh 
Maois agus Aaron a rèir àithne an Tigh- 
earn. 

42 Agus iadsan a chaidh àireamh do 



theaghlaichibh mhac Mherari, a rèir an 
teaghlaichean, a rèir tighe an aithriche ; 

43 O dheich bliadhna fichead a dh' aois 
agus os a cheann, eadhon gu leth-cheud 
bliadhna dh' aois, gach aon a thèid a stigh 
do 'n t-seirbhis, chura oibre ann am pàilliun 
a' choimhthionail ; 

44 Eadhon iadsan a chaidh àireamh 
dhiubh, a rèir an teaghlaichean, b'iad tri 
mìle agus dà cheud. 

45 So iadsan a chaidh àireamh do theagh- 
laichibh mhac Mherari, a dh'àireamh Maois 
agus Aaron, a rèir focail an Tighearna le 
làimh Mhaois. 

46 Iadsan uile a chaidh àireamh do na 
Lebhithich, a dh'àireamh Maois agus Aa- 
ron, agus ceannardan Israeil, a rèir an 
teaghlaichean, agus a rèir tighe an aith- 
riche ; 

47 O dheich bliadhna fichead a dh'aois 
agus os a cheann, eadhon gu leth-cheud 
bliadhna dh'aois, gach aon a thàinig a 
dheanamh seirbhis an fhrithealaidh, agus 
seirbhis na h-eallaich ann am pàilliun a' 
choimhthionail ; 

48 Eadhon iadsan a chaidh àireamh 
dhiubh, b' iad ochd mìle agus cùig ceud ag- 
us ceithir fichead. 

49 A rèir àithne an Tighearna dh'àirmh- 
eadh iad le làimh Mhaois, gach aon a rèir 
a sheirbhis, agus a rèir 'eallaich : mar so 
dh' airmheadh iad leis, mar a dh'àithn an 
Tighearna do Mhaois. 

CAIB. V. 

AGUSlabhair an Tighearnari Maois, ag 
ràdh, 

2 Aithn do chloinn Israeil, iad a chur a 
mach as a' champ gach lobhar, agus gach 
neach air am bheil silteach, agus gachneach 
a ta air a shalachadh leis a' mharbh : 

3 Araon firionnach agus boirionnacli 
cuiridh sibh a mach, an taobh a muigh 
do 'n champ cuiridh sibh iad ; a chum as 
nach truaill iad an campan, anns am bheil 
mise gabhail còmhnuidh. 

4 Agus rinn clann Israeil mar so, agus 
chuir iad a mach iad an taobh a muigh do 'n 
champ: mar a labhair an Tighearna ri 
Maois, mar sin rinn clann Israeil. 

5 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

6 Abair ri cloinn Israeil, An uair a ni 
fear no bean peacadh air bith a ni daoine, a 
dheanamh eusaontais an aghaidh an Tigh- 
earn, agus gu'm bheil an t-anam sin ciont- 
ach ; 

7 An sin aidichidh iad am peacadh a 
rinn iad : agus ni e coimhleasachadh air son 
'eucorach san iomlan, agus cuiridh e an 
cùigeadh cuid deth ris, agus bheir e sin 
dhasan air an d' rinn e 'n eucoir. 

8 Ach mur bi aig an duine caraid sam 
bith gu coimhleasachadh a thoirt da san 
eucoir, thugar an coimhleasachadh a 
nìthear do 'n Tighearn air son na h-eucor- 
ach, do 'n t-sagart ; a thuilleadh air reithe 
na rèite, leis an deanar rèite air a 
shon. 

9 Agus gach tabliartas do nithibh 
naomha chloinn Israeil uile, a bheir iad 
chuin an t-sagairt, is leis-sau iad. 

10 Agus nithe coisrigte gach duine, is 

K 2 



110 



AIREÀMH. 



leis-san iad : ge b' e ni a bheir duine sam 
bith do 'n t-sagart, is leis e. 

11 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

12 Labhair ri cloinn Israeil, agus abair 
riu, Ma thèid bean fir sam bith a thaobh, 
agus gu *n ciontaich i 'na aghaidh, 

13 Agus gu'n luidh fear gu collaidh 
Jeatha, agus gu 'm bi sin folaichte o shùilibh 
a fir-phòsda, agus gu 'm bi e ceilte, agus 
gu'm bi i air a truailleadh, agus nach bi 
fianuis sam bith 'na h-aghaidh, agus gun i 
air a glacadh sa' ckùis, 

14 Agus gu 'n tig spiorad èud air, agus 
gu 'm bheil e 'g èudach air a mhnaoi, agus 
gu 'n do thruailleadh i ; no ma thàinig 
spiorad èud air, agus gu 'm bheil e èud- 
mhor m' a mhnaoi, agus nach do thruaill- 
eadh i : 

15 An sin bheir an duine a bhean a 
dh'ionnsuidh an t-sagairt, agus bheireleis 
a tabhartas air a son, an deicheamh cuid a 
dh' ephah do mhin eòrna ; cha dòirt e oladh 
air, ni mò a chuireas e tùis air, oir is tabh- 
artas èudaich a t' ann, tabhartas cuimh- 
neachain, a' toirt aingidheachd ann an 
cuimhne. 

16 Agus bheir an sagart am fagus i, agus 
cuiridh e i an làthair an Tighearn. 

17 Agus gabhaidh an sagart uisge 
naomh ann an soitheach creadha, agus 
gabhaidh an sagart cuid do 'n duslach a 
bhios air urlar a' phàilliuin, agus cuiridh e 
san uisge e. 

18 Agus cuiridh an sagart a' bhean ann 
an làthair an Tighearn, agus rùisgidh e 
ceann na mnà, agus cuiridh e 'n tabhartas 
cuimhneachain 'na làmhaibh, eadhon an 
tabhartas èudaich ; agus bithidh aig an 
t-sagart 'na làimh an t-uisge searbh a 
mhallaicheas. 

19 Agus gabhaidh an sagart mionnan 
dh' i, agus their e ris a' mhnaoi, Mur do 
luidh fear sam bith leat, agus mur deach- 
aidh tu thaobh gu neòghloine mnille ri 
neach eile an àite t'fhir-phòsda, bi-sa saor 
o 'n uisge shearbh so a mhallaicheas : 

20 Ach ma chaidh thu thaobh gu neach 
eile an àite t' fhir-phòsda, agus gu 'n do 
thruailleadh thu, agus gu 'n do luidh fear 
eile leat a thuilleadh air t' fhear-pòsda ; 

21 An sin gabhaidh an sagart mionnan 
mallachaidh do'n mhnaoi, agus their an 
sagart ris a' mhnaoi, Gu'n deanadh an 
Tighearn a' d' rahallachadh agus a' d' 
mhionnan thu am measg do shluaigh, 
'nuair a bheir an Tighearn air do shliasaid 
lobhadh, agus air do bhroinn atadh ; 

22 Agus thèid an t-uisge so a mhallaich- 
eas a stigh a'd' innibh, a thoirt air do 
bhroinn atadh, agus air do shliasaid lobh- 
adh : Agus their a' bhean, Amen, amen. 

23 Agus sgrìobhaidh an sagart na mall- 
achdan sin ann an leabhar, agus dubhaidh 
e mach iad leis an uisge shearbh ; 

24 Agus bheir e air a' mhnaoi an t-uisge 
searbh, a bheir am mallachadh, òl ; agus 
thèid an t-uisge a mhallaicheas a steach 
innte, agusfàsaidh e searbh. 

25 An sin gabhaidh an sagart an tabh- 
artas èudaich à làimh na mnà, agus luaisg- 
ìdh e 'n tabhartas an làthair an Tighearn, 
agus bheir e seachd e air an altair. 



26 Agus gabhaidh an sagart làn glaice, 
do 'n tabhartas, eadhon a chuimlraeachan, 
agus loisgidh e air an altair e, agus an 
dèigh sin bheir e air a' mhnaoi an t-uisge 
òl. 

27 Agus an uairabheireoirre an t-uisge 
òl, an sin tarlaidh ma thruailleadh i, agus 
ma rinn i coire an agliaidh a fir-phòsda, 
gu 'n tèid an t-uisge a mhallaicheas a steach 
innte, agus fàsaidh e searbh, agus ataidh a 
brù, agus lobhaidh a sliasaid : agus bithidh 
a' bhean 'na mallachadh am measg a 
sluaigh. 

28 Agus mur do thruailleadh a' bhean, 
ach gu'm bheil i glan ; an sin bithidh i 
saor, agus fàsaidh i torrach. 

29 Is e so lagh nan èud, an uair a 
thèid bean a thaobh gu fear eile an àit a 
fir-phòsda, agus a thruaillear i ; 

30 No 'nuair a thig spiorad èud air fear, 
agus a tha e èudmhor m' a mhnaoi, agus a 
chuireas e a bhean an làthair an Tighearn, 
agus a chuireas an sagart an gnìomh oirre 
an lagh so uile ; 

31 An sin bithidh an duine saor o*n 
chionta, agus giùlainidh a' bhean so a 
cionta. 

CAIB. VI. 

AGUS labhair an Tighearnari Maois, ag 
ràdh, 

2 Labhair ri cloinn Israeil, agus abair 
riu, 'Nuair a dhealaicheas aon chuid bean 
no fear iad fèin a bhòideachadh bòide Na- 
saraich, a chum iad fèin a dhealachadh 
do'n Tighearn; 

3 O fhìon, agus o dhibh làidir sgaraidh 
se e fèin ; fìon-geur fìona, no fìon-geur 
dibhe làidir cha 'n òl e, ni mò a dh' òlas e 
bheag do shùgh nam fìon-dhearcan, ni 
mò a dh' itheas e fìon-dhearcan ùr no tior- 
am. I 

4 Uile làithean a dhealachaidh cha'n ith 
e bheag a nithear do 'n chraoibh-fhìona, o 
na h-eiteanaibh gus am plaosg. 

5 Uile làithean bòide a dhealachaidh, cha 
tig ealtainn air a cheann : gus an coimh- 
lionar na làithean anns an dealaich seefèin 
do 'n Tighearn, bithidh e naomh ; agus 
leigidh e le ciabhaibh gruaige a chinn fàs. 

6 Sna làithibh sin uile anns an dealaich 
se e fèin do'n Tighearn, cha tig e 'm fagus 
do chorp marbh sam bith. 

7 Cha dean se e fèin neòghlan air son 
'athar, no air son a mhàthar, air son a 
bhràthar, no air son a pheathar, an uair a 
gheibh iad bàs; do bhrìgh gu bheil cois- 
reagadh a Dhè air a cheann. 

8 Uile làithean a dhealachaidh tha e 
naomha do 'n Tighearn. 

9 Agus ma gheibh duine gu h-obann bàs 
làimh ris, agus gu'n do shalaich e ceann a 
choisreagaidh ; an sin bearraidh e a cheann 
ann an là a ghlanaidh, air an t-seachdamh 
là bearraidh se e. 

10 Agus air an ochdamh là bheir e dà 
thurtur, no dà choluman òg, a dh'ionn- 
suidh an t-sagairt, gu dorus pàilliuin a' 
choimhthionail. 

11 Agus ìobraidh an sagart fear diubh 
mar ìobairt-pheacaidh, agus am fear eile 
mar ìobairt-loisgte, agus ni e rèite air a 
shon, do bhrìgh gu 'n do pheacaich e 



CAIB. VII. 



111 



thaobli a' rahairbh, agus naomhaichidh e a 
eheann san là sin fèin. 

12 Agus coisrigidh e do 'n Tighearna 
laithean a dhealachaidh, agus bheir e leis 
uan do 'n cheud bhliadhna chum ìobairt- 
eusaoutais: ach bithidh na làithean a 
chaidh seachad caillte, do bhrìgh gu 'n do 
shalaieheadh a dhealachadh. 

13 Agus is e so lagh an Nasaraich : 'Nuair 
a cnonnhlionar làithean a dhealachaidh, 
bheirear e gu dorus pàilliuin a' choimh- 
thionail : 

14 Agus bheir e seachad a thabhartas 
do n 1 ìgliearn, aou uan lirionn do'n cheud 
bhhadlma gun ghaoid a chum ìobairt- 
loisgte, agus aon uan boirionn do'n cheud 
bhliadhna gun ghaoid a chum ìobairt- 
pheacaidh, agus aon reithe gun ghaoid a 
chuui ìobairt-shìth ; 

15 Agus bascaid do aran neo-ghoirtichte, 
breacagan do phlùr mìn measgta le h-oladh, 
agus dearnagana do arau neo-ghoirtichte 
ungta le h-oladh, agus an tabhartas-bìdh, 
agus an tabhartasan-dibhe. 

16 Agus blieir an sagart iad an làthair an 
Tighearn, agus ìobraidh e 'ìobairt-pheac- 
aidh, agus 'ìobairt-loisgte. 

17 Agus ìobraidh e 'n reithe mar ìobairt 
thabhartasan-sìth do'n Tighearna, maille 
ris a' bhascaid do aran neo-ghoirtichte : 
bheir an sagart seachad mar an ceudna a 
thabhartas-bìdh, agus a thabhartas-dibhe. 

18 Agus bearraidli an Nasarach ceann a 
dhealachaidh, aig dorus pàilliuin a' choimh- 
thionail ; agus gabhaidh e gruag cinn a 
dhealachaidh, agus cuiridh e i san teine a 
ta fuidh ìobairt nan tabhartasan-sìth. 

19 Agus gabhaidh an sagart slinnean 
bruich an reithe, agus aon bhreacag neo- 
ghoirtichte as a' bhascaid, agus aon dear- 
nagan neo-ghoirtichte ; agus cuiridh e iad 
air làmhaibh an Nasaraich, an dèigh do 
ghruaig a dhealachaidh bhi air a bearradh. 

20 Agus luaisgidh an sagart iad mar 
thabhartas-luaisgte an làthair an Tigh- 
earna; tha so naomha do'n t-sagart maille 
ris an uchd luaisgte, agus maille ris an 
t-slinnean thogta : agus an dèigh sin feud- 
aidh an Nasarach fion òl. 

21 Is e so lagh an Nasaraich, a tliug bòid, 
agus lagh a thabi.artais do'n Tighearn air 
son a dhealachaidh, a thuilleadh air na 
gheibh a làmh : a rèir a bhòide a bhòidich 
e, mar sin is èigin da dheanamh, a rèir 
lagha a dhealachaidh. 

22 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

23 Labhair ri h-Aaron agus r'a mhic, ag 
ràdh, air a' mhodh so beannaichidh sibh 
clann Israeil, ag ràdh riu, 

24 Gu'm beannaicheadh an Tighearna 
thu, agus gu'n gleidheadh e thu : 

|j 25 Gu'n tugadh an Tighearn air 'aghaidh 
Ì dealrachadh ort, agus bitheadh e gràsmhor 
| dhuit : 

H 26 Gu'n togadh an Tighearna suas a 
|| ghnùis ort, agus gu'u tugadh e sìth dhuit. 

27 Agus cuiridh iad m' ainm air cloinn 
B Israeil, agus beannaichidh mise iad. 

CAIB. VII. 

AGUS tharladh air an là anns an do ch uir 
Maois suas am pàilliun gu h-iomlan, 



agus san d'ung se e, agus san do naomhaich 
se e, agus 'uidheam uile, araon an altair 
agus a soithichean uile, agus san d'ung e 
iad, agus san do naomhaich e iad ; 

2 Gu'n d'thug ceannardan Israeil, cinn 
tighe an aithriche, (eadhon ceannardan 
nan treubh, a bha os ceann na muinntir a 
chaidh àireamh) seachad tabhartas : 

3 Agus thug iad an tabhartas an làthair 
anTighearna, sè feunan còmhdaichte, agus 
dà dhamh dheug: feun air son dithis do 
na ceannardaibh, agus damh à*ir son gach 
fir dliiubh, agus thug iad air beulaobh a' 
phàilliuin iad. 

4 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

5 Gabh uatha iad, a chum gu'm bi iad a 
dheanamh seirhhis pàilliuin a' choimh- 
thionail ; agus bheir thu iad do na Lebh- 
ithich, do gach fear a rèir a sheirbhis. 

6 Agus ghabh Maois na feunan agus na 
daimh, agus thug e do na Lebhithich iad. 

| 7 Dà theuu agus ceithir daimh thug e 
do mhic Ghersoiu, a rèir an seirbhis. 

8 Agus ceithir feunan agus ochd daimh 
thug e do mhic Mherari, a rèir an seirbhis, 
fuidh làimh Itamair mhic Aaroin an t-sag- 
airt. 

9 Ach do mhic Chohait cha d'thug e 
h-aon air bith; a chionn gu 'm b'i seirbhis 
an ionaid naoimh a bhuineadh dhoibh-san, 
gu'n giùlaineadh iad air an guaillibh. 

10 Agus thug na ceannardan seachad 
tabhartas a chum coisreagaidh na h-altar- 
ach, air an là anns an d'ungadh i ; thug 
eadhon tia ceannardan seacliad an tabh- 
artas air beulaobh na h-altarach. 

11 Agus thubhairt an Tighearna ri 
Maois, Blieir gach ceaunard seachad a 
thabhartas air a là fèin, chum coisreagaidh 
na h-altarach. 

12 Agus esan a tliug seachad a thabh- 
artas air a' cheud là, b'e Nahson mac 
Aminadaib, do thrèibh Iudah. 

13 Agus b'e a thabhartas aon mhias 
airgid, d'am bu chudthrom ceud agus deich 
seceil 'ar fhichead, aon chuach airgid do 
dheich agus tri fichead secel, a rèir seceil 
an ionaid naoimh, iad le chèile làn do phìùr 
raìn measgta le h-oladh, chum tabhartais- 
bìdh : 

14 Aon spàin do dheich seceil òir, làn do 
thùis : 

15 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan 
do'n cheud bhliadhna, chum ìobairt- 
loisgte : 

16 Aon mheann do na gabhraibh chum 
ìobairt-pheacaidh : 

17 Agus a chum ìobairt nan tabhartas- 
sìth, dà tharbh, cùig reitheachan, cùig 
buic-ghaibhre, cùig uain do'n cheud 
bhliadhna. B' e so tabhartas Nahsoiu 
mhic Aminadaib. 

18 Air an dara là thug Nataneel mac 
Shuair, ceannard Isachair, seachad tabh- 
artas. 

19 Thug e seachad mar a thabhartas aon 
mhias airgid, d'am bu chudthrom ceud ag- 
us deich seceil 'ar fhichead, aon chuaeh 
airgid do dheich agus tri fichead secel, a 
rèir sec.eil an ionad naoimh, iad le chèile 
làn do phlùr mìn measgta le h-oladh, chum 
tabhartas-bìdh : 



I 



112 



AIREAMH. 



20 Aon spàin òir do dheich seceil, làn do 
thùis : 

21 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan do'n 
cheud bhliadhna, chum iobairt-loisgte : 

22 Aon raheann do na gabhraibh chum 
ìobairt-pheaeaidh : 

23 Agus a chum ìobairt nan tabhartas- 
sìth, dà tharbh, cùig reitheachan, cùig 
buic-ghaibhre, cùig uain do'n cheud 
bhliadhna. B'e so tabhartas Nataneeil 
mhic Shuair. 

24 Air an treas là thug Eliab mac Hel- 
oin, ceannard chloinn Shebuluin, seachad 
tabhartas. 

25 B'e a thabhartas-san aon mhias airgid, 
d'am bu chudthrom ceud agus deich seceil 
'ar fhichead, aon chuach airgid do dheich 
agus tri fichead secel, a rèir seceil an ion- 
aid naoimh, iad le chèile làn do phlùr mìn 
measgta le h-oladh, chum tabhartais-bìdh : 

26 Aon spàin òir do dheich seceil, làn do 
thùis : 

27 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan 
do'n cheud bhliadhna, chum ìobairt- 
loisgte : 

28 Aon mheann do na gabhraibh chum 
ìobairt-pheacaidh : 

29 Agus a chum ìobairt nan tabhartas- 
sìth, dà tharbh, cùig reitheachan, cùig 
buic-ghaibhre, cùig uain do'n cheud 
bhliadhna. B'e so tabhartas Eliaib mhic 
Heloiu. 

30 Air a' cheathramh là thug Elisur 
mac Shedeuir, ceannard chloinn Reubein, 
seachad tabhartas. 

31 B'e a thabhartas aon mhias airgid do 
cheud agus deich seceil 'ar fhichead, aon 
chuach airgid do dheich agus tri fichead 
secel, a rèir seceil an ionaid naoimh, iad le 
ehèile làn do phlùr mìn measgta le h-oladh, 
chum tabhartais-bìdh : 

32 Aon spàin òir do dheich seceil, làn do 
thùis : 

33 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan do'n 
cheud bhliadhna, chum ìobairt-loisgte : 

34 Aon mheann do na gabhraibh chum 
ìobairt-pheacaidh : 

35 Agus a chum ìobairt nan tabhartas- 
sìth, dà tharbh, cùig reitheachan, cùig 
buic-ghaibhre, cùig uain do'n cheud 
bhliadhna. B'e so tabhartas Elisuir mhic 
Shedeuir. 

36 Air a' chùigeadh là thug Selumiel 
mac Shurisadai, ceannard chloinn Shim- 
eoin, seachad tabhartas. 

37 B'e a thabhartas-san aon mhias airgid, 
d'am bu chudthrom ceud agus deich seceil 
'ar fhichead, aon chuach airgid do dheich 
agus tri fichead secel, a rèir seceil an ionad 
naoimh, iad le chèile làn do phlùr mìn 
measgta le h-oladh, chum tabhartais-bìdh : 

38 Aon spàin òir do dheich seceil, làn do 
thùis : 

39 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan 
do'n cheud bhliadhna, chum ìobairt- 
loisgte : 

40 Aon mheann do na gabhraibh chum 
ìobairt-pheacaidh : 

41 Agus a chum ìobairt nan tabhartas- 
sìth, dà tharbh, cùig reitheachan, cùig 
buic-ghaibhre, cùig uain do'n cheud 
bhliadhna. B'e so tabhartas Shelumieil 
mhic Shurisadai. 



42 Air an t-seathadh là thug Eliasaph 
mac Dlieueil, ceannard chloinn Ghad, 
seachad iabhartas. 

43 B'e a thabhartas-san aon mhias airgid, 
d'am bu chudthrom ceud agus deich seceil 
'ar fhichead, aon chuach airgid do dheich. 
agus tri tìchead secel, a rèir seceil an ion- 
aid naoimh, iad )e chèile làn do phlùr mìn 
measgta le h-oladh, chum-tabhartais-bìdh : 

44 Aon spàin òir do dheich seceil, làn do 
thùis : 

45 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan 
do'n cheud bhliadhna, chum ìobairt- 
loisgte : 

46 Aon raheann do na gabhraibh chum 
ìobairt-pheacaidh : 

47 Agus a chum ìobairt nan tabhartas- 
sìth, dà tharbh, cùig reitheachan, cùig buic- 
ghaibhre, cùig uain do'n cheud bhliadhna. 
B'e so tabhartas Eliasaiph miiic Dheueil. 

48 Air an t-seachdamh là thug Elisama 
mac Amihuid, ceannard chloinn Ephraim, 
seachad tabhartas. 

49 B'e a thabhartas-san aon mhias airgid, 
d'am bu chudthrom ceud agus deich seceil 
'ar fhichead, aon chuach airgid do dheich 
agus tri fichead secel, a rèir seceil an ion- 
aid naoimli, iad le chèile làn do phlùr mìn 
measgta le h-oladh, chum tabhartais-bìdh : 

50 Aon spàin òir do dheich seceil, làn 
do thùis : 

51 Aon tarbh òg, aon rèithe, aon uan do'n 
cheud bhliadhna, chum ìobairt-loisgte : 

52 Aon mheann do na gabhraibh chum 
ìobairt-pheacaidh : 

53 Agus a chum ìobairt nan tabhartas^ 
sìth, dà tharbh, cùig reitheachan, cùig buic 
ghaibhre, cùig uain do'n cheud bhliadhna 
B'e so tabhartas Elisaraa mhic Amihuid. 

54 Air an ochdamh là thug Gamaliel 
mac Phedahsuir, ceannard chloinn Mha- 
naseh, seachad tabhartas. 

55 B'e a thabhartas-san aon mhias airgid 
do cheud agus deich seceil 'ar fhichead, 
aon chuach airgid do dheich agus tri fich- 
ead secel, a rèir seceil an ionaid naoimh, 
iad le chèile làn do phlùr mìn measgta le 
h-oladh, chum tabhartais-bìdh : 

56 Aon spàin òir do dheich seceil, làn do 
thùis : 

57 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan do'n 
cheud bhliadhna, chum ìobairt-loisgte : 

58 Aon mheann do na gabhraibh chum 
iobairt-pheacaidh : 

59 Agus a chum ìobairt nan tabhartas- 
sìth, dà tharbh, cùig reitheachan, cùig buic- 
ghaibhre, cùig uaiu do'n cheud bhliadhna. 
B'e so tabhartas Ghamalieil mhic Phedah- 
suir. 

60 Air an naothadh là thug Abidan mac 
Ghideoni, ceannard chloinn Bheniamin, 
seachad tabhartas. 

61 B'e a thabhartas-san aon mhias airgid, 
da'm bu chudthrom ceud agus deich seceil 
'ar fhichead, aon chuach airgid do dheich 
agus tri fichead secel, a rèir seceil an ionaid 
naoimh, iad le chèile làn do phlùr mìn 
measgta le h-oladh, chum tabhartais- 
bìdh : 

62 Aon spàin òir do dheich seceil, làn do 
thùis : 

63 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan do'n 
cheud bhliadhna, chum ìobairt-loisgte : 



CAIB. VIII. 



113 



[ &} Aon ruheann do na gabhraibh chum 
m ìobairt-pheacaidh : 

[ 65 Agus a clium ìobairt nan tabhartas- 
sìth, dà tliarbh, cùig reitheachau, cùig 
I buic-ghaibhre, cùig uain do'n cheud 

■ hhliadlina. B'e so tabhartas Abidain mhic 

■ Ghideoni. 

I 66 Air an deicheamh là thug Ahieser 
I mac Amisadai, ceanuard chloinn Dhan, 
I seachad tahhartas. 

V 67 ITe athahhartas-sanaonmhiasairgid, 
I à'am lu chudthrom ceud agus deich seceìl 
m 'ar f hichead, aon chuach airgid do dheich 
I agus tri fichead seceil, a rèir seceil an ionaid 
K naoimh, iad le chèile làn do phlùr mìn 

■ measgta le h-oladh, chum tabhartais-bìdh : 
I 68 Aon spàin òir do dheich seceil, làn 
t do thùis : 

I 69 Aon tarbh òg, aonreithe, aon uan do'n 
| cheud bhliadhna, chum ìobairt-loisgte : 

I 70 Aon mheann do na gabhraibh chum 
I ìobairt-pheacaidh : 

I 71 Agus a chum ìobairt nan tabhartas- 
I sìth, dà tharbh, eùig reitheachan, cùig huic- 
Ighaibhre, cùig uain do'n cheud bhliadhna. 
I B'e so tabharìas Ahieseir mhic Amisadai. 
I 72 Air an aon là deug thug Pagiel mac 
I Ocrain, ceannard chloiun Aseir, seachad 
wtabhartas. 

I 73 B 'e a thabhartas-sau aon mhias airgid, 

■ d'am bu chudthrom ceud agus deich seceil 
l'ar fhichead, aon cliuach airgid do dheich 
lagus tri ficheadsecel, a rèir seceil anionaid 
Inaoimh, iad le chèile làn do phlùr mìn 
|measgta le h-oladh, chum tabhartais- 
I bìdh : 

I 74 Aon spàin òir do dheich seceil, làn do 

■ thùis : 

I 75 Aon tarhh òg, aon reithe, aon uan do'n 
lcheud bhliadhna,'chum ìobairt-loisgte : 

76 Aon mheann do na gabhraibh chum 
ìohairt-pheacaidh : 

77 Agus a chum ìobairt nan tabhartas- 
6ìth, dà tharbh, cùig reitheachan, cùig buic- 
ghaibhre, cùig uaiu do'n cheud bhliadhna. 
B'e so tabhartas Phagieil mhic Ocrain. 

78 Air an dara là dheug thug Ahira mac 
Enain, ceannard chloinn Naphtali, seachad 
tahhartas. 

79 B'e a thabhartas-san aon mhias airgid, 
d'am bu chudthrom ceud agus deich seceil 

\ 'ar fhichead, aon chuach airgid do dheich 
agus tri fìchead secel, a rèir seceil an iouaid 

juaoimh, iad le chèile làn do phlùr mìn 
nieasgta le h-oladh, chum tabhartais-bìdh : 

80 Aon snàin òir do dheich seceil, lan do 
jthùis: 

I 81 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan do'n 
hcheud bhliadhna, chum ìobairt-loisgte : 
8 82 Aon mheann do na gabhraibh chum 
fiiobairt-pheacaidh : 

I ^ 83 Ayus a chum ìobairt nan tabhartas- 
Esìth, dàTtharbh, cùigreitheachan, cùig buic- 
g ?haibhre, cùig uain do'n cheud bhliadhna. 
AB'e so tabhartas Ahira mhic Enain. 
{ &i B'e so coisreagadh na h-altarach (san 
i ìà anns an d'ungadh i) le ceannardaibh Is- 
I raeil : dà mhias dheug airgid, dà chuach 
(jdheug airgid, dà spàin dheug òir : 
I 85 B'e cudthrom gach meise airgid ceud 
j igus deich seceit 'ar f hichead, agus gach 
, "uaiclie deich agus tri fichead : B'e cud- 
yhrom nan soithicheau airgid uile, dà mhìle 



agus ceithir cheud seceil, a rèir seceil an 
ionaid naoimh. 

86 Bha dà spàin dheug òir ann, làn do 
thùis, cudthrom gach aon fà leth deich se- 
ceil, a rèir seceil an ionaid naoimh : b'e òr 
nan spàinean uile ceud agus fichead secel. 

87 B'iad na tairbh uile chum ìobairt- 
loisgte dà tharbh dheug, na reitheachan a 
dhà-dheug, na h-uain do'n cheud bhliadh- 
na dhà-dheug, raaille r'an tabhartas-bìdh : 
agus na minn do na gabhraibh chum ìob- 
airt-pheacaidh a dhà-dheug. 

88 Agus b'iad na tairbh uile, chum ìoh- 
airt nan tabhartas-sìth, ceithir tairbh 'ar 
fhichead, na reitheachan tri fichead, na 
buic-ghaibhre tri fichead, na h-uain do'n 
cheud bhliadhna tri fichead. B'e so cois- 
reagadh na h-altarach, an dèigh dh'i bhi 
air a h-ungadh. 

89 Agus an uair a chaidh Maois a steach 
do phàilliun a' choimhthionail, a labhairt 
ris : an sin chual' e guth aoin a' labhairt 
ris o uachdar na caithir-thròcair a bha os 
ceann àirce na Fianuis, o eadar an dà che- 
rub ; agus labhair e ris. 

CAIB. VIII. 
A GUS labhairan Tighearna ri Maois, ag 
^□L ràdh, 

2 Labhair ri h-Aaron, agus abair ris, 
'Nuair a lasas tu na lòchrain, bheir na 
seachd lòchrain solus uathathall fa chomh- 
air a' choinnleir. 

3 Agus rinn Aaron mar sin ; las e a lòch- 
rain thall fa chomhair a' choinnleir ; mar 
a dh'àithn an Tighearna do Mhaois. 

4 Agus b'e so obair a' choinnleir : bha e 
dh'òr buailte gu ruig a chos, gu ruig a 
bhlàthan hha e dh'obair bhuailte : a rèir an 
t-samhlaidh a nochd an Tighearna do 
Mhaois, mar sin rinn e'n coiunleir. 

5 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

6 Gabh na Lehhithich o mheasg chloinn 
Israeil, agus glan iad. 

7 Agus mar so ni thu riu, chum an glan- 
adh : crath uisge glanaidh orra,agusthug- 
adh iad ealtainu thar am feoil uile, agus 
nigheadli iad an eudach, agus mar sin 
deanadh iad glan iad fèin. 

8 An sin gabhadh iad tarhh òg maille r'a 
tharbhartas-bìdh, eadhon plùr mìn measgta 
le h-oladh, agus gabhaidh tu tarbh òg eile 
chum ìobairt-pheacaidh. 

9 Agus bheirthu naLebhithich air beul- 
aobh pàilliuin a' choimhthionail : agus 
cruinnichidh tu coimhthional chloiun ls- 
raeil uile an ceann a chèile : 

10 Agus hbeir thu na Lebhithich an làth- 
air an Tighearn, agus cuiridh clann Israeil 
an làmhan air na Lebhithich : 

11 Agus luaisgidh Aaron na Lebhithich 
ann an làthair an Tighearn, mar thabhart- 
as-lu;iisgte o chloinn Israeil ; a chum gu'n 
dean iad seirbhis an Tighearn. 

12 Agus cuiridh na Lebhithich an làmh- 
an air cinn nan tarhh ; agus ìobraidh tu 
h-aon diubh rnar ìobairt-pheacaidh, agus 
am fear eile mar ìobairt-loisgte do'n Tigh- 
earn a dheanamh rèite air son nan Lebli- 
itheach. 

13 Agus cuiridh tu na Lebhithich an 
làthair Aaroin, agus an làthair a mhac, ag- 



1 



114 



AIREAMH. 



ua luaisgidh tu iad mar thabhartas-luaisffte 
do n Tighearn. 

14 Mar so sgaraidh tu na Lebhithich o 
raheasg chloinn Israeil ; agus bithidh na 
Lebhithich leainsa. 

15 Agus 'na dhèigh sin thèid na Lebh- 
ilhich a steach a dheanamh seirbhis pàill- 
ìuin a' choimhthionail ; agus glanaidh tu 
ìad, agus luaisgidh tu iad mar thabhartas- 
luaisgte : 

16 Oir thugadh dhomhsa gu h-iomlan 
ìad o mheasg chloinn Israeil ; an àite gach 
aon a dh'fhosglas a' bhrù, eadhon an àite 
ceud-ghm chloinn Israeil uile, ghabh mi 
dhomh fèin iad. 

17 Oir is leamsa uile cheud-ghin chloinn 
Israeil, araon duine agus ainmhidh : san 
là air an do bhuail mi gach ceud-ghin ann 
an tìr na h-Eiphit, naomhaich mi iad 
dhomh fèin. 

18 Agus ghabh mi na Lebhithich an àit 
uile cheud-ghin chloiun Israeil. 

? 9 Agus tlmg mi na Lebhithich mar 
thiodhlac do Aaron, agus d'a mhic, o 
mheasg chloinn Israeil, a dheanamh seir- 
bhis chloinn Israeil ann am pàilliun a' 
choimhthionail, agus a dheanamh rèite air 
son chlomn Israeil ; a chum as nach bi 
plàigh sam bith am measg chloinn Israeil, 
an uair a thig clann Israeil am fagus do'n 
ionad naomh. 

20 Agus rinn Maois agus Aaron, agus 
comhchruinneach chloinn Israeil uile, ris 
na Lebhithich a rèir gacli ni a dh'àithn an 
Tighearna do Mhaois a thaobh nan Lebh- 
ìtheach, mar sin rinn clann Israeil riu. 

21 Agus ghlanadh na Lebhithich, agus 
nigh iad an eudach ; agus thug Aaron suas 
iad mar thabhartas an làthair an Tighearn ; 
agus rinn Aaron rèite air an son a chum an 
glanadh. 

. 22 Agus an dèigh sin chaidh na Lebh- 
ìthich a steach, adheanamh an seirbhisann 
am pàilliun a choimhthionail, an làthair 
Aaroin agus an làthair a mhac : mar a 
dh'àithn an Tighearna do Mhaois a thaobh 
nan Lebhitheach, mar sin rinn iad riu. 

23 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag- ràdh, 

24 1$ e so an ni a bhuineas do na Lebh- 
ìthich : o chùig bliadhna fichead a dh' aois, 
agus os a cheann, thèid iad a steach a 
dh' fheitheamh air seirbhis pàilliuin a' 
choimhthionail : 

25 Agus o aois leth-cheud biiadhna 
sguindh iad a dh' fheitheamh air a sheir- 
bhis, agus cha dean iad seirbhis ni 's mò. 

26 Ach frìtheilidh iad maille r'am bràith- 
ribh ann am pàilliun a' choimhthionail a 
ghleidheadh a' chùraim, agus cha dean iad 
seirbhis sam bith eile. Mar so ni thu ris 
na Lebhithich a thaobh an cùraiin. 

CAIB. IX. 

AGUS labhair an Tighearn ri Maois ann 
am fàsach Shinai, sa' cheud mhios 
do'n dara bliadhna an dèigh dhoibh teachd 
a mach à tìr na h-Eiphit, ag ràdh, 

2 Cumadh mar an ceudna clann Israeil 
a' chàisg 'na h-àm suidhichte fèin. 

3 Sa' cheathramh là deug do'n mhìos so, 
air feasgar, cumaidh sibh i na h-àm suidh- 
ichte fèin, a rèir a h-orduighean uile, agus 



a rèir a deas-ghnàthan uile, cumaidh sibh 

4 Agus labhair Maois ri cloinn Israeil, 
iad a chumail na càisge. 

5 Agus chum iad a' chàisg air a' cheath- 
ramh là deug do'n cheud mhìos air feasgar, 
ann am fàsach Shinai : a rèir gach ni a 
dh' àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin 
rinn clann Israeil. 

6 Agus bha daoine àraidh a shalaicheadh 
le corp duine mhairbh, air chor as nach 
b'urrainn iad a' chaisg a chumail air an là 
sin; agus thàinig iad an làthair Mhaois, 
agus an làthair Aaroin air an là sin. 

7 Agus thubhairt na daoine sin ris, Tha 
sinne air ar salachadh le corp duine 
mhairbh : c'ar son a chumar air ar n-ais 
sinn, a chum as nach feud sinn tabhartas 
an Tighearn a thoirt seachad 'na àm suidh- 
ichte fèin am measg chloinn Israeil ? 

8 Agus thubhairt Maois riu, Seasaibh an 
sin, agus cluinnidh mise ciod adh'àithneas 
an Tighearna d' 'ur taobh. 

9 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

10 Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Ma 
bhios duine sam bith dhibh, no d' 'ur sliochd, 
air a shalachadh le corp marbh, no ma 
bhios e air thurus fad air astar, gidheadh 
cumaidh e a' chàisg do'n Tighearn. 

11 Sa' cheathramh là deug do'n dara 
mìos air feasgar curaaidh iad i : le h-aran 
neo-ghoirtichte, agus le lusaibh searbha 
ithidh iad i. 

12 Cha 'n fhàg iad a bheag dh' i gu ma- 
duinn, ni mò a bhriseas iad cnàimh dh' i : 
a rèir uiie orduighean na càisge cumàidh 
iad i. 

13 Ach an duine a ta glau, agus nach 'eil 
air thurus, agus a dhearmadas a' chàisg a 
chumail; gearrar eadhon an t-anam sin 
fèin as o 'shluagh, a chionn nach d' thug e 
seachad tabhartas an Tighearna 'na àm 
suidhichte: giùlainidh an duine sin a 
pheacadh. 

14 Agus ma bhios coigreach air chuairt 
'nur measg, agus gu'n cum e a' chàisg do'n 
Tighearn, a rèir orduigh na càisge, agus a 
rèir a gnàtha, mar sin ni e : bithidh aon 
ordugh agaibh araon air son a' choigrich, 
agus air a shon-san a rugadh sau tìr. 

15 Agus air an là anns an do thogadh 
suas am pàilliun, chòmhdaich an neul am 
pàilliun, cadhon bùth na Fianuis ; agus air 
feasgar bha air a' phàilliun mar gu'm bu 
choslas teine gus a' mhaduinn. 

16 Mar sin bha e ghnàth : chòmhdaich 
an neul e^ san là, agus coslas teine san 
oidhche. 

17 Agus an uair a thogadh an neul suas 
o'n phàilliun, an sin gun dàil ghabh clann 
Israeil an turus : agus san ionad anns an do 
stad an neul, ann an sin champaich clann 
Israeil. 

18 Air àithne an Tighearna ghabh clann 
Israeil an turus, agus air àithne an Tigh- 
earna champaich iad : am feadh 's a dh'- 
fhan an neul air a' phàilliun, dh' fhan iad 
'nam bùthaibh. 

19 Agus an uair a dh' fhan an neul air a' 
phàilliun mòran do làithibh, an sin ghlèidh 
clann Israeil freasdal an Tighearn, agus 
cha d' imich iad. 



CAIB. X. 



115 



20 Agus an uair a bha an neul beagan 

10 làithibh air a' phàilliun, a rèir àithne 
in Tighearna dh' fhan iad 'nam bùthaibh, 
igus a rèir àithne an Tighearna ghabh iad 
in turus. 

21 Agus an uair a dh' fhan an neul o 
i heasarar gu maduinn, agus a thogadh an 
ieul suas sa' mhaduinn, an sin ghabh iad 
i tn turus: ma b' ann san là no san oidhch' 

1 1 thogadh an neul suas, ghabh iad an tur- 
is. 

! 22 No co dhiubh a b' ann dà là, no raìos, 

1 10 bliadhna, dh' f han an neul air a' phàill- 
un, a" fuireach air, dh' f han clann Israeil 
nain bùthaibh, agus cha d' imich iad: ach 

|.n uair a thogadh suas e, ghabh iad an 

l urus. 

23 A rèir àithne an Tighearna dh' fhan 
!ad 'nam bùthaibh, agus a rèir àithne an 
irighearna ghabh iad an turus : ghlèidhiad 
i reasdal an Tighearn a rèir àithne an Tigh- 
1 arna le lùirah Mhaois. 

CAIB. X. 

I A GUS labhair an Tighearna ri Maois, 
j£JL agràdh, 

| 2 Dean dhuit fèin dà thrompaid airgid; 
|. dh' aon mhìr ni thu iad ; agus gnàthaich- 
idh tu iad a ghairm a' choimhthionail, ag- 
Dis a clram turuis nan camp. 
y 3 Agus an uair a shèideas iad leo, cruinn- 
fichidh an coirahthional uile iad fèin a t' 
|3nnsuidh aig dorus pàilliuin a' choimh- 
Ihiouail. 

I 4 Agus mur sèid iad ach le h-aon tromp- 
tid, an sin cruinnichidh na ceannardan a 
ta 'nan cinn-fheadhna air mhiltibh Israeil, 
lid fèin a t' ionnsuidh. 
I 5 'Nuair a shèideas sibh caismeachd, an 
lin thèid na campan a ta 'nan luidhe air 
I aobh na h-àirde 'n ear air an aghaidh. 

■ 6 'Nuair a shèideas sibh caismeachd an 
llara uair, an siu thèid na campan a ta 'nan 
luidhe air taobh na h-àirde deas air an 
l-ghaidh: sèididh iad caismeachd a chum 

n turusan. 

I 7 Ach an uair a tha 'n coimhthional gu 
I ihl air a chruinneachadh an ceann a clièile, 
I èididh sibh, ach cha sèid sibh caismeachd. 
|i 8 Agus sèididh mic Aaroin, na sagartan, 
1 2is na trompaidibh ; agùs bithidh iad 
I huibh mar reachd sìorruidh air feadh 
I ihur ginealacha. 

1 9 Agus ma thèid sibh gu cogadh 'nur 
l.lùthaich an aghaidh an nàmhaid a ta 
liteanamh foirneart oirbh, an sin sèididh 
I ibh caismeachd leis na trompaidibh ; agus 
|| uimhnichear sibh anlàthair an Tighearna 
Iphur Dè, agus saorar sibh o bhur naiinh- 
I Libh. 

Ij 10 Mar an ceudna ann an là bhur subh- 
liichais, agus 'nur n-àrd làithibh fèille, agus 
u nn an toiseach bhur mìosan, sèididh sibh 

■ eis na trompaidibh os ceann bhur n-ìob- 
K.irte-loisgte, agus os ceann ìobairte bhur 
|l abhartsan-sìth ; agus bithidh iad dhuibh 
I nar chuimhneachan an làthair bhur Dè: 
* r s mise an Tighearna bhur Dia. 

I 11 Agus tharladh, air an fhicheadamh là 
■Jlo'n dara mìos, san dara bliadhna, gu'n do 
l;hogadh suas an neul o uachdar pàUliuin 
t ta Fianuis. 

I I 12 Agus ghabh clann Israeil an turusan 



à fàsach Shinai ; agus stad an neul ann am 
fàsach Pharain. 

13 Agus gliabh iad air tùs an turus, a 
rèir àithne an Tighearna le làimh Mhaois. 

14 Sa' cheud àite dh' imich bratach 
chaimp chloinn Iudah, a rèir an armailt- 
ean ; agus air ceann a shlòigh bha Nahson 
mac Aminadaib. 

15 Agus air ceann slòigh thrèibh chloinn 
Isachair bha Nataneel mac Shuair. 

16 Agus air ceann slòigh thrèibh chloinn 
Shebuluin bha Eliab mac Heloin. 

17 Agus thugadh a nuas am pàilliun ; 
agus chaidh raic Ghersoin, agus mic 
Mherari air an aghaidh, a' giùlan a' phàill- 
iuin. 

18 Agus ghluais bratach chairap Reu- 
bein air a h-aghaidh, a rèir an armailtean ; 
agus air ceann a shlòigh bha Elisur mac 
Shedeuir. 

19 Agus air c«ann slòigh thrèibh chloinn 
Shimeoin bha Selumiel mac Shurisadai. 

20 Agus air ceann slòigh thrèibh chloinn 
Ghad blia Eliasaph mac Dheueil. 

21 Agus chaidh na Cohataich air an 
aghaidli, a' giùlan an ionaid naoimh, agus 
chuireadh suas am pàilliun air cheann 
doibh teachd. 

22 Agus ghluais bratach chaimp chìoinn 
Ephraim air a h-aghaidh, a rèir au armailt- 
ean : agus air ceann a shlòigh bha Elisama 
mac Amihuid. 

23 Agus air ceann slòigh thrèibh chloinn 
Mhanaseh bha Gamaliel mac Phedahsuir. 

24 Agus air ceann slòigh thrèibh chloinn 
Bheniamin bha Abidan mac Ghideoni. 

25 Agus chaidh bratach thrèibh chloinn 
Dhan air a h-aghaidh, a bha air deireadh 
nan camp uile air feadh an slògh : agus air 
ceann a shlòighòAa Ahiesermac Amisadaù 

26 Agus air ceann slòigh thrèibh chloinn 
Aseir bha Phagiel mac Ocrain. 

27 Agus air ceann slòigh thrèibh chloinn 
Naphtali bha Ahira mac Enain. 

28 B' iad sin turusan chloinn Israeil, a 
rèir an armailtean, 'nuair a ghluais iad air 
an aghaidh. 

29 Agus thubhairt Maois ri Hobab, mac 
Ragueil a' Mhidianaich, athar-cèile Mhaois, 
Tha sinn air ar turus a chura an àite mu 'n 
dubhairt Dia, Bheir mi dhuibh e : thig 
thusa maille ruinn, agus ni sinn maith 
dhuit ; oir labhair an Tighearna maith a 
thaobh Israeil. 

30 Agus thubhairt e ris, Cha tèid mi 
maille ribh : ach imichidh mi chum mo 
dhùthcha fèin, agus a chum mo dhìlsean 
fèin. 

31 Agus thubhairt e, Na fàg sinn, guidh- 
eam ort ; oir tha fhios agad cionnus a 
champaicheas sinn anns an fhàsach, agus 
bithidh tu dhuinn an àite shùl. 

32 Agus tarlaidh, ma thèid thu maille 
ruinn, seadh, tarlaidh, ge 'o' e maith a ni 
Dia dhuinne gu 'n dean sinne am maith 
ceudna dhuitse. 

33 Agus dh'imich iad o shliabh an Tigh- 
earn astar thri làithean : agus chaidh àirc 
coimhcheangail an Tighearna rompa astar 
thri làithean, arannsachadh a mach àite- 
tàimh dhoibh. 

34 Agus bha neul an Tighearn orra san 
là, 'nuair a chaidh iad a mach as a' champ. 



I 



116 



AIREAMH. 



35 Agus tharladh, 'nuair a bha'n àirc gu 
dol air a h-aghaidh, gu 'n duhhairt Maois, 
Eirich suas, a Thighearn, agus biodli do 
naimhdean air an sgapadh, agus teicheadh 
a' mhuinntir leis am fuathach thu romhad. 

36 Agus an uair a stad i, thubhairt e, 
Pill, a Thighearna, chum nam mìlte do 
mhìltibh lsraeil. 

caib. xr. 

AGTJS an uair a rinn an sluagh gearan, 
mhi-thaitinn e ris anTighearn : agus 
chual an Tighearn e; aguslas 'fhearg; ag- 
us loisg teine an Tighearna 'nam measg, 
agus chuir e as doibh-san a bha 'n iomall a' 
chaimp. 

2 Agus ghlaodh an sluagh ri Maois ; ag- 
us an uair a rinn Maois urnuigh ris an 
Tighearna, choisgeadh an teine. 
i 3 Agus thug e Taberah mar ainm air an 
àite sin ; a chionn gu 'n do loisg teine an 
Tighearna 'nam measg. 

4 Agus ghlac ciocras an cumasg sluaigh 
a bha 'nam measg : agus ghuil mar an 
ceudna clann Israeil a rìs, agus thubhairt 
iad, Cò bheir dhuinn feoil r' a h-itheadh ? 

5 Is cuimhneleinn ant-iasga dh' ith sinn 
san Eiphit gu saor; na cularain, agus na 
mealbhucain, agus na lèicis, agus na 
h-uinneinean, agus an creamh : 

6 Ach a nis tha ar n-anam air tiormach- 
adh ; cha 'n' eil ni air bith againn, ach am 
mana so, 'nar sealladh. 

7 Agus bha am mana cosmhuil ri frois 
coriandeir, agus a dhath mar dhath bdell- 
ium. 

8 Chaidh an sluagh mu 'n cuairt, agus 
thionail iad e, agus mheil iad e ann am 
muilnibh, no phronn iad e ann am mort- 
air, agus bhruich iad e ann an aighnibh, 
agus rinn iad breacagan deth: agus bha 
'bhlas mar bblas olaidh ùir. 

9 Agus an uair a thuit an drùchd air a' 
champ san oidhehe, thuit am mana air. 

10 An sin chuala Maois an sluagh a' gul 
air feadh an teaghlaichean, gach duine ann 
an dorus a bhùtha : agus las fearg an Tigh- 
earna gu mòr ; bha Maois mar an ceudna 
diomach. 

11 Agus thubhairt Maois ris an Tigh- 
earna, C' ar son a bhuin thu gu h-olc ri d' 
sheirbhiseach ? agus c'ar son nach d' fhuair 
mi deadh-ghean, a' d' shealladh, gu 'n do 
leag thu eireadh an t-sluaigh so uile 
orm ? 

12 Am mise a ghin an sluagh so uile ? an 
ann domh a rugadh iad, gu 'n abradh tu 
rium, Giùlain a' d" uchd iad (mar a ghiùl- 
aineasoid'-altruim leanabh na cìche) chum 
an fhearainn a mhionnaich thu d' an aith- 
richibh ? 

13 Cia as a gheibhinn-sa feoil gu tabh- 
airt do 'n t-sluagh so uile ? oir tha iad a' gul 
rium, ag ràdh, Thoir dhuinn feoil, a chum 
as gu 'n ith sinn ? 

14 Cha 'n urrainn mise cudthrom an 
t-sluaigh so uile a ghiùlan a' m' aonar, a 
chionn gu bheil e ro-throm air mo shon. 

15 Agus ma bhuineas tu rium mar so, 
marbh mi, guidheam ort, as an làimh, ma 
fhuair mi deadh-ghean a' d' shealladh ; ag- 
us na faiceam mo thruaighe. 

16 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, 



Cruinnich dhomhsa deich agus tri fichead 
fear do sheanairibh Israei), muinntir a 's 
aithne dhuit a bhi 'nan seanairibh an 
t-sluaigh, agus 'nan luchd-riaghlaidh os 
an ceann; agus thoir iad gu pàilliun a' 
choimhthionai), chum gu 'n seas iad an sin 
maille riut. 

17 Agus thig mise nuas agus labbraidh 
mi riut an sin : agus gabhaidh mi do 'n 
spiorad a ta ortsa, agus cuiridh mi orra- 
san e ; agus giùlainidh iad eallach an 
t-sluaigh maille riut, a chum as nach giùl- 
ain thu fèin e a' d' aonar. 

18 Agus abair ris an t-sluagh, Naomh- 
aichibh sibh fèin air cheann an )à màireach, 
agus ithidh sibh feoil (oir ghuil sibh ann an 
èisdeachd an Tighearn, ag ràdh, Cò hheir 
dhuinn feoil r' a h-itheadh ? oir bu mhaith 
ar cor san Eipliit) uime sin bheir an Tigh- 
earna feoil dhuibh, agus ithidh sibh. 

19 Cha 'n ith sibh aon là, no dà là, no 
cùig làithean, no deich làithean, no fichead 
là, 

20 Ach eadhon mìos iomlan, gus an tig i 
mach à cuinneinibh bhur sròn, agus gu 'm 
bi i gràineil duibh ; a chionn gu 'n d' rinn 
sibh tàir air an Tighearn a ta 'nur measg, 
agus gu 'n do ghuil sibh 'na làthair, ag 
ràdh, C' ar son a thàinig sinn a mach as an 
Eiphit? 

21 Agus thubhairt Maois, Tha'n sluagh 
am measg am bheil mise, 'nan sè ceud mile 
coisiche ; agus thubhairt thu, Bheir mi 
dhoibli feoil, chum gu 'n ith iad rè mìosa 
iomlain : 

22 Am marbhar na caoraich agus am; 
buar dhoibh, chum an sàsuchadh ? no an 
cruinnichear iasg na mara uile r' a chèile: 
dhoibh, chum an sàsuchadh ? 

23 Agus thubhairt an Tighearna ri 
Maois, Am bheil làmh an Tighearn air fàs 
goirid? chi thusa nis an tig no nach tig i 
m' fhocal gu crìch dhuit. 

24 Agus chaidh Maois a mach, agus; 
dh'innise do 'n t-sluagh focailan Tighearn,; 
agus chruinnich e an deich agus an trii 
fichead do sheauairibh an t-sluaigh, agus 
thug e orra seasamh mu thimchioll a' phàill- j 
iuin. 

25 Agus thàinig an Tighearn a nuas ann; 
an neul, agus labhair e ris, agus ghabh el 
do 'n spiorad a bha air, agus thug se e do'n 
deich agus an tri fichead seanair : agus 
tharladh, an uair a ghabh an spiorad 
còrahnuidh orra, gu 'n d'rimi iad fàidhead-; 
aireachd, agus nach do sguir iad. 

26 Ach dh' fhan dithis do na daoinibh, 
sà champ ; b' e ainm aoin diubh Eldad, ag- 
us ainm an fhir eile Medad : agus ghabh 
an spiorad còmhnuidh orra, (agus bha iad 
dhiubhsan a chaidh a sgrìobhadh, ach chaj 
deachaidh iad a mach do 'n phàilliun) agus j 
rinn iad fàidheadaireachd sa' champ. 

27 Agus ruith òganach, agus dh' innise, 
do Mhaois, agus thubhairt e, Tha Eldad' 
agus Medadri fàidheadaireachd sa' champ. 

28 Agus fhreagair Iosua mac Nuin,! 
seirbhiseach Mhaois, aon d' a òganaich, ag- ! 
us thubhairt e, Mo thighearn, a Mhaois,! 
bac iad. 

29 Agus thubhairt Maois ris, Am bhei) 
farmad ort air mo shon-sa? Is e mo 
ghuidhe ri Dia gu 'm biodh sluagh an 



CAIB. XII. XIII. 



117 



Tighearn uile 'nam fàidhibh, agus gu'n 
cuireadh au Tighearn a spiorad orra ! 

30 Agus chaidh Maois do 'n champ, e fèin 
agus seanairean Israeil. 

31 Agus chaidh gaoth a mach o'n Tigh- 
earn, agus thug i gearra-goirt o 'n fhairge, 
agus leig i leo tuiteam làimh ris a' champ, 
mar astar là air an taobh so, agus mar ast- 
ar là air an taobh eile, mu'n cuairt air a' 
champ, agus mar dhà làmh-choijje air 
àirde, air aghaidh na talmhainn. 

32 Agus sheas an sluagh suas air an là sin 
uile, agus air an oidhche sin uile, agus air 
an là a b' fhaigse uile, agus thionail iad na 
gearra-goirt : esan bu lugha a thionail, 
thionail e deich homeir, agus sgaoil iad gu 
farsuinn doibh fèin iad mu thimchioll a' 
chaimp. 

33 'Nuair a bha 'n fheoil fathast eadar 
am fiacla, mun do chagnadh i, las fearg an 
Tighearn an aghaidh an t-sluaigh, agus 
bhuail an Tighearn an sluagh le plàigh ro- 
mhòir. 

34 Agus thug e Cibrot-hataabhah mar 
ainm air an àite sin ; a chionn ann an sin 
gu 'n d' adhlaic iad an sluagh a mhiannaich. 

35 Agus dh' iraich an sluagh o Chibrot- 
hataabhah gu Haserot : agus dh' f han iad 
ann an Haserot. 

CAIB. XII. 

AGUS labhair Miriam agus Aaron an 
aghaidh Mhaois air son na mnà o Etio- 
pia, a phòs e : oir bha e air pòsadh mnà o 
Etiopia. 

2 Agus thubhairt iad, An do labhair an 
Tighearna da rìreadh le Maois a mhàin ? 
nach do labhair e mar an ceudna leinne ? 
agus chual' an Tighearn e. 

3 (A nis bha 'n duine Maois ro-chiùin, 
thar nan uile dhaoine a bha air aghaidh na 
talmhainn.) 

4 Agus labhair an Tighearna gu grad ri 
Maois, agus ri h-Aaron, agus ri Miriam, 
Thigibh a mach sibhse 'nur triuir gu pàill- 
iun a' choimhthionail. Agus thàinig iad 
'naa triuir a mach. 

5 Agus thàinig an Tighearna nuas ann 
am meall npoil, agus sheas e ann an dorus 
a' phàilliuin, agus ghairm e air Aaron ag- 
us Miriam : agus thàinig iad le chèile 
mach. 

6 Agus thubhairt e, Eisdibh a nis ri m' 
bhriathraibh-sa: Ma tha fàidh 'nur measg, 
ni mise an Tighearna mi fèin aithnichte 
dha ann an taisbeanadh, agus labhraidh 
mi ris ann am bruadar. 

7 Cha 'n 'eil mo sheirbhiseach Maois mar 
sin, a tha fìrinneach ann am thigh uile. 

i 8 Beul ri beul labhraidh mi ris-san, eadh- 
; on gu soilleir, agus cha 'n ann am briath- 

raibh dorcha, agus chi e coslas an Tigh- 
| earna : c' ar son ma ta nach robh eagal 

oirbh labhairt an aghaidh mo sheirbhisich 

Mhaois ? 

9 Agus las fearg an Tighearna'nan agh- 
i aidh, agus dh' f halbh e. 
| 10 Agus dh'fhalbh an neul bhàrr a' 
! phàilliuin, agus, feuch, rinneadh Miriam 
I "na lobhar, geal mar shneachda : agus 
dh' amhairc. Aaron air Miriam, agus, feuch, 
\ bha i 'na lobhar. 

| 11 Agus thubhairt Aaron ri Maois, Och ! 



mo thighearna, guidheam ort, na cuir am 
peacadh as ar leth, leis an d' rinn sinn gu 
h-amaideach, agus leis an do pheacaich 
sinn. 

12 Na biodh i mar aon marbh, d' am bheil 
an fheoil air a leth-chaitheamh, 'nuair a 
thig e mach à broinn a mhàtliar. 

13 Agus ghlaodh Maois ris an Tighearn, 
ag ràdh, Leighis i nis, O Dhè, guidheam 
ort. 

14 Agus thubhairtan Tighearnari Maois, 
Nan tilgeadli a h-atliair ach smugaid 'na 
h-eudan, nach bu chòir dh' i bhi fo nàire 
seachd làithean ? druidear a mach o 'n 
champ i rè sheachd làithean, agus 'na 
dhèigh sin gabhar a steach i rìs. 

15 Agus dhruideadh Miriam a mach o'n 
champ seachd làithean : agus cha do ghabh 
an sluagh an turus, gus an d' thugadh Miri- 
am a steach a rìs. 

16 Agus 'na dhèigh sin dh'imich an 
sluagh o Haserot, agus champaich iad ann 
am fàsach Pharain. 

CAIB. XIII. 

AGUS labhair an Tighearna ri Maois, ag 
ràdh, 

2 Cuir daoine uait, a chum gu'n ranns- 
aich iad tìr Chanaain, a bheir mise do 
chloinn Israeil ; as gach uile thrèibli d' an 
aithrichibh cuiridh sibh duine, gach aon 
diubh 'na cheannard 'nara measg. 

3 Agus chuir Maois iad o Hiàsach Phar- 
ain, a rèir àithne an Tighearna: bu 
cheannardan na daoine sin uile air cloinn 
Israeil. 

4 Agus is iad so an ainmeanna : Do 
thrèibh Keubein, Samua mac Shacuir. 

5 Do thrèibh Shimeoin, Saphat mac Ho- 
ri. 

6 Do thrèibh Iudah, Caleb mac lephun- 
eh. 

7 Do thrèibh Isachair, Igal mac Ioseiph. 

8 Do thrèibh Ephraim, Hosea mac 
Nuin. 

9 Do thrèibh Bheniamin, Palti mac Ra- 
phu. 

10 Dò thrèibh Shebuluin, Gadiel mac 
Shodi. 

11 Do thrèibh Ioseiph, eadhon, do thrèibh 
Mhanaseh, Gadi mac Shusi. 

12 Do thrèibh Dhan, Amiel mac Ghe- 
mali. 

13 Do thrèibh Aseir, Setur mac Mhi- 
chaeil. 

14 Do thrèibh Naphtali, Nahbi mac 
Uopsi. 

15 Do thrèibh Ghad, Geuel mac Mha- 
chi. 

16 Is iad sin ainmeanna nan daoine a 
chuir Maois a ghabhail beachd air an 
fhearann : Agus tliug Maois lehosua mar 
ainm air Hosea, mac Nuin. 

17 Agus chuir Maois iad a ghabhail 
beachd air talamh Chanaain, agus thubh- 
airt e riu, Rachaibh suas san t-slighe so 
mu dheas, agus gabhaibh suas a chum na 
beinne ; 

18 Agus faicibh am fearann, ciod e, agus 
an sluagh a ta 'nan còmhnuidh ann, am 
bheil iad làidir no anmhunn, tearc no lìon- 
mhor ; 

19 Agus ciod e am fearann anns am bheil 



118 



AIREAMH. 



iad a chòmhnnidli, am bheil e maith no 
olc ; agus ciod iad na bailtean anns am 
bheil iad 'nan còmhnuidh, an ann am bùth- 
aibh, no ann an daingneachaibh làidir; 

20 Agus ciod e an talamh, am bheil e 
reamhar no bochd, am bheil coille ann no 
nach 'eil. Agus biodh agaibh deadh mliis- 
neach, agus thugaibh leibh do thoradh an 
fhearainn. (A nis 6' e 'n t-àm àm nan 
ceud dhearca-fiona abuich.) 

21 Mar sin chaidh iad suas, agus rann- 
saich iad am fearann o fhàsach Shin gu 
Rehob, mar a thèid daoine gu Hamat. 

22 Agus chaidh iad suas mu dheas, agus 
thàinig iad gu Hebron, far an robh Ahi- 
man, Sesai, agus Talmai, mic Anaic. (A 
nisthogadh Hebron seachd bliadhna roimh 
Shoan san Eiphit.) 

23 Agus thàinig iad gu sruth Escoil, ag- 
us ghearr iad sìos as a sin geug le aon bhag- 
aide fhìon-dhearc, agus ghiùlain iad i 
eadar dhithis air luirg : agus thug iad leo 
do na pomgranataibh, agus do na fìgibh. 

24 Thugadh sruth Escoil mar ainm air 
an àite sin, air son a' bhagaide fhìon- 
dhearcan a ghearr clann Isràeil sìos as a 
sin. 

25 Agus phill iad o rannsachadh an 
fhearainn an dèigh dhà fhichead là. 

26 Agus dh'imich iad, agus thàinig iad 
gu Maois, agus gu h- Aaron, agus gu comh- 
chruinneach chloinn Israeil uile, gu fàsach 
Pharain, gu Cades ; agus thug iad leo fios 
d'an ionnsuidh, agus a dh'ionnsuidh a' 
chomhchruinnich uile, agus dh' fheuch iad 
dhoibh toradh na tìre. 

27 Agus dh'innis iad dha, agusthubhairt 
iad, Thàinig sinne a dh' ionnsuidh an fhear- 
ainn gns an do chuir thu sinn, agus gu 
deimhin tha e a' sruthadh le bainne agus le 
mil ; agus is e so a thoradh. 

28 Gidheadh, tha 'n sluagh làidir a tha 
'nan còmhnuidh san fhearann, agus tha na 
bailtean air an cuairteachadh le ballach- 
aibh, agus ro-mliòr: agus os bàrr, chunn- 
aic sinn clann Anaic an sin. 

29 Tha na h-Amalecich 'nan còmhnnidh 
am fearann na h-àirde deas ; agus tha na 
Hitich, agus na Iebusaich, agus na h-Am- 
oraicli, 'nau còmhnuidh sna beanntaibh ; 
agus tha na Canaanaich 'nan còmhnuidh 
làimh ris an fhairge, agus ri taobh Iordain. 

30 Agus chiùinich Caleb an sluagh an 
làthair Mhaois, agus thubhairt e, Kacham- 
aid suas a dh'aon fheachd, agus sealbh. 
aicheamaid e ; oir is urrainn sinn gu cinnt- 
each a cheannsachadh. 

31 Ach thubhairt na daoine a chaidh 
suas maille ris, Cha 'n urrainn sinn dol 
suas an aghaidh an t-sluaigh ; oir is treise 
iad na sinne. 

32 Agus thug iad droch sgeul air an 
fhearann a rannsaich iad gu cloinn Israeil, 
ag ràdh, Am fearann troimh 'n deachaidh 
sinne g' arannsachadh,f.sfearann e a tha 'g 
itheadh suas a luchd-àiteachaidh,. agus an 
sluagh nile a chunna ; c sinn ann, is daoine 
iad do mheudaclid mhòir. 

33 Agus chunnaic sinn na famhairean 
an sin, mic Amiic, a thàinig o na famhair- 
ean : agus bha sinne 'nar seaìladh fèin inar 
fhionuain-feoir, agus bha sinn mar sin 
'nan sealladh-^an. 



CAIB. XIV. 

AGUS thog au corahchruinneach nile 
suas an guth, agus ghlaodh iad ; agus 
ghuil an sluagh air an oidhche sin. 

2 Agus rinn clann Israeil uile gearan an 
aghaidh Mhaois, agus an aghaidh Aaroin ; 
agus thubhairt an eomhchruinneach uile 
riu, Och nach d' f huair sirin bàs ann an tìr 
na h-Eiphit, no nach d'fhuair sinn bàs 
anns au fhàsach so ! 

3 Agus c'ar son a thug an Tighearnasinn 
do 'n f'hearann so, a thuiteam leis a' chlaidh- 
eamh, a chum gu 'in biodh ar mnài agus 
ar clann bheag 'nan cobhartaich ? nach 
b' fhearr dhuinn pilltinn do 'n Eiphit ? 

4 Agus thubhairt iad gach fear r' a chèile, 
Deanamaid dhuinn fèin ceaunard, agus 
pilleamaid do'n Eiphit. 

5 An sin thuit Maois agus Aaron air an 
aghaidh an làthair coimhthionail comh- 
chruinnich chloinn Israeil uile. 

6 Agus reub losua mac Nuin, agus Ca- 
leb mac Iephuneh, a bha dhiubhsan a 
rannsaich am fearann, an eudach. 

7 Agus labhair iad ri cnideachd chloinn 
Israeil uile, ag ràdh, Am fearann a chaidh 
sinn troimhe g' a rannsachadh, is fearann 
ro-mhaith e. 

8 Ma tha tlachd aig an Tighearn annainn, 
an sin bheir esinn a dh' ionnsuidh au fhear- 
ainn so, agus bheir e dhuinn e ; fearann a 
tha sruthadh le mil agus le bainne. 

9 A mhàin na deanaibh ceannairc an 
aghaidh an Tighearn, agus na biodh eagal 
sluaigh an fhearainn oirbh ; oir is aran 
duinn iad : dh' fhalbh an dìon uatha, agus 
tha 'n Tighearna maille ruinne ; na biodh 
eagal oirbh rompa. 

10 Ach dh'iarr an corahchruinneach uile 
an clachadh le clachaibh. Agus dh 'fhoill- 
sicheadh glòir an Tighearn ann am pàilliun- 
a' choimhthionail, an làthair chloinn 1§- 
raeil uile. 

11 Agus thubhairt an Tighearna ri 
Maois, Cia fhad a bhvosnaicheas an sluagh 
so mi? agus cia fhad a bhitheas e mun 
creid iad mi, air son nan comharan uile a 
nochd mi 'nam measg? 

12 Buailidh mi iad leis a' phlàigh, agus 
fògraidh mi iad, agus ni mi thusa a'd' 
chinneach ni 's mò, agus ni's cumhachd- 
aiche na iadsan. 

13 Agus thubhairt Maois ris an Tigli- 
earn, An sin cluinnidh na h-Eiphitich e, 
(oir thug thusa nìos an sluagh so le 
d'chumhachd o bhi 'nam measg,) 

14 Agus innsidfi iad e do luchd-àiteach- 
aidh an ihearainn so : oir chual' iad gu 
bheil thusa, a Thighearn, am measg an 
t-sluaigh so; gu bheil thusa, a Thighearn, 
air t'lhaicinn aghaidli ri h-aghaidh ; agus 
gu bheil do neul a' seasamh os an ceann ; 
agus gu bheil thu ag imeachd rompa, ann 
am meall neoil san là, agus ann am meall 
teine san oidhche. 

15 A nis, ma mharbhas tu an sluagh so 
uile mar aon duiue, an sin labhraidh na 
cinnich a chual' iomradh ort, ag ràdh, 

16 A chionn nach b'urrainn an Tighearn 
an sluagh so thoirt do n fhearann a mhionn- 
aich e dhoibh, uime sin mharbh e iad san 
fhàsach. ' 

17 Agus a nis, guidheam ort, biodh cumh- 



CAIB. XV. 



119 



l nchd rao Thighearna uiòr, a reir mar a 1 
► labhair thu, ag ràdh, 

I 18 Tha 'n Tighearna fad-fhulangach, 
I agus mòr-thròcaireach, a' toirt maitiiean- 
\ ais ann an aingidheachd, agus ann an eus- 
i aontas, agus àir chor sam hith nach saor 
I an ciontach ; a' leantuinn aingidheachd 
R nan aithriche air a' chloinn, air an treas, 
i agus air a' cheathramh ginealach. 
I 19 Maith, guidhearn ort, aingidheachd 
[jan t-sluaigh so, a rèir meud do thròcair, 
; agus a rèir mar a thug thu maitheauas j 
do 'n t-sluagh so o 'n Eiphit gus a nis. 
1 20 Agus tiiubhairt an Tighearna, Mhaith ' 
Imì, a reir t' f hocail : 

I 21 Ach co fhìor 's a ta mi beò, lìonar an [ 
L talamh uile le glòir an Tighearn. 

22 Oir na daoine sin uile a chunnaic mo 
; ghlòir, agus mo chomharan a rinn mi san 
j Èiphit, agusannsan fhàsach, agus a bliuair 
Imi nis na deich uairean so, agus nach 
I' d' èisd ri m' ghuth ; 

[ 23 Gu cinuteach cha 'n fhaic iadsan am | 
i fearann a mhionnaich mi d' an aithrichibh, j 
ni mò a chi neach air bith dhiubhsan a I 
I bhrosnaich mi e : 

I 24 Ach mo sheirbhiseach Caleb, a chionn I 

I gu 'n robh aige-san spiorad eile maille ris, 

jagus gu 'n do leau e mi gu h-iomlan, esan \ 

Jblieir mi do 'n fhearann d' an deachaidh e ; : 

lagus sealbhaichidh a shliochd e. 

I 25 (A nis bha na h-Amalecich, agus na ' 

jCanaanaicli 'nan còmhnuidh sa' ghleann.) 

[ Am màireach pillibh, agus rachaibh do 'n | 

jfhàsach, air slighe na mara ruaidhe. 

| 26 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 

lagus ri h-Aaron, ag ràdh, 

27 Cia /'had a ghiìdaineas mi leis an droch j 
chomhchruinneach so, atha ri gearan a' m' 1 
I aghaidh ? chuala mi gearain chloinn Is- 
1 raeil, leis am bhtil iad ri gearan a' m' agh- 
! aidh. 

I 28 Abair riu, Co fhìor 's a ta mi beò, 
ars' an Tighearna, mar a labhair sibh a' m' I 
èisdeachd, mar sin ni mi ribh. 

I 29 Sau fhàsach so tuitidh bhur colann- 
an : agus a' mheud 's a chaidh àireamh 1 
dhibh, a rèir bhur n-àireimh iomlain, o 
fhichead bliadhna dh' aois agus os a cheann, 
arinn gearan a' m' aghaidh, 

30 Gun amiiarus sam bith cha tig sibh a 
steach do 'n fhearann a mhionnaich mise 
gu 'n tugainn oirbh còmhnuidh a ghabhail 
ann, saor o Chaleb mac Iephuneh, agus 
Iosua mac Nuin. 

31 Ach bhur clann bheag, a thubhairt 
sibh a bhiodh 'nan cohhartaich, iadsan bheir i 
mi steach, agus gabhaidh iad eòlas air an ; 
fhearann air an d'rinn sibhse tàir. 

32 Agus air bhur son-sa dheth, tuitidh 1 
bhur colannan anns an fhàsach so. 

33 Agus bithidh bhur clann air seachar- j 
an san fhàsach dà fhichead bliadhna, agus [ 
giùlainidh iad bhur strìopachais, gus an i 
caithear bhur colannan san f'hàsach. 

34 A rèir àireimh nan làithean anns an j 
do rannsaich sibh am fearann, eadlion dà j 
fhichead là, (gaeh là air son bliadhna) 
giùlainidh sibh bhur n-eu-ceartan, eadhon 
dà fhichead bliadhna, agus bithidh fios ag- 
aibh air mo bhriseadh-geallaidh-sa. 

35~Thubhairt mise an Tighearn e, agus 
gu cinnteach ni mi e do'n chomhchruinn- 



each olc so uile, a chruinnich a'm' agh- 
aidh : anns an fhàsach so claoidhear iad, 
agus an sin gheibh iad bàs. 

36 Agus na daoine a chuir Maois a rann- 
sachadh an fhearainn, a phill, agus a thug 
air a' chomhchruinneach uile gearan a 
dlieanamh 'na aghaidh, le droch sgeul a 
thoirt seachad air an fhearann, 

37 Fhuair eadhon na daoine sin, a thug 
seachad droch sgeul air an fhearann, bàs 
leis a' phlàigh an làthair an Tighearn. 

38 Ach do na daoiuibh sin a chaidh a 
ranusachadh an fhearainn, mhair Iosua 
mac Nuin, agus Caleb mac lephuneh beò. 

39 Agus dh'innis Maois na briathra sin 
do chloiun Israeil uile : agus rinn an 
sluagli caoidh mhòr. 

40 Agus dh' èirich iad gu moch sa' mha- 
duinn, agus cliaidh iad suas gu mullach 
an t-slèibh, ag ràdh, Feuch, tha sinue an 
so, agus thèid sinn suas do'n àit a gheall 
an lighearn : oir pheacaich sinn. 

41 Agus thubhairt Maois, C'ar son a nis 
a tha sibh a' briseadh àithne an Tighearn ? 
ach cha soirbhich an ni so leibh. 

42 Na rachaibh suas, oir cha 'n 'eil an 
Tighearna 'nur measg ; a chum as nach 
buailear sibh an làthair bhur naimhde. 

43 Oir tha na h-Amalecich agus na Ca- 
naanaich an sin roimhibh, agus tuitidh 
sibh leis a' chlaidheamh : a chionn gu'n do 
chlaon sibh o'n Tigheam, uime sin cha blii 
'n Tighearna maille ribh. 

44 Ach ghabh iad do dhànadas orra dol 
suas gu mullach an t-slèibh : gidheadh cha 
deachaidh àirc coimhcheangail an Tigh- 
earna, no Maois, a mach as a' champ. 

45 An sin thàinig na h-Amalecich a 
nuas, agus na Canaanaich, a bha 'nan 
cònihnuidh san t-sliabh sin, agus bhuail 
siad iad, agus chuir iad an ruaig orra, 
eadhon gu Hormah. 

CAIB. XV. 

AGUS labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

2 Labhair ri cloinn Israeil, agus abair 
riu, 'Nuair a thig sibh a chum fearaiun 
bhur n-àiteacha-còmhnuidh, a tha mise a' 
tabhairt dhuibh. 

3 Agus a bheir sibh suas tabhartas le 
teine do'n Tighearna, tabhartas-loisgte no 
ìobairt, gu boid a choimhlionadh, no mar 
thabhartas saor-tboile, no 'nur n-àrd fhèill- 
ibh, a dheanamh fàile chùbhraidh do'n 
Tighearna, do'n sprèidh no do'n treud. 

4 An siu bheir esan a bheir seachad a 
thabhartas do'u Tighearna, seachad tabh- 
artas-bìdh do'n deicheamh cuid do phlùr, 
measgta maille ris a' clieathramh cuid do 
hin olaidh. 

5 Agusbheirthu seachad an ceathramh 
cuid do hin fìona mar thabhartas-dibhe, 
maiile ris an tabhartas-loisgte no 'n ìobairt, 
air son aon uain. 

6 No air sou reithe, hheir thu seachad 
mar Ihabhartas-bìdh, dà dheicheamh cuid 
do plilùr, measgta leis an treas cuid do hin 
olaidh. 

7 Agus a chum tabhartais-dibhe, bheir 
thu seachad an treas cuid do hin tìona, 
chum fàile chùbhraidh do'u Tighearn. 

8 Agus an uair a bheirthu seachadtarbh 



li 



120 



AIREAMH. 



òg mar ìobairt-loisgte, no mar ìobairt gu 
boid a choimhlionadh, no mar ìobairt-shìth 
do 'n Tighearn, 

9 An sin bheirear maille ris an tarbh òg, 
tabhartas-bìdh do thri deich codaichibh do 
phlùr, measgta le leth hin olaidh. 

10 Agus bheir thu seachad a chum tabh- 
artais-dibhe leth hin fìona, chum tabhart- 
ais a bheirear suas le teine, dh' fhàile eùbh- 
raidh do 'n Tighearn. 

11 Mar so nìthear air son aon tairbh, no 
air son aon reithe, no air son uain, no 
minn. 

12 A rèir an àireimh a bheir sibh seach- 
ad, mar sin ni sibh do gach aon, a rèir an 
àireimh. 

13 Gach neach a rugadh san dùthaich, 
ni e na nithe sin air a' mhodh so, ann an 
tabhartas a thoirt seachad a bheirear suas 
le teine, dh' fhàile cùbhraidh do 'n Tigh- 
earn. 

14 Agus ma bhios coigreach air chuairt 
maille ribh, no cò air bith e bhios 'nur 
measg 'nur ginealachaibh, agus gu 'n toir e 
seacliad tabhartas a bheirear suas le teine, 
dh' fhàile cùbhraidh do 'n Tighearna; mar 
a ni sibhse, mar sin ni esan. 

15 Bithidh aon reachd dhuibhse a ta do 'n 
chomhchruinneach, agus mar an ceudna 
do'n choigreach a ta air chuairt maille ribh, 
reachd sìorruidh 'nur ginealachaibh : mar 
a ta sibhse, mar sin bithidh an coigreach 
an làthair an Tighearn. 

16 Aon lagh, agus aon mhodh, bithidh 
agaibhse, agus aig a' choigreaeh a ta air 
chuairt inaille ribh. 

17 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

18 Labhair ri cloinn Israeil, agus abair 
riu, 'Nuair a thèid sibh a steach do 'n fhear- 
ann d' am bheil mise 'gur tabhairt, 

19 An sin tarlaidh, 'nuair a dh' itheas 
sibh a dh' aran an fhearainn, gu 'n toir sibh 
suas tabhartas-togta do 'n Tigliearn. 

20 Bheir sibh suas breacag do 'n cheud 
chuid d' 'ur taois, mar thabhartas-togta ; 
mar a thogas sibh tabhartas-togta an ur- 
lair-bhualaidh, mar sin togaidh sibh i. 

21 Do 'n cheud chuid d' 'ur taois bheir 
sibh do 'n Tighearna tabhartas-togta, 'nur 
ginealachaibh. 

22 Agus ma rinn sibh mearachd, agus 
nach do ghlèidh sibh na h-àitheanta sin 
uile a labhair an Tighearna ri Maois, 

23 Eadìion gach ni a dh' àithn an Tigh- 
earna dhuibh le làimh Mhaois, o 'n là sin 
anns an d' thug an Tighearn àithne do 
Mhaois, aguso sin suas air feadh bhur gin- 
ealacha ; 

24 An sin tarlaidh, ma rinneadh ni sam 
bith ann an aineolas, gun fhios do 'n 
chomhchruinneach, gu 'n toir an comh- 
chruinneach uile seachad aon tarbh òg a 
chum ìobairt-loisgte, chum fàile chùbh- 
raidh do'n Tighearna, maille r' athabhart- 
as-bìdh, agus a thabhartas-dibhe, a rèir a' 
ghnàtha, agus aon mlieann do na gabhraibh 
chum ìobairt-pheacaidh. 

25 Agus ni an sagart rèite air son comh- 
chruinnich chloinn Israeiluile, agus maith- 
ear dhoibh e, oir is aineolas a t' ann : agus 
bheir iad leo an tabhartas, ìobairt a bheir- 
ear suas le teine do 'n Tighearn, agus an 



ìobairt-pheacaidh an làthair an Tighearn, 
air son an aineolais. 

26 Agus maithear e do chomhchruinn- 
each chloinn Israeil uile, agus do 'n choig- 
reach a ta air chuairt 'nam measg; 3o 
bhrìgh gu 'n robh an sluagh uile ann au ain- 
eolas. 

27 Agus ma pheacaicheas anam sam hith 
trìd aineolais, an sin bheir e leis gabhar 
do 'n cheud bhliadhna chum ìobairt-pheac- 
aidh. 

28 Agus ni an sagart rèite air son an an- 
ama a pheacaicheas gu h-aineolach, an 
uair a pheacaicheas e le h-aineolas an làth- 
air an Tighearn, a dheanamh rèite air a 
shon ; agus maithear dha e. 

29 Bithidh aon lagh agaibh air a shonsan 
a pheacaicheas trìd aineolais, araon air a 
shonsan arugadh am measgchloinn Israeil, 
agus air son a' choigrich a ta air chuairt 
'nam measg. 

30 Ach an t-anam a ni bheag gu h-ann- 
dàna, (co dhiubh a rugadh e san tìr, no 's 
coigreach e) tha esan a' toirt easurraim 
do 'u Tighearn ; agusgearrar an t-anam sin 
as o mheasg a shluaigh. 

31 Do bhrìgh gu 'n d' rinn e tàir air focal 
an Tighearn, agus gu 'n do bhris e 'àithne, 
gearrar an t-anam sin as gu tur : bithidh 
aingidheachd air fèin. 

32 Agus an uair a bha clann Israeil san 
fhàsach, fhuair iad duine a' tional mhaid- 
ean air là na sàbaid. 

33 Agus thug iadsan a fhuair e a' tional 
mhaidean a dh'ionnsuidh Mhaois e, agus a 
dh' ionnsuidh Aaroin, agus a dh' ionnsuidh 
a' chomhchruinnich uile. 

34 Agus chuir iad an làimh e, a ehìonn 
nach d' innseadh ciod bu chòir a dheanamh 
ris. 

35 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, 
Cuirear an duine gu cinnteach gu bàs; 
clachaidh an comhchruinneach uile e le 
clachaibh an taobh a muigh do 'n champ. 

36 Agus thug an comhchruinneach uile 
mach as a' champ e, agus chlach iad e le 
clachaibh, agus fhuair e bàs ; mar a dh'- 
àithn an Tighearna do Mhaois. 

37 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

38 Labhair ri cloinn Israeil, agus abair 
riu, iad a dheanamh fàbhra dhoibh fèin 
air iomallaibh an eudaich air feadh an gin- 
ealach, agus iad a chur air fàbhra nan iom- 
all iall do ghorm. 

39 Agus bithidh e dhuibh mar fhàbhra, 
agus amhaircidh sibh air, a chum gu 'n 
cuimhnich sibh uile àitheantan an Tigh- 
earn, agus gu 'n dean sibh iad ; agus nach 
iarr sibh an dèigh bhur cridhe agus hhur 
sùl fèin, nithe a 's àbhaist duibh dol 'nan 
dèigh le h-anamiann : 

40 A chum gu 'n cuimhnich, agus gu 'n 
dean sibh m' àitheantan uile, agus gu m bi 
sibh naomha d' 'ur Dia. 

41 Js mise an Tighearna bhur Dia, a 
thug a mach sibh à tìr na Eiphit, gu bhi 
a' m' Dhia dhuibh : Is mise an Tighearaa 
bhur Dia. 

CAIB. XVI. 

AGUS ghabh Corah mac Idsair, mhic 
Chohait, mhic Lebhi, agus Datan ag- 



CAIB. XVI. 



121 



. us Abiram mic Eliaib, agus On niac Phe- 

i leit, mic Reubein, daoine : 

2 Agus dh'èìrich iad suas an làthair 

[,| Mhaois, maille ri daoin' àraidh do chloinn 

i\ Israeil, dà cheud agus leth-cheud ceannard 
do'n choimhthionàl, inbheach sa' chomh- 
chruinneach, daoine iomraideach. 

I 3 Agus chruinnich siad iad fèin an ceann 
Fa chèile an aghaidh Maois agus an ash- 
L aidh Aaroin, agus thubhairt iad riu, Tlia 

•sibh a gabhait tuilie 's a chòir oirbh fèin, 
\ do bhrìgh gu bheil an comhchruinneach 
F'uile naomha gach aon diubh, agus tha 'n 
l'Tighearna 'nam measg : c' ar son uime sin 
b!a tha sibh 'gur togail fèin suas os ceann 
: comhchruinuich an Tighearn ? 
[f 4 Agus an uair a chuala Maois e, thuit 
lle air 'aghaidh : 

I I 5 Agus labhair e ri Corah, agus r'a chuid- 
lleachd uile, ag ràdh, Eadhon am màireach 
Iriochdaidh an Tighearna cò iad a's leis, ag- 
lus cò a ta naomh, agus bheir e air teachd 
lara fagus da: bheir e eadhon air-san a 
Ijròghnaich e, teachd am fagus da. 

I 6 Deauaihhse so ; gabliaibh dhuibh fèin 
Itùiseirean, Corah, agus a chuideachd uile; 
I 7 Agus cuiribh teine annta, agus cuiribh 
Itùis orra an làthair an Tighearn air an là 
Imàireach ; agus an duine sin a ròghnaich- 
leas an Tighearna, bithidh esan naomh. 
I Tha sibh a' gabhail tuille 's a chòir oirbli 
Ifèin, sibhse a mhaca Lebhi. 
I 8 Agus thubhairt Maois ri Corah, Eisd- 
■ibh, guidheain oirbh, sibhse a mhaca 
ILebhi': 

I 9 An ni beag e 'nur barail-sa. gu 'n do 
Ibgar Dia Israeil sibh o chomhchruinneach 
Ilsraeil, gu'r toirt am fagus dafèin.a dhean- 
Ijamh seirbhis pàilliuin an Tighearn, agus a 
Isheasamh am fianuis a' chomhchruinnich, 

I I fhrithealadh dhoibh ? 

1 10 Agus thng e thus' am fagus da fèin, 
lagus do bhràithrean uile mic Lebhi maille 
llriut; agus am bheil sibh ag iarraidh na 
llsagartachd mar an ceudna? 
I 11 Air an aobhar sin tha thusa, agus do 
llchuideachd uil?, air bhur cruinneachadh 

I an ceann a chèile an aghaidh an Tighearn : 
Itagus a thaobh Aaroin, ciod e, gu bheil sibh 

I I ri gearan 'na aghaidh-san ? 

K 12 Agus chuir Maois teachdairean uaìth 
Ija ghairm Dhatain agus Abiraim mhac Eli- 
liaib, a thubhairt, Cha tèid sinn suas. 

I 13 An ni beag e gu'n d' thug thu nìos 
lisinn à talamh a tha sruthadh le bainne ag- 
pjus le mil, gu r marbhadh sasi fliàsach, mur 
Ljdean thu thu fèin gu h-iomlan a' d' uach- 

I I daran os ar ceann ? 

\\ 14 A thuilleadh air so, cha d' thug thu 
wjsinn gu fearann a ta sruthadh le mil agus le 
i (bainne, ni mò thug thu dhuinn oighreachd 
b rahacharach agus fhìon-Hosan : an cuir thu 
fjmach sùilean nan daoine sin? cha tèid 
sinne suas. 

I 15 Agus bha Maois ro-dhiomac.h, agus 
flthubhairt e ris an Tighearna, Na biodh 
| |meas agad d' an tabhartas; cha do ghabh 
ijmise aon asal uatha, ni mò a rinn mi cron 

air a h-aon diubh. 
Ij 16 Agus thubhairt Maois ri Corah, Bi 
I i thusa agus do chuideachd uile an làthair an 
» iTighearn, thusa, agus iadsan, agus Aaron 
t ì am màireach ; 



17 Agus gabhaibh gach duine a thùiseir, 
agus cuiribh tùis annta, agus thugaibh an 
làthair an Tighearna gach duine a thùiseir, 
dà cheud agus leth-cheud tùiseir ; thusa 
mar an ceudna, agus Aaron, gach aon dhibh 
a thùiseir. 

18 Agus ghabh gach duine dhiubh a 
thùiseir, agus chuir iad teine annta, agus 
chuir iad tùis orra, agus sheas iad ann an 
dorus pàilliuin a' choimhthionail maiDe ri 
Maois agus ri h-Aaron. 

19 Agus chruinnich Corah an comh- 
chruinneach uile 'nan aghaidh gu dorus 
pàilliuin a' ehoimhthionail : agusthaisbein- 
eadh glòir an Tighearna do'n chomh- 
chruinneach uile. 

20 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
agns ri h-Aaron, ag ràdh, 

21 Sgaraibh sibh fèin o mheasg a' chomh- 
chruinnich so, agus sgriosaidh mi iad mar 
ann am priobadh na sùla. 

22 Agus thuit iad air an aghaidh, agus 
thubhairt iad, O Dhè, a Dhè spiorad gach 
uile fheòla, am peacaich aon duine, agus 
am bi fearg agad ris a' chomhchruinneach 
uile? 

23 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

24 Labhair ris a' chomhchruinneach, ag 
ràdh, Rachaibh suas o thimchioll pàilliuin 
Chorah, Dhatain, agus Abiraim. 

25 Agus dh' èirich Maois suas, agus 
chaidh e dh' ionnsuidh Dhatain agus Abi- 
raim ; agus lean seanairean Israeil e. 

26 Agus labhair e ris a' chomhchruinn- 
each, ag ràdh, Sgaraibh sibh fèin, guidheam 
oirbh, o bhùthaibh nan daoine aingidh ud, 
agus na beanaibh ri ni sam bith a 's leo, air 
eagal gu'n sgriosar sibh 'nam peacannaibh 
uile. 

27 Mar sin chaidh iad suas o phàilliun 
Chorah, Dliatain, agus Abiraim, air gach 
taobh : agus thàinig Datan agus Abiram 
a mach, agus sheas iad ann an dorus am 
bùthan, agus am mnài, agus am mic, agus 
an clann bheag. 

28 Agus thùbhairt Maois, Le so bithidh 
fios agaibh gu'n do chuir an Tighearna 
mise a dheanamh nan oibre sin uile ; oir 
cha rZ' rinn mi iad as mo cheann fèin. 

29 Ma gheibh na daoine sin bàs mar na 
h-uile dliaoin' eile, no ma dh'fhiosraiehear 
iad a rèir fiosrachaidh nan uile dhaoine, an 
sin cha do chuir an Tighearna mise uaith : 

30 Ach ma ni an Tighearna gnìomh 
nuadh, agus gu 'm fosgail an talamh a 
bheul, agus gu'n sluig e suas iad maille ris 
gach ni a's leo, agus gu'n tèid iad sìos beò 
do'n t-slochd; an sin tuigidh sibh gu'n do 
bhrosnaich na daoine sin an Tighearn. 

31 Agus tharladh, an uair a sguir e do 
labhairt nam briathra sin uile, gu'n do 
sgoilt an talamh a bha fodhpa o cheile : 

32 Agus dh' fhosgail an talamh a bheul, 
agus shluig e suas iad, agus antighean, ag- 
us na daoin' uile a bhuin do Chorah, agus 
am maoin uile. 

33 Chaidh iad fèin, agus gach ni a bhuin 
doibh, beò sìos do'n t-slochd, agus dhrujd 
an talamh orra : agus chaidh as doibh o 
mheasg a' chomhchruinnich. 

34 Agus theich Israel uiie a bha mu'n 
timchioll, r'an glaodh; oir thubhairt iad 

L 2 



122 



ATREAMH. 



Air eagal gu'n sluig an talamh sìnne suas 
mar an ceudna. 

35 Agus thàinig teine a raach o'n Tigh- 
earn, agus loisg e 'n dà cheud agus an leth- 
cheud fear a thug seachad tùis. 

36" Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

37 Labhairri h-Eleasar rnac Aaroin an 
sagart, e thogail suas nan tùiseirean à 
meadhon an losgaidh, agus sgap thusa an 
teine an sud ; oir tha iad coisrigte. 

38 Tùiseirean nam peacach ud an aghaidh 
an anama fèin ; agus deanadh iad dhiubh 
leacan leathan mar chòmhdach do'n altair : 
oir thug iad seachad iad an làthair an Tigh- 
earn, air an aobhar sin tha iad coisrigte ; 
agus bithidh iad 'nan comharadh do chloinn 
Israeil. 

39 Agus ghabh Eleasar an sagart na 
tùiseirean umha, leis an d' thug iadsan a 
chaidh losgadh seachad tabhartas ; agus 
rinneadh iad 'nan leacaibh leathan mar 
chòmhdach do'n altair, 

40 Gu bhi 'nan cuimhneachan dochloinn 
Israeil, air chor as nach tig coigreach, nach 
'eil do shliochd Aaroin, am fagus a losgadh 
tùise an làthair an Tighearna; chum as 
nach bi e mar Chorah, agus mar a chuid- 
eachd: mar a thubhairt an Tighearna ris 
le làimh Mhaois. 

41 Ach air an là màireach, rinn comh- 
chruinneach chloinn Israeil uile gearan an 
aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin, ag 
ràdh, Mharbh sibh sluagh an Tighearna. 

42 Agus tharladh, an uair a chruinnich- 
eadh an comhchruinneach an aghaidh 
Mhaois agus an aghaidh Aaroin, gu'n do 
sheall iad air pàilliun a' choimhthionail : 
agus, feuch, chomhdaich an neul e, agus 
dh'fhoillsicheadh glòir an Tighearn. 

43 Agus thàinig Maois agus Aaron gu 
beulaobh pàilliuin a' choimhthionail. 

44 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

45 Rachaibh suas o mheasg a' chomh- 
chruinnich so, agus sgriosaidh mi iad mar 
ann am priobadh na sùla : agus thuit iad 
air an eudannaibh. 

46 Agus thubhairt Maois ri h-Aaron, 
Glac tùiseir, agus cuir teine ann bhàrr na 
h-altarach, agus cuir tùis air, agus imich 
gu grad a dh' ionnsuidh a' chomhchruinn- 
ich, agus dean rèite air an son ; oir chaidh 
fearg a mach o'n Tighearn : thòisich a' 
phlàigh. 

47 Agus ghlac Aaron e, mar a dh' àithn 
Maois, agus ruith e gu meadhon a' chomh- 
chruinnich ; agus, feuch, bha phlàigh air 
tòiseachadh am measg an t-sluaigh : agus 
chuir e tùis air, agus rinn e rèite air son an 
t-sluaigh. 

48 Agus sheas e eadar na mairbh agus 
na beotha, agus ehoisgeadh a* phlàigh. 

49 Agus bhàsaich sa' phlàigh ceithir mìle 
deug agus seachd ceud, a thuilleadh orra- 
san a bhàsaich an aobhar Chorah. 

50 Agus phill Aaron a dh' ionnsuidh 
Mhaois, gu dorus pàilliuin a' choimhthion- 
ail : agus choisgeadh a' phlàigh. 




I/AID. A V 11. 

GUS labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 



2 Labhair ri cloinn Israeil, agos gabh 
slat o gach aon aca, a rèir tighe an aith- 
riche, o'n ceannardaibh uile, a rèir tighe 
an aithriche, dà shlait deug : sgrìobh ainm 
gach duine air a shlait fèin. 

3 Agus sgrìobhaidh tu ainm Aaroin air 
slait Lebhi : oir bithidh aon slat air son 
cinn tighe an aithriche. 

4 Agus cuiridh tu suas iad ann am pàill- 
iun a' choimhthionail, an làthair na Fian- 
uis, far an coinnich mise thu. 

5 Agus tarlaidh, gu'n tig slat an duine a 
thaghas mise fo bhlàth ; agus bheir mi air 
gearain chloinn Israeil sgur uam, leis am 
bheil iad ri gearan 'nur n-aghaidh-sa. 

6 Agus labhair Maois ri cloinn Israeil, 
agus thug gach aon d'an ceannardaibh dha 
slat am fear, aon air son gach ceannaird, a 
rèir tighe an aithriche, eadhon dà shlait 
deug : agus bha slat Aaroin am measg an 
slat. 

7 Agus chuir Maois suas na slatan an 
làthair an Tighearn, ann am pàilliun na 
Fianuis. 

8 Agus air an là màireach chaidh Maois 
a steach do phàilliun na Fianuis; agus, 
feuch, bha slat Aaroin, air son tighe Lebhi, 
air briseadh a mach, agus air cur maoth 
dhuille aisde, agus air teachd fo bhlàth, ag- 
us air giùlan almona. 

9 Agus thug Maois a mach na slatan uile 
o làthair an Tighearna gu cloinn Israeil 
uile ; agus dh' amhairc iad orra, agus ghabh 
gach duine a shlat fèin. 

10 Agusthubhairtan Tighearnari Maois, 
Thoir slat Aaroin a rìs an làthair na Fian- 
uis, gu blii air a gleidheadh mar chomhar- 
adh an aghaidh nan ceannairceach ; agus 
bheir thu air falbh gu tur an gearain uam- 
sa, chum nach bàsaich iad. 

11 Agus rinn Maois mar sin: mar a 
dh' àithn an Tighearna dha, mar sin 
rinn e. 

12 Agus labhair clann Israeil ri Maois, 
ag ràdh, Feuch, tha sinn a' bàsachadh, 
thèid as duinn, thèid as duinn uile. 

13 Ge b'e air bith a thig am fagus do 
phàilliun an Tighearna, gheibh e bàs ; au 
claoidhear sinn le bàsachadh ? 

CAIB. XVIII. 

AGUS thubhairt an Tighearna ri h- Aa- 
ron, Giùlainidh tusa agus do mhic, 
agus tigh t' athar maille riut, eu-ceart an 
ionaid naoimh ; agus giùlainidh tusa agus < 
do mhic maille riut eu- ceart bhur sagart- \ 
achd. 

2 Agus do bhràithre mar an ceudna do 
thrèibh Lebhi, trèibh t'athar, bheir thu leat 
maille riut, chum gu'n ceanglar riut iad, I 
agus gu'm fritheil iad dhuit : ach fritheil- i 
idh tusa agus do mhic maille riut air beul- | 
aobh pàilliuin na Fianuis. 

3 Agus gleidhidh iad do chùram-sa, agus i 
cùram a' phàilliuin uile : a mhàin cha tig 
iad am fagus do shoithichibh an ionaid 
naoimh agus do'n altair, a chum nach faigh 
aon chuid iadsan no sibhse bàs. 

4 Agus ceanglar riut iad, agus gleidhidh j 
iad cùram pàiiliuin a' choimhthionail, air i 
son uile sheirbhis a' phàilliuin : agus cha 
tig coigreach am fagus duibh. 

5 Agus gleidhidh sibh cùram an ionaid 



CAIB. XIX. 



123 



uaoimh, agus eùram na li-altarach ; a 
r.chum aachoi fearg ni's mò air cloinn Is- 
L raeil. 

r 6 Agus mise, feuch, thug mi bhur bràith- 
( re na Lebhithich o mheasg chloinn Israeil : 
hdhuibb.se thugadh iad mar thabhartas do'n 
Tighearn, a dheauamh seirbhis pàilliuin a' 
choimhthionail. 
li 7 Uime sin gleidhidh tusa, agus do mhic 
Jmaille riut, bhur sagartachd anns gach ni a 
■ bhuineas do'n altair, agus an taobh a stigh 
jdo'n roinn-bhrat, agus ni sibh seirbhis : 
. thug mi dhuibh bhur sagartachd, mar 
piiheirbhis tabhartais ; agus cuirear an coig- 
Ireach a thig am fagus gu bàs. 
[ 8 Agus labhair au Tighearna ri h-Aa- 
Lron, Feuch, thug mi dhuit mar an ceudna 
I cùram mo thabhartasan-togta, do uile 
[inithibh coisrigte chloinn Israeil ; dhuitse 
lithug mi iad, air son an ungaidh, agus do d' 
Imhic le reachd sìorruidh. 
i 9 Bithidh so leatsa do na nithibh ro- 
Inaomha, a ghleidheadh o'n teine : gach 
ttabhartas leo-san, gach tabhartas-bìdh leo, 
iagus gach ìobairt-pheacaidh leo, agus gach 
Iiòbaii t-eusaontais leo, a bheir iad dliomhsa. 
Ibithidh e ro-naomha dhuitse, agus do d' 
imhic. 

1 10 San ionad ro-naomh ithidh tu e, ithidh 
Igachfirionnach e : bithidh e naomh dhuitse. 
I 11 Agus is leat so; tahhartas-togta an 
Itabhartais, maille ri uile thabhartasan- 
lluaisgte cliloinn Israeil : thug mi dhuitse 
liad, agus do d' mhic, agus do d' nighean- 
laibh maille riut, le reaclid sìorruidh : gach 
lueach a tha glan a'd' thigh, ithidn e 
Idheth. 

I 12 A' chuid a's fearr uile do'n oladh, ag- 
lus a' chuid a's fearr uile do'n fhìon, agus 
Ido'n chruithneachd, an ceud thoradh leo- 
Isan a bheir iad seachad do'n Tighearn, iad 
I; sin thug mi dhuit. 

I 13 Gach ni a's luaithe bhios abuich 'nam 
Ifearann, a bheir iad chum an Tighearna, 
I: bithidh e leatsa; gach aon a ta glan a'd' 
Ithigh, ithidh e dheth. 
I 14 Gach ni a choisrigear ann an Israel, 
Ibithidh e leatsa. 

I 15 Gach ni a dh' fhosglas a' bhrù do gach 
Ifeoil, a bheir iad a dh' ionnsuidh an Tigh- 
I earna, ma's ann do dhuine, no dh ainmh- 
|:idh, bithidli e leatsa : gidheadh gu cinnt- 
leach fuasglaidh tu ceud-ghin duine, agus 
Iceud-ghin an ainmhidh neòghloin fuasg- 
Ilaidh tu. 

I 16 Agus iadsan a dh' fhuasglar, o mhìos 
[ ì a dh'aois fuasglaidh tu iad a rèir do mheas, 
lj air son airgid chùig seceilean, a rèir seceil 
|l an ionaid naoiinh : is e 'n secel fichead 
Ij gerah. 

\\ 17 Ach ceud-ghin boin, no ceud-ghin caor- 
Lach, no ceud-ghin gaibhre, cha'n fhuasg- 
|i ail thu ; tha iad naomha : crathaidh tu am 

II fuil air an altair, agus loisgidh tu 'n saill 
\\mar thabhartas a bheirear suas le teine, 

chum fàile chùbhraidh do'n Tighearn. 
n 18 Agus bithidh am feoil leatsa, mar a 
| bhitheas an t-uchd luaisgte agus an slinn- 
1] ean deas leat. 

I 19 Uile thabhartasan-togta nan nithe 
Ij naomha, a bheir clann Israeil seachad do'n 
I ; Tighearna, thug mi dhuitse, agus do d' 

I I mhic, agus do u' nigheanaibh maille riut, 



le reachd sìorruidh : is coimhcheangal 
salainn e gu bràth an làthair an Tigh- 
earna, dhuitse agus do d' shliochd maille 
riut. 

20 Agus labhair an Tighearnari h-Aaron, 
'Nam fearann cha bhi oighreachd agad, ni 
mò bhios roinn agad 'nam measg : zs mise 
do roinn-sa agus t' oighreachd am measg 
chloinn Israeil. 

21 Agus, feuch, do chloinn Lebhi thug 
mi an deachamh uile ann an Israeil mar 
oighreachd, air son an seirbhis a ni iad, 
eadhon seirbhis pàilliuin a' choimhthion- 
ail. 

22 Agus cha 'n fheud clann Israeil o so 
suas teachd am fagus do phàilliun a' 
choimhthionail, air eagal gu'n giùlain iad 
peacadh, agus gu'm faigh iad bàs. 

23 Ach ni na Lebhithich seirbhis pàill - 
iuin a' choimhthionail, agus giùlainidh iad 
an cionta : bithidh e 'na reachd sìorruidh 
air feadh bhur ginealacha, nach bi oigh- 
reachd sam bith aca am measg chloinn Is- 
raeil. 

24 Ach deachamh chloinn Israeil a bheir 
iad sheachd mar thabhartas-togta do'n 
Tighearna, thug mi do na Lebhithich mar 
oighreachd : uime sin thubhairt mi riu, 
Am measg chloinn Israeil cha bhi oigh- 
reachd aca. 

25 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

26 Mar so labhair ris na Lebhithich, agus 
abair riu 'Nuair a thogas sibh o chloinn 
Israeil an deachamh a thug mise dhuibh 
uatha mar bhur n-oighreachd, an sin bheir 
sibh suas tabhartas-togta dheth do n Tigh- 
earn, eadhon an deicheamh cuid do'n 
deachamh. 

27 Agus measar an tabhartas-togta so 
dhuibh, mar gum b'e arbhar an urlair- 
bhualaidh, agus mar làine amar-bruthaidh 
an f hìona. 

28 Mar so mar an ceudna bheir sibh seach- 
ad tabhartas-togta do'n Tighearna, d' 'ur 
n-uile dheachamh a thogas sibh o chloinn 
Israeil ; agus bheir sibh dheth tabhartas- 
togta an Tighearna do Aaron an sagart. 

29 As bhur n-uile thiodhlacaibh, bheir 
sibh seachad uile thabhartas-togta an Tigh- 
earna do'n chuid a's fearr dheth uile, eadh- 
on a' chuid sin deth a tha coisrigte. 

30 Uime sin their thu riu, 'Nuair a thog- 
as sibh suas uaith a' chuid a's fearr dheth, 
an sin measar e do na Lebhithich mar thor- 
adh an urlair-bhualaidh, agus mar thoradh 
amar-bruthaidh an fhìona. 

31 Agus ithidh sibh e anns gach àite, 
sibh fèin agus bhur teaghlaichean : oir is e 
bhur duais air son bhur seirbhis ann am 
pàilliun a' choimhthionail. 

32 Agus cha ghiùlain sibh peacadh sam 
bith air a shon, an uair a thogas sibh suas 
as a' chuid a's fearr dheth: ni mò a 
thruailleas sibh nithe naomha chloinn Is- 
raeil, air eagal gu'm faigh sibh bàs. 

CAIB. XIX. 

AGUS labhair an Tighearna ri Maois, 
agus ri h-Aaron, ag ràdh, 
2 Is e so ordugh an lagha a dh'àithn an 
Tighearn, ag ràdh, Labhair ri cloinn Is- 
raeil, iad a thoirt a d' ionnsuidh agh ruadh 



124 



AIREAMH. 



gun ghaoid, air nach 'eil smal, agus nach 
robh riamh fuidh chuing. 

3 Agus bheir sibh i dh' ionnsuidh Elea- 
sair an t-sagairt ; agus bheirear i an taobh 
a muigh do'n champ, agus marbhar i 'na 
fhianuis. 

4 Agus gabhaidh Eleasar an sagart cuid 
d'a fuil le 'mheur, agus erathaidh e cuid 
d'a fuil dìreach fa chomhair pàilliuin a' 
choimhthionail seachd uairean. 

5 Agus loisgidh neach an t-agh 'na 
shealladh ; a seice, agus a feoil, agus a fuil, 
maille r'a h-aolach, loisgidh e. 

6 Agus gabhaidh an sagart fiodh seudair, 
agus hìosop, agus scarlaid, agus tilgidh e 
sin am meadhon losgaidh an aighe. 

7 An sin nighidli an sagart eudach, ag- 
us ionnlaididh e 'fheoil ann an uisge, agus 
an dèigh sin thige steach do'n champ, agus 
bithidh an sagart neòghlan gu feasgar. 

8 Agus nigliidli esan a Toisg i 'eudach 
ann an uisge, agus ionnlaididh e 'fheoil 
ann an uisge, agus bithidh e neòghlan gu 
feasgar. 

9 Agus cruinnichidh duine a ta glan 
luath an aighe, agus taisgidh e i 'n taobh a 
muigh do'n charnp ann an àite glan ; agus 
gleidheari air son comhchruinnich cliloinn 
Israeil, mar uisge dealachaidh : is glanadh 
air son peacaidh i. 

10 Agus nighidh esan a thionaileas luath 
an aighe 'eudach, agus bithidh o neòghian 
gu feasgar : agus hithidh e do chloinn is- 
raeil, ai, r us do'n choigreach a th'air chuairt 
'nam measg, 'na reachd sìorruidh. 

11 Esan a bheanas ri corp duine mhairbh 
sam bith, bithidh e neòghlan seachd làith- 
ean. 

12 Glanaidh se e fèin leis air an treas là, 
agus air an t-seachdamh là bithidh e glan : 
ach mur glan se e fèin air an treas là, an 
sin air an t-seachdamh là cha bhi e glan. 

13 Ge b'e neach a bheanas ri corp duine 
sam hith a ta marbh, agus nach glan e fèin, 
tha e a' truailleadh pàillinin an Tighearn ; 
agus gearrar an t-anam sin as o lsrael : a 
chionn nach do chrathadh an t-uisge deal- 
achaidh air, bithidh e neòghlau ; tha a neò- 
ghloine fathast air. 

14 Is e so an lagh, an uair a bhàsaicheas 
duine ann am bùth : Gach neach a thig a 
stigh do'n bhùth, agus gach neach a tha sa' 
bhùth, bithidh iad neòghlan seachd làith- 
ean. 

15 Agus gach soitheach fosgailte aig 
nach 'eil còmhdach ceangailte air, tha e 
neòghlan. 

16 Agus ge b'e bheanas ri neach a 
mharbhadh le claidheamh sa' mhachair, no 
ri corp marbh, no ri cnàimh duine, no ri h- 
uaigh, bithidh e neòglilan seachd làithean. 

17 Agus air son &nduine neòghloin gabh- 
aidh iad do luaith an aighe, a loisgeadh air 
son glanaidh peacaidh, agus cuiridh iad 
uisge ruith oirre ann an soitheach. 

18 Agus gabhaidh duine glan hìosop, ag- 
us tumaidh e san uisge e, agus cratliaidh e 
air a' bhùth e, agus air na soithichibh uile, 
agus air a' mhuinntir a bha 'n sin, agus air- 
san a bhean ri cnàimh, no ri neach a 
mharbhadh, no ri aon marbh, no ri 
h-uaigh : . 

19 Agus crathaidh an duine glan air an 



neòghlan air an treas là, agus air an 
t-seachdamh là ; agus glanaidh se e fèin 
air an t-seachdamh là, agus nighidh e 'eud- 
ach, agus ionulaididh se e fèin ann an 
uisge, agus bithidh e glan air feasgar. 

20 Ach an duine a nhios neòghlan, ague 
nach glan e fèin, gearrar an t-anara sin as 
o mheasg a' chomlichruinnich, a chionn 
gu'n do thruaill e ionad naomh an Tigh- 
earn : cha do chrathadh uisge dealachaidh 
air ; tha e neòghlan. 

21 Agus bithidh e 'na reachd sìorruidb 
dhoibh, gu'n niurh esan a chrathas an t- 
uisge dealachaidh 'eudach, agus bithidh 
esan a blieanas ris an uisge dealaehaidk 
neòghlan gu feasgar. 

22 Agus ge b'e ni ris am bean an duine 
neòghlan, bithidh e neòghlan : agus an 
t-anam a bheanas ris, bithidh e neòghlan 
gu feasgar. 

CAIB. XX. 

AN sin thàinig clann Israeil, eadhon an 
comhchruinneach uile, gu fàsach Shin. 
anns a' cheud mhìos : agus dh' fhan an 
sluagh ann an Cades ; agus fhuair Miriana 
bàs an sin, agus dh' adhlaiceadh an sin i. 

2 Agus cha robh uisge ann do'n choimh- 
thional : asrus chruinnich siad iad fèin at 
aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin. 

3 Agus throid an sluagh ri Maois, agu8 
labhair iad, ag ràdh, B'fhearr gu'm bfth- 
eamaid air fagliail bàis an uair a bhàsaicb 
ar bràithrean an làthair an Tighearn ! 

4 Agus c'ar son a thug sibh a nios comh- 
chruinneach an Tighearna do'n fliàsach 
so, gu bàs fhaghail an sin, sinn fèin agus 
ar sprèidh ? 

5 Agus c'ar son athugsibh oirnne teachò 
a nìos as an Eiphit, g'ar toirt a steach do'r 
droch àite so? cha'n àite sìl e, no fhìgis 
no chrann-fìona, no phomgranata ; ni mc 
ta uisge ann r'a òl. 

6 Agus chaidh Maois agus Aaron o iàth- 
air a' chomhchruinnich gu dorus pàilliiiiii 
a' choimhthionail, agus thuit iad air ar 
asrhaidh ; agus dh' fhoillsicheadh glòir ar. 
Tighearna dhoibh. 

7 Agus labhair an Tighearna ri Maois 
ag ràdh, 

8 Gabh an t-slat, agus cruinnich thus'ac 
coimhthional an ceann a clièile, thu fèir 
agus Aaron do bhràthair, agus labhraibh 
ris a' charraig fa chomhair an sùl, agus 
bheir i seachad a h-uis£;e ; agus bheir thusz 
mach uisge dhoibh as a' charraig, aguf 
bheir thu deoch do'n choimhthioual, agus 
d'an sprèidh. 

9 Agus ghabh Maois an t-slat o làthaii 
an Tignearna, mar a dh'àithn e dha. 

10 Agus chruinnich Maois agus Aarot 
an conahchruinneach an ceann a chèile fa 
cl omliairna carraige, agus thubhairt e riu : 
Eisdibh a nis, a luchd-ceannairc ; as a' 
charraig so am feum sinne uisge thoirt 
duibh ? 

11 Agus thog Maois suas a làmh. agus 
bhuail e a' cbarraig le 'shlait dà uair: 
agus thàinig an t-uisge mach gu pailt: 
agus dh' òl an comhchruinneach, agus au 
sprèidh. 

12 Agus labhair an Tighearna ri Maois 
agus ri h-Aaron, A chionn nach do chreid 



CAIB. XXI. 



125 



bh mi, chura mo naomhachadh ana an 
lilibh chloinn Israeil, uime sin cha toir 
bh a steach an comhchruinueach so do'n 
liearanu a thug mise dlioibh. 

13 Is e so uisge Mheribah, a chionn gu 'n 
'rinn clann Israeil strì ris aii Tighearn, 
gus naomhaicheadh e annta. 

14 Agus chuir Maois teachdairean o 
:hades gu righ Edoira, Mar so tha 

bhràthair Israel ag ràdh, Tha fios 
igad air an t-saothair sin uile a thàinig 

irune ; 

15 Mar a chaidh ar n-aithriche sìos do'n 
liphit, agus a ghabh sinu còmhnuidh san 
iiphit aimsir fhada ; agus bhuin na h-Ki- 
jutich gu h-olc ruinne, agus r' ar n-aith- 
-chibh. 

16 Agus an uair a ghlaodh sinn ris an 
ighearna, chual' e ar guth, agus chuir e 

lihgeal uaith, agus thug e rnach sinn as an 
Siphit ; agus, feuch, tha siun ann an 
3ades, baile sa' chuid a's iomallaiche do d' 
hrìch. 

17 Leig leinn, guidheam ort, dol troimh 
lo dhùthaich : cha tèid sinn troimh ach- 
dh sam bith, no troimh fhìon-lios, ni 
nò dh' òlas sinn uisge nan tobar ; imich- 
dh sinn air rathad mòr an righ, cha 

randaidh sinn a dh' ionnsuidh na làimhe 
leise, no na làimhe chthe, gus an tèid sinn 
eacli do chrìochan. 

18 Agus thubhairt Edom ris, Cha tèid 
hu seachd orm, air eagal leis a' chlaidh- 
amh gu'n tig mi mach a' t'aghaidh. 

19 Agus thubhairt clann Israeil ris, Im- 
chidh sinn air an rathad mhòr ; agus ma 

_ h'òlas mi fèin agus mo sprèidh do d' uisge, 

(heir mi luach air a shon : a mhàin gun 
uille dheanamh, thèid mi troimli do m' 
hois. 

20 Agus thubhairt e, Cha tèid thu 
roimhe. Agus thàinig Edom a mach 'na 
ighaidh le mòr-shluagh, agus le làimh 
hrèin. 

21 Mar so dhiùlt Edom do Israel comas 
iol troimli a chrìch : uime sin thionndaidh 
srr.el uaith. 

22 Agus ghabh clann Israeil, eadhon an 
omhchruinneach uile, an turus o Chades, 
tgns thàinig iad gu sliabh Hor. 

23 Agus labhafr an Tighearna ri Maois 
[gus ri h-Aaron ann an sìiabh Hor, làimh 

1 crìch fearainn Edoira, ag ràdh, 

24 Cruinnicliear Aaron a chura a 
hluaigh ; oir cha tèid e steach do'n fhear- 

a thug mise do chloinn Israeil, a cliionn 
tu'nrobh sibh ceaiinairceach an aghaidh 
n' fhocail-sa aig uisge Mheribah. 

25 fìabh Aaron agns Eleasar a mhac, 
Lgus thoir suas iad gu sliabh Hor : 

26 Agus buin 'eudach do Aaron, agus 
uir air a mhac Eleasar e : agus cruiun- 
chear Aaron a chum a mhuinntir, agus 
fheibli e bàs an sin. 

27 Agus rinn Maois mar a dh' àithn an 
righearn : agus cliaidh iad suas gu sliabh 
3or, ann an sealladh a" chomlichruinnich 
jile. 

28 Agus bhuin Maois 'eudach do Aaron, 
gus chuir e air Eleasar a mhac e ; agus 
h.uair Aaron bàs an sin air mullach an 
:-slèibh : agus thàinig Maois agus Eleasar 
i\ nuas o'n t-sliabh. 



29 Agus an uair a chunnaic an comh- 
chruinneacli uile gu 'n d' f huair Aaron bàs, 
rinn iad bròn air son Aaroin deich làith- 
ean 'ar fhichead, eadhon tigh lsraeil 
uile. 

CAIB. XXI. 
A GUS an uair a chuala righ Arad an 
1\. Canaanach, a bha chòmhnuidh san 
àirde deas, gu 'n d' thàinig Israel air slighe 
an luciid-brathaidh, au sin chog e 'n agh- 
aidh Israeil, agus rinn e cuid diubh 'nan 
ciomaich. 

2 Agus bhòidich Israel bòid do 'n Tigh- 
earn, agus thubhairt iad, Ma bheir thu da 
rìreadh an sluagh so thairis d'ar làimh, an 
sin sgriosaidh sinn gu tur am bailtean. 

3 Àgus dh' èisd an Tighearna ri guth Is- 
raeil, agus thug e na Canaanaich suas 
doibh : agus sgrios iad gu tur iad fèin agus 
am bailtean : agus thug iad Horma mar 
ainm air an àite. 

4 Agus ghabh iad an turus o shliabh 
Hor, air sli'ghe na mara ruaidhe, a dhol 
mu 'n cuairt air t'ir Edoim ; agus bha 
anam an t-sluaigh fuidh mhi-mhisnich san 
t-slìghe. 

5 Agus labhair an sluagh an aghaidh 
Dliè, agus an aghaidli Mhaois, C'arson a 
thug sibh a nìos sinn as an Eiphit, gu bàs 
fhaghail san fhàsach ? oir cha 'n 'eil aran, 
no uisge ann, agus tha ar n-anam a' gabh- 
ail gràin do 'n aran eutrom so. 

6 Agus chuir an Tighearna nathraich- 
ean loisgeach ara raeasg an t-sluaigh ; ag- 
us lot iad an sluagh, agus fhuair mòr- 
shluagh do Israel bàs. 

7 Uime sin thàinig an sluagh a dh'ionn- 
suidh Mhaois, agus thubhairt iad, Pheac- 
aich sinn, oir labhair sinn an aghaidh an 
Tighearn, agus a' t' aghaidh-sa ; guidh air 
an Tighearna gu 'n toir e air falbh uainn 
na nathraichean. Agus ghuidli Maois air 
son an t-sluaigh. 

8 Agusthubhairt an Tighearna ri Maois, 
Dean dhuit fèin nathair loisgeach, agus 
cuir i air crann ; agus tarlaidh, gachneach 
a lotar, an uair a dh' amhairceas e oirre, gu 
mair e beò. 

9 Agus rinn Maois nathair umha, agus 
chuir e air crann i: agus tharladh, ma lot 
nathair duine sam bith, agus gu 'n d'amh- 
airc e air an nathair umha, gu 'n d' fhan e 
beò. 

10 Agus chaidh clann Israeil air an agh- 
aidh, agus champaich iad ann au Obot. 

11 Agus ghabh iad an turus o Obot, ag- 
us champaich iad aig Iie-abarim san fhàs- 
ach a ta fa chomhair Mhoaib, leth ri èir- 
igh na grèine. 

12 Uaith sin dh'imich iad, agus charap- 
aich iad aun an gleanu Shareid. 

13 O siu dh'iimch iad, agus charapaich 
iad air an taobh eile do Arnon, a ta san 
fhàsach a tha teachd a mach à crìochaibli 
nan Amorach : oir is e Arnon crìoch 
Mitoaib, eadar Moab agus na h-Amor- 
aich. 

14 Uime sin innsear ann an leabhar 
choganna an Tighearn, Ciod a rinu e sa' 
mhuir ruaidh, agus ann an sruthaibh Ar- 
noin, 

15 Agus aig ruith nan sruth a tha dol 



126 



AIREAMH. 



sìos gu àite-còrahnuidh Ar, agus a' luidlie 
air crich Mhoaib. 

16 Agus o sin chaidh iad gu Beer : is e 
sin an tobar mu'n do labhairan Tighearna 
ri Maois, Cruiunich an sluagh r'a chèile, 
agus bheir mise uisge dlioibh. 

17 An sin chan Israel an laoidh so, Sruth 
a nìos, O thobair ; canaibhse dha: 

18 Chladhaich na h-uchdarain an tobar, 
chladhaic.ii uaislean an t-sluaigh e, le seòl- 
adh fhir thabliairt an lagha, le 'n lorgaibh. 
Agus o'n fhàsach chaid/i iad gu Mata- 
na ; 

19 Agus o Mhatana gu Nahaliel ; agus o 
Nahaliel gu Bamot ; 

20 Agus o Bhamot sa' ghleann a ta ann 
an dùthaich Mhoaib, gu mullach Phisgah, 
a ta 'g amharc ri Iesimon. 

21 Agus chuir Israel teachdairean gu 
Sihon righ nan Amorach, ag ràdli, 

22 Leig dliomh dol troimh d'fhearann; 
cha tionndaidh sinn a dh' ionnsuidh raoin I 
no dh'ionnsuidh fìon-lios sam bith ; cha'n 
òl sinn uisgeachan an tobair : rathad an 
righ gabhaidh sinn, gus an tèid sinn seach- 
ad air do chrìch. 

23 Agus cha leigeadh Sihon le Israel dol 
troimh a chrìch : agus chruinnich Sihon a 
shluagh uile r'a cheile, agus chaidh emach j 
an aghaidh Israeil do 'u fhàsach : agus 
thàinig e gu Iahas, agus chog e 'n aghaidh t 
Israeil. 

24 Agus bhuail Israel e le faobhar a' i 
chlaidheimh, agus ghabh e sealbh air 'fhear- | 
ann o Arnon gu Iaboc, eadhon gu cloinn \ 
Amoin : oir bha ciioch cliloinn Amoin i 
làidir. 

25 Agus ghlac Israel na bailte mòra sin 
uile : agus ghabh Israel còmhuuidh ann am i 
bailtibh mòra nan Amorach uile, ann an 
Hesbon, agus 'na bhailtibh beaga uile : 

26 Oir b' e Hesbon baile mòr Shihoin righ 
nan Amorach, a chog an aghaidh righ 
Mhoaib a bh' ann roimhe sin, agus a bhuin 
'fhearann uile as a làimh, eadhon gu h-Ar- 
non. 

27 Uime sin their iadsan, a labhras ann 
an gnàth-fhoclaibh. Thigibh do Hesbon; 
biodh baile mòr Shihoin air a thogail agus 
air a dheasachadh : 

28 Oir chaidh teine mach à Hesbon, las- 
air o bhaile mòr Shihoin ; loisg' e Ar 
Mhoaib, agus tighearnan ionadan àrda Ar- 
noin. 

29 Mo thruaigh thu, a Mhoaib ! thàinig 
sgrios ort, O shlnagh Chemois ! thug e 
'mhic a chaidh as, agus a nigheanan, am 
braighdeanas do Shihon righ nan Amor- 
ach. 

30 Thilg sinn saighdean orra ; chaidh as 
do Hesbon eadhon gu Dibon, agus dh' fhàs- 
aich sirin iad eadhon gu Nopha, atha ruigh- 
eachd gu Medeba. 

31 Mar so ghabh Israel còmhnuidh ann 
am fearanii nan Amorach. 

32 Agus chuir Maois daoine uaith a 
ghabhail beachd air Iaser, agus ghlac iad a 
bhailtean, agus dh' fhògair iad a mach na 
h-Amoraich a bha 'n sin. 

33 Agus phill iad agus chaidh iad suas air 
slighe Bhasain : agus chaidh Og righ Bhas- 
ain a mach 'nan aghaidh, e fèin, agus a 
shluagh uile, gu cath aig Edrei. 



34 Agus thubhairt an Tighearna t 
Maois, Na gabh eagal roimhe ; oir do ri 
làimh-sa thug mi thairis e fèin, agus . 
6hluagh uile, agus 'fhearann ; agus ni thi 
air mar a rinn thu air Sihon righ na 
Amorach, a blia chòmhnuidh aig Hes 
bon. 

35 Mar sin bhuail iad e fèin agus a mhi( 
agus a shluagh uile, gus nach d' fhàgad 
aon beò aige : agus ghabh iad sealbn ai 
'fhearann. 

CAIB. XXII. 

AGUS chaidh clann Israeil air an agh 
aidh, agus champaich iad ann a 
còmhnardaibh Mhoaib, air an taobh so d 
Iordan làimh ri Iericho. 

2 Agus chunnaic Balac mac Shipoir gac 
ni a rinn Israel air na h-Amoraich. 

3 Agus bha eagal ro-mhòr air Moab roim 
'n t-sluagh, a chionn gu 'n robh iad lìor. 
mhor ; agus bha Moab ann an teinu 
thaobh chloinn Israeil. 

4 Agus thubhairt Moab ri seanairib 
Mhidiain, A nis imlichidh a' chuideach 
so suas gach ni a ta rau'r timchioll, mar 
dh' imlicheas an damh suas feur na machaj 
ach. Agus bha Balac mac Shipoir 'na rig 
air na Moabaich san àm sin. 

5 Chuir e teachdairean uime sin gu Ba 
laara mac Bheoir, gu Petor, a ta làimh 
amhainn dùthcha doinne a shluaigh, g' 
ghairm, ag ràdh, Feuch, tha sluagh a; 
teaciid a mach as an Eiphit : feuch, tha ia 
a' còmhdachadh aghaidh na talmhaim 
agus tha iad 'nan còmhnuidh thall fa n 
chomhair. 

6 Thig a nis uime sin, guidheam or 
mallaich dhomhs' an sluagh so, oir tha ia 
tuilleadh 's cumhachdach air mo shon 
theagamh gur urrainn mi am bualadh, ag 
us gu 'm fuadaich mi iad a mach as an dùtli 
aich ; oir tha fìos agam gu 'm bheil esan 
bheannaicheas tusa, beannaichte,agusesa 
a mhallaicheas tu, mallaichte. 

7 Agus dh'imich seanairean Mhoaib ae 
us seanairean Mhidiain, le duais na druidF 
eachd 'nan làimh ; agus thàinig iad g 
Balaam, agus dh'innis iad dha briathr 
Bhalaic. . 

8 Agus thubhairt e riu, Fanaibh an soa 
nochd, agus bheir mise fios duibh a rì.-, 
rèir mar a labhras au Tighearna riun 
Agus dh'fhan ceanuardau Mhoaib mail! 
ri Balaam. 

9 Agus thàinig an Tighearnagu Balaan 
agus thubhairt e, Cò iad na daoine s 
maille riut? 

10 Agus thubhairt Balaam ri Dia, Chu 
Balac mac Shi poir, righ Mhoaib, teachdab 
a m'ionnsuidh, ag ràah, 

11 Feuch, tha sluagh air teachd a mac 
as an Eiphit, a ta còmhdachadh aghaidh r 
talrahainn: thig a nis, mallaich dhom 
iad ; theagamh gur urrainn mi buaid 
thoirt orra, agus gu'm fuadaich mi inac 
iad. 

12 Agus thubhairt Dia ri Balaam, Ch 
tèid thu maille riu ; cha mhallaich thu ' 
sluagh ; oir tha iad beannaichte. 

13 Agus dh'èirich Balaam sa' mhaduini 
agus thubhairt e ri ceannardaibh Bhalaii 
lmichibh d"ur dùthaich fèin ; oir tha 



CAIB. 

- ■ 'ighearn a' diùltadh cead a tlioirt dhomh- 
U% dol maille ribh. 

■ 14 Agus dh'èirich ceannardan Mhoaib 
■ìas, agus chaidh iad a dh'ionnsuidh Bhal- 
■ic, agus thubhairt iad, Tha Balaam a' 

•iùltadh teachd maille ruinn. 
| f 15 Agus chuir Balac uaith a rìs ceann- 
i Irdan bu lìonrahoire, agus a b' urramaiche 

a iadsan. 

I I 16 Agus thàinig iad gu Balaam, agus 
1 nubhairt iad ris, Mar so tha Balac, mac 
hipoir, ag ràdh, Na bacadli ni sam bith thu, 
uidheam ort, o theachd a m' ionnsuidh ; 

17 Oir àrdaicliidh mi thu gu h-inbhe ro- 
I ihòir, agus ge b'e ni a their thu rium, ni 

ìi e: thig uime sin, guidlieam ort, mall- 
ich dhomh an sluagh so. 

18 Agus flireagair Balaam, agus thu- 
1 hairt e ri seirbhisich Bhalaic, Ged a bheir- 

adh Balac diiomhsa làn a thighe a dh' air- 
1 iod agus a dh' òr, cha 'n fheudainn dol 
! ìar foeal au Tighearna mo Dhè, a dhean- 

• mii bheag no mhòr. 

. 19 A nis uime sin, guidheam oirhh, fan- 

1 ibhse mar an ceudna an so an noclid, a 
'* hum gu'm bi fios agara ciod tuilleadh a 

2 ìeir an Tighearna rium. 

J 20 Agus thàinig Dia dh' ionnsuidh Bhal- 
^ aim san oidhche, agus thubhairt e ris, Ma 
ìig na daoine gu d' ghairm, èirich suas, 

• gus imich maille riu ; gidheadh am focal 
■! their mise riut. sin ni thu. 

? 21 Agus dh' èiricli Balaam suas sa' mha- 
j uinn, agus chuir e dìollaid air 'asal, agus 
f haidh e maille ri ceannardaibh Mhoaib. 
J 22 Agus las corruich Dhè a chionn gu'n 
jl 'imich e ; agus sheas aingeal an Tighearna 
in t-slighe mar eascaraid 'na aghaidh. A 
8 is bha e marcachd air 'asal fèin, agus a 
3 hà òglach maille ris. 

23 Agus chunnaic an asal ningeal an 
"i 'ighearna 'na sheasamh san t-slighe, agus 

■ chlaidheamh tairngte 'na làimh : agus 
' ìionndaidh an asal a leth taobh as an 

slighe, agus chaidh i air feadh an fhear- 
inn ; agus bhuail Balaam an asal, g'a 

1 onndadh dh' ionnsuidh na slighe. 

aifl 24 Agus sheas aingeal an Tigliearn ann 

• in cos-cheum nam fìon-lios : blia balla air 
1 n taobh so, agus balla air an taobh ud. 

25 Agus an uair a chunnaic acf asal aing- 
" ' al an Tighearna, theannaich si i fèin ris 
'<■•_ ' bhalla, agus bhrùth i cos Bhalaaim ris a' 
! : lialla ; agus bhuail e rìs i. 
1 26 Agus a rìs chaidh aingeal an Tigh- 
arna seachad, agus sheas e ann an àite 
I umhann, far nach robh slighe gu tionnd- 
4 dh aon chuid a chum na làimhe deise no 
J lìt,,e - 

1 27 Agus an uair a chunnaic an asal ain- 
s eal an Tigliearna, lnidh i sìos fuidh Bha- 

»am : agus las corruich Bhalaaim, agus 

huail e 'n asal le bata. 
s: 28 Agus dh' fhosgail an Tighearna beul 
1 a h-asail, agus thubhairt i ri Balaam, 
1 liod a riun mise ort, gu 'n do bhuail thu 
31 ìi na tri uairean so ? 
. 29 Agus thubhairt Balaam ris an asal, A 
I lùonn gu'nd'rinnthufanaid orm : b'f hearr 
j 3am gu 'm biodh claidheamh a' m' làimh, 

j'ìr a nis mharbhainn thu. 
1 i 30 Agus thubbairt an asal ri Balaam, 

[tfach mise t' asal fèin, air au do mharcaich 



XXIII. 127 

thu riamh o bu leat mi, gus an là 'n diugh ? 
am b'àbhaist domh riamh a dheanamh mar 
so riut ? Agus thubhairt e, Cha 6' àbh- 
aist. 

31 An sin dh' fhosgail an Tighearna sùil- 
ean Bhalaaim, agus chunnaic e aingeal ah 
Tighearna 'na sheasamh san t-slighe agus 
a chlaidheamh tairngte 'na làimh ; agus 
chrom e sìos a cheann, agus thuit e sìos 
air 'aghaidh. 

32 Agus thubhairt aingeal an Tigliearna 
ris, C' ar son a bhuail thu t' asal na tri uair- 
ean so? Feuch, chaidh mi mach gu bhi 
a' m' eascaraid duit, a chionn gu 'm blieil do 
shlighe fiar a' m' fhianuis. 

33 Agus chunnaic an asal mi, agus 
thionndaidh i uam na tri uairean so: mur 
bitheadh i air tionndadh uam, gucinnteach 
bha mi nis eadhon air do mharbhadh-sa, 
agus air a gleidheadh-sa beò. 

34 Agus thubhairt Balaam ri aingeal an 
Tighearna, Pheacaich mi ; oir cha robh fios 
agam gu 'n do sheas thu san t-slighe a' m' 
aghaidh : a nis uime sin, ma 's mi-thait- 
neach leat e, pillidh mi air m' ais a rìs. 

35 Agus thubhairt aingeal an Tighearna 
ri Balaam, Imich leis na daoinibh; ach a 
mliàin am focal a labhras mise riut, sin 
labiirMÌdh tusa. Mar sin chaidh Balaam le 
ceannardaibh Bhalaic. 

36 Agus an uair a chuala Balac gu 'n 
d' thàinig Balaam, chaidh e mach 'na 
choinneamh gu baile do Mhoab, a ta làimh 
ri comh-chrìch Arnoin, a tha sa' chrìch a's 
faide mach. 

37 Agus thubhairt Balac ri Balaam, 
Nacli do chuir mise gu cinnteach fios a 
t' ionnsuidh g' ad ghairm ? C' ar son nach 
d' thàinig thu a m' ionnsuidh ? Nach 'eil 
mise gu deimhin comasach air d' àrdachadh 
gu h-inbhe. 

38 Agus thubhairt Balaam ri Balac, 
Feuch, tha mi air teachd a t' ionnsuidh : 
am bheil agam a nis cumhachd idir ni sam 
bith a ràdh ? Am focal a chuireas Dia a' m' 
bheul, sin labhraidh mi. 

39 Agus chaidh Balaam maille ri Balac, 
agus thàinig iad gu Ciriat-husot. 

40 Agus dli' ìobair Balac daimh agus 
caoraicli, agus chuir e fios a dh' ionnsuidli 
Bhalaaim, agus a dh' ionnsuidh nan ceann- 
ard a bha maille rìs. 

41 Agus air an là màireach, ghabh Balac 
Balaam, agus thug e suas e gu àitibh àrda 
Bhaail, achum gufaiceadh e o sin a' chuid 
a b' iomallaiche do 'n t-sluagh. 

CAIB. XXIII. 

AGUS thubhairt Balaam ri Balac, Tog 
dhomh an so seachd altairean, agus 
ulluich dhomh anso seachdtairbh òga, ag- 
us seachd reitheachan. 

2 Agus rinn Balac mar a thubhairt Ba- 
laam ; agus dh' ìobar Balac agus Balaam 
air gach altair tarbh òg agus reithe. 

3 Agus thubhairt Balaam ri Balac, Seas 
làimh ri d' ìobairt-loisgte, agus imichidh 
mise ; theagarah gu 'n tig an Tighearn a' m' 
choinneamh : agus ge b' e ni a nochdas e 
dliomh, innsidh mi dhuit. Agus chaidh e 
gu li-ionad àrd. 

4 Agus choinnich Dia Balaam, agus thu- 
bhairt Balaam ris, Dheasaich mì seachd 



128 



AIREAMH. 



altairean, agus dh' ìobairmi sXrgach altair 
tarbh òg agus reithe. 

5 Agus chuir an Tighearna focal ann 
am beul Bhalaaim, agus thubhairt e. Pill 
a dh' iorrasuidh Bhalaic, agus mar so labh- 
raidh tu. 

6 Agus phill e d' a ionnsuidh, agus, feuch, 
sheas e làiinh r' a ìobairt-loisgte, e fèin, ag- 
us ceannardan Mhoaib uile. 

7 Agus thog e suas a chosamhlachd, ag- 
us thubliairt e, Thug Balac righ Mhoaib 
mise à h-Aram, o bheanntaibh na h-àird' 
an ear, ag ràdh, Thig, mallaich dhomhsa 
Iacob ; agus thig, thoir dùbhlan do Is- 
rael. 

8 Cionnus a mhallaicheas mi esan nach 
do mhallaich Dia ? agus cionnus a bheir rni 
dùhhlan dhasan do nach d' thug an Tigh- 
earn dùbhlan ? 

9 Oir o mhullac.h nan creag tha mi 
'ga fhaicinn, agus o na slèibhtibh tha mi 
'g amharc air: feuch, gahhaidh an sluagh 
comhnuidh air leth, agus cha mheasar iad 
am measg nan cinneach. 

10 Cò dh' àirmheas duslach Iacoib, no 
àireamh na ceathramh cuid do Israel? 
Faigheam-6a bàs an ionracain, agus bith- 
eadh mo chrìoch dheireannach cosmhuil 
r' a chiìch-SMi ! 

1 1 Agus thubhairt Balac ri Balaam, Ciod 
e so a rinn thu orm? a mhallachadh mo 
naimhdean thug mi thu, agus, feuch, da 
rìreadh bheannaich thu iad. 

12 Agus fhreagair agus thubhairt e, An 
ni sin a chuir an Tighearn a' m' bheul, 
nach feum mis' an aire thoirt a labhairt? 

13 Agus thubhairt Balac ris, Thig, 
guidheam ort, maille rium gu h-àit eile, 
o 'm faic thu iad: cha 'n fhaic thu ach a' 
chuid a 's iomallaiche dhiubh, agus cha 'n 
fhaic thu iad uile ; agus mallaich dhomh 
as a sin iad. 

14 Agus thug e gu fearann Shophim e, 
gu mullach Phisgah, agus thoqr e seachd 
altairean, agus dh' ìobair e tarbh òg agus 
reithe air gach altair. 

~ 15 Agus thubhairt e ri Balac, Seas an so 
làimh ri d' ìobairt-loisgte, gus an coinnich 
mis' an Tighearn an sud. 

16 Agus choinnich an Tighearna Balaam, 
agus chuir e focal 'na bheul, agus tbubli- 
afrt e, Imich a rìs a dh' ionnsuidh Bhalaic, 
agus abair mar so. 

17 Agus an uair a tbàinig e d' a ionn- 
suidh, feuch, sheas e làimh r' a ìobairt- 
loisgte, agus ceaunardan Mhoaib mailleris. 
Agus thubhairt Balac ris, Ciod a labhair an 
Tighearn? r . 

18 Agus thog e suas a chosamhlachd, 
agus thubhairt e, Eirich suas, a Bhalaic, 
agus cluinn ; èisd riumsa, thus' a mhic 
Slvipoir : 

19 Cha duine Dia, gu n deanadh e breug ; 
no raac duine, gu 'n gabhadh e aithreachas : 
an duhhairt e, agus nach dean e ? agus an 
do labhair e, agus nach coimhlion se e ? 

20 Feuch, fhuair mi àithne beannach- 
adh ; agus bheannaich esan, agus cha 'n 
urrainn mise 'atharrachadh. 

21 Cha d' thug e fa 'near eu-eeart ann an 
Iacob, asrus cha 'n fhac e cealg ann an 
Israel : tha 'n Tighearn a Dhia leis, agus 
caithream righ 'nam measg. 



22 Thug Dia mach iad as an Eiphit ; ths 
aige amhuil neart an aon-adharcaich. 

23 Gu cinnteach cha 'n 'eil druidheachd 
an agbaidh lacoib, ni mò ta fiosachd an 
aghaidh Israeil : a rèir na h-airnsir *<> 
theirear mu Iacob, agus mu Israel, Ciod a 
dh' oibrich Dia ! 

24 Feucli, èiridh an sluat'h suns mar 
leòmhan mòr, agus mar leòmhan òg tog- 
aidh e suas e fèin : cha luidh e sìos gus an 
ith e a' chreach, agus gus an òl e fml nam 
marbh. 

25 Agus thubhairt Balac ri Balaam, Na 
dean aon chuid ara mallachadh idir, no 'm 
beannachadh idir. 

26 Ach fhreagair Balaam agus thuhhairt 
e ri Balac, Nach d'innis mi dhuit, ag ràdh, 
Gach ni a labhras an Tigliearna, sin is èigin 
dhomhs' a dheanamh ? 

27 Agus thubhairt Balac ri Balaam, 
Thig, guidheam ort, bheir mi thu gu 
h-ionad eile ; theagamh gur toil le Dia 
thu 'g am mallachadh dhomh as a sin. 

28 Agus thug Balac Balaam gu mullach 
Pheoir, a tha 'g amharc ri Iesimon. 

29 Agusthubhairt Balaam ri Balac, Tog 
dhomh an so seachd altairean, agus ulluich 
dhomh an so seachd tairbh òga, agus seachfl 
reitheachan. 

30 Agus rinn Balac mar a thubhairt Ba- 
laam, agus dh' ìobair e tarbh agus reithe aii 
gach altair. 

CAIB. XXIV. 

AGUS an uair a chunnaic Balaam gu'nc 
bu toilleisan Tighearn Israel abheann 
achadh, cha deachaidh e, mar air uairibl 
eile, a dh' iarraidh manaidhean, ach chuii 
e 'aghaidh ris an fhàsach. 

2 Agus thog Balaam suas a shùilean, ag. 
us chunnaic e Israel a' fantuinn 'nam Lùth 
aibh a rèir au treubhan, agusthàinigspior- 
ad Dhè air. 

3 Agus thog e suas a chosamhlachd, ag- 
us thubhairt e, Thubhairt Balaam mai 
Bheoir, agus thubhairt an duine aig am 
robh a shùilean dùinte ; 

4 Thubhairt esan, a chuala briathra Dhè 
a chunnaic taisbeanadh an Uile-chumh- 
achdaich, a' tuiteam agus a 6hùilean aii 
am fosglaith : 

5 Cia àluinn do bhùthan, O Iacoib ! d( 
phàilliuna, O Israeil ! 

6 Mar na gleannta tha iad sìnte mach 
mar liosan ri taobh aimhne, mar chraobh- 
an fiodh-alois a shuidhich an Tighearna 
mar chraobhan seudair làimh ris na h-uisg- 
eachaibh. ■ H 

7 Sruthaidh an t-uisge mach as a shoith- 
ichibh, agus bithidh a shliochd ann an 
mòran uisgeaciian, agus bithidh a righ ni 'i 
àirde na Agag, agus àrdaichear a rìogh- 
achd. 

8 Thug Dia mach as an Eiphit e ; thp 
aige amhuilneartanaon-adhaircaich : ith- 
idh e suas na cinnich a naimhdean, agu; 
brisidh e 'n cnàmhan, agus le 'shaighdibi 
troimh-lotaidh e iad. 

9 Chrùb e, luidh e sìos mar leòmhan 
agus mar leòmhan mòr : cò dhùisgeas suai 
e ? Is beannaichte gach neach a bheann 
aicheas thusa, agus is mallaichte gacl 
neach a mhallaicheas thu. 



CAIB. XXV. XXVI. 



129 



10 Agus las corruicli Bhalaic an aghaidh 
Shalaaim, agus bhuail e 'bhasan air a 

I i^èile : agus thubhairt Balac ri Balaara, A 

• (Ohallachadh mo naimhdean ghairm mi 

I jhu, agus, feuch, da rìreadh bheannaich 

'. hu iaa na tri uaireau so. 

I 11 Uime sin teich a nise do d' àite fèin : 
liaoil mi t' àrdachadh gu h-inbhe mhòir, 

I iich, feuch, chum an Tighearn air t' ais thu 

I i» inbhe. 

1; 12 Agus thubhairt Balaam ri Balac, 
i ^ach do labhair mi eadhon ri d' theachd- 

■ kiribh, a chuir thu a m' ionnsuidh, ag 

àdh, 

■ 13 Ged a bheireadh Balac dhomhsa làn 
% . thighe dh'airgiod agus a dh'òr, cha b'urr- 

dnn mi dol thar àithne an Tighearn, a 
. Iheanamh maith no uilc o m' inntinn fèin ; 
\ ich ge b'e ni a their an Tighearna, sin 
Jjiabhraidh mise? 

Ij 14 Agus a nis, feuch, tha mi dol a 

1 Ih' ionnsuidh mo dhaoine fèin: thig uime 

I ìn, bheir mi' rabhadh dhuit, ciod a ni 'n 
ioluas'b. so air do shluagh-sa anns na làith- 
||bh aeireannach. 

II 15 Agus thog e suas a chosamhlachd, ag- 
liis thubhairt e, Thubhairt Balaara mac 
liBheoir, agus thubhairt an duine aig an 

I -obh a shùilean dùinte ; 

|l 16 Thubhairt esan a chuala briathra 
i fjDhè, agus d' an aithne eòlas an Tì a 's ro- 

jiirde, a chunnaic taisbeanadh an Uile- 

■:liumhachdaich, a' tuiteam agus a shùilean 

iiir am fosgladh : 
J B 17 Chi mi e, ach ni h-ann a nis ; amh- 
] Uiircidh mi air, ach ni h-ann am fagus : 
3 |;hig reul a mach à Iacob, agus èiridh slat 
ì »:ìoghail à h-Israel, agus buailidh i oisinn- 

|van Mhoaib, agus cuiridh i as do chloinn 
, «Shet uile. 

I I 18 Agus bithidh Edom 'na sheilbh, bith- 
J;dh Seir mar an ceudna 'na sheilbh aig a 
| aaimhdibh ; agus ni Israel gaisge. 

J| 19 A mach à lacob thig esan a bhios 'na 
J tiiachdaran, agus sgriosaidh e 'n tì a mhair- 
Ijeas do'n bhaile mhòr. 
I ' 20 Agus an uair a dh' amhairc e air 
J jAunalec, thog e suas a chosamhlachd, agus 
fthubhairt e, Tùs nan cinneach Amalec, 
jiach is e dheireadh bhi air a sgrios gu sìor- 
I ruidh. 

i j 21 Agus dh' amhairc e air na Cenich ; 

agus thog e suas a chosamhlachd, agus 
i ithubhairt e, Is làidir t' àite-còmhnuidh, 
] agus tha thu cur do nid ann an carraig : 
jl 22 Gidheadh, fàsaichear na Cenich, gus 
I ian toir Asur leis thu ann am braighdeanas. 
\ j 23 Agus thog e suas a chosamhlachd, 
| lagus thubhairt e, Mo thruaigh ! cò bhios 
beò 'nuair a ni Dia so ? 
24 Agus tkig longan o iomall Chitim, 
> jagus ni iad olc air Asur, agus ni iad olc air 
iEber, agus sgriosar esan mar an ceudna gu 
ibràth. 

, 25 Agus dh' èirich Balaam suas, agus 
'dh' fhalbh e, agus phill e d'a àite fèin: ag- 
us dh' fhalbh Balac mar an ceudna air a 
i j shlighe fèin. 

CAIB. XXV. 

AGUS dh'fhan Israel ann an Sitim, agus 
thòisich an sluagh air strìopachas a 
Sl dheanamh le nigheanaibh Mhoaib. 



2 Agus ghairm iad au sluagh gu ìobairt- 
ibh an diathan : agus dh'itli au sluagh, ag- 
us chrom iad sìos d' an diathaibh. 

3 Agus cheangail Israel e fèin ri Baal- 
peor : agus las corruich an Tighearn au 
aghaidh Israeil. 

4 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, 
Glac cinn-fheadhna au t-sluaigh uile, agus 
croch suas iad an làthair an Tighearna fa 
chomhair na grèine, chum gu'm pill corr- 
uich gharg an Tighearn o lsrael. 

5 Agus thubhairt Maois ri breitheamh- 
naibh Israeil, Marbhaibh gach aon agaibh 
a dhaoine, a cheangail iad fèin ri Baal- 
peor. 

6 Agus, feuch,thàinig fear do chloinn Is- 
raeil, agus thug e chum a bhràithre Ban- 
mhidianach, annan sealladh Mhaois, agus 
ann an sealladh comhchruinnich chloinn 
Israeil uile, agus iad a' gul aig dorus pàill- 
iuin a' choimhthionail. 

7 Agus an uair a chunnaic Phinehas mac 
Eleasair, mhic Aaroin an t-sagairt e, dh'èir- 
ich e suas o mheasg a' chomhchruinnich, 
agus ghabh e sleagh 'na làimh ; 

8 Agus chaidh e 'n dèigh an duine do 
Israel a steach do'n bhùth, agus throimh- 
lot e iad le chèile, an duine do Israel, agus 
a' bhean troimh a broinn ; mar sin choisg- 
eadh a' phlàigh o chloinn Israeil. 

9 Agus bhàsaich sa' phlàigh ceithir mìle 
thar fhichead. 

10 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

11 Phill Phinehas mac Eleasair, mhic 
Aaroin an t-sagairt, mo chorruich air falbh 
o chloinn Israeil, an uair a bha e èudmhor 
as mo leth 'nam measg, air chor as nach do 
chuir mi as do chloinn Israeil a'm' èud. 

12 Air an aobhar sin abair, Feuch, bheir 
mise dha mo choimhcheangal sìthe : 

13 Agus bithidh e aige, agus aig a 
shbochd 'na dlièigh, eadhon coimhcheang- 
al sagartachd shìorruidh ; a chionn gu'n 
robh e èudmhor as leth a Dhè. agus gu'n 
d' rinn e rèite air son ihloinn Israeil. 

14 A nis Ue ainm an Israelich a mharbh- 
adh, eadhon a mharbhadh maille ris a' 
Bhan-mhidianaich, Simri mac Shalu, ceann- 
ard prìomh thighe am measg nan Simeon- 
ach. 

15 Agus b'e aimn na Ban-mhidianaich a 
mharbhadh, Cosbi nighean Shur ; bu 
cheann cinnich e, agus do phrìomh thigh 
ann am Midian. 

16 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, , 

17 Buin gu naimhdeil ris na Midian- 
aich, agus buailibh iad: 

18 Oir tha iadsan a' buntuinn gu naimhd- 
eil ribhse le'n as-innleachdaibh, leis an do 
mheall iad sibh ann an aobhar Pheoir, ag- 
us ann an aobhar Chosbi, nighinn ceann- 
aird do Mhidian, ara peathar, a mharbh- 
adh ann an là na plàighe ann an aobhar 
Pheoir. 

CAIB. XXVI. 

AGUS tharladh an dèigh na'plaighe, gu'n 
do labhair an Tighearna ri Maois, ag- 
us ri Eleasar mac Aaroin an t-sagairt, ag 
ràdh, 

2 Gabhaibh àireamh comhciiruinnich 
M 



120 



AIREAMH. 



chloinn Israeil uile, o fhichead bliadhna 
dh' aois agus os a eheann, trìd thighe an 
aithriche, iadsan uile a's urrainn dol a 
mach gu cogadh ann an Israel. 

3 Agus labhair Maois agus Eleasar an 
sagart riu ann an còmhnardaibh Mhoaib, 
làimh ri Iordan am fagus do Iericho, ag 
ràdh, 

4 Gabhaibh àireamh an t-sluaigh, o fhich- 
ead bliadhna dh' aois agus os a cheann ; 
mar a dh' àithn an Tighearna do Mhaois 
agus do chloinn Israeil, a chaidh a mach à 
tìr na h-Eiphit. 

5 Reuben, am mac bu shine aig Israel : 
clann Reubein ; Hanoch, o'm bheil teagh- 
lach nan Hanochach : o Phalu, teaghlach 
nam Paluthach : 

6 O Hesron, teaghlach nan Hesronach : 
o Charmi, teaglilach nan Carmach. 

7 Is iad sin teaghlaichean nan Reuben- 
each : agus b' iadsan a chaidh àireamh 
dhiubh, dà fhichead agus tri mìle agus 
seachd ceud agus deicli 'ar fhichead. 

8 Agus mic Phalu ; Eliab. 

9 Agus mic Eliaib; Nemuel, agus Da- 
tan, agus Abiram. Is iad so an Datan agus 
an t-Abiram a bhu ainmeil sa' chomh- 
chruinneach, a rinn strì an aghaidh Mhaois 
agus an aghaidh Aaroin ann an cuideachd 
Chorah, 'nuair a rinn iad strì an aghaidh 
an Tighearn ; 

10 Agus dh' fhosgail an talamh a bheul, 
agus shluig e suas iad maille ri Corah, 
'nuair a bhàsaich a' chuideachd sin, an 
uair a loisg an teine suas dà cheud agus 
leth-cheud fear : agus rinneadh iad 'nan 
comharadh. 

11 Gidheadh, cha do bhàsaich clann Cho- 
rah. 

12 Mic Shimeoin, a rèir an teaghlaich- 
ean : o Nemuel, teaghlach nan Nemuel- 
each : o Iamin, teaghlach nan Iamineach : 
o lachin, teaghlach nan Iachineach : 

13 O Slierali, teaghlach nan Sarhach : o 
Shaul, teaglilach nan Saulach. 

14 Is iad sin teaghlaichean nan Simeon- 
ach, fìchead agus dà iuhìle agus dà 
cheud. 

15 Clann Ghad, a rèir an teaghlaichean : 
o Shephon, teaghlach nan Sephonach : o 
Hagi, teaghlach nan Hagitheach : o Shuni, 
teaghlach nan Sunitheach : 

16 O Osni, teaghlach nan Osnitheach : 
o Eri, teaghlach nan Eritheach : 

17 O Arod, teaghlach nan Arodach : o 
Areli, teaghlach nan Arelitheach. 

18 Is iad sin teaghlaichean chloinn Ghad, 
a rèir na dh' àirmheadh dhiubh, dà fhich- 
ead mìle agus cùig ceud. 

19 .B'iad mic Iudah, Er agus Onan : ag- 
us fhuair Er agus Onan bàs ann an tìr 
Chanaain. 

20 Agus b'iad mic Iudah,arèir anteagh- 
laichean ; o Shelah, teaghlach nan Selan- 
ach : o Pharets, teaghlach nam Pharet- 
sach : o Sherah teaghlach nan Sarhach : 

21 Agus b' iad mic Pharets; o Hesron, 
teaghlach nan Hesronach : o Hamul, teagh- 
Jach nan Hamulach. 

22 Is iad sin teaghlaichean Iudah, a rèir 
na dh'àirmheadh dhiubh, tri fichead agus 
sè mìle deug agus cùig ceud. 

23 Do mhic Isachair, a rèir an teagh- 



laichean : o Tholah, teaghlach nan Tolah- 
ach : o Phua, teaghlach nam Punach: 

24 O Iasub, teaghlach nan lasubach: o 
Shimron, teaghlach nan Simronach. 

25 Is iad sin teaghlaichean Isachair, a 
rèir na chaidh àireamh dhiubh tri fichead 
agus ceithir mìle agus tri cheud. 

26 Do mhic Shebuluin, a rèir an teagh- 
laichean: o Shered, teaghlach nan Sard- 
ach : o Elon, teaghlach nan Elonach : o 
Iahleel, teaghlach nan Iahleeleach. 

27 Is iad sin teaghlaichean nan Sebulun- 
ach, a rèir na chaidh àireamh dhiubh, tri 
ficbead mìle agus cùig ceud. 

28 B'iad mic Ioseiph, a rèir an teagh- 
laichean, Manaseh agus Ephraim. 

29 Do mhic Mhanaseh : o Mhachir, 
teaghlach nam Machin j ach ; agus ghin 
Machir Gilead : o Ghilead thàinig teagh- 
lach nan Gileadach. 

30 Is iad so mic Ghilead : o Ieser, teagh- 
lach nan Iesereach : o Helec, teaghlach 
nan Heleceach : 

31 Agus o Asriel, teaghlach nan Asriel- 
each : agus o Shechem, teaghlach nan Se- 
chemeach : 

32 Agus o Shemida, teaghlach nan Sem- 
ideach : agus o Hepher, teaghlach nan 
Hephereacli. 

33 Agus cha robh aig Selophehad mac 
Shepheir mic sam bith, ach nigheanan: 
agus b'iad ainmean nigheana Shelopheh- 
aid, Mahla, agus Noah, Hoglah, Milcah, 
agu6 Tirsah. 

34 Is iad sin teaghlaichean Mhanaseh, 
agus iadsan a chaidh àireamh dhiubh, leth- 
cheud agus dà mhìle agus seaclid ceud. 

35 Is iad so mic Ephraim, a rèir an 
teaghlaichean : o Shutelah, teaghlach nan 
Suteleach : o Bhecher, teaghlach nam 
Bechereach : o Thahan, teaghlach nan 
Tahanach. 

36 Agus is iad so mic Shutelah : o Eran, 
teaghlach nan Eranach. 

37 Is iad sin teaiihlaichean mhac Eph- 
raim, arèir na chaidh àireamh dhiubh, dà 
mhìle dheug 'ar fhichead agus cùig ceud. 
Is iad sin mic Ioseiph a rèir an teaghlaich- 
ean. 

38 Mic Bheniamin, a rèir an teaghlaich- 
ean : o Bhela, teaghlach nam Belahach : 
o Asbel, teaghlach nan Asbeleach : o Ahi- 
ram, teaghlach nan Ahiramach : 

39 O Shupham, teaghlach nan Supha- 
mach : o Hupham, teaghlach nan Huph- 
amach. 

40 Agus b'iad mic Bhelah Ard agus 
Naamau : o Ard, teaghlach nan Ardach : 
agus o Naaman, teaghlach nan Naaman- 
ach. 

41 Is iad sin mic Bheniam'n, a rèir an 
teaghlaichean : agus b' iadsan a chaidh àir- 
eamh dhiubh, dà fhichead agus cùig mìle 
agus sè ceud. 

42 Is iad so mic Dhan, a rèir an teagh- 
laichean : o Shuham, teaghlach nan Suha- 
mach. Is iad so teaghlaichean Dhan, a 
rèir an teaghlaicliean. 

43 B' iad teaghlaichean nan Suhamach 
uile, a rèir na chaidh àireamh dhiubh, tri 
fichead agus ceithir mìle agus ceithir 
cheud. 

44 Do chloìnn Aseir, a rèir an teagh- 



CAIB. XXVII. 



131 



lichean : o Iimna, teaghlach nan Iimnath- 
ch : o Iesui, teaghlach nan Iesuitheach : 
Blieriah, teaghlach nam Beritheach. 

45 Do mhic Bheriah : o Heber, teagh- 
ich nan Hehereach : o Mhalchiel, teagh- 
ich nam Malchieleach. 

46 Agus b'e ainm nighinn Aseir, Sarah. 

47 Is iad sin teaghlaichean mhac Aseir, a 
iir na chaidh àireamh dhiubh, leth-cheud 
gus tri mìle agus ceithir clieud. 

48 Do mhic Naphtali, a rèir an teagh- 
ùchean: o Iahseel, teaghlach nan Iahseel- 
ach : o Ghuui, teaghlach nan Guuith- 
ach : 

49 O Ieser, teaghlach nan Iesereach : o 
hillem, teaghlach nan Sillemeach. 

50 Js iad sin teaghlaicheau Naphtali, a 
Mr an teaghlaichean : agus b' iadsan a 
h' àirmheadh dhiubh, dà fhichead agus 
iig inìle agus ceithir cheud. 

51 B' iad sin iadsan a dh' àirmheadh do 
liloinn Israeil, sè ceud mìle agus aon 
ìhìle seachd ceud agus deich 'ar fhich- 
ad. 

52 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
g ràdh, 

53 Dhoibh sin roinnear am fearann mar 
ighreachd, a rèir àireimh nan ainm. 

64 Do mhòran bheir thu ni's mò dh'- 
ighreachd, agus do bheagan blieir thu ni's 
agha dh'oighreachd : bheirear 'oighreachd 
iin do gach aon, a rèir an àireimh. 

55 Gidheadh, roinnear am fearann le 
rannchur : a rèir ainmeanna threubhan 
n aithriche gheibh iad an oighreachd. 

56 A rèir a' chrannchuir roinnear a 
nealbh eadar mhòran agus bheagan. 

57 Agus ù iad so iadsan a dh'àirmheadh 
o na Lebhithich, a rèir an teaghlaichean : 
; Gherson, teaghlach nan Gersonach : o 
^hohat, teaghlach nan Cohatach : o Mhe- 
ari, teaghlach nam Meraritheach. 

58 Is fad so teaghlaichean nan Lebhith- 
ach: teaghlach nan Libnitheach, teagh- 
ach nau Hebronach, teaghlach nam Mah- 
ahach, teaghlach nam Muisitheach, teagh- 
ach nan Corahach : agus ghin Cohat 
Vmram. 

59 Agus b'e ainm mnà Amraim Ioche- 
>ed, nigliean Lebhi, a rug a màthair do 
Liebhi san Eiphit : agus rug i do Amram, 
\aron, agus maois, agus Miriam am 
Huthar. 

60 Agus do Aaron rugadh Nadab agus 
\bihu, Eleasar agus Itamar. 

61 Agus fhuair Nadab agus Abihu bàs, 
in uair a thug iad suas teine coimheach an 
àthair au Tigheam. 

62 Agus b' iadsan a chaidh àireamh 
Ihiubh, fichead agus tri mìle, firionnaich 
ìile o mhìos a dh'aois agus os a cheann; 
>ir eha d' àirmheadh iad am measg chloinn 
Israeil, a chionn nach d' thugadh oigh- 
eachd dhoibh am measg chloinn Israeil. 

63 Is iad sin iadsan a chaidh àireamh le 
Maois agus Eleasar an sagart, a dh' àir- 
jamh clann Israeil ann an còmhnardaibh 
Mhaoib, làimh ri Iordan amfagus do Ie- 
richo. 

64 Ach 'nam measg sin cha robh aon 
iuine dhiubhsan a dh' àireamh Maois agus 
Aaron an sagart, an uair a dh' àireamh iad 
dann Isreail ann am fàsach Shinai : 



65 Oir thubhairt an Tighearn umpasan, 
Gheibh iad gu deimhin bàs anns an 
fhàsach, Agus clia d' fhàgadh duine 
dhiubh, saor o Chaleb mac Iephuneh, agus 
Iosua mac Nuin. 

CAIB. XXVII. 

AN sin thàinig nigheana Shelophehaid, 
mhic Hepheir, mhic Ghilead, mhic, 
Mhachir, mhic Mhanaseh, do theaghlaich- 
ibh Mhanaseh mhic Ioseiph : agus is iad 
so ainmean a nigheana, Mahlah, Noah, 
agus Hoglah, agus Milcah, agus Tirsah. 

2 Agus sheas iad an làthair Mhaois, agus 
an làthair Eleasair an t-sagairt, agus an 
làthair nan ceannard, agus a' chomh- 
chruinnich uile, làimh ri dorus pàilliuin a' 
choimhthionail, agràdh, 

3 Dh' eug ar n-athair anns an fhàsach, 
agus cha robh e ann an cuideachd na 
muinntir a chruinnich iad fèin r'a chèile an 
aghaidh an Tighearn ann an cuideachd 
Chorah, ach dlV eug e 'na pheacadh fèin ; 
agus cha robh mic sam bith aige. 

4 C'ar son a chaillair ainm ar n-athar o 
mheasg a theaghlaich, a chionn nach 'eil 
mac aige? 'lhugaibh dhuinn uime sbi 
sealbh am measg bhràithrean ar n-athar. 

5 Agus thug Maois an cùis an làthair an 
Tighearn. 

6 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

7 Labhair nigheana Shelophehaid gu 
ceart: bheir thu dhoihh gu ciunteach 
sealbh oighreachd am measg bhràithrean 
anathar; agus bheirthu fa'near gu'n tig 
oighreachd an athar d'an iounsuidh. 

8 Agus labhraidh tu ri cloinn Israeil, ag 
ràdh, Ma gheibh duine bàs, agus gun mhac 
aiffe, an sin bheir sibh fa'near, gu'n tig 
'oighreachd-san chum a nighinn. 

9 Agus mur bi nighean aige, an sin bheir 
sibh 'oighreachd d'a bhràithribh. 

10 Agus mur bi bràithrean aige, an sin 
bheir sibh 'oighreachd do bhràithribh 
'athar. 

11 Agus mur bi bràithrean aig 'athair, 
an sin bheir sibh 'oighreachd d'a fhear- 
dàimh a's faigse dha d'a theaghlach, l, agus 
sealbhaichidh e i : agus bithidh e do 
chloinn lsraeil 'na reachd breitheanais, 
mar a dh' àithn an Tighearna do Mhaois. 

12 Agus thubhairt an Tighearna ri 
Maois, lmich suas do'n t-sliabh so Abarim, 
agus gabh sealladh do'n fhearann a thug 
mise do chloinn Israeil. 

13 Agus an uair a chi thu e, cruinnich- 
ear thusa mar an ceudna chum do dhaoine, 
mar a chruinnicheadh Aaron do bhràthair, 

14 A chionn .gu'n d'rinn sibh ceannairc 
an aghaidh m' àithne-sa ann am fàsacli 
Shin, ann an comh-stri a' chomhchruinnich, 
agus nacli do naomhaich sibh mi aig an 
uisge ann an sealladh an sùl : is e sin 
uisge Mheribah ann an Cades, ann am 
fàsach Shin. 

15 Agus labhair Maois ris an Tighearn, 
ag ràdh, 

16 Cuireadh an Tighearna, Dia spiorad 
na h-uile fheòla, duine os ceann a' chomh- 
chruinnich, 

17 A thèid a mach rompa, agus a thig a 
steach rompa, agus a theòraicheas a muigh 



132 



AIREAMH. 



iad, agus a bheir a stigh iad ; a chura nach 
bi comhchruinneach au Tighearna mar 
chaoraich aig nach 'eil buachaille. 

18 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, 
Gabh a t'ionnsuidh losua mac Nuin, duine 
anns am bheil an spiorad, agus cuir do 
làmh air. 

19 Agus cuir e an làthair Eleasair an 
t-sagairt, agus an làthair a' chomhchruinn- 
ich uile ; agus thoir àithne dha 'nam fian- 
uis. 

20 Agus cuiridh tu cuid do t'urram air, 
a chum gu'm bi comhchruinneach chloinn 
Israeil uile ùmhal dha. 

21 Agus seasaidh e 'n làthair Eleasair an 
t-sagaift, a dh'iarras comhairl' air a shon, 
a rèir breitheanais na h-Urim an làthair au 
Tighearn : air 'fhocal-san thèid iad a 
mach, agus air 'fhocal thig iad a steach, e 
fèin agus clann Israeil uile maille ris, 
eadhon an comhchruinneach uile. 

22 Agus rinn Maois mar a dh' àithn an 
Tighearna dha ; agus ghabh e Iosua, agus 
chuir e 'n làthair Eleasair an t-sagairt e, 
agus an làthair a' chomhchruinnich uile. 

23 Agus chuir e a làmhan air, agus thug 
e àithne dha, mar a labhair an Tighearna 
le làimh Mhaois. 

CAIB. XXVIII. 

AGUS labhair an Tighearna ri Maois, 
ag ràdh, 

2 Aithn do chloinn Israeil, agus abair 
riu, Mo thabhartas, agus m' aran air son 
m' ìobairtean a bheirear suas le teine chum 
fàile chùbhraidh dhomh, bheir sibh an aire 
gu'n toir sibh seachad dhomhsa 'nan àm 
iomchuidh fèin. 

3 Agus their thu riu, Is e so an tabhartas 
a bheirear suas le teine, a bheir sibh seach- 
ad do'n Tighearna; dà uan do'n cheud 
bhliadhna gun ghaoid gach là, chum ìob- 
airt-loisgte gnàthaichte. 

4 Aon uan bheir thu seachad sa' mhad- 
uinn, agus an t-uan eile bheir thu seachad 
air feasgar ; 

5 Agus an deicheamh earrann do ephah 
phlùir mar thabhartas-bìdh, measgta leis 
a' cheathramh earrann do hin a dh' oladh 
bhrùite. 

6 Is ìobairt-loisgte ghnàthaichte a t'ann, 
a dh' orduicheadh ann an sliabh Shinai 
chum fàile chùbhraidh, ìobairt a bheirear 
suas le teine do'n Tighearn. 

7 Agus is i a tabhartas-dibhe an ceath- 
ramh earrann do hin air son aon uain : 
anns an ionad naomh bheir thu fa' near 
fìon làidir a dhòrtadh do'n Tighearna mar 
thabhartas-dibhe. 

8 Agus an t-uan eile bheir thu seachad 
air feasgar : mar thabhartas-bìdh na 
raaidne, agus mar a tabhartas-dibhe, bheir 
thu seachad e, ìobairt a bheirear suas le 
teine, a dh'fhàile cùbhraidh do'u Tighearn. 

9 Agus air là na sàbaid, dà uan do'n 
cheud bhliadhna gun ghaoid, agus dà 
dheicheamh earrann phlùir measgta le 
h-oladh mar thabhartas-bìdh, agus a tabh- 
artas-dibhe. 

10 Js e so ìobairt-loisgte gach sàbaid, a 
thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàth- 
tiichte, agus a tabhartas-dibhe. 

„ ìl Agus ann an toiseach bhur mìos bheir 



sibh seachad chum ìobaìrt-loisgte do'i 

Tighearna, dà tharbh òg, agus aon reithe 9~ 

seachd uain do'n cheud bhliadhna gui ' 
ghaoid, 

12 Agus tri deicheamh earranna phlùii ' 
measgta le h-oladh mar thabhartas-bidh aii j* 
son gach tairbh, agus dà dheicheamh earr- 
ann phlùir measgta le h-oladh mar thabh- u .' 
artas-bìdh air son gach reithe ; 

13 Agus aon deicheamh earrann phlùii 
air leth measgta le h-oladh mar thabhartas K 
bìdh air son gach uain, chum ìobairt-loiag- £■ 
te deadh f hàile, ìobairt a bheirear suas u PJ 1 
teine do'n Tighearn. 

14 Agus mar an tabhartas-dibhe bithidl * 
leth hin do fhìon air son tairbh, agus ar • 
treas earrann do hin air son reithe, agui *! 
an ceathramh earrann do hin air son uain m 
is i so ìobairt-loisgte gach mìosa air feadl *f 
mhìosan na bliadhna. 

15 Agus ìobrar aon raheann do na gabh- • 
raibh mar ìobairt-pheacaidh do'n Tighearn $■■ 
a thuilleadh air an ìobairt-loisgte ghnàth '■■■ 
aichte, agus a tabhartas-dibhe. 

16 Agus air a' cheathramh là deug doì J 
cheud mhìos tha càisg an Tighearn. 

17 Agus air a' chùigeadh là deug do'i ; 
mhìos so tha 'n fhèill : seachd làithean ith P 
ear aran neo-ghoirtichte. 

18 Air a' cheud là bithidh comhghairn 
naomh ; obair thràilleil sam bith cha dear u 
sibh air : 

19 Ach bheir sibh seachad a chum ìob- P 
airt a bheirear suas le teine, mar ìobairt- pjj 
loisgte do'n Tighearna, dà tharbh òg, agu 
aon reithe, agus seachd uain do'n chem J 
bhliadhna : gun ghaoid bithidh iad duibh. i : 

20 Agus bithidh an tabhartas-bidh d( *« 
phlùr measgta le h-oladh : tri deicheaml P 
earranna bheir sibh seachad air son tairbh I 
agus dà dheicheamh earrann air son reithe Vfl 

21 Deicheamh earrann air leth bheir thi 
seachad air son gach uain, air feadh nai W 
seachd uan : tf 

22 Agus aon bhoc-gaibhre chum ìobairt 5 
pheacaidh, a dheanamh rèite air bhui » 
son. + 

23 Iobraidh sibh iad sin a thuilleadh aii W 
an ìobairt-loisgte sa' mhaduinn, a tha mai i 
ìobairt-loisgte ghnàthaichte. 

24 Mar so bheir sibh sea^hr.d c^"h là aii 
feadh nan seachd làithean, I '.?. ' a r.a h-ìob- fci 
airt a bheirear suas le t: ?, c'aim fàih |n 
chùbhraidh do'n Tighearn : i i'.rcar seacbi ÌN 
ad e thuilleadh air an ì ' : !rt-l lìgtt jll> 
ghnàthaichte, agus a tabhartr.c-d bhe. 

25 Agus air an t-seachdamh là bithidl p 
comhghairm naomh agaibh ; obair thràill- M 
eil sam bith cha dean sibh air. 

26 Mar an ceudna air là nan ceud thor- »a 
adh, 'nuair a bheir sibh seachad tabhartas- 13 
bìdh nuadh do'n Tighearn, aig ceann bhui <&. 
seachduinean, bithidh comhghairm naoml t'i 
agaibh ; obair thràilleil sam bith cha deac 'è:. 
sibh : 

27 Ach bheir sibh seachad mar ìobairt- k 
loisgte, chum fàile chùbhraidh do'n Tigh- 
earna, dà tharbh òg, aon reithe, seachd ic 
uain do'n cheud bhliadhna ; 

28 Agus an tabhartas-bìdh do phlùi tn 
measgta le h-oladh, tri deicheamh earr- i; 
ann air son gach tairbh, dà dheicheamli 
earrann air son gach reithe, 



CAIB. XXIX. 



133 



29 Deicheamh earrann air Ieth air son 
ach uain, air feadh nan seachd uan ; 

30 Agus aon mlieann do na gabhraibh, 
a dheanamh rèite air bhur son. 

31 Iobraidh sibh iad a thuilleadh air an 
obairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabh- 
artas-bìdh, (gun gliaoid bithidli iad duibh,) 
agus an tabliartasan-dibhe. 

CAIB. XXIX. 

AGUS anns an t-seachdamli mìos, air a' 
clieud là do 'n mhìos, bithidh comh- 
g"hairm naomh agaibh ; obair thràilleil sam 
oith cha dean sibh : is là sèididh nan tromp- 
aid dhuibh e. 

[ 2 Agus bheir sibh seachad mar ìobairt- 
;oisgte, chum fàile chùbhraidh do'u Tigh- 
iarn, aon tarbh òg, aon reithe, agus 
iseachd uain do 'n cheud bhliadhna gun 
jhaoid : 

3 Agus bithidh an tabhartas-bìdh do 
phlùr measgta le h-oladh, tri deicheamh 
earrannan air son tairbh, agus dà dheich- 
3amh earrann air son reithe, 

4 Agus aon deicheamh earrann air son 
?ach uaiu, air feadh nan seachd uan ; 

5 Agus aon mheann do na gabhraibh 
^hum ìobairt-pheacaidh, a dheanamh rèite 

lir bhur son : 

6 A thuilleadh air ìohairt-loisgte a' 
nhìosa, agus a tabhartas-bìdh, agus an ìob- 
lirt-loisgte glinàthaichte, agus a tabhartas- 
jìdh, agus an tabhartasan-dibhe, a rèir an 
jnàtha, chum faile chùbhraidh, ìobairt a 
^heirear suas le teine do 'n Tighearn. 

7 Agus bithidh agaibh air an deieheamh 
'à do'n t-seachdamh mìos so comhghairm 
laomh : agus cràdhaidh sibh bhur n-an- 
unanna : obair sam bith cha dean sibh air. 

8 Ach bheir sibh seachad chum ìobairt- 
oisgte do'n Tighearn a dh'fhàile cùbh- 
•aidh, aon tarbh òg, aon reithe, agus 
ìeachd uain do'n cheud bhliadhna; gun 
fhaoid bithidh iad duibh. 

9 Agus bithidh an tabhartas-bìdh do phlùr 
neasgta le h-oladh, tri deicheamh earrann- 
in air son gach tairbh, agus dà dheicheamh 
jarrann air son gach reithe, 

10 Deicheamh earrann air leth air son 
jach uain, air feadh nan seachd uan ; 

11 Aon mheann do na gabhraibh chum 
obairt-pheacaidh, a thuilleadh air ìobairt- 
jheacaidh na rèite, agus an ìobairt-loisgte 
^hnàthaichte, agus a tabhartas-bìdh, agus 
ui tabhartasan-dibhe. 

12 Agus air a' chùigeadh là deug do'n 
_ >seachdamh mìos, bithidh comhghairm 
j laomh agaibh ; obair thràilleil sam bith 

ha dean sibh ; agus gleidhidh sibh fèill 
■\ M , lo 'n Tighearna seachd làithean. 

13 Agus bheir sibh seachad chum ìobairt- 
oisgte, ìobairt a bheirear suas le teine, a 

j i_j|ih' f hàile cùbhraidh do'n Tighearna, tri 
^tairbh dheug òga, da reithe, agus ceithir 
iiain deug do'n cheud bhliadhna; gun 
Sfhaoid bithidh iad. 

14 Agus bithidh an tabhartas-bìdh do 
phlùr measgta le h-oladh, tri deicheamh 
earrannan air son gach tairbh do na trì 
tairbh dheug, dà dheicheamh earrann air 
son gach reithe do'n dà reithe, 

15 Agus deicheamh earrann air leth air 
son gach uain do na ceithir uain deug ; 



16 Agus aon mheann do na gabhraibh 
chum ìobairt-pheacaidh, athuilleadh air an 
ìobairt-loisgle ghnàthaichte, a tabhartas- 
bìdh, agus a tabhartas-dibhe. 

17 Agus air an dara là bheir sibh seachad 
dà tharbh dheug òg, dà reithe, ceithir uain 
deug do'n cheud bhliadhna gun ghaoid : 

18 Agus bithidh an tabhartas-bìdh, agus 
an tabhartasan-dibhe air son nan tarbh, air 
son nan reitheachan, agus air son nan uan, 
a rèir an àireimh, a rèir a' ghnàtha ; 

19 Agus aon mheann do na gabhraibh 
chum ìobairt-pheacaidh, a thuilleadh airan 
ìobairt-loisgte ghnàthaichte, agus a tabh- 
artas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe. 

20 Agus air an treas là aon tarbh deug, 
dà reithe, ceithir uain deug do'n cheud 
bhliadhna gun ghaoid : 

21 Agus bithidh an tabhartas-bìdh, agus 
an tabhartasan-dibhe, air son nan tarbh, air 
son nan reitheachan, agus air son nan uan, 
a rèir an àireimh, a rèir a' ghnàtha ; 

22 Agus aon bhoc-gaibhre chum ìobairt- 
pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt- 
loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas- 
bìdh, agus a tabhartas-dibhe. 

23 Agus aira'cheathramhlàdeichtairbh, 
dà reithe, agus ceithir uain deug do'n 
cheud bhliadhna gun ghaoid : 

24 Bithidh an tabhartas-bìdh, agus an 
tabhartasan-dibhe, air son nan tarbh, air 
son nan reitheachan, agus air son nan uan, 
a rèir an àireimh, a rèir a' ghnàtha ; 

25 Agus aon mheann do na gabhraibh 
chum ìobairt-p'.ieacaidh, a thuilleadh air 
an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, a tabhart- 
as-bìdh, agus a tabhartas-dibhe. 

26 Agus air a chùigeadh là naoi tairbh, 
dà reithe, agus ceithir uain deug do'n cheud 
bhliadhna gun ghaoid : 

27 Agus bithidh an tabhartas-bìdh, agus 
an tabhartasan-dibhe, air son nan tarbh, air 
son nan reitheachan, agus air son nan uan, 
a rèir an àireimh, a rèir a' ghnàtha ; 

28 Agus aon bhoc-gaibhre chum ìobairt- 
pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt- 
loisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas- 
bìdh, agus a tabhartas-dibhe. 

29 Agus air an t-seathadh là ochd tairbh, 
dà reithe, agus ceithir uain deug do 'n 
cheud bhliadlina gun ghaoid : 

30 Agus bithidh an tabhartas-bìdh, agus 
an tabhartasan-dibhe, air son nan tarbh, air 
son nan reitheachan, agus air son nan uan, 
a rèir an àireimh, a rèir a' ghnàtha ; 

31 Agus aon bhoc-gaibhre chum ìobairt- 
pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt- 
loisgte ghnàthaichte, a tabhartas-bìdh, ag- 
us a tabhartas-dibhe. 

32 Agus air an t-seachdamh là seachd 
tairbh, dà reithe, agus ceithir uain deug 
do 'n cheud bhliadhna gun ghaoid : 

33 Agus bithidh an tabhartas-bìdh, agus 
an tabhartasan-dibhe, air son nan tarbh, àir 
son nan reitheachan, agus air son nan uan, 
a rèir an àireimh, a rèir a' ghnàtha; 

34 Agus aon bhoc-gaibhre chum ìobairt- 
pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt- 
loisgte ghnàthaichte, a tabhartas-bìdh, ag- 
us a tabhartas-dibhe. 

35 Agus air an ochdamh là bithidh àrd 
choimhthional agaibh : obair thràilleil sam 
bith cha dean sibh air : 

M2 



ÀIREAMH. 



134 

36 Ach bheir sibh seachad chum ìobairt- 
loisgte, ìobairt a bheirear suas le teine, a 
dh' fhaile cùbhraidh do 'n Tighearn, aon 
tarbh, aon reithe, seachd uain do 'n cheud 
bhliadhna gun ghaoid: 

37 Bithidh an tabhartas-bìdh, agus an 
tabhartasan-dibhe, air son an tairbh, air son 
an reithe, agus air son nan uan, a rèir an 
àireimh, a rèir a' ghnàtha ; 

38 Agus aon bhoc-gaibhre chum ìobairt- 
pheacaidh, a thuilleadh air an ìobairt- 
Ioisgte ghnàthaichte, agus a tabhartas- 
bìdh, agus a tabhartas-dibhe. 

39 Na nithe sin ni sibh do 'n Tighearna 
'nur fèiìlibh suidhichte, thuilleadh air bhur 
bòidibh, agus bhur tabhartasan saor-thoile, 
air son bhur n-ìobairtean-loisgte, agus air 
son bhur tabhartasan-bìdh, agus air son 
bhur tabhartasan-dibhe, agus air son bhur 
tabhartasan-sìth. 

40 Agus dh'innis Maois do chloinn Is- 
raeil a rèir gach ni a dh'àithn an Tighearna 
do Mhaois. 

CAIB. XXX. 

AGUS labhair Maois ri ceannardan nan 
treubh a thaobh chloinn Israeil, ag 
ràdh, Is e so an ni a dh'àithn an Tighearn. 

2 Ma bhòidicheas duine bòid do 'n Tigh- 
earn, no ma mhionnaicheas e mionnan a 
cheangal 'anama le ceangal, cha bhris e 
'fhocal ; a rèir gach ni a thig a mach as a 
bheul, ni e. 

3 Mar an ceudna ma bhòidicheas bean 
bòid do 'n Tighearn, agus gu 'n ceangail si i 
fèin le ceangal, agus i ann an tigh a h-ath- 
ar 'na h-òige ; 

4 Agus gu 'n cluinn a h-athair a bòid, ag- 
us a ceangal leis an do cheangail i h-anam, 
agus gu'm fan a h-athair 'na thosd rithe, 
an sin seasaidh a bòidean uile, agus seas- 
aidh gach ceangal leis an do cheangail i a 
h-anara. 

5 Ach ma chuireas a h-athair 'na h-agh- 
aidh san là anns an cluinn e, cha seas aon 
d' a bòidibh, no d' a ceanglaichibh, leis an do 
cheangail i a h-auam; agus maithidh an 
Tigliearna dh' i, a chionn gu'n do chuir a 
h-athair 'na h-aghaidh. 

6 Agus ma bhaidirfear-pòsda aice 'nuair 
a bha bòidean oirre, no 'nuair a labhair i 
ni as a beul, leis an do cheangail i a h-an- 
am, 

7 Agus gu'n cual' a fear e, agus gu'n 
d' fhan e 'na thosd rithe san là anns an 
cual' e i ; an sin seasaidh a bòidean, agus 
seasaidh a ceanglaichean leis an do cheang- 
ail i a h-anam. 

8 Ach ma chuireas a fear-pòsda 'na 
h-aghaidh san là anns an cluinn e i, an sin 
bheir e gu neò-bhrigh a bòid a bhòidich i, 
agus an ni a labhair i le 'bilibh, leis an do 
cheangail i a h-anara ; agus bheir an Tigh- 
earna maitheanas dh'i. 

9 Ach gach bòid bantraich, agus mnà 
dealaichte, leis an do clieangail i a h-anam, 
seasaidh i 'na h-aghaidh. 

10 Agus ma bhòidich i ann an tigh a fir, 
no ma cheangail i a h-anam le ceangal 
maille ri mionnaibh, 

11 Agusgu'n cual' a fear e, agus gu'n 
d' fhan e 'na thosdrithe, agus nach do chuir 
e na h-aghaidh ; an sin seasaidh a bòidean 



uile, agus seasaidh gach ceangal leis an do 
cheangail i a h-anam. 

12 Ach raa chuir a fear gu tur air chùl 
iad san là anns an cual' e iad, an shi ge b'e 
ni a thàinig a mach as a beul a thaobh a 
bòidean, no thaobh ceangail a h-anama, 
clia seas e : chuir a fear air chùl iad, agus 
bheir an Tighearna maitheanas d' i. 

13 Na bòidean, agus na mionnan sin uile 
a cheanglas a chum an t-anam a chràdh, 
feudaidh a fear an daingneachadh, nofeud- 
aidh a fear an cur air chùl. 

14 Ach ma dh'fhanas a fear gu tur 'na 
thosd rithe, o là gu là; an sin tba e a 
daingneachadh a boidean uile, no a ceang- * 
laichean uile, a ta oirre : tha e ga 'n dean- ' 
amh seasmhach, a chionn gu 'n d' fhan t 
'na thosd rithe san là anns an cual' e iad. 

15 Ach ma chuireas e air chor sam bitl 
air chùl iad, an dèigh dha 'n cluinntinn: 
an sin giùlainidh e a h-aingidheachd-san. 

16 Is iad sin na reachdan a dh'àithn ac 
Tighearna do Mhaois, eadar duine agus { 
bhean, eadar athair agus a nighean, agus i 
fathast 'na h-òige anu an tigh a h-athar. 

CAIB. XXXI. 

AGUS labhair an Tighearna ri Maois, ag 
ràdh, 

2 Dìol clann lsraeil air na Midianaich 
'na dhèigh sin cruinnichear chum d( 
dhaoine thu. 

3 Agus labhair Maois ris an t-sluagh, ag 
ràdh, Rachadh cuid dibh fo'n armaibr 
chum a' chogaidh, agus imicheadh iad c 
chogadh an aghaidh nara Midianach, agui 
dìoladh iad an Tighearn air Midian. 

4 Cuiridh sibh mìle do gach trèibh, aii 
feadh uile threubhan Israeil, chum a 
chogaidh. 

5 Mar sin thugadh a mach à mìltibh Is- 
raeil, mìle do gach trèibh, dà mhìle dheug 
arraaichte chum cogaidh. 

6 Agus chuir Maois iad a chum a' chog. 
aidh, mìle do gach trèibh, iadsan agus Phi- 
nehas mac Eleasair an t-sagairt, a chum a 
chogaidh.leis na h-innealaibh naomha 'ng 
làimh, agus na trorapaidean gu sèideadh. 

7 Agus chog iad an aghaidh nam Mi- 
dianach, mar a dh' àithn an Tighearna dc 
Mhaois ; agus mharbh iad na firionnaicb 
uile. 

8 Agus mharbh iad righrean Mhidiain 
a thuilleadh air a' chuid eiie dhiubh i 
mharbhadh ; eadhon Ebhi, agus Recem 
agus Sur, agus Hur, agus Reba, cùig righ- 
rean Mhidiain : Balaam mac Bheoir mai 
an ceudna mharbh iad leis a' chlaidh- 
earah. 

9 Agus thug clann Israeil leo mnài Mhi- 
diain 'nam braighdibh, agus an clanri 
bheag, agus thug ìad leo creacli an sprèidl: 
uile, agus an treudan uile, agus am maoii: 
uile. 

10 Agus loisg iad am bailtean uile anns 
an robh iad a chòmhnuidh, agus an dùin 
uile le teine. 

11 Agus thug iad leo a' chreach uile.ag- 
us an cobhartach uile, eadar dhaoine agus 
ainmhidhean. 

12 Agus thug iad na braighdean, agus a' 
chreach, agus an cobhartacn, gu Maois ag- 
us Eleasar an sagart, agus gu comhchruinn- 



CAIB. 

ach chloinn Israeil, a chum a' chairap aig 
omhnardaibh Mhoaib, a ta làimh ri Ior- 
j an amfagus do Iericho. 

13 Agus chaidh Maois agus Eleasar an 
; *gart, agus ceannardan a' 'chomhchruinn- 
. •h uile mach "nan coinneamh an taobh a 
J ,iuigh do 'n champ. 

14 Agus hha corruich air Maois ri luchd- 
M lagfhlaidh an t-sluaigh, ris na ceannard- 

j ibh air mhìltibh, agus na ceannardaibh 
j ìr cheudaibh, a thàinig o 'n chogadh. 

15 Agus thubhairt Maois riu, An do 
, hlèidh sibh na mnài uile beò ? 

J 16 Feuch, thug iad sin air cloinn Israeil, 
fd ì comhairle Blialaaim, peacachadh an agh- 
j ìdh an Tighearna ann an aobhar Pheoir; 
gus bha plàigh air feadh comhchruiunich 
n Tighearn. 
- ;n 17 A nis uime sin marbhaibh gach fir- 
:- 4 >nnach am measg na cloinne bige, agus 
,• aarbhaibh gach bean d'amb' aithne fear le 
uidhe leis. 

2 18 Ach a' chlann bhan uile do nach 
J * aithne fear le luidhe leis, gleidhibh beò 
|J Ihuibh fèin. 

19 Agus fanaibhse an taobh a muigh 
lo 'n champ seachd làithean : ge b' e mharbh 

d leach air bith, agus ge b' e bhean ri neach 
. mharbhadh, glanaibh sibh fèin, agus bhur 
m 'raighdean air an treas là, agus air an 
• t -seachdamh là ; 

20 Agus glanaibh bhur n-eudach uile, 
, igus gach ni a rinneadh do chroicnibh, ag- 

M 1S n a «h obair dofhionnadh ghabhar, agus 

jj irach ni a rinneadh do fhiodh. 
q 21 Agus thubhairt Eleasar an sagart ris 
1 ìa fir-chogaidh a chaidh a raach a dh' ionn- 

| g iuidh a' chatha, Is e so ordugh an lagha a 

~ , Ih' àithn an Tighearna do Mhaois : 

22 A mhàin an t-òr, agus an t-airgiod, 
b m t-urnha, an t-iarunn, an staoin, agus an 
jgj uaidh, 

23 Gach ni a dh' fhuilgeas an teine, bheir 
$i iibh fa'near e dhol troimh 'n teine, agus 
tpgklanar e; gidheadh le uisge an sgaraidh 
ffj ^lanar e : agus gach ni nach fulaing an 
la s teine, bheir sibh fa 'near e dhol troimh 'n 

uisge. 

,1 24 Agus nighidh sibh bhur n-eudach air 
, -(j)|an t-seachdamh là, agus bithidh sibh glan, 
.^jagus 'na dhèigh sin thig sibh a stigh do 'n 
^jcharap. 

iiàl 25 Agus labhair an Tighearna ri Maois, 
^Jagràdh, 

VjJ 26 Gabh àireamh na creich a thogadh, 
-rJieadar dhuine agus ainmhidh, thu fein, ag- 
. yjus Eleasar an sagart, agus prìomh aith'- 
■ jjriche a' chomhchruinnich ; 

fi 27 Agus roinn a' chreach 'na dà earr- 
jfljainn ; eadar a mhuinntir a ghabh an cog- 
I adh orra fèin, a chaidh mach do 'n chath, 

J agus eadar an comhchruinneach uile : 
M( j] 28 Agus tog cìs do 'n Tighearn o na fir- 
' "|ichogaidh, a chaidh mach do 'n chath : aon 

Jjanam à cùig ceud, araon do na daoinibli, 

.^agus do 'n bhuar, agus do na h-asail, agus 

" i do na caoraich. 

29 Gabh e as an leth-san, agus thoir e do 
^( Eleasar an sagart, mar thabhartas-togta 

do 'n Tigliearn. 

30 Agusàleth chloinn Israeil, gabhaidh 
tu aon chuibhrionn à leth-cheud, do na 

U: daoinibh, do 'n bhuar, do na h-asail, agus 



XXXI. 135 

do na treudaibh, do gach ainmhidh, agus 
bheir thu iad do na Lebhithich, a tha 
gleidheadh cùraim pàilliuin an Tighearn. 

31 Agus rinn Maois agus Eleasar aa 
sagart mar a dh' àithn an Tighearna d<» 
Mhaois. 

32 Agus b' e an cobhartach, eadhon a* 
chuid eile do 'n chreich a ghlac na fir-chog- 
aidh, sè ceud mìle, agus deich is tri fich- 
ead mìle, agus cùig mìle caora, 

33 Agus tri fichead agus dà mhìle dheug 
bò, 

34 Agus tri fichead agus aon mhìle asal, 

35 Agus dà mhìle dheug 'ar fhichead 
anam san iomlan, do mhnaibh do nach 
b' aithne fear le luidhe leis. 

36 Agus bha 'n leth bu chuibhrionn 
doibh-san a chaidh mach a chum a' chog- 
aidh, ann an àireamh tri clieud mìle, agus 
seachd mìle deug 'ar fhichead agus cùig 
ceud caora ; 

37 Agus b' i cìs an Tighearna do na caor- 
aich sè ceud agus tri fichead agus cùig 
deug. 

38 Agus b' iad am buar sè mìle deug 'ar 
fhichead : dhiubh so b' i cìs an Tighearna 
tri fichead 's a dhà-dheug. 

39 Agus b'iad na h-asail deich mìle thar 
fhichead agus cùi<>- ceud : dhiubh so b i cìs 
an Tighearna tri fichead agus a h-aon. 

40 Agus b' iad anama nau daoine sè mìle 
deug : dliiubh so b' i cìs an Tighearna dà 
anam dheug 'ar fhichead. 

41 Agus thug Maois a' chìs, eadhon 
tabhartas-togta an Tighearn, do Eleasar an 
sagart, mar a dh' àithn an Tighearna do 
Mhaois. 

42 Agus do leth chloinn Israeil, a roinn 
Maois o 'n luchd-chogaidh, 

43 (A nis b' i 'n leth a bhuineadh do 'n 
chomhchruinneach, tri cheud mìle, agus 
seachd mìle deug 'ar fhichead agus cùig 
ceud caora, 

44 Agus sè mìle deug 'ar fhichead bò, 

45 Agus deich mìle thar fhichead asal 
agus cùig ceud, 

46 Agus sè mìle deug anam,) 

47 Eadhon do 'n leth a bhuineadh d& 
chloinn Israeil, ghabh Maois aon chuibh- 
rionn à leth-cheud eadar dhuine agus 
ainmliidh, agus thug e iad do na Lebhith- 
ich, a bha gleidheadh cùraim pàilliuin an 
Tighearna, mar a dh' àithn an Tighearna 
do Mhaois. 

48 Agus thàinig an luchd-riaghlaidh a 
bha os ceann mhìltean an t-sluaigh, na 
ceannardan air mhìltibh, agus na ceann- 
ardan air cheudaibh, am fagus do Mhaois : 

49 Agus thubhairt iad ri Maois, Ghabh 
do sheirbhisich àireamh nam fear-cogaidh 
a tha fo 'r làimh, agus cha 'n 'eil duine 
dhinn air chall. 

50 Uime sin thug sinn tabhartas a chum 
an Tighearna, gach fear na fhuair e do 
sheudaibh òir, eadhon slabhraidhean, agus 
usgraichean, fàinnean, cluas-ihailean, ag- 
us criosan, a dheanamh rèite air son ar 
n-anaman an làthair an Tighearn. 

51 Agus ghabh Maois agus Eleasar an 
sagart an t-òr uatha, uile 'na sheudaibh 
oibrichte. 

52 Agus b' e òr an tabhartais uile a thug 
iad seachad do 'n Tighearn, o na ceaunard- 



136 



AIREAMH. 



aibh air mhìltibh, agus o na ceannardaibh 
air cheudaibh, sè raìle deug, seachd ceud 
agus leth-cheud secel. 

53 (Oir ghabh na fir-chogaidh cobhart- 
ach, gach duine dlia fèin.) 

54 Agus ghabh Maois agus Eleasar an 
sagart an t-or o na ceannardaibh air mhìlt- 
ibh, agus air cheudaibh, agus thug iad e 
gu pàilliun a' choimhthionail, mar chuimh- 
neachau do chloinn Israeil an làthair an 
Tighearn. 

CA.IB. XXXII. 

ANIS bha aig cloinn Reubein agus 
cloinn Ghadro-mhòran sprèidhe : ag- 
us an uair a chunnaic iad fearann Iaseir, 
agus fearann Ghilead, feuch, bha 'n t-àite 
'na àite sprèidhe : 

2 Agus thàinig clann Ghad, agus clann 
Reubein, agus labhair iad ri Maois, agus ri 
Eleasar an sagart, agusri uachdaranaibh a' 
chomhchruinnieh, ag ràdh, 

3 Atarot, agus Dibon, agus Iaser, agus 
Nimrah, agus Hesbon, agus Elealeh, agus 
Sebam, agus Nebo, agus Beon ; 

4 Eadhon an dùthaich a bliuail an Tigh- 
earna roimh chomhchruinneach Israeil, is 
fearann e air son sprèidhe, agus tha sprèidh 
aig do sheirbhisich. 

5 Uime sin, ars' iadsan, ma fhuair sinn 
deadh-ghean a' d' shealladh, thugar am 
fearann so do d' sheirbhisich mar sheilbh, 
agus na toir sinn a null thar Iordan. 

6 Agus thubhairt Maois ri cloinu Ghad, 
agus ri cloinn Reubein, An tèid bhur 
bràithrean gu cogadh, agus an suidh sibh- 
se an so ? 

7 Agus c' ar son a bheir sibh mi-mhis- 
neach do chridhe chloinn Israeil, a dhol a 
null do 'n fhearann a thug an Tighearna 
dhoibh ? 

8 Mar so rinn bhur n-aithriche, 'nuair a 
chuir mi iad o Chades-barnea a dh' amharc 
na tìre : 

9 'Nuair a chaidh iad suas gu gleann Es- 
coil, agus a chunnaic iad am fearann, thug 
iad mi-mhisneach do chridhe chloinn Is- 
raeil, a chum nach rachadh iad a steach 
do'n fhearann athug an Tigbearna dhoibh. 

10 Agus las corruich an Tighearna san 
àm sin fèin, agus rahionnaich e, ag ràdli, 

11 Gu cinnteach cha 'n fhaic a h-aon do 
na daoinibh a thàinig a nìos as an Eiphit, o 
fhichead bliadhna dh' aois agus os a cheann, 
am fearann a mhionnaich mi do Abraham, 
do Isaac, agus do lacob, a chionn nach do 
lean iad mi gu h-iomlan ; 

12 Saor o Chaleb mac Iephuneh an Ce- 
niseach, agus Iosua mac Nuin : oir lean 
iadsan an Tighearna gu h-iomlan. 

13 Agus las corruich an Tighearn an 
aghaidh Israeil, agus chuir e air seacharan 
iad san fhàsach dà fhichead bliadhna, gus 
an deachaidh as do 'n ghinealach sin uile a 
rìnn olc an sealladh an Tighearn. 

14 Agus, feuch, tha sibhse air èirigh suas 
an àite bhur n-aithriche, gineal dhroch 
dhaoine, a mheudachadh fathast mòr 
chorruich an Tighearna ri h-Israel. 

15 Oir raa thionndaidheas sibh air falbh 
o 'leantuinn-san, fàgaidh e fathast uair eile 
san fhàsach iad, agus sgriosaidh sibh an 
sluagh so uile. 



16 Agus thàinig iad am fagus da, agus 
thubhairt iad, logaidh sinn mainnirean 
chaorach an so d' ar sprèidh, agus bailtean 
d' ar cloinn bhig : 

17 Ach thèid sinn fèin deas-armaichte 
roimh chloinn Israeil, gus an toir sinn iad 
d' an àite : agus ni ar clann bheag còmh- 
nuidh sna bailtibh daingnichte air sgàth 
luchd-àiteachaidh na tìre. 

18 Cha phill sinn d' ar tighibh, gus an 
sealbhaicli clann Israeil gach duine dhiubli 
'oighreachd fèin : 

19 Oir cha sealbhaich sinne maille riu- 
san an taobh eile do Iordan, no thall o sin; 
a chionn gu 'n do thuit ar n-oighreachd 
dhuinne air an taobh so do Iordau a làimh 
na h-àird' an ear. 

20 Agus thubhairt Maois riu, Ma ni sibh 
an ni so, ma thèid sibh fo 'r n-armaibh 
roimh an Tighearna gu cogadh, 

21 Agus gu 'n tèid sibh uile armaichte 
thar Iordan roimh an Tighearn, gus am 
fuadaich e mach a naimhdean as a làth- 
air, 

22 Agus gu 'n ceannsaichear am fearann 
am fianuis an Tighearna ; 'na dhèigh sin 
pillidh sihh, agus bithidh sibh neo-choir- 
each an làthair an Tighearn, agus an làth- 
air Israeil, agus Bithidh am fearann so 'na 
sheilhh agaibh am fianuis an Tighearn. 

23 Ach mur dean sibh mar so, feuch, 
pheacaich sibh an aghaidh an Tighearn; 
agus bithibh cinuteach gu 'm faigh bhur 
peacadh a mach sibh. 

24 Togaibh bailtean d' 'ur cloinn bhig, 
agusmainuirean d"ur caoraich ; agus dean- 
aibh an ni a chaidh mach as bhur beul. 

25 Agus labliair clann Ghad agus clann 
Reubein ri Maois, ag ràdh, Ni do sheirbh- 
isich mar a ta mo Thighearn ag àithneadh. 

26 Bithidh ar claun bheag, ar mnài, ar 
treudan agus ar sprèidhe uile, an sin annam 
bailtibh Ghilead; 

27 Ach thèid do sheirbhisich thairis, 
gach fear dhiubh armaichte chum cogaidh, 
roimh an Tighearna gu cath, mar a tha mo 
thighearna ag ràdh. 

28 Agus thug Maois àithne d' an taobh 
do Eleasar an sagart, agus do Iosua mac 
Nuin, agus do phrìomh aithrichibh 
threubha chloinn Israeil : 

29 Agus tliubhairt Maois riu, Ma thèid 
clann Ghad, agus clann Reubein a null 
maille ribh thar Iordan, gach fear dhiubh 
armaichte gu cath an làthair an Tighearn, 
agus gu 'n ceannsaichear an tìr roimhibh, 
an sin bheir sibh dhoibh fearann Ghilead 
mar sheilbh : 

30 Ach mur tèid iad thairis maiUe ribh 
armaichte, bithidh seilbh aca 'nur measg 
jèin anu an tìr Chanaain. 

31 Agus fhreagair clann Ghad, agus 
clann Reubein, ag ràdh, Mar a thubhairt 
an Tighearna ri d' sheirbhisich, mar sin ni 
sinne. 

32 Thèid sinn a nuU arraaichte roimh an 
Tighearna do thìr Chanaain, a chum gu 'rn 
bi sealbh ar n-oighreachd againn air au 
taobh so do lordan. 

33 Agus thug Maois dhoibh, eadhon do 
chloinn Ghad, agus do chloinn Reuhein, 
agus do leth thrèibh Mhanaseh, mhic Io- 
seiph, rìoghachd Shihoin righ nan Amor- 



CAIB. XXXIII. 



137 



|»ch, ajrus rìoghachd Og righ Bhasain, an 
tìr maille r'anailtibh anns na crìochaibh, 
>adhan bailte na dùthcha mu'n cuairt. 
34 Ag us thog clann Ghad Dibon, agus 

[Atarot, agus Aroer, 

I 35 Agus Atrot, Sophan, agus Iaser, agus 
flogbehah, 

36 Agus Bet-nimrah, agus Bet-haran, 
liailte daingnichte ; agus mainnirean air 
tson chaorach. 

37 Agus thog clann Reubein Hesbon, 
ìgus Elealeh, agus Ciriataim, 

38 Agus Nebo, agus Baal-meon, (air 
li'an ainmean a bhi air an atharrachadh,) 
Ì3gus Sibmah : agus thug iad ainmean eile 
: do na bailtibh a thog iad. 

. 39 Agus chaidh clann Mhachir, mhic 
fMhanaseh, do Ghilead, agus ghlac iad e, 
ivgns chuir iad à seilbh an t- Amorach a bha 
ftnn. 

■ 40 Agus thug Maois Gilead do Mhachir 
mac Mhanaseh ; agus ghabh e còmhnuidh 
ann. 

41 Agus chaidh Iaer mac Mhanaseh 
[ag-us ghìac e a bhailte beaga, agus thug e 
Habhot-iair mar ainm orra. 

42 Aaus chaidh Nobah agus ghlac e 
Cenat, àgus a bhailte beaga, agus thug e 
Nobah mar ainm air, a rèir 'ainme fèin. 



CAIB. XXXIII. 

/S iad so turusan chloinn Israeil, a chaidìi 
mach à tìr na h-Eiphit, a rèir an arm- 
iltean, fuidh làimh Mhaois agus Aaroin. 

2 Agus sgrìobh Maois an dol a mach a 
rèir an turusan, air àithne an Tighearn : 
agus is iad so an turusan, a rèir an dol a 
mach. 

3 Agus dh'imich iad o Rameses anns a' 
cheud mhìos, air a' chùigeadh làdeug do'n 

heud mhìos : air an là màireach an dèigh 
na càisge chaidh clann Israeil a mach le 
làimh àird ann an sealladh nan Eiphiteach 
uile. 

(Oir dh'adhlaic na h-Eiphitich an 
ceud-ghin uile, a bhuail an Tighearn 'nam 
measg : air an diathan mar an ceudna chuir 
an Tighearna breitheanas an gnìomh.) 
5 Agus dh' imich clann Israeil o Rame- 
| ses, agus champaich iad ann an Sucot. 
I 6 Agus dh'imich iad o Shucot, agus 
Ik'hampaich iad ann an Etam, a tha ann an 
liiomall an fhàsaich. 

i| 7 Agus dh' imich iad o Etam, agus phill 
I iad a rìs gu Pihahirot, a ta fa chomhair 
IBhaal-sephoin : agus champaich iad fa 
|:chomhair Mhigdol. 

I 8 Agus dh'imich iad o chomhair Phiha- 
| hirot, agus chaidh iad troimh mheadhon na 
lifairge do 'n fhàsach, agus dh' imich iad ast- 
|lar thri làithean ann àm fàsach Etaim, ag- 
jjus champaich iad ann am Màrah. 
| 9 Agus dh'imich iad o Mhàrah, agus 
llthàinig iad gu h-Elitn : agus ann an Elim 
\\bha dà thobar dheug uisge, agus deich 
j agus tri fìchead craobh phailme ; agus 
I ; champaich iad an sin. 
P 10 Agus dh'imich iad o Elim, agus 
|<champaich iad làimh ris a' mhuir ruaidh. 
I 11 Agus dh'imich iad o'n mhuir ruaidh, 
j agus champaich iad ann am fàsach Shin. 

12 Agus dh'imich iad à fcsach Shin, ag- 
\ ; us champaich iad ann an Dc;)hcah. 



13 Agus dh'imich iad o Dhophcah, agus 
champaich iad ann an Alus. 

14 Agus dh'imich iad o Alus, ague 
champaich iad ann an Rephidim, far nach 
robh uisge aig an t-sluagh r'a òl. 

15 Agus dh'imich iad o Rephidim, agus 
champaich iad ann am fàsach Shinai. 

16 Agus dh'imich iad o fhàsach Shinai, 
agus champaich iad ann an Cibrot-hataabh- 
ah. 

17 Agus dh' imich iad o Chibrot-hataabh- 
ah, agus champaich iad ann an Haserot. 

18 Agus dh'imich iad o Haserot, agus 
champaich iad ann an Ritmah. 

19 Agus dh'imich iad o Ritmah, agus 
champaich iad ann an Rimon-pares. 

20 Agus dh'imich iad o Rimon-pares, 
agus champaich iad ann an Libnah. 

21 Agus dh'imich iad o Libnah, agus 
champaich iad ann an Risah. 

22 Agus dh' imich iad o Risah, agus 
chaimpaich iad ann an Cehelatah. 

23 Agus dh' imich iad o Chehelatah, agus 
champaich iad ann an sliabh Sliapher. 

24 Agus dh'imich iad o shliabh Shapher, 
agus champaich iad ann an Haradah. 

25 Agus dh'imich iad o Haradah, agus 
champaich iad ann am Machelot. 

26 Agus dh'imich iad o Mhachelot, ag- 
us champaich iad ann an Tahat. 

27 Agus dh'imich iad o Thahat, agus 
cliampaich iad ann an Tarah. 

28 Agus dh'imicli iad o Tharah, agus 
cliampaich iad ann am Mitcah. 

29 Agus dh'imich iad o Mhitcah, agus 
champaich iad ann an Hasmonah. 

30 Agus dh'imich iad o Hasmonah,agus 
champaich iad ann am Moserot. 

31 Agus dh'imich iad o Mhoserot, agus 
cliampaich iad ann am Bene-iaacan. 

32 Agus dh'imich iad o Bhene-iaacan, 
agus champaich iad ann an Hor-hagidgad. 

33 Agus dh'imich iad o Hor-hagidgad, 
agus champaich iad ann an Iot-batah. 

34 Agus dh' imich iad o Iot-batah, agus 
champaich iad ann an Ebronah. 

35 Agus dh' imich iad o Ebronah, agus 
champaich iad ann an Esion-gaber. 

36 Agus dh' imich iado Esmn-gaber,ag- 
us champaich iad ann am fàsach Shin : is 
e so Cades. 

37 Agus dh'imich iad o Chades, agus 
champaich iad ann an sliabh Hor, ann an 
iomall fearainn Edoim. 

38 Agus chaidh Aaron an sagart suas gu 
sliabh Hor, air àithne an Tighearn, agus 
fhuair e bàs an sin, anns an rià fhichead- 
amh bliadhna an dèigh do chloinn Israeil 
teachd a mach à tìr na h-Eiphit, air a' 
cheud là do 'n chùigeadh mìos. 

39 Agus bha Aaron ceud agus fichead 
agus tri bliadhna dh'aois, an uairadh'eug 
e ann an sliabh Hor. 

40 Agus chuala righ Arad an Canaan- 
ach (a bha chòmhnuidh san àirde deas ann 
an tìr Chanaain) mu theachd chloinn Is^ 
raeil. 

41 Agus dh' imich iad o shliabh Hor, ag- 
us champaicli iad ann an Salmonah. 

42 Agus dh'imich iad o Shalmonah, ag- 
us champaich iad ann ain Punon. 

43 Agus dh'imich iad o Phunon, agus 
champaich iad ann an Obot. 



138 



AIREAMH. 



44 Agus dh' imich iad o Obot, agus 
charapaich iad ann an Iie-abarim, ann an 
crìch Mhoaib. 

45 Agus dh' imich iad o Iim, agus champ- 
aich iad ann an Dibon-gad. 

46 Agus dh' imich iad o Dhibon-gad, 
agus champaich iad ann an Almon-dibla- 
taim. 

47 Agus dh'imich iad o Almon-diblataim, 
agus champaich iad ann an slèibhtibh 
Abarim, fa chomhair Nebo. 

48 Agus dh' imich iad o shlèibhtibh Aba- 
rim, agus champaich iad ann an còmhnard- 
aibh Mhoaib, làimh ri Iordan am fagus do 
Iericho. 

49 Agus champaich iad làimh ri Iordan, 
o Bhet-iesimot eadhon gu Abel-sitim, ann 
an còmhnardaibh Mhoaib. 

50 Agus labhair an Tighearna ri Maois 
ann an còmhnardaibh Mhoaib, làimh ri 
Iordan amfagus do Iericho, ag ràdh, 

51 Labhair ri cloinn Israeil, agus abair 
riu, 'Nuair a thèid sibh a null thar Iordan, 
do thìr Chanaain ; 

52 An sin fògraidh sibh a mach uile 
luchd-àiteachaidh na tìre as bhur fianuis, 
agus cuiridh sibh as d' an dealbhan uile, 
agus sgriosaidh sibh an coslais leaghta uile, 
agus fàsaichidh sibh an ionadan àrda 
uile. 

53 Agus cuiridh sibh à seilbh luchd- 
àiteachaidh an fhearainn, agus ni sibh 
còmhnuidh ann : oir thug mise dhuibh am 
fearann r' a shealbhachadh. 

54 Agus roinnidh sibh am fearann le 
crannchur mar oighreachd am measg bhur 
teaghlaichean : dhoibh -san a 's lìonmhoire 
bheir sibh an oighreachd a 's mò, agus 
dhoibh-san a 's teirce bheir sibh an oigh- 
reachd a 's lugha : bithidh oighreachd gach 
duine san àit anns an tuit a chrannchur ; 
a rèir treubha bhur u-aithriche sealbh- 
aichidh sibh. 

55 Ach mur fògair sibh a mach luclid- 
àiteachaidh an fhearainn as bhur fianuis, 
an sin bithidh iadsan diubh d' an leig sibh 
fuireach, 'nan scolbaibh 'nur sùilean, agus 
'nam bioraibh 'nur taobhan, agus cuiridh 
iad campar oirbh san fhearann anns am 
bi sibli a chòmhnuidh. 

56 Os bàrr tarlaidh, mar a smuainich mi 
a dheanamh riu-san, gu 'n dean mi ribhse. 

CAIB. XXXIV. 
\ GUS labhair an Tighearna ri Maois, ag 
J\. ràdh, 

2 Aithn do chloinn Israeil, agus abair 
riu, 'Nuair a thig sibh do thalamh Cha- 
naain, (is e so am fearann a thuiteas oirbh 
mar oighreachd, eadhon fearann Chanaain 
maille r' a chrìochaibh,) 

3 An sin bithidh bhur cearn deas o fhàs- 
ach Shin, leth ri crìch Edoim, agus is i 
bhur crìoch mu dheas fìor iomall na fairge 
saillte a làimh na h-àird' an ear. 

4 Agus pillidh bhur crìoch o 'n taobh mu 
dheas gu dìreadh Acrabim, agus thèid i 
air a h-aghaidh gu Sin ; agus bithidh a dol 
a mach o 'n taobh mu dheas gu Cades- 
barnea, agus gabhaidh i roimpe gu Hasar- 
adar, agus thèid i air a h-aghaidh gu h-As- 
mon : 

i Agus bheir a' chrìoch cuairt o Asmon 



u amhainn na h-Eiphit, agus bithidh a 
ol a mach aig an fhairge. 

6 Agus a thaobh na crìch' an iar, bithidh \ 
agaihh eadhon an f hairge mhòr mar chrìch : j ìor 
bithidh a' chrìoch so 'na crìch dhuibli aii 
an làimh an iar. 

7 Agus is i so bhur crìoch air an làimli |U 
mu thuath : o 'r. fhairge mhòir comhar- 1 (ti 
aichidh sibh dhuibh fèin gu sliabh Hor. \\/_ 

8 O shliabh Hor comharaichidh sibhj jjt 
bhur crìoch gu dol a stigh Hamait ; agus 3 ,. 
bithidh dol a mach na crìche gu Sedad. ndh " 

9 Agus gabhaidh bhur crioch roimpe gy, ,r. 
Siphron, agus bithidh a dol a mach aig| 
Hasar-enan ; isi sobhur crìochmuthuath j m 

10 Agus comharaichidh sibh bhur crioch j 
air an taobh an ear o Hasar-enan gu Seph- , 
am. 

11 Agus thèid a' chrìoch sios o Sheph ) n ì 
am gu Riblah, air an taobh an ear do Ain 5 Ai 
agus thèid a' chrìoch sìos, agus ruigidh | 
gu taobh fairge Chineret a làimh na h-àird j ffl «. 
an ear. [ |g 

12 Agus thèid a chrìoch sìos gu Iordan ; ji 
agus bithidh a dol a mach aig a' ìnhuin «tl 
shaillte : is e so bhur fearann le 'chrìoch 1 
aibh mu 'n cuairt. 

13 Agus dh' àithn Maois do chloinn Is j 
raeil, ag ràdh, Is e so am fearann a shealbh- 5 > 
aicheas sibh le crannchur, a dh' àithn ar<(! 
Tighearna thoirt do na naoi treubhan, ag- j 
us do 'n leth thrèibh. 

14 Oir fhuair treubh chloinn Reubeir j 
an oighreachd, a rèir tighe an aithriche , s t, 
agus treubh chloinn Ghad a rèir tighe ai J y, 
aithriche; agus fhuair leth thrèibh Mha . ■ 
naseh an oighreachd. jnir 

15 Fhuair an dà threubh agus an letl n l 
thrèibh an oighreachd air an taobh so d« U » 
Iordan am fagus do Iericho, a làimh ns 4^, 
h-àird' an ear, leth ri èirigh na grèine. j igjj 

16 Agus labhair an Tighearna ri Maois , 
ag ràdh, à t 

17 Is iad so ainmeanna nan daoine s|siif. 
roinneas amfearann duibh : Eleasaran sag j a 
art, agus Iosua mac Nuin. 9 4 

18 Agus gabhaidh sibh aon cheannard d< j , r ,. : 
gach trèibh, a roinn an fhearainn ma fg 1 
oighreachd. d,'S 

19 Agus is iad so ainmeanna nan daoine ( ^ 
Do fhrèibh Iudah, Caleb mac Iephuneh. i n 

^O Agus do thrèibh chloinn Shimeoin | ìfe 
Semuel mac Amihuid. 

21 Do thrèibh Bheniamin, Elidad ma i ffi 
Chisloin. pi 

22 Agus ceannard trèibhe chloinn Dhar 1 th 
Buci mac Iogli. 

23 Ceannard chloinn Ioseiph, air soi j 1 % 
trèibhe chloinn Mhanaseh, Haniel ma 1 | a 
Ephoid. 13. 

24 Agus ceannard trèibhe chloinn Eph v }., 
raim, Cemuel mac Shiplitain. k\u 

25 Agus ceannard trèibhe chloinn She %i 
buluin, Elisaphan mac Pharnaicli. 

26 Agus ceannard trèibhe chloinn Isachl | H 
air, Paltiel mac Asain. uì 

27 Agus ceannard trèibhe chloinn Aseii 5 
Ahihud mac Shelomi. M 

28 Agus ceannard trèibhe chloinn Naph j g 
tali, Pedahel mac Amihuid. fc 

29 Is iad sin iadsan d' an d' àithn an Tigh j ; 
earn an oighreachd a roinn do chloinn Is ;' ; 
raeil ann an tìr Chanaain. 



CAIB. 

CAIB. XXXV. 
1 GUS labhair an Tighearna ri Maois 
\_ ann an còmhnardaibh Mhoaib, làimh 
Iordan amfaiius do lericho, ag ràdh, 
1 2 Aithn do cìiloinn Israeil, iad a thabh- 
rt do na Lebhithich, do oighreachd an 
I ilbh, bailte gu còmhnuidh a ghabhail 
1 nta : agus bheir sibh mar an ceudna do 
. Lebhithich fearann comh-roinn d' am 
iltibli mu'n cuairt orra. 
! 3 Agus bithidh na bailtean aca gu còmh- 
lidli a ghabhail annta, agus bithidh am 
3 irann comh-roinn air son an sprèidhe, 
J (tts air son am maoin, agus air son an 
''■7 pmhidheaii uile. 
s H Agus ruigidh fearann comh-roinn nam 

* Iitean, a bheirsibh do na Lebhithich, a 
*ch o bhalla a' bhaile, mìle làmh-choille 

? u'n cuairt. 

1 5 Agus tomhaisidh sibh o'n leth a muigh 
H 'n bhaile air an taobh an ear dà mhìle 
nh-choille, agus air an taobh mu dheas 
mhìle làmh-choille, agus air an taobh an 
" a f dà mhìle làrah-choille, agus air an taobh 
a u thuath dà mhìle làmh-choìlle ; agus 
' 1 hidh am baile sa' mheadhon : bithidh so 
oibh 'na fhearann comh-roinn d' am 
I iltibh. 

* 5 Agus am measg nam bailtean a bheir 
I >h do na Lebhithich, bithidh sè bailte 

- * um dìdein, a dh' orduicheas sibh air a 

on-san a mharbhas duine, chum gu'n 
a ch e an sin : agus riu-san cuiridh sibh 

r bhaile 's dà fhichead. 

M r Mar so is iad na bailte sin uile a bheir 
>h do na Lebhithich, ochd agus dà fhich- 
d baile : iad sin bheir sibh seachad agus 

%M ì fearann comh-roinn. 

• * i Agus bithidh na bailtean a bheir sibh 
" ichad do slieilbh chloinn Israeil : uatha- 

a aig am bheil mòran, bheir sibh mòran ; 

h uatha-san aig am bheil beagan, bheir 

>h beagan: bheir gach aon d'a bhailtibh 
«• na Lebhithich, a rèir 'oighreachd a ta 
siaf i' sealbhachadh. 

) Agus labhair an Tighearna ri Maois, 

• i ràdh, 

- 3» [0 Labhair ri cloinn Israeil, agus abair 

i, 'Nuair a bhios sibh air teachd thar Ior- 
>!« n do thìr Chanaain, 

aeii. 11 An sin orduichidh sibh dhuibh fèin 
ità ilte, gu bhi 'nam bailtibh dìdein dhuibh, 
ihum gu'n teich am marbhaiche an sin, 
i i» nharbhas neach an ain-fhios. 

12 Agus bithidh iad duibh 'nam bailtibh 
Dka chum dìdein o'n dìoghaltair ; a chum 

ch bàsaich esan a mharbhas duine, gus 
t a seas e an làthair a' chomhchruinnich 
I mi n am breitheanas. 

13 Agus do na bailtibh sin a bheir sibh 
: Epi ichad, bithidh sè bailtean agaibh a chum 

iein. 

d 3« 14 Bheir sibh seachad tri bailtean air an 

)bh so do Iordan, agus tri bailte bheir 
IbJ 'h seachad ann an tìr Chanaain, a bhios 

im bailtibh dìdein. 
\ià 15 Bithidh na sè bailte sin 'nan dìdein, 

aon do chloinn Israeil, agus do'n choig- 
M ich, agus dhasan a bhios air chuairt 'nam 

ìasg; a chum gu'n teich gaeh neach an 
sTil i, a mharbhas duine gun fhios. • 
m| 16 Agus ma bhuaileas se e le h-inneal 

•uinn, (air chor as gu'm bàsaich e,) is 



XXXV. 139 

mortaire: cuirear gu cinnteach am mor- 
tair gu bàs. 

17 Agus ma bhuaileas se e le clach a 
thilgeadh (a dh' fheudas a bhàs a thoirt,) 
agus gu'm bàsaich e, is mortair e : cuirear 
gu cinnteach am mortair gu bàs. 

18 No ma bhuaileas se e le làmh-bhall 
fiodha (a dh' fheudas a bhàs a thoirt,) agus 
gu'm faigh e bàs, is mortair e : cuirear gu 
cinnteach am mortair gu bàs. 

19 Marbhaidh dìoghaltair na fola e fèin 
am mortair : an uair a choinnicheas se e, 
marbhaidh se e. 

20 Ach ma bheir e urchuir dha tre 
fhuath, no ma thilgeas e ni sam bith air 
am plaid-luidhe, air chor as gu'm faigh e 
bàs; 

21 No ma bhuaileas se e Je a làimh ann 
an naimhdeas, air chor as gu'm faigh e bàs ; 
cuirear esan a bhuail e gun teagamh gu 
bàs ; oir is mortair e : marbhaidh dìogh- 
altair na fola am mortair, an uair a choinn- 
icheas se e. 

22 Ach ma thug e urchuir dha gu 
h-obann gun nainilideas, no ma thilg e ni 
sam bith air gun phlaid-luidhe ; 

23 No le cloich sam bith, a dh' fheudas 
bàs duine a thabhairt, gun e 'g a fhaicinn, 
agus gu'n do thilg e air i, air chor as gu'm 
faigh e bàs, agus nach bu namhaid da e, 
agus nach d' iarr e a chron ; 

24 An sin bheir an comhchruinneach 
breth eadar am marbhaiclie agus dìogh- 
altair na fola, a rèir nam breitheanas sin : 

25 Agus saoraidh an comhchruinneach 
am marbhaiche à làimh dìoghaltair na fola, 
agus cuiridh an comhchruinneach air ais e 
do bhaile a dliìdein, gus an do theich e: 
agus fanaidh e ann gu bàs an àrd-shagairt, 
a dh' ungadh leis an oladh naoimh. 

26 Ach ma thig am marbhaiche uair air 
bith an taobh a mach do chrìch baile a dhi- 
dein, gus an do theich e ; 

27 Agus gu'm faigh dìoghaltair na fola 
e an taobh a mach do chrìochaibh baile a 
dliìdein, agus gu'm marbh dìoghaltair na 
fola am marbhaiche ; cha bhi e ciontach 
do fhuil : 

28 A chionn gu'm bu chòir dha fuireach 
ann am baile a dhìdein gu bàs an àrd-shag- 
airt: ach an dèigh bàis an àrd-shagairt, 
pillidh am marbhaiche gu fearann a 
sheilbhe fèin. 

29 Akus bithidh na nithe sin 'nan reachd 
breitheanais dhuibh, air feadh bhur gineal- 
cha, 'nur n-àitibh-còmhnuidh uile. 

30 Ge b'e mharbhas neach sam bith, 
cuirear am mortair gu bàs le beul fhian- 
uisean : ach cha toir aon fhianuis teisteas 
an aghaidh neach sam bith a chum a chur 
gu bàs. 

31 Agus cha ghabh sibh èiric sam bith 
air son anama mortair, a tha ciontach do 
bhàs ; ach cuirear gu cinnteach gu bàs e. 

32 Agus cha ghabh sibh èiric sam bith 
air a shon-san a theich do bhaile a dhìdein, 
a chum gu'n tigeadh e rìs a ghabhail còmh- 
nuidh san fhearann, gu bàs an t-sagairt. 

33 Mar sin cha truaill sibh am fearann 
anns am bheil sibh ; oir truaillidh fuil am 
fearanu, agus cha 'n 'eil e 'n comas am 
fearann a ghlanadh do'n fhuil a dhòirteadh 
ann, ach le fuil an tì a dhòirt i. 



140 



DEUTERONOMI. 



34 Na salaichibh uime sin ara fearann 
anns am Li sibh a cliòmhnuidh, anns am 
bheil mise a'm' chòmbnuidh : a chi nn gu 
bheii mise an Tighearn a'm' chòinhnuidh 
am meadhon chloinn Israeil. 

CAIB. XXXVI. 

AGUS thàinig prìomh aithriche theagh- 
laiche chloinn Ghilead, mhic Mhachir, 
rnhic Mhanaseh, do theaghlaichibh mhac 
Ioseiph, am fagus, agus labhair iad an làth- 
air Mhaois, agus an làthair nan ceaunard, 
eadhon prìomh aithriche chloiun Israeil ; 

2 Agus thubhairt iad, Dh'àithn an Tigh- 
earna do m' thighearn am fearann a thoirt 
mar oighreachd le crannchur do chloinn Is- 
raeil, agus dh'àithneadh do ra' thighearna 
leis an Tighearn, oighreachd ar bràthar 
Shelophehaid a thoirt d'a nigheanaibh. 

3 Agus ma pliòsar iad ri h-aon do mhic 
nan treubh eite do chloinn Israeil, an sin 
bheirear an oighreachd-san o oighreachd 
ar n-aithriche, agus cuirear i ri oighreachd 
na trèibhe d'an gabhar iad : mar sin bheir- 
ear i o chrannchur ar n-oighreachd-ne. 

4 Agus au uair a bhios an iubile ann do 
chloiun Israeil, an sin cuirear an oigh- 
reachd ri oighreachd na trèibhe gus an do 
ghabhadh iad : mar sin bheirear an oigh- 
reachd-san air falbh o oighreachd thrèibhe 
»r n-aithric.he. 

5 Agus dh'àithn Maois do chloinn Israeil, 
a rèir focail an Tighearn, ag ràdh, Is ceart 
a labhair treubh mhac Ioseiph. 



6 Zseso an ni a dh' àithn an Tighearna 
thaobh niglieana Shelophehaid, ag ràdh, 
Pòsadh iad an neach a's àill leo ; a mhàir 
ri teaghlach thrèibhe an aithriche pòsaidli 
iad. 

7 Mar sin cha'n atharraich oighreachd 
chloiun Israeil o thrèibh gu trèibh ; oii 
dlùth-leanaidh gach duine do chloinn Is- 
raeil ri oighreachd trèibhe 'aithriche. 

8 Agus bithidh gacli nighean, a shealbh. 
aicheas oighreachd ann an trèibh sam bith 
do chloinn lsraeil, 'na mnaoi aig aon dc 

I theaghlach trèibhe a h-athar, a chum gi 
' meal clann Israeil gach duine dhiubh oigh 
reachd 'aithriche. 

9 Ni mò dh' atharraicheas an oighreachc 
o aon trèibh gu trèibh eile ; ach dlùth-lean- 
aidh gach duine do threubhaibh chloinn Is 
raeil r'a oighreachd fèin. 

10 Eadhon mar a dh' àithn an Tighearm 
do Mhaois, mar sin rinn nigheana She- 
lophehaid : 

11 Oir phòsadh Mahlah, Tirsah, agu; 
Hoglah, agus Milcah, agus Noah, nighean? 
Shelophehaid, ri mic bhràthar an athar. 

12 Piiòsadh iad ri fir do theaghlaichib! 
mhac Mhanaseh mhic Ioseiph, agus dh' 
fhan an oighreachd ann an trèibh teagh 
laich an athar. 

13 Is iad sin na h-àitheanlan, agus n< 
breitheanais, a dh' àithu an Tighearna 1< 
làimh Mhaois, do chloinn Israeil ann ai 
còmhnardaibh Mhaoib, làimh ri Iordan an 
fagus do Iericho. 



DEUTERONOMI. 



CAIB. I. 

7S iad so na briathran a labhair Maois ri 
h-Israel uile, air an taobh so do Iordan 
san fhàsach, anns a' chòmhnard fa chomh- 
air na mara rwndhe, eadar Paran, agus 
Tophel, agus Laban, agus Haserot, agus 
Disahab. 

2 ( Tha asdar aon là deug o Horeb, rath- 
ad slèibh Sheir, gu Cades-barnea.) 

3 Agus anns an dà fhicheadamh bliadh- 
na, anns an aon mhìos deug, air a' cheud 
là do'n mhìos, labhair Maois ri cloinn Is- 
raeil, a rèir nan uile nithe a dh'àithn an 
Tighearna dha d'an taobh ; 

4 An dèigh dha Sihon righ nan Amor- 
ach a mharbhadh, a bha chòmhnuidh ann 
an Hesbon, agus Og righ Bhasain, a bha 
ehòmhnuidh aig Astarot ann an Edrei, 

5 Air an taobli so do Iordan, ann an tìr 
Mhoaib, thòisich Maois air an lagh so chur 
an cèill, ag ràdh, 

6 Labhair an Tighearn ar Dia ruinn ann 
an Horeb, ag ràdh, Ghabh sibh còmhnuidh 
fada gu leòr san t-sliabh so : 



I 7 Pillibh agus gabhaibh bhur turus, ag 
I us rachaibh a chum slèibh nan Amorach 
i agus a chum nan ionadan uile am fagusd 
J anns a' chòmhnard, anns a' mhonadhì 
agus anns an t-srath, agus mu dheas 
agus ri taobh na fairge, gu fearann na 
Canaanach, agus gu Lebanon, a dh'ionn 
suidh na h-aimhne mòire, aimhne Euph; 
rates. 

8 Feuch, chuir mi 'n tìr roimhibh ; rach' 
aibh a steach, agus sealbhaichibh am fear 
ann a mhionnaich an Tighearna d' 'u 
n-aithrichibh, Abraham, Isaac, agus Iacol' 
gu'n tugadh e dhoibh e, agus da'n slioch / 
'nan dèigh. ' 

9 Agus labhair mi ribh san àm sin, aj 
ràdh, Cha'n urrainn mise bhur giùlan a'n; 
aonar : 

10 Rinn au Tighearna bhur Dia lìon 
mhor sibh, agus, feuch, tha sibh an diug 
mar reulta nèimh a thaobh lìonmhoii 
eachd. 

11 (Gu deanadh an Tighearna, Dia bhr, 
n-aithriche, sibh mìle uair ni's lìonmhoii 



CAIB. I. 



141 



Via sibh, agus gu'm beannaicheadh e 
i, mar a gheall e dhuibh !) 

12 Cionnus is urrainn mise leam fèin 
ur dragh a ghiùlan, agus bhur n-eallach, 

jus bhur comh-stri ? 

13 Gabhaiblise dhuibh fèin daoine glic | 
tuigseach, agus aithnichte 'nur 

■eubhaibh, agus ni mise iad 'nan ceanu- 
rdaibh oirbh. : 

14 Agus fhreagair sibh mi, agus thuhh- 
irt sibh, Tha an ni a labhair thu maith \ 
huinne r'a dheanamh. 

15 Agus ghabh mi cinn bhur treubhan, j 
loine glic, agus aithnichte, agus rinn mi ' 
id 'nan ceannardaibh oirbh, 'nan uachdar- 

ibh mhìlte, agus 'nan uachdaranaibh 
ìieuda, agus 'nan uachdaranaibh leth- i 
ìeuda, agus 'nan uacbdaranaibh dheich- i 
ear, agus 'nan luchd-riaghlaidh arn measg 
treubhan. 

16 Agus dh' àithn mi d' 'ur breitheamh- | 
aibh san àm sin, ag ràdh, Eisdibh ris na j 
ùisean a bhios eadar bhur bràithrean, ag- j 

thugaibh breth cheart eadar gach duine | 
js a bhràthair, agus an coigreach a ta \ 
ìaille ris. 

17 Cha bhi suim agaibh do neach seach I 
chèile ann am breitheanas ; ris a^ bheag 

didh sibh co mhaith is ris a' mhòr ; cha 
hi athadh oirbh roimh ghnùis duine, oir ! 

le Dia a' bhreth : agus a' chùis a bhios 
j-chruaidh oirbh, bheir sibh a m' ionn- 
idhs', agus èisdidh mise rithe. 

18 Agus dh' àithn mi dhuibh san àm sin 
l h-uile nithe bu chòir dhuibh a dhean- 
mh. 

19 Agus an uair a dh' fhalbh sinn o Ho- 
b, chaidh sinn troimh an fhàsach mhòr 

gus uamhasach sin uile, a chunnaic sibh | 
~slighe slèibh nan Amorach. a rèir mar j 

h' àithn an Tighearn ar Dia dhuinn; 
gus thàinig sinn gu Cades-barnea. 

20 Agus thubhairt mi ribh, Tha sibh air 
achd gu sliabh nan Amorach, a tha 'n 
'ighearu ar Dia a' tabhairt dhuinn. 

21 Feuch, chuir an Tighearna do Dhia 
m fearann romhad, imich suas, sealbhaich 

a rèir mar a thubhairt an Tigbearna Dia 
aithriche riut ; na biodh eagal ort, agus 
a biodh faitcheas ort. 

22 Agus thàinig sibh am fagus domhsa 
ach aon agaibh, agus thubhairt sibh, Cuir- 
amaid daoine romhainn, agus rannsaich- 
adh iad a mach dhuinn am fearann, agus 
hugadh iad fios d'ar n-ionnsuidh a rìsciod 
n t-slighe air an tèid sinn suas, agus ciod 
a bailte gus an tig sinn. 

23 Agus thaitinn a' chainnt rium gu 

«iaith; agus ghabh mi dà fhear dheug 
hibh, n f hear as gach trèibh. 

24 Agus thionndaidh iad, agus chaidh 
d suas do'n t-sliabh, agus thàinig iad 

•u gleann Escoil, agus rannsaich iad a 
aach e. 

25 Agus ghabh iad 'nan làimh do thor- 
dh an fhearainn, agus thug iad a nuas e 
'ar n-ionnsuidhne, agus thug iad fios duinn 

rìs, agus thubhairt iad, Is maith am fear- 
.nn a tha 'n Tighearn ar Dia a' tabhairt 
Ihuinn. 

26 Gidheadh, cha b' àill leibh dol suas, 
ch chuir sibh an aghaidh àithne an Tigh- 

na bhur Dè. 



27 Agus rinn sibh gearan 'nur bùth- 
aibh, agus thubhairt sibh, A chionn gu'm 
b' fhuathach leis an Tighearna sinn, thug e 
mach sinn à tìr na h-Eiphit, gu'r toirt 
thairis do làimh nan Amorach, a chur as 
duinn. 

28 C' àit an tèid sinn suas ? Chuir ar 
bràitbrean ar cridhe fuidh mhi-mhisnich, 
ag ràdh, Tha 'n sluagh ni's mò agus ni's 
àirde na sinne ; tha na bailtean mòra, agus 
daingnichte suas gu nèamh, agus os bàrr, 
chunnaic sinn mic nan Anacach an sin. 

29 An sin thubhairt mi ribh, Na biodh 
geilt oirbh, no eagal rompa. 

30 An Tighearna bhur Dia, a tha dol 
roimhibh, cogaidh esan air bhur son, a rèir 
nan uile nithe a rinn e air bhur son san 
Eiphit fa chomliair bhur sùl. 

31 Agus anns an fhàsach. far am faca tu 
cionnus a ghiùlan an Tighearna do Dhia 
thu, mar a ghiùlaineas duine a mhac, san 
t-slighe sin uile airan deachaidh sibh, gus 
an d'tbàinig sibh do'n àite so. 

32 Gidheadh san ni so cha do chreid sibh 
an Tighearna bhur Dia, 

33 A dhimich roimhibh san t-slighe, a 
rannsachadh a mach àite dhuibh gus ar 
bùtban a shuidheachadh ann, ann an teine 
san oidhche, a nochdadh dhuibh ciod an 
t-slighe air an imicheadh sibh, agus ann an 
neul san là. 

34 Agus chual' an Tighearna fuaim bhur 
briathran, agus bha corruich air, agus 
mhionnaich e, ag ràdb, 

35 Gu cinnteach cha'n fhaic a h-aon do 
dhaoinibh a' ghinealaich uilc so am fearann 
maith sin, a mhionnaich mise gu'n tugainn 
d' 'ur n-aithrichibh, 

36 Saor o Chaleb mac lephuneh ; chi 
esan e, agus dhasan bheir mi am fearann 
air an do shaltair e, agus d'a chloinn, a 
cbionn gu'n do lean e 'n Tighearna gu 
h-iomlan. 

37 Mar an ceudna bha fearg aig an 
Tighearna riumsa air bhur sgàth, ag ràdh, 
Cha tèid thusa fèin a steach an sin. 

38 Ach losua mac Nuin, a tha 'na sheas- 
amh a'd' làthair, thèid esan a steach an sin. 
Thoir misneach dha ; oir bheir e air Israel 
a shealbhachadh. 

39 Agus bhur leanbana a thubhairt sibh 
gu'm biodh iad 'nan creich, agus bhur 
clann, aig nach robh san là ud eòlas air 
maith seach olc, thèid iadsan a steach an 
sin, agus dhoihh-san bheir mi e, agus 
sealbhaicbidh iad e. 

40 Ach air bhur sonsa, pillibh, agus 
gabhaibh bhur turus do'n fhàsach, air 
slighe na mara ruaidhe. 

41 An sin fhreagair sibh agus thubhairt 
sibh rium, Pheacaich sinn an aghaidh an 
Tighearn, thèid sinn suas agus cogaidh 
sinn, a rèir nan uile nithe a dh' àithn an 
Tighearn ar Dia dhuinn. Agus chrios-, 
laich sibh oirbh gach fear agaibh 'airm 
chogaidh, agus bha sibh ullamh gu dol suas 
do'n t-sliabh. 

42 Agus thubhairt an Tighearna rium, 
Abair riu, Na rachaibh suas, agus na cog- 
aibh, oir cha 'n 'eil mise 'nur measg ; air 
eagal gu'm buailear sibh an làthair bhur 
naimhdean. 

43 Mar so labhair mi ribh, agus cba'ji 



142 



DEUTERONOMI. 



èisdeadh sibh, ach rinn sibh ceannairc an 
aghaidh àithne an Tighearn, agus chaidh 
sibh gu h-ann-dàna suas do'n t-sliabh. 

44 Agus thàinig na h-Amoraich, a bha 
chòmhnuidh sant-sliabh sin, a maeh 'nur 
n-aghaidh, agus ruaig iad sibh mar a ni 
beachan, agus chuir iad as duibh ann an 
Seir, eadhon gu Hormah. 

45 Agus phill sibh, agus gliuil sibh an 
làthair an Tighearn ; ach cha 'n èisdeadh an 
Tighearna ri 'r guth, agus cha tugadh e 
cluas duibh. 

46 Mar sin dh'fhan sibh ann an Cades 
raòran làithean, a rèir nan làithean a 
dh'fhan sibh an sin. 

CAIB. II. 
A N sin phill sinn, agus ghabh sinn ar 
JtjL turus do'n fhàsach, air sli«he na mara 
ruaidhe, mar a labhair an Tighearna rium- 
sa; agus chuairtich sinn sliabh Sheir mòr- 
an làithean. 

2 Agus labhair an Tighearna rium, ag 
ràdh, 

3 Chuairtich sibh an sliabh so fada gu 
leòr : pillibb ri tuath. 

4 Agiis àithn thusa do'n t-sluagh, ag 
ràdh, Tha sibh gu dol troimh chrìch bhur 
bràithre cloinn Esau, a ta chòmhnuidh ann 
an Seir, agus hithidh eagal orra roimhibh : 
ach thugaibh aire rahaith dhuibh fèin. 

5 Na beanaibh riu; oir cha toir mi 
bheag d'am fearann duibh, cha toir uiread 
as leud troidhe : a chionn gu'n d' thug mi 
sliabh Sheir a dh' Esau mar sheilbh. 

6 Ceannaichidh sibh biadh uatha le 
h-airgiod, a chum gu'n ith sibh ; agus mar 
an ceudna ceannaichidh sibh uisge uatha 
le h-airgiod, a chum gu'n òl sibh. 

7 Oir bheannaich an Tighearna do Dhia 
thn ann an uile oibribh do làimhe : is aith- 
ne dha do thriall troimh 'n fhàsacli mhòr 
so: rè an dà fhichead bhliadhna so bha 'n 
Tighearna do Dhia maille riut, cha robh 
uireasbhuidh ni sam bith ort. 

8 Agus an uair a chaidh sinn seachad 
o'r bràithribh cloinn Esau, a bha chòmh- 
nuidh ann an Seir, trìd shlighe a' chòmh- 
naird o Elat, agus o Esion-gaber, phill 
sinn, agus chaidh sinn seachad air slighe 
fàsaich Mhoaib. 

9 Agus thubhairt an Tighearna rium, 
Na buin gu naimhdeil ris na Moabaich, ag- 
us na dean strì riu ann an cath : oir cha 
toir mi dhuit a bheag d'am fearann mar 
sheilbh, a chionn gu'n d'thug mi Ar do 
chloinn Lot mar sheilbh. 

10 Bha na h-Eraich roimhe a chòmh- 
nuidh ann, sluagh mòr, agus lìonmhor, ag- 
us àrd mar na h-Anacaich; 

11 A mheasadh mar an ceudna 'nam 
famhairean mar na h-Anacaich, ach thug 
na Moabaich Emich mar ainm orra. 

12 Bha mar an ceudna na Horaich a 
chòmhnuidh roimhe sin ann an Seir; ach 
tbàinig clann Esau 'nan dèigh, agus chuir 
iarl as doibh as an sealladh, agus ghabh iad 
còmhnuidh 'nan àite, mar a rinn Israel ri 
fearann a sheilbh-san, a thug an Tigh- 
earna dhoibh. 

13 A nis èiribh suas, thubhairt mise, ag- 
as rachaibh thar sruth Shereid ; agus 
chaidh sinn thar sruth Shereid. 



14 Agus b'i 'n ùin' anns an d'thàinig sirii 
o Chades-barnea, gus an deachaidh sin: 
tliar sruth Shereid, ochd bliadbna deu> 
thar fhichead; gus an robh ginealach ai 
t-sluaigh-chogaidh uile air an caitheamh 
mach o mheasg an t-slòigh, mar a mhionn 
aich an Tighearna dhoiUh. 

15 Oir da rìreadh bha làmh an Tighearni 
'nan aghaidh, gu'n sgrios o mheasg a 
t-slòigh, gus an do c.hlaoidheadh iad. 

16 Agus tharladh, 'nuair a bha na fir 
chogaidh uile air an claoidh, agus air bàs 
acbadh o mheasg an t-sluaitrh, 

17 Gu'n do labhair an Tighearna riurt 
ag ràdh, 

18 Tha thu gu dol thairis an diug) 
troimh Ar, crìoch Mhoaib. 

19 Agus an uair a thig thu 'm fagu 
thall fa chomhair chloinn Amoin, na buii 
gu naimhdeil riu, ni mò a bheauas tu riu 
oir cha toir mi dhuit sealbh sam bith d< 
fhearann chloinn Amoin, a chionn gu 'i 
d' thug mi e do chloinn Lot mar sheilbh. 

20 (Mheasadh sin raar an ceudna 'ni 
fhearann fhamhairean : ghnbh famhair 
ean còmhnuidh ann san t-sean aimsir, ag 
us thug na h-Amonaich Samsumaich raa 
ainm orra, 

21 Sluagh mòr agus lìonmhor, agus àr< 
mar na h-Anacaich; ach sgrios an Tigh 
earn iad rompa, agus tliàinig iad 'nai 
dèigh, agus ghabh iad còmhnuidh 'nai 
àite : 

22 Mar a rinn e ri cloinn Esau a bh? 
chòmhnuidh ann an Seir, an uair a sgrio: 
e na Horaich rompa ; agus thàinig iad 'nai 
dèigh, agus ghabh iad còmhnuidh 'nai 
àite, eadhon gus an là 'n diugh : 

23 Agus na Habhaich a bha chòmh- 
nuidh ann an Haserim, eadhon gu Had- 
sah, sgrios na Caphtoraich a tliàinig f 
mach a Caphtor iad, agus ghabh iad còmh 
nuidh 'nan àite.) 

24 Eiribh suas, gabha : bh bhur turns 
agus rachaibh thar sruth Arnoin : feuch 
thug mi do d' làimh Sihon an t-Amorach 
righ Hesboin, agus 'fhearann ; tòisich aii 
a shealbhachadh, agus dean stri ris ann ac 
cath. 

25 Air an là 'n dingh tòisichidh mi aii 
t-uamhann-sa, agus t'eagal, a chur air n? 
cinnich a ta fuidh nèamh uile, a chluinn- 
eas iomraclh ort; agus criothnaichidh iad 
agus bithidh cràdh orra a'd' làthair. 

26 Agus chuir mi teaclidairean à fàsacli 
Chedemoit gu Sihon righ Hesboin, le 
briathraibh sìth, ag ràdh, 

27 Leig dhomh gabhail troimh t't'hear- 
ann : imichidh mi romhara air an ratliad 
mhòr, cha tionndaidh mi aon chuid a 
chum na làimhe deise, no chum na làimhe 
clìthe. 

28 Biadh air son airgid reicidh tu rium, 
a chum gu'n ith rrri, agus uisge air son air- 
gid bheir thu dhomh, a chum gu'n òlmi; 
a mhàin imichidh mi romham do ra' 
chois, 

29 (Mar a rinn clann Esau rium, a tha 
chòmhnuidh ann an Seir, agus na Moab- 
aich a tha chòmhuidh ann an Ar) gus an 
tèid mi thar Iordan, do'n fhearann a tha 
'n Tighearn ar Dia a' toirt duinn. 

30 Ach cha leigeadh Sihon Righ Hesb- 



CAIB. III. 



143 



hrt 



leinn dol troimh 'fkearann: oir 
ruaidhich an Tighearna do Dhia a 
jiorad, agus rinn e a chridhe rag, a chum 
u'n tugadli e thairis e do d' làiinh, mar a 
hitliear air au là 'n diugh. 

31 Agus thubhairt au Tighearna rium, 
èuch, thòisich mi air Sihon agus 'fhear- 
an a thoirt thairis a' d' fhianuis : gabh 
;albh, a cbum gu'in bi 'fhearann agad 
lar oighreaclid. 

32 An sin tbàinig Sihon a mach 'nar 
-agbaidh, e fèin, agus a shluagh uile, a 
ìogadh aig Iahas. 

33 Agus thug an Tighearn ar Diathairis 
roinhaiun, agus bhuail sinn e fèin, agus 
mhic, agus a shluagli uile. 

34 Agus ghlac sinu a bhailtean uile san 
n sin, agus sgrios sinn gu tur fir, agus 

agus clann bheag gach baile ; clia 
fhàg sinn a h-aon a làthair : 

35 A mhàin ghabh sinn duinn fèin an 
prèidh mar chobhartach, agus creach nam 
ailteau a ghlac sinn. 

O Aroer, a ta air bruaich shruth 
Lrnoin, agus o 'n bhaile a ta làimli ris an 
■sruth, eadhon gu Gilead, cha robh aon 
haile tuille 's làidir air ar son : thug an 
'ighearn ar Dia iad uile thairis duinu. 
37 A mhàin gu fearann chloinn Amoin 
ha d thàinig thu, no gu àite sam bith am 
tgus do shruth Iaboic, no gus na bailtihh 
m tneasg nam beann, no gu àite sam bith 
thoirmisg an Tighearn ar Dia dhuinn. 

CAIB. III. 
A N sin phill sinn, agus chaidh sinn suas 
LJL air an t-slighe gu Basan : agus thàinig 
°f righ Bhasain a mach 'nar n-aghaidh, 
tèin agus a shluagh uile, gu cath aig Ed- 
ei. 

2 Agus thubhairt an Tighearna riumsa, 
>Ia biodh eagal ort roimhe : oir do d' 
àimh-sa bheir mise thairis e fèin, agus a 
hluagh uile, agus 'fhearann ; agus ui thu 
is mar a rinn thu ri Sihon righ nan Amor- 
icli, a bha chòmhnuidh aig Hesbon. 

3 Mar sin thug an Tigbearn ar Diatliai- 
s d'ar làimh-ne mar an ceudna Og righ 

3hasain, agus ashluagh uile : agus bhuail 
inn e, gus nach d' fhàgadh a h-aon beò 
ùge. 

4 Agus ghlac sinn a bhailtean uile san 
im sin; cha robh baile uach d'thugsinn 
latha, tri fichead baile, dùthaich Argoib 
ùle, rìoghachd Og ann am Basan. 

5 Btia na bailte sin uile air an daing- 
Jeachadh le balla àrd, le geataibb agus le 
srannaibh, a thuilleadh air bailtibh gun 
)halla, ro-mhòran. 

6 Agus sgrios sinn gu tur iad, mar a rinn 
ìinn air Sihon righ Hesboin, a' lèir-sgrios 
'hear, bhan, agus chloinne gach baile. 

7 Ach ghabh sinn an sprèidh uile, agus 
;reach nam bailte mar chobhartach dhuinn 

in. 

8 Agus thug sinn san àm sin àlàimh dà 
righ nan Amorach, am fearann a ta air an 
l:aobh so do Iordan, o shruth Arnoin gu 
iliabh Hermoin : 

9 (Thug na Sidonaich Sirion mar ainra 
Hermon, agus thug na h-Amoraich 

Senir mar ainm air ;) 

10 Bailteau a' chòmhnaird uile, agus 



Gilead uile, agus Basan uile, gu Salcha ag- 
us Edrei, bailtibh rìoghachd Og ann am 
Basan: 

11 Oir bha Og righ Bhasain a mhàin a 
làthair do fhuigheall nam famhairean ; 
feuch, a leaba, bu leaba iaruinn i -. nach 
'eili ann an Kabat chloinn Amoin ? ò'iad 
naoi làmha-coille a fad, agus ceithir 
làmha-coille a leud, a rèir làirnh-choille 
duine. 

12 Agus am fearann so, a shealbhaicli 
sinn san àm sin, o Aroer a ta làimh ri 
sruth Arnoin, agus leth slèibh Ghilead, 
agus a bliailte, thug mi do na Reubenich, 
agus do na Gadaich. 

13 Agus a' chuid eile do Ghilead, agus 
Basan uile, eadìion rìoghachd Og, thug mi 
do leth thrèibh Mhanaseh ; dùthaich Ar- 
goib uile, maille ri Basan uile, d' an ainm 
fearann nam famhairean. 

14 Ghabh Iair, mac Mhanaseh, dùthaich 
Argoib uile gu crìochaibh Ghesuri, agus 
Mhaachati; agustliuge Basan-Habhot-lair 
mar ainm oirre a rèir 'ainme fèin, gus an 
là 'n diugh. 

15 Agus thug mi Gilead do Mhachir. 

16 Agus do na Reubenich, agus do na 
Gadaich, thug mi o Ghilead eadhon gu 
sruth Arnoin, leth a' ghlinne, agus an 
t-iomall, eadhon gus an sruth laboc, crìoch 
cbloinn Amoin : 

17 An còmhnard mar an ceudra, agus 
Iordan, agus a chrìochan, o Cliineret, 
eadhon gu muir a' chòmhnaird, a' mhuir 
shaillte, fuidh Asdot-pisgah a làimh na 
h-àird' an ear. 

18 Agus dh'àithn mi dhuibh san àm sin, 
ag ràdh, Thug an Tighearna bhur Dia 
dhuibh am fearann so r' a shealbhachadli : 
thèid sibli a null fo 'r n-armaibh roimh 
bhur bràithre clann Israeil, gach neach a 
ta foghaiuteach a chum cogaidh. 

19 Ach fanaidh bhur mnài, agus bhur 
clann bheag, agus bhur sprèidh, (oir is 
aithne dliomh gu'm bheil mòran sprèidhe 
agaibh,) 'nur bailtibh a thug mi dhuibh, 

20 Gus an toir an Tighearna fois d' 'ur 
bràithribh, co mhaith agus dhuibhse, agus 
gus an sealbhaich iadsau mar an ceudna am 
fearann a tliug an Tighearna bhur Dia 
dhoibh an taobh thall do Iordan : agus au 
sin pillidh gach duine agaibh g'a sheilbh, a 
tliug rai dliuibh. 

21 Agus dh' àithn mi do Iosua san àm sin, 
ag ràdb, Chunnaic do shùile na h-uile 
nithe a rinn an Tighearna hhur Dia ris an 
dà righ sin : mar sin ni an Tighearna ris na 
rìoghachdaibh uile gus am bheil thu dol. 

22 Cha bhi eagal oirbh rompa : oir cog- 
aidh an Tighearna bhur Dia e fèin air 
bhur son. 

23 Agus ghuidh mi air an Tighearnasan 
àm sin, ;tg ràdh, 

24 O Thiiihearna Dhè, thòisich thu air 
do mhòraclid, agus do làmh chumhachd- 
ach a nochdadh do d' òglach : oircòanDia 
air nèarah no air talamh, a's urramn a 
dheanamh a rèir t'oibre-sa, agus a rèir do 
chumhachd-sa? 

25 Guidheam ort, leig dhomh dol thairis, 
agus am fearann maith sin fhaicinn a tha 'n 
taobh thall do Iordan, an sliabh maith siu, 
agus Lebanon. 



144 



DEUTERONOMI. 



" 26 Ach bha fearg air an Tighearna rium I 
air bhur son-sa, agus cha d' èisd e rium : 
agus thubhairt an Tighearna rium, Gu ma 
leòr leat e ; na labhair ni's mò rium mu 'n 
chùis so. 

27 Falbh suas gu mullach Phisgab, agus 
tog suas do shùile ris an àird' an iar, agus ris 
an àirde tuath, agus ris an àirde deas, agus 
ris an àird an ear, agus amhairc le d' shùil- 
ibh ; oir cha tèid thu thar lordan so. 

28 Ach thoir àithne do Iosua, agus thoir 
misneach dha, agus neartaich e : oir thèid 
esan thairis roimh an t-sluagh so, agus 
bheir e orra am fearann sin a chi thusa, a 
shealbhachadh raar oighreachd. 

29 Mar sin ghabh sinn còmhnuidh sa' 
ghleann thall fa chomhair Bhetpeoir. 

CAIB. IV. 

ANIS uime sin èisd, O Israeil, ris na 
reachdaibh, agus ris na breitheanais, 
a tha mise a' teagasg dhuibh a dheanamli, 
a chum gu 'm bi sibh beo, agus gu 'n tèid 
sibh a steach agus gu 'n sealbhaich sibh am 
fearann a bheir an Tighearna Dia bhur 
n-aithriche dhuibh. 

2 Cha chuir sibh a bheag ris an fhocal a 
tha mise ag àithneadh dhuibh, ni mò a 
bheir sibh ni sam bith uaith, a chum gu'n 
glèidh sibh àitheantan an Tighearna bhur 
Dè, a tha mise ag àithneadh dhuibh. 

3 Chunnaic bhur sùile Ciod a rinn 
an Tighearna thaobh Bhaal-peoir: oir 
na daoine sin uile a lean Baal-peor, sgrios 
an Tighearna bhur Dia iad as bhur 
measg. 

4 Ach tha sibhse alean ris an Tighearna 
bhur Dia, beò gach aon agaibh air an là 'n 
diugh. 

5 Feuch, theagaisg mi dhuibh reacbdan 
agus breitheanais, eadhon mar a dh'àithn 
an Tighearna mo Dhia dbomh, a chum 
gu'ndeanadh sibhse marsinanns anfhear- 
ann gus am bheil sibh a' dol g' a shealbh- 
achadh. 

6 Uime sin gleidhibh agus deanaibh 
iad ; oir is e so bhur gliocàs agus bhur 
tuigse ann an sealladh nan cinneach, a 
chluinneas na reachda sin uile, agus a 
their, Gu cinnteach is sluagh glic agus 
tuigseach an cinneach mòr so. 

7 Oir cia e an cinneach co mhòr, aig am 
bheil Dia am fagus doibh, mar a ta 'n Tigh- 
earn ar Dia-ne sna h-uile nithibh air son 
am bheil sinne a' gairm air ? 

8 Agus cia an cinneach co mhòr, aig ara 
bheil reachdan agus breitheanais co cheart 
ris an lagh so uile, a tha misea' curroimh- 
ibh air an là 'n diugh ? 

9 A mhàin thoir an aire dhuit fèin, agus 
glèidh t'anam gu dìchiollach, air eagal 
gu'n dì-chuimhnich thu na nithe sin a 
ehunnaic do shùilean, agus air eagal gu 'n 
dealaich iad ri d' chridhe uile làithean do 
bheatha ; ach teagaisg iad do d' mhic, ag- 
us do mhic do mhac : 

10 Gu h-àraidh an là a sheas thu an 
làthair an Tighearna do Dhè aun an Hor- 
eb, an uair a thubhairt an Tighearna 
riumsa, Tionail thugam an sluagh r' a 
chèile, agus bheir mi orra mo bhriathran 
a chluinntinn, a chum gu fòghlum iad 
^eagal a ghabhail romham rè nan uile làith- 



ean a bkios iad beò aìr an talamh, agas J 

gu 'n teagaisg iad an clann. 

11 Agus tbàinig sibh am fagus, agus j 
sheas sibh fuidh 'n t-sliabh ; agus bha 'n 
sliabh a' losgadh le teine gu meadhon 
nèimh, maille ri duibhre, neoil, agus dubh | 
dhorchadas. 

12 Agus labhair an Tighearna ribh a 
meadhon an teine : chuala sibh guth nam 
briathran, ach coslas sam bith cha 'n fhaca 
sibh ; a mhàin chuala sibh guth. 

13 Agus chuir e 'n cèill duibh a choimh- 
cheangal, a dh'àithn e dhuibh a choimh- : 
lionadh, eadhon deich àitheantan ; agusj 
sgrìobh e iad air dà chlàr chloiche. 

14 Agusdh'àithn an Tighearna dhorah-* 
sa san àm sin, reachdan agus breitheanais 
a theagasg dhuibh, achumgu'n deanadh 
sibh iad anns an fhearann a thèid sibh a 
null g' a shealbhachadh. 

15 Thugaibh uime sin an aire mhaithl 
dhuibh fèin, (oir cha'n fhaca sibh gnè cos- 
lais sam bith anns an là air an do labhair I 
an Tighearna ribh ann an Horeb, à meadh- 
on an teine,) 

16 Air eagal gu'n truaill sibh sibh fèin, 
agus gu'n dean sibh dhuibh fèin dealbh 
snaidhte, coslas riochd air bith, coslas fir 
no mnà. 

17 Coslas ainmhidh sam bith a tha air anì 
talamh, coslas eoin sgiathaich air bith a 
dli' itealaicheas san athar, 

18 Coslas ni sam bith a shnàigeas air an 
làr, coslas èisg air bith a tha sna h-uisgibh 
fuidh 'n talamh ; 

19 Agus air eagal gu'n tog thu suas do 
shùilean ri nèamh, agus an uair a chi thul 
a' ghrian, agus a' ghealach, agus na reult- 
an, eadhon slòigh nèimh uile, gu'ntairn-i 
gear thu gu cromadh sìos dhoibh, agus gu 
aoradh a dheanamh dhoibh, a roinn an 
Tigliearna do Dhia ris gach cinneach a ta 
fuidh nèamh uile. 

20 Ach ghabh an Tighearna sibhse, ag- 
us thug e mach sibh as an àmhuinn iar- 
uinn, as an Eiphit, gu bhi 'nur sluagh air 
son oighreachd dha fèin, mar air an là 'n 
diugh. 

21 Agus bha fearg aig an Tighearna rium- 
sa air bhur sousa, agus mhionnaich e nach 
rachainn thar Iordan, agus nach rachainn 
a steach do 'n fliearann mhaith sin a tha 'n 
Tighearna do Dhia a' tabhairt duit mar 
oighreachd. 

22 Ach is èigin domh bàs fhaotainn san 
fhearann so, cha tèid mi thar lordan ; ach 
thèid sibhse null, agus sealbhaichidh sibh 
am fearann maith sin. 

23 Thugaibh an aire dhuibh fèin, air ea- 
gal gu'n dì-chuimhnich sibh coimhcheang- 
al an Tighearna bhur Dè, a rinn e ribh, 
agus gu'n dean sibh dhuibh fèin dealbh 
snaidhte, coslas ni air bith a thoirmisg an 
Tighearn do Dhia dhuit : 

24 Oir is teine dian-loisgeach an Tigh- 
earna do Dhia ; is Dia eudmhor e. 

25 'Nuair a ghineas tu clann, agus clann 
cloinne, agus a dh'fhanas sibh fada san 
fhearann, agus a thruailleas sibh sibh fèin, 
agus a ni sibh dealbh snaidhte, coslas ni 
sam bith, agus a ni sibh olc ann an seall- 
adh an Tighearna do Dhè, agus a bhros- 
naicheas sibh e gu feirg ; 



CAIB. V. 



145 



i 26 Gairroeam nèamh agus talamh mar 
fhianuis 'nur n-aghaidh air an là 'n diugh, 

I.gu'n tiglèir-sgriosoirbh gu h-aithghearr as 
aa fhearann a chum am hheil sibh dol thar 

: Iordan g' a shealbhachadh : cha bhuanaich 

V sibh bhur làithean air, ach sgriosar sibh gu 
tar. 

■ 27 Agus sgapaidh an Tighearna sibh am 
J,measg nan cinneach, agus fàgar sibh tearc 

I an àireamh am measg nan cinneach, far an 
Jtoir an Tigliearna sibh. 
jj' 28 Agus an sin ni sibh seirbhis do dhiath- 
A aibh, obair làmha dhaoine, fiodh agus 

', elach, uach faic, agus nach cluinu, agus 
-Jtnach ith, agus nach gabh fàile. 
.J 29 Ach ma dh' iarras tu 'n Tighearna do 
JjDhia as a sin, amaisidh tu air, ma dh'- 
jjiarras tu e le d' uile chridhe, agus le d' uile 

l anam. 

Ji 30 'Nuair a bhios tu ann an àmhghar, 
Jagus a thig na nithe sin uile ort sna làith- 
Jibh deireannach, ma philleas tu chum an 
Jlrighearna do Dhè, agus ma bhios tu 
Tùmhal d' a ghuth; 

. Jj 31 (Oir is Dia tròcaireach an Tighearna 
Jdo Dhia-sa,) eha trèig e thu, ni mò a 

Jsgriosas e thu, no dhì-chuimhnicheas e 
■jcoimhcheangal t'aithriche, a mhionnaich e 

.Jdhoibh. 

1,1 32 Oir fiosraich a nis do na làithibh a 
lehaidh seachad, a bha romhad, o 'n là air 
. Jjan do chruthaich Dia an duine air an tal- 
.Jamh, agasjìosraich o aon iomall do nèamh 
: l^us an t-iomall eile, an robh riamh ni sam 
Mbith ann mar an ni mòr so, no 'n cualas ni 
•jjKOsmhuil ris? 

J 33 An cuala sluagh sam bith guth Dhè 
Ja* labhairt à raeadhon an teine, mar a 
'■ Jchuala tusa, agus an do mhair iad beò ? 
J 34 No 'n d' fheuch Dia ri dol gu cinn- 
. Jsach a ghabhail da fèin o mheasg cinnich 

|ej7e, le dèuchainnibh, le comharaibh, agus 
Jle h-iongantasaibh, agus le cogadh, agus le 
.Jtàimh chumhachdaich, agus le gàirdean 
Jsrote mach, agus le h-uamhasaibh rnòra, a 

Irèir nan uile nithe a rinn an Tighearna 
' ibhur Dia air bhur son san Eiphit fa chomh- 
J air bhur sùl ? 

I 35 Dhuitse nochdadh e, chum gu 'm 
^jhiodh fios agad gur e 'n Tighearn a' s Dia 
"Jlann ; cha 'n 'eil ann ach e. 
'jt 36 A nèamh thug e ort a ghuth a 

lchluinntinn, a chum gu 'n teagaisgeadh e 
Jlthu; agus air talamh nochd e dhuit a 
jjthèine mòr, agus chuala tu a bhriathran à 
4 meadhon an teine. 

J 37 Agus a chionn gu 'n do ghràdhaich e 
Jt' aithriche, uime sin thagh e an sliochd 
Ji'nan dèigh, agus thug e thusa mach 'na 
Jishealladh, le 'cbumhachd mòr, as an 
'J' Eiphit ; 

I 38 A dh' fhuadachadh a mach chinneach 
romhad, a 's mò agus a 's cumhachdaiche 
alnathusa, g' ad thoirt-sa stigh a thabhairt 
'ldhuit am fearainn 'na oighreachd, mar air 
Jan là 'n diugh. 

I' 39 Biodh agad fios uime sin an diugh, 
Jiagus thoir fa 'near ann ad chridhe, gur e 'n 
J; Tighearn a 's Dia ann air nèamh shuas, ag- 

lius air an talamh a bhos : cha 'n'eil ann 
Jjach e. 

Jj 40 Gleidhidh tu uime sin a reachdan, ag- 
|ÌU6 'àitheantan, a tha mise ag ùithneadh 



dhuit an diugh, a chum gu' n èirich gu 
maith dhuit, agus do d' chloinn a' d' dhèigh, 
agus a chum gu 'm buanaich thu do làith- 
ean air an fhearann, a bheir an Tighearna 
do Dhia dhuit gu bràth. 

41 An sin chuir Maois air leth tri bailtean 
air an taobh so do Iordan, leth ri èirigh na 
grèine ; 

42 A chum gu 'n teicheadh am marbh- 
aiche an sin, a mharbh a choimhearsnach 
gun fhios da, agus gun fhuath aige dha 
san aimsir a chaidh seachad ; agus gu 'n 
teicheadh e gu h-aon do na bailtibh sin, 
agus gu maireadh e beò : 

43 Eadhon Beser san fhàsach, ann an 
dùthaich a' chòmhnaird, do na Reuben- 
ich ; agus Ramot ann an Gilead, do na 
Gadaich ; agus Golan ann am Basan, do 
na Manasaich. 

44 Agus is e so an lagh a chuir Maois 
roimh chloinn Israeil. 

45 Is iad so na teisteis, agus na reachd- 
an, agus na breitheanais, a labhair Maois 
ri cloinn Israeil, an uair a thàinig iad a 
mach as an Eiphit, 

46 Air an taobh so do Iordan sa' ghleann 
thall fa chomhair Bhet-peoir, ann am fear- 
ann Shihoin righ nan Amorach, a bha 
chòmhnuidh ann an Hesbon, a bhuail 
Maois agus clann Israeil, an dèigh dhoibh 
teachd a mach as an Eiphit : 

47 Agus shealbhaich iad 'fhearann, ag- 
us fearann Og righ Bhasain, dà righ nan 
Amorach, a bha air an taobh so do Iordan, 
leth ri èirigh na grèine ; 

48 O Aroer, a ta làitnh ri bruaich sruth 
Arnoin, eadhon gu sliabh Shihoin, a 's e 
Hermon, 

49 Agus an còmhnard uile air an taobh 
so do lordan a làimh na h-àird' an ear, 
eadhon gu muir a' chòmhnaird, fuidh 
thobraichibh Phisgah. 

CAIB. V. 

AGUS ghairm Maois air Israel uile, agus 
thubhairt e riu, Eisd, O Israeil, ris na 
reachdaibh agus na breitheanais a labhras 
mi 'nur cluasaibh air an là 'n diugh, a chum 
gu fòghlum sibh iad, agus gu 'n glèidh ag- 
us gu 'n dean sibh iad. 

2 Rinn an Tighearna ar Dia coimh- 
cheangal ruinn ann an Horeb. 

3 Cha d' rinn an Tighearn an coimh 
cheangal so r' ar n-aithrichibh, ach ruinne, 
eadhon ruinne a tha uile beò an so air an 
là 'n diugh. 

4 Aghaidh ri h-aghaidh labhair an Tigh- 
earna ribh san t-sliabh, à meadhon an 
teine, 

5 (Sheas mise eadar an Tighearn agus 
sibhse san àm sin, a nochdadh dhuibh foc- 
ail an Tighearn : oir bha eagal oirbh roimh 
an teine, agus cha deachaidh sibh suas do 'n 
t-sliabh,) ag ràdh, 

6 Is mise an Tighearna do Dhia, a thug 
a mach thusa à tìr na h-Eiphit, à tigh na 
daorsa. 

7 Na biodh dèe sam bith eile agad a' m' 
fhianuis. 

8 Na dean dhuit fèin dealbh snaidhte, 
no coslas air bith a dh' aon ni a ta shuas air 
nèamh, no a ta shìos air an talamh, no a ta 
sna h-uisgeachaibh fuidh 'n talamh. 

N 2 



146 



DEUTERONOMI. 



9 Na crom thu fèin 6ìos doibh, agus na 
dean seirbhis doibh : oir mise an Tighearna 
do Dhia, is Dia eudmhor mi, a' leantuinn 
aingidheachd nanaithrichean aira' chloinn, 
agus air an treas agus air a' cheathramh 
ginealuch dhiubhsan a dh' fhuathaicheas 
mi, 

10 Agus a' deanamh tròcair do mhiltibh 
dhiubhsan a ghràdhaicheas mi, agus a 
ghleidheas m' àitheantan. 

11 Na tabhair ainm an Tighearna do Dhè 
an dìomhanas : oir cha mheas an Tighearna 
neo-chiontach esan a bheir 'ainm an dìomh- 
anas. 

12 Thoir an aire là na sàbaid a naomh- 
achadh, mar a dh' àithn an Tighearn do 
Dhia dhuit. 

13 Sè làithean 8aothraichidh tu, agus ni 
thu t' obair uile ; 

14 Ach air an t-seachdamh là tha sàbaid 
an Tighearna do Dhè : air an là so cha 
dean thu obair sam bith, thu fèiu, no do 
mhac, no do nighean, no t' òglach, no do 
bhanoglach, no do dhamh, no t' asal, no 
aon air bith do d' sprèidh, no do choigreach 
a tha 'n taobh a stigh do d' gheataibh ; a 
chum gu 'n gabh t' òglach agus do bhauog- 
lach fois co mhaith riut fèin. 

15 Agus cuimhnich gu 'n robh thu fèin 
a' d' sheirbhiseach ann an tìr na h-Eiphit, 
agus gu 'n d' thug an Tighearna do Dhia 
mach as a sin thu, le làimh chumhachdaich 
agus le gàirdean sìnte mach : uime sin dh'- 
àithn an Tighearna do Dhia dhuit an t-sàb- 
aid a choimhead. 

16 Tabhair urram do t' athair agus do d' 
mhàthair, mar a dh'àithn an Tighearna do 
Dhia dhuit ; a chum gu 'm buanaichear do 
làithean, agus gu 'n èirich gu maith dhuit, 
san f hearann a bheir an Tighearna do Dhia 
dliuit. 

17 Na dean mortadh. 

18 Ni mò a ni thu adhaltrannas. 

19 Ni mò a ghoideas tu. 

20 Ni mò a bheir thu fianuis bhrèige an 
aghaidh do choimhearsnaich. 

21 Ni mò a mhiannaicheas tu bean do 
choimhearsnaich, ni mò a shanntaicheas 
tu tigh do choimhearsnaich, 'fhearann, no 
'òglach, no 'bhanoglach, no 'dhamh, no 
'asal, no ni air bith a 's le do choimhears- 
nach. 

22 Na briathra sin labhair an Tighearna 
r' 'ur coimhthional uile san t-sliabh, à 
meadhon an teine, an neoil agus an dubh 
dhorchadais, le guth mòr ; agus cha do 
chuir e tuilleadh ris: agus sgrìobh e iad 
air dà chlàr chloiche, agus thug e dhomhsa 
iad. 

23 Agus an uair a c-huala sibh an gpth à 
meadhon an drochadais, agus an t-slèibh a' 
losgadh le teine, an sin thàinig sibh am 
fagus domhsa, eadhon uile cheann- 
ardan bhur treubhan, agus bhur seanair- 
ean, 

24 Agus thubhairt sibh, Feuch, dh'- 
fhoiUsich an Tighearn ar Dia dhuinn a 
ghlòir, agus a mhòrachd, agus chuala sinn 
a ghuth à meadhon an teine: chunnaic 
Binn an diugh gu 'n labhair Dia ri duine, 
agus gu mair e beò. 

25 A nis uime sin c'ar son a gheibheam- 
aid bàs ? oir loisgidh an teine mòr so sinn. 



Ma chluinneas sinn guth an Tighearn ar 

Dè tuilleadh, an sin bàsaichidh sinn. 

26 Oir cò do 'n uile f heoil a chuala guth 
an Dè bheò a' labhairt à meadhon an teine, 
mar a rinn sinne, agus a mhair beò ? 

27 Theirig-sa am fagus, agus èisd ris na 
h-uile nithibh a their an Tighearn ar Dia; 
agus labhair thusa ruinne gach ni a their 
an Tighearn ar Dia riut, agus èisdidh sinne 
ris, agus ni sinn e. 

28 Agus chual' an Tighearna guth bhur 
briathra, 'nuair a labhair sibh rium : agus 
thubhairt an Tighearna rium, Chuala ìni 
guth bhriathran an t-sluaigh so, a labhair 
iad riut : is maith a thubhairt iad gach ni 
a labhair iad. 

29 O gu 'm biodh an gnè cridhe so annta, 
gu 'm biodh m' eagals" orra, agus gu 'n 
gleidheadh iad m' àitheantan uile a ghnàth. 
a chum gu'n èireadh gu maith dhoibh, agui 
d' an i loinn gu bràth ! 

30 Imich, abair riu, Rachaibh d' 'ur bùth- 
aibh a rìs. 

31 Ach do d' thaobhsa, seas an so làimh 
riumsa, agus labhraidh mi riut na h-àith- 
eantan uile, agus na reachdan, agus na 
breitheanais, a theagaisgeas tu dhoibh, a 
chum as gu 'n dean siad iad anus an fhear- 
ann a tha mise a' tabhairt dhoibh r' a 
shealbhachadh. 

32 Bheir sibh an aire uime sin gu 'n dean 
sibh mar a dh' àithn an Tighearna bhur Dia 
dhuibh : cha chlaon sibh a thaobh a chum 
na làimhe deise no clìthe. 

33 Anns gach slighe a dh'àithn an Tigh- 
earna bhur Dia dhuibh gluaisidh sibh, a 
chum gu 'm bi sibh beò, agusgw 'n èirich gu 
maith dhuibh, agus gu 'm buanaich sibb 
bhur làithean anns an fhearann a shealbh- 
aicheas sibh. 

CAIB. VI. 

ANIS is iad so na h-àitheantan, na 
reachdan, agus na breitheanais, a 
dh àithn an Tighearna bhur Dia a theag- 
asg dhuibh, a chum gu 'n deanadh sibh iad 
san fhearann d' am bheil sibh a' dol g' a 
shealbhachadh. 

2 A clium gu 'm biodh eagal an Tigh- 
earna do Dhe ort, gu 'n gleidheadh tu a 
reachdan uile, agus 'àitheantan, a tha 
mise ag àithueadh dhuit, thu fèin, agus do 
mhac, agus mac do mhic, uile làithean do 
bheatha, agus a chum gu 'm buanaichear 
do làithean. 

3 Eisd uime sin, O Israeil, agus thoir an 
aire gu 'n dean thu so, a chum gu 'n èirich 
gu maith dhuit, agus gu 'm fàs sibh ro- 
lìonmhor, mar a gheall an Tighearna Dia 
t' aithriche dhuit, ann am fearann a tha 
sruthadh le bainne agus mih 

4 Eisd, O Israeil : An Tighearn ar Dia- 
ne, is aon Tighearn e. 

5 Agus gràdhaichidh tu an Tighearna 
do Dhia le d' uile chridhe, agus le d' uil« 
anam, agus le d' uile neart. 

6 Agus bithidh na briathra so, a tha mi ag 
àithneadh dhuit an diugh, arn ad chridhe ; 

7 Agus teagaisgidh tu iad do d' chloinn, 
agus labhraidh tu orra 'nuair a shuidhea« 
tu a' d' thigh, agus an uair a dh' imicheas tu 
air an t-slighe, agus an uair a luidheas tu 
sìos, agus an uair a dh' èireas tu suas. 



CAIB. VII. 



8 Agus ceanglaidh tu iad mar chomhar- 
air do làimh, agus bithidh iad mar 
7iain eadar do shùilibh. 

9 Agus sgrìobhaibh tu iad air ursahm- 
)h dotliighe, agus air do gheataibh. 

10 Agus an uair a bheir an Tighearna do 
)hia thu do'n fhearann a mhiounaich e do 

aithrichibh, do Abraham, do Isaac, agus 
Iacob, gu'n tugadh e dhuit bailtean 
ira agus maithe, nach do thog thu 

11 Agus tighean làn do gach ni maith 
•ìach do lìon thu, agus tobraiche cladh- 
'iichte nach do chladhaich thu, fion-liosan 
igus liosan-olaidh nach do shuidhich thu, 
auair a dh'itheas tu agus a bhios tu air do 
..hàsachadh ; 

I 12 An sin thoir an aire air eagal gu'n 
ll-chuimhnich thu an Tighearn, a thug a 
I uach thu à tir na h-Eiphit, à tigh na daor- 

cL. 

| 13 Bithidh eagal an Tighearnado Dhè 
nrt, agus ni thu seirbhis dha, agus mionn- 
jiichidh tu air 'ainra. 

( 14 Cha tèid sibh an dèigh dhiathan eile, 
lllo dhiathaibh an t-sluaigh a tha mu'n 
[j'uairt oirbh ; 

[f 15 (Oir tha 'n Tighearna do Dhia 'na 
Dhia eudmhor 'nur measg ;) air eagal gu'n 
Has fearg an Tighearna do Dhè a'd' agh- 
liidh, agus gu'n sgrios e thu o aghaidh na 
l,almhainn. 

I 16 Cha bhrosnaich sibh an Tighearna 
j»hur Dia, mar a bhrosnaich sibh e anu am 
l.tfasah. 

I 17 Gleidhidh sibh gu dìochiollach àith- 
inantan an Tighearna bhur Dè, agus a 
Iheisteis, agus a reachdan, a dh'àithn e 
Ulhuit. 

[ 18 Agus ni thu an nì sin a ta ceart agus 
[inaith ann an sealladh an Tighearn ; a 
hhum gu'n èirich gu maith dhuit, agus 
Bju'n tèid thu steach, agus gu'n sealbhaich 
k.hu am fearann maith a mhionnaich an 
Mrighearna do d' aithrichibh ; 
[ 19 A thilgeadh a mach do naimhdean 
hiile romhad, mar a labhair an Tighearna. 
[i 20 'Nuair a dh'fhiosraicheas rìo mhac 
lilùot san aimsir ri teachd, ag ràdh, Ciod is 
\,riall do na teisteasaibh, agus do na reachd- 
lìiibh, agus do na breitbeanasaibh a dh'àithn 
m& Tighearn ar Dia dhuibh? 
I 21 An sin their thu ri d' mhac, Bha sinn 
j nar tràillibh aig Pharaoh san Eiphit, agus 
i ;hug an Tighearn a mach sinn as an Eiphit 

e làimh chumhachdaich. 
1 : 22 Agus nochd an Tighearna comharan 
lUgus iongantasan mòra agus doilgheasach 

Isan Eiphit, air Pharaoh, agus air a theagh- 
;<lach uile, fa chomhair ar sùl ; 
: 23 Agus thug e mach sinn as a sin, a 

;hum gu'n tugadh e sinn a stigh, a thoirt 
i ahuinn an fhearainn a mhionnaich e d'ar 
lin-aithrichibh. 

i 24 Agus dh'àithn an Tighearna dliuinn 
i na reachda sin uile a dheanamh, eagal an 
! Tighearn ar Dè bhi oirnn a chum ar maith 
i a ghnàth, a chum gu'n gleidheadh e beò 

sinn, mar air an là'n diugh. 

> 25 Agus bithidh e 'na fhìreantachd 
udhuinn, ma bheir sinn fa'near na h-àith- 

eantan so uile a dheanamh, an làthair an 

Tigheam ar Dè, mar a dh'àithn e dhuinn. 



CAIB. VII. 



NUAIR a blieir an Tighearna do Dhia 
thu stigh do'n fhearann achum am 



bheil thu dol g'a shealbhachadh, agus a 
thilgeas e mach romhad mòran chinneach, 
na Hitich, agus na Girgasaich, agus na 
h-Amoraich, agus na Canaanaich, agus na 
Peridsich, agus na Hibhich, agus na Iebus- 
aich, seachd cinnich a's mò agus a's cumh- 
achdaiche na thusa ; 

2 Agus an uair a bheir an Tighearna do 
Dhia iad thairis a d' làthair, buailidh tu 
iad, agus cuiridh tu gu tur as doibh ; cha 
dean thu coimhcheangal sam bith riu, ni 
mò a nochdas tu tròcair dhoibh : 

3 Ni mò a ni thu cleamhnas riu; do 
nighean cha toirthu d'a mhacsan, ni mò a 
ghabhas tu a niy:hean-san do d' mhacsa. 

4 Oir tionndaidh iad do mhac o mise a 
leantuinn, a chum gu'n dean iad seirbhis 
do dhiathaibh eile : mar sin lasaidh fearg 
an Tighearna 'nur n-aghaidh, agus sgrios- 
aidh e thu gu h-obann. 

5 Ach mar so buinidh sibh riu : sgrios- 
aidh sibh an altairean, agus brisidh sibh an 
dealbhan, agus gearraidh sibh sìos an doir- 
eachan, agus loisgidh sibh an coslais 
shnaidhte le teine. 

6 Oir is sluagh naomha do'n Tighearna 
do Dhia thusa : thagh an Tighearna do 
Dhia thu gu blii d' shluagh àraidh dha 
fèin, os ceann gach sluaigh a ta air agh- 
aidh na talmhainn. 

7 Cha do ghràdhaich an Tighearna sibh, 
ni mò a thagh e sibh, a chionn gu'n robh 
sibh ni bu lìonmhoire na sluagh sam bith 
eile; (oir is sibh bu teirce do gach uile 
shluagh ;) 

8 Ach a chionn gu'n do ghràdhaich an 
Tighearna sibh, agus a chum gu'n gleidh- 
eadh e na mionnan a mliionnaich e d' 'ur 
n-aithrichibh, thug an Tighearna raach 
sibh le làimh chumhachdaich, agus shaor 
e thu à tigh nan tràillean, à làimh Phar- 
aoh righ na h-Eiphit. 

9 Biodh fios agad uime sin, an Tigh- 
earna do Dhiagur esan Dia, an Dia fìrinn- 
each, a chumas coimhcheangal agus tròc- 
air riu-sau a ghràdhaicheas e, agus a 
ghleidheas 'àitheantan, gu mìle ginealach ; 

10 Agus a dhìolas orra-san a dh'fhuath- 
aicheas e, r'an eudain, a chum an sgrios : 
cha dean e moille d'a thaobh-san aig am 
bheil fuath dha ; dìolaidh e air r'a eudain. 

11 Gleidhidh tu uime sin na h-àitheant- 
an, agus na reachdan, agus na breithean- 
ais, a tha mi 'g àithneadh dhuit an diugh 
a dheanamh. 

12 Uime sin, ma dh'èisdeas sibh ris nn 
breitheanais sin, agus ma choimhideas ag- 
us ma ni sibh iad, cumaidh an Tighearna 
do Dhia riutsa an coimhcheangal agus an 
tròcair a mhionnaich e do d' aithrichibh. 

13 Agusgràdhaichidh e thu, agus beann- 
aichidh e thu, agus ni e lìonmhor thu : 
mar an ceudna beannaichidh e toradh do 
bhronn, agus toradh t'fhearainn, t'arbhar, 
agus t'fhìon, agus t'oladh, fàs do chruidh, 
agus treuda do chaorach, sau fliearann a 
mhionnaich e do d' aithrichibh a thabhairt 
duit. 

14 Bithidh tu beannaichte os ceann gach 
sluaigh ; cha bhi firionnach no boirionnach 



148 



DEUTERONOMI. 



neo-thorrach 'nur measg, no measg bhur 
sprèidhe. 

15 Agus bheir an Tighearn uait gach 
oucail, agus cha chuir e ort a h-aon air bith 
do dhroch ghalaraibh na h-Eiphit, a's 
aithne dliuit, ach cuiridh e iad orra-san 
uile le 'm fuathach thu. 

16 Agus sgriosaidh tu an sluagh sin uile 
a bheir an Tighearna do Dhia tliairis 
dhuit; cha ghabh do shùil truas riu : ni 
mò a ni thu seirbhis d'an diathaibh, oir 
bithidh sin 'na ribe dhuit. 

17 Ma their thu ann ad chridhe, Is mò 
na cinnich sin na mise, cionnus is urrainn 
mise an eur à seilbh ? 

18 Cha bhi eagal ort rompa ; ach cuimh- 
nichidh tu gu maith ciod a rinn an Tigh- 
earna do Dhia ri Pharaoh, agus ris na 
h-Eiphitich uile ; 

19 Na deuchainnean mòra a chunnaic 
do shùilean, agus na comharan, agus na 
h-iongantais, agus an làmh chumnachd- 
ach, agus an gairdean sìnte mach, leis an 
d'thug an Tighearna do Dhia mach thu : 
mar sin ni an Tighearna do Dhia ris an 
t-sluagh uile roimli am bheil eagal ort. 

20 Os bàrr, cuiridh an Tighearna do 
Dhia an consbeach 'nam measg, gus am bi 
iadsan a dh'fhàgar, agus a dh'fholaicheas 
iad lèin o d' ghnùis, air an sgrios. 

21 Cha bhi uamhann ort rompa ; oir 
tha 'n Tighearna do Dhia 'nur measg, Dia 
mòr, agus uamhasach. 

22 Agus cuiridh an Tighearna do Dhiaa 
mach na cinnich sin romhad a lìou beagain 
isbeagain: cha 'n fheud thu an sgrios a 
dh'aon bheum, air eagal gu'n fàs fiadh- 
bheathaiche na macharach lìonmhor ort. 

23 Ach bheir an Tighearna do Dliia iad 
thairis duit, agus sgriosaidh e iad le sgrios 
mòr, gus an cuirear as doibh. 

24 Agus bheir e an rìghre thairis do d' 
làimh, agus sgriosaidh tu an ainm o bhi 
fuidh nèamh : cha seas duine sam bith a'd' 
aghaidh, gus an cuir thu as doibh. 

25 Dealbhan snaidhte an dèe loisgidh 
sibh le teine : cha rahiannaich thu 'n 
t-airgiod no 'n t-òr a ta orra, ni mò ghabh- 
as tu e dhuit fèin, air eagal gu'n ribear 
thu leis : oir is gràineileachd e do'n Tigh- 
earna do Dhia. 

26 Ni mò bheir thu gràineileachd do d' 
thigh, air eagal gu'm bi thu a'd' ni mall- 
aichte cosmhuil ris : ach bheir thu fuath 
iomlan da, agus gabliaidh tu gràin deth gu 
tur, oir is ni mallaichte e. 

CAIB. VIII. 

NA h-àitheantan uile a tha mi ag àithn- 
eadh dhuitan diugh, bheirsibh an aire 
gu'n dean sibh iad, a chum gu'm bi sibh 
beò, agus gu'm fàs sibh lìonmhor, agus 
gu'n teid sìbh a stigh, agus gu'n sealbh- 
aich sibh am fearann, a mhionnaich an 
Tighearna d' 'ur n-aithrichibh. 

2 Agus cuiralinichidh tu an t-slighe sin 
uile air an do threòraich an Tighearna do 
Dhia thu rè an dà fhichead bhliadhna so 
anns an fhàsach, gu d' irioslachadh, gu d' 
dhearbhadh, a chiun gu'm biodh fios ciod 
a bh'mn ad chridhe, an gleidheadh tu' àith- 
#»antan, no nach gleidheadh. 

3 Agus dh'irioslaich e thu, agus thug e 



ort ocras fhulang, agus bheathaich e thu le 
mana, (ni nach b'aithne dhuit fèin, ni mò 
a b'aithne do d'aithrichibh e,) a chum gu'n 
tugadh e ort fios abhi agad nach ann le 
h-aran a rahàin a bheatliaichear duine, ach 
leis gach focal a thig a mach à beul an 
Tighearna bithidh duine beò. 

4 Cha do chaitheadh t'eudach dhìot le 
h-aois, ni mò a dh' at do chos rè an dà 
fhichead bhliadhna-sa. 

5 Blieir thu mar an ceudna fa'near ann 
ad chridhe, mar a smachdaicheas duine a 
mhac, gur ann mar sin a tha'n Tighearna 
do Dhia 'g ad smachdachadh-sa. 

6 Uime sin gleidhidh tu àitheantan an 
Tighearna do Dhè, a chum gu'n gluais thu 
'na shlighibh, agus gu'm bi eagal-san ort. 

7 Oir tha'n Tighearna do Dhia 'gad 
thabhairt gu fearann maith, fearann 
shruthau uisgeacha, thobraichean, agus 
dhoimhneachdan a tha 'g èirigh suas air 
feadh ghleann agus air feadh bheann ; 

8 Fearann cruithneachd, agus eòrna, ag- 
us fhìonainean, agus chraobhan figis, ag- 
us phomgranat, fearann oladh na craoibh- 
olaidh, agus meala ; 

9 Fearann anns an ith thu aran gun 
glioinne, cha bhi uireasbhuidh nì sam bith 
ort ann ; fearann aig am bheil a chlachan 
'nan iarunn, agus as a bheanntaibh cladh- 
aicliear umha. 

10 'Nuair a dh'itheas tu agus a shàsuich- 
ear thu, an sin beannaichidh tu an Tigh- 
earna do Dhia air son an fhearainn mhaith 
a thug e dhuit. 

11 l'hoir an aire nach dì-chuimhnich thu 
an Tighearna do Dhia, air chor as nacli 
glèidh thu 'àitheantan, agus a bhreithean- 
ais, agus a reachdan, a tha mise ag àithn- 
eadh dhuit an diugh. 

12 Air eagal, an uair a dh'itheas tu, ag- 
us a shàsuichear thu, agus a thogas tu 
tighean maithe, agus a chòmhnuicheas tu 
annta ; 

13 Agus a dh'fhàsas do bhuar agus do 
chaoraich, agus a mheudaichear t'airgiod 
agus t' òr, agus a mheudaichear gach ni a 
ta agad ; 

14 Gu'm bi an sin do chridhe air a thog- 
ail suas, agus gu'n dì-chuimhnich thu 'n 
Tighearna do Dhia, a thug a mach thu à 
tìr na h-Eiphit, agns à tigh na daorsa ; 

15 A threòraich thu troimh 'n fhàsach 
mhòr agus uamhasach sin, far an robh 
nathraichean loisgeach, agusscorpiona, ag- 
us ionada tartmhor, far nach robh uisge; 
a thug a mach dhuit uisge as a' charraig 
ailbhinn ; 

16 A bheathaich thu san fhàsach le mana, 
nach b'aithne do d' aithrichibh, a chum 
gu'n irioslaicheadh e thu, agus gu'n dearbli- 
adh e thu, a dheanamh maith dhuit ann 
ad làithibh deireannach ; 

17 Agus gu'n abair tliu ann ad chridhe, 
Fhuair mo chumhachd, agus neart mo 
làimhe, an saoibhreas so dhomh. 

18 Ach cuimhnichidh tu 'n Tighearn do 
Dhia : oir is esan a bheir comas dhuit 
beartas fhaghail, a chum gu'n daingnich e 
a choimhcheangal a rahionnaich e do d' 
aithrichibh, mar air an là'n diugh. 

19 Agus tarlaidh, ma dhì-chuirahnicheas 
tu air chor sam bith an Tighearna do Dhia, 



CAIB. IX. 



149 



• agus gu 'n gluais tlm an dèigh dhiathan 
» eile, agus gu 'n dean thu seirbliis doibh, ag- 

us gu n dean thu aoradh dhoibh, tha mi a' 

toirt fianuis nur n-aghaidh an diugh, gu'n 
i sgriosar gu tur sibh. 

20 Mar ua cinnich a tha 'n Tighearn a' 

sgrios roimh bhur gnùis, is amhuil sin a 
i thèid as duibhse ; a chionn nach b'àillleibh 

jhi ùmhal do ghuth an Tighearna bhur 

Dè, 

CAIB. IX. 

EISD, O Israeil : tha thugugabhail thar 
Iordan an diugh, gu dol a steach a 
I Bhealbhachadh chinneach a 's mò agus a 's 
treise na thu fèin, bailtean mòra agus 

• daingnichte suas gu nèamh ; 

I 2 Sluagh mòr agus àrd, clann nan Anac- 
ach, a 's aithne dhuit, agus mu 'n cual' thu 

i air a ràdh, Cò is urrainn seasamh roimh 
chloinn Anaic ? 

I I 3 Uime sin tuig thusa an diugh, gur e 'n 
IiTighearna do Dhia au Tì a thèid thairis 
è iromliad 'na theine caithteach : cuiridh 
4 esan as doibh, agus cuiridh e sìos iad a' d' 
llfhiauuis: mar sin fògraidh tu mach iad, 
liagus sgriosaidh tu iad gu grad, mar a 

thubhairt an Tighearna riut. 
I 4 Na labhair ann ad chridhe, an dèigh 
■jdo 'n Tighearna do Dhia an tilgeadh a 
Ilmach romhad, ag ràdh, Air son m' fhìr- 

■ eantachd fèin thug an Tighearna steach 
mi a shealbhachadh an fhearainn so ; ach 
air son aingidheachd nan cinneach sin 
tha 'n Tighearna 'g am fògradh a mach o 

■ d' làthair. 

H 5 Cha 'n ann air son t' fhìreantachd, no 
■jair son ionracais do chridhe, tha thu dol a 
I shealbliachadh am fearainn ; ach air son 
l aingidheachd nan cinneach sin tha 'n Tigh- 
liearn do Dhia 'g am fògradh a mach o d' 
■llàthair-sa, agus a chum gu 'n coimhlion e 

■ j'm focal a mhionnaich an Tighearna do 
lit' aithriehibh, Abraham, Isaac, agus Iacob. 
[j 6 Tuig uime sin nach ann air son 
!i t' fhìreantachd-sa a tha 'n Tighearna do 
I Dhia a' toirt duit an fhearainn mhaith so 
I r'a shealbhachadh ; oir iisluaghrag-mhuin- 
$ ealach thu. 

7 Cuimhnich, na dì-chuimhnich cionnus 
> ja bhrosnaich thu 'n Tighearna do Dhia gu 
I 'feirg san fhàsach : o'n là san deachaidh tu 

■ inach à tìr na h-Eiphit, gus an d' thàinig 
t sibh do 'n àite so, bha sibh ceannairceach 

an asrhaidh an Tighearn. 
I 8 Mar an ceudna ann an Horeb bhros- 
' naich sibh an Tighearna gu feirg, air chor 
( ias gu 'n robh corruich air an Tighearna 
ribh, a chum bliur sgrios. 
! 9 'Nuair a chaidh mise suas do 'n t-sliabh 
li >a ghabhail nau clàr chloiche, eadhon chlàr 
l'a' choimhcheangail a rinn an Tighearna 
jribh, an sin dh' fhan mi san t-sliabh dà 
[ifhichead là agus dà fhichead oidhche; 
t cha d' ith mi aran, ni mò a dh' òl mi uisge : 
£ ! 10 Agus thug an Tighearna dhomh dà 
i chlàr chloiche, sgrìobhta le meur Dhè; 

agus orra bha sgrìobhta rèir nan uile 
I , bhriathran a labhair an Tighearna ribh 
! jsan t-sliabh, à meadhon an teine, ann an 
ià a' chomhchruinnich. 
i 11 Agus tharladh, an ceann dhà fhichead 
•là agus dhà fhichead oidhche, gu 'n d' thug 



an Tighearna dhomhs' an dà chlàr chloiche, 
eadhon clàir a' choimhcheangail. 

12 Agus thubhairt an Tighearna rium, 
Eirich, imich sìos gu luath as a so ; oir 
thruaill do shluagh a thug thu mach as an 
Eiphit iadfèin; chlaon iad gu grad o 'n 
t-slighe a dh' àithn mise dhoibh ; rinn iad 
dhoibh fèin dealbh leaghta. 

13 A bhàrr air so, labhair an Tighearna 
rium, ag ràdh, Chunnaic mi an sluagh so, 
agus, feuch, is sluagh rag-mhuìnealach 
iad. 

14 Leig dhomh, a chum gu 'n sgrios mi 
iad, agus gu 'n dubh mi mach an ainm o 
bhi fuidh nèamh ; agus ni mi dhìotsa 
cinneach a 's cumhachdaiche agus a 's mò 
na iadsan. 

15 Mar sin phill mi, agus thàinig mi 
nuas o 'n t-sliabh, agus bha an sliabh a* 
losgadh le teine : agus bha dà chlàr a' 
choimhcheangail a' m' dhà làimh. 

16 Agus dh' amhairc mi, agus, feuch, 
bha sibh air peacachadh an aghaidh an 
Tigheama bhur Dè, rinn sibh laogh 
leaghta dhuibh fèin : Wia sibh air tionn- 
dadh a tliaobh gu grad as au t-slighe a 
dh' àithn an Tighearna dhuibh. 

17 Agus ghlac mi an dà chlàr, agus thìlg 
mi as mo dhà làimh iad, agus bhris mi iad 
fa chomhair bhur sùl. 

18 Agus thuit mi sìos am fìanuis an 
Tighearna, mar air tùs, dà fhichead là 
agus dà fhichead oidhche ; cha d' ith mi 
aran, ni mò dh' òl mi uisge, air son bhur 
peacannan uile a pheacaich sibh, le olc a 
dheanainh ann an sealladh an Tighearna, 
'ga bhrosnachadh gu feirg. 

19 (Oir bha eagal na feirge orm, agus na 
ro-chorruich leis an robh an Tighearnafear- 
gach 'nur n-aghaidh-sa chum bhur sgrios.) 
Ach dh' èisd au Tighearna rium san àm sin 
mar an ceudna. 

20 Agus bha ro-fhearg air an Tighearna 
ri h-Aaron a chum a sgrios : agus rinu mi 
urnuigh mar an ceudna air son A«roin san 
àm sin fèin. 

21 Agus ghabh mi bhur peacadh, an 
laogh a rinn sibh, agus loisg mi e le teine, 
agus phronn mi e, agus mheil mi gu mìn e, 
eadhon gus an d' rinneadh mìn e mar dhus- 
lach ; agus thilg mi a dhuslach san t-sruth 
a thàinig a nuas o 'n t-sliabh. 

22 Agus aig Taberah, agus aig Masah, 
agus aig Cibrot-Hataabhah, bhrosnaich 
sibh an Tighearna gu feirg. 

23 Mar an ceudna, 'nuair a chuir an 
Tighearna sibh o Chades-barnea, ag ràdh, 
Rachaibh suas, agus sealbhaichibh am fear- 
ann a thug mise dhuibh ; an sin rinn sibh 
ceannairc an aghaidh àithne an Tigliearna 
bhur Dè, agus cha do chreid sibh e, ni mò 
a dh' èisd sibh r' a ghuth. 

24 Bha sibh ceannairceach an aghaidh 
an Tighearn, o 'n là a b' aithne dliomhsa 
sibh. 

25 Mar so thuit mi sìos am fianuis an 
Tighearna dà fhichead )à agus dà fhich- 
ead oidhche, mar a thuit mi sìos air tùs 
a chionn gu 'n dubhairt an Tighearna gu 'n 
sgriosadh e sibh. 

26 Uime sin rinn mi urnuigh ris an 
Tighearn, agus thubhairt mi, O Thigh- 
earna Dhè, na sgrios do shluagh fèin, agus 



150 



DEUTERONOMT. 



f oighreachd, a shaor thu trìd do mhòr- 
achd, a thug thu mach as an Eiphit le 
làimh chumhachdaich. 

27 Cuimhnich do sheirbhisich, Abraham, 
Isaac, agus Iacob ; na h-amhairc air reasg- 
achd an t-sluaigh so, no air an aingidh- 
eachd, no air am peacadh ; 

28 Air eagal gu 'n abair am fearann as an 
d' thug thu mach sinn, A chionn nach 
b' urrainn an Tighearn an toirt a steach 
do 'n fhearann a gheall e dhoibh, agus a 
chionn gu 'n robh fuath aige dhoibh, tliug 
e mach iad g' am marbharlh san fhàsach. 

29 Gidheadh is iad do sliluagh iad, agus 
t' oighreachd, a thug thu mach le d' thrèin 
neart, agus le d' ghairdeau sìute mach. 

CAIB. X. 

SAN àm sin thubhairt an Tighearna rium, 
Snaidh dhuit fèin dà chlàr chloiche 
cosrahuil ris na ceud chlàir, agus thig a 
nìos a m' ionnsuidh-sa do 'n t-sliabh, agus 
dean dhuit àirc fhiodha. 

2 Agus sgrìobhaidh mise air na clàir na 
focail a bh' air na ceud chlàir a bhris thu, 
agus cuiridh tu iad san àirc. 

3 Agus rinn mi àirc do fhiodh sitim, 
agus shnaidh mi dà chlàr cliloiche cosmhuii 
ris na ceud chlàir, agus chaidh mi suas 
do 'n t-sliabh, agus an dà chlàr a' m' làimh. 

4 Agus sgrìobh e air na clàir a rèir a' 
cheud sgriobhaidh, na deich àitheantan, a 
labhair an Tighearna ribh san t-sliabh, à 
meadhon an teine, ann an là a' chomh- 
chruinnich : agus thug an Tighearn iad 
dhomhsa. 

5 Agus phill mise, agus thàinig mi nuas 
o 'n t-sliabli, aguschuirmi naclàir san àirc 
a rinn mi, agus an sin tha iad, mar a' 
dh' àithn an Tighearna dhomh. 

6 Agus dh' imich clann Israeil o Bherot 
ehloiun Iaacain gu Mosera : an sin fhuair 
Aaron bàs, agus dh' adhlaiceadh e an sin ; 
agus fhritheil Eleasar a mhac ann an 
dreuchd an t-sagairt 'na àite. 

7 As a sin dh' imich iad gu Gudgodah, 
agus o Ghudgodah gu Iotbat, fearann 
shruthan uisge. 

8 San àm sin chuir an Tighearn air leth 
treubh Lebhi, a ghiùlan àirce coimli- 
eheangail an Tighearn, a sheasamh an 
làthair an Tighearna gu frithealadh dha, 
agus a bheannachadh 'na ainm, gus an là 'n 
diugh. 

9 Uime sin oha'n 'eil aig Lebhi roinn no 
oìghreachd maille r' a bhràithribh ; is e 'n 
Tighearn a 's oighreachd dha, a rèir mar a 
gheall an Tighearn do Dhia dha. 

10 Agus dh' fhan mi san t-sliabh, a rèir 
na ceud ùine, dà fhichead là agus dà 
fhichead oidhche, agus dh' èisd an Tigh- 
earna rium mar an ceudna san àm sin, 
agus cha bu toil leis an Tighearn thusa a 
sgrios. 

11 Agus thubhairt an Tighearna rium, 
Eirich, imich roimh 'n t-sluagh, a clium 
gu 'n tèid iad a steach, agus gu 'n sealbhaich 
ìad am fearann, a mhionnaich mi d' an 
aithrichibh gu 'n tugainu doibh. 

12 Agus a nis, lsraeil, ciod a tha 'n 
Tighearna do Dhia a^ iarraidh ort, ach 
eagal an Tighearna do Dhè a bhi orr, 
gluasad 'na uile shligliibh, agus a ghràdh- 



achadh, agus seirbhis a dheanamh do 'n 
Tighearna do Dhia le d' uile chridhe, agus 
le d' uile anam ; 

13 Aitheantan an Tighearn a ghleidh- 
eadli, agus a reachdan, a tha mise ag àith- 
neadh dhuit an diugh air son do leas? 

14 Feuch, is leis au Tighearna do Dhia 
nèamh, agus nèamh nan nèamh, an tal- 
amh mar an ceudna, agus gach ni a ta 
ann. 

15 A mhàin bha tlachd aig an Tigh- 
earn a' d' aithrichibh g' an gràdhachadh, 
agus thagh e 'n sliochd 'nan dèigh, eadhon 
sibhse os ceann gach sluaigh, mar air an 
là 'n diugh. 

16 Timchioll-ghenrraibh uime sin roimh- 
chroicionn bhur cridhe, agus na bithibh 
rag-mhuinealach ni 's mò. 

17 Oir an Tighearna bhur Dia, is esan 
Dia nan dia, agus Tighearna nan tigh- 
earna, Dia mor, cumhachdach, agus 
uamhasach, aig nach 'eil bàigh ri neach 
seach a chèile, agus nach gabh duais. 

18 Tha e a' cur an gniomh breitheanais 
an dìlleachdain agus na bantraich, agus is 
toigh leis an coigreach, a' toirt dha bìdh 
agus eudaicli. 

19 Uime sin gràdhaichidh sibh an coig- 
reach ; oir bha sibh fèin 'nur coigrich aim 
an tìr na h-Eiphit. 

20 Bithidh eagal an Tighearna do Dhe 
ort ; dliasan ni thu seirbhis, agtis ris-san 
dlùtli-leanaidh tu, agus air 'ainm mionn- 
aichidh tu. 

21 Is esan do chliu, agus is esan do 
Dhia, a rinn air do shon na nithe mòr ag- 
us uamhasach ud, a chunnaic do shùilean. 

22 Le tri fichead agus deich anamanna 
chaidh t' aithriche sìos do 'n Eipliit ; agus a 
nis rinn an Tigliearna do Dhia thu mar 
reulta nèimh a thaobh lìonmhoireachd. 

CAIB. XI. 

AIR an aobhar sin gràdhaichidh tu 'n 
Tighearna do Dhia, agus gleidhidh tu 
a chùram, agus a reachdan, agus a blireith- 
eanais, agus 'àitheantan a ghnàtli. 

2 Agus biodh fiosagaibhse an diugh : oir 
ni 'n labhram r' 'ur cloinn do nach b' aithne, 
agusnach faca smachdachadh an Tighearna 
bhur Dè, a mhòrachd, a làmh churahachd- 
ach, agus a gliairdean sìute mach, 

3 Agus a chomharan, agus a ghninmh- 
aran, a rinn e ann am meadhon na h-Ei- 
phit, ri Pharaoli righ na h-Eiphit, agus r'a 
1 hearann uile ; 

4 Agus ciod a rinn e ri armailt nan Eiph- 
iteach, r' an eich, agus r' an carbadaibh; 
cionnus a thug e air uisge na mara ruaidhe 
dol tharta 'nuair a bha iad an tòir oirbh, 
agus cionnus a sgrios an Tighearn iad gus 
an là 'n diugh ; 

5 Agus ciod a rinn e dhuibhse san fhàs- 
ach, gus an d' thàinig sibh do 'n àite so ; 

6 Agus ciod a rinn e ri Datan agus Abi- 
ram, mic Eliaib, mhie Keubein ; cionnus a 
dh' fhosgail an talamh a blieul, agus a 
shluig e sios iad, agus an teaghlaicliean, 
agus am bùthan, agus a mhaoin uile a bha 
'nan seilbh, am meadhon Israeil uile. 

7 Ach chunnaic bhur sùilean-sagnìomh- 
aramòra an Tighearn uile, a rinn e. 

8 Uime sin gleidhidh sibli na h-àitheanta 



CAIB. XII. 



151 



lìin uile a tha mi ag àithneadh dhuibh air 
i \\o la 'n diugh, a ehum gu 'm hi sibh làidir, 

■* hgus gu'n tèid sibh a stigh agus gu'n sealbh- 
fiicli sibh am fearann, gus am bheil sibh a' 

3 iol g' a shealbbaehadh ; 

9 Agus £u 'm buanaich sibh bhur làith- 
>an anns an fhearann a mhionnaich an 

■ Fighearna d' 'ur n-aithrichibh gu 'n tugadh 
I > dhpibh e, agus d' an sliochd, fearaun a 
H Jia f-utliadh lè bainne agus mil. 

10 Oir cha 'n 'eil am fearann d' am bheil 
;hu dol a stigh g'a shealbliacbadh, mar 

■ 'hearann na h-Eiphit, o'n d' thàinig sibh 
i i nfach, far an robh thu cur do shìl, agus 

■j ir'or uisgeachadh le d' chois, mar lios lus- 
m : 

11 Ach am fearann gus am bheil sibh a' 
J ÌOi g a shealbiiachadh, is fearann bheann 

igus ghleann e : do fhrasachd nèimh 61- 
' tidli o uisge : 

12 Fearann d'am bheil an Tighearna do 
j Dhia a gabhail cùraim : tha sùilean an 

--<* righearna do Dhè air a ghnàth, o thois- 
>ach na bliadhna eadhon gu deire na 
"8 |)liadhna. 

13 Agus tarlaidh, ma dh'èisdeas sihh gu 
• lùrachdach ri m' àitheantaibhs', a tha mi 

ig àithneadh dhuibh air an là 'n diugh, an 
t ughearna bhur Dia a ghràdhachadh, ag- 
i is seirbhis a dheanamh dha le'r n-uile 

;hridhe, agus le 'r n-uile anam ; 
Ì 14 Gu'n toir mise dhuibh uisge bhur 
•< èaraiun 'na àm fèin, an ceud uisge, agus 
I in t-uisfl^e deireannach, agus eruinnichidh 

,u stighVarbhar, agus t'fhìon, agus t' ol- 
i idh. 

ri 15 Agus cuiridh mi feur a'd* mhachair 
■ lo d' sprèidh, agus ithidh tu, agus sàsaich- 
i tar thu. 

d 16 Thugaibh an aire dhuibh fèin, air 
I tagal gu meallar bhur cridhe, agus gu'n 
:laon sibh a leth-taobh, agus gu 'n dean sibh 
eirbhis do dhiathaibh eile, agus gu'n dean 
ibh aoradh dhoibh ; 
tt i 17 Agus gu 'n las fearg an Tigliearn 'nur 
ila ì-aghaidh, agusgu'n druid e suas nèamh, 
ni iir chor as nach bi uisge sam hith ann, ag- 
ìs nach toir am fearann a thoradh uaith, 
(i igusgu'nsgriosargugradsibhasanfhear- 
titn mn inhaith a tha 'n Tighearna a" tabhairt 
.1 luibh. 

i -i 18 Uime sin taisgidh sibh suas iad so mo 
lihriathra 'nur cridhe, agus 'nur n-anam, 
-»igus ceanglaidh sibh iad mar chomharadh 
Liiir bhur làimh ; agus bithidh iad mar eud- 
■main eadar bhur sùilibh. 
I 19 Agusteagaisgidhsibhiadd"urcloinn, 
-li' labhairt orra 'nuair a shuidheas tu a'd' 
j, i)«;high, agus an uair a dh' imicheas tu air an 
. àm-slighe, agus an uair a luidheas tu sìos, 

r igus an uair a dh'èireas tu suas. 
:M 20 Agus sgrìobhaidh tu iad air ursainn- 
I ;an doruis do thiglie, agus air dc gheat- 
nbli : 

• I 21 A chum gu'm bi bhur làithean lìon- 
, rahor, agus làithean bhur cloinne, san 
\ fhearann a mhionnaichan Tighearna d"ur 
.-iiBn-aithrichibh a thfiirt doibh, mar làithean 

J'Dèimh air an talamh. 
: • 22 Oir ma ghleidheas sibh gu dùrachd- 
ì ach na h-àitheantan so uile a tha mise ag 
àithneadh dhuibh a dheanamh, an Tigh- 
earna bhur Dia a ghràdhachadh, gluasad 



"na uile slilighibh, agus dlùth-leantuinn 

ris ; 

23 An sin tilgidh an Tighearn a mach na 
cinnich sin uile roimhibh, agus seallihaich- 
idh sibh cinnich a 's mò agus a 's cumhachd- 
aiche na sibh fèin. 

24 Gaeh àit air an saltair buinn bhur cos, 
is libhse : o'n fhàsach agus Lebanon, o "n 
amhainn, an amhainn Euphrates, eadhon 
gus an fhairge a's faide mach, bithidh 
bhur crìoch. 

25 Cha seas duine 'nur n-aghaidh : air 
gach fearann air an saltair sibh, cuìridh an 
Tighearna bhur Dia eagal agus geilt-chrith 
roimhibh, a rèir mar a thubhairt e ribh. 

26 Feuch, tlia mise a' cur fa'rcomhair 
air an là'n diugh beannachadh agus mall- 
achadh ; 

27 Beannachadh, ma bheir sibh gèill a 
dh'àitheantaibh an Tighearna bhur Dè, a 
tha mi ag àithneadh dhuibh air an là'n 
diugh : 

28 Agus mallachadh, mur toir sibh gèill 
a dh'àitheautaibh an Tighearna bhur Dè, 
ach gu'n claon sibh o'n t-slighe a tha mi 
ag àithneadh dhuibh an diugh, a dhol au 
dèigh dhiathan eile, nach b' aithne dhuibh. 

29 Agus tarlaidh 'nuair a bheir an 
Tighearna do Dhia thu stigh do 'n fhear- 
ann d'am bheil thu dol g' a shealbhachadh, 
gu'n cuir thu am beannachadh air sliabh 
Gheridsim, agus am mallachadh air sliabh 
Ebail. 

30 Nach 'eil iad air an taobh eile do Ior- 
dan, leth ri slighedol fuidhe na grèine, ann 
an tìr nan Canaanach, a tha 'g àiteachadh 
a' chòmhnaird fa c.homhair Ghilgail, làimh 
ri còmhnardaibh Mhoreh ? 

31 Oir thèid sihh thar Iordan, a dhol a 
stigh a shealbhachadh an fhearainn a tha 
n Tigliearna bhur Dia a' tabhairt duibh, 
agus sealbhaichidh sibh e, agus gabhaidh 
sibh còmhnuidh ann. 

32 Agus bheir sibh an aire gu'n dean 
sibh ua reachdan uile agus nabreithean- 
ais, a tha mi cur roimhibh air an Jà 'n 
diugh. 

CAIB. XII. 

/S iad so no reachdan agus nabreitheanais 
a bheir sibhse fa'near gu 'n dean sibh san 
fhearann a tha'n Tighearna, Dia t'aith- 
riche, a' toirt duit g' a shealbhachadh, uile 
làithean bhur beatlia air an talamh. 

2 Lèir-s^riosaidh sibh na h-àiteachanuile 
anns an d'rinn na cinnich a shealbhaicheas 
sibh seirbhis d an diathaibh, air na beannt- 
aibh àrda, agus air na cnocaibh, agus fuidh 
gabh craoibh ghlàis. 

3 Agus leagaidh sibh sìos an altairean, 
agus brisidh sibh an carraighean, agus 
loisgidh sibh an doireachan le teine, agus 
gearraidh sibh sìos dealbhan snaidhte an 
dèe, agus sgriosaidh sibh an ainm a mach 
as an àite sin. 

4 Cha dean sibh mar sin ris an Tigh- 
earna bhur Dia. 

5 Ach a dh'ionnsuidh an àite a rògh- 
naicheas an Tighearna bhur Dia as biiur 
treubhaibh uile, chum 'ainm a chur an 
sin, eadhon a dh' ionnsuidh 'àite-còmh- 
nuidh-san iarraidh sibh, agus gu sin +hig 
thu. 



152 



DEUTERONOMI. 



6 Agus bheir sibh gusin bbur tabhartais- 
loisgte, agus bhur n-ìobairtean, agus bliur 
deachamh, agus tabhartais-thogta bhur 
làiralie, agus bhur bòidean, agus bhur saor- 
thabhartais, agus ceud-ghin bhur cruidh 
agus bhur caorach. 

7 Agus ithidh sibh an sin an làtbair an 
Tighearna bhur Dè, agus ni sibh gaird- 
eachas s?nns gach ni ris an cuir sibh bhur 
làmh, sibh fein agus bhur teaghlaichean, 
anns an do bheannaich an Tighearna do 
Dhiatliu. 

8 Cha dean sibh a rèir nan uile nithe 
a tha sinn a' deanamh an sò an diugh, 
gach duine an ni a tha ceart 'na shùilibh 
fèin. 

9 Oir cha d'thàinig sibh fathast a dh'- 
ionnsuidh na foise, agusa dh'ionnsuidh na 
h-oighreachd a tha 'n Tighearua bhur Dia 
a' tabhairt duibh. 

10 Ach an uair a thèid sibh thar Iordan, 
agus a ghabhas sibh còmhnuidh san fhear- 
ann a bheir an Tighearna bhur Dia dhuibh 
r'a shealbhachadh, agus an uair a bheir e 
fois dhuibh o 'r naimhdibh uile mu'n cuairt, 
agus a ghabhas sibh còmhnuidh gu tèar- 
umte. 

11 An sin bithidh àit ann a thaglias an 
Tighearna bhur Dia, a thoirt air 'ainm 
cnmhnuidh a ghabhail ann : gu sin bheir 
*ibh na h-uile nithe a tha mise ag àith- 
neadh dhuibh ; bhur tabhartais-loisgte, 
agus bhur n-ìobairte, bhur deachamh, ag- 
us tabhartais-thogta bhur làimhe, agus 
taghadh bhur bòidean uile a bhòidicheas 
sibh do 'n Tighearn. 

12 Agus ni sibh gairdeachas an làthair an 
Tighearna bhur Dè, sibh fèin, agus bh.ur 
mic, agus bhur nigheanan, agus bhur n-òg- 
laich, agus bhur banoglaich, agus an Le- 
bhitheach a tha 'n taobh a stigh d' 'ur geat- 
aibh; do blirìgh nach 'eil roinn no oigh- 
reachd aige maille ribh. 

13 Thoir an aire dhuit fèin, nach ìobair 
thu t' ìobairtean-loisgte anus gach àit a chi 
thu. 

14 Ach anns an àit a thaghas an Tigli- 
earn as aon do d' threubhaibh, an sin ìob- 
raidli tu t'ìobairtean-loisgte, agus an sin ni 
thu na h-uile nithe a tha mise ag àith- 
neadh dhuit. 

15 Gidheadh,feudaidh tu feoil a roharbh- 
adh agus itheadh a' d' gheataihh uile, ge b'e 
ni air am bheil miann aig t'anam, a rèir 
beannachaidh an Tighearna do Dhèa thug 
e dhuit: feudaidh an neòghlan agus an 
glan itheadh dheth ; raar do 'n bhoc-earba, 
agus do'n t'hiadh. 

* 16 A mhàin cha'n ith sibh an fhuil ; air 
an talamh dòirtidh sibh i mar uisge. 

17 Cha 'n f heud thu deachamh t' arbhair 
itheadh an taobh a stigh do d' gheataibh, no 
t'fhìona, no t'olaidh, no ceud-ghin do 
ehruidh no do chaorach, no h-aon air bith 
do d' bhòidibh a bhòidicheas tu, no do 
shaor-thabhartais, no tabhartais-thogta do 
làimhe : 

18 Ach an làthair an Tighearna do Dhe 
ithidh tu iad anns an àitathaghas an Tigh- 
eama do Dhia, thu fèin, agus do mhac, 
agus do nighean, agus t'òglach, agus do 
bhanoglach, agus an Lebhitheach a 'tha 'n 
taobh a stigh do d' gheataibh : agus ni thu 



gairdeachas an làthair an Tighearna d( 
Dhè anns gach ni ris an cuir thu do làrnh 
an. 

19 Thoir an aire dhuit fèin, nach trèi{ 
thu an Lebhitheach an feadh is beò thi 
air t' fhearann. 

20 'Nuair a leudaicheas an Tighearna d» 
Dhia do chrìoch, mar a gheall e dhuit, ag 
us a their thu, Ithidh mi feoil, (a chioni 
gu bheil t'anain a' miannachadh feoil ith 
eadh,) a rèir uile mhiann t'anama feud 
aidh tu feoil itheadh. 

21 Ma bhios an t-àit a tbagh an Tigh 
earna do Dhia a chur ainme an sin, ro 
fhada uait; an sin marbhaidh tu di 
d' bhuar, agus do d' threud, a thug ai 
Tighearna dhuit, mar a dh'àithn misi 
dhuit, agus ithidh tu an taohli a stigh di 
d' gheataibh gach ni is miannach le t'an- 
am. 

22 Eadhon mar a dh' ithear an ruadh 
bhoc, agus am fiadh, mar sin ithidh tu e 
ithidh an neòghlan agus an glan deth ai 
an aon dòigh : 

23 A mhàin thoir an ro-aire nach ith tht 
'n thuil : oir is i 'n fhuil a' bheatha ; agu 
cha 'n fheud thu a' bheatha itheadh maill 
ris an fheoil. 

24 Clia 'n ith thu i ; air an talamh dòirt 
idh tu i mar uisge. 

25 Cha'n ith thu i, chum gu'n èirich gi 
maith dhuit, agus do d' chloinn a'd' dhèigh 
'nuair a ni thu an ni a ta ceart ann ai 
sùilibh an Tighearn. 

26 A mhàin gabhaidh tu do nithe naomh; 
a tha agad, agus do bhòidean, agus thèi' 
thu do'n àit a thaghas an Tighearn. 

27 Agus ìobraidh tu t'ìobairtean loisgtf 
an fheoil agus an fhuil, air altair an Tigh 
earna do Dhè; agus dòirtear a mach fui' 
t' ìobairtean air altair ann Tighearna d< 
Dhè, agus ithidh tu 'n fheoil. 

28 Thoir an aire, agus èisd ris na briath 
raibh sin uile a tha mi ag àithneadh dhuil 
a chum gu'n èirich gu maith dhuit fèÌD 1 
agus do d' chloinn a d' dhèjgh gu bràth 
an uair a ni thu an ni a tha maith agu 
ceart ann an sùilibh an Tighearna do Dhè 

29 'Nuair a ghearras an Tighearna d< 
Dhia as na cinnich romhad, a tha thu do 
a steach an sud a chum an sealbhachadh 
agus a thig thu 'nan àite, agus a ghabha 
tu còmhnuidh : nam fearann ; 

30 Thoir an aire dhuit fèin nach ribea 
thu le'n leantuirin, an dèigh dhoibh bhi ai 
an sgrios as do làthair, agus nach fiosraicl 
thu mu thimchioll an dèe, ag ràdh, Cionnu 
a rinu na cinnich sin seirbhis d'an diath 
aibh ? ni mise mar sin mar an ceudna. 

31 Cha dean thusa mar sin ris an Tigh 
earna do Dhia : oir gach gràineileacbd do'i 
Tighearn a's fuathach leis, rinn iadsan d'ai ( 
diathaibh ; oir eadhon am mic agus an nigh ! 
eana loisg iad san teine d'an diathaibh. 

32 Gach ni a tha mise ag àithneadl 
dhuibh, thugaibh an aire gu'n dean sibh e 
cha chuir thu ris, ni mò bheir thu ni san 
bith uaith. 

CAIB. XIII. 

MA dh'èireas suas 'nur measg fàidh, n< 
fear a chi aisling, agus gu 'n toir • 
dhuit comharadli no iongantas^g 



CAIB. XIV. 



J53 



I Agus gu'n tig an comharadh no'n t-ion- 
ntas gu crìch, air an do labhair e riut, ag 
Rachamaid an dèigh dhiathan eile, 
b' aithne dhuit, agùi deanamaid seir- 
is doibh : 

Cha 'n èisd thu ri briathraibh an fhàidh 
no ris an fhear sin a chi aisling: oir 
'n Tighearna bhur Dia 'gur dearbhadh, 
Ih' fheuchainn am bheil sibh a' gràdh- 
ìadh an Tighearna bhur Dè le 'r n-uile 
ridhe. agus le 'r n-uile anam. 
Andeigh an Tighearna bhur Dè gluaìs- 
sibh, agus bithidh 'eagal-san oirbh, ag- 
gleidhidh sibh 'àitheantan, agus èisdidh 
5 r' a ghuth, agus ni sibh seirbhis da, ag- 
dlùth-leanaidh sibh ris. 

• Agus cuirear am fàidh sin, no am fear 
a chi aisling, gu bàs ; a chionn gu 'n do 
hair e chum sibhse chur air seacharan 
1 Tighearna bhur Dia, a thug a raach 
h à tìr na h-Eiphit, agus a dh" thuasgail 
h à tigh na daorsa. chum t' iomain a j 
ich as an t-slighe anns an d' àitlin an i 
ghearna do Dhia dhuit imeachd ; mar 1 

cuiridh tu air falbh an t-olc as do ; 
.eadhon. 

Wì Ma chuireas do bhràthair, mac do 1 
ìàthar, no do mhac fèin, no do nighean, : 
bean-phòsda t' uchd. no do charaid, a tha i 
uit mar t' anam, impidh ort ann an uaig- ! 
as, ag ràdh, Rachamaid agus deanamaid | 
irbhis do dhiathaibh eile, nach b' aithne ' 
uit fèin, no do t' aithrichibh ; 

I Eadhon do dhiathaibh nan cinneach a 
a mu 'n cuairt oirbh, am fagus duit, no I 
da uait, o'n dara ceann do'n talamh eadh- [ 
i gus an ceann eile do 'n talamh ; 

8 Cha 'n aontaich thu leis, ni mò a dh'- 
sdeas tu ris ; ni mò a ghabhas do shùil 
uas ris, ni mò a chaomhnas no cheileas 
e: 

• Ach cuiridh tu gu cinnteach gu bàs e ; 
thidh do làmh fèin'an tùs air g' a mharbh- 
Ih, agus an dèigh sin làmh an t-sluaigh 
le. 

10 Agus clachaidh tu e le clachaibh, a 
um gu 'm bàsaich e ; a chionn gu 'n d' iarr 
do tharruing o 'n Tighearna do Dhia, a 
ug a mach thu à tìr na h-Eiphit, à tigh 
daorsa. 

II Agus cluinnidh Israel uile, agus bith- 
eagal orra, agus cha dean iad ni 's mò a 

ithid' so do ghmomh aingidh 'nur measg. 

12 Ma chluinneas tu ann an aon do d' 
hailtibh, a tliug an Tighearna do Dhia 
huit gu còmhnuidh a ghabhail ann, neach 

^^r bith ag ràdh, 

13 Chaidh daoine àraidh, clann Bheliail, 
mach as bhur measg, agus bhuair iad 

ìchd-àiteachaidh am baile, ag ràdh, Rach- 
maid agus deanamaid seirbhis do dhiath- 
ibh eile, nach b' aithne dhuibh ; 

14 An sin fiosraichidh tu, agus rannsaich- 
Ih tu, agus feòraichidh tu gu dùrachd- 
ch; agus, feuch, ma 's fìrinn e, agus 

bheil a' chùis deirbhte, gu 'n do rinn- 
adh a' ghràineileachd sin 'nur measg ; 

15 Gu cinnteach buailidh tu luchd-àit- 
achaidh a' bhaile sin le faobhar a' chlaidh- 
imh, 'ga sgrios gu tur, agus gach ni a ta 
nn, agus a sprèidh, le faobhar a' chlaidh- 
imh. 

16 Agus cruinnichidh tu a chreach uile 



gu meadhon a shràide, agus loisgidh tu le 
teine ara baile, agus a chreach uile gu 
h-iomlan, air son an Tighearna do Dhè : 
agus bithidh e 'na thòrr a chaoidh ; cha 
togar suas e ni 's mò. 

17 Agus cha lean ri d' làimh-sa a bheag 
do 'n nfmhallaichte ; a chum gu 'm pill an 
Tighearn o lasair 'fheirge, agus gu nochd 
e tròcair dhuit, agus gu 'n aean e iochd 
riut, agus gu 'n toir e ort fàs lìonmhor, mar 
a mhionnaich e do t' aithrichibh; 

18 'Xuair a dh' èisdeas tu ri guth an 
Tighearna do Dhè, a ghleidheadli 'àith- 
eantan uile a tha mi ag àithneadh dhuit 
an diugh, a dheanamh an ni a ta ceart ann 
an sùilibh an Tighearna do Dhè. 

CAIB. XIV. 

/Ssibhse clann an Tighearna bhur Dè : 
cha ghearr sibh sibh fèin, ni mò a ni 
sibh lomadh air bith eadar bhur sùilean 
air son mairbh : 

2 Oir is sluagh naomha thu do 'n Tigh- 
earna do Dhia, agus thagh an Tighearn 
thu gu bhi a' d' shluagh sònraichte dha 
fèin, thar gach uile chinneach a tha aìr 
aghaidh na talmhainn. 

3 Cha 'n ith thu ni gràineil sam bith. 

4 Is iad so na beathaichean a dh' itheas 
sibh : an damh, a' chaora, agus a' ghabhar, 

5 Am fiadh, agus au rua"dh-bhoc, agus 
an dathais, agus a' ghabhar fhiadhaich, 
agus an t-earr-gheal, agus an damh fiadh- 
aich, agus an somer. 

6 Agus gach beathach a roinneas an 
ionga, agus asgoilteas sgoltadh an dà ionga, 
agus a chnàmhas a' chìr am measg nan 
ainmhidhean, sin ithidh sibh. 

7 Gidheadh, iad so cha 'n ith sibh dhiubh- 
san a chnàmhas a' chìr, no dhiubhsan a 
roinneas an ionga sgoilte, mar an càmhal, 
agus a' mhaigheach, agus an coinean ; oir 
cnàmhaidh iad a' chìr, ach cha roinn iad. 
an ionga : neòghlan tha iad dhuibh. 

8 Agus a' mhuc, a chionn ged a roinn i 
'n ionga, nach cnàmh i a' chìr, tha i neò- 
ghlan dhuibh : d' am feoil cha : n ith sibh, 
agus r' an cairbh cha bhean sibb. 

9 Iad so ithidh sibh dhiubhsan uile a ta 
sna h-uisgeachaibh : gach ni air am bheil 
itean agus lannan, itludh sibh ; 

10 Agus gach ni air nach 'eil itean agus 
lannan, cha 'n ith sibh : tha e neòghlan 
dhuibh. 

11 Gach eun glan ithidh sibh. 

12 Ach is iad so iadsan do nach ith sibh : 
an iolair, agus an cnàimh-blmsteach, agus 
an iolair-uisge, 

13 Agus an croman-gabhlach, agus an 
clamhan, agus am fang a rèir a ghnè. 

14 Agus gach fitheach a rèir a ghnè, 

15 Agus a' chaiileach-oidhche, agus an 
t-seabhag-oidhche, agus a' chuacli, agus 
an t-seabhag a rèir a gnè. 

16 Agus a' chailleach-oidhche bheag, ag- 
us a' chailleach-oidhche mhòr, agus an 
eala, 

17 Agus am pelican, agus an iolair- 
fhionn, agus an sgarbh, 

1S Agus a' chorra-bhàn, agus a' chorra- 
ghlàs a rèir a gnè, agus an t-adharcan- 
luachrach, agus an ialtag. 

19 Agus tha gach ni snàigeach a dh • 

o 



154 



DEUTERONOMI. 



itealaicheas, neòghlan dhuibh : cha 'n ith- 
ear iad. 

20 Gach eun glan ithidh sibh. 

21 Cha 'n ith sibh ni sam bith abhàsaich- 
eas dheth fèin : bheir thu e do 'n choigreach 
a tha 'n taobh a stigh do d' gheataibh, 
chum gu 'n ith se e, no reic e ris an eilthir- 
each : oir is sluagh naomha thu do 'n Tigh- 
earna do Dhia. Cha bhruich thu meann 
ann am bainne a mhàthar. 

22 Bheir thu seachad gu ceart deachamh 
uile chinnis do shìl. a bheir am fearann 
uaith o bhliadhna gu bliadhna. 

23 Agus ithidh tu 'm fianuis an Tigh- 
earna do Dhè, san àit a thaghas e chum 
'ainm a chur an sin, deachamh t' arbhair, 
t' fhìona, agus t' olaidh, agus ceud-ghin do 
chruidh, agus do chaoracli ; a chum gu 
fòghlum thu engal an Tighearna do Dhe a 
bhi ort a ghnàth. 

24 Agus ma bhios an t-slighe ro-fhada 
dhuit, air chor as nach urrainn thu a 
ghiùlan, a chionn an t-àite bhi fada uait, a 
thaghas an Tighearna do Dhia a chur 
'ainme an sin, an uair a bheannaicheas an 
Tio-hearna do Dhia thu ; 

25 An sin ni thu airgiod deth, agus 
ceanglaidh tu suas an t-airgiod a' d' làimh, 
agus~thèid thu chum an àit a thaghas an 
Tighearna do Dliia : 

26 Agus bheir thu an t-airgiod sin air 
son gach ni a mhiannaicheas t' anam, air 
son buair, no air son chaorach, no air son 
tìona, no air son dibhe làidir, no air son 
gach ni a mhiannaiclieas t' anam : agus ith- 
idh tu an sin an làthair an Tighearna do 
Dhè, agus ni thu gairdeachas, thu fèin, 
agus do theaglilach. 

27 Agus an Lebhitheach a tha 'n taobh a 
stigh do d' gheataibh, cha trèig thu e : oir 
<-ha 'n 'eil roinn no oighreachd aige maille 
riut. 

28 Aig crìoch thri bliadhna bheir thu 
inach uile dheachamh do chinnis air a 
bhliadhna sin fèin, agus taisgidh tu suas e 
an taobh a stigh do d' gheataibh : 

29 Agus thig an Lebhitheach, (a chionn 
nach 'eil roinn no oighreachd aige maille 
riut,) agus an coigreach, agusan dìlleachd- 
an, agus a' bhantrach, a tha 'n taobh a stigh 
do d' gheataibh, agus ithidh iad, agus sàs- 
uiehear iad ; a chum gu 'm beannaich an 
Tighearna do Dhia thu ann an uile oibribh 
do làimhe a ni thu. 

CAIB. XV. 

AN ceann gach seachd bliadhna ni thu 
fuasgladh. 

2 Agus is e so modh an fhuasglaidh : 
G»ch fear fiacha a bheir ni sam bith air ias- 
achd d'a choimhearsnach, fuasglaidh se e ; 
cha 'n iarr e air ais e o 'choimhearsnach, 
no o 'bhràthair, a chionn gu 'n goirear 
fuasgladh an Tighearna dheth. 

3 O eilthireach feudaidh tu iarraidh air 
ais ; ach an ni a 's leat fèin a ta -aig do 
bhràthair, fuasglaidh do làmh e ; 

4 Ach a mhàin an uair nach bi uireas- 
bhuidheach sam bith 'nur measg: oir 
heannaichidh an Tighearna gumòrthusan 
fhearann a tha 'n Tiehearna do Dhia a' 
toirt dhuit mar oighreachd, r' a shealbh- 
aehadh : 



5 A mhàin ma dh'èisdeas tugu dùraohrl 
ach ri $>uth an Tighearna do Dliè, a thoirt | 
an aire gu 'n dean thu na h àitheantan gc j 
uile a tha mi 'g àithneadh dhuit air an Yk'i I 
diugh. 

6 Oir beannaichidh an Tighearna dc \ 
Dhia thu, mar a gheall e dhuit : agus bheii i 
thu air iasachd do mhòran chinneach, acl 
cha ghabh thu air iasaclid; agus bithidh 
uachdaranachd agad air mòran chinneach ' 
ach cha bhi uachdaranachd aca-san ort-sa. 

7 Ma bhios 'nur measg duine bocbd, aor 
do d' bhràithribh, an taobh a stigh aoin dc 
d' gneataibh, ann ad fhearann a tha 'i 
Tighearna do Dhia a' tabhairt duit, chs 
chruaidhich thu do chridbe, ni mò t 
dliruideas tu do làmh o d' bhràthair bochd: 

8 Ach fosglaidh tu do làmh gu farsuini 
dha, agus gu cinnteach bheir thu air ias- 
achd dha ni 's leòr air son 'f lieuma, do 'n fii 
a tha dh' easbhuidh air. 

9 Thoir an aire nach bi smuain a' d 
chridhe aingidh, ag ràdh, Tha 'n t-^-eachd- 
amh bliadhna, bliadhna au fhuasglaidh 
am fagus ; a#us gu m bi do shùil olc ai 
aghaidh do bhràthar bhocbd, agus nach 
toir thu bheag dh;i, agus gu n glaodh e ris 
an Tighearn a' t' aghaidh, agus gu 'm bi e 
'na pheacadh dhuit. 

10 Bheir thu dba gu deimhin, agus cha 
bhi doilgbeas air do chridbe 'nuair a bheii 
thu dha ; a chionn air son an ni so gu 'm 
beannaich an Tighearna do Dbia thu a'tf 
oibribh uile, agus anns gach ni ris an cuii 
thu do làmh. . 

11 Oir cha bhi 'n tir a chaoidh gun 
bhochd: uime sin tha mi 'g àithneadq 
dhuit, ag ràdh, Fosglaidh tu do làmh gu 
farsuinn do d' bhràthair, do d' bhochd, ag- 
us do d' uireasbhuidheach, a' d' clhùthaicn. 

12 Ma reicear riut do bhràtbair Eahh- 
ruidheach, no Ban-Eahhruidheacb, agus 
gu 'n dean e seirbhis duit sè bliadbna ; an 
sin anns an t-seachdamh bliadhna leiyidh 
tu leis dol saor uait. 

' 13 Agus an uair a chuireas tu e mach 
saor uait, cha chuir thu air falbh e fal- 
amh : 

14 Bheirthu dha gu pailt as do threud, 
agus à t' urlar, agus à t' fhìon-amar ; as na 
nithibh sin leis au do bbeannaich an Tigh- 
earna do Dhia thu, bbeir thu dha. 

15 Agus cuimhnicliidh tu gu 'n robh thu 
fèin a' d' thràill ann an tìr na h-Eiphit; 
agus shaor an Tighearna do Dhia thu : 
uime sin tha mi ag àithneadh so dhuit an 
diugh. 

16 Ach ma their e riut, Cha 'n fhalbh 
mi uait ; (a chionn gur toigh leis thu agus 
do tbigh, do bhrìgh gu bheil e gu maith 
agad ;) 

17 An sin gabhaidh tu minidh, agus cuir- 
idh tu troimh a chluais e anns an dorus, 
agus bithidh e 'na sheirbhiseach dhuit gu 
bràth : agus mar an ceudna ri d' bhanog- 
laich ni thu mar sin. 

18 Na measar e cruaidh leat, an uair a 
chuireas tu uait saor e; oir bha e dà uair 
co mhaith dhuilse ri seirbhiseach tuarasd- 
ail, le seirbhis a dheanamh dhuit sè bliadh- 
na : agus beannaichidh an Tighearna do 
Dhia thu anns gach ni a ni thu. 

19 Gach ceud-ghin firionn a bheirear am 



CAIB. XVI. XVII. 



155 



jieasg- do chruidh, agus am measg do 
Eiieud, uaomhaichidh tu do'n Tighearna 

Dliia : cha dean thu obair sam bith le 
jeud-giiin do blioin, ni mò a lomas tu 
Jeud-ghin do chaorach. 

1 20 Am lianuis an Tighearna do Dhè ith- 
,ih tu e o bliliadlma gu bliadhna, san ion- 
d a thaghas au Tighearn, thu fèin agus 
10 theaghlach. 

21 Agus raa bhios gaoid sam bith ann, 
rubaiche, no doille, no droch ghaoid sam 
iitli, cha 'u ìobair thu e do'n Tighearna do 
|)hia. 

22 An taobh a stigh do d' gheataibh ith- 
tu e ; ithidh an glan agus an neòghlan 

omh-ionnan deth, mar do 'u ruadh-bhoc, 
igus mar do'a. thiadh. 
i 23 A mhàin 'fhuil cha 'n ith thu: air 
|u talamh dòirtidh tu i mar uisge. 



CAIB. XVI. 
MOIMHID mìos Abib, agus cumaidh tu 
a' chàisg do'n Tighearna do Dhia : 
ir sa' mhìos Abib thug an Tighearna do 
)liia thu mach as an Eiphit san oidhche. 

2 Uime sin ìobraidh tu a' chàisg do'n 
?ighearna do Dhia, do'n treud agus do'n 
huar, sau ionad a thaghas an Tighearna 
hum 'ainm a chur au sin. 

3 Chaìi ith thu aran goirtichte sam bith 
;atha : seachd làithean ithidh tu aran 
eo-ghoirtichte leatha, eadhtm arcia àmh- 
hair ; (oir le cabhaig thàinig thu mach a 
r na h-Eiphit ;) a c.hum gu cuimhnich 
hu 'n là air an d'thàinig thu mach à tìr 
a h-Eiphit, uile làithean do bheatha. 

4 Agus chan fhaicear agad aran goirt- 
chte a d' chrìochaibh uile rè sheachd làith- 
an : ni mò a mhaireas a bheag do 'n 
lieoil a dh' ìobras tu air feasgar sa' cheud 
à, rè na h-oidhche gu maduinn. 

5 Cha 'n fheud thu a' c.hàisg ìobradh an 
aobh a stigh aoin air bitli do d' gheataibh, 
, bheir an Tighearna do Dhia dhuit : 

6 Ach aig an àit a thaghas an Tighearna 
k> Dhia a chur 'ainme ann, an sin ìobraidh 
u a' cliàisg air feasgar, aig dol fuidhe na 
Tèine, san àm an d' thàiuig thu mach as 
m Eiphit. 

7 Agus ròistidh agus ithidh tu i san àit a 
haghas an Tighearna do Dhia : agus pill- 
dh tu sa' mhaduinn, agus thèid thu do d' 
ihùthaibh. 

8 Sè làithean ithidh tu aran gun ghoirt- 
achadh ; agus air au t-seachdamh là bith- 
dh àrd chomhchruinneach do'n Tighearna 
do Dhia : cha dean thu obair sam bith air. 

Seachd seachduinean àirmhidh tu 
i jdliuit fèin : o'n àm san tòisich thu air a' 
I diorrau a chur san arbhar, tòisichidh tu 
■ air na seachd seachduinean àireamh. 

! 10 Agus cumaidh tu fèill nan seachduin 
I ido'n Tighearna do Dhia, le tiodhlac saor- 
I thoil thabhartais do làimhe, a bheir thu 
I ìseachad a rèir mar a bheannaich an Tigh- 
earna do Dhia thu. 

I 11 Agus ni thu gairdeachas an làthair an 
jTighearna do Dhè, thu fèin, agus do mhac, 
agus do nighean, agus t' òglach, agus do 

I jbhanoglach, agus an Lebhitheach a tha'a. 

• >taobh a stigh do d' gheataibh, agus an coig- 

I . reach, agus an dìlleachdan, agus a' bhan- 

I I trach, a tha 'nur ineasg, san ionad a thagh 



an Tighearna do Dhia a chur 'ainme 
ann. 

12 Agus cuimhnichidh tu gu'n robh thu 
fèiu a'd' thràill san Eiphit : agus coimhid- 
idh tu, agus ni tliu na reachdan so. 

13 Cumaidh tu fèill nam pàilliun seachd 
làithean an dèigh dhuit t'arbliar a chruinn- 
eachadh a stigh, agus t'fhìon. 

14 Agus ni thu gairdeachas a'd' fhèill, 
thu fèin, agus do mhac, agus do nighean, 
agus t'òglach, ag us do bhanoglach, agus an 
Lebhitheach, agus an coigreach, agus an 
dìlleachdan, agus a' bhantrach, a tha n 
taobh a stigh do d' gheataibh. 

15 Seachd làithean cumaidh tu fèill kr- 
aidh do'n Tighearna do Dhia, san ionad a 
thaghas an Tighearn : a chionn gu'in 
beannaich an Tighearna do Dhia thu a'd' 
chinueas uìle, agus aim an oibribh do làmh 
uile ; uime siu ni thu gu deimhin gaird- 
eachas. 

16 Tri uairean sa' bhliadhna taisbeanear 
t'fhirionnaich uile an làthair an Tighearna 
do Dhè, san ionad a thaghas e ; ann am 
fèill an arain neo-ghoirticlite, agus ann ani 
fèill nan seachduin, agus ann am fèill nam 
pàilliun : agus cha taisbeinear iad an làth- 
air an Tighearna falamh. 

17 Blieir gach duine seachad mar is urr- 
ainn e, a rèir beannachaidh an Tighearna 
do Dhè, a thug e dhuit. 

18 Breitbeamhnan, agus uachdarain ni 
thu dhuit fèin an taobh a stigh do d' gheat- 
aibh uile, a bheir an Tighearna do Dhia 
dhuit, air feadh do threubh : agus bheir 
iad breth air an t-sluagh le ceart bhreith- 
eanas. 

19 Cha dean thu breitheanas fhiaradh ; 
cha bhi bàigli agad ri neach seach a chèile, 
ni mò a ghabhas tu tiodhlac : oir dallaidh 
an tiodhlac suile nan daoine glic, agus 
fiaraidh e briathra nan ionracan. 

20 An ni sin a ta uile-cheart leanaidh tu, 
a chum gu'm bi thu beò, agus gu'n sealbh- 
aich thu m fearanu a tha an Tighearna do 
Dhia a' tabhairt dhuit. 

21 Cha suidhich thu dhuit fèin doire 
chraobhan sam bith làimh ri altair an Tigh- 
earna do Dhè, a ni thu dhuit fèin. 

22 Ni mò a chuireas tu suas dhuit fèin 
dealbh sam bith, ni a's fuathach leis au 
Tighearna do Dhia. 

CAIB. XVII. 

CHA 'n ìobair thu do'u Tighearna do 
Dhia tarhh, no caora, anns am bheil 
gaoid, no mi-mhaise sam bith : oir is gràin- 
eileachd sin do'n Tighearna do Dhia. 

2 Ma gheibhear 'nur measg, an taobh a 
stigh aoin do d' gheataibh a bheir an Tigh- 
earna do Dhia dhuit, fear uo bean a rinn 
aingidheachd ann an sùilibh an Tighearna 
do Dhè, le 'choimhcheaugal a bhriseadh, 

3 Agus gu'n deachaidh e agus gu'n 
d'rinu e seirbhis do dhiathaibh eile, agus 
gu n d'rinn e aoradh dhoibh, aon chuid 
do'n ghrèin, no do'n ghealaich, no do uile 
armailt nèimh, nac.h d' àithn mise ; 

4 Agus gu'n d'innseadh dhuit e. agus 
gu'u cuala tu e, agus gu'n do rannsaich thu 
gu maith, agus, feuch, gur tìore, agus gu 
bheil a' chùis deirbhte, gun do rinneadli 
a' ghràineileachd sinn anù au Israel ; 



J 



156 



DEUTERONOMI. 



5 An sin bheir thu mach am fear sin no 
a' bhean sin, a rinn an ni aingidh sin, 
chum do gheatachan, eadhon am fear sin 
no a' bhean sin, agus clachaidh tu iad le 
clachaibh gus am bàsaich iad. 

6 Aig beul dà fhianuis, no thri fhianuis- 
ean, cuirear gu bàs esan a tha toillteanach 
air bàs : cha chuirear gu bàs e aig beul aon 
fhianuis. 

7 Bithidh làmhan nam fianuisean air an 
toiseach, g' a chur gu bàs ; agus 'na dhèigh 
siu làmhan an t-sluaigh uile : mar sin cuir- 
idh tu 'n t-olc air falbh o bhur measg. 

8 Ma dh' èireas cùis a bhios ro-chruaidh 
ort ann am breitheanas, eadar f uil agus fuil, 
eadar breth agus breth, agus eadar buille 
agus buille, eadhon cùisean conspoid an 
taobh a stigh do d' gheataibh ; an sin èir- 
idh tu, agus thèid thu suas do 'n ionad a 
thaghas an Tighearna do Dhia: 

9 Agus thig thu chum nan sagartnan Le- 
bhitheach, agus a chum a' bhreitheimh a 
bhios anns na làithibh sin, agus fiosraich- 
idh tu ; agus nochdaidh iad dhuit focal a' 
bhreitheanais : 

10 Agus ni thu a rèir na breithe a 
nochdas muinntir an àite sin (a thaghas 
an Tighearna) dhuit, agus bheir thu 'n 
aire gu'n dean thu a rèir gach ni a theag- 
aisgeas iad duit : 

11 A rèir breth an lagha a theagaisgeas 
iad duit, agus a rèir a' bhreitheanais a dh'- 
innseas iad duit, ni thu : cha chlaon thu 
o'n bhreth a nochdas iad duit, a chum na 
làimhe deise no na làimhe clìthe. 

12 Agus an duine a ni gu h-anndàna, 
agus nach èisd ris an t-sagart, a sheasasgu 
frithealadh an sin an làthair an Tighearna 
do Dhè, no ris a' bhreitheamh, bàsaichidh 
eadhon an duine sin, agus cuiridh tu'n t-olc 
air falbh o Israel. 

13 Agus cluinnidh an sluagh uile, agus 
bithidh eagal orra, agus cha dean iad gu 
h-anndàua ni s mò. 

14 'Nuair a thig thu chum an fhearainn 
a bheir an Tighearna do Dhia dhuit, agus 
a shealbhaicheas tu e, agus a ghabhas tu 
còmhnuidh ann, agus a their thu, Cuiridh 
mi righ os mo cheann, mar na cinnich uile 
a ta mu 'n cuairt orm : 

15 Cuiridh tu air gach aon chor esan 'na 
righ os do cheann a thaghas an Tighearna 
do Dhia ; aon o mheasg do bhràithre cuir- 
idh tu 'na righ os do cheann : cha'n fheud 
thu coigreach a chur os do cheann, nach 
'eil 'na bhràthair dhuit. 

16 Ach cha chuir e eich an lìonmhoir- 
eachd dha fèin, ni mò a bheir e air an 
t-sluagh pilltinn do'n Eiphit, a chum gu'n 
cuir e eich an lìonmhoireachd : do bhrìgh 
gu 'n dubhairt an Tighearna ribh, Cha 
phill sibh à so a mach ni's mò air an t-slighe 
sin. 

17 Ni mò a chuireas e mnài an lìon- 
mhoireachd dha fèin, a ehum nach claon a 
chridhe air falbh ; ni mò a mheudaicheas 
e gu mòr dha fèin airgiod agus òr. 

18 Agus an uair a shuidlieas e air righ- 
chaithir a rìoghachd, an sin ath-sgrìobh- 
aidh e dha fèin an lagh so ann an leabhar, 
as an leabhar sin a tha 'n làthair nan sag- 
art uan Lebhitheach. 

19 Agus bithidh e aige, agus leughaidh 



e ann uile làithean a bheatha ; chum en 
fòghlum e eagal an Tighearn a Dhè a bhi 
air, uile bhriathran an lagha so a ghleidh- 
eadh, agus na reachdan so, chum an dean- 
amh : 

20 A chum nach bi 'chridhe air a thogail 
suas os ceann a bhràithrean, agus nach 
claon e o'n àithne chum na làimhe deise 
no na làimhe clìthe ; air chor as gu 'm 
buanaich e a làithean 'na rìoghachd, e fèin 
agus a chlann am meadhon Israeil. 

CAIB. XVIII. 

CHA bhi aig na sagartaibh na Lebhith- 
ich, eadhon uile thrèibh Lebhi, roiiin 
sam bith no oighreachd maille ri h-Is- 
rael : ithidh iad tabhartais an Tighearn a 
bheirear suas le teine, agus 'oighreachd- 
san. 

2 Uime sin cha bhi oighreachd sam bith 
aca am raeasg am bràithrean : is e 'n Tigh- 
earna fèin au oighreachd, mar a thubhairt 
e riu. 

3 Agus is e so dlighe nan sagart o'n 
t-sluagh, uatha-san a dh' ìobras ìobairt, 
ma's tarbh no caora e ; agus bheir iad do'n 
t-sagart an slinnean, agus na gialan, agua 
a' mhaodal. 

4 Mar an ceudna ceud thoradh t' arbh- 
air, t'fhìona, agus t' olaidh, agus ceudlom- 
radh do chaorach bheir thu dha : 

5 Oir thagh an Tighearna do Dhia e 
mach as do threubhaibh uile, gu seasamh 
chiun frithealaidh ann an ainm an Tigh- 
earn, e fèin agus a mhic gu bràth. 

6 Agus ma thig Lebhitheach o h-aon 
do d' gheataibh a mach à h-lsrael uile, far 
am blieil e air chuairt, agus ma thig e le 
uile tliogradh 'inntinn do 'n ionad a thagh- 
as an Tigliearn ; 

7 An sin fritheilidh e ann an ainm an 
Tighearn a Dhè, mar a bhràithrean uile 
na Lebhithich, a tha 'nan seasamh an sin 
an làthair an Tighearn. 

8 Bithidh ac' uiread ri chèile r' a itheadh, 
a bhàrr air na thig air o reiceadh a chuid 
duine-cloinne. 

9 'Nuair a thig thu do 'n fhearann a tha 
'n Tighearna do Dhia 'tabhairt duit, cha 
'n fhòghlum thu dheanamh a rèir gràineil- 
eachd nan cinneach sin. 

10 Cha 'n f haighear 'nur measg neach air 
bith a bheir air a mhac, no air a nighinn 
dol troimh 'n teine, no a ghnàthaicheas 
fiosachd, no speuradair, no fear-fàistin- 
eachd, no a ghnàthaicheas droch inn- 
leachdan, 

11 No seunadair, no neach a dh'fhios- 
raicheas do leannan-sìtl), no druidh, no 
neach a dh'iarras eòlas o na mairbh. 

12 Oir is gràineileachd do'n Tighearn 
iadsan uile a ni na nithe sin ; agus air son 
nan gràineileachd sin, tha'n Tighearna do 
Dhia 'gam fuadachadh a mach romhad. 

13 Bithidh tusa coimhlionta maille ris an 
Tighearna do Dhia. 

14 Oir dh' èisd na cinnich sin a shealbh- 
aicheas tusa ri speuradairean, agus ri fios- 
aichibh : ach air do shonsa, cha do leig an 
Tighearna do Dhia leat mar sin a dhean- 
amh. 

15 Togaidh an Tighearna do Dhia suas 
fàidh dhuit o d' mheadhon fèin, o d' 



CAIB. XIX. XX. 



157 



bhràithribh, cosmhuil riumsa ; ris-san èisd- 
llidh sibh ; 

16 A rèir nan uile nithe a dh' iarr thu 
o 'u Tighearna do Dhia ann an Horeb, ann 
lian là a' chomhehruinnich, ag ràdh, Na 
li'luinneaui-sa rìs guth an Tighearna mo 
|Dhè, agus ua faiceam an teine mòr so ni 's 
jmò, a chum nach bàsaich mi. 
I 17 Agus thubhairt an Tighearna rium- 
isa, Is maith « labkair iad an ni a labhair 
iad. 

I 18 Togaidh mise suas fàidh dhoihh o 
jmheasg am bràithre, cosmhuil riutsa, agus 
cuiridh mi mo bhriathra 'na bheul, agus 
labhraidh e riu gach ni a dh' àitimeas mi 
dha. 

i 19 Agus tarlaidh, an duine nach èisd ri 
|m* bhriatliraibhse a labhras e a' m' aiiim, 
iiarraidh mi uaith e : 

20 Ach am fàidh aig am bi dhànadas 
ifocal a labhairt a' m' ainm, nach d' àithn 
'mise dha a labhairt, no a labhras ann an 
ainin dhiathan eile, gu cinnteach bàsaich- 

i idh ara fàidh sin. 

21 Agus ma their thu ann ad chridhe, 
Cionnus a dh' aithnicheas sinn am focal 

; nach do labhair an Tighearn ? 

22 'Nuair a labhras fàidh ann an ainm 
an Tigliearna, mur tachair an ni, agus mur 
tig e gu erìeh, is e sin an ni nach do labh- 
air an Tighearna; gu h-anndàna labhair 
am fàidh e : cha bhi eagal ort roimhe. 

CAIB. XIX. 
1 9 "VTU AIR a ghearras an Tighearna do 
' J_M Dhia as na cinnich, aig an robh am 
fearann a tha 'n Tighearna do Dhia a' 
tabhairt duit, agus a thig thu 'nan àit, ag- 
us a ghabhas tu còmhnuidh 'nam bailtibh, 
agus 'nan tighibh ; 

2 Cuiridh tu air leth dhuit fèin tri 
bailtean am meadhon t' thearainn, a bheir 
an Tighearna do Dhia dhuit r' a shealbh- 
achadh. 

3 Deasaichidh tu dhuit fèin slighe, 
agus roinnidìi tu crìocha t' fhearainn a 
bheir an Tighearna do Dhia dhuit r' a 
shealbhachadh, 'nan tri earrannaibh, a 
chum gu feud gach marbhaiche teicheadh 
an sin. 

4 Agus is e so cor a' mharbhaiche, a 
tlieicheas an sin, a clium gu 'm bi e beò : 
Ge b' e a mharbhas a choimhearsnach gun 
fhios da, do nach robh fuath aige roimhe : 

5 Mar a ta 'nuair a thèid duine maille 
r' a choimhearsnach do 'n choille a ghearr- 
adh fìodha, agus a bheir a làmh buille leis 
an tuaidli a ghearradh sìos na craoibhe, ag- 
us a leumas an ceann bhàrr na coise, agus 
a thuiteas e air a choimhearsnach, air chor 
as gu 'm bàsaich e; teiehidh e chum aoin 
do na bailtibh sin, agus bithidh e beò : 

6 Air eagal gu 'n lean dìoghaltair na fola 
am marbhaiche, am feadh 's a ta 'chridhe 
teth, agus gu 'm beir e air, a chionn gu 
bheil an t-slighe fada, agus gu marbh se e, 
ged nach robh e toillteanach air bàs, do 
bhrìgh nach robh fuath aige dha san àm a 
chaidh seachad. 

7 Uime sin tha mi ag àithneadh dhuit, 
ag ràdh, Cuiridh tu air leth dhuit fèin tri 
bailtean. 

8 Agus ma leudaicheas an Tighearna do 



Dhia do chrìoch, mar a mhionnaich e do 
t' àithrichibh, agus ma bheir e dhuit am 
fearann uile a gheall e thoirt do t' aithrich- 
ibh ; 

9 Ma bheir thu an aire na h-àitheantan 
sin uile a dheanamh, a tha mise ag àith- 
neadh dhuit an diugh, an Tighearua do 
Dhia a ghràdhachadh, agus gluasad a 
ghnàth 'na shligliibh ; an sin cuiridh tu air 
leth dhuit fèin tri bailtean eile thuilleadh 
air an tri sin ; 

10 A chum nach dòirtear fuil neò-cliiont- 
ach a' d' fhearann, a bheir an Tighearna do 
Dhia dhuit mar oighreachd, agus nach bi 
mar sin fuil ort. 

11 Ach ma tha aig duine sam bith fuath 
d' a choimhearsnach, agus gu 'n luidh e 'm 
plaid air a shon, agus gu n èirich e suas 
'na aghaidh, agus gu'm buail e gu marbh- 
tach e, air chor as gu 'm faigh e bàs, agus 
gu 'n teich e gu h-aon do na bailtibh sin ; 

12 An sin cuiridh seanairean a bhaile 
fèin fios uatha, agus bheir iad as a sin e, 
agus bheir iad thairis e do làimh dìoghalt- 
air na fola, a chum gu 'm bàsaich e. 

13 Cha ghabh do shùil truas ris : ach 
cuiridh tu air falbh cionta foia neò-chiont- 
aich o Israel, a chum gu 'n èirich gu maith 
dhuit. 

14 Clia 'n atharraich thu crìoch fearainn 
do clioimhear»naich, a shuidhicli na sinnsir 
a' t' oighreachd a shealbhaicheas tu, anns 
an fhearann a bheir an Tighearna do Dhia 
dhuit r' a shealbbachadh. 

15 Cha 'n èirich aon fhianuis a mhàin 
suas an aghaidh duine air son eucorach 
sam bith, no air son peacaidh sam bith, ann 
am peacadh sam bith a pheacaicheas e : 
aig beul dà fhianuis, no aig beul thri fhian- 
uisean daingnichear a' chùis. 

16 Ma dh' èireas fianuis bhfèige suas an 
aghaidh duine sam bith, a thoirt tìanuis 'na 
aghaidh air an eu-ceirt ; 

17 An sin seasaidh an dithis dhaoine aig 
am bheil an connsachadh, am fianuis an 
Tighearn, an làthair nan sagart, agus nam 
breitheamhna a bhios anns na làithibh 
sin : 

18 Agus ni na breitheamhna rannsach- 
adh geur ; agus, feuch, ma 's fianuis bhrèige 
an fhianuis, agus gu 'n d' thug e tìanuis 
bhrèige an aghaidh a bhràthar, 

19 An sin ni sibh ris, mar a shaoil esan 
a dlieanamh r' a bhràthair : mar sin cuir- 
idh tu air falbh an t-olc as bhur measg. 

20 Agus cluinnidh iadsan a mhaireas, 
agus bithidh eagal orra, agus cha dean iad 
o sin a mach a shamhuil so do olc 'nur 
ineasg. 

21 Agus cha ghabh do shùil truas ; ack, 
thèid anam air son anama, sùil air son 
sùia, fìacail air son fiacla, làmh air sou 
làimhe, cos air son coise. 

CAIB. XX. 
3lV T UAIR a thèid thu mach gu cath an 
.] ^ aghaidh do naimhdean, agus a chi 
thu eich agus carbaid, agus sluagh a 's 
lìonmhoire na thu fèin, na biodh eagal ort 
rompa: oir tha 'n Tighearua do Dhia 
maille riut, a thug a mach thu à tìr na 
h-Eiphit. 

2 Agus an uair a dhlùthaicheas sibh m 
O 2 



158 



DEUTÈRONOMI. 



a ehath, an sin thig an sagart ara fagus, 
agus labhraidh e ris an t-sluagh, 

3 Agus their e riu, Eisd, O Israeil, tha 
sibh an diugh a' dol gu cath an aghaidh 
bhur naimhdean : na bìodh bhur cridhe 
lann, na biodh eagal oirbh, agus na crioth- 
naichibh, agus na biodh uamhann oirbh air 
an son ; 

4 Oir tha 'n Tighearna bhur Dia a' dol 
maille ribh, a chogadh air bhur son an 
aghaidh bhur naimhdean, a chum bhur 
tearnadh. 

5 Agus labhraidh an luchd-riaghlaidh ris 
an t-sluagh, ag ràdh, Cia am fear a thog 
tigh nomha, agus nach do ciioisrig e ? rach- 
adli e agus pilleadh e chum a thighe, air 
eagal gu 'm bàsaich e sa' chath, agus gu 'n 
coisrig fear eile e. 

6 Agus cia an duine a shuidhich fìon- 
lios, agus naeh d' ith futhast dheth ? rach- 
adh esan mar an ceudna, agus pilleadh e 
g a thigh, air eagal gu 'm bàsaich e sa' 
chath, agus gu 'n ith neach eile dheth. 

Agus cia an duine a rinn ceangal-pòs- 
aidh ri mnaoi, agus nach do ghabh d' a 
wnnsuidh i ? rachadh e agus pilleadh e d' a 
thigh, air eagal gu 'm bàsaich e sa' chath, 
agus gu 'n gabh neach eile i d' a ionnsuidh. 

8 Agus labhraidh an luchd-riaghlaidh a 
bharr air sin ris an t-sluagh, agus their iad, 
Cia an duine a ta gealtach, agus lag-chridh- 
each ? rachadh e agus pilleadh e d' a thigh, 
a chum nach dean e cridhe a bhràithre lag 
raar a chridhe fèin. 

9 Agus tarlaidh, 'nuair a chuireas an 
luchd-riaghlaidh crìoch air labhairt ris an 
t-sluagh, gu 'n cuir iad ceannardan air na 
h-armailtibh gus an sluagli a thoirt air an 
aghaidh. 

10 'Nuair a thig thu 'm fagus do bhaile 
gu cogadh 'na aghaidh, an sin gairmidh tu 
bìthdha. 5 

11 Agus tarlaidh, ma bheir e freagradh 
na sìthe dhuit, agus ma dh' fhosglas e 
dhuit, an sin tarlaidh, gu 'm bi 'n sluagh 
uile a gheibhear ann fuidh chìs dhuit, ag- 
us gu 'n dean iad seirbhis dhuit. 

12 Agus mur dean e sìth riut, ach gu 'n 
cog e riut, an sin cuiridh tu gu cruaidh 'na 
aghaidh. 

13 Agus an uair a bheir an Tighearna 
do Dhia thairis do d' làimh e, buailidh tu 
gach firionnach ann le faobhar a' chlaidh- 
eimh : 

14 Ach na mnài, agus a' chlann bheag, 
agus an sprèidh, agus na h-uile nithe a tha 
sa' bhaile, eadhon a chreach uile, gabhaidh 
tu dh uit fèin ; agus ithidh tu creach do 
naimhdean, a thug an Tighearna do Dhia 
dhuit. 

15 Mar so ni thu ris na bailtibh sin uile a 
tha ro fhada uait, nach 'eil do bhailtibh nan 
cinneach sin. 

16 Ach do bhailtibh an t-sluaigh sin, a 
tha 'n Tighearna do Dhia a' toirt duit mar 
oighreachd, cha ghlèidh thu ni sam bith 
beò anns am bheil anail : 

17 Ach sgriosaidh tu gu tur iad, eadhon 
na Hitich, agus na h-Amoraich, na Ca- 
naanaich, agus na Peridsich, na Hibhich, 
agus na Iebusaich, a rèir mar a dh' àithn 
an Tighearna do Dhia dhuit : 

18 A chura nach teagaisg iad duit a 



dheanamh a rèir an uile ghràineileachd, a 
rinn iad d' an diathaibh ; mar sin pheac- 
aicheadh sibh an aghaidh an Tighearna 
bhur Dè. 

19 'Nuair a chuireas tu gu cruaidh an 
aghaidh baile rè ùine fhada, a' deanamh 
cogaidh 'na aghaidh chum a ghlacadh, cha 
cliuir thu as d' a chraobhaibh ie tuadh a 
bhualadh orra: oir feudaidh tu itheadh 
dhiubh, agus cha ghearr thu sìos iad, (oir 
is i craobh na macharach beatha duine) 
chum an gnàthachadh ann an cur an agh- 
aidh a' bliaile. 

20 A mhàin na craobhan a 's aithne dhuit 
fèin nach craobhan bìdh iad, sgriosaidh ag- 
us gearraidh tu sìos iad; agus togaidh tu 
daingnichean an aghaidh a' bhaile a chog- 
as riut, gus an ceannsaich thu e. 

CAIB. XXI. 

MA gheibhear neacli air a mharbhadh 
san fhearann a bheir an Tighearna do 
Dhia dhuit r' a shealbhachadh, 'na luidhe 
sa' mhachair, agus gu 'n fhios cò mharbh 
e ; 

2 An sin thig do sheanairean agus do 
bhreitheamhnan a mach, agus tomhaisidh 
iad a chum nam bailtean a tlia mu 'n cuairt 
air-san a mharbhadh : 

3 Agus tarlaidh gu 'n gabh am baile a 's 
faigse do 'n duine a mharbhadh, eadhon 
seanairean a' bhaile sin agh leis nach 
d' rinneadh obair, nach do tharruing riamh 
ann an cuing ; 

4 Agus bheir seanairean a' bhaile sin an 
t-agh sìos do ghleann garbh, nach do 
threabhadh agus nach do shìol-chuireadh, 
agus geaiTaidh iad an sin amhach an aighe 
dh' i sa' ghleann ; 

5 Agus thig na sagairt mic Lebhi am fa- 
gus ; (oir iadsan thagh an Tighearna do 
Dhia gu frithealadh dha fèin, agus gu 
beannachadh ann an ainm an Tighearn ;) 
agus a rèir am focail-san crìochnaichear 
gach uile chonnsachadh, agus gach uile 
bhuille. 

6 Agus nighidh uile sheanairean a' bhaile 
sin a 's faigse do 'n duine a mharbhadh, an 
làmhan os ceann an aighe d' an do ghearr- 
adh an amhach sa' ghleann: 

7 Agus freagraidh iad agus their iad, Cha 
do dhoirt ar làmhan an fhuil so, ni mò a 
chunnaic ar sùilean i. 

8 Bi tròcaireach, O Tighearna, do d' 
shluagh Israel, a shaor thu, agus na cuir 
fuil neò-chiontach à leth do shluaigh Is- 
raeil. Agus maithear an fhuil dhoibh. 

9 Mar sin cuiridh tu air falbh cionta na 
fola neò-chiontaich o bhur measg, do bhrìgh 
gu 'n dean thu an ni a ta ceart ann an sùil- 
ibh an Tighearna. 

10 'Nuair athèid thumach gu cogadh an 
aghaidh do naimhdean, agus gu 'n toir an 
Tighearna do Dhia thairis iad do d' làimh, 
agus gu 'n dean thu braighdean dhiubh, 

11 Agus gu 'm faic thu am measg nam 
braighde bean sgiamhach, agus gu bheil 
dèigh agad oirre, agus gu 'm bu mhaith leat 
agad i 'na mnaoi ; 

12 An sin bheir thu dhachaidh i do d' 
thigh, agus bearraidh i a ceann, agus bheir 
i dh' i a h-ìnean ; 

13 Agus cuiridh i dh' i a h-eudach 



CAIB. XXII. 



159 



liraighdeanais, agus fanaidh i a'd' thigh 
agus ni i caoidh air son a h-athar agus a 
màthar mìos iomlan : agus an dèigh siu 
thèid thu steach d'a h-ionusuidh, agus bith- 
idh tu a' t' fhear-pòsda aice, agus bithidh 
ise 'na mnaoi agad. 
I 14 Ach mur bi tlachd agad innte, an sin 
1 leigidh tu leatha dol far an àill leatha, ach 
' chà reic thu idir air airgiod i, ni mò a ni 
thu ain-tighearnas oirre, a chionn gu'n 
d'ìslich thu i. 

I 15 Ma bhios aig duine dà mhnaoi, aon 

diubh gràdhaichte agus an aon eile fuath- 
laichte, agus ma rug iad clann dà, araon a' 
>bhean ghràdhaichte agus a' bhean fhuath- 

aichte; agus ma's leis a' mhnaoi fhuath- 

aichte an ceud-ghin mic, 
j 16 An sin tarlaidh, 'nuair a bheir e sealbh 

d'a mhic air an ni a ta aige, nach fheud e 
ì ceud-ghin a dheanamh do mhac na mnà 
• gràdhaichte roimh mhac na mnà fuath- 
: aichte, as e da rìreadh au ceud-ghin : 

17 Ach gabhaidh e ri mac na mnà fuath- 
laichte mar an ceud-ghin, le roinn dhùb- 
i ailte a thoirt da do gach ni a ta aige : oir 
\is esan toiseach a neirt, is leis còir a' 
lcheud-ghin. 

! 18 Ma bhios aig duine mac reasgach ag- 
|us ceannairceach, nach gèill do ghuth 'ath- 
ar, no do ghuth a mhàthar, agus an uair a 
smachdaicheas iad e, nach èisd riu : 

19 An sin beiridh 'athair agus a mhàth- 
air air, agus bheir iad a mach e gu seanair- 
ean a bhaile, agus gu geata 'àite fèin ; 

20 Agus their iad ri seanairibh a bhaile, 
Tha ar mac so reasgach agus ceannairc- 
each, cha toir e gèill d'ar guth ; tha e 'na 
Igheòcair agus 'na mhisgeir. 

21 Agus clachaidh uile dhaoine a bhaile 
e le clachaibh, a chum gu'm bàsaich e: 
imar sin cuiridh tu olc air falbh as bhur 
Imeasg, agus cluinnidh Israel uile, agus 
| bithidh eagal orra. 

| 22 Agus ma rinn duine peacadh a tha 
toillteanach air bàs, agus gu'm bi e r'a chur 
gu bàs, agus gu'n croch thu ri craoibh e : 

23 Cha 'n fhan a chorp re na h-oidhche 
air a' chraoibh, ach air gach aon chor adh- 
laicidh tu e air an là sin fèin ; (oir mall- 
aicli tele Dia tha esan a chrochadh :) agus 
cha salaicli thu t' fhearann, a tha 'n Tigh- 
earna do Dhia a' toirt duit mar oigh- 
reachd. 

CAIB. XXII. 
51VTUAIR a chi thu damh do bhràthar, 
JL^I no a chaora dol air seacharan, cha'n 
fhoiaich thu thu fèin uatha ; bheir thu air 
gach aon chor air an ais iad a rìs a dh'- 
ionnsuidh do bhràthar. 

2 Agus mur bi do bhràthair làimh riut, 
no mur aithne dhuit e, an sin bheir thu e 
dh' ionnsuidh do thighe fèin, agus bithidh 
e maille riut gus an iarr do bhràthair e, 

I lagus bheir thu air ais dha e. 

3 Air a' mhodli cheudna ni thu r'a asal, 
I f agus mar so ni thu r'a eudach, agus mar 
I i so ni thu ris na h-uile nithibh caillte le d' 
Ujbhràthair, a chaill e, agus a fhuair thusa: 
P ;cha 'n fheud thu thu fein fholach. 

Ij 4 'Nuair a chi thu asal do bhràthar, no 
lia dhamh a' tuitean sìos air an t-slighe, 
■ cha'n fholaich thu thu fèin uatha : gu 



cinnteach togaidh tu suas iad maille ris,a 

5 Cha chaith bean an ni sin a's le fear, 
ni mò chuireas fear uime eudach mnà: 
oir is gràineileachd do'n Tighearna do 
Dhia iadsan uile a ni so. 

6 Ma tharlas do nead eoin a bhi romhacT 
san t-slighe aun an craoibh sam bith, no air 
làr, ma's eoin òga iad, no uibhean, agus a' 
mhàthair 'na suidhe air an àlach, no air na 
h-uibhean, cha ghlac thu a' mhàthair 
maille ris an àlach : 

7 Air gach aon chor leigidh tu leis a' 
mhàthair dol as, agus an t-alach gabhaidh 
tu dhuit fèin; a chum gu'n èirich gu 
maith dhuit, agusgw'm buanaich thu do 
làithean. 

8 'Nuair a thogas tu tigh nomha, an sm 
togaidh tu barr-bhalla d'a mhullach, a 
chum nach toir thu fuil air do thigh, ma 
thuiteas duine sam hith o sin. 

9 Cha chuir thu t' f hìon-lios le h-iomadh 
gnè sìl, air eagal gu'n truaillear toradh do 
shìl a chuir thu, agus meas t' fhìon-lios. 

10 Cha dean thu ar le damh agus le 
h-asal maille ri chèile. 

11 Cha chuir thu umad eudach measgta, 
mar do olainn agus do lìon le chèile. 

12 Ni thu dhuit fèin fàbhran air ceithir 
cheithreanaibh t'eudaich leis an còmhdaich 
thu thufèin. 

13 Ma ghabhas duine bean, agus gu'n 
tèid e steach d'a h-ionnsuidh, agus gu'm 
fuathaich e i, 

14 Agus gu'n toir e aobhar cainnte 'na 
h-aghaidh, agus gu'n tog e suas droch ainm 
oirre, agus gu'n abair e, Ghabh mi a' bhean 
so, agus an uair a thàinig mi d'a h-ionn- 
suidh, cha d'fhuair mi 'na maighdinn i : 

15 An sin gabhaidh athair na h-ighinn, 
agus a màthair, agus bheir iad a mach 
comharan maighdeanais na h-ighinn gu 
seanairibh a' bhaile anns a' gheata : 

16 Agus their athair na h-ighinn ris na 
seanairibh, Thug mi mo nighean do'n duine 
so 'na mnaoi, agus tha fuath aige dh'i ; 

17 Agus, feuch, thug e aobhar cainnte 
'na h-aghaidh, ag ràdh, Cha d'fhuair mi 
do nighean 'na maighdinn ; agus gidheadh 
is iad sin comharan maighdeanais mo nigh- 
inn : agus sgaoilidh iad an t-eudach an 
làthair sheanairean a' bhaile. 

18 Agus gabhaidh seanairean a' bhaile 
sin an duine, agus smachdaichidh iad e: 

19 Agus cuiridh iad ùmhla cheud secel 
airgid air, agus bheir iad do athair na h- 
ighinn iad, a chionn gu'n do thog e droch 
ainm air òigh do chloinn Israeil; agus 
bithidh i 'na mnaoi aige : cha 'n fheud e a 
cur uaith r'a bheò. 

20 Ach ma tha an ni so fìor, agus nach 
'eil comharan maighdeanais r'am faghail 
do'n nighinn ; 

21 An sin bheir iad a mach an nighean 
gu dorus tighe a h-athar, agus clacliaidli 
daoine a baile i le clachaibh gus am bàsaich 
i ; a chionn gu'n d' oibrich i amaideachd 
ann an Israel, le strìopachas a dheanamh 
ann an tigh a h-athar : mar sin cuiridh tu 
air falbh olc as bhur measg. 

22 Ma gheibhear duine a' luidhe le mnaoi 
a tha pòsda ri fear, an sin cuirear gu bàs 
iad le chèile, an duine a luidh leis a' 



160 



DEUTERONOMI. 



mhnaoi, agus a' bhean : mar sin cuiridh tu 
ole air falbh o Israel. 

23 Ma tha nighean, agus i 'na h-òigh, 
fuidh cheangal-pòsaidh aig fear, agus gu'm 
faigh duine i sa' bhaile, agus gu'n luidh e 
leatha ; 

24 An sin bheir sibh a mach iad le chèile 
gu geata a' bhaile sin, agus clachaidh sibh 
ìad le clachaibh gus am bàsaich iad ; an 
nighean, a chionn nach do gblaodh i, agus 
i bhisa' bhaile ; agus am fear, a chionn gu'n 
d'ìslich e bean a choimbearsnaich : mar 
sin cuiridh tu air falbh olc as bhur ineasg. 

25 Ach ma gheibh fear sa' mbacbair 
nighean a tha fuidh cheangal-pòsaidh, ag- 
us gu'n èignich an duine i, agus gu'n luidh 
e leatha, an sin cuirear a mhàin an duine 
a luidh leatba gu bàs. 

26 Ach air an nighinn cha dean thu 
bheag sam bith ; cha 'n 'eil san nighinn 
coire bàis : oir mar an uair a dh' èireas 
duine suas an aghaidb a choimhearsuaicb, 
agus a mharbhas se e, mar sin a ta chùis 
so : 

27 Oir fhuair e sa' mhachair i, agus dh'- 
èigh an nighean a bha fuirìh cheangal-pòs- 
aidh, agus cha rob/i neach ann g'a teas- 
airginn. 

28 Ma gheibh duine nighean a tha 'na 
h-òigh, nach 'eil fuidh cheangal-pòsaidh, 
agus gu'n dean e greim oirre, agus gu'n 
luidh e leatha, agus gu'm faighear iad ; 

29 An sin bheir am fear a luidh leatha 
do athair na h-ighinn leth-cheud secel air- 
gid, agus bithidh i 'na mnaoi aige ; a 
chionn gu'n d'ìslich e i, cha 'n fheud e a 
cur uaith r'a bheò. 

30 Cha ghabh duine d'a ionnsuidh bean 
'athar, ni mò a leigeas e ris còmhdachadh 
'athar. 

CAIB. XXIII. 

CHA tèid esan aig am bheil a chlochan 
air am bruthadh, no 'bhall dìomhair 
air a ghearradh rìheth, a steach do chomh- 
chruinneach an Tighearna. 

2 Cha tèid fear dìolain a steach do 
chomhchruinneach an 'l'ighearn ; eadhon 
gu ruig an deicheamh ginealach cha tèid e 
steach do chomhchruinneach an Tigh- 
earna. 

3 Cha tèid Amonach no Moabach a 
steach do chomhchruinneach an Tigliearn; 
eadhon gus an deicheamh ginealach cha 
tèid iad a steach do chomhchruinneach au 
Tighearn a chaoidh : 

4 A chionn nach do choinnich iad sibh 
le h-aran agus le h-uisge air an t-slighe, 
'nuair a thàinig sibh a mach as an Eiphit, 
agus a chionn gu'n do thuarasdalaich iad 
a'd' aghaidh Balaam mac Bheoir, o Phetor 
na Mesopotamia, chum do mhallachadh. 

5 Gidheadh, cha 'n èisdeadh an Tigh- 
earna do Dhia ri Balaam ; ach thioundaidh 
an Tighearna do Dhia dhuit am mallach- 
adh gu beannachadh, a chionn gu'm bu 
toigb leis an Tighearna do dhia thu. 

6 Cha 'n iarr thu an sìth, no an sonas rè 
t' uile làithean gu bràth. 

7 Cha ghabh thu gràin do Edomach, oir 
is e do bhràthair e : cha ghabli thu gràin do 
Eiphiteach, a chionn gu'n robh thu a'd' 
choigreach 'ua fhearann. 



8 Thèid a' chlann a ghinear leo-san, a 
steach do chomhchruiiiiieach an Tigh- 
earna, 'nan treas ginealach. 

9 'Nuair a thèid t' fheachd a mach an 
aghaidh do naimhdean, an sin glèidh thu 
fein o gach droch ni. 

10 Ma bhios 'nur measg duine sam bith 
nach 'eil glan, a thaobh neòghloine a thar- 
las da san oidhche, an sin thèid e mach as 
a' champ; cha tig e steach do mheadhon 
a' chaimp : 

11 Ach an uair a bhios e dlùth do'n 
fheasgar, an sin nighidh see/em le li-uisge, 
agus an uair a thèid a' ghrian fodlia, thig 
e steach do mheadhon a' chaimp. 

12 Bithidh agad àite mar an ceudna an 
taobh a muigh do'n champ, far an tèid thu 
mach. 

13 Agus bithidh pleadhag agad air do 
chrios, agus an uair a shuidheas tu a 
muigh, cladhaicliidh tu leatha, agus tionn- 
daidh tu air t' ais, agus folaichidh tu an ui 
a thig uait. 

14 Oir tha 'n Tighearna do Dhia ag im- 
eachd am meadhon do chaimp, chum do 
shaoradh, agus a chum do naimhdean a 
tboirt thairis romhad : uime sin bithidh do 
champ naomha, chum nach faic e ni sam 
bith neòghlan annad, agus nach pill e air 
falbh uait. 

15 Cha toir thu suas d'a mhaighstir an 
seirbhiseach a chaidh as a t' ionnsuidh o 
'mhaighstir. 

16 Maille riut' gabhaidh e còmhnuidh 
'nur measg, anns an àit a thaghas e, an 
taobh a stigh aoin do d' gheataibh far an 
taitniche leis : cha dean thu foirneart air. 

17 Cha bhi strìopach air bith do nighean- 
aibh Israeil, ni mò bhios Sodomach do 
mhacaibh Israeil. 

18 Cha toir thu tuarasdal strìopaich, no 
luach coin, do thigh an Tighearna rìo Dhè 
air son bòid sam bith ; oir tha iad sin 
eadhon le chèile 'nan gràineileachd do : n 
Tighearna do Dhia. 

19 Cha toir thu ni sam bith an coingheall 
do d' bhràthair air riadh ; riadh airgid, 
riadh bìdh, riadh ni sam bith a bheirear an 
coingheall air riadh. 

20 Do choigreach feudaidh tu ni a thoirt 
an coingheall air riarìh, ach do d' bhràthair 
cha toir thu ni sam bith an coingheall air 
riadh; a chum gu'm beannaich an Tigh- 
earna do Diiia thu anns gach ni ris an cuir 
thu do làmh, san fhearann d'atn bheil thu 
dol g'a shealbhachadh. 

21 'Nuair a bheir thu bòid do'n Tigh- 
earna do Dhia, cha dean thu moille 'na 
h-ìocadh : oir gu cinnteach iarraidh an 
Tighearna do Dhia uait i ; agus bhiodh e 
'na pheacadh dhuit. 

22 Ach ma dh' fhanas tu gun bhòid a- 
thabhairt, cha bhi e 'na pheacadh dhuit. 

23 An ni sin a chaidh mach as do bliil- 
ibh, coimhididh agus coimhlionaidh tu; a. 
rèir mar a bhòidich tiiu do'n Tighearna do 
Dliia, eadkon tabhartas saor-thoile, a. 
glieall thu le d' bheul. 

24 Nuair a thèid thu steach do fhìon-lios 
do choimhearsnaich, an sin feudaidh tu. 
fion-dhearcan itheadh mar is miann leat, 
eadlion do shàth ; ach cha chuir thu bheag 
a'd' siioitheach. 



CAIB. XXIV. XXV. 



161 



25 'Nuair a thèid thu steach a dh'arbhar 
! do choimhearsnaich, an sin feudaidh tu na 
diasan a spìonadh le d' làimh ; ach corran 
cha chuir thu ann an arbhar do choimh- 
l earsnaich. 

CAIB. XXIV. 
9"VTUAIR a ghabhas fear bean, agus a 
j 1M phòsas e i, agus gu 'n tachair nach 
faigh i aeadh-ghean 'na shùilibh, a chionn 
gu'n d'fhuair e neòghloine èigin innte ; an 
sin sgrìobhadh e litir-dhealaich dh'i, agus 
thugadh e 'na làimh i, agus cuireadh e 
mach as a thigh i. 

2 Agus an uair a dh'fhalbhas i mach as 
a thigh, feudaidh i dol agus a bhi 'na 
mnaoi aig fear eile. 

3 Agus_ ma dh'fhuathaicheas am fear- 
pòsda ma dheireadh so i, agus gu'n sgrìobh 
e litir-dhealaich dh'i, agus gu'n toir e 'na 

- làirah i, agus gu'n cuir e mach as a thigh 
ii; no ma gheihh am fear ma dheireadh 
bàs, a ghabh i 'na mnaoi dha fèin ; 
.' 4 Cha 'n fheud a ceud fhear-pòsda a 
jchuir uaith i, a gabhail a rìs gu bhi 'na 
ijmnaoi dha, an dèigh dh'i bhi air a truaill- 
jeadh ; oir is gràineileachd sin an làthair 
Uan Tighearn : agus cha toir thu air ac 
Mfhearann peacachadh, a tha 'n Tighearna 
Ido Dhia a' toirt duit mar oighreachd. 
| 5 'Nuair a ghabhas duine bean nuadh, 
■cha tèid e mach gu cogadh, ni mò a chuir- 
laar cùram gnothuich sara bith air: fan- 
laidh e saor aig a thigh fèin aon bhliadhna, 
lagus bheir e subhachas d'a mhnaoi a 
Ighabh e. 

I 6 Cha ghabh duine sam bith a' chlach- 
Imhuilinn ìochdarach no uachdarach mar 
Hgheall : oir tha e gabhail anama duine mar 
Ug-heall. 

I 7 Ma gheibhear duine a' goideadh aoin 
l'Qeach d'a bhràithribh do chloinn Israeil, 
jigus ma ni e ain-tighearnas air, no ma 
jireiceas se e; an sin cuirear gu bàs an 
l^aduiche sin ; agus cuiridh tu olc air falbh 
[Jas bhur measg. 

, 8 Thoir an aire, ann am plàigh na 
luuibhre, gu'n toir thu fa'near gu dùrachd- 
ich, agus gu'n dean thu a rèir nan uile 
j(aithe a theagaisgeas na sagartan na Lebh- 
i thich dhuibh : a rèir mar a dh' àithn mi 
Jihoibh, bheir sibli fa'near gu'n dean sibh. 
'j 9 Cuimhnich ciod a rinn an Tighearna 
<do Dhia ri Miriam air an t-slighe, andèigh 
jdhuibh teachd a mach as an Eiphit. 
i 10 'Nuair a bheir thu do d' choimhears- 
jiach ni sam bith an coingheall, cha tèid 
\±u steach d'a tliigh a ghabliail a ghill. 
; 11 A mach seasaidh tu, agus bheir an 
ìuine d'am bheil thu toirt an coingheall, 
in geall a mach dhuit. 
: 12 Agus ma bkios an duine bochd, cha 
^hoidil thu le gheall. 

j 13 Air gach aon chor bheir thu air ais 
Iha 'n geall a rìs, 'nuair a thèid a' ghrian 
'odha, chum gu'n coidil e 'na eudach fèin, 
igus gu'm beannaich e thu : agus bithidh 
io 'na ionracas dhuit an làthair an Tigh- 
|>arna do Dhè. 

14 Cha dean thu foirneart air seirbhis- 
pach tuarasdail a tha bochd agus uireas- 
|)huidheach, co dliiubh a tha e do d' 
j>hràithribh, no do d' choigrich, a tha ann 



a t' fhearann an taobh a stìgh do d' gheat- 
aibh. 

15 Air a là bheir thu dha a thuarasdal, 
agus cha tèid a' ghrian sìos air, oir tha e 
bochd, agus a' suidheachadh a chridhe air; 
air eagal gu'n glaodh e a' t' aghaidh ris an 
Tighearn, agus gu'm bi e 'na pheacadh 
dhuit. 

16 Cha chuirear na h-aithriche gu bàs 
air son na cloinne, ni mò a chuirear a' 
chlann gu bàs air son nan aithriche : cuir- 
ear gach duine gu bàs air son a pheacaidh 
fèin. 

17 Cha chlaon thu breitheanas a' choig- 
rich, no an dìlleachdain, ni mò a ghabhas 
tu eudach bantraich mar gheall. 

18 Ach cuimhnichidh tu gu'n robh thu 
fèin a'd' thràill san Eiphit, agus gu'n do 
shaor an Tighearna do Dhia thu as a sin : 
uime sin tha mi ag àithneadh dhuit an ni 
so a dheanamh. 

19 'Nuair a bhuaineas tu t' fhoghar a'd* 
achadh, agus a dhì-chuimhnicheas tu sguab 
san achadh, cha phill thu g'a togail : air 
son a' choigrich, air son an dìlleachdain, 
agus air son nabantraich bithidh i ; a chum 
gu'm beannaich an Tighearna do Dhia thu 
ann an uile oibribh do làmh. 

20 'Nuair a chrathas tu do chrann-oladh, 
cha tèid thu thairis air na geugaibh a rìs : 
air son a' choigrich, air son an dìlleachd- 
ain, agus air son na bantraich bithidh e. 

21 'Nuair a chruinnicheas tu fìon- 
dhearcan t'fhìon-lios, cha ghlan thu gu 
buileach a' d' dhèigh e : air son a' choig- 
rich, air son an dìlleachdain, agus air son 
na bantraich bithidh e. 

22 Agus cuimhnichidh tu gu'n robh thu 
a'd' thràill ann an tìr na h-Eipbit: uime 
sin tlia mi ag àithneadh dhuit an ni so a 
dheanamh. 

CAIB. XXV. 

MA bhios connsachadh eadar dhaoine, 
agus gu'n tig iad gu breitheanas, a 
chum as gu'n toir na breitheamhna breth 
orra ; an sin saoraidh iad an t-ionracan, 
agus dìtidh iad an ciontach. 

2 Agus tarlaidh, ma 's airidh an duine 
aingidh bhi air a bhualadh, gu'n toir am 
breitheamh air luidhe sìos, agus a bhi air 
a bhualadh 'na làthair, a rèir a choire, ann 
an àireamh àraidh do bhuillibh. 

3 Dà fhichead buille bheir e dha: cha 
tèid e thairis, air eagal nan rachadh e 
thairis, agus gu'm buaileadh se e os an 
ceann sin le mòran bhuillibh, an sin gu'm 
biodh do bhràthair tàireil a'd' shùilibh. 

4 Cha chuir thu ceangal air beul an 
daimh an uair a tha e saltairt an arbhair. 

5 'Nuair a ghabhas bràithrean còmh- 
nuidh maille ri chèile, agus gu'm faigh aon 
diubh bàs, agus gun duine cloinne aige, 
cha phòs bean a' mhairbh a mach ri coig- 
reach : thèid a bràthair-cèile steach d'a 
h-ionnsuidh, agus gabliaidh e dha fèin i 
'na ninaoi, agus ni e dlighe bràthar-cèile 
rithe. 

6 Agus èiridh an ceud-ghin mic a bheir- 
eas i, suas ann an ainra a bhràthar a ta 
marbh, a chutn nach dubhar a mach 'ainm 
à h-Israel. 

7 Agus mur toil leis an duine bean a 



162 



DEUTERONOMI. 



bhràthar a ghabhail, an sin thèid bean a 
bhràthar suas do'n gheata chum nan sean- 
airean, agus their i, Tha mo bhràthair- 
cèile a' diùltadh ainm a thogail suas d' a 
bhràthair ann an Israel, cha 'n àill leis 
dlighe bràthar-cèile a dheanamh rium. 

8 An sin gairmidh seanairean a' bhaile 
air, agus labhraidh iad ris : agus rna sheas- 
as e mach, agus gu 'n abair e, Cha 'n àill 
leam a gabhail ; 

9 An sin thig bean a bhràthar d' a ionn- 
suidh an làtliair nan seanairean, agus 
fuasglaidh i a bhròg bhàrr a choise, agus 
tilgidh i smugaid 'na eudain, agus freag- 
raidh agus their i, Mar so nìthear ris an 
duine nach tog suas tigh a bhràthar. 

10 Agus goirear 'ainm ann an Israel, 
Tigh an fhir aig am bheil a bhròg fuasg- 
ailte. 

11 'Nuair a bhios daoine ri comh-stri 
cuideachd, neach ri neach eile, agus gu 'n 
tig beau aoin diubh am fagus a dh' t huasg- 
ladh a fir-pòsda à làimh an fhir a tha 'ga 
bhualadli, agus gu 'n sìn i mach a làmh, 
agus gu 'n gabh i greim air a bhuill dìomh- 
air ; 

12 An sin gearraidh tu dh' i a làmh ; 
cha ghabh do shùil truas rithe. 

13 Cha blu' agad ann ad mhàla aon 
chothrom agus cothrom eile ; cothrom mòr 
agus beag. 

14 Cha bhi agad ann ad thigh aon soith- 
eath, agus soitheaeh eile tomhais ; soith- 
each mòr agus beag. 

15 Cothrom iomlan agus ceart bithidh 
agad, soitheaeh-tomhais ioiulau agus ceart 
bithidh agad ; a chum gu 'm buanaichear 
do làithean auns an t'hearann a tka 'n Tigh- 
earna do Dhia a' tabhairt duit. 

16 Oir tha iadsan uile a ni na nithe sin, 
iadsan uile a ni yu h-eucorach, 'nau gràin- 
eileachd do 'n Tighearna do Dhia. 

17 Cuimhnich ciod a rinn Amalec ort 
sau t-slighe, 'nuair a thàiuig sibh a mach 
as an Eiphit. 

18 Cionnus a choinnich e thu san t-slighe, 
agus a bhuail e chuid bu deireanaiche 
dhìot, eadhon iadsan uile a bha lag a' d' 
dhèigh, an uair a bha tliu fan agus sgìth, 
agus nach robh eagal Dè air. 

19 Uime sin an uair a bheir an Tighearna 
do Dhia fois duit o d' naimhdibh uile mu 'u 
cuairt, anns an fhearann a bheir an Tigh- 
earna do Dhia dhuit mar oighreachd r' a 
shealbhachadh, dubhaidh tu as cuimhne 
Amaleico 6/w'fuidhnèamh; chadì-chuimh- 
uich thu e. 

CAIB. XXVI. 

AGUS an uair a thèid thu stigh do 'n 
t hearann a tha 'n Tighearna do Dhia 
a' toirt dhuit mar oighreachd, agus a 
shealbhaicheas tu e, agus a ghabhas tu 
còmhnuidh ann, 

2 An sin gabhaidh tu do'n cheud chuid 
do uile thoradh na talmhainn, a bheir thu 
leat do t' fhearann a tha 'n Tighearna do 
Dliia a' tabhairt duit, agus cuiridh tu ann 
am bascaid e, agus thèid thu chuin an àite 
a thaghas an Tighearna do Dhia, a chur 
'ainme au sìn. 

3 Agus thèidthu dh'ionnsuidh an t-sag- 
airt a bhios anns na làithibh sin, agus their 



thu ris, Tha mi ag aideachadh air an là 'n 
diugh do 'n Tighearna do Dhia, gu 'gj 
d' thàinig mi do 'n dùthaicli a mhionnaicta | 
an Tighearna d' ar n-aitlirichibh gu u tug- j 
adh e dhuinn. 

4 Agus gabhaidh an sagart a' bhaseaid as 
do làimh, agus cuiridh e sìos i air beulaobh 
altarach an Tighearna do Dhè. 

5 Agus freagraidh tu agus their thu an , 
làthair an Tigheaina do Dhè, Bu Shirian- 1 
ach air sheòl a bhi caillte m' athair, a^us 
chaidh e sìos do 'n Eiphit, agus bha e air 
chuairt an sin le beagan cuideachd, agus 
dh' fhàs e 'n sin 'na chinneach mòr, cunih- 
achdach, agus lìonmhor. 

6 Agus bhuin na h-Eiphitich gu h-olfi 
ruinn, agus shàraich iad sinu, agus chuir 
iad daorsa chruaidh oirnn. 

7 Agus ghlaodh sinn ris an Tighearna, < 
Dia ar n-aithriche, agus dh' èisd an Tigh- , 
earna r' ar guth, agus dh' amhairc e air ar 
n-àmhghar, agus ar saothair, agus ar foir- ; 
neart : 

8 Agus thug an Tighearna mach sinn as 
an Eiphit le làimh chumhachdaich, agus le 
gàirdean sìnte macli, agus le h-uamlianu i 
mòr, agus le comharaibh, agus le h-iong- 
antasaibh : 

9 Agus thug e sinn do 'n àite so, agus 
thug e diiuinu am fearann so, fearaun a 
tha sruthadh le bainne agus mil. 

10 Agus a nis, feuch, thug mi leam ceud 
thoradh an fhearainn a thug thusa, a 
Thighearna, dhòmh. Agus cuiridh tu e 
am tìanuis an Tighearna do Dhè, agus ni 
thu aoradh am fianuis an Tighearna do 
Dhè. 

1 1 Agus ni thu gairdeachas anns gach ni 
maith a tlmg an 'lighearna do Dhia dhuitjj > 
agus do d' thigh, tliu fèin, agus an Lebh- 
itiieach, agus an coigreach a bhios 'nur 
measg. 

12 'Nuair a chuireas tu crìoch air deach- 
amh a thoirt seachad, eadhon uile dheacii- 
amh do chinneis air an tieas bliauhna, 
bliadhna an deacliaimh, agus a bheir thu e 
do 'n Lebhitheach, do 'n choigreach, do 'n 
dìlleaclidan, agus do 'n bhantraich, a chum 
gu 'n ith iad an taobh a stigh do d' gheat- 
aibh, agus gu 'n sàsuichear lad ; 

13 An siìi their thu am fianuis an Tigh- 
earna do Dhè, Thug rai leam na mthe 
naomha as mo thigh, agus mar an eeudua 
thug mi iad do 'n Lebhitheach, agus do 'n 
choigreach, do 'n dìlleachdan, agus do 'n 
bhantraich, a rèir t' àitheantan uile a dh'- 
àithn thu dhomh : cha do bhris mi \\-aon I 
do t' àitheautaibh, ni mò a dhì-chuimhiiieh I 
mi iad. 

14 Cha d' ith mi bheag dliiubli a' m* 
bhròn, ni mò a ghabb mi b/ieag^ dhiubh gu 
feum neòghlan sam bith, ni mò a thug mi I 
'bheag dhiubh air son a mhairbh : dh èisd 1 
mi ri guth an Tighearna mo Dhè; rinn . 
mi a rèir nan uile nithe a dh' àithn thu | 
dliomh. j 

15 Ambairc a nuas o ionad-còmhnuidh 
do naomhachd, o nèamh, ayus beaunaich ; 
do shluagh Israel, agus ain fearann a thug 
thu dhuinn, mar a mhionnaich tliu u' ar 
n-aithrichibh, fearann a tha sruthadh le 
bainne agus mil. 

16 Air an là 'n diugh dh' àithn an Tigh- 



CAIB. XXVII. XXVIII. 



163 



I earna do Dhia dhuit na reachdan agus na 
[breitheanais sin a dheanamh : uime sin 
l roimhididh agus ni thu iad le d' uile 
I jchridhe agus le d' uile anam. 

I 17 Rinn thu roghainn an diugh do'n 
l ITighearna gu bhi 'na Dhia dhuit, agus gu 
i gluasad 'na shlighibh, agus gu 'reachdan a 
f ghleidheadh, agus àitheantan, agus a 
bhreitheanais, agus gu èisdeachd r* a ghutb. 
18 Agus thagh an Tighearna thusa an 
[ diugh gu bhi a'd' shluagh sònraichte dha 
I fèin, mar a gheall e dhuit, agus a chum 
I 'gu'n gleidheadh tu 'àitheantan uile ; 
1 ! 19 Agus a clmm gu 'n deanadh e àrd thu 
[ os ceann nan uile chinneach a rinn e, ann 
| m cliu, agus ann an ainra, agus ann an 
I urram ; agus a chum gu 'm bithidh tu a' d' 
lishluagh naomha do'n Tighearna do Dhia, 
'fimar a labhair e. 

' CAIB. XXVII. 
I A GUSdh'àìthn Maois agus seanairean 
IxV Israeil do'n t-sluagh, agràdh,Gleidh- 
I; bh na h-àitheantan uile a tha mi agàithn- 
l?adh dliuibli an diugl). 
I 2 Agus tarlaidh, air an là anns an tèid 
vibh thar Iordan do'n fhearann a bheir an 

■ Tighearna do Dhia dhuit, gu'n cuir tlm 
"■iuas dhuit fèin clacha mòra, agus còmh- 

■ ìaiehidh tu thairis le h-aol iad. 

I 3 Agus sgrìobhaidh tu orra uile bhriath- 
wan an laglia so, 'nuair a thèid thu thairis, 
Ui chum gu 'n tèid tliu steach do 'n fhearanu 
'li bheir an Tighearna do Dhia dhuit, fear- 
lmn a tha sruthadh le bainne agus le tnil; 
'■nar a gheall an Tighearna Dia t'aithriche 

■ ìhuit. 

I 4 Uime sin an uair athèid sibh thar Ior- 
||lan, cuiridh sibh suas na clachan sin, a tha 
I ni ag àithneadh dhuibh air anlà'n diugh, 
-|i mn àn sliabh Ebail, agus còmhdaichidh tu 
i hairis le h-aol iad. 

■ 5 Agus an sin togaidh tu suas altair do'n 

■ Tighearna do Dhia, altair do chlachaibh : 
K 'ha tog thu suas inneal iaruinn sam bith 
Bbrra. 

I 6 Do chlachaibh slàna togaidh tu altair 
•■in Tighearna do Dhè, agus bheir thu suas 
l.;)irre ìobairte-loisgte do 'n Tighearna do 
Dhia. 

■ 7 Agus ìobraidh tu ìobairte-sìth, agus 
l'thidh tu 'n sin, agus ni thu gairdeachas an 
'■ àthair an Tighearna do Dhè. 

■ 8 Agus sgrìobhaidh tu air na clachaibh 
■jiile bhriatliran an lagha so gu ro-shoill- 

■ir. 

I 9 Agus labhair Maois, agus na sagartan 
■jia Lebhithich, ri h-IsraeL uile, ag ràdh, 
liThoir an aire, agus èisd, O Israeil ; air an 
I ì'n diugh rinneadh thu a' d' shluagh do'n 
Ij l'ighearna do Dhia. 

H 10 Uime sin èisdidh tu ri guth an Tigh- 

■ i arna do Dhè, agus ni thu 'àitheantan, ag- 

■ is a reachdan, a tha mi agàithneadh dhuit 
Hir an là'n diugh. 

H 11 Agus dh' àithn Maois do'nt-sluagh air 

■j n là sin fèin, ag - ràdh, 
l| 12 Seasaidh iad so air sliabh Gheridsim a 
I heannachadh an t-sluaigh, 'nuair a thèid 
I bh thar Iordan ; Simeon, agus Lebhi, ag. 

Bj s Iudah, agus Isachar, agus Ioseph, ag- 

■{ s Beniamin. 

I ' 13 Agus seasaidh iad so air sliabh Ebail 



a mhallachadh ; Reuben, Gad, agus Aser, 
agus Sebulun, Dan, agus Naphtali. 

14 Agus labhraidh na Lebhithich, agus 
their iad ri daoinibh Israeil uile le guth 
àrd, 

15 Mallaichte gu robh an duine a ni 
dealbh snaidhte no leayhta, gràineileachd 
do'n Tighearn, obair làmh' an fhir-cheird, 
agus a chuireas e ann an ionad dìomhair : 
agus freagraidh an sluagh uile, agtis their 
iad, Amen. 

16 Mallaichte gu robh esan a ni tàir air 
'àthair no air a mhàthair: agus their an 
sluagh uile, Araen. 

17 Mallaichte gu robh esan a dli'atharr- 
aicheas crìoch fearainn a choimhears- 
naich : agus their an sluagh uile, Amen. 

18 Mallaichte gu robh esan a chuireas 
an dall air seacharan san t-slighe : agus 
their an sluagh uile, Amen. 

19 Mallaichte gu robh esan a chlaonas 
breitheanas a' choigrich, an dìlleachdain, 
agus na bantraich : agus their an sluagh 
uile, Amen. 

20 Mallaicltte gu robh esan a luidheas le 
mnaoi 'athar, a chionn gu bheil e a' leig- 
eadh ris còmhdaich 'athar: agus their an 
sluagh uile, Amen. 

21 Mallaichte gu robh esan a luidheas le 
h-ainmhidh satn bith : agustheir an sluagh 
uile, Amen. 

22 Mallaichte gu robh esan a luidlieas le 
'phiuthair, nighean 'athar, no nighean a 
mhàthar: agus their an sluagh uile, 
Amen. 

23 Mallaichte gu robh esan a luidlieas le 
'mhàthair-chèile : agus their an sluagh 
uile, Amen. 

24 Mallaichte gu robli esan a bhuaileas a 
choimhearsnach gu h-uaigneach : agus 
their an sluagh uile, Amen. 

25 Mallaichte gu robh esan a ghabhas 
duais air son duine neò-chiontach a 
mharbhadh : agus their an sluagh uile, 
Amen. 

26 Mallaicbte gu robh esan nach daing- 
nich uile bhi'iatltfan an lagha so chum an 
deanamh : agus their an sluagh uile, 
Amen. 

CAIB. XXVIII. 

AGUS tarlaidh, madh'èisdeastugu dùr- 
achdach ri guth an Tighearna do Dhè, 
a choimhead agus a dheanamh 'àitheantan 
uile, a tlia mi ag àithneadh dliuit airan là'n 
diugh, gu 'n cuir an Tighearna do Dhia 
suas thu os ceann uile chinneacha na tal- 
mhainn. 

2 Agus thig na beannachdan so uile ort, 
agus beiridh iad ort, ma dh'èisdeas tu ri 
guth an Tighearna do Dhè. 

3 Beannaichte bitkidh tu sa' bhaile, agus 
beannaichte bitkidh tu sa' mhachair. 

4 Beannaichte bithidh toradh do chuirp, 
agtts toradh t'flfearainn, agus toradh do 
sprèidhe, fàs do chruidh, agus treuda do 
cliaorach. 

5 Beannaichte bithidh do bhascaid agus 
do chuibhrionn. 

6 Beannaichte bithidh tu 'nuair a thig 
thu stigh, agus beannaichte bithidh tu 
'nuair a thèid thu mach. 

7 Bheir an Tighearna fa 'near gu 'm bi do 



164 



DEUTERONOMI. 



naimhdean, a dh'èireas suas a't' aghaidh, 
air am bualadh roimh do ghnùis : thig iad 
a mach a't' aghaidh air aon slighe, agus 
teichidh iad romhad air seachd slighibh. 

8 Aithnidh an Tighearn am beanuach- 
adh ort a' d' thighibh-tasgaidh, agus anns 
gach ni ris an cuir thu do làmh ; agus beann- 
aichidh e thu san fhearann a bheir an 
Tighearna do Dhia dhuit. 

9 Daingnichidh an Tighearn thu a'd' 
shiuagh naomha dha fèin, mar a mhionn- 
aich e dhuit, ma ghleidheas tu àitheautan 
an Tighearna do Dhè, agus ma ghluaiseas 
tu 'na shlighibh. 

10 Agus chi uile chinnich na talmhainn 
gu 'n goirear ainm an Tighearn ort, agus 
bithidh eagal orra romhad. 

11 Agus ni an Tighearna saoibhir thu 
ann am maoin, ann an toradh do chuirp, 
agus ann an toradh do sprèidhe, agus ann 
an toradh do thalmhainn, anns an talarah 
a rahionnaich an Tighearna do t' aithrich- 
ibh a thabhairt duit. 

12 Fosglaidh an Tighearna dhuit a 
dheadh ionmhas, na neamhan a thoirt 
uisge do t' f hearann 'na àm, agus a bheann- 
achadh uile oibre do làimhe ; agus bheir 
thu 'n iasachd do mhòran chinneach, agus 
cha ghabh thu 'n iasachd. 

13 Agus ni an Tighearn an ceann dhìot, 
agus ni e an t-earball ; agus bithidh tu 
mhàin an uachdar, agus cha blii thu 'n 
ìochdar ; ma dh' èisdeas tu ri àitheantaibh 
an Tighearna do Dhè, a tha mi ag àithn- 
eadh dhuit air an là 'n diugh, gu'n coimh- 
ead agus gu'n dean thu iad. 

14 Agus cha tèid thu thaobh o aon air 
bith do na briathraibh a tha mi ag àithn- 
eadh dhuit an diugh, a chum na làimhe 
deise no chum na làimhe clìthe, a dhol an 
dèigh dhiathan eile a dheanamh seirbhis 
doibh. 

15 Ach tarlaidh, mur èisd thu ri guth an 
Tighearna do Dhè, a thoirt fa 'near gu'n 
dean thu 'àitheantan agus a reachdan uile, 
a tha mi ag àithneadh dhuit an diugh, gu 'n 
tig na mallachdan so uile ort, agus gu 'm 
beir iad ort. 

16 Mallaichte bithidh tu sa' bhaile, agus 
mallaichte bithidh tu sa' mhachair. 

17 Mallaichte bithidh do bhascaid agus 
do chuibhrionn. 

18 Mallaichte bithidh toradh do chuirp, 
agus toradh t'fhearainn, fàs do chruidh, 
agus treudan do chaorach. 

19 Mallaichte bithidh tu 'nuair a thig 
thu stigh, agus mallaiehte bithidh tu 'nuair 
a thèid thu mach. 

20 Cuiridh an Tighearn ort mallachadh, 
mi-shuaimhneas, agus achmhasan, anns 
gach ni ris an cuir thu do làmh gu 'dhean- 
amh, gus an sgriosar thu, agus gus an tèid 
as duit gu h-obann, air son aingidlieachd 
do ghnìomhara leis an do thrèig thu 
mise. 

21 Bheir an Tighearn air a' phlàigh 
leantuinn riut, gus an claoidh e thu bhàrr 
an fhearainn, d'am bheil thu dol a steach 
g' a shealbhachadh. 

22 Buailidh an Tighearn thu le caith- 
eamh agus le fiabhrus, agus le h-ain- 
teas, agus le h-àrd-losgadh, agus leis a' 
chlaidheamh, agus le seargadh, agus le 



fuar-dhealt ; agus leanaidh iad thu gus anfj 

tèid as duit. 

23 Aaus bithidh do speuran a ta os Aom 
cheann 'nan umha, agus an talamh a ta , 
fodliad 'na iarunn. 

24 Ni an Tighearn uisge t'fhearainn 'na i 
luaithre agus 'na dhuslàch : o nèamh thig J 
e nuas ort, gus an sgriosar thu. 

25 Bheir an Tighearna fanear gu'mjl 
buailear thu air beulaobh do naimhdean :■ 
thèid tliu mach air aonslighe 'nan aghaidh, I 
agus teicliidh tu rompa air seachd sligh-, 
ibh ; agus atharraichear thu chum uile 
rioghachda na talmhainn. 

26 Agus bithidh do chlosach 'na biadhj 
aig uile eunlaith an athair, agus aig beath- 
aichibh na talmhainn, agus cha'n ihuad-j 
aich duine sam bith air falbh iad. 

27 Buailidh an Tighearn thu le neasgaid 
na h-Eiphit, agus Te ruith fola, agus lej 
càrr, agus le cloimh, do nach bi e'n comaaj 
do leigheas. 

28 Buailidh an Tighearn thu le cuthachJ 
agus le doilie, agus le h-uamhann cridhe. | 

29 Agus smeuraichidh tu mu mheadh-; 
on-là, mar a smeuraicheas an dall san 
dorchadas, agus cha soirbhicli leat a'd : 
shlighibh : agus bithidh tu mhàin fuidhl 
fhoirneart, agus air do chreachadh ai 
ghnàth, agus cha teasairg duine sam bith 
thu. 

30 Ni thu ceangal-pòsaidh ri mnaoi, ag-> 
us luidhidh fear eile leatha: togaidh tu 
tigh, agus cha ghabh thu còmhnuidh ann: 
suidhichidh tu fìon-lios, agus cha tionai) 
thu 'fhìon-dhearcan. 

31 Marbhar do dhamh fa chomhair dn 
shùl, agus cha'n ith thu dheth : bheireai 
air falbh t' asal a dh' aindeoin as do làthair 
agus cha toirear air a h-ais dhuit i : bheir-i 
ear do chaoraich do d' naimhdibh, agus 
cha bhi neach agad a bheir uatha iad. 

32 Bheirear do mhic agus do nigheanii 
do shluagli eile, agus chi do shùilean, agus 
fàilnichidh iad lefadal air an son rè an là ; 
agus cha bhi neart sam bith a' d' làimh. 

33 Toradh t' f hearainn, agus do shaoth- 
air uile, ithidh cinneach suas, nach b' aith- 
ne dhuit ; agus bithidh tu mhàin fuidh 
fhoirneart agus air do bhruthadh ancòmh- 
nuidh : 

34 Air chor as gu'm bi thu air mhi- 
chèill, air son seallaidh do shùl a chi 
thu. 

35 Buailidh an Tighearn thu sna gliìin- 
ibh, agus anns na cosaibh, le neasgaic 
chràitich nach gabh leigheas, o bhonn dc 
choise gu mullach do chinn. 

36 Bheir an Tighearn thu/em, agus dc 
righ a chuireas tu os do cheann, gu cinn- 
each nach b'aithne aon chuid duit fèin m 
do t' aithrichibh ; agus an sin ni thu seir- 
bliis do dhiathaibh eile, do fliiodh agus di 
chloich. 

37 Agus bithidh tu a't' uamhas, a'di 
shamhladh, agus a'd' leth-fhocal, am! 
measg nan uile chinneach gus an treòraicl 
an Tighearn thu. 

38 Bheir thu mòran sìl a mach do'n 
fhearann, ach is beag a chruinnicheas tvi 
stigh : oir ithidh an locust suas e. 

39 Suidhichidh tu fìon-liosan agus deas-i 
aicliidh tu iad, ach cha 'n òl tnu do 'r' 



CAIB. XXIX. 



rìon, ni mò a chruinnicheas tu na dearc- 
n: oir ithidh a' chuimh iad. 

40 Bithidh croinn-oladh agad air feadh do 
uriochan uile, ach cha 'n ung thu thu fèin 
is an oladh : oir tilgidh do chranu-oladh 
thoradh. 

41 Ginidh tu mic agus nigheanan. ach 
/ ìa raheal thu iad; oir thèid iad am 

raighdeanas. 

42 Do chraobhan uile, agus toradh 
fhearainu, millidh an locust. 

\ 43 Eiridh au coigreach a tha 'nur measg 
ìas gu ro-àrd os do cheann; agus thig 
msa nuas gu ro-ìosal. 

44 Bheir e 'n iasachd dhuit, agus cha toir 
msa an iasachd dha : bithidh esan 'na 
ìeann, agus bithidh ttisa a'd' earball. 

45 Agus thig na mallachdan sin uile ort, 
jus lèanaidh iad thu, agus beiridh iad 
rt, gus an sgriosar thu ; a chionn nach 

èisd thu ri guth au Tighearna do Dhè, a 
hleidheadh 'àitheantan agus a reachdan a 
h' àithn e dhuit. 

46 Agus bithidh iad ort mar chomhar 
jus mar iongantas, agus air do shliochd 
chaoidh. 

47 A chionn nach d'rinn thu seirbhis 
o'n Tighearna do Dhia le gairdeachas, 
jus le subhachas cridhe, air son pailteis 
an uile nithe ; 

■ 48 Uirae sin ni thu seirbhis do d'naimhd- 
»h, a chuireas an Tighearn a't' aghaidh, 
an an ocras, agus ann an tart, agus ann 
i lomnochdaidh, agus ann an uireas- 
jmidh nan uile nithe : agus cuiridli e 
jing iaruinn air do mhuineal, gus an cuir 
as duit. 

49 Bheir an Tighearn cinneach a't' agh- 
idh o ionad fad o làimh, o iomall na tal- 
ìhainn, mar au iolair air iteig ; cinneach 
ach tuig thu 'n cainnt ; 

50 Cinneacli aig am bheil aghaidh bhorb, 
ach toir urram do ghnùis an aosmhoir, 
gus nach dean iochd ris an òg. 

51 Agus ithidh e toradli do sprèidhe, ag- 
s toradh t'fhearainn, gus an sgriosar tlm : 
each nach fàg agad arbhar, fìou, no ol- 
dh, fàs do chruidh, no treudau do chaor- 
ch, gus an cuir e as duit. 

52 Agus teanuaichidh e thu ann ad 
heataibh uile, gus am brisear sìos do 
hallachan àrda agus daingnichte, anns an 
obh do dhòigh, air feadh t'fhearainn uile; 
gus teannaiehidh e thu ann ad gheataibh, 
ir feadh t'thearainn uile a thug an Tigh- 
arna do Dhia dhuit. 

53 Agus ithidh tu toradh do chuirp fèin, 
ìoil do mhac agus do nigheanan, a thug an 
'ighearna do Dhia dhuit, anns a' chogadh, 
gus anns an teinn, leis an teannaich do 
aimhdean thu : 

54 Air clior as an duine a ta maoth 'nur 
ìeasg, agus ro-shòghar, gu'm bi a shùil 
lc a thaobh a bhràthar, agus a thaobh mnà 
ichd fèin, agus a thaobh iarmaid a 
hloinne a dh' fhàgas e : 

55 Air chor as nach toir e do h-aon diubh 
bheag do fheoil a chloinne a dh'itlieas e ; 
chionn nach fàgar a bheag aige sa' chog- 

i dh, agus anns an teinn, leis an teannaich 
o naimhdean thu a'd' gheataibh uile. 

56 A' bhean mhaoth agus shòghar "nur 
• ìeasg, nach dùraigeadh bonn a coise a 



165 

chur air an talamh a thaobh muirn agus 
maothalachd, bithidh a sùil olc a thaobh 
fir-pòsda a h-uchd, agus a thaobh a mic, 
agus a thaobh a h-ighinn, 

57 Agus a thaobh a maothrain a thig a 
mach o eadar a cosaibh, agus a thaobh a 
cloiune a blieireas i : oir ithidh i iad a dh'- 
uireasbhuidh nan uile vrithe an dìomhair- 
eachd anns a' chogadh, agus anns an teinn, 
leis an teannaich do nàmhaid thu a'd' 
gheataibh. 

58 Mur toir thu an aire uile bhriathran 
an lagha so a dheanamh, a tha sgriobhta 
san leabhar so, a chum gu'm bi eagal an 
ainm ghlòrmhoir agus uamhasaich so ort, 
AN TIGHEARNA DO DHIA ; 

59 An sin ni an Tighearna do phlàigh- 
ean iongantach, agus plàighean do shliochd, 
eadhoìi plàighean rnòra agus maireannach, 
agus eucailean cràiteach agus fadalach. 

60 A bhàrr air so, bheir e ort uile ghalar- 
an na h-Eiphit, roimh an robh eagal ort ; 
agus leanaidh iad riut. 

61 Mar an ceudna gach tinneas, agus 
gach plàigh, nach 'eil sgrìobhta ann an 
leabhar an lagha so, iad sin bheir an Tigh- 
earn ort, gus an sgriosar thu. 

62 Agus fàgar sibh tearc ann an àireamh, 
an àite gu'n robh sibh mar reulta nèimh 
an lìonmhoireachd ; à chionn nach d'èisd 
thu ri guth au Tighearna do Dhè. 

63 Agus tarlaidh, mar a rinn an Tigh- 
earna gairdeachas os bhur ceann a dhean- 
amh maith dhuibh, agus gu'r deanamh 
lìonmhor, mar sin gu'n dean an Tighearna 
gairdeachas os bhur ceann gu'r sgrios, ag- 
us gu'r toirt gu neo-ni ; agus spìonar sibh 
as an fhearann darn bheil thu a' dol g'a 
shealbhachadh. 

64 Agus sgapaidh an Tigìiearn thu am 
measg nan uile chinneach, o'n dara ceann 
do'n talamh eadhon gus an ceann eile do'n 
talamh ; agus an sin ni thu seirbhis do 
dhiathaibh eile, nach b'aithne aon c/iuid 
duit fèin no do t' aithrichibh, eadhon do 
fhiodh agus do chloich. 

65 Agus am measg nan cinneach sin 
cha'n fhaigh thu suaimhneas sam bith, ni 
mò bhios fois aig bonn do choise : ach bheir 
an Tighearna dhuit an sin cridhe gealtach, 
agus fàilneachadh shùl, agus doilgheas 
inntinn. 

66 Agus bithidh do bhèatha crochta ann 
an amharus fa d' chomhair ; agus bithidh 
eagal ort a là agus a dh' oidhche, agus cha 
bhi cinnte air bith agad do d' bheatha. 

67 Sa' mhaduinn their thu, Och ! nach 
b'e 'm feasgar e ; agus san fheasgar their 
thu, Och ! nach b'i a' mhaduinn e ; air 
son eagail do chridhe leis am bi eagal ort, 
agus air son seallaidh do shùl a chi thu. 

68 Agus bheir au Tighearna rìs thu do'n 
Eiphit ann an longaibh, air an t-slighe 
mu'n dubhairt mi riut, Cha 'n fhaic thu 
rìs i tuilleadh : agus an sin reicear sibh ri'r 
naimhdibh mar thràillean agus mar bhan- 
tràillean, agus cha bhi neach ann gu V 
ceannach. 

CAIB. XXIX. 

/S iad sin briathran a' choimhcheangail a 
dh' àithn an Tighearna do Mhaois a 
dheanamh ri cloinn Israeil, ann an tìr 
F 



166 



DEUTERONOMI. 



Mhaoib, a thuilleadh air a choimhcheangal 
a rinn e riu ann an Horeb. 

2 Agus thug Maois gairm do Israel uile, 
agus thubhairt e riu, Chunnaic sibh gach 
ni a rinn an Tighearna fa chomhair bhur 
sùl ann an tìr na h-Eiphit, ri Pharaoh, ag- 
us r'a sheirbhisich uile, agus r'a fhearann 
uile ; 

3 Na deuchainnean mòra a chunnaic do 
sliùilean, na comharan agus na h-iongan- 
tasan mòra sin ; 

4 Gidheadh cha d'thug an Tighearna 
dhuibh cridhe a thuigsinn, agus suilean a 
dh' fhaicinn, agus cluasan a chluinntinn, 
gus an là'n diugh. 

5 Agus threòraich mise sibh dà fhichead 
bliadhna san fhàsach : cha do chaitheadh 
bhur n-eudach dhibh le h-aois, agus cha 
do chaitheadh do bhròg le h-aois bhàrr do 
choise. 

6 Cha d'ith sibh aran, ni mò dh'òl sibh 
fìon, no deoch làidir ; a chum gu'm biodh 
fios agaibh gur mise an Tighearna bhur 
Dia. 

7 Agus an uair a thàinig sibh do'n àite 
so, thàinig Sihon righ Hesboin, agus Og 
righ Bhasain, a mach 'nar n-aghaidh chum 
catha, agus bhuail sinn iad ; 

8 Agus ghlac sinn am fearann, agus thug 
sinn e mar oighreachd do na Reubenich, 
aarus do na Gadaich, agus do leth thrèibh 
Mhanaseh. 

9 Gleidhibh uime sin briathran a' 
choimhcheangail so, agus deanaibh iad, a 
chum gu soirbhich leibh anns gach ni a ni 
sibh. 

10 Tha sibh uile 'nur seasamh an diugh 
an làthair an Tighearna bhur Dè ; ceann- 
aidan bhur treubha, bhur seanairean, agus 
bhur luchd-riaghlaidh, fir Israeil uile, 

11 Bhur clann bheag, bhur mnài, agus 
do choigreach a tha ann ad champ, o 
fhear-gearraidh t'fhiodha gu fear-tarruing 
t' uisge ; 

12 A chum gu'n rachadh tu ann an 
coimhcheangal ris an Tighearna do Dhia, 
agus 'na mhionnaibh-san, a tha 'n Tigh- 
earna do Dhia a' deanamh riut air an là 'n 
diugh : 

13 A chum gu'n daingnich e thu an 
diugh mar shluagh dha fèin, agus gu 'm bi 
esan dhuitse 'na Dhia, mar a thubhairt e 
riut, agus mar a mhionnaich e do t'aith- 
richibh, do Abraham, do Isaac, agus do Ia- 
cob. 

14 Agus cha'n ann ribhse mhàin a tha 
mise a' deanamh a choimhcheangail so, 
agus nam mionna so ; 

15 Ach rìs-san a tha 'n so maille ruinn 
"na sheasamh an diugh an làthair an Tigh- 
earna ar Dè, agus mar an ceudna ris-san 
nach 'eil an so maille ruinn an diugh : 

16 (Oir is aithne dhuibh cionnus a bha 
sinn a chòmhnuidh ann an tìr na h-Eiphit, 
agus cionnus a thàinig sinn troimh mheadh- 
on nan cinneach air an deachaidh sibh 
seachad ; 

17 Agus chunnaic sibh an gràineileachd- 
an, agus an ìodholan, fiodh agus clach, 
airgiod agus òr, a bha 'nam measg :) 

18 Air eagal gu'm biodh 'nur measg fear, 
no bean, no teaghlach, no treubh, a chlaon- 
as a chridhe air falbh an diugh o'n Tigh- 



earn ar Dia, a dhol a dheanamh seirbhis dff 
dhiathaibh nan cinneach sin; air eagal 
gu'm biodh 'nur measg freumh a bheirl 
uaith mar thoradh nimh agus searbhas, 

19 Agus an uair a chluinneas e briathran* 
a' mhallachaidh so, an sin gu'm beannaich; 
se e fèin 'na chridhe, ag ràdh, Bithidh sìthj 
agam, ged a ghluais mi ann an anamiamr 
mo chridhe fein, a chur misge ri path-i 
adh : 

20 Cha chaomhain an Tighearn e, ach: 
an sin cuiridh fearg an Tighearn, agusj 
'eud, smùid diubh an aghaidh an duine sin, 
agus luidhidh gach mallachadh air a tha\ 
sgrìobhta san leabhar so, agus dubhaidh 
an Tighearn mach 'ainm o bhi fuidhi 
nèamh. 

21 Agus sgaraidh an Tighearn e cham 
uilc, a mach à treubhaibh Israeil uile, a< 
rèir uile mhallachdan a' choimhcheangail, 
a tha sgrìobhta ann an leabhar an lagha 

so : 

22 Air chor as gu'n abair an ginealach ri 
teachd, bhur clann a dh'èireas suas 'nur 
dèigh, agus an coigreach a thig o thìr fad o 
làimh, nuair a chi iad plàighean an fhear- 
ainn sin, agus 'eucailean a leag an Tigh- 
earn air ; 

23 Agus gu bheil a thalamh uile 'na 
phronnasg, agus'na shalann, agus 'na losg- 
adh, nach 'eil e air a chur, no toirt toraidh 
uaith, agus nach 'eil feur sam bith a' fàs 
ann, cosrahuil ri sgrios Shodoim agus Gho- 
morrah, Admah agus Sheboim, a sgri09 
an Tighearna 'na ìheirg, agus 'na chorr- 
uich ; 

24 Their eadhon na h-uile chinnich, C'ar 
son a bhuin an Tighearna mar so ris an 
fhearann so? Ciod is ciall do theas na 
corruiche mòire so ? 

25 An sin their daoine, A chionn gu'n 
do thrèig iad coimhcheangal an Tighearna 
Dè an aithriche a rinn e riu, 'nuair a thug 
e mach iad à tìr na h-Eiphit. 

26 Oir chaidh iad agus rinn iad seirbhis 
do dhiathaibh eile, agus rinn iad aoradh 
dhoibh, dèe nach b'aithne dhoibh, agus 
nach d'thug esan doibh. 

27 Agus las corruich an Tighearn an agh- 
aidh an fhearainn so, a thoirt nam mall- 
achdan sin uile air a tha sgrìobhta san 
leabhar so. 

28 Agus spìon an Tighearn a mach iad 
as am fearann ann ara feirg, agus ann an 
corruich, agus ann an lasan ro-mhòr, ag- 
us thilg e iad do dhùthaich eile, mar air an 
là'n diugh. 

29 Buinidh na nithe dìotnhair do'n 
Tighearn ar Dia, ach na nithe a ta foill- 
sichte dhuinne, agus d'ar cloinn a chaoidh, 
a chum gu'n dean sinn uile bhriathran an 
lagha so. 

CAIB. XXX. 

AGUS an uair a thig na nithe so uile ort, 
am beannachadh agus am mallach- 
adh, a chuir mise romhad, agus a chuimh- 
nicheas tu orra am measg nan cinneach 
uile chum au d'fhògair an Tighearna do 
Dhia thu, 

2 Agus a philleas tu dh'ionnsuidh an 
Tighearna do Dhè, agus a bheir thu gèill 
d'a ghuth, a rèir nan uile nithe a tha mise 



CAIB. XXXI. 



167 



[ ag àitlineadh dhuit air an là 'n diugh, thu 
! fèin agus do chlann, le t' uile chridhe, agus 
He t' uile anara ; 

1 3 An sin bheir an Tighearna do Dhia air 
i ais do bhraighdeanas, agus ni e iochd riut, 
tagus pillidh e agus cruinnichidh e thu as 

nah-uile chinnieh a chum an do sgap an 

Tighearna do Dhia thu. 
, 4 Ma dh' fhògradh neach agad gus a' 

chuid a 's iomallaiche do nèamh, as a sin 
'cruinnichidh an Tighearna do Dhia thu, 
i agus as a sin bheir e thu : 
i 5 Agus bheir an Tighearna do Dhia thu 
tdo'n f hearann a shealbhaich t' aithriche, 
iagus sealbhaichidh tu e; agus ni e maith 

dhuit, agus bheir e ort fàs lìonmhor os 

ceann t' aithriche. 

i 6 Agus timchioll-ghearraidh an Tigh- 
ijearna do Dhia do chridhe, agus cridhe do 
I shliochd, a ghràdhachadh an Tigliearna do 
I Dhè, le t' uile chridhe, agus le t' uile anam, 

a chum gu 'm bi thu beò. 
b 7 Agus cuiridh an Tighearna do Dhia 

na mallachdan sin uile air do naimhdibh, 
jagus orra-san aig am bheil fuath dhuit, a 
Irinn geur-leanmhuinn ort. 
I 8 Agus pillidh tu agus blieir thu gèill 
jdoghuth an Tighearn, agus ni thu 'àith- 
jeantan uile atha mise ag àithneadh dhuit 
jan diugh. 

| 9 Agus ni an Tighearna do Dhia pailt 
|thu ann an uile obair do làimhe, ann an 
|toradh do chuirp, agus ann an toradh do 
jsprèidhe, agus ann an toradh t' fhearainn, 
a ehum maith : oir ni an Tighearna rìs 
|gairdeachas os do cheann chum maith, 
jmar a rinn e gairdeachas os ceann t' aith- 
j riche ; 

j 10 Ma dh' èisdeas tu ri guth an Tighearna 
| do Dhè, a ghleidheadh 'àitheantan, agus a 
j reachdan, a tha sgrìobhta ann an leabhar 
I an lagha so, agus ma philleas tu chum an 
I Tighearna do Dhè le t' uile chridhe, agus 
| le t' uile anam. 

| 11 Oir an àithne so a tha mise ag àithn- 
\ eadh dhuit an diugh, cha 'n 'eil i 'm folach 
V ort, ni mò a ta i fada uait. 

12 Cha 'n 'eil i sna nèamhaibh, air chor 
I as gu 'n abradh tu, Cò thèid suas air ar son 
1 do na nèamhaibh, agus a bheir i d' ar 
| n-ionnsuidh, a chum gu. 'n cluinn sinn i, 
| agus gu 'n dean sinn i? 
| 13 Ni mò a tha i 'n taobh thall do 'n 
! f hairge, air chor as gu 'n abradh tu, Cò 
: thèid a null air ar son thar an fhairge, ag- 
• us a bheir i d' ar n-ionnsuidh a chum gu 'n 
cluinn sinn i, agus gu 'n dean sinn i ? 
I 14 Ach tha 'm focal ro-fhagus duit, ann 
li do bheul, agus ann do chridhe, chum gu 'n 
1 dean thu e. 

Ij 15 Feuch, chuir mi romhad an diugh 
| beatha agus maith, agus bàs agus olc ; 
| 16 A mheud gu bheil mi ag àithneadh 
i dhuit an diugh an Tighearna do Dhia a 

ghràdhachadh, gluasad 'na shlighibh, agus 
Ij ^itheantan a ghleidheadh, agus a reachd- 
I an, agus a bhreitheanais, a chum gu 'm bi 

thu beò, agus gu 'm fàs thu honmhor, agus 
: gu'm beannaich an Tighearna do Dhia thu 

san fhearann d' am bheil thu dol g' a 
I shealbhachadh. 

j 17 Ach ma thionndaidheas do chridhe 
j air falbh, agus nach èisd thu, ach gu 'n 



tairngear air falbh thu, agus gu 'n dean thu 
aoradh do dhiathaibh eile, agus gu 'n dean 
thu seirbhis dhoibh ; 

18 Tha mi ag innseadh dhuibh air an 
là 'n diugh, gu'n sgriosar gu cinnteach sibh, 
agus nach buanaich sibh bhur làithean air 
an fhearann, d' am bheil thu dol thar Ior- 
dan, gu gabhail a steach g' a shealbhach- 
adh. 

19 Tha mi a' gairm nan nèamh agus na 
talmhainn mar fhianuisean 'nur n-aghaidli 
air an là 'n diugh, gu 'n do chuir mi beatha 
agus bàs f ' ar comhair, beannachadh agus 
mallachadh: uime sin ròghnuich beatha, 
chum gu 'm bi thu fèin agus do shliochd 
beò : 

20 A chum gu 'n gràdhaich thu 'n Tigh- 
earna do Dhia, agus gu 'n toir thu gèill d' a 
ghuth, agus gu 'n lean thu ris ; (oir is esan 
do bheatha, agus fad do làithean ;) a chum 
gu 'n gabh thu còmhnuidh san fhearann a 
mhionnaich an Tighearna do t' aithrich- 
ibh, do Abraham, do Isaac, agus do Iacob, 
gu 'n tugadh e dhoibh. 

CAIB. XXXI. 

AGUS chaidh Maois agus labhair e na 
briathra so ri h-Israel uile. 

2 Agus thubhairt e riu, Tha mise ceud 
agus fichead bliadhna dh' aois air an là 'n 
diugh ; cha 'n urrainn mi tuilleadh dol a 
mach agus teachd a steach : agus thubh- 
airt an Tighearna rium, Cha tèid thu thar 
an Iordan so. 

3 Thèid an Tighearna do Dhia e fèin a 
null romhad ; sgriosaidh esan na cinnicn 
sin o d' làthair, agus sealbhaichidh tu iad : 
agus thèid Iosua null romhad, mar a 
thubhairt an Tighearn. 

4 Agus ni an Tighearna riu mar a rinn 
e ri Sihon, agus ri h-Og, rìghre nan Amor- 
ach, agus ri fearann na muinntir sin a 
sgrios e. 

5 Agus hheir an Tighearna thairis iad 
roimh bhur gnùis, a chum gu 'n dean sibh 
riu a rèir gach àithne a dh' àithn mise 
dhuibh. 

6 Bithibh làidir, agus biodh deadh mhis- 
neach agaibh, na biodh eagal oirbh, agus 
na gabhaibh geilt rompa : oir is e 'n Tigh- 
earna do Dhia e fèin a thèid leat; cha 
dìbir e thu, ni mò a thrèigeas e thu. 

7 Agus ghairm Maois air Iosua, agus 
thubhairt e ris ann an sealladh Israeil uile, 
Bi làidir, agus biodh deadh mhisneach 
agad : oir is tusa a thèid a stigh leis an 
t-sluagh so do'n fhearann a mhionnaichan 
Tighearna d' an aithrichibh gu'n tugadh e 
dhoibh ; agus bheir thu orra a shealbhach- 
adh mar oighreachd. 

8 Agus thèid an Tighearn e fèin romh- 
ad ; bithidh esan maille riut, cha dìbir e 
thu, ni mò a thrèigeas e thu : na gabh 
eagal, agus na biodh geilt ort. 

9 Agus sgrìobh Maois an lagh so, agus 
thug se e do na sagartaibh mic Lebhi, a 
tha giùlan àirce coimhcheangail an Tigh- 
earn, agus do sheanairibh Israeil uile. 

10 Agus dh'àithn Maois dhoibh, agràdh, 
Aig ceann gach seachd bliadhna, ann an 
àm òrduichte bliadhna an fhuasglaidh, aig 
fèill nam pàilliun ? 

11 'Nuair a thig Israel uile g' an tai6bean- 



168 



DETJTERONOMI. 



adh fèin an làthair an Tighearna do Dhè, 
san ionad a thaghas e ; leughaidh tu 'n 
lagh so an làthair Israeil uile 'nan èisd- 
eachd. 

12 Cruinnich an sluagh r' a chèile, fir, 
agus mnài, agus clann, àgus do choigreach 
a tha 'n taobh a stigh do d' gheataibh, a 
chum gu 'n cluinn iad, agus gu 'm fòghlum 
iad, agus gu'm bi eagal an Tighearna bhur 
Dè orra, agus gu 'n toir iad fa 'near uile 
bhriathran an lagha so a dheanamh ; 

13 Agus gu 'n cluinn an clann do nach 
b' aithne blieag, agus gu fòghlum iad eagal 
an Tighearna bhur Dè abhi orra, am fad's 
is beò dhuibh san fhearann d' am bheil sibh 
dol thar Iordan g' a shealbhachadh. 

14 Agus thubhairt an Tighearna ri 
Maois, Feuch, tha do làithean a' dlùthach- 
adh anns am feum thu bàs fhaghail : 
gairm air Iosua, agus nochdaibh sibh fèin 
ann am pàilliun a' choimhthionail, a chum 
gu 'u toir mise àithne dha. Agus chaidh 
Maois agus Iosua, agus nochd siad iad fèin 
ann am pàilliun a' choimhthionail. 

15 Agus dh' fhoillsich an Tighearn e 
fèin sa' phàilliun ann am meall neoil : ag- 
U3 sheas am meall neoil os ceann doruis a' 
phàilliuin. 

16 Agus thubhairt an Tighearna ri 
Maois, Feuch, coidlidh tusa maille ri 
t' aithrichibh ; agus èiridh an sluagh so 
suas, agus thèid iad le strìopachas an dèigh 
dhiathàn na tìre coimhich sin d' am bheil 
iad a' dol a steach gnfantuinn 'na meadh- 
on, agus trèigidh iad mise, agus brisidhiad 
mo choimhcheangal a rinn mi riu. 

17 Agus lasaidh mo chorruich 'nan 
aghaidh san là sin, agus trèigidh mi iad, 
agus folaichidh mi mo ghnuis uatha, agus 
ithear suas iad, agus thig mòran olc agus 
àmhgharan orra, air chor as gu 'n abair 
iad san là sin, Nach ann a chionn ìiach 
'eil ar Dia 'nar measg a thàinig na h-uile 
so oirnn ? 

18 Agus gu cinnteach folaichidh mise 
mo ghnùis san là sin, air son gach uilc a 
dii' oibrich iad, a chionn gu 'n do thionnd- 
aidh iad an dèigh dhiathan eile. 

19 A nis uime sin sgrìobhaibhse dhuibh 
fèin an laoidh so, agus teagaisgibh i do 
chloinn Tsraeil : cuir i 'nam beul, a chum 
gu 'm bi 'n laoidh so mar fhianuis dhomh- 
sa an aghaidh chloinn Israeii. 

20 Oir an uair a bheir mi stigh iad do 'n 
fhearann a mhionnaich mi d' an aithrich- 
ìbh, a tha sruthadh le bainne agus le mil, 
agus a dh' itheas iad agus a shàsuichear 
iad, agus a dh* fhàsas iad reamhar ; an sin 
tionndaidh iad gu diathan eile, agus ni iad 
seirbhis doibh, agus brosnuichidh iad mi, 
agus brisidh iad mo choimhcheangal. 

21 Agus tarlaidh, an uair a thig mòran 
olc agus àmhgharan orra, gu 'n labhair an 
laoidh so mar fhianuis 'nan aghaidh ; oir 
cha dì-chuimhnichear i à heul an sliochd: 
oir is aithne dhomh an smuaintean a tha 
iad a' dealbh an diugh fèin, mun d'thug- 
mi steach iad do 'n fhearann a mhionnaich 
mi. 

22 Sgrìobh uime sin Maois anlaoidh so 
air an là sin fèin, agus theagaisg e i do 
chloinn Israeil. 

23 Agus dh' àithn e do Iosua mac Nuin, 



agus thubhairt e, Bi làidir, agus biodh 
deadh mhisneach agad : oir bheir thu clann 
Israeil do 'n fhearann a mhionnaich mi 
dhoibh ; agus bithidh mise maille riut, 

24 Agus an uair a chuir Maois crìoch air 
sgrìobhadh bhriathran an lagha so ann an 
leabhar, gus an do chrìochnaicheadh iad, 

25 An sin dh' àithn Maois do na Lebhith- 
ìch, a tha giùlan àirce coimhcheangail an 
Tighearn, ag ràdh, 

26 Gabhaibh leabhar an lagha so, agus 
cuiribh e aig taobh àirce coimhcheangail an 
Tighearna bhur Dè, chum gu'm bi e 'n sin 
mar fhianuis a' t' aghaidh. 

27 Oir is aithne dhomh do cheannairc, 
agus do mhuineal rag : feuch, am feadh 's 
a ta mi fathast beò maille ribh an diugh, 
blia sibh ceannairceach an aghaidh an 
Tighearn ; agus cia 's mò na sin a bhitheas 
sibh an dèigh mo bhàis? 

28 Cruinnichibh a m' ionnsuidh seanaire 
bhur treubhan uile, agus bhur luchd-riagh- 
laidh, a chum gu 'n labhair mi 'nan cluas- 
aibh na briathra so, agus gu 'n gairm mi na 
nèamhan agus an talamh mar fhianuisean 
'nan aghaiclh. 

29 Oir tha fhios agam, an dèigh mo 
bhàis gu 'n truaill sibh sibhfèin gutur, ag- 
us gu'n tèidsibh a thaobh o'n t-sligheadh'. 
àithn mi dhuibh ; agus thig olc oirbh anns 
na làithibh deireannach, a chionn gu 'n 
dean sibh olc ann an sealladh an Tigb- 
earna, 'ga bhrosnachadh gufeirg le h-obair 
bhur làmh. 

30 Agus labhair Maois ann an cluasaibh 
uile chomhchruinnich Israeil briathra na 
laoidhe so, gus an do chrìochnaicheadh 
iad. 

CAIB. XXXII. 

CLUINNIBH, Oa nèamhan, aguslabh- 
raidh mi ; agus èisdeadh an talamh ri 
briathraibh mo bheoil. 

2 Silidh mar an t-uìsge motheagasg, tuit- 
idh mar an drùchd mo chainnt ; mar mhìn- 
uisge air an lus mhaoth, agus mar fhrasan 
air an fheur ; 

3 A chionn gu 'm foillsich mi ainm an 
Tighearna : thugaibhse mòrachd d' ar Dia- 
ne. 

4 7* esan a' charraig, tha 'obair iomlan ; 
oir is breitheanas a shlighean uile : Dia na 
fìrinn, agus gun eucoir, cothromach agus 
ceart tha esan. 

5 Thruaill siad iad fèin, cha 'n e an smal 
smal a chloinne-san : is ginealach coirbte 
agus fiar iad. 

6 An ann raar so a dh' ìocas sibh do 'n 
Tighearn, O a shluagh amaideach agus 
gun chèill ? nach esan t' athair a cheann- 
aich thu ? nach d'rinn e thu, agus nach do 
dhaingnich e thu ? 

7 Cuimhnich na làithean o chian, thoir 
fa 'near bliadhnacha nan iomadh ginealach : 
fiosraich do t' athair, agus nochdaidh e 
rìhuit; do d* sheanairibh, agus innsidh iad 
dhuit. 

8 'Nuair a roinn an Tì a 's ro-àirde do 
na cinnich an oighreachd, an uair a sgar e 
mic Adhaimh o chèile, shuidhich e crìoch- 
an nan sluagh a rèir àireimh chloinn Is- 
raeil : 

9 Oir is e 'shluagh cuibhrionn an Tigh- 



CAIB. 

' earn ; is e Iacob crannchur 'oighreachd- 
: «an. 

10 Fhuair e ann am fearann fàs e, eadh- 
on ann am fàsach falamh làn ulfhartaich : 

! threòraich e mu 'n cuairt e, theagaisg se e, 
ghlèidh e mar ubhal a shùla e. 
U Mar a charaicheas iolar suas a nead, 

1 a dh' itealaicheas i os ceann a h-àlaich, a 
sgaoileas i mach a sgiathan, a ghahhas i 
iàd, a ghiùlaineas i iad air a sgiathaibh ; 

i 12 Mar sin threòraich an Tighearna 'na 
aonar esan, agus cha robh Dia coigreach 
maille rìs. 

13 Thug e air marcachd air àitibh àrda 
na talmhainn, a chum gu'n itheadh e tor- 
adh an fhearainn, agus thug e air mil a 
dheothal as a' charraig, agus oladh as a' 
charraig ailbhinn ; 

j 14 Im cruidh, agus bainne chaorach, 
roaille ri saill uan agus reitheachan do 

' shìol Bhasain, agus ghabhar, maille ri 
reamhrachd airnean a chruithneachd ; ag- 
us dh'òl thu fuil fhìor-ghlan nam fion- 
dhearc. 

| 15 Ach dh' fhàs Iesurun rearahar, agus 
bhreab e : tha thu air cinntinn reamhar, 
tha thu air fàs tiugh, tha thu còrahdaichte 
| lesaill: an sin thrèig e an Dia a rinn e, 
i agus rinn e dìmeas air carraig a shlàinte. 
| 16 Bhrosnaich iad e gu h-eud le diath- 
I aibh eile, le gràineileachdaibh chuir iad 
I corruich air. 

I 17 Dh' ìobair iad do dheamhnaibh, cha'n 
ann do Dhia ; do dhiathaibh nach b' aithne 
dhoibh, do dhiathaibh nuadh a dh'ùr-èir- 
ich suas, roimh nach robh eagal air bhur 
n-aithrichibh. 

18 Air a' charraig a ghin thu tha thu 
mi-chuimhneachail, agus tha thu dearm- 
adach air an Dia a dhealbh thu. 

19 Agus an uair a chunnaic an Tigh- 
earn e, gabh e gràin diubh, air son bros- 
nachaidh a mhac agus a nigheana. 

20 Agus thubhairt e, Folaichidh mi mo 
ghnùis uatha, chi mi ciod is crìoch dhoibh : 
oir is ginealach ro-choirbte iad, clann anns 
nach 'eil creidimh. 

21 Rinn iad eudmhor mise leis an ni 
nach Dia, bhrosnaich iad mi gu feirg le 'n 
dìomhanais: agus ni mise eudmhor iadsan 
leo-san nach 'eil 'nan sluagh, brosnaichidh 
mi iad gu feirg le cinneach amaideach. 

22 Oir tha teine air fhadadh a' m' f heirg, 
agus loisgidh e gu h-ifrinn ìochdraich, ag- 
us cuiridh e as do 'n talamh le 'thoradh, 
agus cuiridh e ri theine bunaite nam 
beann. 

23 Carnaidh mi suas uilc orra, mo 
shaighdean caithidh mi orra. 

24 Claoidhear iad le h-ocras, agus cuir- 
ear as doibh le teas loisgeach, agus le sgrios 
searbh: fiaclan fhiadh-bheathaiche mar 
an ceudna cuiridh mi orra, maille ri nimh 
nathraichean an duslaich. 

25 O 'n leth amuigh sgriosaidh an claidh- 
eamh, agus o 'n leth a stigh uamhann, ar- 
aon an t-òig-fhear agus an òigh, an cìoch- 
ran agus fear na gruaige lèithe. 

26 Thubhairt mi, Sgapaidh mi iad gu 
cùiltibh, bheir mi air au cuimhne sgur o 
mheasg dhaoine : 

27 Mur hhitheadh gu 'n rohh eagal orm 
roimh chorruich an nàmhaid, air eagal 



XXXII. 169 

gu 'n giùlaineadh an eascairdean iad fèin 
gu mi-chubhaidh, air eagal gu 'n abradh 
iad, Is i ar làmh àrd-ne, agus cha 'n e an 
Tighearn a rinn so uile. 

28 Oirif cinneach gun chomhairle iad, ni 
mò a tha tuisge annta. 

29 O gu'm biodh iad glic, gu 'n tuigeadh 
iad so, gu'n tugadh iad fa'near an crìoch 
dheireannach ! 

30 Cionnus a chuireadh a h-aon ruaig air 
mìle, agus a chuireadh dithis deich mìle 
air theicheadh, mur biodh an carraig air 
an reiceadh, agus mur biodh an Tighearn 
air an druideadh suas ? 

31 Oir mar ar c;irraig-ne cha 'n'eil an 
carraig-san, air bhi d'ar naimhdibh fèin 
'nam breitheamhnaibh. 

32 Oir do fhìonain Shodoim tha 'm fìon- 
ain-san, agus do mhacharaibh Ghomorrah : 
is fìon-dhearcan marbhtach am fìon- 
dhearcan, tha 'm bagaidean searbh : 

33 Is e nimh nau dràgon am fìon, agus 
puinsion an-iochdmhor nan nathraichean 
nimhe. 

34 Nach 'eil so air a thasgaidh suas ag- 
am, air a sheulacliadh a' m' ionmhasaibh ? 

35 Dhomhsa buinidh dìoghaltas, agus 
luaigheachd ; ri h-ùine sleamhnaichidh an 
cos : oir tha là an sgrios am fagus, agus tha 
na nithe a thig orra a' deanamh deitìr. 

36 Oir bheir an Tighearna breth air a 
shluagh, agus gabhaidh e aithreachas a 
thaobh a sheirbhiseaeha, 'nuair a chi e 
gu 'n d' fhalbh an neart, agus nach 'eil 
neach dhiubh air a dhruideadh suas, no air 
fhàgail. 

37 Agus their e, C'àit am bheilsa diath- 
an, a' charraig as an d' earb iad, 

38 A dh' ith saill an ìobairtean, a dh'òl 
fìon an tabhartais-dibhe ? èireadh iad 
suas, agus cuidicheadh iad leibh ; bitheadh 
iad dhuibh 'nan dìdean. 

39 Faicibh a nis gur mise, eadhon mise e, 
agus nach 'eil Dia sam bith maille rium : 
marbhaidh mi, agus beothaichidh mi; lot- 
aidh mi, agus leighisidh mi : agus cha 
'n 'eil neach ann a shaoras às mo làimh. 

40 Oir togaidh mi suas mo làmh gu 
nèamh, agus their mi, Is beò mise gu 
sìorruidh. 

41 Ma gheuraicheas mi mo chlaidheamh 
lasarach, agus ma ni mo làmh greim air 
breitheanas, ìocaidh mi dìoghaltas do m' 
naimhdibh, agus bheir mi luaigheachd 
dhoibh-san aig am bheil fuath orm. 

42 Cuiridh mi air mhisg mo shaighdean 
le fuil, agus ithidh mo chlaidheamh suas 
feoil; eadhon le fuil nam marbh, agusnam 
braighdean, o thoiseach nan dìoghaltas air 
an nàrahaid. 

43 Deanaibh gairdeachas, O chinneacha, 
maille r' a shluagh-san : oir dìolaidh e fuil 
a sheirbhiseach, agus ni e dìoghaltas air 
'eascairdibh, agus bithidh e tròcaireach d' a 
thìr, agus d' a shluagh fèhi. 

44 Agus thàinig Maois, agus labhair e 
uile bhriathra na laoidh so ann an èisd- 
eachd an t-sluaigh, e fèin agus Hosea mac 
Nuin. 

45 Agus chuir Maois crìoch air na briath- 
ra sin uile a labhairt ri h-Israel uile. 

46 Agus thubhairt e riu, Socraichibh 
bhur cridhe air na focail uile air am bheil 

P 2 



J70 



DEUTERONOMI. 



mise a' toirt fianuis 'nur measg air an là 'n 
diugh, a dh'àithneas sibh d"ur cloinn a 
choimhead, a chum gu'n dean iad uile 
bhriathran an lagha so. 

47 Oir cha m dìomhain e dhuibh, a 
chionn gur e bhur beatha e ; agus leis an 
ni so buanaichidh sibh bhur làithean san 
fhearann a tha sibh a' dol a uull thar Ior- 
dan g'a shealbhachadh. 

48 Agus labhair an Tighearna ri Maois 
san là sin fèin, ag ràdh, 

49 Imich suas do 'n bheinu so Abarim, do 
shliabh Nebo, a tha ann an tìr Mhoaib, a 
tha fa chomhair Iericho, agus gabh seall- 
àdh do thìr Chanaain, a tha mi a' toirt do 
chloinn Israeil mar sheilbh ; 

50 Agus gheibh thu bàs san t-sliabh d' an 
tèid thu suas, agus cruinnichear thu chum 
do dhaoine ; mar a fhuair Aaron do 
bhràthair bàs ann an sliabh Hor, agus a 
chruinnicheadh e chum a dhaoine : 

51 A chionn gu'n do chiontaich sibh 
a' m' aghaidh-sa am measg chloinn Israeil, 
aig uisgeachaibh Mheribah-Cades, ann am 
fàsach Shin ; do bhrìgh neach do naomh- 
aich sibh mi am meadhon chloinn Israeil. 

52 Gidheadh chi thu am fearann fa d' 
chomhair ; ach cha tèid thu steach do 'n 
fhearann a tha mi tabhairt do chloinn Is- 
raeil. 

CAIB. XXXIII. 

AGUS is e so am beannachadh leis an do 
bheannaicli Maois,òglach Dhè, clann 
Israeil roimh a bhàs. 

2 Agus thubhairt e, Thàinig an Tighearn 
o Shinai, agus dh'èirich e suas dhoibh o 
Sheir ; dhealraich e mach o shliabh Phar- 
ain, agus thàinig e le deich mìle do naoimh : 
o 'dheas làimh chaidh lagh teine mach 
dhoibh. 

3 Seadh, ghràdhaìch e 'n sluagh ; tha a 
naoimh uile a' d' làimh : agus shuidh iad 
sìos aig do chosaibh ; gheibh gach neach 
do d' bhriathraibh. 

4 Dh' àithn Maois lagh dhuinn, rnar oigh- 
reachd do chomhchruinneach Iacoib. 

5 Agus bha e 'na righ ann an Iesurun, 
an uair a chruinnich ceannardan an 
t-sluaigh agus treubhan Israeil an ceann a 
chèile. 

6 Biodh Reuben beò, agus na faigheadh 
e bàs; agus bitheadh a dhaoine lìonmhor 
an àireamh. 

7 Agus is e so beannachadh Iudah : ag- 
us thubhairte, Eisd, a Thighearna, ri guth 
Iudah, agus thoir e chum a shluaigh : 
biodh a làmhan foghainteach dha, agus 
bi-sa a' d' chòmhnadh aige o 'naimhdibh. 

8 Agus mu Lebhi thubhairt e, Biodh do 
Thumim agus t' Urim aig t' aon naomh, a 
dhearbh thu aig Masah, ris an d' rinn thu 
strì aig uisgeachaibh Mheribah ; 

9 A thubhairt r' a athair agus r' a mhàth- 
air, Cha 'n fhaca mi e ; agus cha do ghabh 
er'a bhràithribh, agus cha d' aithnich e a 
chlann fèin : oir choimhid iad t' fhocail, 
agus ghlèidh iad do choimhcheangal. 

10 Teagaisgidh iad do bhreitheanais do 
Iacob, agus dolagh do lsrael: cuiridh iad 
tùis fa d chomhair, agus làn ìobairt-loisgte 
air t' altair. 

11 Beannaich, O Thighearn, a mhaoin, 



agus gabh ri obair a làmh : buail troiml 
leasraidh na muinntir a dh'èireas 'na agh 
aidh, agus na muinntir le 'm fuathach f 
chum nach èirich iad a rìs. 

12 Mu Bheniamin thubhairt e, Gabh 
aidh aon gràdhach an Tighoarna còmh 
nuidh ann an tèaruinteachd làimh ris ; ng 
us còmhdaicheadh an Tighearn e rè an 1 
uile, agus gabhaidh e còmhnuidh eadar 
ghuaillibh. 

13 Agus mu Ioseph thubhairt e, Beann 
aichte o'n Tighearna gu robh 'fhearann, 
thaobh nithe luachmhor nèimh, a thaohj 
an drùc.hd, agus a thaobh na doimhne th 
'na luidhe shios, 

14 Agus a thaobh nan toradh luachmho 
a bheirear a mach leis a' ghrèin, agus 
thaobh nan nithe luachmhor a chuirear 
mach leis gach mìos, 

15 Agus a thaobh prìomh nithe nan 
beann aosda, agus a thaobh nithe luach 
mlior nan sliabh sìorruidh, 

16 Agus a thaobh nithe luachmhor 
talmhainn, agus a làin, agus deadh-gh 
an Tì sin a bha chòmhnuidh sa' phreas 
thigeadh am beannachd air ceann loseiph 
agus air mullach a chinn-san a sgaradh 
'bhràithribh. 

17 Mar cheud-ghin a thairbh tha 
sgèimh, agus mar adhaircean nan aon-adh 
arcach tha 'adhaircean-sa : leo so purraidl 
e 'n sluagh le chèile, gu h-iomallaibh ni 
talmhainn : agus is iad so deich mìlteai 
Ephraim, agus is iad so mìltean Mha> 
naseh. 

18 Agus mu Shebulun thubhairt e, Deai 
gairdeachas, a Shebuluin, a'd' dhol i 
mach ; agus Isachair, a'd' bhùthaibh. 

19 Gairmidh iad an sluagh a chum m 
beinne ; an.sin ìobraidh iad ìobairtean ion- 
racais : oir pailteas nan cuan sùgaidh iac 
suas, agus ìonmhais fholaichte na gain- 
eimh. 

20 Agus mu Ghad thubhairt e, Beann- 
aichte gu robh esan a leudaicheas Gad: 
mar leomhan tha e gabhail còmhnuidh 
agus reubaidh e 'n gairdean maille ri mull- 
ach a' chinn. 

21 Agus dheasaich e a' cheud chuid dha 
fèin, a chionn an sin, ann an cuibhrionn 
an lagh-thabhartair, gu'n do shuidhich-| 
eadh e ; agus thàinig e maille ri ceannard- 1 
aibh an t-sluaigh ; ceartas an Tighearna I 
chuir e 'n gnìomh, agus a bhreitheanais ri 
h-Israel. 

22 Agus mu Dhan thubhairt e, Is euil- > 
ean leòmhain Dan : leumaidh e o Bhasan. 

23 Agus mu Naphtali thubhairt e, O 
Naphtaìi, sàsaichte le deadh-ghean, agus jj, 
làn do bheannachadh an Tighearna, sealbh- ( 
aich thusa an àird' an iar agus an àirde 
deas. 

24 Agus mu Aser thubhairt e, Biodh \ l: 
Aser beannaichte le cloinn ; biodh e tait- 
neach d'a bhràithribh, agus tumadh e a 
chos ann an oladh. 

25 Bithidh do bhrògan 'nan iarunn ag-i \ 
us 'nan umha ; agus mar do làithean is 
amhluidh bhios do neart. 

26 Cha 'n 'eil neach cosmhuil ri Dia Ie- 
suruin, a tha marcachd air nèamh a'd' 
chòmhnadh, agus 'na mhòrachd air na , 
speuraibh. 



't; 



CAIB. XXXIY. 



171 



27 It e 'n Dia bith-bhuan do thearmunn, 
agus fuidh tha na gairdeaua sìorruidh : 
agus fuadaichidh e raach an nàmhaid 
romhad, agus their e, Cuir as da. 

28 An sin gabhaidh Israel còmhnuidh gu 
tèaruinte 'na aonar: bithidh tobar Iacoib 
air fearann arbhair agus fìona; mar an 
ceudua silidh a nèamha nuas drùchd. 

29 Is sonadh thu, O Israeil: cò tha cos- 
mhuil riut, O shluagh a shaoradh leis an 
Tighearna, sgiath do chòmhnadh, agus 
aeach is e claidheamh d-o mhòrachd '? agus 
srheibhear do naimhde 'nam breugairibh 
ahuit, agus saltraidh tu air an àitibh àrda. 

CAIB. XXXIV. 
\ GUS chaidh Maois suas o chòmhnard- 
ÌÌ. aibh Mhoaib gu sliabh Nebo, gumull- 
ach Phisgah, a tha thall fa chomhair Ieri- 
^ho : agus nochd an Tighearna dha fear- 
, iun Ghilead uile gu Dan, 

2 Agus Naphtali uile, agus tìr Ephraim, 
agus Mhanaseh, agus tìr Iudah uile, gu 
ruig an fhairge a 's faide mach, 

3 Agus an taobh deas, agus còmhnard 
'linne Iericho, baile nan craobh pailm, gu 
fuig Soar. 

4 Agus thubhairt an Tighearna ris, Is e 
;o am fearann a mhionnaich mi do Abra- 
ìam, do Isaac, agus do Iacob, ag ràdh, Do 
i' shliochd-sa bheir mi e : thug mi ortsa 
fhaicinn le d' shùilibh, ach d' a ionnsuidh 
;ha tèid thu thairis. 



■ 

CAIB. I. 

A NIS an dèigh bàis Mhaois, òglaich an 
£3l Tighearna, labhair an Tighearna ri 
osua, mac Nuin, fear-frithealaidh Mhaois, 
ig ràdh, 

2 Tha m' òglach Maois marbh : a nis 
ìime sin èirich, gabh thairis air Iordan so, 
hu fèin, agus an sluagh so uile, dh' ionn- 
uidh na tìre a tha mise a' tabhairt 
Ihoibh, eadhon do chloinn Israeil. 

3 Gach ionad air an saltair bonn bhur 
oise, sin thug mi dhuibh, mar a thubhairt 
ni ri Maois. 

4 O 'n fhàsach, agus Lebanon so, eadh- 
>n gus an amhainn mhòir, amhainn Eu- 
ihrates, tìr nan Hiteach uile, agus gus an 
hairge mhòir, leth ri dol fuidhe na grèine, 
ithidh 'na chrìch dhuibh. 

5 Cha 'n urrainn duine sam bith seasamh 
,* d' aghaidh uile làithean do bbeatha. Mar 
, bha mi le Maois, mar sin bithidh mi leat- 
a : cha dìbir mi thu, agus cha trèig mi 
;hu. 

6 Bi làidir, agus ro-mhisneachail ; oir 
'n t-sluagh so roinnidh tu mar oigh- 
eachd an tìr a mhionnaich mi d' an aith- 
ichibh a thabhairt doibh. 



5 Agus fhuair Maois, òglach an Tigh- 
earna, bàs an sin, ann am fearann Mhoaib, 
a rèir focail an Tighearn. 

6 Agus dh' adhlaic e ann an gleann e, 
ann am fearann Mhoaib, thall fa chomhair 
Bhetpeoir: ach cha 'n aithne do dhuine 
sam bith 'uaigh gus an là 'n diugh. 

7 Agus bha Maois ceud agus fichead 
bliadhna dh' aois an uair a fhuair e bàs : 
cha d' fhàilnich a shùil, ni mò a thrèig a 
neart e. 

8 Agus ghuil clann Israeil air son Mhaois 
ann an còfnhnardaibh Mhoaib deich làith- 
ean 'ar fhichead : mar so chrìochnaich- 
eadh làithean a' ghuil agus a' bhròin air 
son Mhaois. 

9 Agus bha Iosua mac Nuin làn do 
spioracì a' ghliocais ; oir chuir Maois a 
làmhan air : agus dh' èisd clann Israeil 
ris, agus rinn iad mar a dh'àithn an Tigh- 
earna do Mhaois. 

10 Agus cha d' èirich fàidh o sin ann an 
Israel cosmhuil ri Maois, neach a b' aithne 
cìo 'n Tighearn aghaidh ri h aghaidh ; 

11 Anns na h-uile chomharaibh, agus 
iongantasaibh a ciiuir an Tighearn e a 
dheanamh ann an tìr na h-Eiphit, air Pha 
raoh, agus air a sheirbhisich uile, agus air 
'fhearaun uile, 

12 Agus anns an làimh chumhachdaich 
sin uile, agus anns an uamhas mhòr uile, 
a dh' oibrich Maois ann an sealladh Israeil 
uile. 



7 A mhàin bi-sa làidir agusro-mhisneach- 
ail, a chum gu 'n toir thu 'n aire gu 'n dean 
thu arèiranlagha uile a dh' àithn m'òg- 
lach Maois dhuit: na tionndaidh uaith 
dh' ionnsuidh na làimhe deise no dh' ionn- 
suidh na làimhe clìthe, a chum gu 'n soir- 
bhich leat anns gach àite d' an teid thu. 

8 Cha tèid leabhar an lagha so as do 
bheul; ach beachd-smuainichidh tu air a 
là agus a dh' oidhche, chum gu 'n toir thu 
'n aire gu 'n dean thu a rèir gach ni a ta 
sgrìobhta ann : oir an sin bheir thu air do 
shlighe soirbheachadh leat, agus an sin ni 
thu gu glic. 

9 Nach d' àithn mise dhuit ? Bi làidir 
agus ro-mhisneachail ; na bi fo eagal, agus 
na biodh faitcheas ort: oir tha 'n Tigh- 
earna do Dhia leat anns gach ionad d' an 
tèid thu. 

10 An sin dh' àithn Iosua do luchd-riagh- 
laidh an t-sluaigh, ag ràdh, 

11 Rac.haibh troimh 'n champ, agus àith- 
nibh do 'n t-sluagh, ag ràdh, Deasaichibh 
dhuibh fèin lòn ; oir an ceann thri làithean 
thèid sibh thar Iordan so, a dhol a stigh a 
shealbhachadh na tìre a tha 'n Tighearna 
bhur Dia a' toirt duibh r' a sealbhacliadh. 



I O S U A. 



172 



IOSUA. 



12 Agus ris na Reubenicli, agus ris na 
Gadaich, agus ri leth thrèibh Mhanaseh, 
labhair Iosua, ag ràdh, 

13 Cuimhnichibh am focal a dh' àithn 
Maois òglach an Tighearna dhuibh, ag 
ràdh, Thug an Tighearna bhur Dia fois 
duibh, agus thug e dhuibh an tìr so. 

14 Fahaidh bhur mnài, bhur clann 
bheag, agus bhur sprèidh, san tìr a thug 
Maois dhuibh air an taobh so do Iordan ; 
ach thèid sibh fèin thairis fo 'r n-armaibh 
roimh bhur bràithrean, sibhse uile a tha 
treunannan neart, aguscuidichidh sibh leo ; 

15 Gus an toir an Tighearna fois d' 'ur 
bràithribh, mar a thug e dhuibhse, agus 
gu 'n sealbhaich iadsan mar an ceudna an 
tìr a tha 'n Tighearna bhur Dia a' tabh- 
airt doibh : an sin pillidh sibh gu tìr bhur 
seilbhe, agus sealbhaichidh sibh i, eadhon 
an tìr a thug Maois òglach an Tighearna 
dhuibh air an taobh so do Iordan, leth ri 
èirigh na grèine. 

16 Agus fhreagair iad Iosua, ag ràdh, 
Na h-uile nithe a dh' àithn thu dhuinne, 
ni sinn ; agus ge b' e taobh a chuireas tu 
sinn, thèid siun. 

17 A rèir mar a dh' èisd sinn ri Maois 
anns na h-uile nithibh, mar sin èisdidh sinn 
riutsa : a mhàin biodh an Tighearna do 
Dhia maille riut, mar a bha e maille ri 
Maois. 

18 Gach duine a chuireas an aghaidh 
t' àithne, agus nach èisd ri d' bhriathraibh, 
anns na h-uile nithibh a dh' àithneas tu dha, 
cuirear gu bàs e : a mhàin bi Jàidir, agus 
ro-mhisneachail. 

CAIB. II. 

AGUS chuir Iosua mac Nuin a mach à 
Sitim dithis dhaoine a rannsachadh a 
mach gu h-uaigneach, ag ràdh, Imichibh, 
rannsaichibh a mach an tìr, agus Iericho : 
agus dh' imich iad, agus chaidh iad a steach 
do thigh strìopaich, d' am b' ainm Rahab, 
agus luidh iad an sin. 

2 Agus dh' innseadh do righ Iericho, ag 
ràdh, Feuch, thàinig daoine an so an nochd, 
do chloinn lsraeil, a rannsachadh a mach 
na tìre. 

3 Agus chuir righ Iericho teachdaire gu 
Rahab, ag ràdh, Thoir a mach na daoine a 
thàinig a t' ionnsuidh, a chaidh steach do 
d' thigh : oir is ann a rannsachadh a mach 
na tìre uile a thàinig iad. 

4 Agus ghabh a' bhean an dithis dhaoine, 
agus dh' fholaich i iad, agus thubhairt i 
mar so, Thàinig gun amharus daoine a m' 
ionnsuidh, ach cha robh fhios agam cia as 
a thàinig iad : 

5 Agus thachair mu àm druididh a' 
gheata 'nuair a bha e dorcha, gu 'n deach- 
aidh na daoiue mach : c' àit a ghabh na 
daoine ; cha 'n fhios domh : leanaibh gu 
luath air an tòir, oir beiridh sibh orra. 

6 Ach bhai air an toirt suas gu mullach 
an tighe, agus air am folach le cuiseagaibh 
an lìn, a leag i an ordugh air mullach an 
tighe. 

7 Agus lean na daoine air an tòir san 
t-slighe gu Iordan, gu ruig na h-àthanna : 
agus co luath as a chaidh a' mhuinntir a 
bh' air an tòir a mach, dhruid iad an geata. 

8 Agus mun robh iad air luidhe sìos, 



U 



chaidh i suas d' an ionnsuidh air mullac 
an tighe ; 

9 Agus thubhairt i ris na daoinibh, Th '■'• 
fios agam gu bheil an Tighearn air toi) 
duibh na tìre, agus gu bheil bhur n-uaml 
as air tuiteam oirnne, agus gu bheil luchc J- 
àiteachaidh na tìre uile air leaghadh as 1 
h-eagal roimhibh : 

10 Oir chuala sinne cionnus a thionr 
aich an Tighearna suas uisge na raar 
ruaidhe roimhibh, 'nuair a thàinig sibh 
mach as an Eiphit; agus ciod a rinn sib 
air dà righ nan Amorach, a bh' air 
taobh eile do lordan, Sihon agus Og, 
sgrios sibh gu tur. 

11 Agus co luath as a chuala sinne n ' 
nithe sin, leagh ar cridheachan, agus ch 
d' fhan tuilleadh a bheag do mhisnich an 
an duine sain bith air bhur sonsa : oir a ! 
Tighearna bhur Dia, is esan Dia anns n 
nèamhaibh shuas, agus air an talam 
bhos. 

12 A nis uime sin guidheam oirbl 
mionnaichibh dhomh air an Tighearn, 
chionn gu 'n do nochd mi caoimhuea 
dhuihh, gu'n nochd sibhse mar an ceudn 
caoimhneas do thigh m'athar-sa, agus gu'. 
toir sibh dhomh coinhara cinnteach ; 

13 Agus gu 'n glèidh sibh beò m' athaii 
agus mo mhàthair, agus mo bhràithrear 
agus mo pheathraichean, agus na h-uile 
ta aca, agus gu'n saor sibh ar n-anamann 
o 'n bhàs. 

14 Agus fhreagair na daoine i, Ar n-an 
am-ne air bhur son-sa gu bàs, mur foill 
sich sibh an gnothuch so againn. Agus tar 
laidh, 'nuair a bheir an Tighearna dhuini 
an tìr, gu 'm buin sinn gu caoimhneil agu 
gu fìriuueach riutsa. 

15 An sin leig i sìos iad air cord troim) 
'n uinneig: oir bha a tigh air balla s 
bhaile, agus bha i chòmhnuidh air a 
bhalla. 

16 Agus thubhairt i riu, Thugaibh an 
monadh oirbh, air eagal gu'u coinnich ai 
luchd-tòrachd sibh ; agus folaichibh sibl 
fèin an sin tri làithean, gus am bi 'n luchd 
tòrachd air pilltinn, agus an dèigh sii 
feudaidh sibh imeachd air bhur slighe. 

17 Agus thubhairt na daoine rithe 
Bithidh sinne neò-chiontach a thaobh ia< 
so do mhionnan a thug thu oirnn a mhionB 
achadh. 

18 Feuch, 'nuair a thig sinn do 'n tìr 
ceanglaidh tu an stìom so do shnàth scar 
lait auns an uinneig troimh an do leig thi 
sìos sinn : agus bheir thu t' athair, agus d< 
mhàthair, agus do bhràithrean, agus 
teaghlach t' athar uile, dhachaidli at'ionn- 
suidh. 

19 Agus tarlaidh, ge b*e neach a thèid { 
mach air dorsaibh do thighe do 'n t-sràid 
gu 'm bi 'fhuil air a cheann/em, agus bith- 
idh sinne neò-chiontach : agus ge b' e neacr 
a bhios maille riut anns an tigh, bithidh 
'fhuil air ar ceann-ne, ma bheanas làmli 
ris. 

20 Agus ma dh' fhoillsicheas tu an 
gnothuch so againn, an sin bithidh sinne 
saor o d' mhionnaibh a thug thu oirm a 
mhionnachadh. 

21 Agus thubhairt ise, A rèir bhur 
briathra, mar sin bitheadh e. Agus chuii 



CAIB. III. IV. 



173 



m air falbh iad, agus dh'imìch iad : agus 
heangail i an stìom scarlait anns an uinn- 

i 22 Affus dh'fhalbh iad, agus thàinig iad 

■ o'n miionadh, agus dh'fhan iad an sin tri 
j iithean, gus an do phill an luchd-tòrachd. 

- « igus dh'iarr an luchd-tòrachd iad air 
?adh na slighe uile, ach cha d'fhuair siad 

■ irl. 

1 23 Mar sin phill an dithis dhaoine, agus 
haidh iad sìos o'n mhonadh, agus chaidh 
i id thairis, agus thàinig iad gu losua mac 

■ ^uin, agus dh'innis iad da gach ni a thach- 
. ir dhoibh : 

24 Agus thubhairt iad ri Iosua, Gu 

■ irinneach thug an Tighearna thairis d'ar 
pn ìimh am fearann uile : oir tha eadhon 

i uchd-àiteachaidh na tìre uile air leaghadh 
s fa'r comhair. 

CAIB. III. 
\ GUS dh'èirich losua gu moch sa' mha- 
I £jL duinn ; agus dh'imich iad o Shitim, 
M gus thàinig iad gu Iordan, e fèin agus 
r j| lann Israeil uile, agus ghabh iad tàmh an 

: in mun deachaidh iad thairis. 
M 2 Agus an ceann thri làithean, chaidh an 
uchd-riaghlaidh troimh 'n champ; 

■ 3 Agus dh'àithn iad do'n t-sluagh, ag 
U àdh, 'Nuair a chi sibh àirc coimhcheang- 
■tk P an Tighearna bhur Dè, agus na sagairt 
isa ia Lebhithich 'ga giùlan, an sin gluaisidh 

ibh o'r n-àit, agus thèid sibh 'na dèigh. 
r(J 4 Gidheadh bfthidh astar eadar sibh agus 
•f| , mu thimchioll dà mhìle làmh-choille do 
n homhas : natigibh am fagus d'i, a chum 

-1 'u'm bi fios na slighe agaibh air am feum 
|3 iibhimeachd; oir cha do ghabh sibh riamh 

' -oimhe an rathad so. 
rk 5 Agus tlmbhairt Iosua ris an t-sluagh, 
ji -^aomhaichibh sibh fèin; oir am màireach 
u -i ìi 'n Tighearna nithe iongantach 'nur 
neasg. 

;) 6 Agus labhair Iosua ris na sagartaibb, 
1 ìg ràdh, Togaibh suas àirc a' choimh- 
iheangail, agus rachaibh thairis roimh 'n 
;-sluagh. Agus thog iad suas àirc a' 
•hoimhcheangail, agus chaidh iad roimh 'n 
;-sluagh. 

J 7 Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, 
a An diugh tòisichidh mi air tliusa dhean- 

J imh mòr ann an sealladh Israeil uile, a 
:hum gu'm bi fios aca, mar a bha mi le 

l „ Maois, gum bi mi leatsa. 

J 8 Agus bheir thu àithne do na sagartaibh 

3 1 tha giùlan àirce a' choimhcheangail, ag 
ràdh, 'Nuair a bhios sibh air teachd gu foir 
, iiisge lordain, ann an Iordan seasaidh 

1 sibh. 

9 Agus thubhairt Iosua ri cloinn Israeil, 
Thigibh an so, agus èisdibh ri briathraibh 
an Tighearna bhur Dè. 

10 Agus thubhairt Iosua, Le so bithidh 
fios agaibh gu bheil an Dia beò 'nur nieasg, 
àgus gu'm fuadaich e gun teagamh a mach 
roimhibh na Canaanaich, as^us na Hitich, 
agus na Hibhich, agus na Peridsich, agus 

Ina Girgasaich, agus na h-Amoraich, agus 

Ina Iebusaich. 

[ 11 Feuch, tha àirc coimhcheangail Tigh- 
learna na talmhainn uile a' dol thairis 
firoimhibh do Iordan. 

f 12 A nis uime 6in gabhaibh dà fhear- 



dheug à treubhan Israeil, fear as gach 
trèibh. 

13 Agus co luath 'sa shocraicheas na 
sagairt a ta giùlan àirce an Tighearna, 
Tighearna na talmhainn uile, buinn an cos 
ann an uisgeachaibh Iordain, bithidh uisg- 
eachan lordain air an sgaradh na h-uisg- 
eachaibh a thig a nuas o'n àirde ; agus 
seasaidh iad 'nan torr. 

14 Agus an uair a dh'fhalbh an sluagh 
o'm bùthaibh, gu dol thar Iordan, agus na 
sagairt a' giùlan àirce a' choimhcheangaii 
roimh 'n t-sluagh ; 

15 Agus an uair a bha iadsan a ghiùlain 
an àirc air teachd gu Iordan, agus a bha 
cosa nan sagart a ghiùlain an àirc air an 
tumadh ann an foir an uisge, (oir tha Ior- 
dan a' sruthadh thar a bruachan uile rè an 
fhogharaidh uile,) 

16 An sin sheas na h-uisgeachan a 
thàinig a nuas o'n àirde, agus dh'èirich iad 
suas 'nan torr ro-fhad o'n bhaile Adam, a 
ta làimh ri Saretan : agus theirig iadsan a 
chaidh sìos rathad mara a' chòmhnaird, 
eaclhon na mara salainn, agus ghearradh 
as iad ; agus chaidh an sluagh thairis dìr- 
each fa chomhair Iericho. 

17 Agus sheas na sagairt, a ghiùlain àirc 
coimhcheangail an Tighearna gu daingean 
air talamh tioram am meadhon Iordain, 
agus chaidh na h-Israelich uile thairis air 
talamh tioram, s^us on robh an sluagh uile 
air dol thar Iordan. 

CAIB. IV. 
GUS an uair a bha 'n sluagh uile air 
dol thar Iordan, an sin labhair an 
Tigbearna ri losua, ag ràdh, 

2 Gabhaibh dhuibh fèin dà fhear dheug 
as an t-sluagh, duine as gach trèibh ; 

3 Agus àithnibh dhoibh, ag ràdh, Thug- 
aibh leibh o so à meadhon Iordain, as an 
àit anns an do sheas cosa nan sagart gu 
daingean, dà cliloich dheug; agus bheir 
sibh iad thairis leibh, agus cuiridh sibh iad 
anns an àite-tàimh anns an gabh sibh fois 
an nochd. 

4 An sin ghairm Iosua air an dà fhear 
dheug, a dheasaich e à cloinn Israeil, fear 
as gach trèibh. 

5 Agus thubhairt Iosua riu, Rachaibh 
thairis roimh àirc an Tighearna bhur Dè 
gu meadhon Iordain, agus togadh gach 
fear dhibh clach air a ghualainn, a rèir 
àireimh threubba chloinn Israeil. 

6 A chuin gu'm bi so 'na chomhara 'nur 
measg, a chum 'nuair a dh' fhiosraicheas 
bhur clann san àm ri teachd, ag ràdh, Ciod 
is ciall duibh leis na clachaibh so ? 

7 An sin gu"m freagair sibh iad, Gu'n 
robh uisgeacban Iordaìn air an sgaradh o 
cheile roimh àirc coimhcheangail an Tigh- 
earna ; 'nuair a chaidh i thar Iordan, gu'n 
robh uisgeachan lordain air an sgaradh o 
chèile : àgus bithidh na c.lachan so 'nan 
cuimhneachan do chloinn Israeil gu 
bràth. 

8 Agus rinn clann Israeil amhuil mar a 
dh' àithn Iosua, agus thog iad suas dà 
cbloich dheug à meadhon Iordain, mar a 
labhair an Tighearna ri Iosua, a rèir 
àireimh threubha chloinn Israeil, agus 
ghiùlain iad leo thairis iad do'n àit anns an 



174 



IOSUA. 



do ghabh iad tàmh, agus chuir iad sìos an 
sin iad. 

9 Agus chuir Iosua suas dà chloich 
dheug am meadhon Iordain, san ionad 
anns an do sheas cosa nan sagart a ghiùl- 
ain àirc a' choimhcheangail : agus tha iad 
an sin gus an la'n diugh. 

10 Oir sheas na sagairt a ghiùlain an 
àirc am meadhon Iordain, gus an do 
chrìochnaicheadh gach ni a dh'àithn an 
Tighearna do Iosua a labhairt ris an 
t-sluagh, a rèir nan uile nithe a dh'àithn 
Maois do Iosua : agus rinn an sluagh cabh- 
ag, agus chaidh iad thairis. 

11 Agus an uair a bha 'n sluagh uile air 
dol thairis, an sin chaidh àirc an Tigh- 
earna thairis, agus na sagairt, an làthair an 
t-sluaigh. 

12 Agus chaidh clann Reubein, agus 
clann Ghad, agus leth thrèibh Mhanaseh, 
thairis fo'n armaibh roimh chloinn Israeil, 
mar a labhair Maois riu : 

13 Chaidh thairis mu thimchioll dà 
fhichead mìle, deas air son cogaidh, an 
làthair an Tighearna gu cath, do chòmh- 
nardaibh Iericho. 

14 Air an là sin dh'àrdaich an Tigh- 
earna Iosua aun an sealladh Israeil uile, 
agus bha eagal orra roimhe, mar a bha 
eagal orra roimh Mhaois, uile làithean 
a bheatha. 

15 Agus labhair an Tighearna ri Iosua, 
ag ràdh, 

16 Aithn do na sagartaibh a tha giùlan 
àirce na Fianuis, iad a theachd a nìos à 
Iordan. 

17 Agus dh' àithn Iosua do na sag- 
artaibh, ag ràdh, Thigibh a nìos à Ior- 
dan. 

18 Agus an uair a bha na sagairt a 
ghiùlain àirc coimhcheangail an Tighearn 
air teachd a nìos à meadhon Iordain, agus 
a bha buinn chos nan sagart air an togail 
suas air an talamh thioram, an sin phill 
uisgeachan Iordain d'an àite fèin, agus 
chaidh iad thar a bruachan uile, mar a 
rinn iad roimhe. 

19 Agus thàinig an sluagh a nìos à Ior- 
dan air an deicheamh là do'n cheud mhìos, 
agus champaich iad ann an Gilgal, san 
iomall a làimh na h-àirde 'n ear do Ieri- 
cho. 

20 Agus an dà chloich dheug sin, a thug 
iad a mach à Iordan, chuir Iosua suas ann 
an Gilgal. 

21 Agus labhair e ri cloinn Israeil, ag 
ràdh, 'Nuair a dh'fhiosraicbeas bhur clann 
d'an aithrichibh san àra ri teachd, ag ràdh, 
Ciod is ciall do na clachaibh so ? 

22 An sin bheir sibh fios d' 'ur cloinn, ag 
ràdh, Thàinig Israel thar Iordan so air 
talamh tioram . 

23 Oir thiormaich an Tighearna bhur 
Dia suas uisgeachan Iordain roimhibhse, 
gus an deachaidh sibh thairis, mar a rinn 
an Tighearna bhur Dia air a' mhuir 
ruaidh, a thiormaich e suas romhainn, gus 
an robh sinn air dol thairis ; 

24 A chum gu'n aithnich sluagh na 
talmhainn uile làmh an Tighearna, gu 
bheil i cumhachdach: a chum gu'm bi 
eagal an Tighearna bhur Dè oirbh am 



CAIB. V. 

AGUS an uair a chual' uile rìghre nan 
Amorach, a bh' air an taobh tliall do 
Iordan a làimh na h-àirde 'n iar, agus uile 
rìghre nan Canaanach, a bha làimh ris an 
fhairge, gu'n do thiormaich an Tighearna 
suas uisgeachau lordain roimh chloinn Is- 
raeil, gus an deachaidh sinn thairis, leagh 
an cridhe, agus cha robh spiorad tuilleadh, 
annta, air son chloinn Israeil. 

2 Anns an àm sin thubhairt an Tighearna 
ri Iosua, Dean duit fèin sgeinean geura, 
agus timchioll-ghearr clann Israeil a rìs an 
dara uair. 

3 Agus rinn Iosua dha fèin sgeinean 
geura, agus thimchioll-ghearr e clann Is- 
raeil aig cnoc nan roimh-chroicionn. 

4 Agus is e so an t-awbhar mu'n do thim- 
chioll-ghearr Iosua : Fhuair an sluagh uile 
a thàinig a mach as an Eiphit, a bha 'nam 
firionnaich, eadhon na tìr-chogaidh uile, 
bàs anns an fhàsach air an t-slighe, an 
dèigh dhoihh teachd a mach as an 
Eiphit. 

5 A nis bha'n sluagh uile a Ihàinig a 
mach, air an timchioll-ghearradh ; ach an 
sluagh uile a rugadh san fhàsach air an 
t-slighe, 'nuair a thàinig iad a mach as an 
Eiphit, iadsan cha do thimchioll-ghearr 
iad. 

6 Oir dh' imich clann Israeil anns an 
fhàsacb dà fhichead bliadhna, gus an 
deachaidh as dò'n luchd-cogaidh uile a 
thàinig a mach as an Eiphit, a chionn 
nach d'thug iad gèill do ghuth an Tigh- 
earna: d'an do mhionnaich an Tighearna 
nac-h nochdadh e dhoibh am fearann, a 
mhionnaich an Tighearna d'an aithrichibh 
gu'n tugadh e dhuinn, fearann a tha 
sruthadh le bainne agus le mil. 

7 Agus an clann-san, a thog e suas 'nan 
àit, iadsan thimchioll-ghearr Iosua : oir 
bha iad neo-thimchioll-ghearrta, a chionn 
nach do thimchioll-ghearradh iad air an 
t-slighe. 

8 Agus an uair a bha 'n sluagh uile air 
an timchioll-ghearradh, dh' fhan iad 'nan 
àitibh anns a' champ, gus an robh iad 
slàn. 

9 Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, 
Air an là'n diugh bhuin mi air falbh uaibh 
masladh na h-Eiphit : uime sin thugadh 
Gilgal mar ainm air an àite sin gus au là" 
diugh. 

10 Agus champaich clann Israeil ann an 
Gilgal : agus chum iad a' thàisg, air a' 
cheathramh là deug do'n mhìos anns an 
fheasgar, ann an còmhnardaibh Iericho. 

11 Agus dh'ith iad do shean bhàrr an 
fhearaiun air an là maireach an dèigh na 
càisge, breacagan neo-ghoirtichte, agus sìol 
cruaidhichte air an là sin fèin. 

12 Agus sguir am mana air an là màir- 
each an dèigh dhoibh itheadh do shean 
bhàrr an fhearainn ; ni mò a bha mana 
tuilleadh aig cloinn Israeil, ach dh'ith iad 
do thoradh fearainn Chanaain air a' 
bhliadhna sin. 

13 Agus an uair a bha Iosua làimh ri 
Iericho, thog e suas a shùilean agus dh'- 
amhairc e, agus, feuch, sheas duine thall 
fa 'chomhair, agus a chlaidheamh rùisgte 
'na làimh : agus chaidh Iosua d'a ionn- 



CAIB. VI. 



175 



uidh, ag-us thubhairt e ris, An ann leinne 
' tha thu, no le 'r n-eascairdibh ? 

14 Agus thubhairt e, Cha 'n ann : ach 
nar cheannard slòigh an Tighearna tha 
:ni a nis air teachd. Agus thuit Iosua air 
aghaidh air an talamh, agus rinn e aor- 
idh, agus thubhairt e ris, Ciod a tha mo 
highearn ag ràdh r' a sheirbhiseach ? 

15 Agus thubhairt ceannard slòigh an 
righearna ri Iosua, Fuasgail do bhròg 
hàrr do choise, oir tha 'n t-ionad air ara 
'heil thu a' d' sheasamh, naomh. Agus 
'inn Iosua mar sin. 

CAIB. VI. 
A NIS bha Iericho air a dhruideadh suas 
ZjL gu teann, roimh chloinn Israeil ; cha 
eachaidh neach air bith a mach, agus cha 
l' thàinig neach air bith a stigh. 
2 Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, 
Feuch, thug mi do d' làimh Iericho, agus a 
igh, agus na daoine treun ann an rieart. 
f 3 Agus cuairtichidh sibh am baile, sibh- 
K fheara-cogaidh uile, agus thèid sibh mu 
himchioll a' bhaile aon uair : mar so ni 
Biu air sè làithibh. 

j 4 Agus giùlainidh seachd sagairt roimh 
|.n àirc seachd trompaidean a dh' adhairc- 
Ibh reitheachan : agus air an t-seachdamh 
|ì thèid sibh mu thirachioU a' bhaile 
leachd uairean, agus sèididh na sagairt 
leis na trompaidibh. 

5 Agus an uair a ni mdfuahn fhada le 
i.dhaircibh nan reitheachan, agus an uair 
I, chluinneas sibh fuaira na trompaid, an 
in èighidh an sluagh uile le h-iolaich 
nhòir, agus tuitidh balla a' bhaile sìos o 
KShunadh, agus thèid an sluagh suas gach 
luine dìreach roimlie. 

j 6 Agus ghairm Iosua mac Nuin air na 
jagartaibh, agus thubhairt e riu, Togaibh 
!uas àirc a' choimhcheangail, agus giùl- 
lineadh seachd sagairt seac hd trompaidean 
1 dh' adhaircibh reitheachan roimh àirc an 
fighearn. 

7 Agus thubhairt e ris an t-sluagb, 
' jabhaibh air bhur n-aghaidh, agus cuairt- 
ìchibh am baile, agus gabhadh esan a tha 
!ò armaibh air aghaidh roirah àirc an 
jrighearn. 

8 Agus an uair a labhair Iosua ris an 
I -sluagh, ghabh na seachd sagairt, a' giùl- 
'm sheachd trompaidean a dh' adhaircibh 
'■eitheachan, air an aghaidh roimh 'n 
irighearn, agus shèid iad leis na trompaid- 
i bh ; agus lean àirc coimhcheangail an 
; Tighearn iad. 

j 9 Agus chaidh na daoine armaichte 
i'oimh na sagartaibh a shèid leis na tromp- 
Uidibh, agus thàinig a' chuid eile do 'n 
i;-sluagh an dèigh na h-àirce, na sagartan 
t' gabhail air an aghaidh, agus a' sèideadh 
eis na trompaidibh. 

! 10 Agus dh' àithn Iosua do 'n t-sluagh, ag 
I àdh, Cha dean sibh iolach, agus cha dean 
'iibh fuaim sam sibh le 'r guth, ni mò thèid 
i 'ocal sam bith a mach as bhur beul, gus an 
i à anns an abair mise ribh, Deanaibh iol- 

ich ; an sin ni sibh iolach. 

11 Mar sin chuairtich àirc an Tighearn 
>un baile, a' dol m' a thimchioll aou uair : 
; igus thàinig iad do 'n champ, agus ghabh 

ad tàmh anns a' champ. 



12 Agus dh' èirich Iosua gu moch sa' 
mhaduinn, agus thog na sagairt suas àirc 
an Tighearn. 

13 Agusdh'imich airanaghaidhaghnàth 
seachd sagairt, a' giùlan sheachd tromp- 
aidean a dh' adhaircibh reitheachan roimh 
àirc an Tighearn, agus shèid iad leis na 
trompaidibh : agus dh' imich an sluagh 
armaichte rompa, ach thàinig a chuid eile 
do 'n t-sluagh an dèigh àirce an Tighearn, 
na sagairt a' gabhail air an aghaidh, agus 
a' sèideadh leis na trompaidibh. 

14 Agus air an dara là chuairtich iad am 
baile aon uair, agus phill iad do 'n champ : 
mar so rinn iad air sè làithibh. 

15 Agus air an t-seachdamh là dh' èirich 
iad gu moch mu bhriseadh na fàire, agus 
chuairtich iad am baile air an dòigh cheud- 
na, seachd uairean : a mhàin air an là sin 
chuairtich iad am baile seachd uairean. 

16 Agus air an t-seachdamh uair shèid 
na sagart leis na trompaidibh, agus thubh- 
airt losua ris an t-sluagh, Deanaibh iol- 
ach ; oir thug an Tighearna dhuibh am 
baile. 

17 Agus bithidh am baile mallaichte, e 
fèin agus gach ni a th' ann, do 'n Tighearn : 
a mhàin bithidh Rahab an strìopach beò, i 
fèin agus iadsan uile a tha maille rithe san 
tigh, a chionn gu 'n d' f holaich i na teachd- 
airean a chuir sinn uainn. 

18 Agus sibhse, air gach aon chor gleidh- 
ibh sibh fèin o 'n ni mhallaichte, air eagal 
gu 'n dean sibh sibh fèin mallaichte, 'nuair 
a ghabhas sibh do 'n ni mhallaichte, agus 
gu 'n dean sibh camp Israeil 'na mhallach- 
adh, agu8 gu 'n cuir sibh e fuidh bhuair- 
eas. 

19 Ach tha 'n t-airgiod uile, agus an t-òr, 
agus na soithichean umha agus iaruinn, 
coisrigte do 'n Tighearna : thig iad a steach 
do ionmhas an Tighearn. 

20 Agus rinn an sluagh iolach an uair a 
shèid na sagairt leis an trorapaidibh : ag- 
us an uair a chual' an sluagh fuaim na 
trompaid, agus a dh' èigh an sluagh le 
h-iolaich mhòir, an sin thuit am balla sìos 
gu ìàr ; agus chaidh an sluagh suas do 'n 
bhaile, gach duine dìreach roimhe, agus 
ghlac iad am baile. 

21 Agus lèir-sgrios iad gach ni a bha sa' 
bhaile, eadar fhear agus bhean, òg agus 
shean, agus dhamb, agus chaora, agus as- 
al, le faobhar a' chlaidheimh. 

22 Ach ris an dithis fhear a rannsaich a 
mach an tìr thubhairt losua, Rachaibh a 
steach do thigh na strìopaich, agus thug- 
aibh a mach as a sin a' bhean, agus gach 
ni a th' aice, mar a mhionnaich sibh dh' i. 

23 Agus chaidh na h-òganaich a bha 'nan 
luchd-rannsachaidh a stigh, agus thug iad 
a mach Rahab, agus a h-athair, agus a 
màthair, agus a bràithrean, agus gach ni 
a bh' aice ; agus thug iad a mach a dilsean 
uile, agus chuir iad an taobh a muigh do 
champ Israeil iad. 

24 Agus loisg iad am baile le teine, agus 
gach ni a bh' ann : a rahàin an t-airgiod, 
agus an t-òr, agus na soithichean umha 
agus iaruinn, chuir iad ann an ionmhaa 
tighe an Tighearn. 

25 Agus ghièidh Iosua Rahab an strìop- 
ach beo, agus teaghlach a h-athar, agus 



176 



IOSUA. 



gach hv a bh' aice; agus tha i 'na còmh- 
iiuidh ann an Israel gus an là 'n diugh, a 
chionn gu 'n d' fholaich i na teaohdairean 
n chuir losua a rannsachadh a inach Ieri- 
cho. 

26 Agus chuir Iosua fuidh mhionnaibh 
iad san àm sin, ag ràdli, Mallaichte gu robh 
an duine an làthair an Tighearn, a dh' èir- 
eas agus a thogas am baile so Iericho : 'na 
cheud-ghin leagaidh e a bhunachair, agus 
'na mìiac a's òige cuiridh e suas a gheata- 
cha. 

27 Mar so bha 'n Tighearna maille ri Io- 
sua, agus sgaoileadh 'iomradh-san air 
feadh na tìre uile. 

CAIB. VII. 

ACH rinn clann Israeil cionta san ni 
mhallaichte: oir ghabh Achan mac 
Charmi, mhic Shabdi, mhic Sherah, do 
tlirèibh Iudah, cuid do 'n ni mhallaichte : 
agus las fearg an Tighearn an aghaidh 
chloinn Israeii. 

2 Agus chuir Iosua daoine o Iericho gu 
h-Ai, a tha làimh ri Bet-abhen, air an 
taobh an ear do Bhet-e), agus labhair e 
riu, ag ràdh, Rachaibh suas, agus rann- 
saichibh a mach an tìr. Agus chaidh na 
daoine suas, agus rannsaich iad a mach 
Ai. 

3 Agus phill iad gu Iosua, agus thubh- 
airt iad ris, Na rachadh an sluagh uile 
suas ; ach rachadh mu thimcliioll dà mhìle 
no tri mìle fear suas, agus buaileadh iad 
Ai : na toir air an t-sluagh uile saoith- 
reachadh an sin ; oir cha 'n 'eil ann diubh 
ach beagan. \ 

4 Agus chaidh suas an sm do n t-sluagh 
mu thimchioll tri mìle fear; agus theich 
iad roimh fheara Ai. 

5 Agus bhuail fir Ai dhiubh mu thim- 
chioll sè fir dheug thar fliichead : oir chuir 
iad an ruaig orra o chomhair a' gheata 
eadhon gu Sebarim, agus bhuail iad san 
dol sìos iad ; uime sin leagh cridhe an 
t sluaigh, agus dh' fhàs e mar uisge. 

6 Agus reub Iosua 'eudach, agus thuit 
e eu làr air 'aghaidh, roimh àirc an Tigh- 
earna, gu tràth feasgair, e fèin agus sean- 
airean lsraeil, agus chuir iad duslach air 

ai 7 C Agùs thubhairt Iosua, Och ! a Thigh- 
earna Dhè, c' ar son a thug thu idir an 
sluagh so thar Iordan, g' ar toirt thairis do 
làimh nau Amorach, a chum ar sgrios? O 
b' fhearr gu 'm biomaid tqilichte, agus 



gu m 



biomaid air gabhail còmlinuidh air 



an taobh eile do Iordan ; 

8 O Thighearna, ciod a their mi nuair 
a thionndaidheas Israel an cùl r' an naimh- 

9 Oir cluinmdh na Canaanaich, agus 
uile luchd-àiteachaidh na tìre, agus iadh- 
aidh iad mu 'n cuairt oirnn, agus gearr- 
aidh iad as ar n-ainm o 'n talamh: agus 
ciod a ni thu ri d* ainm mòr ? 

10 Agus thubhairt an Tighearna ri Io- 
sua, Eirich suas ; c' ar son a luidheas tu 
mar so air t' aghaidh ? , \ _ 

11 Pheacaich Israel, agus bhris ìad mar 
an ceudna mo choimhcheangal a dh' àithn 
mi dhoibh ; oir ghabh iad eadhon do 'n ni 
mhallaichte, agus mar an ceudna ghoid 



iad, agus mar an ceudna cheil iad, agu 
chuir iad eadhon am measg an airneis fèin t 

12 Uime sin cha b' urrainn clann Israei, 
seasamh roimh an naimhdean, ach thionn 
daidh iad an cùl r' an naimhdibh, a chion ■ 
gu 'n robh iad mallaichte. Cha bhi mis 
maille ribh tuille, mur sgrios sibh an t 
mallaichte as bhur measg. 

13 Eirich suas, naomhaich an sluagl, 
agus abair, Naomhaichibh sibh fèin air so .] 
an là màireach ; oir mar so tha an Tigh : 
earna Dia Israeil ag ràdh, Tha ni mall 
aichte a' d' mheadhon, O Israeil : cha': 
urrainn thu seasamh roimh do naimhdibl 
gus an cur sibh air falbh an ni mallaicht 
as bhur measg. 

14 Anns a' mhaduinn uime sin bheirea 
cuideachd sibh a rèir bhur tretibhan : agu 
an treubh a ghabhas an Tighearna, thig 
a rèir a teaghlaichean ; agus thig an teagh 
lach a ghabhas an Tighearn, a rèir a thigh 
ean ; agus thig an tigh a ghabhas an Tigli 
earn, a lìon fear is fear. 

15 Agus esan a ghlacar leis an ni mhall 
aichte, loisgear le teine e fèin agus gach n 
a th' aige ; a chionn gu 'n do bhris e coimh 
cheangal an Tighearn, agus gu 'n d' rinn 
amaideachd ann an lsrael. 

16 Uime sin dh' èirich Iosua gu moc: 
sa' mhaduinn, agus thug e leis Israel 
rèir an treubhan ; agus ghabhadh treubì 
Iudah. 

17 Agus thug e leis teaghlach Iudah 
agus ghabh e teaghlach nan Sarhitheach 
agus thug e leis teaghlach nan Sarhith 
each a lìon fear is fear ; agus ghabhadl 
Sabdi. 

18 Agus thug e leis a thigh, a Ron fea 
agus fear ; agus ghabhadh Achan ma 
Charmi, mhic Shabdi, mliic Sherah, d> 
thrèibh Iudah. 

19 Agus thubhairt Iosua ri Achan, i 
mhic, thoir, guidheam ort, glòir do 'n Tigh 
earna Dia lsraeil, agus dean aidmheil da 
agus innis domh a nis ciod a rinn thu, n; 
folaich uam e. 

20 Agus fhreagair Achan Iosua, agu 
thubhairt e, Gu deimhin, pheacaich m 
an aghaidh an Tighearna Dè Israeil, agu 
mar so agus mar so rinn mi. 

21 'Nuair a chunnaic mi am measg n: 
creiche earradh bhrèagha Bhabilonach, ag 
us dà cheud secel airgid, agus geinn òi 
anns an robh leth-cheud secel do chud 
throm, an sin shanntaich mi iad, agu 
ghabh mi iad ; agus, feuch, tha iad fol 
aichte san talamh am meadhon mo bhùtha 
agus an t-airgiod fuidhe. 

22 Mar sin chuir Iosua teachdairèai 
uaith, agus ruith iad do 'n bhùth, agus 
feuch, bha e folaichte 'na bhùth, agus ai 
t-airgiod fuidhe, 

23 Agus thug iad leo iad à meadhon a 
bhùtha, agusthugiad gu Iosua iad, agu 
gu clann Israeil uile, agus sgaoil iad i 
mach iad am fianuis an Tighearn. 

24 Agus ghabh Iosua agus Israel uilt 
maille ris, Achan mac Sherah, agus _ai 
t-airgiod, agus an earradh, agus an geini 
òir, agus a mhic, agus a nigheanan, agu 
a dhaimh, agus 'asail, agus a chaoraicli 
as'us a bhùth, agus gach ni a bh' aige ; ag 
us thug iad do ghleann Achoir iad. 



CAIB. VIII. 



» 25 Agus tliubhairt losua, C'ar son a chuir 
] iu draa-h oirnn ? cuiridh an Tighearna 
ragh ortsa an diugh. Agus chlach clann 
' Sraeil uile e le clachaibh, agus loisg iad le 
rine iad, an dèigh dhoibh an clachadh le 
"j achaibh. 

I 26 Aeus thog iad suas carn mòr chlach 
r a mliuin gu's an là'n diugh : Agus phill 
n Tighearn o ghairge a chorruich : uime 
n thugadh gleann Achoir mar ainm air 
□ àite"sin, gùs au là'n diugh. 

CAIB. VIII. 
I \ GUS thubhairt an Tighearna ri Iosua, 
' _JL Na gabh eagal, agus na bi fo gheilt ; 

abh an sluagh cogaidh uile maille riut, 
: gus èirich, itnich suas gu h-Ai: feuch, 
" mg mi thairis do d' làimh righ Ai, agus 
" j shluagh, agus a bhaile, agus fhearann. 
' 2 Agus ni thu ri h-Ai agus r' a righ, mar 
, rinn thu ri lericho, agus r' a righ : a mhàin 
chreach, agus a sprèidh, gabhaidh sibh 
. lar chobhartach dhuibhfèin. Cuir daoine 
nnam feall-fholach an aghaidh a' bliaile 
ir a chùlaobh. 

3 Agus dh'èirich Iosua agus an sluagh 
i ogaidh uile. a dhol suas an aghaidh Ai : 
. gus thagh losua mach deich mìle fichead 
J dh' fhearaibh treun ann an neart, agus 
3 huir e air falbh iad san oidhche. 
" 4 Agus dh'àithn e dhoibh, ag ràdh, 
, 'eueh, ni sibh feall-fholach an aghaidh a' 
j baile, eadhon air cùl a' bhaile : na racli- 
3 .ibh ro-fhad o 'n bhaile, ach bithibh uile 
3 ieas: 

5 Agus thèid mise. agus an sluagh uile 
. l . tha maille rium, diùth do 'n bhaile : agus 

] .n uair a thig iad a mach 'nar coinneainh, 
J nar air tùs, teichidh sinne rompa. 

6 (Oir thig iad a raach 'nar deigh) gus an 
arruing sinn iad o 'n bhaile : oir their iad, 

. Tha iad a' teicheadh romhainn, mar air 
i| ;ùs : uime sin teichidh simie rompa. 
' 7 An sin èiridh sibhse o 'n fheall-fhol- 
ich, agus glacaidh sibh am baile : oir bheir 
. in Tigheama bhur Dia 'nur làimh e. 

8 Agus an uair a ghlacas sibh ara baile, 
.'uiridh sibh ara baile ri theine : a rèir 
1 'iithne an Tighearna ni sibh. Feuch, dh'- 
„ iithn mise dhuibh. 

: 9 Uime sin chuir Iosua maeh iad; agus 
" ' Ih' fhalbh iad a dheanamh feall-fholach, 
|! igusdh'ihan iad eadar Bet-eiagus Ai,airan 
taobh an iar a dh' Ai : ach dh'ihan Iosua 
an oidhche sin am measg an t-sluaigh. 
+ , 10 Agus dh'èirich Iosua gu moch sa' 
"limhaduinn, agus dh'àireamh e'n sluagh, 
J agus chaidh e suas, e fèin agus seanairean 
'1 Israeil, roimh 'n t-sluagh gu h-Ai. 
•J 11 Agus chaidh an sluagh cogaidh uile 

Tsuas, a bha maiile ris, agus chaidh iad ara 
.Ifagus, agus thàinig iad fa chomhair a' 

Ijbhaile, agus champaich iad air an taobh 
" f mu thuath do Ai : a nis bha gleann eadar 

\ iad agus Ai. 

M 12 Agus ghabh e mu thimchioll chùig 
" mìle fear, agus chuir e iad a dheanamh 

' feall-fholach eadar Bet-el agus Ai, air an 
:j taobh an iar do'n bhaile. 

j 13 Agus an uair a shnidhich iad an 
T sluagh, eadhon am feachd uile a bh' air an 
'l ; taobh mu thuath do 'n bhaile, agus an 

I luchd feall-f holach air an taobh an iar do 'n 



bhaile, chaidh Iosua san oidhche sin do 
mheadhon a" ghlinne. 

14 Agus an uair a chunnaic righ Ai sin, 
rinn iad cabhag agus dh' èirich iad gu 
moch ; agus chaidh fir a' bhaile a mach gu 
cath an aghaidh Israeil, e fèin agus a 
shluagh uile, ann an àm suidhichte, fa 
chomhair a' chòmhnaird: ach cha robh 
fhios aige gu 'n robh luchd feall-fholach 
'na aghaidh air cùl a' bhaiìe. 

15 Agus riun Iosua agus Israel uile mar 
gu 'm buailte iad rompa, agus theich iad 
rathad an fhàsaich. 

16 Agus giiairmeadh an sluagh uile a 
bha anu an Ai an ceann a chèile gu dol air 
an tòir, agus cliaidh iad air tòir Iosua, ag- 
us thairngeadh o 'n bhaile iad. 

17 Agus cha d' fhàgadh duine ann an 
Ai, no ann am Bet-ei, nach deachaidh a 
mach an dèigh Israeil : agus dh' fhàg iad 
ara baile fosgailte, agus chaidh iad aìr tòir 
Israeil. 

18 Agusthubhairtan Tighearnari Iosua, 
Sìn a mach an c-sleagh a tha 'n ad làimh 
ratliad Ai ; oir bheir mise a' d' làimh e. 
Agus shìn Iosua mach an t-sleagh a bh'- 
aige 'nà làirah, a dh' ionnsuidh a' bhaile. 

19 Agus dh" èirich na daoine a bha ris an 
fheall-fholach gu arad as an àit, agus ruith 
iad co luath 'sa shìn e raach a làmh : agus 
cliaidh iad a stigh do 'n bhaile, agus ghlac 
iad e, agus rinn iad cabhag, agus chuir iad 
am baile ri theine, 

20 Agus an uair a sheall fìr Ai 'nan 
dèigh, chunnaic. iad, agus, feuc.h, chaidh 
deatach a' bhaile suas gu nèamh, aL-us cha 
robh comas aca teiciìeadh an taobh so no 'n 
taobh ud : agus thionndaidh an sluagh a 
theich do 'n rhàsach, air an ais air an 
luchd-tòrachd. 

21 Agus an uair a chunnaic losua agus 
Israel uile gu 'n do ghlac luchd na feall- 
fholach am baile, agus gu 'n deachaidh 
deatach a' bhaile suas, an sin phill ìad, ag- 
us bhuail iad iir Ai. 

22 Agus chaidh iadsan a maeh as a' 
bhaile 'nan aghaidh ; mar sin bha iad am 
meadhon Israeil, cuid air an taobh so, ag- 
us cuid air an taobh ud : agus bhuail siad 
iad, gus nach d' fhàgadh aon diubh beò, no 
aon gu dol as. 

23 Agus ghlac iad righ Ai beò, agus 
thu? iad e gu Iosua. 

24 Agus an uair a chuir Israel crìoch air 
uile luchd-àiteacliaidh Ai a mharbhadh, 
anns a' mhachair, anns an fhàsach d' an do 
chuir iad an ruaig orra, agus an uair a 
thuit iad uile le faobhar a' chlaidheimh, 
gus an do chuireadh as doibh, an siu phill 
na h-Israelich uile gu h-Ai, agus bhuail 
iad e le faobhar a' chfaidheimh. 

25 Agus bha ann dhiubhsan uile a thuit 
air an là sin, eadar fheara agus mhnai, dà 
ìnhìle dheug, eadhon muinntir Ai uile : 

26 Oir cha do tharruin? Iosua a làmh 
air a h-ais, a slùn e mach leis an t-sleagli, 
gus an do lèir-sgrios e luchd-àiteachaidh 
Ài uile. 

27 A mhàin sprèidh agus creach a' bhaile 
sin gìiabh Israel mar chobhartach dhoihh 
fèin, a rèir focail an Tighearn a dh' àithn e 
do Iosua. 

28 Agus loisg Iosua Ai, agus rinn e 'na 

Q 



i 



178 



IOSUA. 



oharn e gu bràth, 'na fhàsach gus an là 'n 
diugh. 

29 Agus righ Ai chroch e air orann gu 
am an fheasgair : agus mu dhol fuidhe na 
grèine dh' àithn Iosua, agus thug iad a 
uuas a chorp o 'n chrann, agus thilg iad e 
aig dol a stigh geata a' bhaile, agus thog 
iad air carn mòr chlach, a tha làthair gus 
an là 'n diugh. 

30 An sin thog Iosua altair do 'n Tigh- 
earna Dia Israeil air sliabh Ebail, 

31 Mar a dh' àithn Maois, òglach an Tigh- 
earna. do chloinn Israeil, a rèir mar a ta e 
sgrìobhta ann an leabhar lagha Mhaois, alt- 
air do ehlaehaibh slàna, air nach do thog 
duine sam bith suas iarunn ; agus thug iad 
suas oirre ìobairtean-loisgte do 'n Tighearn, 
agus dh' ìobair iad tabhartais-shìth. 

32 Agus sgrìobh e 'n sin air na clachaibh 
dùblachadh lagha Mhaois, a sgrìobh e an 
làthair chloinn Israeil. 

33 Agus sheas Israel uile, agus an sean- 
airean, agus an luchd-riaghlaidh, agus am 
breitheamhna, air an taobh so do 'n àirc, 
agus air an taobh ud, an làthair nan sagart 
nan Lebhitheach, a ghiùlan àirc coimh- 
cheangail an Tighearn, an coigreach co 
mhaith ris-san a rugadh 'nam measg; 
leth dhiubh thall fa chomhair slèibh Gher- 
idsim, agus leth dhiubh thall fa chomhair 
slèibh Ebail : mar a dh' àithn Maois, òglach 
au Tighearna, chum sluagh Israeil a 
bheannachadh air tùs. 

34 Agus an dèigh sin leugh e uile 
bhriathran an lagha, na beannachdan agus 
nr mallachdan, a rèir nan uile nithe a ta 
sgrìobhta ann an leabhar an lagha. 

35 Cha robh focal do na h-uile nithibh a 
dh' àithn Maois, nach do leugh losua an 
làthair comhchruinnich Israeil uile, agus 
uam ban, agus na cloinne bige, agus nan 
coigreach a blia fantuinn 'nam measg. 

CAIB. IX. 
\ GUS an uair a chuala na righrean uile 
^Tjl a bh' air an taobh so do Iordan. anns 
na beanntaibh, agus anns a' chòmhnard, 
agus ann an uile oirthir na fairge mòire 
thall fa chomhair Lebanoin, an Hiteach, 
agus an t-Amorach, an Canaanach, am 
Peridseach, an Hibheach, agus an Iebus- 
ach so ; 

2 Chruinnich iad an ceann a chèile a 
chogadh ri Iosua, agus ri h-Israel, le aon 
rùn. 

3 Agus an uair a chuala luchd-àiteach- 
aidh Ghibeoin ciod a rinn Iosua ri Iericho, 
agus ri h-Ai; 

4 Rinn iadsan mar an ceudna gu seòlta, 
agus chaidh iad agus leig iad orra gu 'm bu 
teachdairean iad, agus ghabh iad seann saic 
air an asalaibh, agus fìon-shearragan a 
bha sean agus reubta, agus ceangailte suas, 

5 Agus brògan a bha sean agus càirichte 
air an cosaibh, agus sean eudach orra ; ag- 
us bha aran an lòin uile tioram agus liath. 

6 Agus chaidh iad a dh'ionnsuidh Iosua 
do 'n champ gu Gilgal, agus thubhairt iad 
ris, agus ri fir Israeil, Thàinig sinue o 
dhùthaich fad as ; a nis uime sin deanaibh 
coimhcheangal ruinn. 

7 Agus thubhairt fir Israeil ris na Hibh- 
ich, Theagamh gu bheil sibh a chòmh- 



nuidh 'nar measg, agus cionnus a dh'- 
fheudas sinne coimhcheangal a dheanamh 
ribh? 

8 Agus thubhairt iad ri Iosua, 7* sinillè j 
do sheirbhisich. Agus thubhairt Iosua riu, j 
Cò sibli ? agus cia as a thàinig sibh ? 

9 Agus thubhairt iad ris, O dhùthaich. 
ro-fliad air astar thàinig do sheirbhisich, ! 
air sgàth ainme an Tighearna do Dhè: 
oir chuala sinn 'iomradh-san, agus gach n»| 
a rinn e san Eiphit, 

10 Agus gach ni a rinn e ri dà righ nan 
Amorach, a bha 'n taobh thall do lordan, 
ri Sihon righ Hesboin, agus ri h-Og righj 
Bhasain, a bha aig Astarot; 

11 Uime sin labhair ar seanairean agus| 
uile luchd-aiteachaidh ar dùthcha ruinn.1 
ag ràdb, Gabhaibh lòn 'nur làimh air son 
an turuis, agus rachaibh 'nan coinneamh, 
agus abraibh riu, 7* sinne bhur seirbhisich ; 
agus a nis deanaibh coimhcheangal ruinn. 

12 An t-aran so againn gbabh sinn teth 
air son ar lòin a mach as ar tighibh, san là 
anns an d' thàinig sinn a mach gu dol d' 'ur 
n-ionnsuidh-sa ; ach a nis, fèuch, tha e 
tioram, agus liath : 

13 Agus na searragan fìona so a lìon 
sinn, bha iud nuadh, agus, feuch, tha iad 
reubta : agus tha ar n-eudach so agus ar 
brògan air fàs sean, le ro-fhad na slighe. 

14 Agus gbabh na daoine d' am biadh, 
agus cha d' iarr iad comhairle o bheul an 
Tighearn. 

15 Agus rinn losua sìth riu, agus rinn e 
coimhcheangal riu, a leigeil leo bbi beò : 
agus mhionnaich uachdarain a' chomh- 
chruinnich dhoibh. 

16 Agus thachair an ceann thri làithean, 
an dèigh dhoibh coimhcheangal a dhean- 
amh riu, gu 'n cual' iad gu 'm b' iad an 
coimhearsnaich iad, agus gu 'n robh iad a 
chòmhnuidh 'nam measg. 

17 Agus chaidh clann Israeil air an agh- 
aidh, agus thàinig iad a dh' ionnsuidh am 
bailtean air an treas là : a nis b' iad am 
bailte Gibeon, agus Chephirah, agus Beer- 
ot, agus Ciriat-iearim. 

18 Agus cha do bhuail clann Israeil iad, 
a chionn gu'n do mhionnaich uachdarain 
a' chomhchruinnich dhoibh air an Tigh- 
earna Dia Israeil. Agus rinn an comh- 
chruinneach uile gearan an aghaidh nan 
uachdaran. 

19 Ach thubhairt na h-uachdarain uile 
ris a' chomhchruinneach uile, Mhionn- 
aich sinn dhoibh air an Tighearna Dia Is- 
raeil ; agus uime sin cha 'n fheud sinn 
beantuinn riu. 

20 So ni sinn riu ; leigidh sinn eadhon 
leo a bhi beò, a ehum nach bi fearg Bhè 
'nar n-aghaidh, air son nam mionnan a 
mhionnaich sinn dhoihh. 

21 Agus thubhairt na h-uachdarain riu, 
Leigibh leo bhi beò ; ach biodh iad 'nan 
luchd-gearraidh fiodha, agus 'nan luchd- 
tarruing uisge do 'n chomhchruinneach 
uile, mar a gheall na h-uachdarain dhoibh. 

22 Agus ghairm Iosua orra, agus labh- 
air e riu, ag ràdh, C' ar sou a mheall sibh 
sinn, ag ràdh, Tha sinn ro-fhada uaibh, 
an uair a tha sibh a cliòmhnuidh 'nar 
measg ? 

23 A nis uime sin tha sibh mallaichte, 



CAIB. X. 



J79 



igus cha saorar neach air hith dhibli o bhi 
nur tràillibh, agus 'nur luchd-gearraidh 

jàodha, agus 'nur luchd-tarruing uisge air 

hon tighe mo Dhè. 

24 Agus fhreagair iad Iosua, agustliubh- 
lirt iad, Do bhrìgh gu'n d'innseadh gu 
cinnteach do d' sheirbhisich cionnus a 
dh'àithn an Tighearna do Dhia d'a òglach 

nfoois am fearann uile a thoirt duibh, ag- 
•us luchd-àiteachaidh na tìre uile a sgrios 
roimhibh, uime sin bha eagal raòr ar 
i-anama oirnn roimhibh, agus rinn sinn 
[an ni so. 

25 Agus a nis, feuch, tha sinn a' d' 
•iàimh: mar a mheasar maith agus ceart 

eatsa a dheanamh ruinn, dean. 

> 26 Agus mar so rinn e riu, agus shaor e 

ìiad à làimh chloinn Israeil ; agus cha do 

jmharbh siad iad. 

27 Agus rinn Iosua iad san là sin fèin 
nan luchd-gearraidh fìodha, agus 'nan 
iuchd-tarruing uisge do'n chomhchruinn- 
each, agus do altair an Tighearn, eadhon 

Igus an là 'n diugh, anns an ionad a rògh- 
iiaicheadh e. 

CAIB. X. 

AGUS an uair a chual' Adonisedec righ 
Ierusaleim gu'n do ghlac Iosua Ai, 
lagus gu'n do lèir-sgrios se e ; mar a rinn e 
ri Iericho agusr'arigh, mar sìugu'n d'rinn 
e ri h-Ai agus r' a righ ; agus gu 'n d'rinn 
luchd-àiteachaidh Ghibeoin sìth ri h-Is- 
[rael, agus gu'n robh iad 'nam measg; 

2 Ghabhiad eagal mòr, do bhrìgh gu 'm 
\bu bhaile mòr Gibeon, mar aon do na 
Ibailtibh rìoghail, agus do bhrìgh gu'm bu 
mhò e na Ai, agus gu 'n robh a dhaoine uile 
treun. 

3 Uime sin chuir Adonisedec, righ Ie- 
rusaleim, fios gu Hoham righ Hebroin, 
agus gu Piram righ larmuit, agus gu Ia- 
phia righ Lachis, agus gu Debir righ Eg- 
loin, ag ràdh, 

4 Thigibh a nìos a m' ionnsuidh-sa, agus 
ruidiehibh leam, a chum gu'mbuail sinn 
Gibeon : oir rinn e sìth ri Iosua, agus ri 
cloinn Israeil. 

5 Uime sin chruinnich cùig righre nan 
Amoracb, righ Ierusaleim, righ Hebroin, 
righ larmuit, righ Lachis, righ Egloin, iad 
fèin an ceann a chèile, agus chaidh iad 
suas, iad fèin agus an slòigh uile, agus 
champaich iad fa chomhair Ghibeoin, ag- 
us chog iad 'na aghaidh. 

6 Agus chuir fir Ghibeoin fios gu Iosua, 
do 'n champ gu Gilgal, ag ràdh, Na dean- 
adh do làmh moille o d' sheirbhisich : thig 
a nìos d' ar n-ionnsuidh gu grad, agus saor 
sinn, agus cuidich leinn : oir tha rìghre 
nan Amorach uile a tha 'uan còmhnuidh 
sna beanntaibh, air cruinneachadh ri 
chèile 'nar n-aghaidh. 

7 Agus chaidh Iosua suas o Ghilgal, e 
fèin agus an sluagh cogaidh uile maille ris, 
agus na fir threuna uile. 

8 Agus thubhairt an Tighearnari Iosua, 
Na gabh eagal rompa ; oir thug mise thairis 
do d' làimh iad : cha seas duine dhiubh 
romhad. 

- 9 Uirae sin thàinig Iosua orra gu 
h-obann : rè na h-oidhche chaidh e suas o 
Ghilgal. 



10 Agus chlaoidh anTighearn iad roimh 
Israel, agus mharbh e iad le h-àr mòr aig 
Gibeon, agus chuir e 'n ruaig orra rathad 
uchdaich Bhet-horoin, agus bhuail e iad 
gu Hasecah, agus gu Macedah. 

11 Agus an uair a bha iad a' teicheadh 
roimh lsrael, agus iad air leathad Bhet- 
horoin, thilg an Tighearna clacha mòra 
orra nuas o nèamh gu Hasecah, agus 
fhuair iad bàs : bu lìonmhoire iadsan a 
bhàsaich leis na clacha-meallain, na iad- 
san a mharbh clann Israeil leis a' chlaidh- 
eamh. 

12 An sin labhair Iosua ris an Tighearna, 
san là anns an d'thug àn Tighearna suas 
na h-Amoraich roimh chloinn lsraeil, agus 
thubhairt e 'm fianuis Israeil, A ghrian, 
air Gibeon stad, agus thusa, a ghealach, 
air gleann Aialoin. 

13 Agus stad a' ghrian, agus sheas a' 
ghealach, gus an do dhìol an sluagh iad 
fèin air an naimhdibh. Nach 'eil so 
sgrìobhta ann an leabhar laseir? Agus 
stad a' ghrian am meadhon nèimh, agus 
cha d'riun i cabhag gu dol fuidhe mu 
thimchioll là iomlain. 

14 Agus cha robh là sam bith cosmhuil 
ris an là sin, roimhe no 'na dhèigh, anns 
an d'èisd an Tighearna ri guth duine ; oir 
chog an Tighearn air son Israeil. 

[15 Agus phill Iosua, agus Israel uile 
maille ris, do'n champ gu Gilgal.] 

16 Ach theich na cùig rìghrean ud, ag- 
us dh' fholaich siad iad fèin ann an uaimh 
ann am Macedah. 

17 Agus dh'innseadh do Iosua, ag ràdh, 
Fhuaradh na cùig righre folaichte. ann an 
uaimh ann am Macedah. 

18 Agus thubhairt Tosna, Caruichibh 
clacha mòra air beul na h-uamha, agus 
cuiribh daoine làimh rithe g'an gleidheadh. 

19 Agus na stadaibhse, ach rachaibh air 
tòir bhur naimhdean, agus buailibh iadsan 
a's deireannaiche dhiubh, na leigibh leo 
dol a stigh da'm bailtibh ; oir thug an » 
Tighearna bliur Dia iad thairis d' 'ur làimh. 

20 Agus an uair a chuir losua agus 
clann Israeil crìoch air am marbhadh le 
h-àr ro-mhòr, gus an do chuireadh as 
doibh, chaidh a' chuid a mhair dhiubh a 
steach do na bailtibh daingnichte. 

21 Agus phill an sluagh uile do'n champ 
gu Iosua aig Macedah ann an sìth : cha do 
ghluais neach a theanga an aghaidh duine 
sam bith do chloinn Israeil. 

22 An sin thubhairt losua, Fosglaibh 
beul na h-uamha, agus thugaibh a mach a 
m' ionnsuidh na cùig rìghrean ud as an 
uaimh. 

23 Agus rinn iad mar sin, agus thug iad 
a mach na cùig rìghrean ud d a ionnsuidh 
as an uaimh, righ Ierusaleim, righ Heb- 
roin, righ Iarmuit, righ Lachis, agus righ 
Egloin. 

24 Agus an uair a thug iad a mach na 
righre sin gu losua, gbairm Iosua air fear- 
aibh Israeil uile, agus thubhairt e ri ceann- 
ardaibh nam fear-cogaidh a chaidh maille 
ris, Thigibh am fagus, cuiribh bhur cosan 
air muinealaibh nan righ sin. Agus thàin- 
ig iad am fagus, agus chuir iad an cosan 
air am muinealaibh. 

25 Agus thubhairt Iosua riu, Na biodli 



180 



IOSUA. 



eag-al oirbh agus na bithibh fuidh gheilt, 
bithibh làidir agus biodh deadh mhisneach 
agaibh ; oir mar so ni 'n Tighearna ri'r 
naimhdibh uile ris am bheil sibh a' cogadh. 

26 Agus an dèigh sin bhuail Iosua iad, 
agus mharhh e iad, agus chroch e iad air 
cùig crannaibh : agus bha iad an crochadh 
air na crannaibh gu feasgar. 

27 Agus an àm dol fuidhe na grèine 
d'àithn Iosua, agus thug iad a nuas iad o 
na crannaibh, agus thilg siad iad sau uaimh 
anns an d'fholaich siad iad fèin, agus chuir 
iad clacha mòra am beul na h-uamha, a 
tha làthair gus a' cheart là so. 

28 Agus air au là sin fèin ghlac Iosua 
Macedah, agus bhuail se e le faobhar a' 
chlaidheimh, agus a righ sgrios e gu tur, 
iadsan agus gach anam a bh' ann ; cha 
d' fhàg e neach air bith beo : agus ;rinn e 
ri righ Mhacedah, mar a rinn e ri righ Ie- 
richo. 

29 An sin chaidh losua, agus Israel uile 
maille ris, thairis o Mhacedah gu Libnah, 
agus chog e 'n aghaidh Lib-iah. 

30 Agus thug an Tighearna thairis e mar 
an ceudna, agus a righ, do làimh Israeil, 
agus bhuail se e le faobhar a' chlaidheimh, 
agus na h-anaman uile a bha ann: cha 
d' fhàg e neach air bith beò ann, ach rinn 
e r'a righ, mar a rinn e ri righ Iericho. 

31 Agus chaidh losua, agus Israel uile 
maille ris, thairis o Libnah gu Lachis, agus 
champaich e 'na aghaidh, agus chog e 'na 
aghaidh. 

32 Agus thug an Tighearna thairis 
Lachis do làimh Israeil, agus ghlac se e 
air an dara là, agus bhuail se e le faobhar 
a' chlaidlieimh, agus gach anam a bha 
ann, a rèir nan uile nithe a rinu e air Lib- 
nah. 

33 An sin thàinig Horam righ Gheseir a 
nìos a chuideachadh Lachis ; agus bhuail 
Iosua e agus a shluagh, gus nacìi d'fhàg e 
h-aon air bith beò aige. 

34 Agus chaidh Iosua agus Israel uile 
maille ris, o Lachis gu li-Eglon, agus 
champaich iad 'na aghaidh, agus chog iad 
'na aghaidh : 

35 Agus ghlac iad e air an là sin fèin, 
agus bhuail iad e le faobhar a' chlaidheimh, 
agus gach anam a bha ann sgrios e gu tur 
san là sin, a rèir nan uile niihe a rinn e ri 
Lachis. 

36 Agus chaidh Iosua, agus Israel uile 
maille ris, suas o Eglon gu Hebron, agus 
chog iad 'na aghaidh : 

37 Agus ghlac iad e, agus bhuail iad e 
le faobhar a' chlaidheimh, agus a righ, ag- 
us a bhailtean uile, agus gach anam a bha 
ann: cha d'fhàg e h-aon air bith beò, a 
rèir nan uile nithe a rinn e ri h-Eglon, ach 
sgrios e gu tur e, agus gach anam a bha 
ann. 

38 Agus phill Iosua, agus Israel uile 
maille ris, gu Debir, agus chog e 'na agh- 
aidh : 

39 Agus ghlac se e, agus a righ, agus a 
bhailtean uile, agus bhuail siad iad le 
faobhar a' chlaidheimh, agus lèir-sgrios iad 
gach anara a bha ann ; cha d'fhàg e h-aon 
air bith beò : mar a rinn e ri Hebron, mar 
sin rinne ri Debir, agus r'arigh ; agus mar 
a rian e ri Libnah, agus r'a righ. 



40 Agus'bhuail Iosua tìr nam beant 
uile, agus na h-àirde deas, agus a' chòmh- 
naird, agus nan tobar, agus an rìghrear 
uile : cha d'fhàg e h-aon"air bith heò, ach 
lèir-sgrios e gacli neach anns an robh an- 
ail, mar a dh' àitlin an Tighearna Dia ls- 
raeil. 

41 Agus bhuail Iosua iad o Chades-har- 
nea gu ruig Gasa, agus tìr Ghosein uile gt 
ruig Gibeon. 

42 Agus na rìghre sin uile, agus am ; 
fearann, ghlac Iosua dh' aon tarruing, dc 
bhrìgh gu'n do chog an Tighearna Dia Is- 
raeil air son Israeil. 

43 Agus phill Iosua, agus Israel uik 
maille ns, do'n champ gu Gilgal. 

CAIB. XI. 

AGUS an uair a chuala Iabin righ 
Hasoir na nithe sin, chuir ejìos gu 
Iobab righ Mhadoin, agus gu righ Shim- 
roin, agus gu righ Achsaiph, 

2 Agus a dh' ionnsuidh nan righ a bha 
mu thuath anns na beanntaibh, agus anns 
a' chòmhnard mu dheas do Chinerot, agus 
anns a' ghleann, agus ann an crìochaibh 
Dhoir, air an làimh an iar ; 

3 Agus a dh'ionnsuidh a' Chanaanaicl) 
air an làiroh an ear agus an làimh an iar. 
agus a dh'ionnsuidh an Amoraich, agus an 
Hitich, agus a' Pheridsich, agus an Iebus- 
aich anns na beanntaibh, agus a dh'ionn- 
suidh an Hibhich fuidh Hermon, aun an 
tìr Mhispeh. 

4 Agus chaidh iad a mach, iad fèin agus 
am feachd uile maille riu, sluagh lìonmhor, 
eadhon mar a' gliaineamh a ta air tràigh 
na fairge thaobh lìonmhoireachd, le h-each- 
aihh agus carbadaibh ro-lìonrohor. 

5 Agus au uair a bha ca righre sin uile 
air coinneachadh a chèile, thàinig iad a< 
champaich iad cuideachd aig uisgeachaibh 
Mlieroim, a chogadh an aghaidh Israeil. 

6 Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, 
Na biodh eagal ort rompa ; oir am màir- 
each, mu'n àm so, bheir inise suas iad uile 
marbh am fianuis Israeil : gearraidh tu 
iosgaidean an each, agus loisgidh tu an 
carbadan le teine. 

7 Agus thàinig Iosua, agus an sluagh 
cogaidh uile maille ris, orra aig uisgeach- 
aibh Mheroim gu h-obann, agus bhuail iad 
orra. 

8 Agus thug an Tighearna thairis iad do 
làimh Israeil, a bhuail iad, agus a chuir an 
ruaig orra gu Sidon mòr, agus gu Misre- 
pliot-maim, agus gu còmhnard Mhispeh air 
an làimh an ear, agus bhuail siad iad, gus 
nacb d'fhàg iad aon diubh beò. 

9 Agus rinn Iosua riu mar a dh'iarr an 
Tighearn air : ghearr e iosgaidean an eacli, 
agus loisg e 'n carbadan Je teine. 

10 Agus phill Iosua san àm sin air ais, 
agus ghlac e Hasor, agus bliuail e a righ 
leis a' chlaidheamh : oir b'e Hasor roimiie 
sin ceann nan rìoghachda sin uile. 

11 Agus bhuail iad na h-anaman uile a 
bha ann le faobhar a' chlaidheimh "g an 
lèir-sgrios: cha d'fhàgadh aon anns an 
robh anail ; agus loisg e Hasor le teine. 

12 Agus uile bhailte nan righ sin, agus 
an rìghrean uile ghlac Iosua, agus bhuail e 
iad le faobhar a' chlaidheimh, agics sgrìos e 



Mtga tur iad, mar a dh'àithn Maois, òglach 
au Tighearn. 

13 Ach a thaobh narn bailte sin uile a 
heas a ghnàth 'nan neart, cha do loisg Is- 

rael aon diubh sin, saor o Hasor a mhàin ; 
i loisg Iosua. 

14 Agus uile chreach nam bailte sin, ag- 
ì an sprèidh, ghabh clann Israeil mar 

chobhartach dhoibh fèin ; ach bhuail iad 
gach duine le faobhar a' chlaidheimh, gus 
in do chuir iad as doibh ; clia d'fhàgiad 
jeach air bitli anns an robh anail. 

15 Mar a dh' àithn an Tighearna d' a òg- 
ach Maois, mar sin dh'àithn Maois do Io- 

gus mar sin rinn Iosua : cha d' fhàg 
nigun deanamh do na h-uile a dh'àithn 
m Tighearna do Mhaois. 

16 Mar sin ghlac Iosua am fearann sin 
iaile, na slèibhtean, agus an tìr mu dheas 
aile, agus fearann Ghosein uile, agus an 
rleann, agus an còmhnard, agus sliabh Is- 
raeil, agus a ghleann ; 

17 O shliabh Halaic, a tha dol suas gu 
Seir, eadhon gu Baal-gad ann an gleann 
Lebanoin, fuidh shliabh Hermoin : agus 
in rìghrean uile ghlac e, agus bhuail e 
ad, agus mharbh e iad. 

18 Rè ùine fhada rinn Iosua cogadh ris 
ìa rìghribh sin uile. 

19 Cha robh baile mòr air bith a rinn 
ìth ri cloinn Israeil, saor o na Hibhich, 
uchd-àiteachaidh Ghibeoin ; càch uile 
hlac iad ann an cath. 

20 Oir b ann o'n Tighearn a bha e an 
■ridheachan a chruadhachadh, chum gu 'n 
igeadh iad an aghaidh Israeil aun an 
:ath, a chum gu 'n sgriosadh e iad gu tur, 
igus nach biodh iochd sam bith air a 
wchdadh dhoibh, ach gu 'n cuireadh e as 
loibh, mar a dh'àithn an Tighearna do 
Hhaois. 

21 Agus anns an àm sin thàinig Iosua, 
»us ghearr e as na h-Anacaich o na 
èibhtibh, o Hebron, o Dhebir, o Anab, 
rus o bheanntaibh Iudah uile, agus o 
ìeanntaibh Israeil uile : sgrios Iosua gu 

;ur iad le 'm bailtibh. 

22 Cha d' fhàgadh aon do na h- Anacaich 
inn am fearann chloinn Israeil ; a mhàin 
inn an Gasah, ann an Gat, agus ann an 
Asdod, dh' fhàgadh iad. 

23 Mar sin ghlac Iosua an tìr uile, a rèir 
ìan uile a thubhairt an Tighearna ri 
Haois, agus thug Iosua i mar oighreachd 
lo chloinn Israeil, ann an earrannaibh a 
■èir an treubhan. Agus fhuair an tìr fois 

chogadh. 

CAIB. XII. 

ANIS is iad so rìghrean an fhearainn a 
bhuail clann Israeil ; agus shealbh- 
lich iad am fearann air taobh eile Iordain 
eth ri èirigh na grèine, o shruth Arnoin 
ru sliabh Hermoin, agus an còmhnard 
ìile air an làimh an ear. 

2 Sihon righ nan Amorach, a bha 
hòmhnuidh ann an Hesbon, agus a riagh- 
aich o Aroer, a tha air bruaich sruth Ar- 
aoin, agus o mheadhon an t-srutha, agus 
leth Ghilead eadhon gus an sruth Iaboc, 
crìoch chloinn Amoin : 

3 Agus an còmhnard gu muir Chineroit 
làimh na h-àirde 'n ear, agus gu muir a' 

chòmhnaird, eadhon a' mhuir shalainn a' 



CAIB. XII. XIII. 



181 



làimh na h-àirde 'n ear, ant-slighe guBet- 
iesimot ; agus o 'n àirde deas, fuidh Asdod- 
pisgah. 

4 Agus crìoch Og righ Bhasain, a bha 
dh' iartnad nam famhairean a bha chòmh- 
nuidh ann an Astarot, agus ann an Edrei. 

5 Agus a rìoghaich ann an sliabh Her- 
moin, agus ann an Salcah, agus ann am 
Basan uile, gu crìch nan Gesurach agus 
nam Maachatach, agus leth Ghilead, crìoch 
Shihoiu righ Hesboin. 

6 Iadsan bliuail Maois, òglach an Tigh- 
earn, agus clann Israeil; agus thug Maois, 
òglach an Tighearn, e mar sheilbh do na 
Reubenich, agus do na Gadaich, agus do 
leth-thrèibh Mhanaseh. 

7 Agus is iad so rìghre na tìre a bhuail 
Iosua ag us clann Israeil air an taobh so do 
Iordan air an làimh an iar, o Bhaal-gad ann 
an gleann Lebanoin, eadhon gu sliabh Hal- 
aic, a tha dol suas gu Seir ; a thug Iosua 
do threubhan Israeil mar sheilbh, a rèir an 
roinnean : 

8 Anns na beanntaibh, agus anns na 
gleanntatbh, agus anns na còmhnardaibh, 
agus anns na tobraichibh, agus anns an 
fhàsach, agus anns an tìr mu dheas : na 
Hitich, na h-Amoraich, agus na Canaan- 
aich, na Peridsich, na Hibhich, agus na le- 
busaich. 

9 Righ Iericho, aon ; righ Ai, a tha 
làiinh ri Bet-el, aon ; 

10 Righ lerusaleim, aon ; righ Hebroin, 
aon ; 

11 Righ Iarmuit, aon ; righ Lachis, aon ; 

12 Kigh Egloin, aon; righ Gheseir, aon ; 

13 Righ Dhebir, aon; righ Ghedeir, aon ; 

14 Righ Hormah, aon ; righ Araid, aon ; 

15 RighLibnah,aon; righ Adulaim,aoji ; 

16 Righ Mhacedah, aon; righ Bhet-eil, 
aon ; 

17 Righ Thapuah, aon ; righ Hepheir, 
aon ; 

18^Righ Apheic,aon ; righ Lasaroin, aon ; 
19" Righ Mliadoin, aon ; righ Hasoir, aon ; 

20 Righ Shimron-meroin, aon ; righ 
Achsaiph, aon ; 

21 Righ Thaanaich, aon; righ Mhegi- 
do, aon ; 

22 Righ Chedeis, aon ; righ Iocneaim o 
Charmel, aon ; 

23 Righ Dhoir, ann an crìch Dhoir, 
aon ; righ chinneacha Ghilgail. aon ; 

24 Righ Thirsah, aon ; na rìghrean uile, 
deich thar fhichead agus aon. 

CAIB. XIII. 

ANIS bha Iosua sean agus air teachd 
air aghaidh ann am bliadhnaibh ; ag- 
us thubhairt an Tighearna ris, Tha thusa 
sean agus air teachd air t' aghaidh am 
bliadhnaibh, agus tha fathast ro-mhòran 
fearainn r' a shealbhachadh. 

2 Is e so am fearann a tha fathast a làth- 
air ; uile chrìocha nam Philisteach, agus 
Gesuri uile, 

3 O Shihor, ata fa chomhair na h-Ei- 
phit, eadhon gu crìch Ecroin mu thuath, 
a mheasar do 'n Chanaanach : cùig tigh- 
earnan nam Philisteach ; na Gasataich, 
agus na h- Asdodaich, nah-Escalonaich, na. 
Gitich, agus na h-Ecronaich, agus ijo. 
Habhaich : 

Q2 



182 



IOSUA. 



4 O 'n taobh mu dheas, uile fhearann 
nan Canaanach, agus Mearah a ta làimh 
ris na Sidonaich, gu Aphec, gu crìch nan 
Amorach ; 

5 Agus fearaun nan Gibleach, agus Le- 
banon uile leth ri èirigh na grèine, o 
Bhaal-gad fuidh sliliabh Hermoin, gu ruig 
an dol a stigh do Hamat ; 

6 Uile luchd-àiteachaidh nam beann o 
Lebanon gu Misrephot-maim, agus na Si- 
donaich uile, iadsan fògraidh mi inach 
roimh chìoinn Israeil ; a mhàin roinn e le 
crannchur do na h-Israeilich mar oigh- 
reachd, mar a dh'àithn mise dhuit. 

7 A nis uime sin, roinn am fearann so 
mar oighreachd do na naoi treubhan, agus 
do leth-thrèibh Mlianaseh ; 

8 Maille ris an leth-thrèibh eile f huair na 
Reubenich agus na Gadaich an oighreachd- 
sanathug Maois doibh, an taobh thall do 
Iordan a làimh na h-àirde 'n ear, eadhon 
mar a thug Maois, òglach an Tighearna, 
dhoihh : 

9 O Aroer, a ta air bruaich sruth Arnoin, 
agus am baile a tha ann am meadhon an 
t-srutha, agus còmhnard Mhedebah uile 
gu Dibon; 

10 Agus uile bhailte Shihoin, righ nan 
Amorach, a rìoghaich ann an Hesbon, gu 
crìch chloinn Amoin ; 

11 Agus Gilead, agus crìoch nan Ge- 
surach, agus nam Maachatach, agus 
sliabh Hermoin uile, agus Basan uile gu 
Salcah ; 

12 Uile rìoghachd Og ann am Basan, a 
rìoghaich ann an Astarot agus ann an 
Edrei, a mhair do iarmad nam famhair- 
ean : oir iad sin bhuail Maois, agus dh'- 
fhògair e mach iad. 

13 Gidlieadh, cha d'fhògair clann Is- 
raeil a mach na Gesuraich, no na Maach- 
ataich; ach tha na Gesuraich agus na 
Maachataich 'nan còmhnuidh am measg 
nan Israeleach gus an là'n diugh. 

14 A mhàin do thrèibh Lebhi cha d'thug 
e oighreachd sam bith ; wiadìobairtean an 
Tighearna Dè Israeil a bheirear suas le 
teine, an oighreachd-san, mar a thubhairt 
e riu. 

15 Agus thug Maois do thrèibh chloinn 
Reubein oighreachd a rèir an teaghlaich- 
ean : 

16 Agus bha 'n crìoch o Aroer a ta air 
bruaich sruth Arnoin, agus am baile a tha 
ann am meadhon an t-srutha, agus an 
còmhnard uile gu Medebah : 

17 Hesbon, agus a bhailtean uile, a tha 
sa' chòmhnard ; Dibon, agus Bamot-Baa!, 
agus Bet-baal-meon, 

18 Agus Iahasa, agus Cedemot, agus 
Mephaat, 

19 Agus Ciriataim, agus Sibmah, agus 
Saret-sahar ann an sliabh a' ghlinne, 

20 Agus Bet-peor, agus Asdod-pisgah, 
agus Bet-iesimot, 

21 Agus uile bhailtean a' chòmhnaird, 
agus uile rìoghachd Shihoin righ nan 
Amorach, a rìoghaich ann an Hesbon, a 
bhuail Maois maille ri ceannardaibh Mhi- 
diain, Ebhi, agus Recem, agus Sur, agus 
Hur, agus Rebah, cinn-fheadhna Shihoin, 
a bha chòmhnuidh san tìr. 

22 Balaam mar an ceudna, mac Bheoir, 



am fiosaiche, mharbh clann Israeil leis a' 
chlaidheamh 'uam measg-bau a mharbh- 
adh leo. 

23 Agus b'i crìoch chloinn Reubein, Ior- 
dan agus a crìoch-san. B' i sin oighreachd 
chloinn Reubeiu a rèir an teaghlaiehean. 
na bailte mòra agus ara bailte beaga. 

24 Agus thug Maois oi^hreachd do 
thrèibh Ghad, eadhon do chloinn Ghad a 
rèir an teaghlaichean. 

25 Agus b'i an crìoch Iaser, agus uile 
bhailte Ghilead, agus leth fearainn chloino 
Amoin, gu Aroer a ta fa chomhair Ra- 
bah: 

26 Agus o Hesbon gu Ramat-mhispeh 
agus Betonim; agus o Mhahanaim gi 
crìch Dhebir ; 

27 Agus anns a' ghleann, Betaram, agui 
Bet-nimrah, agus Sucot, agus Saphon, a 
chuid eile do rìoghachd Shihoin righ HeS' 
boin, Iordan agus a crìoch, eadhon gu foii 
fairge Chineret, air taobh eile lordain ; 
làimh na h-àirde 'n ear. 

28 B'i sin oighreachd chloinn Ghad, s 
rèir an teaghlaichean, na bailte mòra agu 
am bailte beaga. 

29 Agus thug Maois oighreachd do leth 
thrèibh Mhanaseh : agus b' i so sealbh leth 
thrèibh chloinn Mlianaseh, a rèir an teagh 
laichean : 

30 Agus bha 'n crìoch o Mhahanaim 
Basan uile, uile rìoghachd Og righ Bhai 
sain, agus uile bhailtean Iair, a ta ann an 
Basan, tri fichead baile mòr : 

31 Agus leth Ghilead, agus Astarot, ag 
us Edrei, bailte rìoghachd Og ann am Ba 
san, bhuin iad do chloinn Mhachir mhi 
Mhanaseh, eadhon do leth chloinn Mha 
chir, a rèir an teaghlaichean. 

32 Is iad sin na dùchanna a roinn Maoi 
mar oighreachd ann an còmhnardaib! 
Mhoaib, air an taobh eile do lordan làiml 
ri Iericho, air an taobh an ear. 

33 Ach do thrèibh Lebhi cha d'thui 
Maois oighreachd: b' e 'n Tighearna Di 
Israeil e fèin an oighreachd-san, mar. 
thubhairt e riu. 



CAIB. XIV. 

AGUS is iad so na dùchanna a fhuai 
clann Israeil mar oighreachd ann ai 
tìr Chanaain, a roinn Eleasar an sagarl 
agus Iosua mac Nuin, agus cinn-fheadhn 
aitliriche threubha chloinn Israeil 
oighreachd dhoibh. 

2 Le crannchur bha an oighreachd, ma 
a dh' àithn an Tighearna le làimh MhaoÌE 
do na naoi treubhan agus an leth-thrèibh. 

3 Oir bha Maois air tabhairt oighreach'l 
do dhà thrèibh, agus do leth-thrèibh, air ai^ 
taobh eile do Iordan : ach do na Lebhithi 
ich cha d'thug e oighreachd sam bith 'nai; 
measg. 

4 Oir bha clann Ioseiph 'nan dà thrèibh} 
Manaseh agus Ephraim : uime sin ch;i 
d' thug iad roinn sam bith do na Lebhith '■ 
ich san fhearann, saor o bhailtibh gi> 
còmhnuidh ghabhail annta, maille r's 
fearann comh-roinn d'an sprèidh, agu 
d' am maoin. 

5 Mar a dh'àithn an Tighearna di . 
Mhaois, mar sinn rinn clann Israeil, agu 
roinn iad am fearann. 



CAIB. XV. 



183 



6 An sin thàinig clann Iudah gu losua 
|inan Gilgal ; agus thubhairt Caleb mac 
sphuneh an Ceniseach ris, Tha fios agad 
r an ni a thubhairt an Tighearna ri 
iaois, òglach Dhè, a m' thaobhs' agus a 

thaobh fèin, ann an Cades-barnea. 

7 Dà fhichead bliadhna dh' aois bha mise 
iuair a chuir Maois, òglach Dhè, mi o 
hades-barnea, a rannsachadh a inach an 
ìeàrainn ; agus thug mi air ais fios d' a 
•unsuidh, mar a blia e ann am chridhe. 

8 Gidlieadh, thug mo bhràithrean a 
jaidh suas maille rium, air cridhe an 
•sluaigh leaghadh : ach lean mise gu 
.iomlan an Tighearna mo Dhia. 

9 A^us mhionnaich Maois air an là sin, 
?ràdli, Gu cinnteach bithidh am fearann 
ir an do shaltair do chos, agad fèin mar 
ighreachd, agus aig do chloinn gu bràth ; 
rhionn gu 'n do lean thu gu h-iomlan an 
'ighearna mo Dliia. 

10 Agus a nis, feuch, ghlèidh an Tigh- 
arna mi beò, mar a thubhairt e, na cùig 
gus au dà fhicliead bliadhna so, eadhon o 
ibhair an Tighearn am focal so ri Maois, 
in feadh a dh' imich clann Israeil anns an 
làsach; agus a nis, feuch, tha mi 'n 
iugh ceithir fichead agus cùig bliadhna 
h' aois. 

11 Fathast tha mi co làidir an diugh as 
bha mi san là anns an do chuir Maois 

aith mi : mar a bha mo neart an sin, 
iar sin tha mo neart a nis, chum cogaidh, 
gus a dhol a mach, agus a theachd a 
•teach. 

12 A nis uime sin thoir dhomh a bheinn 
j, mu 'n do labhair an Tighearna san là 
d ; (oir chuala tu san là ud cionnus a bha 
a h-Anacaich an sin, agus gu 'n robh na 
ailte mòr agus daingnichte ;) ma tharlas 
~u 'm bi 'n Tighearna leam, an sin fògraidh 
ai mach iad, mar a thubhairt an Tigh- 
arn. 

13 Agus bheannaich Iosua e, agus thug 
do Chaleb, mac Iephuneh, Hebron mar 

ighreachd. 

14 Rinneadh uime sin Hebron 'na oigh- 
eachd do Chaleb, mac Iephuueh, an Ce- 
dseach, gus au là 'n diugh ; a chionn gu 'n 

lean e gu h-iomlan an Tighearna Dia 
sraeil. 

15 Agus b' e ainm Hebroin roimlie Ciriat- 
rba : bha 'n t-Arba so 'na dhuine mòr am 
aeasg nan Anacach. Agus bha fois aig 
n tìr o chogadh. 

CAIB. XV. 
TY E so uime sin crannchur trèibhe 
jO chloinn I udah a rèir an teaghlaichean, 
adhon gu crìch Edoim, gu fàsach Shin ri 
!eas o 'n chuid a 's fhaide mach do 'n iomall 
às. 

2 Agus bha 'n crìoch mu dheas o thràigh 
la mara salainn, o 'n luib a tha 'g amharc 

1 deas. 

Agus chaidh i mach a dh' ionnsuidh 
.n taoibh mu uheas gu h-uchdaich Acra- 
iim, agus ghabh i air a h-aghaidh gu Sin, 
gus chaidh i suas air an taobh mu dheas 
?u Cades-barnea, agus chaidh i air a 
-aghaidh gu Hesron, agus chaidh i suas 
■u h-Adar, agus ghabh i mu 'n cuairt gu 
^arcaa. 



4 Uaith sin ghabh i dh' ionnsuidh As- 
moin, agus cliaidh i mach gu amhainn na 
h-Eiphit, agus bha dol a mach na criche 
sin aig a' mhuir: bithidh so agaibh 'na 
crìch mu dheas. 

5 Agus b'i a' chrìoch an ear a' mhuir shal- 
ainn, eadhon gu ceann Iordain : agus bha a' 
chrìoch air an taobh mu thuath o luib na 
mara, aig a' chuid a b' f haide mach do Ior- 
dan. 

6 Agus chaidh a' chrìoch suas gu Bet- 
hoglah, agus ghabh i air a h-aghaidh air an 
taobh mu thuath do Bhet-arabah ; agus 
chaidh a' chrìoch suas gu cloich Bhohain 
mhic Reubein. 

7 Agus chaidh a' chrìoch suas gu Debir 
o ghleann Achoir. agus ri tuath ag ainharc 
ri Gilgal, a ta fa chomhair uchdaieh Adu- 
mim, a ta air taobh deas na h-aimhne: 
agus chaidh a'chrìoch thairis gu uisgeach- 
aibh En-semeis, agus bha a dol a mach aig 
En-rogel. 

8 Agus chaidh a' chrìoch suas gu gleann 
mliic Hinoim, gu taobh deas an lebusaich ; 
(is e sin Ierusalem :) agus chaidh a' chrìoch 
suas gu ìnullach na beinne, a tha roimli 
ghleann Hinoim, air an làimh an iar, a ta 
aig ceann glinne nam famhairean ri tuath. 

9 Agus thairngeadh a' chrìoch o mhull- 
ach an t-slèibh gu tobar uisge Nephtoah, 
agus chaidh i mach gu bailtibh slèibh Eph- 
roin, agus thairngeadh a' chrìoch gu Baal- 
ah ; (is e sin Ciriat-iearim.) 

10 Agus chaidh a chrìoch mu 'n cuairt 

Bhaalah air an làimh an iar gu sliabh 
Sheir, agus ghabh i thairis gu taobh slèibh 
Iearim, (is e sin Chesalon,) air an taobh 
mu thuath, agus chaidh i sìos gu Bet- 
semes, agus ghabh i air a h-aghaidh gu 
Timnah : 

11 Agus chaidh a' chrìoch a mach gu 
taobh Ècroin ri tuath ; agus thairngeadh 
a' chrìoch gu Sicron, agus ghabh i thairis 
air sliabh Bhaalah, agus chaidh i mach gu 
Iabneel ; agus bha dol a mach na crìche 
aig a' mhuir. 

12 Agus bha &' chrìoch an iar gus an 
fhairge mhòir, agus a A-oirthir: b' i sin 
crìoch chloinn Iudah mu 'n cuairt, a rèir 
an teaghlaichean. 

13 Agus do Chaleb, mac Iephuneh, thug 
e roinn am measg chloinn ludah, a rèir 
àithne an Tighearna do Iosua, eadhon baile 
Arbah, atliar Anaic : (is e sin Hebron.) 

14 Agus dh' fhògair Caleb a mach as a 
sin triùir mhac Anaic, Sesai, agus Ahi- 
man, agus Talmai, clann Anaic. 

15 Agus chaidh e suas o sin gu luchd- 
àiteachaidh Dhebir : agus b' e ainm Dhebir 
roimhe Ciriat-sepher. 

16 Agus thubhairt Caleb, Esan a bhuail- 
eas Ciriat-sepher, agus a ghlacas e, dhasan 
bheir mi Achsah mo nighean 'na mnaoi. 

17 Agus ghlac Otniel, mac Chenais, 
bràthar Chaleib e ; agus thug e dha Ach- 
sah a nighean 'na mnaoi. 

18 Agus tharladh, 'nuair a thàinig i à" a 
ionnsuidh, gu 'n do bhrosnuich i e gu ach- 
adh iarraidli air a h«athair : agus theirinn 

1 bhàrr a A-asail ; agus thubhairt Caleb 
rithe, Ciod a b' àill leat? 

19 Agus fhreagair ise, Thoir dhomh 
beannachadh; oir thug thu dliomh fear- 



184 



IOSUA. 



ann mu dheas, thoir dhomh mar an ceud- 
na tobair uisge ; agus thug e dh' i na 
tobair uachdarach, agus na tobair ìochd- 
arach. 

20 B' i sin oighreachd trèibhe chloinn 
Iudah, a rèir an teaghlaichean. 

21 Agus b' iad iia bailtean a b' fhaide 
mach, le trèibh chloinn ludah, leth ri crìch 
Edoim mu dheas, Cabseel, agus Eder, ag- 
us Iagur, 

22 Agus Cinah, agus Dimonah, agus A- 
dadah, 

23 Agus Cedes, agus Hasor, agus Itnan, 

24 Siph, agus Telem, agus Bealot, 

25 Agus Hasor, Hadatah, agus Ceriot, 
agus Hesron, (is e sin Hasor.) 

26 Araam, agus Sema, agus Moladah, 

27 Agus Hasar-gadah, agus Hesmon, 
agus Bet-palet, 

28 Agus Hasar-sual, agus Beer-seba, ag- 
us Bis-iotiah, 

29 Baalah, agus Iim, agus Asem, 

30 Agus Eltolad, agus Chesil, agus Hor- 
mah, 

31 Agus Siclag, agus Madraanah, agus 
Sansanah, 

32 Agus Lebaot, agus Silhim, agus Ain, 
agus Rimon : 6'iadna mòr-bhailtean uile 
naoi thar fhichead, maille r' am bailtibh 



33 Agus anns a' chòmhnard, Estaol, ag- 
us Soreah, agus Asnah, 

34 Agus Sanoah, agus Enganim, Ta- 
puah, agus Enam, 

35 Iarmut, agus Adulam, Sochoh, agus 
Asecah, 

36 Agus Saraim, agus Aditaim, agus 
Gederah, agus Gederotaim ; ceithir mòr- 
bhailte deug le 'm bailtibh beaga. 

37 Senan, agus Hadasah, agus Migdal- 
gad, 

38 Agus Dilean, agus Mispeh, agus Ioc- 
teel, 

39 Lachis, agus Boscat, agus Eglon, 

40 Agus Cabon, agus Lahmas, agus Cit- 
lis, 

41 Agus Gederot, Bet-dagon, agus Naa- 
mah, agus Macedah ; sè mòr-bhailte deug 
le 'm bailtibh beaga. 

42 Libnah, agus Eter, agus Asan, 

43 Agus liphtah, agus Asnah, agus Nesib, 

44 Agus Ceilah, agus Achsib, agus Ma- 
resah ; naoi bailte mòra le 'm bailtibh 
beaga. 

45 Ecron le 'bhailtibh a 's mò, agus a 
bhailtibh beaga. 

46 O Ecron, eadhon gus an fhairge, iad- 
san uile a bha làimh ri Asdod, le 'm bailt- 
ibli beaga. 

47 Asdod le 'bhailtibh a 's mò agus a 
bhailtibh beaga, Gasah le 'bhailtibh a 's mò 
agus a bhailtibh beaga, gu amhainn na 
h-Eiphit, agus an fhairge mhòir, eadhon a 
crìch. 

48 Agus anns na beanntaibh, Samir, ag- 
us Iatir, agus Socoh, 

49 Agus Danah, agus Ciriat-sanah, eadh- 
on Debir, 

50 Agus Anab, agus Estemoh, agus A- 
nim, 

51 Agus Gosen, agus Holon, agus Giloh ; 
aon mhòr-bhaile deug le 'm bailtibh beaga. 

52 Arab, agus Dumah, agus Esean, 



53 Agus Ianum, agus Bet-tapuah, agus 
Aphecah, 

54 Agus Humtah, agus Ciriat-arbah, (ù 
e sin Hebron,) agus Sior ; naoi baiite mòra 
le 'm bailtibh I»eaga. 

55 Maon, Carmel agus Siph, agus 
tah, 

56 Agus Iesreel, agus Iocdeam, agus Sa- 
noah, 

57 Cain, Giheah, agus Timnah ; deich 
bailte mòra le 'm bailtibh beaga. 

58 Halhul, Bet-sur, agus Gedor, 

59 Agus Maarat, agus Betanot, agus 
Eltecon; sè bailte mòra le 7 m bailtibh 
beaga. 

60 Ciriat-baal, (is e sin Ciriat-iearim,) 
agus Rabah ; dà bhaile mòr, le 'm bailtibh 
beaga. 

61 San fhàsach, Bet-arabah, Midin, ag- 
us Secacah, 

62 Agus Nibsan, agus baile an t-salainn, 
agus En-gedi ; sè bailte mòra le 'm bailtibh 
beaga. 

63 A thaobh nan Iebusach luchd-àit- 
eachaidh Ierusaleim, cha b' urrainn clann 
ludah am fògradh a macli : ach tha na 
Iebusaich 'nan còrahnuidh maille ri cloinn 
Iudah ann an Ierusalem gus an là 'n 
diugh. 

CAIB. XVI. 

AGUS chaidh crannchur chloinn Ioseiphi 
a mach o Iordan làimh ri lericho gu 
uisgeachaibh Iericho air an làimh an ear, 
dh' ionnsuidh an fhàsaich a' dol suas o Ie- 
richo gu sliabh Bliet-eil. 

2 Agus tha e dol a mach o Bhet-el gu 
Luds, agus a' gabhail seachad gu crìoch-i 
aibh Archi gu Atarot, 

3 Agus a' gabhail sìos a làimh na h-àirde 
'n iar gu crìch Iaphleti, gu crìch Bhet-hor 
oin ìochdaraich, agus gu Geser : agus tha 
a dhol a mach aig an fhairge. 

4 Mar sin ghabh clann Ioseiph, Manas- 
eh, agus Ephraim, an oighreachd. 

5 Agus bha crìoch chloinn Ephraim 
rèir an teaghlaichean, mar so : b'i eadhon 
crìoch an oighreachd air an làimh an ear 
Atarot-adar, gu Bet-horon uachdarach : 

6 Agus chaidh a' chrìoch a raach 
dh' ionnsuidh na fairge, gu Michmetah air 
an taobh mu thuath ; agus chaidh 
chrìoch mu 'n cuairt a làimh na h-àirde 'n 
ear gu Taanot-siloh, agus ghabh i seachad 
air an taobh an ear gu Ianohah : 

7 Agus chaidh i sìos o Ianohah gu Ata- 
rot, agus gu Naarat, agus thàinig i gu le- 
richo, agus chaidh i mach aig Iordau. 

8 Chaidh a' chrìoch a rnach o Thapuah 
a làimh na h-àirde 'n iar gu sruth Chanah : 
agus bha a dol a mach aig an fhairge. B'i 
sin oighreachd trèibhe ciiloinn Ephraim, ; 
rèir an teaghlaichean. 

9 Agus bha na bailtean mòra a chuir 
eadh air leth do chloinn Ephraim, am 
measg oighreachd chloinn Mhanaseh, na 
bailtean mòra uile le 'm bailtibh beaga. 

10 Agus cha d' fhògair iad a mach na 
Canaanaich a bha ehòmhnuidh ann an 
Geser : ach tha na Canaanaich 'nan còmh- 
nuidh am measg nan Ephraimeach gus an 
là 'n diugh ; agus tha iad a' deanamh 
seirbhis d/ioibh fuidh chìs. 



CAIB. XVII. XVIII. 



185 



CAIB. XVII. 

BHA mar an ceudna crannchur aig 
trèibh Mhaoaseh, (oir 6'esan ceud- 
hin Ioseiph,) eadhon aig Machir ceud- 
hin Mhauaseh, athair Ghilead ; a chionn 
u'm b' fhear cogaidh e : uime sin bha 
ilead a?us Basan aige. 

2 Bha"rnar an ceudna crannchur aig a' 
ìuid eile do chlointi Mhanaseh a rèir an 
ìRghlaichean ; aig cloinn Abieseir, agus 
tg cloinn Heleic,"agus aig cloinn Asrieil, 
*-us aig cloinn Shecheim, agus aig eloinn 
lepheir, agus aig cloinn Shemida : b'iad 
n clann-mhac Mhanaseh, mhic loseiph, 
rèir an teaghlaichean. 

3 Ach aig Selophehad mac Hepheir, 
ihic Ghilead, mhic Mhachir, mhic Mha- 
aseh, cha robh mic, ach nigheanan : agus 

iad so ainmean a nìarheana, Mahlah, ag- 
5 Noah, Hoglah, Milcah, agus Tirsah. 

4 Agus thàinig iad am fagus an làthair 
leasair an t-sagairt, agus au làthair Iosua 
hic Nuin, aaus an làthair nan uachdaran, 
1 ràdh, Dh' àithn an Tighearna do Mhaois 
ghreachd a thoirt duinne am measg ar 
àithrean: uime sin a rèir àithne an 
ighearna, thug e dhoibh oighreachd am 
easg bhràithrean an athar. 

5 Agus thuit air Manaseh deich cuibh- 
onnan, thuilleadh air fearann Ghilead, 
fus Bhasain, a ò/t' air an taobh eile do 
trdan ; 

6 A chionn gu'n robh aig nigheana Mha- 
iseh oighreachd am measg a chuid mac ; 
rus bha fearann Ghilead aig a' chuid eile 
> mhacaibh Mhanaseh. 

7 Agus bha crìoch Mhanaseh o Aser gu 
Lichmetah, a tha fa chomhair Shecheim, 
rus chaidh a' chrìoch air a h-aghaidh air 
i làimh dheis gu luehd-àiteachaidh En- 
puah. 

8 A nìs bha aig Manaseh fearann Tha- 
ìah : ach Tapuah air crìch Mhanaseh bu 
cloinn Ephraim. 

9 Agus chaidh a' chrìoch sìos gu sruth 
lianah mu dheas do'n t-sruth : bha bailte 
n Ephraim am measg bhailte Mhanaseh ; 
ha mar an ceudna crìoch Mhanaseh airan 

obh mu thuath do'n t-sruth, agus bha a 
)ì a mach aig an fhairge. 

10 An taobh mu dheas bu le Ephraim, 
kus an taobh mu thuath bu le Manaseh, 
kus b'i an fhairge a chrìoch, agus choinn- 
j h iad a chèile ann an Aser air an taobh 

u thuath, agus ann an Isachar air an 

obh an ear. 

j 11 Agus bha aig Manaseh ann au Isachar 
j, r us ann an Aser, Bet-sean agus a bhailt- 
m, agus Ibleam agus a bhailtean, agus 
chd-àiteachaidh Dhoir agus a bhailtean, 
his luehd-àiteachaidh En-doir agus a 
miltean, agus luchd-àiteaehaidh Thaan- 
lchagusa bhailtean, agus luehd-àiteach- 
jdh Mhegido agus a bhailtean ;